GAELIC BOOES

Published by Maclachlan & Stewart,

64 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH.

; s. d. i

Alleine's Alarm, 18mo, cloth, 1 6 |

Baxter's Call to tlie Unconverted, 18mo, cloth, 1 6

Blair's Elegy on Mr Kennedy of Redcastle, sewed, 0 4

Boston's Fourfold State, 12mo, cloth, 4 0

Buchannan (Dugald) of Rannach's Life and Con-

version, with his Hymns, cloth, 2 0

... Hymns, separately, sewed, 0 3

... Do. translated by a Missionary, sewed, ... 0 6

Bunyan's Come and Welcome, cìoth, 2 0

... World to Come, or Visions from Hell, cìoth, 1 6

... Grace Abounding, cloth, 2 0

... Pilgrim's Progress, (three Parts,) 2 6 |

... Water of Life, 1 0 j

... Sighs from Hell, cloth, 2 0 i

Dyer's Christ's Famous Titles, cloth. ••• 2 6

Orant's Hymns, 18mo, cloth, 1 6 I

Guthrie's Saving Interest, cioth, 2 0 I

M'Alpine'a Gaelic and English Dictionary, 12mo, cl. 9 0 |

... English and Gaelic, separately, 5 0 i

... Gaelic Grammar, 12mo, cloth, 1 6

M4Callum's History of the Church of Christ, 8vo, 4 0

... The Catholic, or Universal Church, ... 0 6

... Poems and Songs, 12mo, sewed, ... ... 1 0

M'Farlane's Manual of Devotion, 12mo, cl. 3s. 6d. for 2 0

... Life of Joseph, 18mo, sewed, 1 0

Livingstone's Gaelic Poems, cloth, 3 0

M'Intyre's Poems and Songs, 18mo, cloth, ... 2 0

Macdonald's (Dr.) Gaelic Poems, 18mo, clotli, 2 6

Mackenzie's ( John) Gaelic Melodist, 32mo, ... 0 4 j

Muir's (Dr.) Sabbath Lessons, by Forbes, sewed, 0 4j

Munro's Treòiriche, or First Book for Schools, ... 0 6

... Gaelic Grammar, 18mo, bound, 4 0

... Gaclic Primer, and Vocabulary, 12mo, ... 2 0 Ossian's Poems, ftn the press,J

Ross' (William) Gaelic Poems, cloth, 3s. for ... 2 0

Stewart's Grarnmar of the Celtic Language, 8vo, 3 0

The Doctrine and Manner of the Church of Rome, 0 3

Willison's Sacramental Catechism, 12mo, sewed, 0 8

GAELIC BOOKS SOLD BY MACLACHLAN & STEWART.

s. d.

Bible Stories, with 24 Wood-Cuts, 0 4

Boston's Crook in the Lot, 1 6

Brook's Apples of Gold, 1 6

Bunyan's Heavenly Footman, 18mocloth, ... ... I 0

Holy War, 18mo, cloth .. 2 ò'

Burder's Village Sermong, 18mo, cloth, 1 6

Caird's Sermon, Religion in Comraon Life, 12mo, 0 6

Catechism, Shorter, Id. Gaelic and English, 0 2

Mother's, Id. Gàelic and EngìMi, 0 2

Brown's SUorter, for Young Chiidren, ... 0 1

Confession of Faith, fcap 8vo, cloth, ... ... 2 6

Connell's (D. M.) Gaelic Astronomy, 18mo, cloth, 1 6

Currie's Spiritual Hymns, 12mo, 0 2

Doddridges Rise and Progress, 12mo, cìoth 3 0

Earle's Sacramental Exercises, 1 8mo, cloth, ... 1 6 .

Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, 1 0 j

Forbes' Gaelic and Englieh Grammar, 12mo, ... 4 0

Baptism and the Lord's Supper, 0 4

History of Animals Named in the Bible, 0 6

History of Prince Charles, fcap 8vo, cl., 3s; 12mo, 1 6

Hibtory of Joseph, 0 4

Innes' Instructions to Young Enquirers, 1 8mo, 0 6

Jacobite Songs, with Portrait of Prince Charles, ... 0 9

James' Anxious Inquirer, 12mo, .... ... .,. 1 0

Macdonald's Hymns, 18mo, 0 2

M'Leod and Dewar's Gaelic Dictionary, 8vo, cl, 10 6 MALauchlan's (Rev. Thos.) Celtic Gleanings, or Notices of the Hietory and Literature of the

Scottish Gael, ... ... 3 6

M4Gregor's Hymns, 0 6

Munro's Selection of Gaelic Songs, 0 4

Peden's Two Sermons and Letters, 18mo, sewed, 0 6

Sum of Saving Knowledge, 12mo, sewed, 0 4

Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, 18mo, sewed, 0 6

Shepherd's Christian Pocket Book, sewed, 0 1 1

Watt's Divine Songs, with Cuts, 0 2

Welsh's Sermons, vols. 1 and 3, bound, each, 2 6

BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS,

VARIOUS BINDINGS AND SIZES.

AN

CAMADH 'S A' CHRAMCHUR;

NO

GLIOCAS AGUS ARD-UACHDRANACHD DHE, AIR AM FOILLSEACHADH

ANN AN

AMHGHARAIBH DHAOINE ;

AIAILLE RI

V

CUNNTAS MU BHEATHA AGUS MU CHLIU AN UGHDAIR. LEIS AN URRAMACH FHOGHLUIMTE

Mr tomas boston,

Ministear an t-Soisgeil a bh'ann an Eteric. EADAR-THEANGAICHTE GU GAELIC

Le iain rose.

'* Is lionmhor àmhgharan an fhìrein ; ach asda, air fad, saoraidh an Tighearn e." SALM xxxiv. 19.

AN DARA CLÒ-BHUALADH.

DUNEIDIN :

Clo=M)uatIte agus. xi 'a l&etc le THORNTON AGUS COLLIE, ST DAVID STREET.

M.DCCC.XLV.

19 72 *

CUNNTAS MU BHEATHA

AGUS MU

CHLIU AN UGHDAIR.

ÌIugadh Mr Tomas Boston anns a' bhliadhna 1676, ann an Dunse ; thàinig e bho phàrantaibh measail. diadhaidh, aig an robh òighreachd bheag anns a' bhaile sin ; b'esan an t-aon a b'òige do sheachdnar chloinne. 'Nuair a bha e mu'n cuairt do sheachd bliadhna dh'aois, thòisich e ri tlachd chomharraichte a' ghabhail ann a bhi leughadh a' Bhiobuill. Fodh èisdeachd searmoin le Mr Eanraic Erscine, aon do na ministeirean a bh'air an geur-leanmhuinn ann an 1687, dhùisg an Tighearn e gu mothachadh domhain mu staid shiorruidh anma. Fhuair e comas searmoineachadh ann an 1697 ; shuidhich- eadh e'na mhinisteir ann an Simprin, ann an 1 699 ; ann an 1700 phòs e Caitrine Bhrùn, do theagh- lach inbheach, ann an Sgire Chulross ; bean uasal a bha comhairaichte a thaobh a gliocais agus a deagh bheusan, ris an robh teaghlach mhòr chloinne aige. Bha dithis mhac agus dithis nighean dhiubh beò 'n an deigh fèin. Dh'atharraicheadh e gu Eteric ann an 1707. Dh'èug e ann an 1732, dlùth do chuig bliadhna roimh a mhnaoi, 'nuair a bha e 56 bliadhna dh'aois.

Bha a chruth àrd,, tlachdmhor, aghaidh tait- neach, làn do gach buaidh a bha feumail chum ur- ram a chosnadh, agus smachd a sheasamh, 'fhalt dubh, comasan 'inntinn laidir agus torach, a smuaintean ealamh (an ni ris an abrar "gèur- f hoclach," ach an àite na gibht sin àrach, 's ann a chum e i fo chruaidh smachd), aignidhean tairis, a bhreithneachadh fallain agus soilleir; a nàdur treibhdhireach, stuama, faicilleach, fialuidh, coin- gheallach, agus caoimhneil. Bha fuath iomlan aige

IV

do na h-uile ni borb, no mi-mhodhail, ann am briathraibh no 'n gniomharaibh, agus bha e do mhothachadh anmhunn nam bVs gu'n còmhluich- eadh a bheag sam bith do'n ghnè sin ris. B' ur- rainn e bhi gàrg agus searbh 'n a bhriathraibh, 'nuair a bhiodh fior aobhar air a shon, no mheasadh e sin feumail.

Ghairmeadh e gu tràthail le gràs Dhè ; agus chaith e a bheatha riamh an deigh sin ann an oibre na diadhachd. Ghluais e, da rìreadh, maille ri Dia, 'a a uile shlighibh ; 'g a aideachadh gach latha ; gu tric a' tagradh le dian-dhùrachd ris na fiaitheanas (air gach aobhar dleasnais, trioblaid, no deuchainn as ùr,) agus leanadh na h-urnuighean so le dearbhadh daingean, sòlasach, agus soilleir gu'n ghabhadh riu agus gu'n d'fhuair iad eisdeachd o Dhia. Bha e dichiollach, eagnaidh, gu bhi toirt an aire, cumail air chuimhne, agus a' fòghlum o fhreasdal Dè, ann an co-cheangai ris an Fhocal, ri 'fhaireachdainn, agus ri shuidheachadh inntinn fèin^ agus uime sin bha e do dh'eòlas mòr anns an diadhachd. Bha e gle thoigheach agus chùramach mu lagh Dhè a choimh- ead, anns gach uile ghnè chaithe-beatha agus chàinnt (eadhon anns na nithibh do nach ^eil a chuid mhòr do Chriosduidhean a' toirt an aire.) Bha e do cho- guis anmhunn, gu cùramach sl' caithris an aghaidh peacaidh, agus a' seachnadh gach uile choslas uilc ; truacanta agus co-mhothachail ris a mhuinntir thrioblaideach ; oircheasach do'n fheumach (ann an tomhas co mòr 's gu'n robh e gu cràbhach a' cur air leth an deicheamh d'a mhaoin shaoghalta gach bliadhna chum an cobhair.) Bha e 'n a chèile dleas- nach, 'n a athair teò-chridheach, na charaid trèibh- dhireach, dìleas agus bàigheil ; ni chum an robh aomadh sònruichte 'n a aigne, a bha 'n a mhor bhean- nachd dhoibh-san a cho'pairtich d'a chairdeas.

Bha e na sgoilear taghta anns gach earrann do dh'fhoghlum diadhaidh, agus bha e barraichte ann

V

an cuid diubh. Bha e mìn-eòlacb. air a Ghreug- ais, aguS) gu h-àraid, air an Eabhra. Thuigeadh e'n Fhraingis ; agus chum eadar-theangaichean a choi- ineasachadh,b'urrainn e am Biobull Duitseach aleugh- adh. B'ainmig earrann do dh'fhoghlum air nach robh ni-eiginn do dhèidh aige ; ach b'èiginn d'a eòlas-san a bhi air fhoillseachadh air mhodh eile, a bhàrr air aideachadh fèin. Bha e na sgoilear dian-dhichiollach, agus do shaothair neo-sgìthichte ; ionnas ge b'e ni ris an toisicheadh e aon uair, cha Vurrainn dha sgur deth, gus an cuireadh e crìoch air, le còmhnadh bho nèamh agus bith-dheanadas. Bha eòlas mòr aige air nàdur an duine, 's air na doighean bu f hreagarraiche gu labhairt ris, agus air na meadhonnan bu ro choslaiche gu greim a dheanamh air.

Bha tàlann ionmholta aige chum sgrìobhadh a chuir an òrdugh, ni a thug air fear-riaghlaidh/* agus breitheainh mòr, a ràdh ('nuair a bha Mr Boston na chleireach aig Seanadh Mherse agus Thibhiot- dale,,) gu'm b'e cleireach a b'fhearr a chunnaic e riamh ann an cùirt air bith, aon chuid an Stàta no'n Eaglais. Bha mòr mheas aig air gibhtibh agus air comasaibh muinntir eile, a' toirt dhoibh gu saor an cliù a bhuineadh dhoibh, eadhon ged bhiodh iad ann an cuid do nithibh ag eadar-dhealachadh uaith- san ann am beachd. Bha e fada bho bhi na f hear- cronachaidh an-dana,, no lughdachadh cliù.

Mar mhinisteir ghiùlan e air a spiorad mothach- adh cudthromach agus urramach mu nithibh Dhè. Bha e cumhachdach anns na sgriobtuiribh, 'na eò- las air an litir, air an spiorad, agus air am brìgh, 'n an co'chur gu buadhach agus gu freagarrach, chum an teagasg a mhìneachadh agus a dheanamh so- thuigseach. Bha fhiosrachadh agus 'eòlas mòr air dìomhaireachd Chriosd, 's ged a theab am mothach- adh iriosal a bh'aige do bhi dh' easbhuidh sin a leag-

* Mr Baillie of Jerviswood.

VI

adh sìos gu tur le dì-mhisneach, an deigh dha tois- eachadh ri searmoineachadh. Bha tàlann sòn- ruichte aige chum dol domhain ann an dìomh- aireachdaibh an t-soisgeil ; agus,, mar an ceudna ; chum an co'cheangal ris an t-soisgeul, agus a bhuaidh a th'aca air naomhachd an t-soisgeil a dheanamh soilleir agus so-thuigseach. Faodar esimpleirean comharraichte do so fhaicinn 'n a leabhar ro luach- mhor air a' Chùmhnant, agus 'n a shearmoinibh mu Chriosd ann an cruth seirbhisich.

Bha comasan inntinn torach agus ciallach ; a bheachdan an còmhnuidh cothromach, agus, mar bu trice, nuadh ; a chainnt freagarrach agus iom- chuidh; a mhìneachadh agus a chosamhlachdan gu minig neònach; a dhoigh searmoineachaidh rèidh agus soilleir ; a liuthairt socrach agus mais- each, le fiamhachd do dhùrachd, do chiùineachd^ do dhearbh-bheachd_, agus do dh'ughdarras, coi- mheasgta le cheile. Bu bheag an t-iongantas ged bha an t-iomlan do fhrithealadh ann an nith- ibh naomha, taitneach, agus luachmhor do na naoimh.

Bha e air a shocrachadh agus air a dhaingneach- adh, ann am pòngaibh a' chreidimh ath-leasaichte, air stèigh fhallain agus reusontach_, a ta calg-dhìr- each an aghaidh Pàpanachd^ Antinomianachd^ saobh- chràbhadh, agus geur-leanmhuinn. Bha e tait- neach agus suilbheara 'n a chòmhradh, ach daon- nan le stuamachd freagarrach d'a dhreuchd ; glan- shaor o'n nàdur fhrionasach ghàrg sin^ a tha gu cu- manta leantuinn dhaoine tha caitheamh beatha aonaranach.

Bheathaich e_, agus rinn e faire, le dichioll thar an treud air an d'rinn an Spiorad Naomh e 'n a fhear-coimhead ; agus ged bha e co dian-dhùrachd- ach an tòir air an fhòghlum sin anns an robh a mhòr thlachd, gidheadh, cha do lughdaich e ni sàm bith d'a ullachadh air son na Sàbaid^ no d'a obair

VII

air feadh na Sgireachd ; ni rinn e cleachdadh do'n ghearr-làmh-sgrìobhaidh air an robh e eòlach, ach sgrìobh e'n còmhnuidh a shearmoinean slàn? agus mur bu tric co làn 's a shearmonaich e iad ; gun bhi idir a' deanamh seirbhis do n Tighearna leis an ni sin nach do shaothraich e air a shon. B'e thoilinntinn caitheamh agus a bhi air a chaitheamh ann an seirbhis an t-soisgeil ; bha e na f hear-cron- achaidh firinneach air a' pheacadh, ach aig a cheart am ciallach : bha tomhas mòr do chiall agus do ghliocas Criosduidh aige, as eugais ceilg no lùb, ni a rinn anabarrach feumail e ann an cùirtibh ceart- ais, agus comharraichte freagarrach chum comhairle thoirt seachad ann an cuisibh aimhreiteach.

Bha èud agus eòlas co-cheangailte ann, ann an tomhas co mòr 's gu'm b'ainmig a leithid ;— -bha e ro chùramach mu ghlaine agus mu shìth na h-eag- lais;-— cha robh neach air bith ni b'eudmhoire air son a' cheud aon, agus mar an ceudna ni bu toigh- iche mu'n dara h-aon ; oir chunnaic agus dh'fhair- ich e an t-olc mòr a bh'ann an eadar-sgarachdainn agus ann an roinn. Bha e anabarrach faicilleach roimh caochladh as ùr, gus am faiceadh e gu soilleir am feum agus am bònn a bha air a shon.

B'e 'bheachd shuidhichte gu'm b'e an fhirinn a chuir an cèill gu daingean agus gu diongmhalta, ann an iomadh cùis, an rathad a b'fhearr, bu ghiorra, agus bu ro eifeachdaiche gu cuir an aghaidh mearachd, gun fhearg dhaoine dhusgadh agus a bhrosnachadh, chum an cron fèin agus cron an t- soisgeil : uime sin, ann am mìneachadh agus an dìon a' chreidimh ath-leasaichte, ann an leabhar àraid, fhreagair e an t-iomlan do na bha 'n a aghaidh, ach cha do ghabh e sùim fa leth do neach air bith.^ Bha e umhailte do'n ghuth, 1 Tim. vi. 11., " Ach thusa, O oglaich Dhè, teich o na nithibh sin : " Bha e ann an tomhas neo-chumanta

A' ciallachadh a' mhìneachadh air Smior na Diadhachd uire.

VIII

marbh do'n t-saoghal ; "air dhomh," ars' esan, ann an eachdraidh a bheatha, " gnothaichean an t-saogh- ail fhaotainn 'n an ribe do m'inntinn, cha robh aon chuid toil no tlachd agam dhiubh." Air son a ghiùlan ciatach bha mòr mheas air, cha'n e a mhain aig a bhraithribh_, a bha ag eadar-dhealachadh uaithe ann am beachd, ach gu cumanta aig gach uile sheorsa dhaoine.

Gu co-dhunadh ; bu sgrìobhaich e a bha gu h- àraid fòghlumta chum na rioghachd ;—ullamh gu briathraibh taitneach f haotuinn ; 'n a shaothraiche nach ruig a leas nàir' a ghabhail, a' roinn focal na firinn gu ceart ; 'n a lòchran lasta agus dealrach. iC Air chuimhe gu brath bithidh am fìrean."

Ged dh'fhaodadh làimh ealanta, a chliù a chur an cèill mòran ni b'fhearr, ann am briathraibh ni bu teirce, gidheadh cha 'n 'eil claon-bhreith no iomadaidh anns na chaidh a ràdh, ma ghabha cairdeas mìn-eolach mòran bhliadhnachan, agus an cùnntas a sgrìobh e fèin mu bheatha^, mar dhear- bhadh cothromach. Ach chuireadh aon searmoin a chluinntinn uaithe fèin ni-eiginn an cèill mu thim- chioll nach gabh cuir sìos an so.

Tha cuid làn-dearbhta^ gun robh an tuilleadh do dhiumadh Dhèair son iomadh aobhar ris an Eag- lais so, anns an dearbh àm s an deachaidh a thoirt air falbh^ na tha gu cumanta air a ghabhail a steach.

Dh'fhaodadh e bhi ni bu ro fheumaile, nam biodh àite dha ann an so, cluinntinn mu thimchioll 'n a bhriathraibh fèin^ bho'n chunntas choitchionn a sgrìobh e mu 'bheatha chum a chloinne : as an ainmich sinn le 'n ceadsan beagan nithe bho a cho- dhunadh.

" Mar so bha mòr dhèigh agam air sìth, agus fuath do chonnsachadh ; ged thachair dhomh aon uair tuiteam ann, chuir mi romham dol troimh. Cha robh e'na mhòr thrioblaid dhomh an t-urram

IX

agus an gradh bu chubhaidh dhoibh a bhi agam do m' bhraithribhj a bha 'g eadar-dhealachadh uam ann am barail agus ann an cleachdadh : ach aig an am cheudna, cha robh mi ann am mòr chunnart aon chuid3 a bhi air mo thoirt a thaobh leo_, no gu cùl a chur ris an ni a mheas mi 'n a f hirinn no 'n a dhleasnas. Mar an ceudna, cha robh e duilich dhomh geilleadh dhoibh 's na nithibh anns nach robh mi ceangailte ann an cogais gu cuir 'n an agh- aidh. Ge b'e ceuma cabhagach a rinn mi ann an cùrsa mo bheatha, nithe air son am bheil mi 'g iar- raidh a bhi air m' irioslachadh, cha b'e braise ann am ghiùlan m' f hailigeadh. Ach bho'n àm a thug an Tighearna tre ghràs mi gu bhi gabhail beachd air nithibh, b'e mòran do m' chleachdadh a bhi cur eadar-dhealachadh eadar peacadh agus dleasnas ann an cùisibh àraid, air dhomh eagal a bhi orm toiseachadh ri ni sam bith, gus am faicinn mi fèin air mo ghairm da ionnsuidh; ach 'nuair a rinn- eadh a chùis soilleir dhomh, chum mi dlù ris an còmhnuidh, oir bha mòr eagal orm cùl a chur ris an t-slighe a thuig mi bh'air a comharrachadh a mach dhomh. Cha d'fhuair mi riamh an doighfair fàs beartach, ni b'urrainn mi riamh mi fèin a chleachdadh le mòr chàil ann an gnothaichibh an t-saoghail a riaghladh: bha eadhon doigh riagh- laidh saoghalta gnothaichean na h-eaglais co neo- thaitneach leam, 's nach robh togradh agam gu gnothach a' ghabhail ri riaghladh coitchionn na h- eaglais. Ge b'e ni anns na nochd mise mi fèin, aig àm air bith, anns na cùisibh so, cha banns an rathad sin a rinn mi e." Cho-dhùin e air a mhodh so.

" Mur so thug mi dhuibh ni-eiginn do chunntas mu laithibh mo dhìomhanais. Bheiream buidh- eachas do m' Dhia^ ann an Iosa, gu'n d'rinn e mi am Chriosduidh, 's gu'n do bhuin e gu moch ri m' anam ; gu'n d'rinn e mi am mhinisteir an t-soisgeil,

X

agus gu'n d'thug e dhomh ni-eigin do shealladh a steach ann an teagasg a ghràis ; agus gu'n d'thug e dhomh am Biobull beannuichte, agus gu'n d'rinn e mi eòlach air anns na ceud chànainean, agus gu h- àraid 's an Eabhradh. Bha'n saoghal ùine fhada 'n a mhuime dhomh ; agus ge b'e àite 's an d'thug- ainns' ionnsuidh air foiseachadh ann ; chuireadh dris do mhì-shuaimhneas an sin air mo shon. Rug- adh an duine a' caoineadh^ tha e beò a' gearan, agus a' bàsachadh air a mhealladh 'n a earbsa mu'n t-saoghal. " Is diòmhanas na h-uile nithe agus buaireadh spioraid. Ri d'shlàinte dh'fheith mise, O Thighearna."

Tha ar do-reidhteachas gnàthaichte an aghaidh na crois, agus ar neo-iomlanachd folaiseach ann am mòran do na dleasnasaibh a tha dh'fhiachan oirnne, mar bhùill do chorp Chriosd, gu mòr a' bac- adh ar sòlas Criosduidh,, ar n-oideachadh, agus ar tairbhe : agus, ann an àite bhi 'n am maise dhuinn, 's ann a tha iad a' cur sgàile dhorch air ar n-aid- mheil naomh. Air son leigheis anns na còirean sin, tha'n Tighearna 'n a chaomh f hreasdal^ a' cur cobh- air as ùr d'ar 'n ionnsuidh-ne anns an leabhar so. Tha'n teagasg air a chur ann an solus nuadh agus taitneach. B'e an Camadh 's a9 Chrannchur aon do dh'oibribh deireannach an ùghdair bheannuichte, leis a pheann. Gu'n robh am beannachadh ceudna bho nèamh sl' leantuinn an leabhair so, bu tric a dhasluich e-san gu ro dhurachdach a bhi coimhead- achd ni sam bìth d'a shaothair a dh'fhaodta ghairm a mach chum seirbhis na h-eaglais. Amen.

Alastar Colden.

Gab. Wilson.

H. Davidson.

GLIOCAS AGUS ARD-UACHDRANACHD DHE

AIR AM FOILLSEACHADH ANN AN

AMHGHAIRIBH DHAOINE.

" Smuainich air obair Dhe ; oir co is urrainn an ni sin a dhean- amh dìreach a rinn e-san càm ?" ECCL. vii. 13.

Tha beachd chothromach a' ghabhail do f hreas- dalaibh àmhgharach ro f heumail chum neach a thoirt gu giùlan air mhodh Criosduidh fodhpa ; agus is ann a mhàin a rèir creidimh, agus cha'n ann a rèir seallaidlx, a tha a' bheachd sin r'a f haotuinn. Oir, is e solus an f hocail a mhàin a tha 'g am foillseachadh gu cothromach, sl nochdadh obair Dhè annta,, agus rùintean, freagarrach do'n iomlanachd neamhaidh. 'Nuair a bheir neach fainear, agus a ghabhas e beachd iomchuidh do na nithe so le sùil a chreid- imh, tha sealladh cothromach aige do na freasdal- aibh amhgharach, a tha freagarrach chum gluasadan buaireasach nan aignidhean truaillidh a chasg fo choslasaibh dubhach bho'n leth a mach.

'S ann fo'n bheachd so tha Solamh ann an tois- each a' chaibdeil so, aig ainmeachadh iomadh ni eug-samhuil, a tha 'n an co-dhunaidhean iongantach air taobh nithibh àraid, a tha 'g amharc uamharr- aidh agus gruamach, do shuil an fhaireachaidh, agus uime sin gu coitchionn air am meas doil- ghiosach agus òillteil : tha e cur an cèill 4 4 gur fearr latha bàis no latha breith neach ;" eadhon, latha bàis neach^ a thainig gu bhi 'n a charaid do Dhia tre chreidimh, agus a chaith a bheatha chum onoir Dhè, agus math a ghinealaich ; agus le sin a thog

12

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

e fèin suas gus an deadh ainm taitneach sin,, "is fearr na ola ungaidh luachmhor," rann 1. Air an doigh cheudna, tha e cur an ceill gur fearr rC tigh sl bhròin na tigh na cuirme, doilgheas na gàire, agus achmhasan duine glic na òran amadana ;" oir ged is e 'n aon mu dheireadh is ro thaitniche, gidheadh 's e a' cheud aon is ro tharbhaiche,, rann 2 5. Agus thug e fainear le cùram_, cionnas a tha daoine ann an cunnart, cha'n e a mhàin bho ghruaim agus bho dhroch làimhseachadh an t-saoghail <cgu'n cuir foirneart duine glic air a chaothach/, ach mar an ceudna bho fhaoilte agus bho bhead- radh an t-saoghail, " gu'm mìll tìodhlacadh an cridhe;" uime sin_, a chionn gu bheil cunnart air gach làimh, tha e cur an cèill Ci gur feàrr deireadh gach ni" saoghalta tC na '^0^86^0^/' rann 7, 8. Agus bho'n iomlan tha e a' co-dhunadh gu cothrom- ach3 gur feàrr a bhi iriosal agus foighidneach, na a bhi àrdanach agus mi-fhoighidneach fo làimh smachdachaidh Dhè ; a chionn, anns a' cheud chor, gu bheil neach gu glic umhal do'n ni sin da ri- readh a's feàrr; agus anns a chor mu dheireadh, gu bheil e cathachadh 'n a aghaidh, rann 8. Agus tha e 'g ar comhairleachadh gu'n bhi mi-thoilichte le ar crànnchur, air son na trioblaid a ta ann, rann 9 ; tha e a' toirt ràbhadh gu'n bhi gu mi-runach a coimeasachadh nan àmanna a chaidh seachad ris na h-àmannaibh a tha làthair, agus mur sin a' cur iomchair mi-iomchuidh as leth freasdal Dè, rann 10. Agus an aghaidh na càil fhrionasaich agus ghearanaich sin, tha e air tùs a' seòladh iocshlaint choitchionn, eadhon gliocas naomh, mar an ni a ni neach comasach gus a chuid a 's feàrr a dhean- amh do na h-uile ni, agus a bheir beatha eadhon ann an cùisibh claoidhteach, rann 11, 12. Agusarithist iocshlaint shònruichte, a ta a' co-sheasamh ann an cleachdadh iomchuidh a dheanamh do'n ghliocas sin a chum beachd chothromach a' ghabhail do'n

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

13

chùis, u Smuainich air obair Dhè : oir co is urrainn an ni sin a dheanamh dìreach a rinn esan càm V Anns. na briathraibh sin tha air an sònrachadh, 1 . An iocshlaint fèin. 2. Iomchuidheachd na h-ioc- shlaint sin. Air tùs. Is i 'n iocshlaint fèin, a bhi beachdachadh gu glic air làimh Dhè anns gach ni a mhothaicheas sinn a' teachd cruaidh oirnn ; Smuainich air obair Dhè, no am bheil thu faic- inn a làmh-san," anns a chuid is caime, is gairbhe, agus is mi-thaitniche do d' chrannchur, eadhon, anns na trioblaidibh a tha còmhlachadh riut ann. 'S math a tha thu a'faicinn na croisfèin; seadh, tha thu 'g a tionndadh thairis agus thairis ann a' d' innt- inn, agus air do shocair a' beachdachadh oirre air gach taobh ; mar an ceudna, tha thu 'g amharc air an ni so agus air an ni ud eile mar an dara aobhar aice, agus mar sin tha thu ann an corruich agus ann an mi-shuaimhneas ; ach, nam b'àill leasta bhi aig fois agus air do riar- achadh mun chùis, tog suas do shùilean ri nèamh, agus faic gur e grìiomh Idmh Dhè a ta ann. Amhairc air sin, agus thoir fainear e gu ceart ; beachdaich air mathair-aobhair a cham- aidh a th'ann do chrannchur, agus faic gur e obair Dhè a ta ann, agus gur ann uaithe-san a ta e 'S an dara aite. A thaobh iomchuidheachd na h- iocshlaint so, tha a bheachd sin do na chamadh 'n ar crannchur ro f hreagarrach chum tograidhean mi-chiatach a chridhe a chuir sàmhach agus gu sinne dheanamh tosdach fodha: <fOir co is urr- ainn (is e sin, cha'n urrainn a h-aon) an ni sin a dheanamh dìreach a rinn Dia càm? A thaobh a chamaidh ann do chrannchur, 's e Dia a rinn e ; agus feumaidh e mairsinn am feadh is àill leis-san. Ged a chleachdadh tu t-uile neart chum a dheanamh còmhnard^ no dìireach, bithidh t'oidheirp diomhain; cha dìrich e a dh'aindeoin na's urrainn thusa dheanamh ; oir is esan a mhàin

14

AN CAMADH JS AJ CHRANNCHtTR.

a rinn e is urrainn a leasachadh no dheanamh dìr* each. Tha a bheachd agus an sealladh so do'n chùis, 'n a mheadhon iomchuidh, chum daoine a riarachadh agus an cuir 'n an tosd còmhladh, agus gu'n toirt chum strìochdadh gu h-umhal do 'n Cruithear agus do'n Uachdaran fo'n camadh crann- chuir. A nis, gabhaidh sinn brìgh a' bhùinn teag- aisg anns na trì cinn theagaisg so. I. Ciod air bith camadh a th'ann an crannchur neach, 's ann do dheanamh Dhè a tha e. II. An ni a tha Dia a' faicinn iomchuidh a chamadh ann ar crànnchur^ cha'n urrainn sinn a dhìreadh. II I. Tha beachd a' ghabhail air a' chamadh 's a' chrannchur mar obair Dhè, no do dheanamh-sa 'n a mheadhon iomchuidh chum neach a thoirt gu giulan mar Chriosduidh fodha.

Teagasg, I. Ciod air biih camadh a th'ann an crannchur neach, 's ann do dheanamh Dhè a tha e.

