Digitized by the Internet Archive in 2013

http://archive.org/details/beathaiainbhuini1848doec

BEATHA

IAIN BHUINIAIN

j i

EADAR-THEANGAICHTE

Le donnchadh mac dhughaill.

DUN-EDIN :

Clo-hhuailte air son an Eadar-theangair, LE THORNTON AGUS COLLIE,

AN SRAID DHAIBHIDH, AN NAOMH.

1848.

PREFACE.

"John Bunyan died August 31st, 1688, aged 60 years. He wrote sixty different works between 1656, and the time of his death. Of these he published 45 during his lifetime ; leaving 15 more in manuscript.

In the year 1692, his friend Charles Doe collected a number of his works in one large volume, in folio ; with a Life of Bunyan, and a chronological list of his various works, including those left in manuscript. Tins volume contains twelve of the posthumous works which he obtained from the Author's family. The Heavenly Footman was not printed in that volume ; but Doe informs us that be purchased the copy from Bunyan's eldest son, John, in the year 1691. He afterwards published it, with the life, list, &c, in the year 1698.

Doe was the intimate friend of Bunyan, and he relates several interesting particulars concerning him during the time of his imprisonment. He informs us that he became acquainted with Bunyan, while the latter was

iii Bedford Jail but it is not very certain whether Doe was a prisoner there, or not.

In speaking of the long and cruel imprisonment ot twelve years and a half, which Bunyan suffered, under that cruel and arbitrary government, we find many proofs of the calmness and Christian fortitude which supported his mind under that dispensation, in his " Prison Meditations." He felt that he was suffering in a good cause ; and found that his enemies could not deprive him of that peace of mind that he enjoyed in the full assurance that he had only done his duty, and that he was suffering for the Truth. It is consoling to see how the good man bore his sufferings with that meekness and resignation, which his persecutors could not take away, and which the world could not give.

Our Translator has used the second edition of the Heavenly Footman, printed at Edinburgh, in the year 1702. He has endeavoured to give the Author's meaning as nearly as the various idioms of the two languages would admit, without following the exact order of words, or the peculiar phraseology of the original.

Glasgow, October 1848.

BEATHA IAIN BHUINIAIN.

D UGADH Iain Buinian ann an Eistow, an JLli siorraraachd Bhedford, dlùth air mile o 'n bhaile sin, anns a' bhliadhna 1628 ; bha phàrantan onarach ach cha robh moran do'n t-saoghal aca ; bha skinnsearrachd do'n ghinealach sin a bu suar- aiche na bu tàireile do theaghlaichean na tire. 'S e bu cheaird da athair a bhi càrarah phoitean agus choireachan, agus se 'n ceard a theireadh iad ris. 'Nis cha'n aithne dhoroh anns an robh briathran abstoil mòr nan cinneach ni bu mhò air an nochdadh na ann an Iain Buinian ; 'na chèud chaibidil do'n cheudlitir chum nan Corintianach, 'siad so nafacail : Oir chi sibh fein bhur gairm, a bhraithre, nach iomadh iad a taglic a thaobh na feòla, naeh ioniadh cumhachdach, nach iomadh uasal ataair angairm ; ach ròghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail so, chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice ; ionnus nach deanadh feòil 'sam bith uaill'na fhian- uis: Agus bha esan ullarah aig gach uile am air so aideachadh, chum gu'm biodh aig Dia glòir 'naghràs fein ; oir ged nach robh a shinnsearrachd agus a bhreith ach bochd agus suarach, gidheadh b' e toil an Tighearna esan a thaghadh air thoiseach air

J BEATHA IAIN BUINIAN.

mòran eile gu bhi na inheadhon chum mòran anamaibh a thoirt a dh'ionnsaidh Dhè. Agus gu'm biodh gràs bha air a thoirt dhàsan mòran ni 's air a mheudachadh ; bheir sinn beagan do chunn- tas aith-ghearr mu'n t-seòrsa duine bha ami mu'n d'f hoillsicheadh gràs dha.

Thug a phàrantan oidheirp air an ionnsachadh sin a thoirt dha bha comasach dhoibh a thaobh an staid, ga àrach suas ri leughadh agus sgriobhadh ; ach bha truaillidheachd a naduir cho mòr, agus e toileach dol a dh'ionnsuidh gach uile olc, agus cha b'fhada gu's an do leig e as a chuimhne, a sgriobh- adh agus a leughadh, cha robh e ach glic amhàin chum uilc ; ach a dheanadh na dh'ionnsachadh an ni sin a ta math, cha robh an cridhe aige idir air a shon; oir thug e thairis e fern direach na leanabachd gu rnionnachadh, mallachadh, breugan, agus toibh- eum, 's bha iad tearc a bha co-ionann ris ann an aingidheachd ; tha cuimhne agam gun cuala mi e g ràdh le cràdh cridhe ; gu'm b' e peacach a bu mho 's a' bhaile, 's e sin ra ràdh, neach a thugadh an aire dha, agus na aon a bha comharraichte air son aingidheachd, leis gach uile neach a bha anns a' bhaile anns an robh è; Gidheadh cha robh a choguis air a losgadh.

Ach air son aingidheachdan uile, 's ged a bha e na pheacach ro mhòr, cha do thrèig an Tighearna e gu tur, ach bhiodh e ga leantuinn air uairibh le dearbhaidhean, agus air uairibh le breitheanais, ach gidheadh, iadsan anns an robh measgadh do throcair; thuit e uair èigin ann an geodha creige do'n mhuir, agus is ann air eigin a thearnadh e o bhi air a bhàthadh ; agus uair eile thuit e mach à bàta do abhainn Bhedford, agus bha e air a shàbhaladh on bhàs an sin mar an ceudna : Ach, mo thruaighe ! cha deanadh aon chuid tròcair na breitheanas a dhùsgadh fathast, oir thug esan thairis e fe*in do ghràdh a pheacaidh, agus bha e suidhichte gu dol an

BEATHA IAIN BUINIAN. 7

deigh a pheacaidh ciod air bith an cruadal a choinn- icheadh e na shlighe.

Gidheadh, cha d'f hàg Dia e gu'n fhianuis a bhi aige na anain, bha e trie ga bhacadh ann an aon doigh na doigh eile. Air dhà bhi aon latha a' cluiche maUle ra chornpanaich, ghlaodh guth gu grad bho neamh ra anam, a'g ràdh, am fag thu do pheacaidh- ean agus dol do neamh ? Na'n e 's fearr leat do pheacaidhean a bhi maille riut agus dol do'ifrinn ? Chuir so a leithid do uabhas air, 's gu'n d'fhalbh e gu'n dàil o' chluich, agus air dha amharc suas gu nèamh, shaoil e gu'm faca e an Tighearna Iosa a'g amharc a nuas air, mar aon a bhiodh ann an teas fèirge ris, agus e bagairt dioghaltais chraiteach air, air son a chleachduinnean mi-dhiadhaidh,

Ach faicibh cuilbheartan Shàtain ! cha bu luaithe rinn so ni èigin do dhrùdhadh air 'inntinn, na chuir an diabhol na chuimhne gu'n robh e na pheacach anabarrach mòr, agus gu bheil e nis tuilleadh is anmoch air do shon 'sa bhi 'g amharc air son nèamh, oir nach deanadh Criosd tròcair air, 's nach mathadh e dha easantais.

Agus cha bu ni 's am bith eile bha 'n so ach cleachduinn a ghnathaicheas an droch spiorad gu trie ; tha e 's a' cheud àite air son peacaich a tharr- uing gu bhi 'cur an gniomh gach uile aingidheachd, agus a stii ra thoirt orra dheanadh le'n uile thoil, agus an sin ga 'n earalachadh nach ruig iad a leas dòchas a bhi aca gu'n deanar tròcair orra ; agus leis a sin 's trie a bhuadhaicheas e air peacaich chum 's gu'n rachadh iad air an aghaidh ann am peacadh. Agus be so an toradh a thug a' chuid so do obair Shàtain a mach air Iain Buinian ; gu'n robh e 'g amharc air fe'in mar neach a pheacaich an taobh thall do thròcair; smaointich e ann fèin gu'n gabhadh e dhìol do'n pheacadh, 's gu'm be sin an aon toilinntinn amhain, a rèir coltais, ris an robh e toileach gu bràth gabhail. Ach chi sinn fathast na

BEATHA IAIN BUINIAN.

toilinntinnean sin a pheacaidh, tre obair iongantach an spioraid naoimh, a bha gu trie o'n am sin air an deanamh searbh dhà, gu 's nach b'urrain e ach gle bheag toilinntinn a ghabhail annta.

Eccles. x. 15 Sgithichidh saothair nan amadan gach aon diubh, do bhrigh nach aithne dha cionnas a thèid e do'n chaithir. Air dha aig àm àraidh a bhi dol air aghaidh ann an làn chursa pheacaidh, agus e taomadh a mach mhionnan coltach lis an f hear-chuthaich a tha Solamh labhairt uinie, a tha tilgeil a steach culaidh bhuairidh, saighdean agus bàs; fhuair e achmhasan geur o bhoirionnach a bha na peacach comharraichte i fèin, thuirt i ris, gu'm be 'n t-aon duine bu ghràineile mhionnachadh a chuala i riamh o'n a rugadh i ; agus, ars ise, ma 'a e agus gu'm buanaich thu air an dòigh so, tha thu comasach air òigridh a' bhaile gu lèir a thruailleadh, ma's e 's gu'n tèid iad ann do chuideachd : Air do'n achmhasan so teachd o a leithid sud do bhoirionnach agus fios gu ro mhath aigesan gu'n robh i anabarrach aingidh agus mi-dhiadhaidh, lìonadh e le nàire dhiomhair ; agus dhrùidh e mòran ni bu truime air, na rinn mòran a bha air a thoirt dha roimhe sin leòsan a bhastuama agus diadhaidh. Agus thug e air a bhi guidhe gu'n b'f hearr leis nach robh riamh fios aige ciod e bhi na fhear-mionnach- aidh ; agus o'n am sin amach chum e air fe'in ann an tomhas mòr uatha.

Tha e fein ag innseadh, agus iongantas air, mar a thachair, gu'n do chuir e o'n uair sin cùl ra mhionnan, air dha bhi roimhe sin gach uair a labh- radh e a mionnachadh sa bòideachadh aig toiseach 's aig deireadh gach facail, chum a chainnt ghràineil agus uabhasach a dhaingneachadh.

Ann an uine ghèarr an deigh sin, thachair dha bhi ann an cuideachd aon duine bochd a bha 'g aidmheil na diadhachd, 's aig an robh còmhradh diadhaidh agus o' na sgriobtuirean a dhruidh gu

BEATHA IAIN BUINIAN. 9

mòr air, agus le mòr spèis do na labhair e thug Buinian thairis e fein gu bhi gabhail mòr thoil-inn- tinn ann a bhi leughadh a Bhiobaill, gu h-àraidh an eachdraidh dheth ; ach bha e fathast aineolach an da chuid air truailleachd agus aingidheachd a nàduir, agus air mòr-f heum agus luach Iosa Criosd a chum a thearnadh.

Gidheadh, thoisich ni-èigin do ath-leasachadh air o'n leth a muigh, araon na chainnt 's na ghiùlan, agus an sin bha e air teachd a dh'ionnsuidh seòrsa creidimh a bha laghail ag oibreachadh air son beatha, agus a deanadh suas f ireantachd air a shon fein leis an ni sin, agus mar sin 'n uair a shaoileadh e gu'n robh e coimhead nan àitheantan, bha co- f hurtachd aige ; ach 'n uair a thachradh air uairibh gu'm bristeadh e aon diùbh, an sin bhiodh a choguis fo dhoilghios agus fo thrioblaid, agus le bròn agus aithreachas, leigheisadh se e fein a rithist, agus smaointicheadh e 'n sin gun robh e toileachadh Dhè, agus gun robh gach uile ni gu math.

Agus lean e air an dòigh so gu math dlùth air bliadhna, agus bha 'choimhearsnaich na h-ùine so ga ghabhail air son a bhi na f hior dhuine math, agus ag gabhail iongantais, ra ath-leasachadh, ged a bha e re na h-ùine cho fada o shlighe na beatha, sa bha e n uair a b' esan an neach a bu mhò mi- naomhachd, oir labhair a bheul fein na briathran so uime fein ; bha chaithe-beatha 'nis air atharrach- adh cho mòr, is gcd a dh'fhàsadh Tòmas Cuthaich na dhuine socair ciallach. Agus a nis an dream a labhradh gu h-olc uime roi n àm so, is ann a thois- ich iad air toirt cliu dha, agus ga mholadh ; ach air son an ath-leasachaidh a thainig airsan, is ann a sheid an t-ath-leasachadh, ud suas e le uaill, agus lìonadh e le cealgaireachd.

Ach, mo thruaighe ! Cha robh anns an ni ud ach leum bharr meanglain a pheacaidh, am feadh a bha freumh an neo-ath-ghineamhuinn gun chaochladh.

10 BEATHA IAIN BUINIAN.

Cha robh e fada na dheigh sin, mar a dh-òrduich freasdal an Tighearna gun rachadh e gu Bedford chum oibreachadh air a cheaird, (bha e dh'aon cheaird ri 'athair na cheard) agus thachair air aon do shràidean a' bhaile sin gun tàinig e far an robh triùir na ceathrar do mhnathan bochda 'nan suidhe aig dorus anns a' ghrèin, a labhairt ra chèile mu thimchioll nithibh a bhuineas do'n Tighearna ; agus thug so air tarruing dlùth dhoibh, oir bha e mu'n am so air fàs treun air labhairt mu chreideamh agus mu nithibh diadhaidh, ach 'n uair a chuala e iad- san car beagan ùine, mar a dh'aidich e fèin, chuala e gu dearbh, ach cha do thuig e, oir labhair iad air nithibh os-ceann a thuigse. Labhair iad mu thim- chioll na nuadh-bhreith, obair Dhè air an cridheach- an, agus mar a bha mothachadh aca air an staid a thaobh nàduir, bha iad a labhairt mu thimchioll mar a dh'f hiosraich an Tighearna an anamaibh le a ghràdh troimh an Tighearna Iosa Criosd, agus mu thimchioll nam briathran agus nan geallaidhean o'n d'fhuair iad urachadh, neart, co-fhurtachd, agus cuideachadh an aghaidh buairidhean Shàtain ; bha iad mar an ceudna 'reusonachadh air na sanuis agus buairidhean an droch aoin gu h-àraidh, agus ag innseadh da chèile na nithibh a chuir doilghios orra, agus mar a bha iad air an cumail suas an aghaidh a dhroch oidheirpean, agus chuala e mar an ceudna iad a co-labhairt mu thimchioll truaigh- ean an cridheachan fèin, am mi-chreideamh, agus a diteadh's a gèur-fhuathachadh am fireantachd f èin, mar ni salach agus neo-fhoghainteach chum math sam bith a dheanadh dhoibh. Agus thaisb- ean so dhasan a bhi air a labhairt le 'leithid do ghuth gairdeachais, agus le a leithid do chainnt thaitneich o 'n sgriobtur, agus le 'leithid do choltas gràis anns gach ni a' labhair iad, is bha iad na bheachd mar gu'm biodh iad an deigh saoghal nuadh f haotainn ; mar gu'm biodh iad 'nan sluagh