An so tha ni ri thoirt fainear^ eadhon, an camadh fèin^ agus gur ann do dheanamh Dhè a ta e.

I. A thaobh a chamaidh fèin, agus chum gur ann is fearr a thuigear e, tha na nithe so a leanas air an toirt fainear : 1. Tha cùrsa àraid do fhreas- dalaibh tre riaghladh Dhè a' tachairt ann am beatha gach aon againne 's an t-saoghal : Agus is e sin ar crannchur, a th'air a chur air leth dhuinne le Dia, ar Cruithear agus ar n-Ard-uachdaran, aig am bheil ar n-anail 'n a làimh agus d'am buin ar n-uile shlighe. Tha 'n cùrsa so do fhreasdalaibh aig eadar-dhealachadh gu mòr ann an crannchur an t-sluaigh, a rèir toil agus gean-math an Ard-riaghl- air, a tha 'g orduchadh crannchuir dhaoine anns an t-saoghal air iomadh doigh, ag ardachadh cuid, agus ag ìsleachadh cuid eile. 2. Anns a chùrsa sin do fhreasdalaibh, tha cuid dhiubh a' tionndadh a' mach an aghaidh ar gnè agus ar càil; agus is iad sin a tha deanamh a' chamaidh 'n ar crannchur. Am feadh a tha sinn 's an t-saoghal bithidh freasdal-

AN CAMADH JS A5 CHRANNCHÙR.

15

an garbha, co math ri freasdalaibh mìne ann ar cor agus ann ar crannchur. Air uairibh tha nithe a' dol air an aghaidh gu rèidh taitneach ; ach an ùine ghoirid, tha freasdal eile aig atharrachadh a' chùrsa sin, a tha 'n a phian agus 'n a chradh dhuinn, mar gu'n toireamaid ceum docharrach a bheireadh oirnn imeachd bacach. 3. Tha camadh air chor- eiginn ann an crannchur gach neach a th'aims an t-saoghal so. Tha luchd-gearain ullamh air a bhi a' coimeas gu graineil aon ni ri ni eile ; oir tha iad ag amharc mu'n cuairt agus ag gabhail beachd farsuing do chor muinntir eile, 's cha 'n 'eil iad a' faicinn ni sam bith ann ach ni a tha dìreach, agus ceart a rèir càil neach : mar sin tha iad ag cur an cèill gu bheil crannchur an coimhearsnaich gu h-iomlan dìreach. Ach is breith mhearachdach sin ; oir cha'n 'eil iomlaineachd anns a' bheatha so, no chrannchur fo fhlaitheanas gun chrois. Oir, " na h-uile oibre fo 'n ghrein, feuch, is dìomh- anas iad uile, agus buaireadh spioraid. An ni a ta càm, cha ghabh e deanamh dìreach/' Eccl. i. 14, 15. Co shaoileadh nach robh crannchur Haman gle dhìreach am feadh a bha 'theaghlach a' cinn- eachdainn, agus e fèin a' soirbheachadh ann an saoibhreas, agus ann an urram, air dha bhi 'n a Phrìomh-uachdaran ann an cùirt Phersia, agus mòr ann an sealladh an Righ? Gidheadh, aig a' cheart àm, bha camadh 'n a chrannchur, a chràdh e co mòr, " 's nach deanadh so uile a bheag do mhath dha." Est. v. 13. Mothaichidh gach neach c'àit' am bheil e fèin air a theannachadh, ged nach tuig cach e. Cha'n 'eil crannchur neach air bith s an t-saoghal so gu h-uile càm ; tha an còmhnuidh ni- eiginn còmhnard agus dìreach ann. Gu cinnteach, an uair a lasas fearg dhaoine, 's a bheir i ceò air an inntinn, tha iad ullamh gu ràdh^ gu bheil na h^uik in clì aca-san 's nach 'eil ni sam bith ceart maillo riu. Ach ged tha agus ged bhitheas gu sìorruidli,

16

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

an sgeula sin fior ann an ifrinn, gidheadh cha'n 'eil e fior gu brath 's an t-saoghal so : oir gu cinnteach, cha 'n 'eil aon bhoinne do shòlas air a dheònach- adh ann an " ifrinn." Luc. xvi. 25. Ach 's an t-saoghal so tha e 'n còmhnuidh 'n a ni cinnteach gur " ann do thròcairibh an Tighearna nach 'eil sinn air ar caitheadh." Tuir. iii. 22, 24. Thàinig an camadh 's a' chrannchur chum an t-saoghail tre'n pheacadh ; 's e an tuiteam a rinn an camadh. Rom. v. 12. " Thainig peacadh a steach do'n t-saoghal tre aon duine, agus bàs tre 'n pheacadh, agus tha n camadh 's a' chrannchur air a' ghabhail a steach fo'n bhàs sin, mar a ta staid shòlais no shoirbheachaidh ; air a cur an cèill ann an cainnt an sgriobtuir, le bhi beò. 1 Sam. xxv. 6. ; Eoin iv. 50, 51. Chròm am peacadh cridheachan agus inn- tinne dhaoine, nuair a thàinig iad gu bhi càm a thaobh an lagh naomha ; agus ann an ceartas chròm Dia an crannchur, air dhòigh 's gu'n d'thàin- ig e gu bhi cam mar an ceudna. Agus tha'n cam- adh so ann ar crannchur gu neo-sgarail ag lean- tuinn ar cor peacach, gus an cur sinn dhinn corp a pheacaidh agus a' bhàis so, agus gus am faigh sin an taobh a steach do gheata nam flaitheanais.

Chum na nithe so a mhìneachadh, tha'n camadh 's a' chrannchur gu coitchionn a' cur an cèill ni. 1, Amhghar. 2. Mairsinneachd. A rèir sin tha e deanamh Id an amhghair fa chomhair Id an t-soir~ bheachaidh 's an rann air ball an deigh a' bhùinn theagaisg.

Air tus* 'S e an camadh 's a chrannchur, earrann air chor-eiginn do thrioblaid. Is e an earrann a tha rèidh agus dìreach do 'n chrannchur a' chuid sin a tha soirbheacbadh, agus a' dol air aghaidh a rèir miann neach ; agus is e am mìr a tha càm dheth, a' chuid sin a tha càlg-dhìreach an aghaidh sin. Choimheasg Dia an ni so ann an crannchur dhaoine 's an t-saoghal so ; chum mar a tha ni~

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

17

eiginn do shoirbheachadh ann, a tha deanamh a chùrsa dhìrich, mar sin gu bheil mar an ceudna ni-eiginn do thrioblaid ann, a tha deanamh a' chamaidh, Cha'n e a mhàin gu bheil an coi- mheasg so ann an crannchur nan naomh, d'am bheil e air innse, " anns an t-saoghal gu'm bi àmhghar aca/' ach mar an ceudna tha e ann an crannchur nan uile dhaoine, mar chaidh a thoirt fainear cheana. 'S an dara àite. Is amhghar e a mhaireas seal. Cha mheas sinne mar ni càm, ni sam bith a rachadh a chromadh 's a lùbadh ri cheile le ainneart, ma's e 's gu'n dìreadh e air bàll mar bha e roimhe. Tha sgiursaidhean gèur ann do'n t-slait smachdachaidh, a theid mar speach troimh cliathaich neach, agus air bàll tha na h-uile ni ceart a rithist ; feudaidh crannchur neach a bhi air a dhorchadh gu h-obann, agus a' ghruaim falbh mu'n toir e'n aire. Ach fon chamadh, air do neach ùine bhi aige chum a chràdh a mhothachadh, tha e ann an an-fhois chum an camadh fhaotuinn air a dhìreadh; mar sin is amhghar an camadh crannchuir a mhaireas re ùine àraid.

A nis tha camadh crannchuir tri-nllte buailteach do chloinn nan daoine. 1 . Tha camadh a nithear le freasdalaibh tarsuing, ge b'e co goirid 's a mhair- eas e, a dh'fhàgas cràdh buan 'n a dheigh. Rinn an- iochd Heroid a leithid sin a chamadh ann an crann- chur nam mathraichean ann am Betlehem^ dream a dh'fhàgadh leis na mortairibh " a' caoineadh an cloinne chaidh a mharbhadh, agus cha b'àill leo sòlas a' ghabhail a chionn nach 'eil iad beò Mata. ii. 18. 'S goirid a bhitheas neach a' toirt cèum tuisleach, a bheir air imeachd bacadh fad a 'n a dheigh. 44 Mar iasg a ghlacar ann an droch lion is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm;" Ecl. ix. 12. Feudaidh ni tuiteam a mach ann an tiotadh a dh'fhàgas neach bacach gus an teid e do n uaigh.

B

18

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

2. Tha camadh air a dheanamh le iomadh cùrsa do fhreasdalaibh tarsuing, a ta leantuinn gu dlù an deigh a cheile, co dhiubh a tha iad do 'n aon ghnè, no nach 'eil a dh'fhàgas cràdh buan nan deigh. Mar, ann an cùis Ioib, an uair a bha aon teachdaire le droch naigheachd (i fathast a labhairt thàinig fear eile/> lob. i. 16, 17, 18. Ni freasdal- an tarsuing a' teachd muin air mhuin, " doimhne 8l gairm air doimhne/' camadh ro chràiteach. Anns a chor sin, tha an neach a tha fo àmhghair coslach ri neach a bheireadh a chos deth aon mhir do thalamh fàs, agus a chuireadh i air mìr eile cheart co fàs, a dh'fhailnieheadh air bàll fodha mar an ceudna ; no coslach ri neach a bhitheadh air aineol ann an dùthaich bheanntan, agus an deigh dha, le mòr spàirn, dol thar aon bheinn, tha e 'n duil gu'm faic e an dùthaich chòmhnard air an taobh eile, ach an àite sin, 's ann a tha beinn an deigh beinne a' teachd 's an fhradharc air am feum e dol thairis. Theab an camadh so ann an crann- chur Asaiph a thoirt air a dhiadhachd uile a leigeadh dheth, cc gus an deachaidh e steachdo'nionad-naomh." far'n do mhìnicheadh rùn-diomhair so freasdail dha ; Salm Ixxiii. 13—17. Tha Solamh a' toirt fainear " Gu bheil fireana ann d'an tachair a rèir oibre nan aingidh," Ecl. viii. 14. Tha freasdal a' tionndadh 'n an aghaidh, mar gu'm biodh iad gu bhi air an tilg- eadh sios gu tur ; co sam bith iad do nach 'eiì cèum èiginn do'm beatha a* toirt fiosrachaidh air an ni so, 's cinnteach nach do sheachainn Ioseph eòlas fhaot- uinn air ann an aois òige, no Iacob 'n a aois mheadh- onach ; no Peadar 'n a shean aois, Eoin xxi. 18, no ar Slanuighear a laithean uile. 3. Tha camadh air a dheanamh le freasdal tarsuing, le cràdh mair- sinneach 'g a leantuinn a' teachd an àit aon eile a thugadh air falbh. Uime sin, ged rachadh aon chamadh a dhìreadh tha aon eile air a dheanamh 'n a àite : agus mar sin tha'n camadh a mairsinu

AN CAMÀDH 5S a' CHRANNCHUR.

19

an comhnuidh. B'ea bhi dh'easbhuidh cloinne an camadh a bha ùine fhada ann an crannchur Rachel, Gen. xxx. I, ach mu dheireadh chaidh an camadh sin a dhìreadh a rèir a miann ; gidheadh an deigh sin f huair i aon eile 'n a àite, eadhon cruaidh shaothair-chloinne, caib. xxxv. 16. Is fàsach an saoghal so anns am feud sinn gu cinnteach ar crann- chur f haotuinn air atharrachadh ; ach cha bhi anns an imrich ach bho aon àite fàsail gu àite fàsail eile. 'Nuair a ta aon earrann do'n chrannchur air a dhìr- eadh, theagamh gu'm bi earrann air chor-eiginn eile dheth càm.

Ni 's ro shònruichte, tha ceithir nithe anns a charnadh crannchuir a tha do naduir càm.

1. Neo-fhreagarrachd. An ni a tha càm tha e fiar; agus an uair a chuirear riaghailte ris, cha fhreagair e dh'i. A thaobh toil agus rùin Dhè, cha 'n 'eil a leithid a ni agus camadh ann an crann- chur neach air bith. Gabh am freasdal is reas- gaiche agus is gruamaiche a th'ann an crannchur neach agus cuir e ris an òrdugh shìorruidh a rinn- eadh ann an doimhne 'ghliocais neo-chrìochnaichte., mu'n robh an saoghal ann^ agus freagaraidh e dha as èugmhais a chlaonaidh is lugha, " oir a ta e 'g oibreachadh nan uile nitbe rèir comhairle a thoile fein/' Eph. i. 11. Càirich e ri toil freasdal Dè, ann an uachdranachd an t-saoghail, agus làn chord- aidh iad ri cheile. Ma bha Pòl gu bhi air a cheangal ann an Ierusalem, agus *f gu bhi air a thoirt thairis do làmhaibh nan Cinneach,,, b'e *' toil an Tighearn" a' chùis a bhi mar sin, Gnìomh, xxi. 11, 14. Uime sin, tha an camadh crannchuir is a th'air thalamh dìreach air neàmh ; cha'n 'eil neo-fhreagarrachd air bith ann an sin. Ach tha camadh ann an crannchur nan uile a thaobh an càil agus an tograidhean nadurrach fèin. Tha am freasdal àmhgharach calg-dhìreach an aghaidh na riaghailte sin, agus chafhreagair e dh'i, 's cha chòird e

20

AN CAMADH 's A1 CHRANNCHUR.

rithe air chor sam hith. 'Nuair a chaireas freasdal an dara h-aon ris an aon eile, tha neo-f hreagarr- achd fholaiseach eatorra. Tha toil an duine a' dol aon rathad agus riaghailt an fhreasdail a' dol rathad eile ; tha 'n toil aig aomadh suas, agus na freasdalan tarsuing a' cromadh sìos ; mar sin tha iad calg-dhìreach an aghaidh a cheile ; agus 's ann an sin, agus an sin a mhàin, a tha an camadh na luidh. 'S e an neo-fhreagarrachd so a tha deanamh a' cham- aidh 's a' chrannchur 'n a mheadhon iomchuidh chum ar dearhhadh agus ar cronachadh, àm ar deuch- ainn. Ma 's aill leat a bhi taitneach do Dhia 's an ni so ; ag imeachd a rèir creidimh, agus cha'n ann a rèir seallaidh, feumaidh tu thu fèin a dheanamh rèidh ri toil agns ri rùn Dè, agus gu'n hhi do'n bha- rail gu'm bu chòir an ni a bhi a rèir do thoil-sa, lob. xxxiv. 23.

2. Duaichnidheachd. Tha nithe cama mi-thait- neach do'n t-sùil ; agus cha mheasar camadh air bith t 's a' chrannchur sòlasach, ach doilgheasach, agus gle dhuaichnidh do'n t-sealladh, Eabh. xii. 11. Uime sin, cha b'uilear do dhaoinibh a bhi air am faicill chum an inntinnean a shuidheachadh air a' cliamadh 'n an crannchur, agus gu'n a chumail iomadaidh 'n am beachd. Tha Daibhidh a' nochdadh deuchainn chronail do'n ghnè so bho fhiosrachadh fèin, Salm xxxix. 3. " 'Nuair a bha mi a' beachd- smuaineachadh, las an teine*" Rinn Iacob a' chuid bu ghlice, dh'ainmich e 'mhac a b'oige Beniamin, is e sin ri ràdh, mac na deas-làimh., neach a dh'ainmich a mhàthair, 'nuair a bha h-anam a' deal- achadh rithe Ben-oni, is e sin ri ràdh, mac mo dhoilgheis ; chum leis a so dheanamh, nach biodh an camadh 'n a chrannchur air a thoirt as ùr gu chuimhne, na h-uile uair a ghairmeadh e ainm a mhic. Gu'n amharus feudaidh an Criosduidh gu tearuinte beachd seasmhach agus socrach a' ghabh- ail do'n chamadh 'n a chrannchur ann an solus

AN CAMADH 's AJ CHRANNCHUR.

21

an fhocail naoimh, a tha 'g a chur an cèill mar smachdachadh a' chumhnaint. Mar sin foillsich- idh an creidimh taitneas dìomhair anns a' chamadh, fo choslas gle dhuaichnidh bho'n leth a mach ; a' taisheanadh co freagarrach 's a ta e do mhaitheas, do ghaol, agus do ghliocas neo-chrìochnach Dhè,, agus do fhior bhuannachd an neach a ta fo'n t-slait smachdachaidh ; leis a so tha aon a' teachd gu tlachd a ghabhail, agus sin fior thlachd ann an trioblaid, 2 Cor. xii. 10. Ach ciod air bith mar a tha'n camadh 's a' chrannchur do shuil a' chreidimh. cha'n 'eil e idir taitneach do shuil an fhaireach- aidh.

3. Neo-chomas irneachd. Tha Solamh a' toirt an aire do 'n aobhar a tha toirt air a' bhacach a bhi co cearbach agus co an-shocrach 'n a thriall, Gnàth. xxvi. 7. <e Cha'n ionann cosan a bhacaich.5" ladsan a tha air an cleachdadh ris a' chamadh 'n an crannchur, mhothaich iad an an-shocair so ; tha spiorad àrdanach agus crannchur ìosal trioblaideach., 'n a dheuchainn chruaidh do'n Chriosduidh 'n a thriall, cha'n 'eil ni sam bith is luaithe a bheir rathad do'n bhuaireadh no an camadh 's a' chrannchur; no ni sam bith ni's ullamh gu neach a thionndadh as an t-slighe." Uime sin^ deir an t-Abstol, Eabh. xii. 13.3 i( Deanaibh cos-cheuma dìreach do 'ur cos- aibh, air eagal gu'm bi an ni sin a ta bacach air a thionndadh as an t-slighe.,, Air an aobhar sin, an àite iadsan a th'ann an àmhghar a chronachadh gu searbh, 's ann bu chòir dhuinn truas a ghabhail diubh ; gidheadh is tearc iad a dli'fhòghlumas an leasan so, gus an teagaisg am fèin-fhiosrachadh iad. 'S fada bho'n thug lob an aire, anns a chùis so, do ni a ta fior gus an latha'n diugh, Iob xii. 5. £t Mar lochran fo thàir ann an smuaintibh an a ta aig fois, bithidh esan a bhios ullamh gu sleamhnachadh le ,chois.,>

4. '* Càil gu greim a ghlacadh agus gu ribeadli,

22

AN CAMADH 's A' CHRANNCHUR.

mar dhubhanaibh, eadhon mar dhubhanaibh-iasg- aich," Amos iv. 2. Tha'n camadh 's a' chrannchur co ro ullamh gu truailleachd agus mi-shuaimh- neas inntinn a dhusgadh, ann an spiorad neach, *s gu bheil Sàtan 'g a ghnàthachadh gu dìchiollach chum na criche eunnartaich sin : Agus ma bhuann- aicheas am buaireadar aon uair a' phùinc sin ; gheibh an neach a bhuaireai% mun urrainn dha bhi air fhaicill, e fèin air a ribeadh mar ann an dris, as nach bi fios aige cia mar lasaicheas se e fèin. Fo na bhuaireadh sin tha'n camadh gu tric coslach ri bata càm a' cur troimh cheile lochan balbh ; ni chan e a mhàin a dhuisgeas a nios lathach 'n a mheasg uile, ach mar an ceudna a bheir a nios bho 'n ghrunnd cuid a nithe ro ghrannda. Mar so thog e gnè do thoibheum agus do mhi-chreideas mu Dhia ann an cor Asaiph, Salm lxxiii. 13. " Da rìreadh gu dìomhain ghlan mi mo chridhe, agus nigh mi mo làinhan an neo-chionta." Mar gu'n abradh e^ Cha'n 'eil ni sam bith 's an diadhachd, is ni dìomh- ain agus folamh i_, anns nach 'eil tairbhe sam bith ; bu mhise an t-amadan a bh'aig a leithid do shaoth- air mu ghloine agus mu naomhachd, aon chuid cridhe no bheatha. Och ! an e so Asaph diadhaidh ? Cia mar thionndadh e co tur neo-choslach ris fèin ? Ach is e 'n camadh 's a' chrannchur am meadhon, leis am bheil am buaireadair a' leigeadh ris mòran do thruailleachd uaigneach ; eadhon anns a' mhuinn- tir is fearr.

5S e so nàdur a' chamaidh 's a' chrannchur. Thug- amaid a nis fainear ciod an earrann do'n chrann- chur anns am bheil e tachairt.

Gu coitchionn feudaidh tri co'dhunaidhean a bhi air an suidheachadh air a' cheann so.

1. Feudaidh e tachairt ann an earrann air bith do'n chrannchur ; cha'n 'eil earrann air bith saor ; oir^ air do'n pheacadh a bhi air fhaotuinn anns gach earrann^ feudaidh an camadh tachairt ann an

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

23

earrainn air bith. " Tha sinn uile mar ni truaillidh, agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach." Isa. lxiv. 6. Tha prìomh shruth a' pheacaidh, a tha'n camadh gu h-ealamh a' leantuinn, a' ruith ann an cladhanaibh gle eadar-dhealaichte., ann an cor muinntir fa leth. Agus a thaobh càil eadar- dhealaichte inntinnean dhaoine,, feudaidh an ni fo'n siùbhail neach eile gle eutrom, a bhi 'n a eallach throm dhomhsa.

2. Feudaidh an camadh tachairt ann an iomadh earrann do'n chrannchur còmhladh, an Tighearna gairm, mar air suidhichte, uamhasan neach air gach taobh, Tuir. ii. 22. Air uairibh tha Dia a' deanamh aon chamadh comharraichte ann an crannchur neach : ach feudar Gad a Ghairm mar ainm ah% do bhrìgh nach 'eil ann ach roimh-theachd- aire air buidheann a tha teachd. An sin, tha na ca- maidhean air an lìonmhoireachadh, ionnas gu bheil neach air a dheanamh bacach air gach cois. Am feadh a ta aon sruth a' teachd air gu dian bho aon chearnaidh, tha sruth eile teachd air bho chearnaidh eile, gus am bheil na h-uisgeachan a' bristeadh a steach mu dheireadh air gach làimh.

3. Tha an camadh a' tachairt gu minig anns an earrainn is laige, tha mi a' ciallachadh an earrann sin do'n chrannchur is neo-chomasaiche air a ghiù- lan, no^ air a chuid is lugha, a mheasar mar sin le neach, Salm. Iv. 12, 13. " Cha bu nàmhaid a thug masladh dhomh, no dh'fhuilinginn e. Ach thusa ! fear bu choimpire dhomh fèin, fear m' iuil agus fear m' eòlais." Ma tha aon earrann thar earrann eile do'n chrannchur, anns am bheil neach a'rùnachadh fois a ghabhail, theid an dris a chur an sin air ball, gu h-araid, ma bhuineas e do Dhia : feudaidh e bhi cinnteach gur anns an earrann sin 's an tur neo-fhulangach e air beantuinn ris, a theid a theannachadh. 'S ann an sin a theid deuchainn a chuir air: oir 's ann an sin a tha

24

AN CAMADH 's A' CHRANNCHUR.

n comh-stri mhòr ri Criosd. "Bheir mi uatha miann an sùl, agus an ni sin air an suidhich iad an inntinn," Esec. xxiv. 25. A chionn gur e 'n cam- adh 's a' chrannchur an deuchainn shònruichte a tha air a comharrachadh air son gach aon fa leth, tha e tur reusontach agus freagarrach ri glioc- as Dhè, gun tachradh e s an earrann sin is tha claonadh ar cridhe uaithe fèin. Ach ni's ro shònruichte, feudar a thoirt fainear gu'm feud an camadh tachairt 's na ceithir earrannaibh so do'n chrannchur.

1. Feudaidh e tachairt ann an dealbh corporra nan crèutairean, mar an cumadh sin a chomharr- aicheadh dhoibh leis an Dia mhòr a dheilbh na h-uile nithe. Chruthaicheadh ar ceud sinnseara, Adhamh agus Eubh, iomlan, slàn agus fallain, as èugmhais a' chiorraim bu lugha, aon chuid 'n an corp no 'n an anam ; gidheadh ann an dealbh an sliochd, tha gu minig eadar-dhealachadh folaiseach ri fhaicinn bho 'n cheud dealbh. Is e camadh crannchuir cuid mi-iomlanachd chorporra, aon chuid a thaobh naduir no thaobh tuiteamais, mar a ta anmhuinneachd, mi-chumaidheachd, tuille 's a' choir no easbhuidh bhuill a bhi air an cuirp. Tha ni-eiginn duaichnidh no craiteach mu'n timchioll. Tha camaidhean do'n ghnè so ri'm faicinn ann an tomhas èiginn gle chumant agus gnàthaichte, 's cha'n 'eil a' mhuinntir is feàrr saor uatha : agus is ann gu h-ana-mheadhonach do fhìor ghean math Dhè nach 'eil iad ni 's liònmhoire. B'e suilean anmhunn an camadh a bh'ann an crannchur Leah, Gen. xxix. 17. B'e camadh crannchuir Racheil, a maise bhi air a co'chothromachadh le aimrideachd_, caib. xxx. 1. Tha e coslach nach robh Pol Ab- stol mòr nan Cinneach 'n a dhuine foghainteach ann am pearsa, ach neo-inbheach 'n a làthaireachd chorporra, ni air son an robh amadana ullamh gu tàire dheanamh air, 2 Cor. x. 10. Cha robh ann

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

25

an Timoteus ach duine anmhunn, euslainteach, tinn, 1 Tim. v. 23. Agus gidheadh tha camadh ni's ro mhò ann an crannchur nam bacach, nan dàll, nam bodhar, agus 'nam balbhan. Tha cuid ann a tha lag ann an tomhas àraid 'n an tuigse ; agus is e camadh crannchuir iomadh anam urramach a bhi gu sònruìchte air an dorchachadh agus air am folach le neoil, a thaobh nan cuirp euslainteach 's am bheil iad a chòmhnuidh; tha eisempleir chomharraichte againndo'n ghnèso ann cor loib, chiallach, ghlic, agus fhoighidnich,, " a dh'imich ri bròn as èugnihais na grèine: seadh a dh'èirich anns a' chomhchruinn- eachadh agus a dh'èigh," Iob xxx. 28.

2. Feudaidh an camadh tachairt ann an cliù neach. Buinidh urram do na h-uile dhaoine am beag co math ris a' mhòr, 1 Pead. ii. 1 7., air bonn ceud suidheachaidh nàduir an duine, mar chaidh a dhealbh a rèir iomhaigh Dhè. Gidheadh, ann an suidheachadh ard-uachdranachd an fhreasdail naoimh tha camadh crannchuir cuid a* tachairt anns an dearbh earrainn so. Tha dearmad agus tarchuis air a dheanamh orra ; tha'n creideas air a chumail iosal an còmhnuidh ; tha iad a' dol troimh 'n t- saoghal fo nèul, air dhoibh a bhi air an cur fo dhroch ainm, tha'n cliù air a chuir fodha. Air uairibh is e so toradh nàdurrach an giùlain amaideach agus peacach fèin; coslach ri Dinah a chaidh a mach air fadharsachd air feadh na tìre chum goraich a h-oige a riarachadh^ a thug masladh buan air a cliù, do bhrìgh nach d'f heith i gu furachar ri gairm bho Dhia, Gen. xxxiv. Gidheadh feudar a thoirt fainear far an suidhich Dia camadh do n ghnè so ann an crannchur neach, cha dean neo-chiontas a mhaslaidh a ghlanadh air falbh ann an saoghal mi- runach. Ni is urrainn deadh airidheachd cur 'n a aghaidh, chum crannchur neach a dheanamh dìreach anns an earrainn sin. Tha Daibhidh a* cur an ceill a chòr fèin mar so_, Salm xxxi. 11^

26 AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

I2_, 13, (< Iadsan a chunnaie mi a muigh, theich iad uam : dhì-chuimhnicheadh mi mar dhuine marbh air dol à cuimhne ; tha mi mar shoitheach briste. Oir chuala mi cul-chaineadh mòrain dhaoine."

3. Feudaidh e tachairt ann an dreuchd neach

Ciod air bith gairm no inbhe anns am bheil daoine 's an t-saoghal, bitheadh i diadhaidh no daonda,* feudaidh an camadh crannchuir tachairt innte. Bha Isaiah 'n a fhàidh urramach, gidheadh gle neo-shoirbheachail, Isa. liii. 1. Chòmhluich Ieremiah ri co lion mi-mhisneach agus droch làimh- seachadh, ann an cleachdadh a dhreuchd naoimh, ionnas gu'n robh e gle f haisg air a toirt thairis, ag ràdh, " Cha toir mi iomradh air, ni mo labhras mi tuilleadh 'n a ainm/' Ier. xx. 9. Tha an Salmadair a* toirt fainear gu bheil an camadh so a' tachairt gu minig ann an crannchur cuid do dhaoine tha gle dhìchiollach 'n an gnothaichibh saoghalta, muinntir u a shiol chuireas achanna agus aig amannaibh tha Dia 'g am beannachadh agus cha lughdaich e an spreidh: Ach a rithist, lughdaichear agus leigear sìos iad le foirneart, olc agus doilgheas/, Salm cvii. 37, 38, 39. Rinneadh a leithid so a chamadh ann an crannchur Ioib, an dèigh dha mairsinn dìreach ùine fhada. Tha cuid a' riaghladh an gnothaichean leis gach uile chùram agus dhìchioll, tha 'n tuathanach gu cùramach a' saoithreachadh 'fhearainn : tha 'n ciobear a' rann- sachadh a mach le dìchioll staid d chaorach ; agus a' toirt an aire mhath da 'threudaibh : tha 'm fear- ceaird moch agus anmoch air ceann a ghnothaich : tha'n ceannaiche gu dian dìchiollach a' feitheamh gus na cothromaibh is ro f hearr agus is gealltann- aiche air buannachd a ghlacadh ; gidheadh tha an camadh a tha 's an earrainn sin oVn crannchur co mòr 's nach urrainn an uile dhìchioll a dhìreadh. C'arson? Tha, do bhrìgh gu bheil na meadhonan

Saoghalta. ;

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

27

is ro shònruichte a ghnàthaichear a chum na crìche sin gun bhrìgh, asèugmhais gu'nd' àithn Dia dhoibh soirbheachadh : (e Co esan a their, agus gu'n tig e gu crìch^ an uair nach aithn an Tighearna V Tuir. iii. 37. Tha muinntir ag obair le seòltachd agus dìchioll air an gnothach, gidheadh tha'n soirbheas a' tionndadh 'n an eudainn, tha freasdal a' cur an aghaidh an ionnsuidhean, tha e cur troimh cheile 'n dealbhan, a' mealladh an dùil agus an dòchais, a' toirt an oidheirpean gu neo-bhrìgh, agus mar sin 'g an cuir agus 'g an cumail an còmhnaidh ann an cor trioblaideach. *cMar sin cha'n ann do na daoinibh luatha tha an rèis^ no do na daoinibh treuna an cath, no do na daoinibh glic aran, no do dhaoinibh tuigseach saoibhreas/' Ecl. ix. 11. Gidheadh tha freasdal a' teachd 's an ead- raiginn, agus a' deanamh càm na nithe a rinn gliocas agus dìchioll dhaoine dìreach freagarrach ri 'n crìoch- aibh fa leth ; mar sin tha na daoine luatha a' càll na rèis, 's na daoine treuna an cath, agus na daoine glice arain : am feadh, aig a cheart àm^, a tha ni èiginn ann an rathad freasdail b! deanamh 'n àirde na h-uireasbhuidh a th' ann an comas, an giùlan, agus an gliocas dhaoine, tha na daoine màll a' buannachd na rèis, agus a' faotuinn a' ghìll, 's tha na daoine lag a' cosnadh a' chath, agus 'g an dean- amh fèin saoibhir leis a' chreich ; agus tha aran a' tuiteam ann an uchd an amadain.

4. Feudaidh e tachairt ann an cdirdibh neach. Is iad na càirdean uilt gach comuinn ; agus feudaidh an camadh 's a' chrannchur tachairt an sin3 mar is tric is anns na h-uilt sin is ro ghèire a mhothaich- eas neach a chràdh. Is iad na h-uilt sin 'n an nàdur tobar sòlais an duine ; gidheadh tha iad gu minig a' sruthadh an t-searbhais is d'a ionnsuidh. Air uairibh tha'n camadh so a' tachairt le càirdibh a chàll. Mar sin rinneadh camadh ann an crannchur Iacoib, le bàs Racheil a chèilidh gràdh-

28

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

ach, agus theab càll Ioseiph, a mhic, agus aon ghràidh, a thoirt le bròn do'n uaigh. Tha lob a' caoidh a' chamaidh so 'n a chrannchur fèin, Iob xvi. 7. " Rinn thu aonarach mo chuideachd uile a' ciallachadh a chlann ghràdhach, a chairich e gu leir anns an uaigh, cha d'fhàgadh uiread agus aon mhac no nighean aige. A rithist, tha'n camadh air uairibh air a dheanamh le làimh smachdach- aidh Dhè bhi luidh tròm air ar càirdibh ; agus a thaobh an dlù dhàimh, mothaichidh sinne gu goirt an cudthrom, mar a tha e air a chur an ceill gu faireachdail leis a' mhnaoi chreidmheach sin. Mata xv. 22. " Dean tròcair orma a Thighearn, a ta mo nighean àir a buaireadh gu truagh." Mhothaich Èphraim cùrsa searbh do àmhghairibh teaghlaich, " 'n uair a thug e Beriah mar ainm air a mhac, a chionn gu'n d eirich gu h-olc le ,thigh.,> 1 Eachd. vii. 23. A chionn nach e a mhàin gur dìomhanas na h-uile nithe, ach buaireadh spioraid, 's gànn is urrainn e bhi, nach mothaich an duine àm air chor-eiginn^ mar is mo dh'fhosglair dha do na tobraichibh sòlais so, nach 'eil annta ach an tuille thuil-dhorsa doilgheis chum brùchdadh a steach air ; am bròn an comhnuidh air a chothrom- achadh ris an t-sòlas a gheibhear annta, no dh'earbta uatha. Agus^, 's an àite mu dheireadh, tha'n camadh air uairibh a' tachairt troimh neorthairisneachd chàirdean a thaobh mi-thaitneas an gnè, an càil, agus an doigh. Bha camadh ann an crannchur Ioib, trid easumhlachd agus ascaoineachd a mhnà. Iob. xix. 17. Ann an crannchur Abigail, trid mi- ghnè agus iargaltas a fìr-posda. 1 Sam. xxv. 25. Ann an crannchur Eli, trid ceannairc agus rag- inhuinealachd a chuid cloinne. Caib. ii. 25. Agus ann an crannchur Ionatain, trid nàdur garg agus feargach athar. Caib. xx. 30, 33. Mar sin tha daoine mar is tric a' faotuinn an trioblaid is far an robh iad aig earbs' an t-sòlas bu mhò. Chuir

AN CAMADH 's AJ CHRANNCHUR.

29

am peacadh an cruthachadh gu leir air aimhreidh, agus dh'fhàg e gach dàimh fa leth huailteach do'n chamadh. Anns an teaghlach gheibhear maighstirean cruaidh agus mi-cheart, agus seirbhisich do-cheann- saichte agus mi-dhìleas: ann an coimhearsnachd gheibhear daoine fein-speiseil agus connspoideach ; anns an Eaglais gheibhear ministeirean neo-tharbhach agus mi-chiatach 'n an giùlan, agus pobull tàireil agus mi-riaghailteach 'n an eallach do spioradaibh mhinisteirean ; anns an Stàda gheibhear luchd- riaghlaidh an-iochdmhor agus caoin-shuarach mu'n ni sin a ta math, agus iochdaranan buaireasach agus ceannairceach ; tha na h-uile dhiubh so a' deanamh camaidh ann an crannchur an càirdean. Agus an f had so mti'n chamadh.

II. Air dhuinn beachd a' ghabhail air a' chamadh fèin, tha sinn anns an dara àite gu thoirt fainear gur ann do dheanamh Dhè a tha e. Agus ann an so tha gu bhi air a nochdadh 1. Gur ann do dheanamh Dhè a tha e. 2. Cionnas a tha e do dheanamh-sa 3. C'arson a tha e 'g a dheanamh.

An tùs Tha e soilleir bho na tri aobhairibh so, gur ann do dheanamh Dhè a tha 'n camadh 's 'a chrannchur3 ciod air bith e.

1. Cha'n fheudar a' chur an teagamh nach smachdachadhair son uilcan camadh's a' chrannchur, ciod air bith aobhar air son am bheil e ; is e sin, co aca a tha 'n camadh^ no 'n t-aobhar *s a' cheart àm peacach, no nach 'eil, gun teagamh is peanas no àmhghar a th'ann. A nis, mar a dh'fheudas e a bhi gu naomh agus gu ceart air a leagadh mar pheanas oirnne, le ar 'n Ard-uachdaran ar Tighearn agus ar Breitheamh ; mar sin tha e gu soilleir a' cur an cèill gur ann de dheanamh fèin a tha e. Amos, iii. 6. " Am bi dòrainn ann am baile, s nach e 'n Tighearn a chuir ann e V Uime sin, do bhrìgh nach urrainn smachdachadh air son uilc ach a bhi do dheanamh Dhè, agus gur smachdachadh do'n

30

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

hnè sin an camadh 's a' chrannchur, feumar a cho' hùnadh gur ann do dheanamh-sa a tha e, 2. Tha e dearbhta, bho theagasg an sgriobtuir mu f hreasdal Dè, gu bheil Dia sl' toirt air adhairt crannchur gach neach, 'n a 'uile earrannaibh fa leth. Tha e 'n a shuidh air stiuir gnothaichean dhaoine ; agus 'g an tionndadh mu'n cuairt ge Ve taobh is àill leis. " Ge b'e ni bu toil leis an Tighearn rinn e air nèamh agus air talamh, anns na cuantaibh, agus anns na doimhneachdaibh uile." Salm cxxxv. 6. Cha tachair ni sam bith dhuinne as èugmhais riaghlaidh a fhreasdail-san. Tha'n dearbh f hreasdal a thug sinn a' mach as a* bhroinn, 'g ar tabhairt agus 'g ar suidheachadh anns an ionad, agus anns an staid a shònruicheadh air ar son leis- san u a shuidhich na h-amanna roimh-òrduichte, agus crìochan ar 'n àite còmhnuidh " Gnìomh. xvii. 26. Tha e a' riaghladh nan nithe is lugha tha tachairt mu'n cuairt dhuinn, mar a ta " tuiteam fuilteine ar cinn air an talanih." Mata x. 29, 30, C( Anns an uchd tilgear an crannchur." Gnàth. xvi. 33. Seadh, saor ghnìomharan ar toil leis am bheil sinn a' ròghnachadh air ar son fèin, oir " mar shruthaibh uisgeacha tha cridhe righ ann an làimh an Tighearna." Gnàth. xxi. 1. Agus gach ceum a ni sinn, agus a ni muinntir eile air ar son ; oir iC cha'n 'eil slighe duine 'n a chomas fèin: cha'n 'eil e 'n comas duine a ta 'g imeachd a cheum a' stiùradh/' Ier. x. 23. Uime sin, co dhiubh a tha na ceumanna sin, a tha deanamh a' chamaidh, no na ceumanna a tha air an rùnachadh roimh làimh agus peacach, mur bha reic Ioseiph le 'bhrathraibh do'n Eiphit : no co dhiubh a tha iad neo-rùnaichte, mar a ta mortadh gun droch rùn no nach 'eil, ach a mhàin a thaobh tuiteamais, mar a ta 'nuair a bhios duine gearradh fiodha, agus a mharbhas e 'choimh- earsnach le te ceann na tuaidh a leum bhàrr na coise." Deut. xix. 5. Tha freasdal naomh agus

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR. 31

glic a' riaghaladh gnìomhara peacach agus neo- fhaicilleach dhaoine., mar a stiuireas marcach each erùbach, cha 'n e coire a' mharcaich nach siubhail e còmhnard, ach crùbaichead an eich fèin: Uime sin, anns a' cheud chor dhiubh so, tha e air a' ràdh gu'n cuir Dia Ioseph do'n Eiphit. Gen. xlv. 7. Agus anns a' chor mu dheireadh, gu'n d'thug e thairis neach g'a làimh a choimhearsnaich. Ecsod. xxi. 13.

3. Dh'òrduich Dia le rùn sìorruidlr, daingean mar 44 shleibhtibh umha,,, Sech. vi. 1, an t-iomlan do chrannchur nan uile chreutairean, na h-earr- annan a tha càm co math ris na h-earrannaibh a tha dìreach. Leis an òrdugh bhith-bhuan cheudna, leis na shuidhicheadh ionada àrd agus iochdrach na talmhainn, na sleibhtean, agus na glinn, tha'n àirde agus an doimhne^, an soirbheas agus an doirbheas a th'ann an crannchur a luchd-àiteach- aidh air an òrduchadh; agus tha iad air an toirt mu'n cuairt 'n an àm, fior fhreagarrach ris an òrdugh sin. 'S e rùn-dìomhair freasdail, ann an uachd- ranachd an t-saoghail, an aitreabh a thogadh le Dia, 'n a h-uile earrannaibh fa leth, a rèir an dearbh shuidheachaidh a bh'ann an "rùn an a ta 'g oib- reachadh nan uile nithe a rèir comhairle a thoile fèin.,, Eph. i. 11. Air chor as nach 'eil camadh air bith ann an crannchur neach^ nach fheudar a lòrgachadh chum an rùn shìorruidh sin. Tha Iob gu cràbhach a' cur eisimpleir do'n ghne so f ' ar comhair 'n a chor fèin. Iob xxiii. 13, 14. " Tha e 's an aon bheachd, agus co a thionndaidheas e? agus an ni is miann le 'anam, sin ni e. Oir coimhlionaidh e an ni a dliòrduicheadh dhomhsa ; agus tha mòran d'an leithidibh sin aige.,,

'S an dara dite Chum's gu'm faic sin cionnas a tha'n camadh 's a' chrannchur do dheanamh Dhè, feumaidh sinn eadar-dhealachadh a' chur eadar

32

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

camadh fior-ghlan neo-lochdach, agus camadh neo- ghlan peacach.

1. Tha camaidhean fior-ghlan neo-lochdach ann ; nithe gu n amharus a tha ro chràiteach, ged nach 'eil annta ach a mhain trioblaidean^ agus deuchainn- ean neo-thruaillidh. B' ann diubh sin bochdainn Lasaruis, aimrideas Racheil, suilean anmhunn Leah, agus doille'n duine a bha dàll bho rugadh e. Eoin ix. 1. A nis 's ann do dheanamh Dhè a tha na camaidh- ean a tha do'n ghnè so, g an òrduchadh, agus g an toirt gu crìoch gu h-eifeachdach le buaidh a chumh- achd. Is esan a chruthaich am bochd. Gnàth. xvii. 5. " An a ni fanoid air a' bhochd, bheir e masladh d'a Chruithfhear is e sin, bheir e masladh do Dhia a rinn bochd e, a rèir an f hocail sin. 1 Sam. ii. 7. ce 'S e 'n Tighearn a ni bochd." 'S esan aig am bheil iuchair na brònn, agus dùnaidh no fosglaidh e i, mar is àill leis. 1 Sam. i. 5 Gen. xxix. 31. " Agus is esan a dhealbh an t-sùil." Salm. xciv. 9. Agus "rugadh an duine dàll, a chum gu 'm foillsichte oibre Dhè ann/' Eoin ix, 3. Uime sin, thubhairt an Tighearna ri Maois. Ecsod. iv. 11. " Co a rinn bèul an duine ; no co a rinn am balbh, no 'm bodhar, no'n a chi, no*n dall? Nach mise an Tighearna?" 'S e Dia a tha deanamh an leithid sin a' chamaidhean 's a' chrann- chur anns an t-seadh is cothromaiche, agus 'nuair a ghabhar làn bheachd orra, is iad da rìreadh gnìomh a làimhe-sa, co cinnteach ris na neàmhaibh agus ris an talamh.

2. Tha camaidhean neo-ghlan peacach ann, nithe, a thaobh an naduir fèin, a tha 'n am peacaidhean co math 's a tha iad n an àmhghairean, truaillidh co math 's a tha iad craiteach. B' ann diubh sin an camadh a rinneadh ann an crannchur Dhaibhidh, trid mi-riaghailt a theaghlaich, mar a bha truaill- eadh Thamair, mort Amnoin, agus ceannairc Absaloim, an t-iomlan diubh mi-nadurrach. B' ann

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

33

do 'n glinè cheudna bha 'n camadh a rinneadh ann an crannchur Ioih, 'nuair a thugadh air falbh a mhaoin, agus a mharbhadh a sheirbhisich leis na Sabeanaich agus leis na Caldeanaich. Mar a b' iad sin amhghairean Dhaibhidh agus Ioib, fa leth, mar sin b* iad peacanna na muinntir neo-shonadh, a chuir an gnìomh iad. Mar so feudaidh an t-aon ni a bhi 'n a chionta,, agus 'n a pheacadh uamharra do aon neach, agus a mhàin 'n a f hulangas agus 'n a àmhghar do neach eile. A nis, cha 'eil na camaidh- ean a tha do'n ghnè so do dheanamh Dhè, anns an aon tomhas riusan a dh'ainmich mi 's a' cheud àite ; oir ni 'n cuir e olc ann an cridhe neach air bith^ ni mo bhrosnuicheas e chum uilc ; cc Oir cha chomasach Dia a bhuaireadh le h-olc, ni mo bhuair- eas e neach sam bith." Seum. i. 13. Gidheadh 's ann do dheanamh-san a tha iad do bhrìgh gu bheil e gu naomh 'g an ceadachadh, gu cumhachdach a' cur crìochaibh mu'n cuairt doibh^ agus gu glic 'g an riaghladh chum crìoch mhath air choir-eginn.

1. Tha Dia gu naomh 'g an ceadachadh3 a' fulang do dhaoinibh imeachd 'n an slighibh fèin. Gnìomh. xiv. 16. Ged nach e Dia ughdair nan camaidhean peacach sin, 'g an toirt mu'n cuairt le buaidh a chumhachd ; gidheadh mar ceadaicheadh esan iad, cha b'urrainn iad a bhi idir ann ; oir u dunaidh esan^ agus cha 'n fhosgail neach air bith." Taisb. iii. 7. Ach tha e ann an ceartas a' cumail a ghràis bho'n pheacach nach 'eil 'g a iarraidh, agus a' toirt dheth na cuibhrich fo'm bheil e neo-shocrach, agus do bhrìgh gur àill leis a' pheacach a shaorsainn, tha e leigeadh an t-srian mu 'mhuineal, agus 'g a fhàg- ail do thoil ana-mianna fèin. Hosea iv. 17. cc Tha Ephraim air a dhlù-cheangal ri iodholaibh, leig leis," Salm lxxxi. 11, 12, cc Cha do ghabh Israel rium,— uime sin thug mi thairis iad do ana- miann an cridhe fèin." Anns a' staid neo-shonadh sin, a thaobh aomaidh sònruichte a pheacaich fèin,

c

34

AN CAMADH *S A' CHRANNCHUR.

tha'n camadh mi-naomh gu nàdurrach agus gu neo- mhearachdach 'g a leantuinn, eadhon mar a ruith- eas uisge le bruthaich ; uime sin, anns a' staid sin, " dh'imich Israel 'n an comhairle fein/' rann 12. Mar sin 's ann do dheanamh Dhè, mar bhreith- eamh ceart a tha'n seòrsa camaidh sin, a' deanamh peanais leis air an neach a tha fulang fodha. Chuir am beachd sin do'n chùis Daibhidh 'n a thosd nuair a bha Simei 'g a mhallachadh. 2 Sam. xvi. 11. " Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh'iarr an Tighearn air."

2. Tha e gu cumhachdach a' cur gàradh rompa, Salm, lxxvi. 10. " Fuigheall na feirge (eadhon,, feirg a' chreutair) coisgidh tu." Ge b'e co cràiteach 's a tha cor neach air bith lcis na trioblaidibh so, mar cuireadh Dia crìoch rompa bhitheadh iad ni bu ro chràitiche : ach tha esan ag radh ris an inn- eal pheacach, mar a thubhairt e ris an fhairge, " Gu ruig so thig thu, ach cha tig ni's faide, agus an so coisgear do thonna uaibhreach V* Tha e 'cur bacadh air an inneal, air chòr 's nach urrainn e dol aon cheum ni's fhaide air adhairt anns an rathad 's am bheil neart ana-mianna 'g a iomain, ach mar chi esan iomchuidh a cheadachadh. Air an aobhar sin tha e tachairt^ nach 'eil an camadh a tha do'n ghnè so aon chuid ni 's no ni 's lugha, ach ceart mar is àill leis-san a cheadach- adh le 'chumhachd. Tha eisimpleir comharraichte againn do'n t-seorsa so ann an còr Ioib, aig an d'rinneadh a chrannchur càm trid ghnìomhachadh sònruichte an diabhoil ; ach chuir Dia gàradh roimh na pheacach mhòr sin anns a' chùis. '* Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach ni a ta aige a' d' làimh-sa : a mhàin air fèin, na cuir do làmh." Iob. i. 12. Nise chaidh Sàtan co fada 's a leigeadh an gàradh leis, cha dh'fhàg e ni sam bith a bha'n taobh a stigh dha gun bheantuinn ris, a mheas e a bhitheadh freagarrach chum a run

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR. 35

a thoirt gu crìoch, rann 18, 19. Gidheadh cha'n fheudadh e air chor sam bith a' dhol aon cheum thairis air, chum a'phùinc nach b'urrainn e bhuann- achd an taobh a stigh dha dheanamh a mach. Uime sin, cha d'fhàgadh meadhon air bith chum an deuchainn a dheanamh ni bu mhò, agus an camadh ni bu ro chràitiche, ach gu'n tugta an gàradh a chuireadh uime air falbh, agus comas 'oibreachaidh a' dheanamh ni b' fharsuinge ; air an aobhar sin a' deir e, " Ach cuir a nis a mach do làmh, agus bean r' a chnàimh agus r'a fheoil, agus as an eudan mallachaidh e thu/' caib. ii. 5. Agus a reir sin thugadh air falbh an gàradh, gidh- eadh3 aig a' cheart àm_, chuireadh gàradh as ùr uime, rann 6. " Feuch tha e a' d' làmh-sa, ach caomhain anam ;" mar sin thugadh an camadh air adhairt gus a' chuid a b'fhaide a mach a cheadaicheadh an gàradh nuadh dha, a rèir an rùin a bh'aige-san gu thoirt air Iob toibheum a labhairt ; " Bhuail Sàtan e le neasgaidibh cràiteach, bho bhònn a choise gu mullach a chinn/' rann 7. 'Nuair a chunnaic Sàtan nach do shoirbhich an ionnsuidh so, mharbhadh e Iob gun teagamh, mar biodh an gàr- adh a chuireadh mu bheatha.

3. Tha e gu glic 'g an riaghladh chum crìoch mhath, air chor-eiginn, freagarrach do'n iomlain- eachd neàmhaidh. Ged is ann bho dhroch rùn a tha'n t-inneal peacach a' deanamh a' chamaidh, tha Dia 'g a stiùradh chum crìoch naomh agus mhath. Anns na mi-riaghailtibh a thachair ann an teaghlach Dhaibhidh, b' e rùn Amnoin, ana- miann brùideil a riarachadh; agus rùn Absaloim e fèin a shàsachadh le dioghaltas, agus a ghloir- mhiann agus 'ardan a thoilleachadh ; ach rùnaich Dia leo sin peanas a dheanamh air Daibhidh air son a pheacaidh ann an cùis Uriah. Anns a' cha m- adh a rinneadh ann an crannchur Ioib, le Sàtan, agus le innealaibh na Sabeanaich agus na Caldean-

36

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

aich, b 'e rùn Shàtain gu'n d'thugadh e air Iob toibheum a ]abhairt, agus an rùn-san an sànnt fèin a riarachadh ; ach bha rùn eile aig Dia anns a' chùis freagarrach dha fèin, eadhon, dearbhadh a' chur air trèibhdhireas agus ionracas Ioib. Mar biodh gu bheil Dia a' riaghladh gu glic agus gu cumhachdach nan camaidhean so th'ann an crann- chur dhaoine, cha b'urrainn math air bith teachd asda ; ach tha e 'n comhnuidh 'g an riaghladh air dhoigh, 's gu bheil e coilionadh a chomhairle naoimh fein leo, (gidheadh cha'n e sin a tha 'm peacach a' rùnachadh;) oir cha'n urrainn arùn-san failneach- adh, cc seasaidh a chomhairle." Isa. xlvi. 10. Mar sin tha'n camadh peacach, le riaghladh Dhè, air a thoirt mu 'n cuairt chum a ghlòire fèin, agus math a' phobuill mu dheireadh ; a rèir an fhocail sin, Gnàth. xvi. 4. " Rinn an Tighearna gach ni air a shon fèin." Rom. viii. 28. Comh-oibrichidh na li-uile nithe chum maith, do'n dream aig am bheil gràdh do Dhia." Mar so chaidh innleachd Hamain chum nan ludhach a sgrios, a thionndadh gu ceart an aghaidh sin, Ester. ix. 1 . Agus an camadh a rinn- eadh ann an chrannchur Ioseiph, le a bhraitbribh 'g a reic do 'n Eiphit, ged bha e do 'n taobhsa ro pheacach, agus 'n a rùn gle chronail ; gidheadh do bhrìgh gur ann do dheanamh Dhè a bha e, leis gu'n do cheadaich se e gu naomh, 's gu'n chuir e gu cumhachdach gàradh mu thimchioll, agus gu'n riaghail se e gu glic, thàinig e gu crìch fior f hrea- garrach do ghliocas agus do mhaitheas : nithe a thug Ioseph gu'n cuimhne. Gen. 1. 20. cc Agus d*ar taobh-sa, shònraich sibh olc sl m' aghaidh ; ach shònraich Dia sin a chum maith, a chum, mar air an 'n diugh, gu 'n tearnadh e mòr shluagh heò."

' S an treas dite. Tha e nise ri fharraid, car son a tha Dia a' deanamh camaidh ann an crann- chur neach ? Tha so gu bhi air a shoilleireachadh

AN CAMADH 'S A* CHRARNCHUR.

37

le bhi foillseachadh rùn an fhreasdail sin ; gnoth- ach air am bu chòir do gach neach a bhi eòlach, agus a thoirt fainear gu cùramach, chum feum a dheanamh mar Chriosduidhean do'n chamadh 'n an crannchur. Bheiream fainear gu sònruichte, gu bheil rùn seachd-fillte aig an f hreasdal sin.

1. A chum dearbhadh a' chur air staid neach. Am bheil e ann an staid gràis_, no nach 'eil ? Am bheil e 'n a fhior Chriosduidh, no 'n a chealgair ? Ged tha gach uile àmhghair 'n a mheadhon dearbhaidh. gidheadh tha mi smuaineachadh gur e so am fior dhearbhadh a tha freasdal a' cur air neach, a thaobh a staid, do bhrìgh gur trioblaid an camadh crann- chuir, a mhaireas seal, tha cothrom aig neach air e fèin a leigeadh ris agus a thaisbeanadh a rithist agus a rithist anns an aon ni ; uaithe sin tha e tachairt., gu bheil e toirt aobhair chum breith a thoirt, anns a phùinc chudthromach sin. B'ann gu soilleir air a bhunait so chaidh dearbhadh a' chur air staid Ioib. B' i cheiste, an robh Iob na fhior sheirbhiseach dìr- each agus ionnraic do Dhia, mar thug Dia fèin fian- uis mu thimchioll; no'n robh ann ach fear-tuar- asdail, no cealgair^, mar bha Sàtan a' cumail a mach? Uime sin^ chaidh deuchainn a' chur air anns a' chùis sin le camadh a' dheanamh 'n a chrannchur. Iob i. 8 12, and ii. 3 6. A rèir sin, b' e 'n ni sònruichte air an robh a chàirdean uile (ach Elihu) ag dearcadh 'n an reusonachadh ris fodh dheuchainn, a dhearbhadh nach robh ann ach cealgair : oir ghnàthaich Sàtan na daoine math sin chum a phùinc a dheanamh a' mach. Mar a chur Dia dearbhadh air cloinn Israeil anns an fhàsach, air son tìr Chanaain, le cùrsa do fhreasdalaibh àmhgharach a' ghiùlain (.aleb agus Iosua gu gais- geil, mheasadh iad iomchuidh air dol a steach do thìr a' gheallaidh, do bhrìgh " guJn do lean iad an Tighearna gu h-iomlan;,> ach air do mhuinntir eile bhi air an sgìtheachadh leo, thuit an coluinn-

38

AN CAMADH 'S 'a CHRANNCHUR.

ean anns an fhàsach; mar sin tha e 'cur dearbh- aidh air daoinibh air son flaitheanais, leis a' cham- adh 'n an crannchur. Ma sheasas neach ris an deuchainn sin, tha e foillseachadh a bhi 'n a Chriosd- uidh, 's 'n a sheirbhiseach trèibhdhireach do Dhia, mar a dhearbh Iob a bhi ; mar seas cha'n 'eil ann ach cealgair : cha 'n urrainn e seasamh ri deuch- ainn a' chamaidh 'n a chrannchur, ach siùbhlaidh e air falbh mar shàl ann an àmhuinn Dhe'. Tha eisempleir brònach againn do 'n ghnè so ann an cor an duine mhòir shaoibhir sin, a thàinig a dh'ionn- suidh ar Slanuighear gu h-andana le sgàil do dhiadhachd, a bha sruthadh bho ghiùlan beusach, a dh'fheoraich dheth "ciod a dheanadh e chum gu sealbhaicheadh e a' bheatha mhaireannach." Marc x. 17, 21. Chum an duine leigeadh ris dha fèin rinn ar Slanuighear camadh 'n a chrannchur, ann an earrainn a bha dìreach riamh roimhe sin, chum a dhearbhaidh, dh'aithn e dha na bh'aige reic agus a thabhairt seachad, agus esan a' lean- tuinn, rann 21, ee Reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdaibh, agus thig tog an crann-ceusaidh, agus lean mise.>' Leis an òrdugh so chaidh a rùsg- adh ann an tiota ann an cùirt na coguise do'sheilbh- ibh mòra ; air choir is uaithe sin a mach nach Vurrainn e 'n cumail ni b'fhaide le deadh choguis, mar dh*fheudadh e dheanamh roimhe sin. Mhoth- aich an duine air bàll cràdh a' chamaidh so a rinneadh n a chrannchur ; tcbha doilghios air-san air-son nam briathra sin," rann 22, is e sin, air bàll air dha an cluinntinn^ bhuaileadh e le cràdh, mi-riaghailt, agus buaireas inntinn, chaochail dreach a ghnuis, 's dh'fhàs i gruamach agus dòrcha, mar a ta 'm focal ceudna air a ghnàthachadh ann am Mata xvi. 3. Cha b'urrainn e seasamh ri deuchainn a' chamaidh sin ; cha b'urrainn e air sheòl sam bith a chrannchur ùmhlachadh do Dhia 's an staid sin, ach bu mhath leis air na h-uile

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

39

chor e bhi a rèir a chàil fèin. Mar sin " dh'f halbh e gu tursach ; oir bha mòran saoibhris aige." Dh'imich e air falbh bho Chriosd chum 'oighreachd phailt, agus, le cridhe cràiteach agus brònach, shuidh e sìos a rithist 'n a fochair, 'n a shealbhadair ceannairceach an làthair an Tighearn, a' cur an aghaidh na h-àithne naoimh. Agus cha'n 'eil cos- las air bith gu'n d'atharraicheadh an t-òrdugh so, no gu'n d'thàinig e riamh gu rùn ni b'fhearr a thaobh nan nithe sin.

2. A chum neach a bhrosnachadh gu 'dhleasnas, agus a chuir air diol bho 'n t-saoghal so, agus a dhùsgadh gu amharc an deigh sonais an ath shaogh- ail. Is iomadh neach a bha'n comain a' cham- aidh 'n an crannchur, air son gun d' thàinig iad riamh dan ionnsuidh fèin, agus gu'n d'fhàs iad stòlda ciallach. Air dhoibh bhi tamuill ag imeachd "mar asail fhiadhaich cleachdta ri fàs- ach/' a' diultadh pilleadh, thuislich an cos ann an àm iomchuidh; rinneadh camadh leis a siu n an crannchur, thàinig am mios, anns an deach- aidh an glacadh. Ier. ii. 24. B ann mar so thug- adh am mac stròghail d'a ionnsuidh fèin agus a chuireadh thuige e gu smuaineachadh air pilltinn a chum athar. Luc. xv. 17. Tha'n camadh 's a' chrannchur a' dearbhadh dhoibh mu dheireadh nach i so am fois. Tha iad an còmhnuidh a' mothachadhbioradh do dhroigheann a' mhi-shuaimh- neis_, ge b'e uair a leigeas iad sìos an cinn far am bu mhiann leo fois a ghabhail 's a chreutair, air chor 's gur èiginn dhoibh a thogail a rìs, mar sin tha iad air an toirt gu co'dhunadh, nach 'eil fois ri fhaotuinn an sin, agus air dhoibh tòiseachadh ri dol mu'n cuairt air son fois rathad eile, tha sin a' deanamh gnothaich dhoibh chum Dhè, nach robh aca riamh roimhe : do bhrìgh gu bheil iad a moth- achadh am feum air son sòlais an ath shaoghail, air nach robh blas air bith aig am beòil, am feadh s a

40

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR

bha'n crannchur dìreach a rèir an càil. Uime sin, ge b'e feum a ni sinn do'n chamadh 'n ar crannchur, 's e tha e 'cur an cèiU;%?e Eiribh, agus imichibh, oir cha'n i so ' ur còmhnuidh." Agus gu cinnteach do gach uile ghnè àmhghair agus meadhon irioslach- aidh, 's e 'n camadh is mo chlaoidheas fior Chriosd- uidh do'n bheatha agus do'n t-saoghal so.