BEATHA IAIN BUINIAN. 11

a bha gabhail còmhnuidh air leth, 's nach robh air a' meas am measg an coimhearsnach. Air. xxiii. 9. B' ann o 'n cho-labhairt so bh' aeasan, a thòisich e air faireachduinn crith, agus gluasad neo-àbhaist- each na chridhe fèin, agus is ann an sin a thoisich e ri bhi ga fhèin-cheasnachadh fèin ; leis a sinfhuair e amach nach robh a staid idir co math sa bha dd.il aige ; do bhrigh na uile smaointean timchioll air diadhachd agus slàinte, cha tàinig an nuadh-bhreith riamh na inntinn, is mar sin fhuair e amach gu'm bu ni sin air an robh e gu tur na choigreach agus gun robh e aineolach air, ni bha eòlas aige air comhfhurtachd o 'n fhocal na o 'n a geallaidhean, na air cealgaireachd agus foilleileachd a dhroch cridhe fèin. Air son smaointean diomhair cha tug e riamh an aire dhoibh, ni thuig e idir ciod bu chiall do bhuairidhean Shàtain, na cia mar a thuig- eadh e iad, nachuireadh e nan aghaidh. Achgidh- eadh, bha 'n conaltradh so bha aig na mnathan udairdrudhadh air gu trom, agus bha e ro thoileach gu'n cluinneadh e tuilleadh mu na nithibh so ; agus uime sin, chleachd e gu trie a bhi dol an cuideachd na muinntir ud, oir bhuin an Tighearna ra chridhe leis a' chonaltradh sin ; oir bha e air aomadh gu bhi dol maille riu. Agus bha inntinn cho durach- dach chum eolas f haotainn air na nithe so, gus an robh a chridhe coltach ri deal-each air a chuisle, "ag&gheach, Tabhair, Tabhair," Gnàth. xxx. 15. cho dian 's nach robh ni sam bith a thoilicheadh e ach diomhaireachd a' chreidimh a bhi air a thaisb- eanadh na chridhe fein ; ionnus gun robh anam cho suidhichte air siorruidheachd, agus air na nithibh a bhuineas do rioghachd Dhe', co fada sa bha fios aig air. air chor 's nach deanadh toilinntinn, buan- nachd, comhairlean, na bagraidhean toirt air a ghrèim a leigeil as ; a mheud as gun cuala mi e 'g radh, gu'm biodh e aig an àm sin cho deacair 'inn- tinn a thoirt o' neainh gu talamh, mar a mhothaich

12 - BEATHA IAIN BUINIAN.

e iomadh uair o 'n am sin a thoirt o 'n talamh gu nearah. Ach an deigh do ghràs diadhaidh mar so a bhi air 'f hadadh na chridhe, dh' f heuchan diabhol gu cruaidh le iomadh gaoth bhuaireasach chum an gras a sheideadh amach a rithist ; a toirt air iomadh fàth-gearain a bhi aige na aghaidh fèin, gun robh e air a thilgeil air falbh, agus na neach aig nach robh creideamh idir, agus aig nach V urrainn gu bràth a bhi, do brigh 's nach robh e air a thaghadh.

Bha e ùine f'hada fo thrioblaid le buairidhean a bha ro ghoirt, mar a thubhairt mi roimhe so ; agus bha tri nithe a ghnàthaich am buaireadair chum esan f heuchainn ; bha aon ni mòr ann, a bhi ga cheasnachadh fein dh'fheuch an robh creideamh aige; bha 'leithid so do do smaointean a teachd trie na inntinn; cia mar a tha thu dh'easbhuidh creidimh ? Agus cia mar is urrainn duit innseadh nach eil creideamh agad ? Bha so ga chur gu mòr ioma-chomhairle ; seadh, cha robli fios aige gun robh creideamh aige ; gidheadh bha e faicinn le bhi as eugmhais gun robh e coltach ris gu'm biodh e marbh gu siorruidh. Ged a bha e mar so an toiseach, toileach amharc thairis air, gidheadh bhiodh e smaointeachadh gu'm bu mhòr an toradh a bhiodh aige nam biodh e cinnteach as an ni so; uime sin, bha e toileach e fein f heuchainn co-dhiùbh a bha creideamh aige no nach robh. Ach am feadh a bha e smaointeachadh cia mar a bheireadh e deuchainn a bhiodh taitneach do'n ni so, rinn am buaireadair strì dh' f heuch am faigheadh e an làmh an uachdar air, a teachd a steach le chealgaireachd, nach robh dòigh sam bith aige leis am feuchadh e co-dhiù bha creideamh aige no nach robh, ach e thoirt deuchainn an oibricheadh e ni-eigin do mhiorbhuile ; agus cha robh sgriobtur a dh' easbhuidh air chum a chuid- eachadh ; oir mar a bha e fiaradh nan sgriobturean, 'n uair a dh' f heuch e ri ar Tighearna beannaichte bhuaireadh, ghabh e mar an ceudna briathran an t-Slanuighear bheannaichte chum a sheirbhiseach a

BEATHA IAIN BUINIAN. 13

bhuaireadh 'g a bhrosnachadh, (Mat. xvii. 20.) Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a' bheinn so, atbarraicli à so an sud, agus dh' atharraicheadh i ; agus cha bbiodh ni sam bith eu-comasach dhuibh. Cbaidh am buaireadh so air aghaidh cho fada aim air dha bhi air latha àraid eadar Elstov) agus Bed- ford, bha am buaireadh dian air 's an am sin, a dh' fheuchaiim an robh creideamh aige le cuid do mhiorbhuillean a dheanamh ; bha e dol a ràdh ri clàbar, agus ri lodain bheaga do uisge a bha na laidhe ann an lorgan chasan nan each, bithibh tioram ; agus direach mar a bha e dol a labhairt, thàinig na smaointinn so steach na inntinn, dean urnuigh an toiseach, gun deanadh an Tighearna thu comasach ; agus 'n uair a bha e dol a dheanamh mar so, bha ni-eigin do bhrosnachadh diomhair a bha cuideachadh leis 's ag ràdh ris gun a chreideamh a chur gus an deuchainn ud. Agus bhuanaich e mar sin car beagan ùine fo chall mòr, nach robh fios aige co-dhiù bha creideamh aige no nach robh.

Air am àraidh nochdadh staid shona an t-sluaigh bhochd ann an Bedford dha ann an seorsa do thais- beanadh mar a leanas ; air leis gu'm faca e iad air slios grianach a bha anabarrach boidheach air taobh beinne ro àrd, mar gu'm biodh iad ga 'n grianadh 's ga'n neartachadh fèin fo ghathan blàth na grèine ; air leis gun robh e fèin na chreutair truagh, air chrith, agus ma chrùban leis an f huachd, ga chràdh le reodhadh 's le cloich shneachda, agus le neoil a bha oillteil dorcha; air leis mar an ceudna gu'm faca e balla mòr àrd eadar e fèin agus iadsan, agus bha 'm balla so dol timchioll na beinne gu leir ; bha e ag amharc orra agus bha mòr dhèidh aig anam air faotainn a steach thar a' bhalla so, chum 's gu'm biodh e sealbhachadh solus agus blàthas o'n ghrèin mar an ceudna.

Chaidh e uair agus uair timchioll a' bhalla a

1 4 BEATHA IAIN BUINIAN.

deanamh urnuigh do ghnàth mar a bha e dol air aghaidh, agus e sior araharc dh' f heuch am faiceadh e dorus na slighe 'sam bith fosgailte air am faodadh e dol a steach. Cha d' f huair e dorus na fosgladh 's am bith uine mhòir ; ach fa dheireadh air leis gu'm faca e mar gu'm b'eadh beam chumhan mar gu'm biodh dorus beag air a' bhalla, agus thug e oidheirp air dol a steach air ; bha 'n dorus cumhan, agus thug e iomadh ionnsuidh dh' f heuch am faigh- eadh e steach ; ach bha uile shaothair an diomhanas: fa dheireadh, le cruaidh ghleachd, air leis gu'n d'f huair e 'n toiseach a cheann a steach, agus an deigh sin le spàirn mhòir agus co-stri dhian, gu'n d'f huair e air a leth-taobh a ghuailnean a steach, agus an sin ann an tiota bha' chorp gu h-iomlan a steach; an sin bha e fo mhòr shubhachas agus bha aoibhneas anabarrach air ; agus an sin air leis gu'n d' imich e agus gu'n do shuidh e sios 'nam meadhon, agus gu'n d' f huair e solus agus solas do-labhairt o theas na grèine.

A nis 's ann mar so a mhinich e dhomh a ni bha bheinn agus am balla mòr a bha timchioll oirre a ciallachadh, thuirt e gu'n robh a' bheinn a samhlach- adh eaglais an bheò, agus gu'm b' esan a' ghrian a dhealraich oirre, agus be gnùis ghlòrmhor agus ghràsmhor an bheò a dhealraich orrasan a bha chòmhnuidh air a' bheinn; agus b'e 'm balla an saoghal a tha cur dealachaidh eadar Criosduidhean agus sluagh an t-saoghail so; shaoil e gu'm b'i bhearn a bha anns a' bhalla, Iosa Criosd, a ta' na shlighe chum an Athar, (Eoin. xvi. 6. Mat. vii. 14.) A nis air do'n dorus a bhi anabarrach cumhan air chor is nach b' urrainn neach dol a steach air ach le cruaidh spàirn, leigeadh ris dha nach robh e comasach gun rachadh aon neach a chum beatha, ach iadsan a bha air an co-chumadh ris an dorus, agus a dh'f hàg an saoghal aingidh air an cùl;. do bhrigh nach gabhadh an dorus a steach ach corp

BEATHA IAIN BUINIAN. 15

agus anam a mhain, oir cha robh kite ann no rum do chorp do anam, agus do 'n pheacadh.