3. Geur-mhothachadh peacaidh. Mar dh'fhàs- as neach a dh'imicheas gu neo-fhaicilleach, crub- ach gu h-obann ; dearbhaidh a bhacaichead dha & chuid eile d'a thurus gu'n d' rinn e ceum doch- arach ; agus bheir gach ceum cràiteach a ni e as ur gu chuimhne e a rithist ; 's ann mar sin a tha Dia a' deanamh camaidh ann an crannchur neach, chum an ceum tuisleach a rinn e, no an cùrsa clì a lean e a dhearbhadh dha. An ni bhiodh am peacach air mhodh eile ullamh gu amharc thairis air, agus a dhì-chuimhneachadh, no mheas mar ni eutrom, tha e leis a mheadhon so air a thoirt gu 'chuimhne, 's air a chumail 'n a chuimhne, agus air a chuir fa chomhair mar ni olc agus searbh, chum gu'm bi a chridhe air a lot air a shon as ùr an dràsd agus a rithist. Mar so, leis a' chamadh tha peacanna dhaoine g am faotuinn a mach chum an ciont a leigeadh ris dhoibh, " mar a bhios nàire air meirl- each an uair a ghlacar e ; " Air. xxxii* 23. Ier. ii. 26. Ni tha braithrean Ioseiph gu faireachdail a' cur an cèill fo'n chamadh a rinneadh 'n an crann- chur 's an Eiphit. Gen. xlii. 21. "Tha sinne gu deimhin ciontach a thaobh ar bràthar/' caib. xliv. 16. Fhuair Dia a mach aingidheachd do sheir- bhiseach." Tha'n camadh crannchuir gu gnàth- aichte, 'n a ghnè no n a staid^ co nadurrach a' co' f hreagradh ris a' cheum no ris a' chursa chlì_, 's gu bheil e diongadh cuimhneachan freasdalach air, a' toirt a pheacaidh, eadhon an t-sheann pheac- aidh as ur chum na cuimhne, agus mar chomh- arradh air amaideachd a' pheacaich ann am fo-

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

41

cal no 'n gnìomh, 'g a chumail a ghnà fa chomh- air. 'N uair a thugadh an càr à Iacob, trid ceilg Labain, le Leah à thabhairt dha ann an àite Racheil, cionnus a b'urrainn e gu'n bhi 'n a chuimh- neachan goirt dha an càr a thug e à athair fèin, seachd bliadhna roimhe sin, le gabhail air gu'm b' esan Esau? Gen. xxvii. 19. Cionnus a b' urrainn e gu 'n bhi searbh dha air uairibh an deigh sim fhad 's a bha e posda? Mheall esan 'athair leis a' bhràthair a b'òige 'n riochd a' bhràth- ar bu shine ; agus mheall Laban esan leis a' phiuthair bu shine an àite na peathar a b'oige. Rinn doille suilean Isaaic còmhnadh ris a' cheud chàr ; agus dorchadas an f heasgair comhnadh ris a char mu dheireadh. Mar sin dh'fheudadh e 'g ràdh, mar a thubhairt Adonibesec ann an cùis eile,, Breith. 1.7. " Mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm." Air an doigh cheudna, mu'n d'eug.Rachel 'n a leaba-shiùbhlaidh, 's gànn gu 'm b'urrainn i sheachnadh gun bhi smuaineachadh le bròn air a chainnt bhràs agus fheargach, a th'air ainmeach- adh. Gen. xxx. 1. "Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs" Leugh eadhon Iob naomh 'n a chamadh crannchuir, cuid a' cheuman docharach a rinn e 'n a òige iomadh bliadhna roimhe sin, Iob xiii. 26. "Tha thu a' sgrìobhadh nithe searbha sl m' aghaidh, agus a toirt orm eu-cearta m' oige a shealbhachadh."

4. Smachdachadh, no peanas air son peacaidh Cha'n 'eil am focal so air a dhearbhadh ann an ni sam bith, ni's na tha e 's a' chamadh crannchuir. Ier. ii. 19. " Smachdaichidh d' aingidheachd fèin thUj agus ni do chul-sleamhnachadh fèin do chron- achadh." Feudaidh Dia peacadh neach a chead- achadh, tamuill, ris an taisbein e'n deigh sin comharradh 'fhèirge le crannchur a' phcacaich a dheanamh càm, mar a rinn e annan còr Iacoib agus Racheil a dh'ainmich mi cheana. Ged nach robh

42

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

*s a' pheacadh ach gnìomh aithgearr, no cùrsa nach do mhair fada, gidheadh feudaidh comharradh diomaidh Dhè ris a' pheacach air a shon, a phianadh gu cràiteach re ùine f hada 'n a chamadh crannchuir, chum le fèin-fhiosrachadh minig gu'm hi fios aige ciod an ni olc agus searbh a bh'ann. Cha b'fhada bha Daibhidh a' marbhadh Uriah le claidheamh chloinn Amoin : ach air son an aobhair sin cha do dhealaich an claidheamh ra thigh gu brdth. 2 Sam. xii. 10. Fhuair Gehasi gu h-ealamh mhàla airgid bho Naaman, le ceilg agus breugaibh ; ach mar chomharradh buan air feirg Dhè an aghaidh na cleas mi-naomh sin, fhuair e luibhre 'n a lòrg a lean ris fèin agus r'a shliochd gu bràth. 2 Rìgh. v. 27. Feudaidh e bhi mar so far a bheil am peac- adh air a mhaitheadh, a thaobh cionta na corruich shìorruidh, co math agus far nach 'eil. Agus feud- aidh neach am peacadh sin aideachadh agus aith- Teachas trèibhdhireach a' ghabhail as, a bheir air fathast a' dhol bacach do'n uaigh, ged nach ur- rainn e ghiùlan do dh'ifrinn. Feudaidh pearsa neach deadh-ghean fhaotuinn 's an aon ghaoil^ air am bheil fathast comharradh sònruichte do dhiomadh Dhè, le 'pheacadh an crochadh ris 'n a chamadh crannchuir. Salm xcix. 8. "Is tu an Dia a thug maitheanas dhoibh, ge d' rinn thu dìoghaltas air son an gnìomhara."

5. A chum peacadh a bhacadh. Hosea. ii. 6. cfDruididh mise suas a slighe le droighionn, agus dùnaidh mi a callaid_, air chor as nach amais i air a ceuma." Gheibhear an camadh crannchuir gu h-ealamh calg dhìreach an aghaidh claonadh mear- achdach air chor-eiginn a th'anns a' chridhe, a tha gu sònruichte toirt a' chreutair a leth-taobh : mar sin tha e coslach ri callaid dhroighionn no ri balladh 's an t-slighe gus am bheil an claonadh sin 'g a aomadh. Tha na cusbairean truaillidh a th anns an t-saoghal gu h-àraid a' dearbhadh a bhi 'n an

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR,

43

ribeadh agus 'n an cip-thuislidh, a rèir 's mar tha iad freagarrach do shuidheachadh sònruichte aignidhean dhaoine : gidheadh leis a' chamadh crannchuir, tha'n dath agus an sgàil air a chaith- eamh dheth 'n a chusbair neo-glan, leis am bheil e càll a' choslais thaitnich a bh'air roimhe sin : mar sin air do'n chonnadh a bhi air atharrachadh, tha faobhar nan aignidhean truaillidh air am maolach- adh, am buaireadh air a lagachadlr, agus iomadh peacadh air a bhacadh; an deigh do'n pheacach " a bhi co ro-luaineach a' caochladh a shlighe, pill- idh e le nàire." Ier. ii. 36, 37. Mar so tha'n Tighearn a' deanamh càm crannchuir neach, chum " gu'n tarruing e duine bho 'rùn, agus gu'm folaich e uabhar bho dhuine." Agus, mar sin, gu'n cùm e anam bho'n t-slochd. Iob. xxxiii. 17, 1 8. 'S aithne do gach aon ciod is ro thaitniche leis fèin ; ach 's ann do Dhia a mhàin is aithne ciod is ro thàr- bhaiche. Mar a ta na h-uile dhaoine 'n am breug- airibh, mar sin tha na h-uile dhaoine 'n an amadan- aibh mar an ceudna : ee 'S esan an Dia a ta mhàin glic/> Iudas, rann 25. Tha mòran an comain an camaidh crannchuir mar mheadhon, gu 'n cumail bho'n ana-measarrachd sin_, chum am b'àill le'n inntinnibh dìomhain agus an aignidhibh truaillidh fèin an giùlan fo làn sheòl ; agus nam b'e 's gu'n smuainicheadh iad gu cudthromach ciod a' chrìoch gus am feudadh e thighinn nam b' e 's gu'n rachadh an camadh atharrachadh, bheannaicheadh iad Dia bho'n cridhibh air son a dheanamh. 'Nuair a tha neach ann an cunnart a bhi gearan air cruaidh-chas a chamaidh, is math bu chòir dha smuaineachadh cionnas a bhiodh e freagarrach air a shonsan, mar Chriosduidh, an camadh a bhi air a thoirt air falbh fathast.

6. A chum truaillidheachd uaigneach fhoillseach- adh co dhiubh 's ann an naomhaibh no ann am peacachaibh a ta i. Tha cuid a thruaillidheachdan

44

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

ann an cridhe gach duine, a tha co eu-domhain air an suidheachadh, 's gu bheil iad ullamh gu teachd am folais air na h-uile hrosnachadh : ach tha cuid eile a tha co ro dhomhain, 's gur gànn a bheirear idir fainear iad. Ach mar bheir an teine fo'n phoit air a' chobhar èiridh suas, taisbeanadh an uachdar, agus cuir thairis ; mar sin togaidh an camadh crannchuir suas bho'n iochdar, agus bheir e mach a leithid a' thruahTeachd, is gànn a smuain- icheadh neach a bhi stigh. shaoileadh gu'n robh a leithid a' neirt feirge ann am Maois ciuin 's a dh'fhoillsich e aig uisgibh na co-'stri, ni air son an do chumadh a mach e à tìr Chanaain. Salm cvi. 32, 33. Aìreamh xx. 13. Uiread a shear- bhadais spioraid ann an lob foighidneach, 's gu'n cuireadh e as leth Dhè gu n d'fhàs e an-iochd- mhor dha. Iob xxx. 21. Uiread a dhroch nadur ann an deadh leremiah, 's gu'm mallaicheadh e cha'n e mhàin an latha air an d' rugadh e, ach eadhon an neach a thug fios d*a athair mu thim- chioll. Ier. xx. 14, 15. No leithid a mhì-chreid- eas mu Dhia ann an Asaph, 's gu'n cuireadh e 'n cèill nach robh 's an diadhachd ach ni dìomh- ain. Salm lxxiii. 13. Ach air do 'n chamadh crannchuir na nithe so a thoirt a mach, dh'fheuch e gu'n robh iad a stigh, ge b'e sam bith co fad s a' luidh iad am folach gun an aire thoirt dhoibh. Mar nach 'eil an rùn so, (ge b'e co mi-chiatach 's a cheadaicheas luchd-magaidh àrdanach dhoibh fèin labhairt uime) ann an doigh air bith neo- fhreagarrach do dh'iomlaineachd Dhè ; mar sin tha e feumail a bhi air fhoillseachadh chum peacaich irioslachadh, agus gu àrdan an uile ghlòir a chron- achadh, chum 's gu'm bi aithne aig daoinibh orra fèin. Mar an ceudna tha e ri fhaicinn, gur ann air son an dearbh-aobhair so a rinn Dia an cam- adh sin a mhair ùine co fada ann an crannchur Israeil 's an fhàsach ; eadhon gu'n irioslachadh agus

AN CAMADH 'S A1 CHRANNCHUR.

45

gu'n dearbhadh, a chum gu'm biodh fios ciod a bha 'n an cridhibh. Deut. viii. 2.

'jS an àite mu dheireadh A chum gràs a chur an cleachdadh ann an cloinn Dè. Tha na creidmhich, trid an f huigheal do thruaillidheachd a tha'n taobh a stigh dhoibh, buailteach air uairibh do lunndair- eachd agus do leisg spioradail, anns am bheil an gràsaibh 'n a luidh an codal na h-ùine sin. A thuilleadh air sin, tha cuid a' ghràsa, a thaobh an na- duir nach 'eil ach air uairibh ann an cleachdadh ; do bhrìgh nach 'eil iad ach a mhàin air an gnàthachadh air aobharaibh àraid ris am bheil dlùth dhàimh aca ; mar a ta foighidin agus fad-fhulangas. Anis tha'n camadh 's a' chrannchur a' dusgadh a' Chriosduidh gu gnàthachadh a dheanamh do na gràsaibh, air am bheil truaillidheachd aig faotuinn làmh an uachd- ar, agus, mar an ceudna, a' dearbhadh mar mheadhon sònruichte, chum nan gràsa àraid sin a' chuir an cleachdadh. Gu cinnteach, 's e 'n camadh crann- chuir an t-inneal mòr a th'aig Freasdal chum dhaoine thaisbeanadh 'n am fior dhreach fèin, a' leigeadh ris araon an olc agus am math; agus ma bhios gràs Dhè annta, cuiridh e dearbhadh air,, agus bheir e am folais e. Mar so tha e cur a' Chriosduidh gus na h-uile lùim, agus ged a tha e a' toirt air a bhi ann an amharus tamuill, gidheadh bheir e fianuis mu dheireadh araon air cinnteachd agus air neart gràis ann. " Tha sibh a nis fo thuirse tre iomadh buaireadh, chum gu faighear dearbhadh bhur creid- imh, ni's luachmhoire gu mòr na òr a theid a neo- ni, chum cliù." 1 Phead. i. 6, 7. Than camadh crannchuir a' toirt aobhair cleachdaidh do dh'- iomadh gnìomh creidimh, dòchais, gràidh, fèin-aich- eadh^ ùmhlachd clo Dhia agus do chaochladh gràsaibh eile ; do dh'iomadh analachadh, ciocras, ploscartaich, agus osnaich nèamhaidh, nach biodh air mhodh eile air am foillseachadh mar bhiodh an cam- adh. Agus cha'n 'eil mi a' cur an teagamh nach 'eil

46

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

na nithe so, ge Ve mar tha muinntir fheòlmhor a' deanamh tàir orra mar nithe nach fiù, ni's luach- mhoire ann an sealladh Dhè na tha eadhon na creid- mhich fe'in a' tuigsinn, do bhrìgh gur gnìomhara neo-mheadhonach do dh'aoradh an taohh a stigh a thannta ; agus bithidh aire neònach air a ghabhail dhiubh mu dheireadh, gidheadh mar is trice, 's gànn is urrainn na creidmhich fèin a smuainteach- adh gur fiù dhoibh fèin an aire idir a ghabhail dhiubh. Is aithne dhuinn co thuirt ris an anam ghràsmhor, " Leig dhomh amharc ort, oir a ta t'eugas maiseach." Dan. ii. 14. tC Dh'èignich thu mo chridhe le aon do d' shuilibh/' caib. iv. 9. Tha trèun ghnìomhara àrmailt do choisichibh agus do mharc-shluagh, a' cur ruaig air nàmhaid air a mhòr chliùthachadh ; gidheadh tha gnìomhachadh eagal naomh agus dòchas iriosal, da rìreadh, ni's ro luachmhoire, do bhrìgh gu bheil e mar sin ann am fianuis Dhè, aig am bheil a bhreitheanas, tha sinne cinnteach, a rèir na firinn. Tha'n Salmadair a' teagasg so. Salm cxlvii. 10, 11. " Ann an neart an eich cha bhi a dhùil; ann an cosaibh fir cha ghabh e tlachd. Gabhaidh an Tighearna tlachd annta-san d'an eagal e_, a chuireas an doigh 'n a thròcair." Agus gu cinnteach tha cleachdadh gràsan a spioraid 'n a phobu]l, co ro luachmhor 'n a shealladh, agus ciod sam bith gràs anns am bheil aon air bith dhiubh a' toirt barrachd, gu h-ealamh nithear camadh 'n an chrannchur, a bhitheas n a dheuchainn shònruichte air a shon, a chuireas dearbhadh air a làn neart. Thug Abraham barrachd ann an gràs a chreidimlx, ann an earbsa ri focal lòm geallaidh Dhè, an aghaidh reusan feolmhor Agus air do Dhia gealladh a thoirt dha, " gu'n deanadh e cinneach mòr dheth," an lorg sin rinn e camadh 'n a chrannchur^ ris an robh ni's leòir aige ri dheanamh le uile neart a chreidimh ; 'nuair a beiginn da 'dhuthaich agus a dhìlsean fhàgail gu

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

47

tur, agus a bhi air chuairt a' measg nan Canaan- ach ; a bhean mairsinn neo-thorach gus an deach- aidh i thar aois cloinne : agus mu dheireadh 'nuair a rug i Isaac, agus a dh'fhàs e suas,, ghairmeadh air a thairgse mar thabhartas-loiste ; b'e 'n dearbhadh bu ro iomlaine air a chreidimh, gun d'fhògradh air falbh Ishmael as a theaghlach, agus gu'n do chuireadh an cèill, gur "annan Isaac a mhàin a dh'ainmichear a shliochd." Gen. xxi. 12. M Bha Maois ro chiuin, thar na h-uile dhaoine a bha air aghaidh na talmhainn." Air. xii. 3. Agus dh'- earbadh ris stiùradh sluagh ro choirbte do-cheann- saichte, an camadh crannchuir a bha gu soilleir air a shònrachadh chum dearbhadh a chur air a chiuineas-san. Thug Iob barrachd ann am foigh- idin, agus leis a' chamadh a bha 'n a chrannchur- san, fhuair e uiread ri dheanamh leis. Oir cha 'n 'eil neach sam bith do phobull air am bheil e buileachadh barrachd thiodhlacan, do nach 'eil e toirt, uair air chor-eiginn, feum ni's leòir ri dhean- amh leo uile.

A nis, tha feum an teagaisg so tri-fillte. 1. Air son cronachaidh. 2. Air son sòlais. Agus 3. A chuni earail.

Feum L Tha 'm feum so air son cronachaidh a' còmhlachadh ri tri seòrsa muinntir a tha airidh air achmhasan.

'S a cheud àite. A mhuinntir fheolmhor agus thalmhaìdh, nach 'eil a' toirt fainear le eagal agus le cùram gur ann do dheanamh Dhè a tha'n camadh a tha 'n an crannchur. Gu cinnteach tha comharr- adh do làimh Dhè ri fhaicinn air a' chamadh leis an dream a bheir an aire gu ceart ; agus tha sin ag agairt gu'm biodh aire urramach air a thoirt dha, oir tha dearmad a dheanamh ah* 'n a roimh- chomharradh air sgrios. Salm xxviii. 5. " A chionn nach toir iad an aire do ghniòmharaibh an Tighearna, no do obair a làmh, sgriosaidh e iad,

48 AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

agus cha tog e suas iad." Agus anns an ni so tha mhuinntir sin mòr-chiontach, a tha 'g amharc le iomaguin air dara-aobharan, agus nach 'eil a' sealltuinn ni 's faide na 'm meadhon neo-shonadh a tha deanamh an camaidh crannchuir, gun bhi toirt an aire do'n mhathair-aobhair, ach mar ni madadh dranndan ris a' chloich, gun bhi sealltuinn ris an làimh a thilg i. 'S e so, ann an seadh_, a bhi deanamh Dia do'n chreutair ; 'g a mheas mar gu'n b'urrainn e dheth fèin ni sam bith a dheanamh, 'nuair, aig a' cheart àm^ nach 'eil ann ach an t-inneal ann an làimh Dhè, " slat a chorruich." Isa. x. 5. " A dh'òrduich e air son breitheanais, a dhaingnich e air son smachdachaidh," Hab. i. 12. O ! c'ar son a dh'àrduicheadh daoine an slatan smachdachaidh le'm beachd a shuidheachadh air meadhonaibh a chamaidh 'n an crannchur ! Gu dearbh,, fs ann a tha iad mar is trice 'n an aobhar truais, do bhrìgh nach 'eil aig & mhuinntir sin ach oifig gle neo-thaitneach, a tha cur ann an neo-bhrìgh, 's a deanamh tàir' air a' chamadh 'n an crannchur, chum an collaidheachd agus an aignidhean fèin a thoileachadh, ann a bhi toirt air camadh crannchuir muinntir eile pilltinn air an cinn fèin mu dheireadh le dìoghaltas ; mar thàinig "fuil Iesreel air tigh Iehu." Hos. i. 4. Agus tha e gu h-àraid neo-thaitneach a bhi mar so air do chleachdadh ann an cùis na muinntir a bhuineas do Dhia ; oir is ainmig a tha aobhar na comh-stri co'ionann air taobh an innil s air taobh Dhè,, ach gle eadar-dhealaichte ; mar fhianuis air sin mar bha Simei a' mallachadh Dhaibhidh, mar dhuine fuilteach, a' ciallachadh fuil tighe Shauil, do nach robh e ciontach, 'nuair a bha Dia & ciallachadh fuil Uriah, nach b'urrainn e aicheadh. 2 Sam. xvi. 7, 8. Os-barr, sguiridh a' chomh-stri eadar Dia agus a phobull mu dheireadh ; agus an sin chi an luchd- sàruchaidh nach robh aca-san ach obair gun tainig, Sechar. i. 15, " Cha robh ormsa ach corruich

AN CAMADH 'S AJ CHRANNCHUR,

49

bheag, agus chuidich iadsan air a h-aghaidh an dòrainn/' arsa Dia, ann am mòr-choiruich ris na cinnich a chionn a bhi camadh crannchuir a' pho- buill. Air an doigh cheudna tha mhuinntir sin ciontach, a tha cur an camaidh crannchuir as leth tuiteainas, no mi-shealbh, nithe anns nach 'eil ach faoin smuaintean, air an dealbh mar leithsgeilean meallta chum dhaoine chumail bho làimh Dhe' aid- eachadh. Mar so, an ni mu'n robh na Philistich an teagamh, chomhdhuin iad ni bu ro aingidh, ag ràdh ann an seadh, " Cha'n i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn,', 1 Sam. vi. 9.

Agus 's an àite mu dheireadh, tha iadsan mar an ceudna, a tha 'g an toirt fèin suas do chollaidheachd agus do shùgradh feolrnhor, a' deanamh tàire air a chamadh 'n an crànnchur, 'ga chur ann an neo- bhrìgh,, agus 'ga dhì-chuimhneachadh. Cha'n 'eil mi cur an teagamh, nach 'eil e ceadaichte do neach a dh'earbas a chùis ris an Tighearna,, agus a dh'amhairceas ris air son leigheis anns a' cheud àite, feum measarra a' dheanamh do shochairibh na beatha so, air son comhnadh anns an dara àite. Ach a thaobh an doigh sin a tha co tric air a ghnàthachadh a measg dhaoine feolmhor anns a chor so, ma s ann da rìreadh do dheanamh Dhè a tha camadh a' chrannchuir, mar gu cinnteach is ann, feumaidh e bhi gu bheii e 'n a dhoigh ro mhì chiatach mhì-chubhaidh, agus gu bhi air fhuathach- adh leis na h-uile dheadh dhaoine, Gnàth. iii. 11. M Air cronachadh an Tighearna, a rnhic, na deansa tàir." Gu cinnteach is truagh an doigh leighis e, nach urrainn gun chriochnachadh ann an ni-èiginn is miosa nan galar,, ge b'e faochadh a dh'fheudas e thoirt tamuill. Isa. xxii. 12, 14. "Agusanns an sin ghairm Iehohah Tighearna nan sluagh gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le eudach saic, agus feuch aoibhneas agus aighear, itheadh feola agus 61 rìona : Agus

50

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

db/fhoillsicheadh le Tighearna nan sluagh ann rn© chluasaibh, gu deimhin cha ghlanar an aingidheachd so air falbh uaibh gus am faigh sibh bàs."

'S an dara dite. A mhuinntir easiìmhal, aig am bheil an cridhe cosmhuil ris a mhuir bhuairte, ag at agus a' goil, a' cànran, agus a' gearan, agus nach urrainn a bhi foisneach, fo'n camadh crannchuir. Tba so 'n a dhoigh ro chunnartach agus pheacach. Tha'n t-Abstol Iude a' deanamh iomradh air cuid, " d'am bheil duibhre an dorchadais gu sìorruidh air a thasgaidh," rann 13, agus tha e g ràdh mu'n tim- choill, rann 16, " Is luchd-cànrain agus gearain an droing so ; " eadhon a sior ghearan air an crannchur, ni a tha 'm focal a th'air a chleachdadh an sin leis an Spiorad Naomh a' ciallachadh. Oir, athaobh's gur ann do dheanamh Dhè a tha'n camadh crannchuir, do nach urrainn an spiorada neo-cheannsuichte strì- ochdadh air chor sam bith, feumaidh e bhi gu bheil an cleachdaidhean 'n a chogadh an aghaidh Dhè ; agus gu cinnteach 's ann 'n a aghaidh-san a tha'n gearan agus an talach, ge b'e aogas a chuireas iad orra. Mar so 'nuair a rinn na h-Israelich gearan an aghaidh Mhaois. Aireamh xiv. 2, chuir Dia as an leth gifn d'rinn iad gearan 'n a aghaidh fèin : " Cia fhada a ghiulaineas mi leis an droch chomh- chruinneach so a tha ri gearan a'm' aghaidh %" rann 27. Mo thruaighe ! nach fheudair a cheadachadh dhasan a rinn agus a dhealbh sinn,, as eùgais ar comhairle. ar crannchur a dheanamh mar an ceud- na, as eùgais ar 'n aonta, gidheadh feumaidh sinn èiridh suas 'n a aghaidh air son a chamaidh a rinneadh ann ? Ciod a tha so a' cur an cèill, ach nach urrainn na creutairean àrdanach obair Dhè fhulang, no'n ni a rinn e a' ghiùlan ? Agus cia dubh agus cunnartach am fònn inntinn sin ? Cia mar 's urrainn duinn gun bhi air ar bristeadh n ar miribh 'n a leithid sin a chursa ? " Tha e glic an cridhe, agus treun an neart, co a chruaidh-

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

51

ich e fein 'n a aghaidh, agus a shoirbhich4? lob ix. 4.

'S an dite mu dheireadh. A mhuinntir mhì-chù- ramach agus neo-tharbhach, leis nach àill strìochda gu h-ùmhal do rùn De 'n an camadh crarmchuir. Cha'n 'eil Dia agus nàdur a' deanamh ni sam bith gu diomhain. A chionn gur esan a tha deanamh a' chamaidh, gun teagamh, tha crìoch fhreagarrach aig ann a dheanamh, dh'am bheil e mar dhleasnas fiachte oirnn an aire thoirt, a rèir mar a ta e air a chur sios ann am Micah vi. 9, "Eisdibhse an t- sìat." Agus, gu cinnteach, ma bhios neach toil- each air foghìum, mar dùin e 'shuilean, feudaidh e fhaicinn gu soilleir gur e chrìoch choitchionn a th'aig a' chamadh, neach a chuir air diol bho'n t- saoghal so, agus a ghluasad gu bhi 'g iarraidh agus a' gabhail fois cridhe ann an Dia. 'N uair a bheirear nàdur agus suidheachadh a' chamaidh fèin gu h-iomchuidh fainear, cha bhi e ro dhuilich an t-aobhar mu 'n d'rinneadh e fhaotuinn a mach ni's ro shònruichte. Ach, mo thruaighe ! cha'n 'eiì iomagain sam bith air a' pheacach mhì-chùramach a th'air dol fodha ann an aineolas agus ann an leisg spioradail, chuni rùn Freasdaii anns a' chamadh fhaotuinn a mach ; mar sin cha'n urrainn e aonta chuir ris^ ach tha e fantuinn neo thorach ; agus tha gach saothair a bh'air a ghabhail air, leis an tuathanach mhòr^, anns an fhreasdal, air a càll. " Eighidh iad air son gairdean nan daoine mòra," aig osnaich fo chruachas a1 chamaidh fèin, agus fo chudthrom laìmh an innil a tha 'g a dheanamh : ce Ach cha'n abair aon neach, C'àit am bheil Dia mo chruith-fhear/' cha'n amhairc iad, 's cha phill iad ri Dia air son so uile. lob xxxv. ix. 10.

Feum 2. Air son Sòlais. Tha e labhairt co- fhurtachd ri cloinn a ta fo àmhghar. Ge bV camadh a tha'n 'ur crannchur-sa, 's ann do dhean- amh Dhè a ta e ; agus, uime sin, feudaidh sibh

52

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

amhairc gu caomhail air. Do bhrìgh gur e 'ur 'n Athair a rinn e air 'ur son, na cuiribh an teagamh nach 'eil rùn fabharach ann d'ar taobhsa. Gabh- aidh leanabh tuigseach ri smachdachadh 'athar gu eairdeil, a chionn gu bheil fhios aige gur e 'athair, agus gur ann air son a mhath a tha e : agus nach gabh clann gu cairdeil ri 'n camadh crann- chuir, mar air a rùnachadh le'n Athair, do nach comasach dol mearachd 'n a riaghladh, chum am math, a rèir a gheallaidh. Gu cinnteach, 's e cam- adh crannchuir a' chreidmhich, ge b'e co craiteach 's a bhios e, earrann do smachdachadh a chumh- naint, agus an lòn a th'air a' dheanamh cinnteach le gealladh an Athar do chlàinn Chriosd. Salm Ixxxix. 30, 32. " Ma threigeas a' chlànn mo lagh, agus nach gluais iad ann am bhreitheanasaibh, an sin fiosraichidh mi le slait an eusaontas." Tuill- eadh eile, feudaidh na h-uile neach air am bheil a rùn teicheadh a dh'ionnsuidh Dhè, fo n camadh crannchuir, eo'fhurtachd a' ghabhail uaithe so, biodh fhios aca nach 'eil camadh air bith 'n an crannchur, nach fheud a bhi air a dheanamh dìreach, bho'n is e Dia a rinn e, gu cinnteach s urrainn e chàradh. PS urrainn e fèin an ni a rinn e càm a dhìreadh, ged nach 'eil e'n comas neach air bith eile. Cha'n 'eil ni sam bith ea-comasach dha-san a dheanamh : u Togaidh e am bochd bho'n duslach ; o'n òtrach àrdaichidh e an t-ainnis ; chum a chur 'n a shuidhe le àrd uaislibh. " Bheir e air a' mhnaoi a ta gun sliochd còmhnuidh a ghabhail ann an tigh, n a mathair ait cloinne/' Salm cxiii. 7—9. Na abair gu bheil do chamadh a' mairsinn co fada, 's nach gabh e càradh am feasd. Cuir e ann an laimh Dhe', a rinn e, agus feith air, chum gu'n càraich se e: agus ma bhios a chàradh chum do mhath, bithidh e deanta ; oir, " cha chum e ^ maith air bith uatha-san a ghluaiseas gu h-ionraic," Salm Ixxxiv. 11.

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

5S

Am feum mu dheireadh, Chum earail. A chionn gur ann do dheanamh Dhè a tha'n camadh crann- chuir, uime sin, air dhuit làimh Dhè f haicinn ann do chamadh, bi rèidh ris, agus strìochd thu fèin fodha, ciod air bith e : tha mi 'g ràdh, mar 'eil thu faicinn làimh Dhè ann an camadh do chrannchuir,, cha'n urrainn t'umhlachd fodha bhi na h-ùmhlachd Chriosduidh, taitneach do Dhia_, do bhrìgh 's nach 'eil sùil agad ris-san mar an a ta 'ga dheanamh.

Leithsgeul, 1. Ach their cuid " 'S ann bho làimh a chreutair a tha mo chamadh crannchuir-sa ; agus sin, mar an ceudna, bho làimh aon air nach do thoill mi a leithid."

Freagradh. Tha e ri fhaicinn bho'n chaidh & radh cheana, ged tha do chamadh crannchuir gu cinnteach air bàll bho làimh a' chreutair, gidheadh tha e troimh na chreutair bho làimh Dhè ; cha'n 'eil ni sam bith do'n ghnè sin, no peanas air son peacaidh, nach e 'n Tighearn a rinn e. Uime sin, gun teagamh air bith, se Dia fèin an ceud aobhar ge b'e sam bith co e an dara aobhar. Agus ged nach do thòiJl thu do chamadh bho làimh a mheadh- oin, no nam meadhonan a tha esan ag gnàthach- adh chum thusa smachdachadh,, thoill thu e gu cinnteach bho làimh-san ; agus feudaidh e meadh- on air bith is àill leis a ghnàthachadh chum na crìche sin, no feudaidh e a dheanamh gu neo- mheadhonach leis fèin, eadhon mar chithear math 'n a shuilibh.

Leithsgeul 2, <e Ach dh'fheudadh an camadh a thJ ann mo chrannchur-sa bhi gu h-ealamh air a dhireadh, nam b aill leis a mheadhon no na meadh- onan a tha 'g a dheanamh ; ach cha'n 'eil doigh air còrdadh riu, no dhearbhadh orra gur iad is coir- each."

Freagradh. Ma's ann mar sin a tha chùis, bi- sa cinnteach nach d'thàinig àm Dhè fathast, chum an camadh a dhìreadh; oir, nam be agus gu'n

54

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR*

tigeadh, ged tha iad a nis a' seasamh mar dhaing- neach do-ghlacta, dh'fhalbhadh iad mar bhruach ghaineamh fo chos neach; "sleuchdaidh iad sios duit, le'n aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chos/' Isa. xlix. 23. Aig a' cheart àm, tha'n sealladh sin do'n chùis co fada bho neach nach toir fainear làmh Dhè anns a' chamadh fhir- inneachadh, 's gur ann a tha e deanamh mìr deuchainn anns am bheil a' làimh gu folaiseach ri fhaicinn, eadhon, gu'm biodh daoine gu sònruichte ?n an doilgheas agus 'n an leth-trom do cheile, agus gidheadh nach gabhadh an ciont air chor sam bith dearbhadh orra. B'e so deuchainn na h-eaglais bho h-eascairdibh. Ierem. L. 7, " Iadsan uile a f huair iad, shluig iad suas iad ; oir thuirt an naimhdean, Cha'n 'eil sinn ri cron air bith, a chionn gu'n do pheacaich iad an aghaidh an Tigh- earna, àite-tàimh a cheartais." Bha iad ro aingidh, agus ghnàthaich iad i gu h-an-iochdmhor ; gidh- eadh cha b'àill leo aideachadh gu'n robh cionta sam bith anns na rinn iad. Cionnus a b'urrainn iad a choire chuir dhiubh ? An robh iad gu deimhinn neo-choireach ann a bhi slugadh suas caoraich sheachranach an Tighearna? Cha robh gu cinnt- each, cha robh iad. An d'amhairc iad orra fein mar luchd-frithealaidh ceartais 'n a h-aghaidh ? Cha d'amhairc iad.

Gun teagamh tha cuid leis am b'àill ceist f harr- aid an so, Cionnas a b'urrainn eascairdean na h- eaglais Dia a' chur an cèill mar " àite-tàimh a' cheartais V Ach 'nuair bheirear na briathran fain- ear anns a' cheud chainnt, cha'n 'eil aobhar air bith air son na ceiste sin an so, agus le sin tha'n t-iom- lan do'n chùis air a deanamh soilleir. (e Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad suas iad ; oir thuirt an naimhdean, Cha'n 'eil sinn ri cron air bith: a chionn gu'n do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna, àite-tàimh a cheartais." Cha'n iad na briathran

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

55

deireannach so briathran an eascairdean, ach briath- i'm an fhàidh, a' nochdadh cionnas a thachair e gu'n do shluig na h-eascairdean suas na h-uile air an d'amais iad, do chaoraich an Tighearn, agus, mar an ceudna, mar ghabh iad an leithsgeul 'nuair a rinn iad e, gun bhi 'g aideachadh gu'n robh olc air bith ann ; is ann an so bha'n t-aobhar 'n a luidh, pheacaich na caoraich " an aghaidh an Tighearna àite-tàimh a cheartais;" agus mar cheart pheanas air son sin bho làimh-san^ cha b'urrainn doibh ceartas f haotuinn bho làimh an eas-cairdibh.

Uime sin, air dhuit na leithsgeulan faoine so a' chur air cul agus beachd a' ghabhail air làimh Dhè, mar am meadhon a chàm an earrann sin do d' chrannchur, agus a tha 'g a chumail càm, bi rèidh ris, agus strìochd thu fèin fo'n chamadh, ciod air bith e, ag ràdh bho d' chridhe, " Gu deimhin is deacair so, ach is èiginn f hulang." Agus chum do ghluasad gu so dheanamh, thoir fainear.

1. Gur dleasnas e a tha dh'fhiacha ort do Dhia mar d' Ard-uachdaran agus do Dheadh-charaid. Tha uachdaranachd ag agairt ar 'n umhailteas ; agus eha'n urrainn e, air chor sam bith, bhi 'n a thàire do neach strìochdadh do'n chamadh a rinn a làmh- san ann ar crannchur, agus siubhal gu sìochail fo'n chuing a chur esan oirnn ; ach 's mòr an caothach do shligibh-chreadha na talmhainn le'n giùlan buaireasach agus ceann-laidir fo'n cham- adh, strì a dheanamh an aghaidh an Cruithear. Agus is math dh'fheudas a mhaitheas d'ar taobh- ne, creutairibh neo-airidh, ar beòil a dhunadh bho bhi gearan n a aghaidh-san, air son gun d'rinn e camadh ann ar crannchur, neach nach d'rinn eucoir sam bith oirnn ged dheanadh e'n t-iomlan dheth càm ; "An gabh sinn maith bho làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc V Iob ii. 10.

2. Gur reachd neo-chaochlaideach e uile aim- sir na beatha so, nach bi neach air bith as èugais

m

AN CAMAI>H ?S A* CHR A.NNCH UR.

eamadh *n a chrannchur ; oir " rugadh an duine chum carraid, mar dh 'èireas na srada suas," Iob v. 7. Agus tha'n dream a th'air an rùnachadh air son neimh, air dhoigh àraid^ dearbh chinnteach do chamadh a bhi 'n an crannchur-sa, ee Anns an t-saoghal bithidh àmhghar aca/' Eoin xvi. 33., oir leisa sintha'n Tighearna 'g an uidheamachadh air son neimh. Agus cionnus is urrainn duit-sa smuain- eachadh gu'n teid thu as bho chrannchur coitchionn a' chinnne-daonna ? An gluaisear ar charraig as a h-àite air do shonsa V Agus a chionn gu bheil Dia a' deanamh camadh crannchuir dhaoine, a rèir feum eadar-dhealaichte an coirean, uime sin feudaidh tusa bhi cinnteach gu bheil do chamadh-sa feumail air do shon fèin.

3. 'Se cor neach aig am bheil camadh 'n a chrann- chur, do nach urrainn e air dhoigh sam bith strìochdadh, cor do na h-uile cor is coslaich ri ìfrinn. Oir tha cùing air a cur mu mhuinneal nan truaghanan a ta fulang, nach urrainn iad aon chuid a* ghiùlan no chrathadh dhiubh ; an sin tha gàirdean an Uile-chumhachdaich air a tharruing ^n an aghaidh, agus iadsan 'n a aghaidh-san ; an sin tha iad do ghnàth a' fulang agus do ghnàth a' peacachadh ; an còmhnuidh anns an àmhuinn, gun an sàl a bhi air a chaitheamh, no iadsan air an glanadh. *S e so eadhon cor na muinntir sin nach urrainn a nis strìochdadh fo'n chamadh 'n an crannchur.

4. Is mòr ann càll gun strìochdadh fodha. *S minig a thionndadh giùlan gu ceart fo'n chamadh crannchuir gus an fheum a b'fhearr, agus a dhearbh e do chuid an ùine a b' fhearr a bh' aca riamh uile laithean am beatha^ mar a ta'n Salmad- air a' dearbhadh bho fhaireachdainn fèin. Salm cxix. 67. " Mun robh mi ann an àmhghar, chaidh mi air seachran ; ach a nis tha mi a' gleidheadh t' fhocail." Tha mòran a nis air nèamh a tha

AN CAMADH JS A* CHRANNCHUR.

m

beannachàdh Dhè air son a' chamaidh a bh'aca 'n an crannchur anns a' bheatha so. Uime sin, nach uamhasach an ni a ghaoth-ghreasaidh so a chàll gu tir Imanueil? Ach mar dean do chamadh crannchuir feum air bith dhuit, bi-sa cinnteach nach urrainn e gun dolaidh mòr a dheanamh dhuit ; meudaichidh e do chionta gu h-anabarrach3 agus antromaichidh e do dhìteadh, pianaidh e thu gu bràth ann ad chridhe, a bhi smuaineachadh air an t-saothair a ghabhadh ort, leis a' chamadh chrann- chuir, chum do chuir air diol bho'n t-saoghal, agus do thoirt a dh'ionnsuidh Dhè, ach an t-iomlan gu diomhain. Uime sin, thoir an aire, ciod am feum a ni thu dheth, " Air eagal gu'n dean thu caoidh ma dheireadh, agus gu'n abair thu_, Cionnus a thug mi fuath do theagasg, agus a rinn mo chridhe tàir air achmhasan?" Gnàth. v. 10, 11, 12.

T^EAG. II. An ni a tha Dia ay faicinn iom- chuidh a chamadh ann ar crannchur cha 'n urr- ainn sinn a dhìreadh. Ann an so.

L Nochdaidh sinn mar a tha Dia a' dheanamnh camaidh ann an crannchur neach mar chi e iom- chuidh.

II. Bheir sinn fainear mar a tha daoine g oidh- eirpeachadh an camadh sin a tha 'n an crannchur a dhireadh.

III. An seadh anns an tuigear nach urrainn sinn an camadh sin a dhìreadh no chàradh.

IV. Bheir sinn fainear cuid do dh'aobhairibh an

teagaisg.

I. A thaobh a' cheud cheann, eadhon^ a bhi Nochdadh mar a tha Dia a' deanamh camaidh ann an crannchur neach mar a chi e iomchuidh.

'S a' cheud dite. Tha Dia a' cleachdadh àrd uachdranachd ann a bhi taghadh a' chamaidh air son gach neach. Mat. xx. 15. Cha'n fhagar aig ar

58 AN CAMADH 's A' CHRANNCHUR.

roghainn-ne ciod an camadh no 'n eallach air leth a bhios againn, ach mar ni 'n criadhadair deth 'n aon chriadh soitheach air son aon fheum agus soitheach eile air son feum eile ; mar sin ni Dia camadh air son aon neach, agus camadh eile air son neach eile, a rèir a thoil fèin. Salm cxxxv. 6. " Ge b'e m bu toil leis an Tighearn rinn e air nèamh agus air talamh," &c.

'S an dara àite. Tha e faicinn an taobh am bheil togradh gach neach ag aomadh, agus ciod anns am bheil e gu h-àraid a' claonadh air falbh uaithe fèin, agus mar sin is lèir dha c'àit am bheil 'fheum air camadh sònruichte, mar sin rinn e do'n duine sin. Marc. x. 21 , " A ta aon ni dh'uireas- bhuidh ort ; imich, reic na bheil agad,, agus tabhair do na bochdaibh," &c. Bha togradh cridhe 'n duine so g' a mhòir shaoibhreas. Tha Dia a' toirt fainear ciod an iodhal is ro ullamh gu ar cridhe chlaonadh air falbh uaithe fèin^ agus a chum 's gu'n dean e an ni sin n a eallach^ suidhichidh e'n camadh ann.

'S an treas àite. Le stiùradh a fhreasdail, no beantuinn a làimhe lubaidh e am mìr sin do'n chrannchur rathad eile3 air chor agus bho sin a' mach gu bheil e càlg-dhìreach an aghaidh aomadh na toil. Esec. xxiv. 25. Agus is e so an camadh, togradh cridhe 'n duine dol aon rathad agus am mìr sin d'a chrannchur dol rathad eile, air chor 's nach 'eil e freagarrach d'a thoil, ach gu buileach 'n a h-aghaidh.

'S an àite mu dheireadh. Is àill leis an camadh sin fhantuinn 's a' chrannchur fhad 's a chì e iom- chuidh, ma's fada no goirid sin, ceart freagarrach d'a chrìochaibh naomha fèin mu'n d'òrduich se e. 2 Sam. xii. 10, Hos. v. 15. Le 'thoil-san tha e co daingean 's nach urrainn an cruthachadh uile atharr- achadh no dhìreadh.

II. Bheir sinn fainear mar a tha daoine 'g oidh-

AN CAMADH 's A5 CHRANNCHUR.

59

eirpeachadh an camadh sin a tha 'n an crannchur a dhireadh. Tha so ann an aon fhocal a' co'- sheasamh anns an dichioll spàirneil a tha iad a' cleachdadh chum a' chuid sin do'n crannchur a thoirt gu bhi rèir an toil fèin, gus am bi 'n toil agus an crannchur a' freagairt a cheile ; mar sin tha e ciallachadh tri nithe.

'S a cheud àite. An shocair àraid fo'n chamadh anns a' chrannchur; is cùing i a tha cruaidh do neach ri giulan gus am bi a spiorad air a chiùin- eachadh agus air a cheannsachadh. Ier. xxxi. 18, " Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachd- achadh, mar dhamh nach do chleachd a' chùing : pill thusa mi agus bithidh mi air mo philleadh/' &c. Agus is ann gu bhi briseadh spiorad an duine tha Dia 'g a cur air ; air an aobhar sin a deirear gu bheil i math ri giùlan. Tuireadh iii. 27, a thaobh 's gur e sin an rathad gu neach a dheanamh mu dheireadh mar leanabh chuireadh bhàrr na cìche.

'S an dara àite. Dian iarrtus gu'm biodh a' chrois air a gluasad, agus gu'm biodh cùisean anns an earrainn sin do'n chrannchur a' dol mar bu mhiannach leinn. Tha so gle nàdurrach a bhi 'g iarruidh saorsa bho gach ni tha 'n a eallach d'ar nàdur ; agus mur bi'n iarrtus so ro thul-chuiseach, ach air a cumail gu dligheach fo ghèill do thoil De', cha'n 'eil i peacach. Mat. xxvi. 39. (i Ma dh'fheudas e bhi rachadh an cupan so seachad orm; gidheadh, na biodh e mar is àill leamsa, ach mar is toil leatsa." Is iomadh ùrnuigh a fhuair eisdeachd a chuir pobull suas, air son gu'm biodh an camadh a bha 'n an crannchur air a ghluasad.

'S an àite mu dheireadh. Gnàthachadh dùrachd- ach mheadhona chum na crìche sin. Tha so gu nàd- ùrrach a' leantuinn an iarrtuis sin. Air do'n duine bhì air a theannadh leis a' chrois ni is e chamadh, gnàthaichidh e gach meadhon a tha 'n a chomas gu

60

AN CAMADH JS A9 CHRANNCHUR.

bhi cuiteas i. Agus ma ta na meadhona a chleachdar laghail, agus nach earhar asd', ach gu'n leanar iad le sùil ri Dia annta, cha'n 'eil an oidhirp peacach, co dhiubh a shoirbhicheas leis na gnàthachadh no nach soirbhich.

III. An seadh anns an tuigear nach urrainn sinn an camadh a tha 'n ar crannchur a dhìreadh no chàradh.

Cha tuigear e mar ni a tha tur eu-dòchasach agus do-leighiste. Oir cha 'n 'eil crannchur neach air bith co càm 's nach urrainn Dia a dhìreadh. Gen. xviii. 14. " Am bheil ni air bith do-dheanta do'n Tighearna ?" Nuair a tha 'n camadh a' mar- sainn fada dh' aindeoin gach meadhon leighis a chleachdar ris_, tha neach ullamh gu bhi càll gach uile dhòchas m'a thimchioll ; ach 's iomadh camadh a thugadh thairis mar ni bha gu bràth do-leasaichte, a rinn Dia gu h-iomlan dìreach, mar ann an cor Ioib. Ach cha bhi sinn gu bràth comasach a leas- achadh dhinn fèin ; mur gabh an Tighearna os làimh e seasaidh e romhainn gun charachadh mar bheinn umha, ged dh' fheudadh e bhi gu'm bheil e ann fèin na ni gle fhurasda ri ghluasad. Labhraidh sinn uime anns na tri nithibh so.

L Cha tig an ghabhas e dìreadh le neart ar làimh-ne. 1 Sam. ii. 9. " Oir le neart cha bhuadh- aich duine sam bith/> Na dìchiollan is spàirneil is urrainn duinn a chleachdadh, cha dìrich iad an camadh mur cur Dia a làmh ris, air chor 's gu'm bi gach uile dhìchioll gun tairbhe dh'easbhuidh sùil ris an Tighearna, agus gu'm bi iad co dìomhan ri bhi treabhadh air a' chraig. Salm cxxvii. 1, 2.

2. Bidh gach uile mheadhon ceadaicht' a ghnàth- aichear mu thimchioll neo-eifeachdach mur beann- uich an Tighearn iad chum na crìche sin. Tuir. iii. 37. Co esan a their agus gu'n tig e gu crìch an uair nach àithn an Tighearna?" Mar dh'fheudas neach itheadh agus gun bhi sàsuichte, mar sin feudaidh

AN CAMADH 'S A1 CHRANNCHUR.

61

neach meadhona iomchuidh a ghnàthachadh chum an camadh a tha 'n a chrannchur a dhìreadh gun bhuaidh air bith ; oir cha'n urrainn ni no neach a bheag a dheanamh dhuinn ach a rèir àithne Dhè. Ecles. ix. 11.—" Cha'n ann do na daoinibh luatha a tha 'n rèis, no do na daoinibh trèuna an cath, no do na daoinibh glice aran, no da dhaoinibh tuigseach saoibhreas," &c.

3. Cha ghabh e dìreadh gu bràth ann ar n-àm- ne ach ann an àm Dhè, ni leis nach tric a bhi co luath r' ar n-àm-ne. Eoin vii. 6, (< Cha d' thàin- ig m' àmsa fathasd, ach a ta bhur n-àmsa ghnàth deas." Uime sin, fanaidh an camadh air uairibh neo-ghluasadach mar gu'n cumar e le làimh neo- fhaicsinneach, agus air uairibh eile falbhaidh e le beantuinn ris do bhrìgh 's gu'n d' thàinig àm Dhè gu dhìreadh.

IV. Aobharan an teagaisg.

A cheud aobhar. Do bhrìgh gu bheil sinn gu h-ìomlan an urradh ri Dia. Gnìomh. xvii. 28. Mar tha'n solus an eisiomal na grèine^ no 'm faileas an eisiomal a' chuirp, mar sin tha sinne 'n eisiomal Dhè, agus as eugais cha'n urrainn sinn ni sam bith a dheanamh, am beag no'm mòr. Agus is àill le Dia gu'm faigh sinn mar sin e, gus an tuig sinn gur ann 'n a eisiomail a tha sinn.

An dara aobhar. Do bhrìgh nach fheudar cuir an aghaidh a thoil-san Isa. xlvi. 10. " Seasaidh mo chomhairle, agus gach ni is àill leam ni mi." 'Nuair is àill le Dia aon ni, agus is àill leis a chrèu- tair ni eile,, is furasd f haicinn co dhiubh toil is èiginn a bhi deanta. 'Nuair a tha 'n gairdean Uile-chumh- achdach a' cumail^ is dìomhan do 'n chreutair a bhi tarruing. lob ix. 4. " a chruaidhich e fèin 'n a aghaidh,, agus a shoirbhich V3

Tha e soifleir bho na chaidh a labhairt,,

1. Gur èiginn strìochdadh fo n' chamadh a tha 'n ar crannchur ; oir is co math dhuinn a bhi 'm barail

62

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

gu 'n atharraich sinn na creagan agus na beanntan a shocraich Dia, agus gu'n dirich sinn an earrainn sin <Tar crannchur a rinn esan càm.

2. Nach 'eil 's an direadh a ni sinn fèin air a' chamadh a th'arm ar crannchur ach a bhi g'ar mealladh fèin, oir cosmhuil ri maide càm a rachadh a dhìreadh le aineart, pillidh e air bàll gus an lagh- adh 's an robh e roimhe.

3. 'S e 'n t-aon rathad is docha sinn an camadh fhaotainn air a dhìreadh a dhol a dh/ionnsuidh Dhè leis :

Earail 1. Uime sin, rachamaid a dh'ionnsuidh DM air son camaidh air bith a th'ann ar crannchur, a dh'fheudas a reir òrdugh suidhichte nithe bhi air a dhìreadh. Cha'n urrainn an duine sgur do bhi miannachadh gu'n rachadh a chamadh a thoirt air falbh, nis mo na ged bu sgolp a bhiodh 'n a f heòil. Ach do bhrìgh nach urrainn sinn an ni sin a leas- achadh a tha Dia a' faicinn iomchuidh a mhilleadh, is cinnteach gur ann a dh'ionnsuidh an a rinn e is còir a dhol g'a leasachadh, agus gu'n a ghabhail 'n ar làimh fèin. Agus chum ar brosnuchadh gu dol g'a ionnsuidh-sa.

Bros. 1. Bidh gach oidheirp a bheir sinn gu 'ghluasad, as easbhuidh-sa, diòmhan agus neo-thar- bhach. Salm cxxvii. 1. Ge b'e co dian 's a bhios ar saothair chum a dhìreadh, mar abair Dia e, bidh i dìomhan, Tuir. iii. 37. Ge b'e co gealìtannach 's a bhios na meadhona ghnàthaicheas sinn^, bidh iad neo-eifeachdach mar àithn esan am beannachadh. Ecles. ix. 11.

2. Tha leithid sin do dh'oidheirpibh am bi- dheantas 'g a dheanamh ni 's miosa. Cha'n 'eil ni sam bith ni 's dualaiche do spiorad uabhrach a tha strì r'a chamadh na dheanamh ni 's caime.

Ecles. x. 8^ 9 <e An a bhriseas callaid, tèum-

aidh nathair e. An a dh'atharraicheas clachan, goirtichear e leo/' &c. Tha so làn shoilleir bho

AN CAMADH 's A' CHRANNCHUR.

63

chor na dream a bha gearan 's an fhàsach. Agus tha e nàdurrach do n' chùis a bhi mar sin, a thaobh 's mar is nithear strì an aghaidh a' chamaidh gur ann is fhaide tha'n toil sl teicheadh uaithe ; Osbarr tha Dia air a bhrosnuchadh gu bhi fighe na cuinge ni's tinne mu mhuineal an duine, chum 's nach luidh i idir socrach air.

3. Cha'n 'eil camadh air bith nach f heud e leigh- eas, agus a dhìreadh gu h-iomlan. Salm cxlvi. 8. ee Togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sios," &c. Is urrainn e an camadh is sine dhìreadh, mu'n do chàill sinne gach uile dhò- chas, Rom. iv. 17. ce Eadhon Dia a ta beothach- adh nam màrbh, agus a ta gairm na nithe sin nach 'eil idir ann mar gu'm biodh iad ann." Dhasan 'n a aonar bunaidh mìorbhuilean oibreachadh agus obair a thoiseachadh far an d'fhairtlich air an t-saoghal gu leir, agus a' toirt air a h-aghaidh gu foirfeachd. Gen. xviii. 14.

4. Is toil leis obair a thoirt dha ann a bhi dìreadh chamaidhean, agus tha e 'g ar gairm-ne gus an obair sin a thoirt dha. Salm l. 15 4< Gairm orm ann an latha teanntachd, agus saoraidh mise thu," &c. Tha e g'an deanamh air son an dearbh aobhair sin, chum gu'm bi gnothach againn g'a ionnsuidh, agus chum gum foillsichear a chumhachd agus a mhaith- eas 'n an dìreadh. Hos. v. 15. Tha teanntachdà chloinn nan daoine 'n a raon farsuing gu bhi soill- eireachadh 'iomlaineachd ghlòrmhor-san, nach b'urr- ainn air dhoigh eile bhi air an aithneachadh. Escod. xv. 11.

5. Tha camadh mar so air a dhìreadh 'n a tkrò- cair fhillte. Tha cuid do chamaidhibh a dhìrear le beantuinn do làimh freasdail cumannta, 'nuair aon chuid, nach 'eil muinntir a' dol a dh'ionn- suidh Dhe leo, no tha iad gu frionasach mi- fhoighidneach ag iarraidh an toirt air falbh. Ach ni bheil annta sin ach tròcairibh gearr-shaoghalacli

u

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

neo-bhrighear. Salm xxviii. 30, 31. Hos. xiii. 11. Is gànn is urrainn an toradh a theid a spìonadh le iomadaidh cabhaig do chraoibh freasdail, gun ghaoir a' chur anns na naclaibh^ agus gu cinnteach bidh e searbh do anamaibh gràsmhor. Ach O ! milsead a' chamaidh a fhuaireadh air a dhìreadh le tagradh iriosal agus feitheamh fhoighidneach ris an Tighearna ! Tha iomhaigh agus sgriobhadh deadh-ghean air, ni tha g'a fhàgail tomadach agus luachmhor, Gen. xxxiii. 10. " Oir uime sin chunnaic mi do ghnùis mar gu'm faicinn gnùis Dè." Caib. xxi. 6.

6. Rinn Dia aithnichte a dheadh-ghean d'a chlann ro ghràdhach ann a bhi deanamh agus a dìreadh chamaidhean sònruichte 'n an crannchur. Is iad a chuid ailleagain ro ionmhuinn, mar is tric, is mo trioblaid crannchuir, Eabh. xii. 6. Ach tha iad sin a' deanamh rathaid do na fèin-fhios- rachaidhean is saoibhre ann an toirt air falbh, 'nuair a theid iad da ionnsuidh-sa leo. Tha so soilleir bho chor Abrahaim, Iacoib, agus Ioseiph. do na Prìomh-aithrichean aig an robh camaidh- ean co mòr 's a bh'acasan ? ach air an làimh eile, aig an robh a leithid do chomharraidh sònruichte air deadh-ghean an Tighearna ? Bha na daoine bu mhò, mar bha Samson agus Eoin-Baiste, air am breith le'm mnathaibh a bha aimrid a thaobh nàduir; mar sin crìochnaichidh na camaidhean is anns na tròcairibh is saoibhre dhoibh-san a tha gu dligh- each 'g an giulan fèin fodhpa.

7. 'S e 'n rathad is giorra, 's is cinntiche dol dìr- each a dh'ionnsuidh Dhè leis a' chamadh a tha 'n ar crannchur. Ma 's math leinn ar dùrachd fhaotuinn anns a' chùis sin^ feumaidh sinn mar an iolair, an toiseach èiridh gu h-àrd, agus an sin tighinn a nuas air a! chreich. Marc. v. 36. Cha bhi anns na h-ionnsuidhibh clì mì-chreidmheach a tha sinn fein a' cleachdadh ach cabhaig an amadain leis nach

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

soirbhich ; mar ann an cor Abrahaim dol a steach gu Hagar. 'S e Dia a tha cur gach cuibhle^ir ghluasad chum an camadh a dhìreadh, ni as easbhuidh-san a dh'fhanas neo-ghluasadach. Hos. ii. 21, 22.

Leithsgeul. 1. Ach is dìomhan dhomhsa dol a dh'ionnsuidh Dhè leis a' chamadh a th'ann mo chrannchur ; oir ged ghabhadh an camadh leasach- adh, cha gabh mise leasachadh am feasd. A thaobh a naduir ìeudar a chàradh, ach tha e soilleir nach caraichear e. Tha e eu-dòchasach.

Freag. Is e sin cainnt na cabhaig mhi-chreid- mheach, ni bu chòir do chreidimh agus do fhoigh- idin a chronachadh. Salm cxvi. 11, 12. Bha 'n camadh a bh'aig Abraham co eu-dòchasach, ach chaidh e chum Dhè leis tre chreidimh gu chàradh,, Romh. iv. 19, 20. Chaidh Sarah a chronachadh a chionn a mheas eu-dòchasach. Gen. xviii. 13, 14. Cha chòir do ni sam bith do bhacadh bho dhol a dh'ionnsuidh Dhè anns a chòr sin.

Leithsgeul. 2. Ach chaidh mi g'a ionnsuidh leis a rithist 's a rithist^ gidheadh, cha 'n 'eil e fathasd air a chàradh.

Freag. Cha diultadh air achanaich dàil a chur 'n a fveagradh an cuirt nam flaitheanais^ ach dearbh- adh air creidimh 's air foighidinn an luchd-achan- aich. Agus ge b'e a bhuanaicheas, gheibh e freag- radh gu cinnteach mu dheireadh. Luc. xviii. 7, 8. " Agus nach dean Dia dioghaltas air son a dhaoine taghta fèin, a ta 'g èigheach ris a agus a dh'oidhche, ged tha e fad-fhulangach mu'n tim- chioll? A deirim ribh gu'n dean e dioghaltas air an son gu luath." Air uairibh, fàsaidh muinntir frionasach a thaobh a' chamaidh a tha 'n an crann- chur, agus do bhrìgh gu bheil iad 'g sl mheas eu- dòchasach, leigidh iad dhiubh a bhi 'g ùrnuigh air a shon, ged robh e fad an àm a an-shocrach dhoibh ; ach mas toil le Dia a dhìreadh ann an tròcair, bheir e orra ghabhail a stigh a rìs 'n an ùrnuighibh,

m

AN CAMADH 's A* CH RANNCH VR*

Esec. xxxvi. 37. " Bithidh mise fathast air m'iarr* aìdh 's an ni so le tigh Israeil a chum a dheanamh air an son." Ma bheirear air falbh e 'm feadh 's a tha e air a dhearmad 's an ùrnuigh cha mhòr sòlas a gheibhear ann ; ged nach tugta air falbh e 's a' bheatha so,, cha bu chòir dha sin, ar bacadh bho bhi 'g urnuigh ri Dia a thoirt air falbh ; oir tha iomadh ùrnuigh nach freagrar gus anruigear an ath-shaoghal,, agus an sin bithidh iad uile air am freagradh còmh- ladh. Romh. vii. 24.

Seolaidhean a chum's gu'n iarramaid gu ceart, an camadh a tha 'n ar crannchur a thoirt air falbh*

1. Bithibh ag ùrnuigh le creidimh air a shon. Esec. xxxvi. 37, a' creidsinn air sgàth Iosa gu'm freagrar sibh mu dheireadh, agus sin anns a bheatha so ma bhios e chum math dhuibh, ach gun teagamh sam bith,, 's a' bheatha ta ri teachd. Mat. xxi. 22. Iadsan a tha cantainn orain Mhaois agus an Uain cha mheallar an dòchas. Taisb. xv. 3, Agus ann an cuid a choirean do'n ghnè so^, tha àm sònruichte air a cur air leth chum ùrnuigh agus trasgadh ro iomchuidh. Mat. xvii. 21.

2. Irioslaichibh sibh fèin fodha^, mar aJ chùing a chuir an làmh àrd-uachdranach oirbh. Mic. vii. 94 £i Giùlainidh mi corruich an Tighearna, a chionn gu'n do pheacaich mi 'n a aghaidh," &c. Firinnich- ibh Dia, dìtibh sibh fèin^, pogaibh an t-slat, agus imichibh gu ciuin foidhpe ; 's e so an rathad 's an docha i bhi air a toirt air falbh. Seum. iv. 10. « 'Nuair a tha'n damh air a thàladh agus air a bhri- seadh, 's air a chleachdadh ris a chùing, an sin bheirear dheth i^, oir tha, chrìoch air a toirt mun cuairt. Salm. x. 17. " Deasaichidh tu an cridhe ; bheir thu air do chluais eisdeachd/'

3. Feith gu foighidneach gus an dean an làmh a rinn e a leigheas. Salm xxvii. 14. Na tugaibh thairis a chùis mar ni eu-dochasach do bhrìgh nach 'eil sibh air 'ur saoradh co luath 's bu math leibh ;

A.N CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

67

*f ach biodh aig an fhoighidinn a h-obair dhiong- mhalta fèin chum gu'm bi sibh diongmhalta agus iomlan gun uireasbhuidh ni sam bith. Seum i. Fàgaibh àm an t-saoraidh d'an Tighearna ; aidich- idh sibh mu dheireadh gur e àmsan gu cinnteach is feàrr, agus cha tèid e thairis air. Isa. lx. 22. " Luathaichidh mise lehobhah e na thràth ;" cha tèid as d'ur dòchas le blii feitheamh air (C oir cha nàraichear iadsan a dh'fheitheas ormsa." Isa. xlix. 23.

Earail 2. Ge b'e camadh, nach fheudair a rèir òrdugh suidhichte nithe a thoirt air falbh no dhìr- ^adh 's an t-saoghal so, iarramaid air an Tighearna cobhair iomchuidh gu ghiùlan. 'S e 'n camadh coitchionn a th'ann an crannchur nan naomh, am peacadh a tha chòmhnuidh 's an taobh stigh : Agus ma dh'òrduich Dia nach rachadh an camadh sin a thoirt air falbh 's a bheatha so, 's urrainn e gu cinn- teach a chothromachadh agus cobhair a thoirt gu giùlan fodha. Feudar so a ràdh mu chamadh air bith, fhad sa tha e làthair. Anns gach cor dhiubh sin rachaibh a dh'ionnsuidh Dhè air son 'ur calld- ach a leasachadh. Agus tha cùig nithe bu chòir a bhi 'n ur beachd an so.