Ghabh an samhladh ud còmhnuidh air inntinn

fad iomadh latha, agus re mòran ùine bha e ga

f haicinn fèin ann an cor truagh, agus caillte, agus

bha e air a bkrosnachadh le mòr mhiann agus dèidh

gu bhi do'n àireamh ud a bha 'nan suidhe gu sòlas-

ach fo ghathaibh blàth na grèine ; thoisich e o 'n

am so air a bhi deanamh ùrnuigh ge b' e aite anns

am biodh e, cò-dhiù a V ann 's an tigh na 'sa

mhachair, agus bu ghnàth leis mar an ceudna 'n

uair a dh' èireadh a chridhe5 suas a' chuid so do'n

aon salm deug thar an da-fhichead a sheinn:

" Dean tròcair orm a Dhè nan gràs," oir dh' innis

a bheul rau'n am ud nach robh fios aige c'àit' an

robh e. Cha d' f huair e fathast ni sam bith a bha

toirt dearbhaidh dha gun robh creideamh aige ann

an Criosd ; ach an àite dearbhaidh fhaotainn an

robh creideamh aige ann an Criosd. 'S ann a bha

anam air a bhualadh le teagamhan as ùr cò-dhiù

bhiodh e sona gu siorruidh no nach biodh, gu

sònruichte a smaointeachadh air an dòigh so

tf Cò-dhiù. bha no nach robh e air a thaghadh ; agus

ciod a dheanadh e ma bha latha nan gràs a nis air

dol seachad ?" Bha e gu trie air a bhualadh le bhi

cur an teagamh nach robh e air a thaghadh ; agus

bha 'n Sgriobtur so do ghnàth 'tighinn na bheachd

mar an ceudna, agus a saltairt sios air uile mhiann ;

!' Chan ann o'n ti leis an àill, no o'n ti a ruitheas

ach o Dhia a ni tròcair." Rom. ix. 16. Bha e 'g

ràdh leis an sgriobtur, so nach b'urrainn e innseadh

ciod a dheanadh e : air dha bhi faicinn gu soilleir,

mar a deanadh Dia o a shaor-thoil fèin a thaghadh

gu bhi na shoitheach tròcair, bha e faicinn ged a

bhiodh e 'g iarraidh sa' miannachadh s'ag oibreachadh

gus am bristeadh a chridhe nach robh ann dha ach

neo-ni ; ghlaodh e 'n sin, O Thighearna, ciod a ni

mi mur am beil mi da-rireadh air mo thaghadh ?

16 BEATHA IAIN BUINIAN.

Theagamh nach eil arsa Satan? Thubhairt esan faodaidh e bhith gu'm bheil a' chuis mar sin. Ma ta, arsa Satan, is co math dhuit stad dheth, gun a bhi stri nis faide ris ; oir mu'r a bheil thu gu cinnt- each air do thaghadh le Dia, cha'n eil dòchas gu'm bi thu air do thearnadh, " Oir/ cha n ann o 'n ti leis an àill, no o'n ti a ruitheas, ach o Dhia a ni tròcair."

Agus a chum a thrioblaid an-tromachadh, thug Satan a chuideachd mhath so ann am Bedford na chuimhne, agus chagair e ris mar so, a thaobh gu'n robh iad sud air an iompachadh cheana, cha tearuinn Dia tuilleadh as an àite so ; agus bha thusa tuilleadh is fada gu'n tighinn ann, oir fhuair iadsan am beannachadh mu'n tàinig thusa. Chuir sud e fo àmhghar mòr, gu'm faodadh a' chuis a bhi fior ; thug sud air a bhi glaodhaich a mach! O nach robh mi air mo thionndadh ni bu luaithe ! O nach robh mi air tionndadh seachd bliadhna roimhe so ! Bha e mar so ann am fearg ris fèin, is e do ghnàth a smaointeachadh gu'm bu truagh e bhi cho gòrach 's gu'n do chaith e aimsir air falbh an diomhanas, gus an do chaill e fa dheireadh 'anam agus neamh. Ach thug an Tighearna co-fhurtachd dha 'n uair a bha e ga shàrachadh, thugadh misneach dha o 'n a focail so: "A Thighearna rinneadh mar a dh' òrduich thu, gidheadh, tha àite falamh arm fathast, co-eignich iad gu teachd a steach, chum gu'm bi mo thigh air a lionadh," Luc. xiv. 22, 23. Thug na briathran ud misneach mhòr dha, agus chaidh e air aghaidh le mòr clio-fhurtachd, 'n uair a smaointicheadh e gu'n do labhair an Tighearna losa iad a dh' aon ghnothach air a sgàth-san, oir shaoil e da-rireadh gu n do labhair e iad chum misneach a thoirt dha leo. Cha robh e dh' easbhuidh bhuair- idhean a chum dol air ais; seadh, buairidhean marathuirt efe'in: " Bhaaraon Satan, mo chridhe fèin, agus mo luchd-eolais feòlmhor ag oibreachadh

BEATHA IAIN BUINIAN. 17

le chèile agus ga m' lionadh làn do bhuairidhean;" ach tha e toirt buidheachais do Dhia, gu'n tugadh buaidh orra sin leis a' bheo-mhothachadh a bba aige air a* bhàs, agus airlatha 'bhreitheanais, a dh' fhan do gbnàth fa chomhair a shùl. Bhiodh e smaoint- eachadh gu trie air Nebuchadnesar, mu'n dubhradh : " Thug an Dia is àirde dha rìoghachd, mòrachd, glòir, agus onair, agus air son na mòrachd a thugadh dha bha crith air na h-uile shluagh " (Dan. v. 18, 19.) Bha e smaointeaehadh maf huair an duine mòr ud a chuibhrionn gu leir anns an t-saoghal so, chuireadh aon uair ann an tein'-ifrinn gach ni dhiu sud as a chuimhne. Bha na smaointean ud 'nam mòr bhuannachd dha.

Mu'n am so bha e gu math dlùth air a bhi faicinn ni-eigin mu thimchioll nan ainmhidhean a mheas Maois glan agus neo-ghlan; shaoil e gum bu shamhlachan air daoine na h-ainmhidean glan 's gu'n robh iad nan samhlachan air pobull Dhe; agus na h-ainmhidhean neo-ghlan nan samhlachan air clann an droch spioraid. Bha e leughadh, "gun cnàmhadh na h-ainmhidhean glan an cir," se sinr ars' esan, a tha so a nochdadh dhuinn, gu'm feum sinn beathachadh air focal Dhè; " roinn iad an iongha" mar an ceudna, shaoil e gu'n robh sin a leigeil ris dhuinn gu'm feum sin dealachadh ri sligheachan dhaoine ain-diadhaidh mas àill leinn a bhi air ar tearnadh. Agus air a' mhodh cheudna air dha leughadh ni b' fhaide air aghaidh mu'n timchioll, chunnaic e, ged a chnàmhamaid a' chir mar ni mhaigheach, nan siùbhlamaid le spàg a' mhadaidh, na ged do roinneadhmaid an iongha mar a ni mhuc ; gidheadh, mar a cnàmhamaid a' chir mar ni chaora, gu'n robh sinn fathast 'n ar creutairean neo-ghlan: shaoil e gu'n robh a' mhaigheach 'na samhla orrasan a bhios a labhairt mu'n f hacal, gidheadh, a bha siubhal ann an cas- cheumaibh a' pheacaich; agus chunnaic e gu'n robh

18 BEATHA IAIH BUINIAN.

a' mhuc coltach ris an tl a bha cur cùl ri truailleachd o n leth a muigh, ach a bha as eugmhais focail a' chreidimh, 's le bhi as eugmhais nach robh seol air slàint' f haotainn, ciod air bith cho cràbhach sa bhios duine. (Deut. xiv.) Fhuair e a mach an deigh so le bhi leughadh an f hocail gu'ni feumadh iadsan a bhiodh air an glorachadh maille ri Criosd ann an saoghal eile, " bhi air an gairm leis anns an t-saoghal so," seadh air an gairm chum a bhi nan luchd- comhpairt do roinn do f hocal agus do f hireantachd, do cho-f hurtachd, agus ceud thoradh an spioraid, ni a ta deanamh an anama deas fa chomhair suaimhneis, agus na dachaidh glòrmhoir a ta anns na neamhaibh shuas. Air uairibh eile dh'inn- seadh e 'chor do phobull an Tighearna; agus 'n uair a chluinneadh iad an staid anns am biodh e, ghabhadh iad truas dheth, agus bhiodh iad ag innseadh dha mu thimchioll nan geallaidhean ; ach bha e ag ràdh gu'n robh e cho math dhoibh a ràdh ris gu'n ruigeadh e air a mheòir a chur air a' ghrein, sa ràdh ris gabhail ris na geallaidhean, no 'dhochas a chur annta ; agus chunnaic e nach robh aige ach cridhe gu peacachadh, agus a bha fo lagh a dhiteadh e. Thug na nithe so air a bhi smaointeachadh gu trie air an leanabh, a thug athair a dh' ionnsuidh Chriosd : " Agus am feadh a bha e fathast a teachd, thilg an deamhan sios e, agus reub se e, agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fèin agus a' cur cobhair as a bheul." Marc. ix. 20.

Bha 'n t-as-creideamh a bha ann a cur a ghuailnean ris an dorus a chum a chumail a mach, agus bheireadh sin air èigheach a mach maille ri osnaidhean goirt: "A dheadh Thighearna bris fosgailte e, a Thighearna bris na geatachan umha, agus gearr sios na croinn iaruinn !" (Salm cvii. 16.) Chuireadh na focail ud lasadh sith na chridhe ; sc Crioslaichidh mi thu agus tha thu aineolach orm!" Isa. xlv. 5. Cha robh e riamh na b'

BEATHA IAIN BUINIAN. 19

anmhuirme ann a bhi cur an gniomh peacaidh na bha e 's an am sin ; bha 'nis a choguis air fàs goirt, cha robh fios aige cia mar a labhradh e le eagal gun cuireadh e bhriathran as an àite fèin ; air leis gu'n d'f huair se e fein an sin mar ann an suil-chrith, agus mar gu'm biodh e air f hàgail ann le Dia, le Criosd, agus leis an Spiorad naomh* Thoisich e goirid an deigh sin air beachdachadh air truaill- eachd a naduir o'n leth a steach, ni a chuir àmhghar agus doilghios morair; bhae 'g afhaicinn cho gràineil 'na shealladh fèin ri losgun dubh, agus air leis gu'n robh e an ni ceudna an làthair Dhè ; (ars esan) sputadh peacadh agus truailleachd as mo chridhe cho nadurra sa bhrùchdas uisg' a nios à fuaran.

Air dha mar sin sealladh f haotainn air a thruaill- eachd, thuit e ann an eu-dochas, agus bha 'chor ro thrioblaideach. Am feadh a bha e mar so, fo ainhghar le eagal gu'm biodh e air a dhamnadh, bha ni a bha cur mòr iongantais air, b' e aon diù 'n uair a chitheadh e muinntir aosda 'ruith gu dian an tòir air nithe na beatha so, mar gu'm biodh iad a dol a bhi beo gu bràth, b' e 'n ni eile 'n uair a chitheadh e luchd-aidmheil diadhachd fo thriob- laid agus air an leagadh sios, 'n uair a thigeadh calldachd nan caramh o'n leth a muigh, seadh mar tha call companaich, bean-phosda, na leanabh, agus mar sin sios. Thubhairt esan ann fèin air a' mhodh so, a Thighearna, nach b' e 'n othail e air son nithe feòlmhor ; ma tha iadsan a' deanamh uibhir so do shaothair an deigh nithibh na beatha so a ta làthair, agus a sileadh a choimhlion deur air an son, ciod, ars esan, an truas a bu choir a ghabhail riumsa le guidhe as mo leth? Tha m' anam a' bàsachadh, tha m'anam 'ga dhiteadh. " Nam biodh m' anam, ars esan, ann an cor ceart, agus nam biodh agam-sa fios air a sin le dearbhadh. O cia saibhir a mheasairm mi fèin, ged nach biodh agam ach aran is uisge^

20 BEA.THA IAIN BUINIAN.

agus ghiùlainainn iad sud mar uallaiche beaga : " Ach is urrainn spiorad briste a ghiùlan !"

Mu'n cuairt air mios an deigh sin, air leis gu' tàinig stoirm ro mhòr a nuas air, agus bha e fichead uair ni bu ghoirt' air na gach ni a thachair air roimhe sin; thàinig an ni so air gu'n fhios, an toiseach le aon chuid, agus a rithist le cuid eile. Air tùs bha gach uile cho-f hurtachd a f huair e air a thoirt air falbh uaith gu buileach, an sin laidh dorchadas eagalach air, beagan an deigh sin, air leis gun deachaidh dile, na tuil uamhasach do thoibheuman, an aghaidh Dhè, Chriosd, agus nan Scriobturean, a dhortadh a steach na inntinn, a chuir trioblaid agus doilghios mòr air. B'e toradh nan smaointean toibheumach so, a bhi dùsgadh suas inntinn an aghaidh bith Dhè*, agus an aghaidh aon Mhic a ghràidh; cò-dhiù. bha no nach robh le dearbh chinnt' da-rireadh Dia na Criosd ann ? agus cò-dhiù b' e 'n Sgriobtur facal an naomha, na an robh e na sgeula meallta !

A nis thòisich e air a bhi smaointeachadh, gu'n robh deamhan ann fèin, agus air uairibh shaoileadh e gu'n rachadh e ion' 's as a che'ill, oir an àit' a bhi moladh an Tighearna, agus ga ghlòrachadh maille ri muinntir eile; 'n uair a chluinneadh e iad a labhairt mu thimchioll Dhè, is ann a dh' èireadh gu grad toibheum uabhasach suas na chridhe 'na aghaidh ; ionnus gu'n d' èirich na smaointeann so 'na chridhe, nach robh leithid Dhia ann idir ; mar sin cha b'urrainn e gràdh na sith no aigneadh gràsmhor 's am bith fhaireachduinn 's an leth a steach. Mhair am buaireadh so air dlùth air bliadhna, cha b' urrainn e 'feitheamh air aon do òrduighean an Tighearna, ach le mòr chàs agus àmhghar goirt ; agus 'n uair abhiodh e ag eisdeachd an f hocail, bhiodh e ni bu mhò air èigneachadh le neo-ghloine, toibheum, agus an-dòchas. An sin thigeadh am buaireadair da ionnsuidh mar so,

BEATHA IAIN BUINIAN. 21

" Tha thu gu ro dhian ag iarraidh tròcair, ach fuarachaidh mise thu ; cha mhair thu do ghnàth mar so ; bha iomadh neach cho dian riutsa ann an spiorad ach chuir mise as an eud (agus leis a so bhiodh an neach ud san neach so a thuit air falbh a' teachd na aire.) An sin bhiodh eagal air gu n claonadh e air falbh air a' mhodh cheudna ; agus theireadh, e gum bu mhath leis gu'n tàinig so 'n a aire ; oir gu'n deanadh e faire 's gu'm biodh e gluasad cho tearuinte 's a dh' f heudadh e, " Ged a bhios sin mar sin/' arsa Satan, " bithidh mise tuilleadh is seòlta air do shon, fuaraichidh mi thu gu'n f hios duit, air mo shocair fèin, a lion beagan is beagan, ciod is ormsa, ge'd' a bhitheas mi seachd bliadhna' fuarachadh do chridhe, ma gheibh mi làmh an uachdar ort fa dheireadh?" Cuiridh gnà-thulgan leanabh ciorcanach a chadal. Ged a tha thu dian-losgadh aig an am so, gidheadh mas urrainn mise spionaidh mi as an teine so thu, agus fàgaidh mi fuar thu an ùine ghearr."