1. Dia ann an Criosd a' ghabhail air son agus an àite na chaidh a thoirt uainn^, no na tha air 'a chumail uainn. Salm cxlii. 5. Cha 'n eil camadh a ni Dia 'n ar crannchur nach 'eil e tairgse dhuinn

iomlaid bheannaichte. Marc. x. 21 (i Reic na

bheil agad agus bithidh ionmhas agad air nèamh." An tairgse na h-iomlaid so, tha Dia air tùs a' cur a' mach a làimh agus & toirt uainn ni-eiginn tal- mhaidh^ an dùil gu'n cuir sinne mach ar làmh a rìs^ agus gun toir sinn uaith-san ni-eiginn neàmh- aìdh 'n a àite ; agus gu h-àraid Criosd. Uime sin mu d' fhalamhaich Dia do làmh chlì dheth leithid so no sud do chomhfhurtachd thalmhaidh? Sìn thusa a mach do làmh dheas a dh'ionnsuidh Dhè

68

AN CAMADH *S a' CHEANNCHUK.

ann an Criosd, gabh e 'n a àite, agus *s e do bheatha^ Air an aobhar sin, tha dùnadh an anma ri Criosd, air a ghairm ceannachd, anns am bheil dealachadh

ri aon ni air son ni eile. Mat. xiii. 45, 46 " Is

cosmhuil rìoghachd nèimh ri ceannaiche àraidh ag iarraidh neamhnuide mhaiseach : agus air amas da air aon neamhnuid ro luachmhoir, dh'imich e agus reic e na bh' aige, agus cheannaich e i." Deansa mar so, agus bithidh tuilleadh agus buannachd agad dheth do chamadh crannchuir.

2. Biodh dùil agad ris an t-sruth a' ruith co làn uaith-san 's a b'urrainn e ruith mun do thiormaich an camadh 's a chrannchur e. 'S e so obair a chreid- imh, a bhi gu muinghinneach a' sealltuinn ri Dia air son an ni sin a tha air aicheadh dhuinn bho na creutairibh. " 'Nuair a threigeas m' athair agus mo mhàthair mi, an sin togaidh an Tighearna suas mi," Salm xxvii. 10.

Tha i so na dùil ro reusanach : Oir is cinnteach nach 'eil math air bith 's a' ehreutair, ach an ni a tha bho Dhia, air an aobhar sin cha 'n 'eil math ri fhaotuinn 's a chreutair, an sruthan, nach fheudar fhaighinn gu neo-mheadhonach bho Dhia, an tobar. Agus O ! 'sedo bheatha teachd leis an argumaid so chum Dhè, agus a ràdh, A nis a Thighearna, thug thu uamsa leithid so do chomhfhurtachd chruthaichte, feumaidh mi co math fhaotuinn uait fèin.

3. Toraidhean spioradail a chamaidh anns a chrannchur. Eabh. xii. ll. Tha sinn a' faicinn gur e 'n doigh a th' air a chleachdadh 's an t-saoghal, nuair a dh'fhailnicheas aon seòrsa ceaird, bualadh air ceaird eile ; mar so, 'nuair a tha camadh 'n ar crannchur a' deanamh ar co'-fhuartachd thalmh- aidh iosal, bu chòir dhuinn an tuilleadh dichill a chleachdadh air son buannachdan spioradail. Ma tha ar co-cheannachd ris an t-saoghal a' dol air a

AN CAMADH 'S a' CHRARNCHUR.

h~ais feuchamaid gu'ni bi ar co-cheannachd ri flaitheanas ni's ro bheothaile a' dol air a h-aghaidh : Feuchamaid gu'm bi 'n camadh 'n a mheadhon g' ar gluasad chum ruigheachd air ni 's do chreid- imh, do ghaol, do dh'inntinn spioradail, do thar- cuis air an t-saoghal,, do dh'irioslachd, do dh'fhèin- aicheadh, &e. 2 Corint. vi. 10. Mar sin, gecl chailleamaid air an darna làimh, coisnidh sinn air an làimh eile.

4. Grds gu ar giùlan fo'n chamadh. 2 Cor. xii. 8, 9. ee Air a shon so ghuidh mi an Tighearna tri uairean, Agus thubhairt e rium> Is leòir mo ghràs-sa dhuit." Ma tha duine fànn, lag, a' giù- ìan eallach eutrom, no ma tha e air urachadh 's air a neartachadh sl giùlan eallach thròm^, cha 'n 'eil ann ach an t-aon chuid, 's urrainn e'n eallach thròm a ghiùlan co furasd ris an eallaich èutrom. 'S e gràs a rèir ar feum agus a rèir ar n-eallacha bu ehòir dhuinne iarraidh ; agus ma gheibh sinn so, eha bhi sinn an èis ged nach rachadh an camadh a dhìreadh.

5. Is còir dhuinn an fhois shiorruidh agus eudthrom glòire an ath-shaoghail a bhi 'n ar beachd. 2 Corint. iv. 17, 18. " Oir a ta ar n-àmhghar èu- trom nach 'eil ach re sealain, ag oibreachadh dhuinne tròm chudthrom glòire a ta ni 's ro ana- bharraiche agus sior-mhaireannach ; air dhuinn a bhi ag amharc cha 'n ann air na nithibh a tha r' am faicinn, ach air na nithibh nach 'eil r' am faicinn." Cothromaichidh so an camadh a tha 'n 'ur crannchur, ciod air bith e, am feadh 's a gheibli iadsan aig nach 'eil dòchas na slàinte air deadh bhunait, an camadh a tha 'n an crannchur 's an t-saoghal so co tròm, 's nach 'eil ni sam bith aca a cho-chothromaicheas e ; gidheadh, feudaidh earb- sa gu'n sealbhaichear fois shìorruidh giùlan leis gach trioblaid ris an tarlar an so.

Earail 3. Suidhichmid sinn fèin ma ta, gu'n giù-

70

AN CAMADH >S A* CHRANNCHUR.

lain sinn gu ceart an camadh a th* ann ar crann- chur, fhad sa chì Dia iomchuidh fhàgail againn. Giùlainmid air mhodh Criosduidh an ni nach ur- rainn sinn a leasachadh, agus na bitheamaid & cog- adh an aghaidh Dhè, agus a* breabadh an aghaidh nan dealg.

1. Giùlainmid e gu foighidneach gun fhrionas no monmhur, Seum. v. 7. Salm xxxvii. 7. Ged chaillimid ar comhfhurtachd ?s a' chreutair, tre 'n chamadh a tha *n ar crannchur, na caillimid ar seilbh oirnn fèin. Luc. xxi. 19. Tha an camadh crannchuir 'g ar deanamh cosmhuil ri neach aig nach biodh ach teine beag neo-shuilbhear g* a gha- radh ; ach ni mi-f hoighidinn a sgapadh, air dhoigh s gu'n cur e*n tigh na theine mun cuairt dhuinn, agus ar cuir an cunnart. Gnàth. xxv. 28. " Mar chathair briste sìos gun bhalladh, tha am fear aig nach 'eil ceannsal air a spiorad fèin."

2. Giùlainmid e le treubhantas Chriosduidh, gun bhi neo-mhisneachail, no fannachadh 'nuair a chronaichear leis sinn. Eabh. xii. 5. 'S e obair Shatain a bhi lubadh no briseadh spiorad neach leis a chamadh, agus gu tric le a lubadh tha e 'g a bhriseadh : 'S e ar n-obair-ne bhi 'g a ghiùlan gu eòmhnard, a' stiùradh cùrsa meadhonach, air eagal gum brisear *n ar mìribh sinn air na creagaibh air aon làimh no làimh eile. Ni bheil ar sonas air fhilleadh ann an co'-fhurtachd thalmhaidh sam bith, ni mo dh'fhàgas easbhuidh aon air bith dhiubh truagh sinn. Hab. iii. 17, 18. Mar so tha sinn gu dol air adhart gu diongmhalta, a* cur suarrach gach cruaidh-chas le dìmeas naomh. Iob xvii. 9. " Cumaidh an duine cothromach a shlighe^ agus gheibh esan a ta glan 'n a làmhaibh tuilleadh neirt."

Ceist. C' uin a mheasar neach a bhi air tuiteam fo thuilleadh 's a chòir do mhi-mhisneach leis a* chamadh a tha n a chrannchur ?

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

71

Freag. 'Nuair bheir e buaidh air co mòr agus gu'm fàg se e neo-iomchuidh gu bhi comhlionadh dleasnais a ghairme aon chuid mar dhuine no mar Chriosduidh. Feudaidh sinn a bhi cinnteach gu bheil ar doilghios neo-measarradh, ma dh'f hàg e sinn neo-iomchuidh air son gnothaichean cumanta na beatha dh'ionnsuidh am bheil an Tighearna 'g ar gairm. 1 Corint. vii. 24. Faic ciod a th'air iomradh chum cliùth Abrahaim, Gen. xxiii. 3, 4. No ma dh'fhàg e sinn neo-iomchuidh air son dleasnais na diadhachd, 'g am bacadh gu tur. 1 Pead. iii. 7 " Chum nach bacar bhur n-ùrnuighean no dean- amh neach tur eu-dochasach annta. Mal. ii. 13.

3. Giùlainmid e gu bunnachdail, chum 's gu'm faigh sinn tairbhe deth. Salm cxix. 71. " ls maith dhomhsa gu'n robh mi ann an àmhghar, chum gu foghlumainn do reachda." Tha buann- achd ri dheanamh dheth, Rom. v. 3, 4, 5, agus gu cinnteach tha 'n camadh a tha 'n ar crannchur air a dhroch riaghailteachadh mar faigh sinn math spior- adail air chor-eiginn dheth. Eabh. xii. 11. Tha'n camadh 'n a sheòrsa cungaidh-leighis spioradaih agus mar is diomhain dhuinn searbh-bhlas agus goirteasan na purgaid sin, nach glan air falbh droch leànn-tath air bith ; mar sin is camadh neo-f heum- ail, agus is diomhain a shearbhalachd leis nach deanar ni's fearr sin. Isa. xxvii. 9. " Uime sin, leis a so glanar aingidheachd Iacoib air falbh ; agus is e so an toradh uile a thabhairt air falbh a pheacaidh."

Chum an earail so f harrach. Thoir fainear.

Argumaid. 1. Cha ghabh e dìreadh fhad sa chì Dia iomchuidh fhàgail càm. Cia Ve mar ghiù- lanas sinn e^ agus cia b'e ionnsuidh a bheir sinn air a dhìreadh fanaidh e neo-ghluasadach mar air a dhaingneachadh le cuibhreachaibh umha agus iaruinn. lob xxiii. 13, 14, " Ach tha e ?s an aon bheachd, agus co d'iompaicheas e? agus an ni je

72

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

miann le 'anam, sin ni e. Oir coimhlionaidh e an ni a dh'òrduicheadh dhomhsa, agus tha mòran d'an leithidibh sin aige." Nach e ar gliocas, ma ta, an ni is fearr a dh'fheudas sinn a dheanamh d'an ni nach urrainn sinn a leasachadh ? uime sin, deana- maid subhailc dheth ar n-eiginn. An ni nach gabh leigheas 's fheudar fhulang, agus is còir a ghiùlan le strìochdadh Criosduidh.

2. Ni giùlan mi-chuimear fo'n chamadh am pian gu ro mhòr a mheudachadh. Ciod a tha deanamh na cùinge co goirt d'ar muineal, ach sinn a bhi sìor strì 'n a h-aghaidh, agus nach leig sinn leatha luidhe socrach oirnn. Ier. xxxi. 18. Cia tric a tha sinne 's a chor sin mar dhaoine bhiodh a' bualadh an cinn ri creig ? Cha'n urrainn iad le so a chreag a ghlu- asad, ach tha iad fèin air an lot, agus a' faotainn mòr chàll le bhistrì rithe. Tha mi-ihoighidinn fo'n chamadh a' deanamh na h-eallaich ni's ro thrùime, agus 'g ar deanamh-ne ni's laige, agus ni's neo- chomasaich air a giùlan.

3. 'S e 'n camadh a th'ann do chrannchur an dearbhadh àraid a ròghnaich Dia gu do thomhas a ghabhail leis. 1 Pead. i. 6, 7. Is e teine Dhe' e ieis am bheil e dearbhadh ciod a mhèinn dheth'm bheil daoine ; clach dhearbhaidh f hlaitheanais gu bhi leigeadh ris nam fìor Chrioduidhean agus nan cealgairean. Tha cuid a sheasas ri iomadh dear- bhadh eile nach urrainn so idir a ghiùlan, dear- bhaidh an camadh 's a' chrannchur iad a bhi mi- fhallain. Marc x. 21, 22. Smuanaich ma ta ort fèin, fo na chamadh. A nis, 's e so dearbhadh mo chor : feumaidh mi leis a so bhi air mo dhearbh- adh, an darna cuid, trèibhdhìreach no 'n am chealgair. Oir (1.) An urrainn neach a bhi 'n a sheirbhiseach dìleas do Chriosd mar bi e comasach air a chrannchur a thoirt tharais dha ? Nach 'eil gach aon a tha teachd gu trèibhdhìreach chum Chrìosd a' tighinn le làimh f holaimh. Gnìomh. ix. 6.

AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

73

Salm xlvii. 4. Agus nach 'eil e 'g innseadh dhuinn, a dh'easbhuidh an t-suidheachaidh inntinn so, nach sinn a dheisciobul. Luc. xiv. 26. " Ma thig neach air bith do m' ionnsuidhse, agus nach fuathaich e 'athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phosda, agus a chlann, agus a bhraithrean, agus a pheathraich- ean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, cha'n 'eil e 'n comas da bhi 'n a dheisciobul dhomhsa." Theagamh gu bheil thu am mothachadh gur urrainn thu gèill a thoirt anns na h-uile nithibh ach sin : Ach nach mìll an t-aon ni sin na h-uile nithe eile ? Marc x. 21. An cualas riamh neach a rinn dùnadh firinneach ri Criosd^ agus aon ni bhi dh'easbhuidh air ; aon ni anns an robh e fèin iomchuidh a bhi 'n a uachdaran air fèin ?

Ceìst Am bheil a leithid sin a dh'inntinn no uidheamachadh roimh laimh, a dh'fheumas a bhi againn m'an creid sinn? Agus ma tha, co as a gheibh sinn e ? Am bheil e 'n comas duinn oibreach- adh a mach le ar camhachd nàdurrach ?

Freag. Cha'n 'eil, ach feumaidh e bhi còmhladh ri creidimh 'n a cho'-chuideachd, a' sruthadh bho'n aon fhoillseachadh slàinteil ann an eòlas air Criosd, leis am bheil an t-anam air a thoirt gu bhi creidsinn ann. Leis a so tha'n t-anam 'g a f haicinn 'n a Shlànuigh- ear foghainteach, agus mar sin ag earbs ann air son slàinte; g a fhaicinn 'n a Thighearna cothromach agus na riaglilear uile ghlic, agus mar sin a' toirt thairis a chrannchur 'n a làimh. Mat. xiii. 45, 46. Air d'an anam a ghabhail mar Shlànuighear, tha e

a ghabhail mar an ceudna mar cheann agus mar uàchdaran. 'S e Criosd a bhi 'g a thoirt fèin dhuinne agus sinne g a ghabhail a bheir oirnn dealachadh ri nithibh eile air a shon, ceart mar is e'n solus a sgaoileas air falbh an dorchadas.

Còr. Mo thruaighe ! cha'n urrainn mise, le m' uile chridhe, mo crannchur a chur fa ghèill dha 's a phùinc sin.

74

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

Freag. Cha bhi n strìochdadh so dh'easbhuidh gleachd; cha strìochd an seann duine gu bràth a chrannchur dha, agus 'nuair a tha'n duine nodha tre ghràs 'g a strìochdadh, bithidh an seann duine a' sior chur 'n a aghaidh. Gal. v. 17, " Oir a ta 'n fheòil a' miannachadh an aghaidh an spioraid, agus an spiorad an aghaidh na feòla3 agus a ta iad sin an aghaidh a cheile ionnas nach faigh sibh na nithe bu mhiann leibh a dheanamh." Ach am bheil thu gu trèibhdhìreach a' miannachadh, agus gu gnàthaichte 'g oidhearpachadh strìochdadh dha 's sl' chrannchur ? Am bheil thu tionndaidh bho'n ghleachd mhi-ghrasmhor an aghaidh a' chamaidh, gu bhi gleachd ri do chridhe fèin chum a thoirt gu ùmhlachd, a' creidsinn a' gheallaidh, agus a' cleachd- adh nam meadhona air a shon, air dhuit a bhi air do chràdh bho do chridhe nach urrainn thu strìochd- adh don chamadh? 'S e so a bhi strìochdadh do thoil Dhè anns a' chrannchur a rèir mìneachadh caomhail an t-soisgeil. Rom. vii. 17, 20; 2 Corint. viii. 12. Nam faigheadh tu do roghainn, nach b'f hearr leat do chridhe bhi strìochda do'n cham- adh na 'n camadh a bhi air a dhìreadh a rèir miann do chridhe. Rom. vii. 22, 23. Agus nach 'eil thu ann am firinn ag oidheirpeachadh a bhi rèidh ris a dh'aindeoin eas-aontachaidh na feòla. Gal. v. 17.

2. C'àit am bheil anfhein-aicheadh Chriosduidh, agus togail a chroinn-cheusaidh, a dh' easbhuidh strìochdadh do'n chamadh ? 'S e so a' cheud leasan a chuir Criosd an làimh a dheisciobuil. Mat. xvi. 24. " Ma 's àill le neach air bith teachd a' m' dheighse, àicheadhadh se e fèin agus togadh e air a chrànn-ceusaidh, agus leanadh e mise." Dhean- adh fèin-aicheadh neach rèidh ris a' chamadh agus toilichte leis a' chrànn-cheusaidh : Aeh, an uair nach f huiling sinne ni sam bith a bhi air aicheadh dar fèin thruaillidh, agus gu sònruichte ni sam

AN CAMADH 's A' CHRANNCHUR.

75

bith tha Dia a' faicinn iomchuidh aicheadh dhl air doigh àraid, cha'n urrainn sinn an camadh a tha 'n ar crannchur a ghiùlan^ ach cogaidh sinn 'n a aghaidh air taobh na fèine.

3. C'àit am bheil ar co'-choslas ri Criosd mar urrainn sinn strìochdadh do'n chamadh \ Agus ciormus a dhearbhar gur Criosduidhean sinn a dh'easbhuidh co'-choslas ri Criosd ? sC An a their gu bheil e fantuinn annsan, is còir dhàsan mar an ceudna gluasad, eadhon mar a ghluais esan." 1 Eoin ii. 6. Bha camadh bithchionta an crannchur Chriosd, ach strìochd e dha. Phil. ii. &, " Agus air dha bhi air f haotuinn ann an cruth mar dhuine, dh'irioslaich se e fèin agus bha e ùmhal gu bàs, eadhon bàs a chroinn-cheusaidh.>' Rom. xv. 3. Ct Oir cha do thoilich eadhon Criosd e fèin," &c. Agus mar sin feumaidh sinne dhean- amh ma's àill leinn sinn f èin a dhearbhadh 'n ar fior Chriosduidhean. Mat. xi. 29 ; 2 Tim. ii. 11, 12.

4. Cionnus a dhearbhar gur sinn fior chloinn chaomhail Dhè ma bhios sinn a' sior chogadh ris sl chamadh ? Cha'n urrainn sinn a bhi 'g ùrnuigh, u Ar n-Athair Deanar do thoil air an talamh/* &c. Mata vi. Ni h-eadh, 's e cainnt a' chleachd- aidh sin, Feumaidh sinn ar toil fèin f haotuinn, agus chan urrainn sinn a bhi rèidh ri toil Dhè.

Argumaid 4. Cha'n fhad a mhaireas dèuchainn a' chamaidh an so. 1 Cor. vii. 31. Ged robh 'n obair goirt, 's ann mar is giorra mhaireas i is fhàsadh a giùlan. Cuiridh beagan do laithibh no do bhliadhnaibh mar is faide crìoch air an dèuch- ainn so. Na abair nach fhaigh thu lasachadh gu bràth uaipe, oir mur faigh thu lasachadh an taobhsa dha sin, gheibh thu aig a' bhàs e, ge b'e air bith na thig 'n a àit an deigh sin. Dh'f heudadh beachd cudthromach do'n bhàs agus do'n t-sior- ruidheachd a thoirt oirnn sinn fèin a ghiùlan gu cubhaidh fo bhur camadh air son f had 's a mhair- eas e.

76 AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

5. Nan suidhichmid sinn fèin air dhoigh Chriosd- uidh, chum an camadh a ghiùlan, gheibheamaid e mòran ni 's fhasadh na tha sinn a' saoiisinn. Mata xi. 29, 30. " Gabhaibh mo chùing oirbh, agus fòghlumaibh uam, agus gheibh sibh fois d'ar n-anmaibh. Oir a ta mo chùingse so-iomchair, agus a ta m'eallach èutrom." Cha n 'eil aig Sàtan rathad 's an dòcha e buadhachadh, na bhi toirt a chreidsinn air daoinibh, gu bheil e do-dheanta dhoibh an inntinn a thoirt gu bràth gu strìochdadh do 'n chamadh ; 's gur eallach e tha tur do-iom- chair. Fhad 's a chreideas tu sin, bi cinnteach nach tig an bhios tu 'n comas a ghiùlan. Ach cha 'n 'eil an Tighearna deanamh camaidh an crann- chur neach air bith, nach fheudar a ghiùlan air dhoigh a bhios taitneach dhasan, ged nach ann gu foirfe. Mata xi. 30. Oir a ta neart freagarrach dha sin air a dheanamh cinnteach anns a' chùmh- nant. 2 Corint. iii. 5. Philip. iv. 13, agus an uair a theid creidimh a dh' iarraidh nèirt as a' chùmhnant, bheir e leis e gu cinnteach. Salm xxviii. 7.

6. Ma ghiùlanas sibh air dhoigh Chriosduidh fo 'ur camadh an so, cha chàill sibh 'ur saothair, ach gheibh sibh tre Chriosd làn duais nan gràs 's an ath-shaoghal. 2 Tim. ii. 12. 1 Corint. xv. 58. Tha beannachd air a chur an ce'ill air an neach a ghiulaineas e, air an dearbh bhònn so, Seum. i. 12, '* Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh ; oir 'nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha^ a gheall an Tighearna do 'n droing a ghràdhaicheas e." 'S e flaitheanas an t-àite do'n gabhar iadsan a sheasas ri dearbhadh a' chamaidh. Tais. vii. 14, " Is iad so iadsan a thàinig à trioblaid mhòr ; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain/' 'Nuair a ruigeas sibh sin, cha bhi comharradh dheth an làthair an 'ur crannchur, ni mo bhios an ni a 's lugha do chuimhneachan an-

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

77

shocrach agaibh dheth ; ach meudaichidh e 'ur n- aoibhneas, agus gieusaidh e 'ur moladh.

7. Mar giùlan sibh air dhoigh Chriosduidh an camadh, caillidh sibh 'ur n-anama 's an ath shaoghal. Iudas 15^ 16. Iadsan a tha cogadh ri Dia 'n an crannchur an so, bithidh Dia a' cogadh riu-san gu siòrruidh. Mar strìochd iad d' a chùing an so, agus mar imich iad gu siòchail foidhpe, fighidh esan a' chùing gu bràth mu'ra muineal, le cuibh- reachaibh bith-bhuan, nach bi gu sìorruidh air am fuasgladh. Iob ix. 4.

8. Ge b'e camadh a tha 'n crannchur neach air bith^tha e ro choslach gu bheil camadh folaiseach a' feitheamh na ginealaich so, a bhios ni 's ro dhèuch- ainniche.

Tha 'n so 'n a peacachaidh os ceann làithean ar n-aithrichean^ 'n a 's am bheil Dia a' deanamh camaidhean mòra ann an crannchur na muinntir is ro ionmhuinne leis fein ; ach tha iad sin cosmhuil ri bhi a' roimh-innseadh gu bheil a leithid a charn- adh coitchionn & feitheamh na ginealaich, 's a dh* fhàgas ar camaidhean uaigneach air ro bheag cud- throm. 1 Pead. iv. 17^ 18. Air an aobhar sin suidhichmid sinn fèin chum an camadh a th' ann ar crannchur a ghiùlan gu cùbhaidh.

Ma tha sibh & feòrach cionnas a ruigeas neach air a sin, bheir sinn air son seòlaidh.

TEAG. III Tha beachd a ghabhail air a cham-

adh crannchuir mar obair Dhè, 'n a mheadhon iom- chuidh chum neach a thoirt gu giùlan gu ceart fodha.

1. Bheir sinn fainear ciod e sin a bhi toirt an aire do'n chamadh mar obair Dhè,anns na cùig nithibh so.

'$ a cheud àite. A bhi fiosrachadh ciod an tobar bho bheil e 'g èiridh. Gen. xxv. 22. Tha mar- aon rèusan agus diadhachd ag teagasg dhuinn, cha n e a mhàin beachd a ghabhail air a' chamadh

AN CAMADH 'S 'a CHRANNCHUR.

nach urrainn dhuinn a sheachnadh, ach rannsach- adh agus fiosrachadh mu 'n aobhar bho bheil e a5 sruthadh. Gu cinnteach cha 'n e ar roghainn-ne e, ni cha 'n 'eil sinn a dh'aon obair 'g a dhean- amh dhuinn fèin; agus cha *n 'eil ach faoineachd a bhi 'g ràdh gur tuiteamas a th'ann ; cha d'fhàs e leis fèin, ach air a chuìr le làimh èiginn air ar son-ne. Iob v. 6. Agus tha sinn gu beachd a ghabhail do'n làimh bho bheil e a' teachd.

'S an dara dite. A bhi toirt an aire do làimh Dhè ann. Ge b'e làmh a th'aig creutair air bith anns a' chamadh, cha bu chòir dhuinn gu h-iom- lan ar beachd a shuidheachadh air, ach amharc os ceann agus an taobh thàll dha ri oibreach- adh làimh an àrd fhir-riaghlaidh. Iob i. 21, As eugais so tha sinn a' deanamh Dia do'n chreu- tair a tha 'n a mheadhon ann a bhi deanamh a' cha- maidh, ag amharc air mar gu'm b'e a' mhàthar- aobhair, ni a bhuineas gu sònruichte do Dhia, Rom. xi. 36, agus mar sin bheir sinn sinn fèin fo'n bhìnn sin. Salm xxviii. 5, " A chionn nach toir iad an aire do ghnìomharaibh an Tighearna, no do obair a làmh, sgriosaidh e iad_, agus cha tog suas iad/'

'S treas àite. A bhi 'g a nochdadh dhuinn fèin mar obair Dhè, a dh'oibrich e 'n ar 'n aghaidh-ne air son crìochan naomh agus glic, freagarrach d'an iomlanachd nèamhaibh. 5S e so am beachd ceart a ghabhail do'n chamadh, agus an rathad bho 'ni bheil giùlan gu h-iomchuidh fodha teachd. Cha 'n 'eil e gu bràth tearuinte gun an aire ghabhail do Dhia anns a' chamadh, ach gle thearuinte gun an aire ghabhail do'n chreutair, 'g a chur as leth Dhè, mar nach biodh gnothach aig laimh air bith eile ris, do bhrìgh gur e' làmh-san an còmhnuidh fior aobhar na cùis. " Is e 'n Tighearn a th'ann : an ni sin a ta maith 'n a shuilibh, deanadh e." 1 Sam. iii. 18. Mar so cha do ghabh Daibhidh sùim air bith do

AN CAMADH ?S A* CHRANNCHUR.

79

Shimei, ach dh'amhairc e ri Dia a thaobh na cùis mu'n do mhallaicheadh e ; coslach ri neach nach gabhadh aire sam bith do 'n tuaidh, ach a bheachd- aicheadh gu gèir air-san a bha 'g a làimhseachadh, An so tha ni ri thoirt fainear.

1. Ordugh a rùnaich an camadh sin air ar son-ne bho shiorruidheachd : ee oir tha e 'g oib- reachadh nan uile nithe rèir comhairle a thoile fèin." Ephes. i. 11, an leabhar a th'air a shèuladh anns am bheil sgrìobhta gach riaghan dubh a tha deanamh a' chamaidh. Ge b'e gleann do dhorch- adas, do chràdh, agus do bhròn troimh am bheil sinne air ar giùlan, tha sinn gu amharc orra mar air an deanamh leis na beanntaibh umha sin, eadhon, ruintean Dhè a ta neo-ghluasadach. Saciu vi. 1. Cha'n urrainn so bhi 'n a an-danadas air bith anns a chùis sin, mar giùlan sinn e ni 's faide na tha'n t-aobhar a' dol ann ar sealladh agus ann ar faireachadh fèin ; oir an f had sin tha'n leabhar air f hosgladh dhuinne chum amharc a steach ann.

2. Tha freasdal a' toirt a' chamaidh mun cuairt air ar son-ne ann an àm. ee Am bi dòrainn ann am baile, 's nach e'n Tighearn a chuir ann e V Amos iii. 6. Cha'n urrainn ni sam bith tachairt dhuinn as èugais-san anns am bheil sinn beò. Ge b'e làmh a dh'fheudas a bhi aig na creu- tairibh ann an deanamh ar camaidh, ciod sam bith a rinn no nach d'rinn iad da thaobh, is esan an a ta cur gach cuibhle chruthaiehte air ghluasad,, agus nan sguireadh esan stadadh iadsan uile ; ged tha e 'n còmhnuidh neo-chrìochnach fior-ghlan 'n a ghnìomharaibh, ge b'e co neo-ghlan 's a tha iadsan ?n an ghìomhara fèin. Thug lob an ni so fain- ear, caib. xxiii. 14.

'S a cheathramh dite. A bhi gnàth smuaineach- adh air mar obair Dhè. Cha'n e aon phladha do'n t-suil a thoirt air, an doigh cheart, ach meur-

80

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

achadh agus heachdachadh gu socrach air mar obair-san.

J. Tha sinn gu bhi gnàth-smuaineachadh air so: do bhrìgh 's gur ni-èiginn do chruaidh-chas mairsinneach an camadh, air an aobhar sin bu chòir do'n smuain so, mar an leigheas, a bhi an còmhnuidh air a cumail an cleachdadh. Tha smuaintean eile thuilleadh air so a dh'f heumas sinn a ghabhail a stigh, air chor 's nach urrainn dhuinn e bhi 'n còmhnuidh a dh'aon obair ann ar n-inntinn; ach feumaidh sinn a chur sìos mar raighailt shuidhichte, a rèir 's mar tha sinn gus an camadh a riaghladh, agus an cridhe chumail ann am fònn, leis an tig e chum air cuimhne, a rèir 's mar bhios feum àraid air a shon.

2. Air ar cleachdadh ann, mar bhios aobhar air, Co luath 's a mhothaicheas sinn cràdh a' chamaidh, bu chòir dhuinn an leigheas so a chleachdadh ; 'nuair a thòisicheas a chùing ris a' mhuinneal a chiurradh, bu chòir an t-ungadh spioradail so a cho'-chur. Agus ge b'e co tric 's a mhothaicheas sinn an cràdh, 's e ar giiocas an t-ùngadh a cleachd- adh mar an leigheas iomchuidh ; mar is tric a ghnàthaichear e, 's ann is f hasadh dhuinn f haotuinn, agus, mar an ceudna, 's ann is ro eifeachdaich e.

'S a chuigeamh dite Ann a bhi g a thoirt fainear

chum na crìche air son an do rùnaicheadh e dhuinne, eadhon, chum ar toirt gu giùlan umhal fodha. Bheir truailleachd dhaoine orra smuaineachadh air an doigh so ; agus mar a ta bharail truaillidh, mar sin bithidh a' chrìoch agus a' thoradh truaillidh, mar an ceudna. 2 Righ. vi. 33. " Feuch, tha'n t-olc so o'n Tighearna ; c'ar son a dh'fheithinnse air an Tighearna ni 's faide?" Ach feumaidh sinn a thoirt fainear, agus a ghnàthachadh chum crìche mhath, ma's àill leinn gu'm faigh sinn math dheth, 'g a ghabhail mar bhrosnachadh feumail chum ar giùlan fo n chamadh a riaghailteachadh.