Thug na nithe ud e gu teanndachd mhòr, ach bha e toirt buidheachas do Iosa Criosd, nach tug na nithe ud air stad do ghlaodhaich, ach 's ann a chuir se e gu glaodhaich mòran ni bu mhò, coltach ris an a thachair air an adhaltranach 'sa' mhach- air, Deut. xxii. 27. Bha mòran do chùl-taic aige fo na buairidhean ud, anns an treas caibidil do dh' Ieremiah, anns a' chòigeamh rann do'n chaibidil sin, thuirt e fein mar so, ged a labhair mi, agus ge do rinn mi nithe cho olc 's a b'urrainn mi, gidheadh glaodhaidh mi ri Dia, " M'Athair is tu treòir m' òige;" agus pillidh mi 'ga ionnsuidh. " Ma tha Dia leinn dh'f heudas a bhi n-ar n-aghaidh ?"

Air latha àraidh thàinig an Scriobtur so 'n a bheachd, " Gu'm biodh na h-uile air an deanamh rèidh risfèin trid-san air dha sith dheanamh tre fhuil a' chroinn-cheusaidh-san/' Col. i. 20. A nis bha anam air a threòrachadh le Dia o f hirinn gu

22 BEATHA IAIN BUINIAN.

firinn! Eadhon o bhreith agus creathall Mhic Dhè, gu's an deachaidh e suas, agus ath-theachd o nèamh a thoirt breith air an t-saoghal.

Ach an deigh dha mòran laithean a chur seachad ann an staid thursaich, b'e toil an Athar thròcair- aich dealradh a steach air 'anam, leis an fhocal bheannaichte so, Luc. xiv. 22, 23. *' Agus co èignich iad gu teachd a steach, chum gu'm bi mo thigh air a lìonadh. Gidheadh tha àite falamh ann fathast." Thug na focail ma dheireadh so làn shòlas dha, agus bha iad 'nan làn f hreagairt do chagarsaich Shatain, nach robh latha nan gràs air dol seachad. Bha mòran do bhuairidhean eile air iomadh uair, agus air iomadh caochladh aobhair ; ach shaor Dia a mach uapa sin uile e, agus fa dheireadh, shuidhich e 'chosan ann an ionad far- suing, agus lion e anam le aoibhneas agus subh- achas.

Anns a' bhliadhna 1653, bha e air a bhaisteadh, agus air a ghabhail a steach na bhall do eaglais Bhedford; oir bha làn dearbhadh aca gun robh gras an De bheo anns-an, agus gu'n do rinn Dia esan urramach agus iomchuidh air son obair na ministreileachd ; bha e air iarraidh air gu dùrach- dach leis a' cho-thional gun cuireadh e 'n cèill dhoibh na tiodhlacan spioradail leis an do bhean- naich Dia e ; ghabh e 'n toiseach a lethsgeul gu ro mhodhail, a leigeil ris dhoibh, le mòr thuigse, 'anmhuinneachd agus a neo-iomlanachd ; ach air dha bhi air a cho-èigneachadh leo-san ni b' f haide chum a dheanamh, dh'aontaich e ris ; ach leis co nàrach'sabha e sheachainne an toiseach coinneimhan follaiseach, ach f hritheil e gu h-urramach dhoibh ann an uaigneas a measg chàirdean ; agus bha e ro anabarrach chum an teagasg, gu's nach b'urrainn iad gu'n a bhi toirt moladh do'n Athair thròcaireach air son a' mhòr ghràis a bhuilich e air.

Beagan an deigh so bha cuid do'n cho-thional air

BEATHA IAIN BUINIAN. 23

an cur a mach a dh'ionnsuidh na dùthcha chum teagasg, dh'iarr iad gu'n rachadh Buinian maille riù, ni a rinn e gu toileach; agus le dian-iarrtas agus ga chomhairleachadh chuir e'n cèill dhoibh na tiodhlacan a f huair e, (ach do ghnath gu h-uaig- neach,) a measg nan daoine matha far am biodh e ; agus bha iadsan, mar an ceudna, gabhail ris le gairdeachas air son na tròcair a nochd Dia dha, agus ag aideacheadh an anamaibh a bhi air an teagasg leis. Bha e air a dhiteadh aig mod beagan an de'igh sin air son a bhi na fhear-tionail agus na fhear cumail suas cho-thionalan neo-laghail agus coinneamhan aoraidh diomhair, agus air son nach gèilleadh e do'n dòigh aoraidh a bha aig an Eaglais Shasunnaich; bha Buinian 'na dhuine aig an robh inntinn f hosgailte agus neo-chuibhrichte, agus nach folaicheadh e fein chum 's gu'm biodh e air a chaomhnadh, gu h-àraidh air son aobhar a mhaigh- istir, agus uime sin dh'aidich e gu saor, soilleir, air dha bhi aig coinneamh, agus a searmonachadh do'n t-sluagh, nach robh esan a dol a ghèilleadh do'n dòigh aoraidh a bha air a shuidheachadh anns an Eaglais Shasunnaich, ag aideachadh (mar a rinn an t-abstol Pòl air thoiseach air) gu'r h-ann air an dòigh ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a ni mise aoradh do Dhia m' athraichean. Ghabh na breitheamhna a bhriathran treibhdhireach gu bhi aca mar chuis ditidh na aghaidh, agus dhit iad e gu bhi air f hògradh a bheatha' a chionn gu'n do dhiùlt e gèilleadh do'n reachd a rinneadh leis a Phàrlamaid 'san am sin, ni air son an do chuireadh e ann am priosan a ris ; ged nach robh binn an fhògraidh riamh air a cur an gniomh, gidheadh, bha e air a chumail ann am priosan fad bhliadhna dhèug ; a giùlan a' pheanais sin, ann am priosan duinle, agus neo-cho-f hurtachail, agus air uairibh a f ulang o luchd-coimhead a' phriosain a bha cruaidh- chridheach agus an-iochdmhor 'g a ghiùlan le

24 BEATHA IAIN BUINIAN.

foighidinn chriosduidh, agus irioslachd inntinn, agus a las na mhinistir do Iosa Criosd ; oir 'sea leithid so do aobhar a ghabh e os-làimh, agus air son an robh e 'fulang.

Ach ge do bha naimhdean lionmhor a bha air am buaireadh thuige sin, gidheadh, bha iad air an cumail air an ais le cumhachd na diadhachd o chur na binne an gniomh ; oir bha obair eile aig Dia fa chomhair ra dheanamh an Sasunn. Agus an uair a bha a cheanglaichean agus a phriosnachadh air am fuasgladh agus an cur fo smachd le freasdal an Dia sin a tha an chuid iongantach an comhairle, agus a tha oirdheirc an oibre, a tha toirt mòr aire chum an soisgeul a chumail air aghaidh ; oir tre 'f hulangsan 'sa' phrìosan, dhaingnich agus sheulaich en fhirinn a shearmonaich e roimhe sin. Is ann air dhomh taghal air anns a' phriosan a chunnaic mise an toiseach e, agus a f huair mi eòlas air ; agus feumaidh mi aideachadh, nach b'urrainn mi gu'n a bhi ag amharc air mar dhuine aig an robh deadh spiorad, eudmhor air son onair a mhaighstir, agus le mòr aoibhneas ag earbsa uile chuistan fèin ri ordugh Dhè. 'Nuair a bha mise an sin, bha tri- fichead ann a thuillidh air san a dhealaich o'n Eglais Shasunnaich, a bha air an glacadh beagan roimhe sin aig coinneimh uirnuigh ann an baile da'n goirear Kaistoe, ann an siorramachd Bhedford, a thuillidh air mhinistir a dhealaich o'n Eaglais Shasunnaich, 's e sin ri ràdh, Mr Wheeler agus Mr Dunn, (oir bha sluagh siorramachd Bhedford gu math eolach air an dithis, ged a tha iad o cheann fada maille ri Dia, a bha na 'meadhon am priosan a bhi air a dhòmhlachadh gu mòr ; gidheadh, ann am meadhon gach uile bhuaireas a bha 'n sin, chuala mi Buinian a' searmonachadh agus a' dean- amh ùrnuigh le cumhachd spioraid a' chreideimh, agus mar gu'm biodh e air a chuideachadh le àrd

BEATHA IAIN BUINIAN. 25

iomlanachd a* chreidimh dhiadhaidh, ni thug orm seasamh agus ambarc air le mòr iongnadh.

Ni a rinn e am feadh 's a bha e 'sa phriosan, ùine chur seacbad air mhodh leisg agus mi chur- amach, ni db-ith e aran an diombanais ; oir bha mise ann am f hianuis an sin, gu'n d'rinn a làmhan seirbhis air a shon fèin, agus air son a theaghlaich ; oir 's iomadh cèud dusan do stioman fada a rinn e 's a dh'fbuaigh e ra cbèile, chum an ùine chur seachad ; dh'ionnsuich e so 's a' phriosan, ni leis an robh e'ga bheathachadh fèin 's a theaghlach.

An sin mar an ceudna ghabh mi beachd air a leabhar lann, an t-aon is lugha, agus a mhàin an t-aon a b' fhearr a chunnaic mi riamh ; bha e air a dbeanamh suas le leabhar, am Bioball, agus leabhar mam martarach. Agus co fada sa bha e's a' phriosan, (o 'na labhair mi mu 'leabhar lann) sgriobh e iomadh leabhar luachmhor agus feumail ; gu h-araidh am Baile naomh, Turus a' Chriosd- uidh, agus Gràs am pailteas do cheann-feadhna nam peacach ; maille ri iomadh aon eile. Cha'n f heud mi an ceann so f hàgail, 's e sin a phriosnach- adh,gus an leig mi ris do'n leughadair cuid dafhèin- f hiosrachadh an sin ; chuir e n cèill nach robh inn- tinn riamh cho fosgailte, fad a bheatha, gu bhi lèirsinn agus a tuigsinn focal Dhe, 's a' bha e aig an am sin. Na sgriobturean anns nach robh e faicinn ni 'sam bith roimhe sin, air leis 'n uair a bha e 's a' phriosan gu'n robh iad a dealradh air. Cha robh Iosa Criosd, mar an ceudna, riamh cho cinnt- each agus cho soilleir dha 's a bha e aig an am ud ; oir an sin, ars' esan, chunnaic mie, agus mhothaich mi e gu f irinneach.

Pead. ii. 16. Oir cha do lean sinne faoin-sgeulach- dan a dhealbhadh gu h-innleachdach, agus bha am focal sin na f hocal beannaichte dhàsan an sin ; bha e air uairibh air a ghiùlan co àrd osceann gach uile eagal agus buaire gu 's an robh e air a dheanamh

26 BEATHA IAIN BUlAlAn.

comasach air gàire dheanadh ri sgrios, agus gu'n eagal air aon chuid roi 'n each na mharcaiche. Is ann an sin, a thug Dia dha na seallaidhean caoimh- neil agus luachmhor air maitheanasair son a pheac- aidhean, agus gu'm biodh e le Iosa ann an saoghal eile. Seadh, is ann an sin, a mhothaich e, gu'n robh Dia a seasamh dluth dha, aig gach uile buair- eadh, agus a' cronachadh a' bhuaireadair. Ach air son sin uile dheth, bha fios aige gu'n robh e na dhuine a bha air a chuartachadh le anmhuinneachd- an, agus gu'n robh curam air, air son a mhnaoi- phòsta agus a chuid cloinne, agus bhiodh so an drast 's a rithist a tighinn fainear dha, ni nan deal- aichte uatha e a bhiodh dha mar gu'm biodh fheoil air a reubadh bharr a chnamhaibh ; (oir bha e na f hear a bha gràdhach agus caoimhneil, agus na athair bàigheil ; math a dh' f heudte a bha na ni-èigin, do choire,) agus gach iomadh cruaidh chàs agusuireas- bhuidh, a bha coltach ri tachairt air a theaghlach bochd, nam biodh e air a thoirt air falbh uapa ; bha so a tighinn gu trie na inntinn, gu h-àraidh a nighean a bha dall a bha ni b' f haisge da chridhe na each gu leir. iC A leinibh bhochd, ars' esan, ciod am bròn a tha coltach a bhi agad mar chrannchur anns an t-saoghal so ! feumaidh tu a bhi air do bhual- adh, deirc iarruidh, acras, fuachd, a bhi lom-nochd, agus mile truaighe fhulang, ged nach fuiling mis' an dràst do 'n ghaoith sèideadh ort. Ach air dhomh mo smaointean a ghairm air an ais, thuirt mi, feumaidh mi 'ur n-earbsa gu leir ri Dia, ged a bhitheasa bhi g' ar fàgail mar shaighead a doltroimh m' fheòil. O ! chunnaic mi ann's a' chor ud, gu'n robh mi mar dhuine a bha spionadh a nuas a thighe air ceann a mhnà agus a chloinne, gidheadh, arsa mise, feumaidh mi dheanamh, agus an sin chuimh- nich mi air an mhart bainne a bha gu aire Dhè a' ghiùlan gu duthaich eile, agus a bha ra 'n laoigh fhàgail as an deigh, 1 Sam. vi. 10.

BEATHA IAIN BUINIAN. 27

Ach mhothaich e gu 'n robh Dia gràsmhor dha, eadhon anns an ni soguh-àraidh, 'g a chuideachadh gu mòr leis an sgriobtur so. ler. xlix. 1 1 , agus caib. xv. 11. "Fàg do dhilleachdain, gleidhidh mise beò iad ; agus cuireadh do bhantraichean an dòchas annam-sa. Thubhairt an Tighearna, gu cinnteach èiridh gu maith do t-iarmad ; gu cinn- teach bheir mi air an nàmhaid blii bàigheil riut ann an am na h-airc', agus ann an am a' chruaidh- chàis." An deigh do 'n duine so bhi bhliadhna dheug gu leth 'na phriosanach air son a bhi dearbh- adh deadh choguis, agus a cur a naimhdean nan tosd le a naomhachd neo-choireach, agus a shean- achas neo-lochdach ; bha e, rèir toil a chuir ann an cridbe Dhoctair Barlo, Easbuig Lincoln, a bhi na mheadhon a chur fa-sgaoil.

An deigh dha faotainn fa-sgaoil, bha e gu trie ag amharc air ais air gach tearnadh a chaidh seachad, agus a moladh Dhè ; 'na measg bha cuid a bha anabarrach comharraichte ; agus cha robh a h-aon diu ni bu mhò nan t-aon so a tha mi dòl a chur an cèill ; air dha bhi na shaighdear anns an arm aig seisdeadh Leicester, anns a' bhliadhna 1645, bha e air a ghairm a mach gu seasamh air freicead- an ach bha òganach anns a' chuideachd, agus dh' asluich e air leigeil leis fein dol a chum an fhreic- eadain air a shon, dh-aontaich Buinian ri so, agus dh' f halbh am fear eile gu toilichte ; agus air seas- amh dha air freiceadan an sin, chaidh a thilgeil troi'n cheann le peilleir o ghunna, agus dh'eug e.

Bha an gniomh ma dheireadh a rinn e anns a 'bheatha so na obair ghràdhaich, chaoimhneil; bha duin-uasal òg ann a chuir fearg air 'athair, agus bhan t-òganach fo mhòr thrioblaid air a shon, do bhrigh gun cuala e gun robh 'athair dol a thoirt seachad nah-oighreachd bu dligheach dha do neach eile, air son an easaontais a thàinig eatorra; shòn- ruich an t-òganach Iain Buinian, chum gu'n rach-

28 BEATHA IAIN BUINIAN.

adh e chum reite dheanamh ra athair, agus ghabh Buinian sin os-laimh gu toileach, agus dh' f halbh e far an robh athair an òganaich, agus ghnàthaich e a leithid do reusonachadh drùidhteach an aghaidh feirg agus corruieh, agus a sparradh air an duine a bhi bàigheil agus seirceil ra mhac fèin, agus reite dheanamh ris, ionnus gu'n d'rinn an t-athair reite ris a mhac gu seirceil, gràdhach.