AN CAMADH JS A5 CHRANNCHUK.

81

II. Cionnus a thuigear e bhi 'na rnheadhon iomchuidh chum neach a thoirt gu giùlan gu ceart fo'n chamadh.

1. Cha 'n ann mar gu'm biodh e foghainteach dheth fèin, agus mar a ta e ann fèin, air an toradh sin a thoirt a mach. Ach,,

2. Mar a ta e air a chleachdadh ann an creid- imh, ann an creidimh an t-soisgeil ; is e sin ri ràdh, Cha'n e beachd lòm a pheacaich d'a chamadh. erannchuir, mar obair Dhè, as èugais dàimh thearn- aidh air bith ris, an doigh gu giùlan gu ceart fodha; ach air dha creidsinn ann an Iosa Criosd, agus Dia a ghabhail mar a Dhia, agus mar an ceudna gur ann do obair Dhè an camadh, is e sin. a Dhia-san, am meadhon iomchuidh chum a thoirt gus an suidheachadh iimtinn agus an giùlan taitneach sin. Tha mòran do luchd-eisdeachd ani mearachd an so. 'Nuair a chluinneas iad a leithid so no leithid sud a chùmhnanta lagha air an ainm- eachadh chum an toirt gu ùmhlachd, air bàll tha iad a' smuineachadh, gu'm buannaich iad a' chùis le an neart-san a mhain. Mar an ceudna, tha mòran do luchd-teagaisg ann^ a tha dì-chuimhneach- adh Chriosd agus an t-soisgeil, a tha le neart rèusan a' gabhail orra Criosduidhean a dheanamh do dhaoine ; tha an sùilean araon air an cumail. air chor 's nach "eil iad sl faicinn truaillidheachd nàduir dhaoine^, a tha co mòr 's gu'n chuir e 'm fior leigheas os ceann neirt rèusain ; 's e beagan do dhroch cleachdaidhean_, an t-iomlan do'm bheil iad seadhail, nithe a tha iad am barail a dh'fheudas a bhi air an crathadh dhiubh le dian chleachdadh a dheanamh do an comasaibh rèusantach fèin. Chum a' chùis so a shoilleireachadh, thugaibh fainear,

'S a cheud àite. Am bheil e rèusantach a smuain- eachadh gu'n cuirte 'n duine thuit, le nàdur air a thruailleadh a dh'obair an aon rathad ri Adhamli neo-chiontach ? Is e sin na feumaich a chuir

82

AN CAMADH 's A9 CHRANNCHUR.

coimeas ris a' mhuinntir shaoibhir, na bacaick a cliuir air aon turus riu-san aig am bheil comas am bùill. Bha stoc do chomasaibh gràsmhor aig Adh- amh neo-chiontach, leis am feudadh e, le neart breithneachadh rèusantach, gach dleasnas a choi- ìionadh gu ceart. Ach c 'àit' am bheil sin againne ? 2 Cor. iii. 5. " Cha'n 'eil sinn foghainteach uainn fèin chum ni sam bith a smuainteachadh mar uainn fèin : ach is ann o Dhia a ta ar fogh- ainteachd." Ge b'e neart a ta annta do anam anns am bheil beatha spioradail, ciod an neart a ta annta chum na màirbh^ mar a ta sinne thogail ? Ephes. ii. 1.

'S an dara àite. Tha'n sgriobtuir gle shoilleir air a cheann so, a' nochdadh feum do-sheachaint' a' chreidimh. Eabh. xi. Agus sin an creidimh a dh'aonas ri Criosd. Eoin xv. 5. C( As m'eug- mhais-sa," is e sin, dealaichte uamsa, " cha'n ur- rainn sibh aon ni a dheanamh;" cha'n urrainn eadhon leis gach breithneachadh reusantach is ur- rainn sibh a ghnàthachadh. Cionnas a thugadh na deich àitheanta air beinn Shinai ? Cha'n ann mar aig agairt dleasnais agus ùmhlachd, ach a' tois- eachadh leis an t-soisgeul, chum a bhi air a chreid- sinn 's a' cheud àite, *4 Is mi an Tighearna do Dhia," &c- Mar an ceudna tha Solamh, neach ris nach 'eil mòran a' gabhail mar Sgrìobhadair air a dheachdadh a tha treorachadh chum Chriosd^, ach niar fhealisanach beusach, a' toiseachadh a sgrìobh- aidhean ann an toiseach a Gnàth-fhocail, ìe fior shoisgeul. Agus feumaidh sinn e bhi gu soilleir air aithris ann ar Bioballaibh maille ris gach àithne bheusach, air neo ar suilean a dhùnadh, agus na li-àitheanta so ghabhail as eugais ; is e sin toradh ar nàimhdeas a thaobh nàduir do Chriosd. Nam b'e 's gu'n gradhaichmid e ni bu mhò, chitheamaid e an tuilleadh anns gach taobh duilleig, agus anns gaeh àithne, a' gabhail an lagh bho 'bheul-san.

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

an treas dite. Thugaibh fainear ciod e a bhi giùlan gu ceart fo'n chamadh crannchuirj ciod an irioslachd anma; ciod an fhèin-aicheadh, agus an strìochdadh iomlan do thoil Dhè a dh'fheumas a bhi ann? ciod an gràdh do Dhia bho'm feum e sruthadh ; cionnas a dh'fheumas urram d'a ghlòir ar n-aomadh mar a' chrìoch àraid ; feuchaibh agus faicibh mar 'eil e do-dheanta dhuibh ruigheachd air as eugais a' chreidimh sin a roimh-ainmicheadh. Tha fios agam gu'm feud Criosduidh ruigheachd air as eugais làn dearbhachd: gidheadh 's ann a rèir an tomhais 's am bheil iad a' creidsinn gur e Dia an Dia-san, a bbios am buanachadh ann, tha iad so araon a' cumail co'ionann ceum. O ciod a' ghnè chridheachan a tha iad am barail a th'aca fèin, a tha smuaineachadh gur urrainn dhoibh an dean- amh folamh do'n chreutair aon mhòmaint ni's faide na's urrainn dhoibh an lionadh le Dia., mar an Dia 'n a àite ! Gun teagamh, feudaidh daoine., le neart breithneachadh reusantach iad fèin a thoirt gu giùlan ceart fo'n chamadh, bho'n leth a mach^ mar rinn iomadh Ana-criosduidh ; ach cha ruigear gu bràth air suidheachadh spioraid Criosduidh fodha, as eugais creidimh ann an Dia.

Leithsgeul. " Ma's ann mar sin a tha chùis 's iad na naoimh a mhàin a ta comasach air feum a dheanamh do'n bheachd sin.

Freagradh. \'S iad gu cinnteach, agus do gach beachd reusantach eile, air-son fìor fheum Criosdail. Agus cha'n 'eil sin a' ciallachadh, ach gur ann a mhàin air son nam beo, aig am bheil comas am buill, a tha na seolaidhean sin chum imeachd gu ceart ; agus uime sin chum gun dean sibh feum iomchuidh dheth, rùnaichibh creidsinn anns a' cheud àite.

III. Daingnichidh mi gu bheil e 'n a mheadhon iomchuidh chuin neach a thoirt gu giulan ceart fo'n

84

AN CAMADH ?S A9 CHRANNCHUR.

chamadh. Chithear so, ma bheir sinn fainear na ceithir nithe so.

1. Tha e ro fheumail chum ar 'n inntinn a thoirt bho bhi smuaineachadh air na nithibh so mu'n chamadh, a tha brosnachadh ar truaillidh- eachd ; mar a ta, a bhi cuir bacadh air ar toil agus air ar 'n iarrtas, an taitneas a bhiodh againn anns a' chùis a dhol a rèir ar càil fèin, cia cronail, cia mi-reusantach, cia reasgach, &c, a tha inneal a ehamaidh dhuinne. Cha'n 'eil ann a bhi smuain- eachadh air na nithibh so ach seideadh teine 9s an taobh a stigh ; ach bhiodh ar suilibh a thionndadh air mar obair Dhè ?n a leigheas air ann an rathad togail na h-inntinn dheth. 2 Sam. vi. 9, 10. Agus cha'n e a mhàin gu bheil a leithid sin a thog- ail air falbh air na smuaintibh ceadaichte, ach iom- chuidh agusfeumail.

2. Tha ullachadh modhannail ann chum an tor- adh math so thoirt a mach. Ged nach 'eil sinn air ar leigheas le neart reusain a mhàin ; gidheadh tha e air a thoirt air aghaidh^ cha'n ann le gluasad bòrb ach an ann rathad reusantach. Eph. v. 14. Tha buaidh mhodhannail aig an ni so air ar reusan, a tha comasach eagal a chuir oirnn chum gèill a thoirt dha, agus tha e toirt mòran argumaidean chum gu'n giùlanmaid air mhodh Criosduidh for ar cam- adh.

8. Tha e ri chreidsinn gu bheil e air òrduchadh le Dia chum na crìche sin, " Ann ad uile shìigh- ibh aidich e, agus seòlaidtt esan do 0^6^^^^^^." Gnàth. iii. 6. Oir cha'n 'eil anns a' chreutair deth fein ach ni gun bhrìgh gun ghluasad, agus fior dhìomhanas. Gnìomh. xvii. 28. e òrdugh Dhè a ni meadhon air bith freagarrach chum na crìche sin. Mata iv. 4. Uime sin^ cha n 'eil ann an ni sam bith a ghnàthaichear chum na crìche sin_, as eugais so a chreidsinn, ach a bhi deanamh Dia do'n chreutair ; uime sin, tha e gu bhi air a ghnathach-

AN CAMADH ?S a' CHRANNCHUR.

m

adh ann an urradh ri Dia, a rèir focail an òrduigh sin, 1 Tim. iv. 4, 5. Agus tha gach ni freagarr- ach do'n chrìoch chum an d'òrduicheadh e le Dia. Dh'òrduicheadh a ni so chum na crìche sin ; agus uime sin tha e 'n a mheadhon freagarrach air a shon.

4. Feudar a bhi 'g earbsa gu'n oibrich an Spiorad leis, agus tha e 'g oibreachadh leis annta-san & ta creidsinn, agus a tha 'g amharc ris air a shon, do bhrìgh gur meadhon e a dh'òrduich e fèin. Tha Papanaich, Laghalaich, agus gach uile neach shaobh-chràbhach, a' deilbhiomadh meadhon naomh- aichidh, agus cha'n e a mhàin aig am bheil coslas, ach aig am bheil freagarrachd mhodhannail chum na crìche sin; ach tha iad buileach neo- eifeachdach, do bhrìgh gu bheil iad coslach ri Abana agus ri Pharphar, as eugais òrduigh Dhè chum ar leigheas do ar mùire ; uime sin, cha'n 'eil an Spior- ad ag oibreachadh leo, do bhrìgh 's nach iad a h-aon d'a mheadhonaibh-san, ach meadhonan a dheilbh an cridheachan fèin. Agus a chionn gu bheil na meadhonan a dh'òrduich Dia neo-eif- eachdach as eugais an Spioraid, cha'n urrainn iad so gu bràth a bhi eifeachdach. Ach air do'n ni so bhi air òrduchadh le Dia, tha'n Spiorad aig oibreachadh leis.

Feum. Uime sin, gabhaibh an seòladh so chum ?ur toirt gu giùlan ceart fo'n chamadh 'n ur crann- chur. Cleachdaibh sibh fèin ri bhi g a thoirt fainear mar obair Dhè. Agus a chum 'ur cobh- air gu feum 'a dheanamh dheth, air dhoigh 's gu'm bi e eifeachdach? tairgeam na comhairlean so a leanas,

1. Thugaibh fainear e mar obair ur ann an Criosd. 'S e so an rathad gu ùrachadh le gràs an t-soisgeil, agus mar sin gu dheanamh ni's so-ghiùl- ainte. Salm xxii. 1 3. Bheir a bhi faicinn làimh Athar anns a' chamadh mòran do'n t-searbhadas as,

*6

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

agus ni e 'n leigheas ni's mìlse. Air an aobhar so bithidh e feumail, (1.) Dia a ghabhail gu nrinneach mar 'ur Dia fo 'ur camadh. Salm cxlii 4, 5. (2.) Ann 'ur 'n uile chòmhrag ris a' chamadh, creidibh gu seasmhach, agus tagraibh 'ur còir ann-san_, 1 Sam. xxx. 6.

2. Gabhaibh beachd ni's farsuinge air a* chamadh ]e bhi sealltuinn air an dàimh anns am bheil Dia agus a bhuadhan a' co'sheasamh dhuibh. Thugaibh fainear gur e obair 'ur e, obair 'ur 'n Athar, 'ur Brathar is seine, 'ur Ceann, 'ur Fear-posda, &c.j agus gu bheil e gu cinnteach air son 'ur math. Thugaibh fainear a naomhachd agus a cheartas, a tha nochdadh nach 'eil e deanamh eucoir oirbh ; a thròcair agus a mhaitheas, nach 'eil 'ur cor ni 's miosa ; àrd-uachdranachd_, a dh'f heudas 'ur riarach- adh anns a' chùis.

3. Thugaidh faìnear ciod an earrann do dh'ohair Dhè a ta ann, cionnus a ta e 'n a obair mhothach- aidh, gu peacadh a thoirt chum na cùimhne ; na obair chronachaidh, chum 'ur smachdachadh air son 'ur 'n amaideachd ; no obair bhacaidh, chum 'ur dùnadh suas bho shlighibh a' pheacaidh, ni as eugais chum am biodh sibh ullamh gu ruith ; na obair dhearbhaidh, chum 'ur staid, 'ur gràsan, agus 'ur truaillidheachd f hoillseachadh ; na obair chuir air dial, chum 'ur cuir air dial bho'n t-saoghal, agus 'ur 'n ullachadh air son nèimh.

4. Ann ar *n uile smuaintibh mu thimchioll, air a' mhodh so_, amhaircibh suas air son a Spioraid chum an deanamh eifeachdach. 1 Cor. iii. 6. Gu ma h-ann a ghiùlanas sibh mar so fodha air mhodh Criosduidh, gus an dìrich Dia e aon chuid an so no air nèamh.

AN CAMADH 's AJ CHRANNCHUR.

87

Gnath. xvi. 16.

Is feàrr a bhi do spiorad iriosal maitte riu-san a ta ciùin, na a* chreack a roinn maille ris rta h-uaibhrich.

Nani b'urrainnear daoine a thoirt aon uair gu ehreidsinn, gu'm b'fhearr dhoibh an inntinnean a lùbadh ri'n camadh crannchuir, nan camadh a dhìreadh a rèir an càil, an sin bhiodh iad air an rathad cheart chum an cùisean a thoirt gu deadh bhuil. Eisdibh ma ta ri breith Dliè anns chùis sin. " Is fearr a bhi do spiorad iriosal maile riu-san a ta ciuin, na a' chreach a roinn maille ris na h-uaibhrich/> Anns na briathraibh sin.

'S a' cheud àite. Tha coimeas air a shuidheach- adh, eadar phàirtidh, agus phùinc anns ani bheil iad aig eadar-dhealachadh gu mòr.

1. 'S iad na pàirtidhean a' mhuinntir iriosal agus a' mhuinntir àrdanach, a ta 'g eadar-dhealachadh mar a ta na nèamha agus meadhon na talmhainn : tha mhuinntir àrdanach an còmhnuidh a' streapadh suas, agus ag èiridh gu h-àrd ; tha mhuinntir iriosai toilichte le bhi màgaran air an làr, ma's e sin toiì Dhè. Gabhamaid beachd orra ni's ro shònruichte mar a ta 'm bònn teagaisg 'g an nochdadh.

1. Air an darna làimh tha mhuinntir irìosaL An so tha earrann araon air a leughadh,, agus air a mìneachadh leis an Spiorad Naomh, agus cha n 'eil iad ag eadar-dhealachadh ach a mhàin ann an litir; 's e cheud droing a' mhuinntir bhochd a ta fo amhghar, a tha iosal 'n an cor ; an dream aig am bheil camadh comharraichte 'n an crannchur a thaobh trioblaid a leagadh orra, leis am bheil an staid air a deanamh iosal anns an t-saoghal. *S

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

iad an dara droing a' mhuinntir mhacanta no chiuin agus iriosal, a tha iosal 'n an spiorad, co math 's 'n an staid, agus aig am bheil an inntinnean air an toirt a mhàin a rèir an crannchuir. Tha 'n da chuid so a' deanamh suas cliù na muinntir iriosail so.

2. Air an làimh eile tha mhuinntir àrdanach, ùallach, agus àrd-inntinneach. Tha e air a smuain- eachadh an so gu bheil trioblaidean, agus cam- aidhean 'n an crannchur-san mar an ceudna ; oir, is comharradh air buaidh a bhi roinn na creiche, agus tha buaidh a' cur an cèill gu'n robh cath ann.

2. 'S iad na pùincean anns am bheil na pàirtidh- ean so ag eadar-dhealachadh, eadhon, a bhi do spiorad iriosal, agus a' roinn na creiche.

Feudaidh a' mhuinntir iriosal agus a ta fo àmh- ghar air uairibh an cor f haotuinn air atharrachadh, feudaidh iad a bhi air an togail suas air ionad àrd, agus a' chreach a roinn, mar a rinn Hanna, Iob, &c. Feudaidh na h-uabhraich air uairibh a bhi air an tilgeadh sios agus air am bruthadh, mar bha Pha- raoh, Nebuchadnesar, &c. Ach cha*n i sin a cheist^ Co dhiubh is feàrr a bhi air ar togail suas maille riu- san a ta iriosal, no air ar tilgeadh sios maille riu-san a ta àrdanach ? Cha bhiodh dragh air bith anns a cheist sin a f hreagradh.

Ach 's i cheist, Co dhiubh is feàrr a bhi do spiorad iosal agus iriosal, ann an staid iosal, maille riu-san a ta iriosal agus fo àmhghar, no neach a thoil fèin fhaotuinn_, agus a chreach a roinn maille ris na h-uabhraich? Nan labhradh daoine fior smuaintean an cridhe, rachadh a cheist sin a f hreag- airt calg-dhìreach an aghaidh a' bhùinn-teagaisg. Uime sin^ is iad so na pùincean a th' air an coim- easachadh, agus a th' air an cur ri aghaidh a cheile an so. (1.) Air an darna làimh, a bhi do spiorad iriosal maille ris a* mhuinntir chiùin a ta fo àmh ghar, (no mar tha e 's an Eabhra,) a bhi do spior

AN CAMADH 'S A9 CHRANNCHUR.

89

ad iosal, oir tha 'm focal anns a' cheud chainnt a' ciallachadh a bhi iosal ann an crannchur no ann an cor ; mar sin 's i phùinc a th' air a sònruchadh an so, a bhi maille riu, no ann an cor na muinntir iriosal a ta fo àmhghar, aig am bheil an spiorad air a thoirt a mhàin chum a' chrannchuir iosail sin ; isleachd an spioraid a' cothromachadh isleachd a' chrannchuir. (2.) Air an làimh eiìe, a chreach a roinn maille ris na h-uabhraich. 'S i phùinc a tha gu bhi air a toirt fainear an so, a bhi maille riu no ann an cor nan uaibhreach, aig am bheil an crannchur air a thoirt le fior ainneart gu bhi rèir an càil ; mar a ta 'n dream, a tha meas gu bheil iad fèin a' fulang eucoir, a' strìgh ann an cath ri 'n naimhdibh, a' toirt buaidh agus a' roinn na creiche a rèir an toile.

'S an darna dite, A' bhreith a thugadh, anns am bheil a cheud aon air a mheas ni 's feàrr nan aon mu dheireadh : iC Is feàrr a bhi do spiorad iriosal maille riu-san a ta ciuin, na a' chreach a roinn maille ris na h-uaibhrich," &c. Nam biodh an phàirtidh so air an cur fa'r comhair-ne, b'fhearr dhuinn ar crannchur a' ghabhail maille riu-san a tha do staid iosal, aig am bheil an spioradan air an toirt a mhàin co iosal, r' an crannchur^ na bhi maille riu-san a tha do spioradaibh uaibhreach àrdanach, aig am bheil an crannchur air a thogail suas a rèir an càil. Is feàrr spiorad iriosal na staid air a h- àrdachadh.

TEAGASG. Tha ginealach ann do mhuinntir iriosal a ta fo àmhghar, aig am bheil an spiorad air isleachadh agus air a thoirt a mhàin a rèir an crannchuir, aig am bheil an cor anns an doigh sin, ni's feàrr na cor na muinntir àrdanach a tha faot- uinn nan uile nithe rèir an toile agus an cdil.

I. Bheir sinn fainear ginealach na muinntir irios-

90

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

ail a ta fo dmhghar, aig am bheil an spiorad air a thoirt a mhàin a reir an crannchuir.

Anns a' cheud dite. Cuiridh sinn sìos beagan do bheachdaibh coitchionn mu'n timchioll.

1 . Tha 'n leithid a ghinealach anns an t-saoghal, olc 's mar ta e. Tha 'm bònn teagaisg gu soilleir 'g an ainmeachadh, agus tha 'n sgriobtuir ag dean- amh luaidh orra ann an earrannaibh eile ; mar ann an Salm ix. 12, agus x. 12 ; Mata v. 3 ; Luc. vi. 20. C'àit' an iarr sin air an son ? Cha'n ann air nèamh, oir cha'n 'eil a h-aon fo àmhghar an sin ; no ann an ifrinn, cha'n 'eil a h-aon chiuin no iriosal an sin, aig am bheil an spiorada air an toirt a mhàin a rèir an crannchuir. Uime sin, feumaidh e bhi gur anns an t-saoghal so tha iad, far am bheil staid na deuchainn.

2. Mar biodh a' chuis mar sin, cha bhiodh luchd- leanmhuinn air bith aig Criosd mar a bha e s an t-saoghal. B'esan ceann na ginealaich sin, agus tha iad uile a' leantuinn 'eiseimpleir. 4 * Fòghlum- aibh uain, oir 3 ta mise macant' agus iriosal an cridhe." Mata xi. 29. Agus air son onoir-san, agus onoir a' chroinn-cheusaidh, cha bhi 'n saoghaì gu bràth a dh'easbhuidh orra am feadh a mhaireas e. Rom. viii. 29. " An dream a roimh-aithnich e, roimh-òrduich e iad mar an ceudna, chum bhi comh-chosmhuil ri dealbh a Mhic." Tha iomh- aighs' a' co'sheasamh anns an ni so, fulangas d'am priòmh-earrainn irioslachd.

3. Gidheadh tha iad gu cinnteach gle ainneamh anns an t-saoghal. Tha Agur a' toirt fainear, gu bheil ginealach eile ann (Gnàth. xxx. 13.) Ci Tha n sùilean àrda_, agus fabhraidhean an sùl air an tog- ail suas") a tha calg-dhìreach 'n an aghaidh so^ agus is iad so a' chuideachd is gu mòr. Cha'n 'eil an crannchur iosal trioblaideach co ro ainneamh^ ach 's ainmig a tha fònn iriosal spioraid cùing- cheangailte ris. Is iomadh spiorad àrdanach a

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

n

tha fantuinn àrdanach a dh/aindeoin ilsead an crannchuir.

4. Cha'n urrainn dhoibh a bhi ni's lionmhoire ann an àireamh na fìor phobull ; oir cha toir ni's lugha na gràs Dhè inntinnean dhaoin' a mhàin bho'n àirde nàdurrach, agus an toil a dheanamh rèidh ri toil Dhè. 2 Cor. x. 4, 5. Feudaidh daoine bhi gabhail orra bhi umhailt do chrann- chur iosal àmhgharaclr, do bhrìgh 's nach urrainn dhoibh a leasachadh,, agus gu bheil iad a' faicinn gur dìomhain a bhi strì 'n a aghaidh ; ach 's e gràs irioslachaidh, a dh'fheumas an spiorad a thoirt gu fìrinneach d'a ionnsuidh.

5. Ged is ann do'n ghinealach sin a tha pobull uile, gidheadh tha cuid dhiubh d'am buin an comhaìradh sin ni's ro shònruichte. Tha'n t-slighe gu nèamh tre iomadh àmhghar do na h-uile, Gnìomh. xiv. 22, agus gidheadh tha uile luchd- leanmhuinn Chriosd air an deanamh rèidh ris, Luc. xiv. 26, ach tha cuid dhiubh ni 's ro chomharr- aichte air am fòghlum ris na cuid eile, aig am bheil an spiorad air irioslachadh leis, agus air a thoirt a mhàin a rèir an crannchuir. Salm cxxxi. 2. " Gu deimhinn shocraich agus chiuinich mi m' anam, mar leanabh a chuireadh o chìch a mhàthar ; mar leanabh a chuireadh o'n chìch tha m' anamsa." Phil. iv. 11, 12. "Oir dh'fhògh- luim mi, ge b'e staid am bheil mr, bhi toilichte. Is aithne dhomh bhi iosal, agus is aithne dhomh mar an ceudna pailteas a mhealtuinn : anns gach àit,, agus anns na h-uile nithibh theagaisgeadh mi, araon pailteas a shealbhachadh agus uireasbhuidli fhulang."

6. Tha sealladh gle fhàbharach air a ghabhail anns na flaitheanas, do dh/fhònn iriosal anama, agus do rùn agus aomadh gnàthaicht' a' chridhe s an t-suidheachadh sin. Nam b'e 's gun amhairc- mid air son ginealach a tha gu h-iomlan air m

$2 AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

glanadh bho àrdan agus bho mhòrchuis cridhe an aghaidh an crannchur àmhgharaich anns gach àm, cha'n fhaighmid a h-aon dhiubh anns an t-saoghal so ; ach 's e a' ghinealach a tha Dia a' meas iriosal, an dream a tha gu trèibhdhìreach aig oidheirp- eachadh agus a' deanamh an dìchioll chum ruigh- eachd air, agus a tha cumail slighe na h-ùmhlachd so riaraichte, ged tha iad air uairibh air an seideadh a leth-taobh, tha iad a' pilltinn d'a ionnsuidh a rìs. 2 Cor. vii. 12; Seum. v. 11.

'S an dara àite. Gabhaidh sinn beachd shòn- ruichte d'an cliù, anns am bheil na tii nithe so.

' S a' cheud dite. Tha trioblaid an crannchur na ginealaich iriosail sin, a tha ni's feàrr na ghinealach àrdanach a tha soirbheachadh, is ginealach i do mhuinntir fo thrioblaid, a tha Dia a' cumail fo smachdachadh a' chùmhnaint. Feudaidh sinn a' gabhail anns na dha so :

1. Tha cùing do thrioblaid a dhaon seòrsa no do sheòrsa eile gu minig orra, Salm lxxiii. 14. Ma tha "tosd air nèamh," cha'n 'eil e ach " leth-uaire." Taisb. viii. 1. Tha Dia gu tric ag amharc orra, mar tha maighstir ag amharc air a sgoileiribh, agus mar a tha 'n lighiche air a mhuinntir euslainteach ; 'nuair a tha e, mar gu'm b'ann, a' dearmad dream eile. Taisb. iii. 19. Tha iad air an cleachdadh ris a' chùing, bho thàinig iad a steach do theaghlach Dhè. Salm cxxix. 1, 2, 3. Tha Dia 'g a faicinn math air an son. Tuir. iii. 27, 28.

2. Tha cùing shònruichte do thrioblaid, a chomharraich Dia air an son, a' leantuinn riu, agus is ann gle ainmig, ma tha iad idir, a' faotuinn lasachaidh uaipe. Luc. ix. 23. 'S e sin an deuch- ainn àraid, 's e sin camadh an crannchuir, 's e sin & chùing tha na luidh orra chum an cumail ann an gnàth chleachdadh. Feudaidh an deuchainnean eile bhi air am mùthadh, ach 's cudthrom a' chùing

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

sin a tha 'n còmhnuidh ceangailte riu, agus 'g an cromadh sìos.

'S an dara aite. Tha suidheachadh iriosal 'n an aigne agus 'n am fònn spioraid. Is ginealach iad do mhuinntir chiuin iriosal,, a thug Dia le gràs an spioraid a mhàin, bho 'n ardan fèin. Agus mar

SOj

1. Tha barail iosal agus shuarrach aca dhiubh fèin: do na tha iad fèin : 2 Cor. xii. 11., do na 's urrainn doibh fèin a dheanamh; 2 Cor. iii. 5.s d'am fiùthalachd fèin; Gen. xxxii. 10., agus d'an toillteannas fèin ; Tuir. iii. 22. Air dhoibh beachd a' ghabhail orra fèin ann an sgathan lagh agus iomlanachd Dhè, tha iad g am faicinn fèin 'n am meall do neo-iomlanachd agus do pheacadh. Iob xlii. 5, 6.

2. Tha barail àrd agus urramach aca mu Dhia. Salm cxliv.

3. Tha iad air an teagasg leis an Spiorad ciod e Dia; agus mar sin tha iad a' gabhail a steach smuaintean urramach mu thimchioll. Tha iad 'g a mheas mar Ard-uachdaran an t-saoghail, gu bheil iomlanachd neo-chrìochnaichte, agus 'obair comh- lionta. Tha iad ag amharc air mar thobair an sonais^ mar Dhia ann an Criosd, a' deanamh nan uile nithe gu math ; ag earsba ri 'ghliocas, ri 'mhaitheas agus ri 'ghaol, eadhon far nach urrainn doibh faicinn, Eabh. xi. 8.

3. Tha barail fhàbharach aca mu mhuinntir eile, co f had 's a dh'fheudas iad ann an ceartas. Phil, ii. 3. Ged nach comasach dhoibh gun bhi toirt fain- ear an cionta folaiseach, gidheadh,, tha iad ullamh gu'n oirdheirceas aideachadh, agus meas a bhi aca orra d'an rèir. Agus do bhrìgh gu bheil iad a? faicinn iad fèin a' mealtuinn ni 's do thròcairibh agus do shocharaibh chum ruigheachd air naomh- achd, na tha iad a' faicinn muinntir eile a' mealt- uinn, agus am mi-fheum a tha iad a' deanamh

94 AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

dhiubh, tha iad ullamh gu amharc air muinntir eile mar ni's feàrr na iad fèin, 'nuair a shàmhluicheas iad an coirean,

4. Tha iad gu h-iriosal ag aideachadh a bhi umhal do Dhia agus d'a thoil. Salm cxxxi. 1, 2. Tog- aidh an t-àrdan neach suas an aghaidh Dhè,, bheir irioslachd e air ais g'a àite, agus cuiridh e sios e aig cosaibh 'ard Thighearna, ag ràdh, " Gu deanar do thoil air talamh/' &c. Cha'n 'eil iad ag iarraidh an riaghlaidh ni's mò, ach tha iad toilichte gu'n suidheadh Dia fèin air stiuir an gnothaichean, agus gu'n riaghladh e 'n t-iomlan air an son. Salm xlvii. 4.

Cha'n 'eil iad ag iarraidh nithe àrda, ach tha iad a' rùnachadh a bhi toilichte le nithibh iosal. Salm cxxxi. 1. Bheir irioslachd a mhàin na smuaintean àrda_, a tha 'n t-àrdan a' togail suas an aghaidh nèimh ; tarruingidh e sgàile thar gach oirdheirceas agus airidheachd phearsonta an làthair an Tighearna, agus bheir e thairis an t-iomlan do'n bheil aig an duine do'n Tighearna,, chum a bhi mar cheumaibh gu cathair a ghlòire. 2 Sam. xv. 25, 26.