'Nuair a shocruich Buinian gach ni a ghabh e os-laimh ; agus air dha bhi dol air ais do Lunnuinn, bha 'n aimsir ro fhliuch, le frasan troma fad an rathaid, agus thàinig e gu chairtealan anabarrach fliuch, fuar, agus dh'fhàs e gu tinn le fiabhrus trom agus ainneartach fo'n d' f huiling e le mòr f hoighid- inn, 'g a thoirt fein suas gu toill an Tighearna, a* labhairt mar nach biodh e 'g iarraidh ni s am bith ach caochladh, agus a bhi maille ri Criosd ; agus air dha bhi faicinn gu'n robh a neart 'g a threigsinn, shocruich e inntinn agus a ghnothaichean cho math 's a cheadaich an ùine dha, le foighidinn Chriosduidh, agus liubhair e suas 'anam ann an làmhan Fhir-saoraidh ghiàsmhoir, a' buanachadh air aghaidh' na eilthireach o Bhaile an lèir-sgrios, chum an Ierusaleim neamhaidh ; bha 'anam do ghnàth, ri naomh smaointeachadh, agus a 'plosgart- aich an dèidh air a' mhana fholaichte, agus air uisge na beatha. Dh'eug e ann an Lunnuinn air an latha ma dheireadh do cheud mhios an fhogh- araidh 's a bhliadhna 1688, an deigh tinneas dheich làithean; aig aois thri fichead bliadhna; agus chaidh a thiodhlacadh 's a' bhaile sin, far am bi e na chadal gu maduinn na h-aiseiridh, a 'feith- eamh ri dùsgadh glòrmhor, chum neo-bhàsmhorachd neo-thruaillidh ; far nach cuir trioblaid no bròn doilghios air ni 's mo, agus far am bi na h-uile deur air an siabadh air falbh o 'shùilean, 'n uair a bhitheas na f ireanaich air an aonadh ra chèile mar bhuill do Chriosd an t-àrd cheannard, agus a

BEATHA IAIN BUINIAN. 29

rioghaicheas iad maille ris mar righribh agus mar shagartaibh, gu siorruidh.

GEARR CHUNNTAS AIR MR BUINIAN AGUS A MHINISTREILEACHD.

Mar mhinisteir an t-soisgeil, bha e araon cumh- acbdach, agus urramach, agus b' urrainn da labhairt air sheol ro dhruidhteach ris an luchd-eisdeachd a bh' aige. Chaidh cuibhrionn mhòr do ghràs an t-soisgeil a bhuileachadh air anam fe'in, agus tha e coltach gur h-ann chum an aobhair sin a gbairm Dia e, o bhi na pheacach gràineil, agus na dhuine bochd neo-fhoghluinite, chum tuigsinn nor sheadh agus diomhaireachd an t-soisgeil, air chor 'a gu'm b' urrainn da labhairt ri anamaibh dhaoine eile le cumhachd agus gràs, chum an soisgeul a mhineach- adh mar rinn na h-abstoil o shean. Mar sin bhuilich Dia mòr ghràs air a' pheacach mhòr so, agus thionn- daidh Dia e gu bhi na sheirbhiseach urramach ann an obair an t-soisgeil, agus a sparradh a dh ionnsuidh an fhogharaidh, a bha cho feumail ; agus mar sin, gu n cheist, bu choir dhuinn a bhi curamach chum a shaothair a chumail air chuimhne.

Air do Dhia an duine so chur a dh'ionnsuidh an fhogharaidh, tha so ag innseadh dhuinn gu soilleir nach eil Dia do ghnàth ag iarruidh gum biodh a mhinisteirean air an cumadh 's air an ulluchadh le foghlum is freasdal dhaoine an t-saoghail, ach gu bheil e fèin comasach le a ghràs air ministeirean cumhachdach a thogail suas mar a bha na h-abstoil iomadh ceud bliadhna roimhe so.

Is iomadh mile a fhuair buannachd anama, agus co-fhurtachd o a theagasg, mar gu'm beanadh aingeal na abstol ra'n anamaibh le eibhleig do theine naomh o'n altair. Bha na tiodhlac luach-

à\) BEATHA IAIN BUIMAN.

mhor so do ghràs Dhè* bha anns-an, agus an labh- airt a bh' aige cur iongantais air a naimhdean a chluinneadh uime, (mar a tha air a ràdh gu coit- chionn) gun robh e gu'n fhoghlum, is nach robh sgoil aige. Air son gach uile ni a chaidh ainmeach- adh roimhe so, air co spioradail sa theagaisgeadh e, is airidh oibribh a tha sgriobhte 'bhi air an gleidh- eadh, co math ri sgriobhadh aon duine eile a sgriobh o linn nan abstoil.

Os barr, bha e na Chriosduidh a dh'fhuiling os- ceann da bhliadhna dheug ann am priosan, ni leis an do chuir e seula ris an f hìrinn a chuir e 'n cèill.

Gidheadh, ged' a bha e air a chumail ùine mhòr ann am priosan, shearmonaich e an iomadh àite an deigh sin air feadh na dùthcha, mar sheirbhiseach dìleas do Chriosd, agus air son slàinte do anamaibh.

Agus cha robh e na dhuine a shearmonaich air son airgid, oir dhiult e teachd a steach a bu mho, agus roghnaich e fuireach far an robh e.

Agus bha stuamachd (na iarrtas air son airgid) mar a bha cleachduinn an abstoil Phoil, ni b' isle na bha cead aige, is mar sin 'n uair a dh'eug e cha d' fhàg e moran stòrais aig a theaghlach.

Agus ma dheireadh, gach ni a tha ri bhi air a thoirt fainear, se sin a mhi-naomhachd air tus, a bhochduinri, a neo-f hoghluimteachd, mailleramhòr ghnothuichean nadurra, an t-atharrachadh mòr a rinneadh air le gràs, agus co fada 's a bha e *s a' phriosan, agus an fhoirfeachd mhòr air an d* rainig e, tha mise ag ràdh nach d' fhàg Buinian nach maireann an Sasunn, no anns an t-saoghal a leithid eile as a dhèigh f had is aithne dhomh-sa ; agus is e so barail neo-chealgach,

Bhur Brathar Criosduidh,

TEARLACH DOE.

BEATHA IAIN BUINIAN. 31

COLTAS IAIN BHUINIAN.

Shaoilte o choltas a ghnùise gun robh e do nadur gruamach neo-chaoimhneil, ach bha e ciùin agus suairce na chòmhradh, gun a bhi buailteach do mhòran bruidhne na conaltraidh am measg dhaoine; mur biodh fior aobhar aige air a shon ; a toirt en aire do ghnàth nach deanadh e uaill as fèin, agus ag am hare iosal 'na shealladh fèin, ga leigeil fe'in fo bhreitheanas dhaoine eile, a seachnadh bhreug agus mhionnan le mòr ghràin; a cumail ra fhocal cho dlùth 's a b'urrainn e, deidheil air reite, agus air sith ; agus a bhi ann an càirdeas ris gach uiìe dhaoine. Bha 'shuil geur furachair, 's bha bhreithneachadh ro thuigseach, agus ullamh na f hreagairt ; agus air uairaibh, na dheadh f hear-cuideachd. Bha e àrd na phearsa, ged nach robh e dòmhail, bha rud eigin do ruiteachd 'na ghnùis, 's bha shuilean dealrach, le feusag f hada air a bheul uachdair, mar bu nòs do na seana Bhreatannaich, bha f halt ruadh, ach na laithean deireannach bha e air a mheasgadh le ròineagan liatha ; bha a shron direach gu'n a bhi àrd na crom, a bheul rud-èigin mòr, abhathais rud-èigin àrd, agus a thrusgan do sheorsa neo-riomhach. Mar so thug sinn seachad sgeul gu neo-chlaon- bhreitheach air a leth-a-steach, agus air a leth-a- mach ; bu duine e bha air ionndrainn gu mòr, agus air a chaoidh aig am a bhàis, duine nach robh air a sheideadh suas le saoibhreas, na air thilgeil sios le bochduinn ach, do ghnàth a gabhail an t-saoghail mar a thigeadh e, gu taingeil toilichte.

32 BEATHA IAIN BUINIAN.

Dh'fhagBuinian bean agus teaghlach'n a dheigh ; bha ise beo gus a' bhliadhna 1692. Bha cuignear chloinne aige, chaochail Mairi, an nigheann dall roimhe fein : bha cearar eile aim, Iain, Ioseph, Tomas, agus Mòr. Reic Iain, am mac bu shine, an leabhran beag, feumail so, ris an duine a chuir an clòdh e a' cheud uair, annsa' bhliadhna 1698.

Bha Buinian beo tri fichead bliadhna, agus sgriobh e tri fichead leabhar ; bha mòran diubh sin nach robh air an clòdh-bhualadh aig am a bhàis ; ach an dèigh sin chaidh an cruinneachadh rV chèile, 's an cur an clòdh, ann an leabhar mòr.

Tha iad sin measail, priseil, anns a' Bheurla. Tha, a nis, deich, no dusan do leabhraichean Bhuinian anns a' Ghaelig; agus tha meas mòr orra aig na daoine a thuigeas a* chanain sin.