6. Tha iad ullamh gu bhi 'g àrdachadh nan tròc- airean a bhuilicheadh orra, Gen. xxxii. 10. Ni àrdan cridhe tàir agus dearmad air na tròcairibh a tha neach a' sealbhachadh, agus suidhichidh e 'n t-sùil air an ni a tha dh'uireasbhuidh air còr neach, 's ni e neach coslach ris na cuileagaibh, a theid seachad air na h-àitibh slàn,, agus a chruinnicheas nan sgaoth air a' chrèuchd. Air an làimh eile, tha irioslachd a' teagasg do dhaoinibh a bhi 'g ath-aith- ris nan tròcairean a tha iad a mealtuinn anns a chor is isle, agus comharradh a chuir air na nithibh math a sheilbhich iad, no tha iad a' seilbheachadh. Iob ii. 10.

'S an treas àite. An spiorad air a thoirt a mhàin a rèir an crannchuir. Is iosal agus is trioblaideach

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

9-?

an crannchur-san ; ach tha 'n spiorad cheart co iosai ris, air dha bhi troimh ghràs, air a thoirt a mhàin d'a rèir. Feudaidh sinn a ghabhail anns na cùig nithibh so.

1. Tha iad ùmhal dha mar ni ceart. Mic. vii. 9. "Giùlainidh mi corruich an Tighearna, a chionn gu'n do pheacaich mi 'n a aghaidh." Cha 'n 'eil cruaidh-chas air bith ann ar cor, ach sin a thug sinn oirnn fèin ; uime sin, is ceart gu'm pògamaid an t-slàt, agus gu'm bitheamaid 'n ar tosd foidhpe, agus gu'n islichmid ar spiorad a re'ir ar crannchuir. Ma ghearanas iad, 's ann orra fèin a ghearanas iad ; cha'n 'eil an cridheachan ag èiridh suas an aghaidh an Tighearna, 's ni 's lugha gu mòr a dh'thosglas iad am beòil an aghaidh nan neàmha. Tha iad a' firinneachadh Dhè agus 'g an dìteadh fèin^ tlm iad a' cur urraim air a naomhachd agus air fhireannt- achd gun smal 'n a ghnìomhachadh 'n an aghaidh- san.

2. Tha iad a' siubhal gu tosdach fodha mar ni so-fhulang. Tuir, iii. 26 29. *' Is math bhi ann an dòchas, agus feitheamh gu fòil ri slàinte an Tighearna. " Is maith do dhuine chùing a ghiùlan 'n a òige ; suidhidh e 'n a aonar, agus bithidh e 'n a thosd, a chionn gu'n d'rinn e a giùlan. Cuiridh e 'bheul anns an duslach, ma 's teagamh gu'm dòchas ann." Am feadh a tha'n spiorad neo- cheannsuichte air a chaothach fo'n chùing, coslach ri damh neo-chleachdta rithe, tha'n spiorad a tha rèidh r'a chrannchur a' siubhal gu ciuin foidhpe. Tha iad a' faicinn gur ann do thròcairean an Tighearna nach 'eil a' chùis ni's miosa ; tha iad a? togail na crois lomnochd, mar a ta Dia 'g a leagadh sìos, as eugais nan leth-troman sin a tha aignidh- ean buaireasach a' cur rithe : agus mar sin tha e da rìreadh a' tighinn gu bhi ni's fhasadh ghiùlan na shaoil leo a b'urrainn e bhi, coslach ri eallach air a deanamh ris an druiin.

96

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

3. Tha iad toilichte leis, a thaobh 's gur ann bho chearnaibh eile tha iad a tarruing an sòlais agus ni h-ann bho 'n staid as an leth a mach, eadhon mar a ta 'n tigh a' seasamh gramail an deigh do'n phrop air nach robh a thaic a bhi air a thoirt air falbh. " Ged nach toir an crann-fìge uaith blàth, agus ged nach fàs air an f hìonain cinneas ; gidheadh ni mise gàirdeachas anns an Tighearna." Hab. iii. 17, 18. Mar so rinn Daibhidh ann an theann- dachd, " Ghabh e misneach dha fèin anns an Tighearn a Dhia." 1 Sam. xxx. 6. Is comharr- adh air spiorad nach deachaidh a thoirt gu bhi umhal d'a chrannchur, neach a bhi ann an dìth misnich agus air cromadh sìos fo chruaidh-chas a' chamaidh, mar gu'm b'e ch8r anns an t-saoghal an t-aon ni ris an robh a shonas an urradh. 'S e easbhuidh irioslachd a tha toirt air sòlasaibh dhaoine fàs agus crìonadhj lìonadh agus traoghadh a rèir coslais iomadach an crannchuir anns an t-saoghal.

4. Tha iad & gabhail tlachd ann, mar ni a ta freagarrach agus math air an son. Isa. xxxix. 8. 2 Cor. xii. 10. Tha daoine gabhail seòrsa do thlachd ann an oibreachadh purgoid, ged tha i 'g an goirteachadh gu gèur ; tha iad a' smuaineachadh gu reusantach annta fèin, gur e is feàrr agus is fallain air an son : mar sin tha na h-anaman iriosal so a' meas an crannchuir trioblaideach mar leigheas spioradailj feumail, iomchuidh, agus math air an son ; seadh_, ni 's feàrr air an son anns an àm, do bhrìgh gu bheil e air a thoirt le'n Athair neàmh- uidh : agus mar sin tha iad a' ruigheachd air tlachd naomh a ghabhail 'n an crannchur iosal trioblaid- each.

Tha'n spiorad iriosal a' tarruing a mhilseachd so as an t-searbhadas a tha 'n a chrannchur, a' breith- neachadh cionnas a tha'n Tighearna, leis a' chrann- chur thrioblaideach sin, a cumail air ais an lòin bho na h-ana-miannaibh mi-riaghailteach, chum

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

91

s gu n cuirear bàs iad le goirt : cionnas a tha e gearradh air falbh nan sruth-chlaisean leth-taobh, chum 's gun ruith an t-iomlan do shruth gràidh an anama d a ionnsuidh fe'in ; cionnas a tba e toirt dheth agus a' cumail dheth 'n duine eallach agus a' bacadh nan sòlasa talmhaidh, chum gu'n ruith e nis cabhagaich an t-shghe gu nèamh.

5. Tha iad a' foisneachadh ann, mar staid as nach 'eil iad ag iarraidh teachd à mach, gus am faic Dia a thug iad da ionnsuidh, iomchuidh an toirt as do 'dheadh thoil. Isa. xxviii. 16. Ged tha àm saorsa spioraid neo-cheannsuichte an còmh- nuidh ullamh,, bithidh eagal air an anam iriosal guJn teid a thoirt a' mach as a' chrannchur thrioblaià- each ro luath. Cha bhi e air son atharrachadh air a staid, gus an toir na flaitheanas rau'n cuairt e ; gidheadh cha 'n 'eil sin a' cur bacadh air ùrnuigh, agus cleachdadh a dheanamh do na meadhonaibh a th air an òrduchadh, ann an earbsa ris an Tigh- earna; ach feumaidh e creidimh, dòchas, foighi- dinn, agus ùmhlachd. 2 Sam. xv. 25, 26.

II. Bheir sinn fainear ginealach na muinntir àrd- anaich a tha faotuinn nan uile nithe rèir an toil agus an càil. Agus 'n an cliù-san mar an ceudna tha tri nithe.

S' a cheud àite, Tha croisean 'n an crannchur. Mar an ceudna tha'n deuchainnean air an comharrach- adh air an son le riaghladh freasdail, agus ge b"e inbhe anns am bheil iad anns an t-saoghal, chaJn urrainn doibh an t-iomlan dhiubh a sheachnadh. Oir thugaibh fainear.

1. Gu'n d'rinn an aimhreite agus an dìomhana?. a thugadh a steach chum an t-saoghail le peacadh an duine, e neo-chomasach do dhaoinibh a dhol troimh an t-saoghal as eugmhais còmhlachadh ris a sin a chuireas mì-shuaimhneas orra. Ecles. i. 14. Thionnda am peacadh an saoghal bho bhi 'n a phàrras gu bhi 'n a phreas drise; agus cha'n 'eil

AN CAMADH 's a' CHItANNCHUR,

rathad air dol troimhe as eugais a bhi air ar rèubadh. Mar a dh'itealaicheas na meanbh-chuileag- an 's an t-samhradh mu'n cuairt dhoibh-san a bhios ag imeachd a mach ann an earradh riomhach, co math 's raun cuairt dhoibh-san ann an aodach suarrach; mar sin còmhluichidh croisean anns an t-saoghal ris a' mhuinntir àrdanach co math 's ris a' mhuinntir iriosal.

2. Tha àrdan an cridhe gu h-àraid 'g am fàgail fosgailte do chroisibh. Ni cridhe àrdanach crois dha fèin, far nach còmhluicheadh a h-aon ri anam iriosal, Ester v. 13. Ni e fior chrois deich uair- ean ni's truime na bhiodh i do'n mhuinntir iriosaL Tha ginealach na muinntir àrdanaich coslach ri ionntagach agus ri callaidibh-droighinn, ris an gramaich nithe bhios ag itealaich mu'n cuairt, 'nuair a theid iad seachad air nithibh iosal agus rèidh ; mar sin cha'n'eil dream sam bith ni's fosgailte do chroisibh na iadsan, ged is iad is neo-chomasach air an giùlan.

'*S an dara àiie. Mar tha e soilleir, bho'n àrdan a tha riaghladh 'n an spioradaibh. Cha deachaidh an spiorada riamh a cheannsachadh le obair fior irioslachaidh, tha iad a' fantuinn aig an àirde anns na shuidhich truaillidheachd nàduir iad ; air an aobhar sin cha'n urrainn dhoibh air sheol sam bith a' chùing a chuireas Dia orra ghiùlan. Tha'm muineal air at le droch ghalar an àrdain agus na feirge ; uime sin^ aon uair 's gu'n toisich a' chùing ri beantuinn ris, cha 'n urrainn tuille socair a bhi aca. Feudaidh sinn beachd a ghabhail an so air cor na ginealaich àrdanaich ann an trì nithibh.

h Tha iomadaidh meas ac' orra fèin : agus m ar sin tha'n inntinn àrdanach ag ràdh, Cha bu chòir do'n duine cromadh sìos do'n chùing ; tha i ro shuarrach air a shon. Ciod an dìomhanas at- mhor a th' ann an sin. Escod. v. 2. " e an Ti^hearna, gu'n eisdinn-sa r'a ghuth ?" Air an

AN CAMADH 5S A* CHRANNCHUR.

99

aobhar sin tha obair irioslachaidh feumail chum neach a thoirt gus . a' chùing a ghabhail air, co dhiubh is i cùing àithntean Chriosd no an fhreas- dail. 'S anns an tuigse tha a' cheud mhearachd ; uaithe sin tha Solamh gu gnathaichte a' gairm amadain do'n duine aingidh ; a rèir sin 's anns an tuigse a tha cheud bhuille do'n iompachadh,, ann a bhi dearbhadh an fheum a th* air irioslachd. Tha daoine ni's 'n am barail fèin, na da rìreadh a tha iad, uime sin, cha taitinn e ruinne, Dia bhi dean- amh cùisean freagarrach ris na tha sin da rìreadh.

2. Tha fèin-thoil neo-chlaodhte annta,, ag eiridh bho'n iomadaidh meas a th' aca orra fèin, agus tha i 'g ràdh nach gèill iad. Ecsod. v. 2. 'S i so a' cheist a tha eadar neàmh agus sinne. dhiubh is i toil Dhè no ar toil-ne a dh' feumais a bhi dean- ta 1 Tha toil Dhè naomh, ach tha ar toil-ne truailì- idh ; uime sin cha'n urrainn doibh cordadh ann an aon. Tha Dia ag ràdh 'n a fhreasdal gu'm feuni ar toil-ne geilleadh d'a thoil-san ; ach sin cha dean i, gus am bristear an fhèith iaruinn a tha innte. Rom. vi. 7. Isa. xlviii. 4.

Tha dòmhlas do dh'aignidhibh neo-cheannsuichte annta tha deanamh còmhnadh ris an fhèin-thoil ; agus tha iad ag ràdh, Cha ghèill i. Rom. vii. 8, 9. Mar sin tha'n cogadh a' toiseachadh, agus tha cath an leth-stigh agus an leth-muigh do'n duine. Seum. iv. 1.

(1.) Tha Dia naomh a' cur an aghaidh fèin-thoii nan crèutairean uaibhreach le' fhreasdal, a' riaghladh agus a' stiùradh nithe an aghaidh an tograidh ; air uairibh le làimh neo-mheadhonach fèin, mar ann an cùis Chàin. Gen. iv. 4, 5, air uairibh le làimh dhaoine bhi deanamh nithe an aghaidh an càil, mar ann an cùis Ahaib, dha 'n do dhiùlt Nabotli 'fhion-lios. 1 Righ xxi. 4.

(2.) Tha'n cridhe agus an toil àrdanach, do nacli comasach strìochdadh do'n chvois, 's nach fhuiMng ;t

100

AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

bhi air an ceannsachadh, ag èiridh suas na h-agh- aidh, agus a' cogadh air son na h-uachdranachd, le uile neart aignidhean neo-cheannsuichte. 'S e tha 's an rùn a' chrois atharrachadh, eadhon an cam- adh, agus a chuis a thoirt gu bhi rèir an inntinn- ean fèin ; 'seso aobhar a chogaidh mhì-naomha so, anns am bheil,

1. Cuideachd dhubh do dh'aignidhibh ifrinneil a tha g eiridh suas, agus & toirt ionnsuidh air nèamh fèin, eadhon, mi-thoileachadh, cion-foighid- inn, gearan, frionas, agus an leithidean sin. " Claonaidh amaideachd duine a shlighe, agus an aghaidh an Tighearna ni a chridhe gearan." Gnàth. xix. 3. Tha iad so a' cur feirg anns a' chridhe, gruaim anns a' ghnuis. Gen. iv. 6. 's air uairibh a' tilgeadh a mach lòd do ghearanaibh feargach agus mi-chiatach. Iudas rann 16, agus air uairibh do thoibheumaibh. 2 Righ vi. 33.

2. Tha cuideachd eile tha dol air an aghaidh, agus a' toirt ionnsuidh air a* mheadhon no air meadhonaibh na crois, eadhon, fearg,, corruich, buaireas, dioghaltas, mi-run, &c. Gnàth. xxvii. 4. Tha iad so a' cur an duine bho bhi 'g a sheilbh- eachadh fèin. Luc. xxi. 19. a' lionadh a chridhe le goil theas. Salm xxxix. 3. a bhèul le gleadhraich agus cainnt shalach. Eph. iv. 31. agus a' sèideadh bagraidh a mach. Gnìomh. ix. 1. agus air uairibh a' cur nan làmhan air obair, ni aig am bheil crìoch ro dhùbhailceach. Mata v. 21, 22. mar ann an cor Ahaib agus Naboith. Mar so tha mhuinntir àrdanach a,' toirt air aghaidh a' chogaidh, agus mar is trice a' càll a' chath, agus tha chrois a' fantuinn neo-ghluasadach a dh'aindeoin na 's urrainn doibh a dheanamh ; seadh, agus tha iad fèin air uairibh a' tuiteam anns a cho'stri : tha e crìochnachadh 'n an sgrios. Escod. xv. 9, 10. Ach cha'n ann mar sin a tha chùis anns a' bhònn teagaisg.

'S an treas àite. Tha sinn gu'n toirt fainear, mar

AN CAMADH 's A* CHRANNCHITR. 101

a* faotuinn na h-uile ni a rèir an toil agus an càil. Tha so a' cur an cèill,

1. Gu bheil freasdal naomh a' gèilleadh do fhèin- thoil neo-cheannsuichte an duine, agus a' leigeil leis ruith a rèir a chàil. Gen. vi. 3, tha Dia a' faic- inn iomchuidh gu'n tuiteadh an connsachadh leis. oir cha soirbhich e chum a mhath. Isa. i. 5. Mar sin tha'n t-srian air a leigeadh mu mhuineal an duine àrdanaich, agus tha na bu mhiann leis aige : " Tha Ephraim air a dhlù-cheangal ri iodholaibh, leig leis." Hos. iv. 17-

2. Gu bheil am miann a' fantuinn 'n a làn neart. Salm lxxviii. 30. " Cha robh iad air an sgarachd- uinn 0 am miann." Tha Dia air uairibh ann an suidheachadh a' chumhnaint, a' toirt an toil fèin d'a shluagh, agus tha e 'g an suidheachadh far am b'àill leo bhi ; ach anns a chor sin, tha'm miann sin air a cheannsachadh, agus tha iad mar chloinn air an cur bhàrr na ciche. Salm x. 17. Ach an so tha'm miann a' fantuinn neo-chlaoidhte ; tha na h-uaibh- rich aig iarraidh lòin air a shon, agus 'g a f haotuinn.

3. Gu bheil a' chrois air a h-atharrachadh, agus a chuing air a toirt dhiubh. Salm lxxviii. 29. Cha b'urrainn doibh smuaineachadh air an inntinnean a thoirt gu bhi rèidh ri'n crannchur ; ach chath agus ghleachd iad 'n a aghaidh, gus am bheil e air a thoirt gu bhi rèir an càil : Mar sinn is leo fèin an là, tha bhuaidh air an taobh.

4. Tha'n duine toilichte a chionn 's gu'n bhuann- aich e 'phùinc, eadhon mar a ta neach 'nuair a ta e roinn na creiche. 1 Righ xxi. 18, 19.

Mar so tha cor na ginealaich iriosail a ta fo àmh- ghar, agus cor na ginealaich àrdanaich a ta soirbh- eachadh, air an cur an cèill.

III. A nis tha mi gus an teagasg, no breith a bhùinn-teagaisg a dhaingneachadh. Gur feàrr eor a' cheud dream no cor na dream mu dheireadh. 'S fearr a bhi ann an cor iosal thrioblaideach, leis an

102

AN CAMADH *S a' CHRANNCHUR.

spiorad air irioslachadh agus air a thoirt a mhàin gu bhi rèidh ris a' chrannchur, na bhi do spiorad uaibhreach àrdanach, a' faotuinn a' chrannehuir ah a thogail suas do rèir, agus cùisean a' dhol a rèir toil, dùrachd, agus càil neach. Bithidh so soilleir bho na nithibh so a leanas,

'S a cheud àite. Tha barrachd co mòr aig irios- lachd thar àrdan, 's nach uarrainn a bharraidh- eachd failingeadh ann an cor air bith. Ged lean- adh gach trioblaid a th'anns an t-saoghal an spior- ad iriosal, agus ged leanadh gach soirbheachadh a th'anns an t-saoghal an t-àrdan, bithidh a' chuid is feàrr an còmhnuidh aig an irioslachd ; mar a ta 'n t-òr ni's ro oirdheirc air an otrach na uiread a' luaidh ann an cisde. Oir,

J . Is mìr do dh/ioinhaigh Dhè irioslachd. 'S e 'n t-àrdan mìr is barraichte do dh'iomhaigh an diabhoil. Gabhamaid beachd air-san, neach is e fìor iomhaigh pearsadh an Athar, agus chì sinn e " macant agus iriosal an cridhe." Mata xi. 29. Cha d'fhuiling neach riamh ni bu mhò do dh'àmh- ghair na esan,, gidheadh bha a spiorad gu h-iomlan rèidh r'a chrannchuir. Isa. liii. 7. " Shàruicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d'fhosg- ail e a bheul." Is mìr dealreach sin do dh/iomh- aigh Dhè: oir ged nach urrainn Dia bhi iosal a thaobh a chor agus a staid, gidheadh tha e do dh'- irioslachd neo-chrìochnach. Isa. lvii. 15. Cha ghiùlain neach sam bith mar ghiulanas esan. Rom. ii. 4, cha'n fhuiling neach sam bith gu foighidneach uiread a strì an aghaidh a thoil ris-san, ni a th'air a thairgse dhuinne chum ar misneachaidh ann an àmhghar mar dhealraich e ann an Criosd. et Uime sin thugaibh fainear esan a dh/fhuiling a shamhuiì sin do ana-cainnt o pheacachaibh 'n a aghaidh fèin, air eagal gu'm bi sibh sgìth agus lag ann bhur n- inntinnibh." Eabh. xii. 3.

Air an làimh eile, 's e 'n t-àrdan dearbh iomh-

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

103

aigh an diabhoil. 1 Tim. iii. 6. Am meas sinne sinn fèin a rèir àirde ar spioradan ? Cuiridh Sàtan geall ris an neach is àirde againn anns a phùinc sin ; oir, ged is e is ro thruaighe, gidheadh 's e is ro àrdanaich a th/anns a' chruitheachd gu leir. Tha uidhe ro mhor eadar a spiorad agus a chrannchur; tha a spiorad co arda ri cathair Dhè, agus a chrann- chur co iosal ri ifrinn ; agus mar a ta e do-dheanta gu'm bi a chrannchuir gu bràth air a thogail suas a rèir a spioraid ; mar sin cha tig a spiorad gu bràth a nuas gu bhi rèir a chrannchuir : uime sin, bith- idh e gu sìorruidh a' cogadh ri 'chrannchur. Air an aobhar sin, cha 'n 'eil fois air bith aige, eadhon aig an àm so, ach a' dol rau'n cuairt. aig iarraidh fois^ ach cha Veil e a' faotuinn a bheag.

A nis^ nach feàrr a bhi coslach ri Dia, na coslach ris an diabhol ? Coslach ris-san an is e tobar nan uile mhath, na coslach ris-san am bith is e tobar agus sruth-chlais gach uilc ? Am bheil e so-dheanta gur urrainn ni sam bith a mheidh a thionndadh an so, agus am barrachd a thoirt a chum an taobh eile ? " Uime sin is feàrr a bhi do spiorad iriosal maille riu-san a ta ciuin/' &c.

2. Tha irioslachd agus ciuineachd spioraid 'g ar 'n uidheamachadh air son co' chomuinn agus comh- luadair ri Dia ann an Criosd. Tha 'n t-àrdan a' deanamh Dhè 'n a nàmhad dhuinn. 1 Pead. v. 5. Tha ar sonas 's a' bheatha so agus anns an ath-bhea- tha an urradh ri ar comhluadar càirdeil ri neàmh. Mar 'eil sin againn, cha'n urrainn ni sam bith ar càll a' dheanamh suas, Salm xxx. 5. Ma tha sin againn, cha'n urrainn ni sam bith ar deanamh truagh, Rom. viii. 31. " Ma ta Dia leinn, co dh'fheudas bhi 'n ar n-aghaidh V' A nis, co iadsan leis am bheil Dia ach a' mhuinntir chiùin agus iriosal ? Iadsan a th/ann an Criosd tha iad air an deanamh coslach ris. Tha e 'g am beannachadh, agus a' cur an cèill gur iad oighreachan crùin na

304 AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

glòire. u Is beannuicht' iadsan a ta bochd n an spiorad : oir is leo rìoghachd neimh." Mata v. 3. 'Nuair a theid e seachad air na h-uabhraich, amh- aircidh e orrasan ge b'e co iosal Js a tha an cor. Isa. Ixvi. 2. Bithidh meas aig orra, ge b'e mar tha iad air an cur suarrach: "Ge h-àrd an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal ; ach aithnichidh e an t' uaibhreach fad as." Salm cxxxviii. 6. Gabh- aidh e còmhnuidh maille riu, ge b'e co bochd 's a tha an àite-còmhnuidh. Isa. lvii. 15. Gu cinnteach àrdaichidh e iad ann an àm iomchuidh, ge b'e co iosal 's a tha iad 'n an luidh an dràsd. Isa. xl. 4.

iadsan a tha Dia a' cur 'n an aghaidh ? Tha na h-uaibhrich. Iadsan tha e a mallachadh. Ier. xvii. 5, agus tioramaichidh & mhallachd sin suas an gàirdean fadheoidh. Tha 'n duine àrdanach a* cur an aghaidh Dhe' ; tha e deanamh a dhè dheth fèin, agus b'àill leis gu'n deanadh an dream a tha mu'n cuairt air an dia-san dheth mar an ceudna ; tha e a* beuchdaich agus ann an dian-chorruich, mur tuit iad sìos 'n a làthair. Ach bheir Dia a mhàin e. Isa. xl. 4. Salm xviii. 27.

A nis, nach feàrr a bhi air ar 'n uidheamachadh air son co 'chomuinn ri Dia, na E bhi cath 'n ar n- aghaidh a dh*aon char ?

3. Is dleasnas irioslachd a tha taitneach do Dhia_, is peacadh an t-àrdan a tha taitneach do'n diabhol. Isa. lvii. 15. 1 Tim. iii. 6.- Tha Dia ag iarraidh oirnne bhi iriosal, gu h-àraid fo àmhghar, "agus bithibh air bhur sgeadachadh le h-irioslachd, " 1 Pead. v. 5, 6. Is e sin ar truscan cubhaidh. Ghabhadh ris a* Chìs-mhaor iriosal, agus dhiùltadh am Phairiseach ardanach. Feudaidh sinn a ràdh mu'n ghinealach àrdanach, mar ann 1 Tesal. ii. 16. <( Oir thàinig an fhearg orra gus aJ chuid a 's faide." Cha'n 'eil iad a* toileachadh aon chuid Dhia no dhaoine, ach a mhàin iad fèin agus an Diabhol, ris am bheiliad coslach 'n an àrdan. A nis, is e dleasnas an còmhnuidh is feàrr na peacadh co dhiubh.

AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

105

'S an dara dite. Tha niòran fois agus sàmhchair inntinn acasan aig am bheil an spioradan air an toirt a mhàin a rèir an crannchuir thrioblaidich, am feadh a ta na h-uaibhrich, a dh'fheumas an crann- chur fhaotuinn air a thogail suas a rèir an inntinn, ann am mi-shuaimhneas, trioblaid agus cràdh. Thugaibh fainear an so, gu bheil, air an darna làimh,

1. Suaimhneas inntinu, agus socair an leth stigh, 'n a bheannachd mhòr^ ris am bheil sòlasa na beatha so 'n urradh. Cha'n urrainn ni sam bith as eugais so beatha neach a' dheanamh sonadh. Dan. v. 6. Agus far am bheil so air a chumail suas cha'n urrainn ni sam bith a' dheanamh truagh. Eoin xvi. 33. Air da so bhi air fhaotuinn ann an Dia, tha dùbhlan air a thoirt do uile thrioblaidibh an t-saogh- ail. Salm xlvi. 2 4. Coslach ris an leanabh a' seoladh ann am meadhon nan tonnan atmhor.

2. Tha'n spiorad a th'air a thoirt a mhàin gu bhi rèidh ris a' chrannchur a' deanamh agus a' cumail na sith-chainnt so 's an leth-stigh. 'S ann bho eas- aonachd ar 'n inntinn ri ar crannchur a tha gach uile thrioblaid a th' ann ar crannchur 's an t-saoghal ag e'iridh ; nam biodh an inntinn airatoirt gu bhi rèidh ris a' chrannchur air bàll sguireadh an t-iomlan do 'n bhuaireas ; biodh i air a cumail anns an f hònn sin, agus bithidh an duine aig fois 'n a thrioblaid, coslach ri creag nach gluais na h-uisgeachan a ta bualadh oirre. Colos. iii. 15. " Agus biodh sìth Dhè a' riaghladh ann bhur cridhe, chum am bheil sibh mar an ceudna air bhur gairm.,>

Air an làimh eile^ thugàibh fainear,

1. Ciod a mhì-shuaimhneas inntinn a tha na h-uaibhrich a' fulang mu'm faigh iad an crannchur a thogail suas a rèir an inntinn. u Chleachd iad an teanga ri labhairt bhièug ; sgithich iad iad fein a' cur an gnlomh do-bheart/' Ier. ix. 5. Seumas iv. 2. ^Tha sibh a* miannachadh, agus cha'n 'eil agaibh : tha sibh a' màrbhadh, agus a' dian-shànnt-

106

AN CAMADH 'S 'a CHRANNCHUR.

achadh, agus ni 'n comas duibh ni fhaotainn : tha sibh a cathachadh agus a cogadh,, gidheadh cha'n 'eil agaibh." Ciod na saighdean do chràdh-phianadh do dh'iomaguin, do fhrionas, agus do smuairean a a dh'f heumas iad fhulang ? Ciod na h-aignidhean mi.rianail a tha cogadh an leth-stigh dhoibh ? Agus ciod am mi-shuaimhneas anabarrach inntinn a tha iad a' bruchdach a mach ? Ciod an an-f hois anns an robh Haman, mu'n d'fhuair e àithne 'n Righ chum dìoghaltas a* dheanamh air Mordecai ?

2. 'Nuair a gheibh iad a chùis a rèir an inntinn, cha diol e 'n luach. Cha toir a mhealtuinn uiread a thaitneas agus a thoilinntinn dhoibh, 's a thug a bhi do easbhuidh a chràdh dhoibh. Bha so soilleir ann an cor Rachel, a thaobh cloinne bhi aice ; agus anns a chor sin. Salm lxxviii. 30,, 31. Tha cuileag mharbh anns an oladh-ungaidh a tha milleadh a bholaidh a bha iad ag earsba fhaotuinn uaithe. Toradh a spionar do chraoibh an f hreasdail, mu'm bi e abuich, cuiridh e dèisinn air na fiacalaibh gu h-ealamh. Dearbhaidh e bhi coslach ris & mhanna a ghleidheadh thar oidhche. Ecsod. xvi. 20.

3. Cha'n 'eil ach greim neo-chinnteach aca dheth ; cha mhair e maille riu. Tha e aon chuid air a thoirt uatha gu luath, agus tha iad ceart far an robh iad a ris : " Thug mise righ dhuit ann am fheirg, agus thug mi air falbh e ann am chorruich/' Hos. xiii. 1 1 . Air dhoibh freumh do dh'àrdan a bhi annta, tha e gu h-ealamh a' seargadh air falbh ; air neo tha iadsan air an toirt uaithe-san air chor 's nach 'eil comas aca air a mhealtuinn. Amhuil a fhuair Haman an àithne ; ach mu'n d'thàinig latha cuir an gnìomh shiubhaìl esan.

'S an treas àite. Tha iadsan a tha faotuinn an spioraid air a thoirt a mhàin a rèir an crannchuir àmhgharaich^ a' buannachd pùinc ni's ro luach- mhoire na ladsan a tha 'n an àrdan o! togail suas an crannchuir gu bhi rèir an inntinn. Gnàth. xvi. 32.

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

107

" Is fearr an a ta màll chum feirge na gaisgeacbg agus an a riaghlas a spiorad fèin na esan a ghlacas àrd bhaile."

L Bithidh so soilleir, ma bheir sinn fainear^ nach 'eil an aon mu dheireadh a' dheanamh a chor ni's f 'eàrr ach a thaobh nithe bho'n leth a mach, ach ni cheud aon an duine ni's feàrr, " Is bheatha nam biadh." Tha'n duine ni's ro luachmhoire na gach uile goireas saoghalt a tha e a' mealtuinn. Uime sin, tba barrachd aig an ni sin a ni an duine ni's feàrr air an ni sin nach dean ach a mhàin a chrann- chur ni's feàrr. Abair far am bheil dithis gu tinn gu bheil a h-aon diubh air atharrachadh bho leaba neo-shocrach gu leaba shocrach, gidheadh tha'n tinn- ea9 a' sior mhairsinn ; tha'n aon eile dhiubh an còmhnuidh 'n a luidh, air an leaba neo-shocrach,, ach tha'n tinneas air a chùiteachadh, co chuireadh an teagamh nach e cor an aon mu dheireadh is feàrr ? Amhluidh 'an so, &c.

2. 'S e ar 'n aignidhean a thoirt fo cheannsail ni is ro oirdheirc na ged gheibheamaid an saoghal gu h-iomlan a cheannsachadh a rèir ar toil : oir anns a' chor sin is sinn ar 'n uachdaranan fèin, do rèir sin ann an Luc. xxi. 19. An àite sin tha sinn anns a chor eile 'n còmhnuidh 'n ar traillean do'n mhaighis- tir is miosa. Rom. vi. 16. Anns an darna cor tha sinn tearuinte, ge b'e stòirm a shèideas ; anns a chor eile tha sinn fosgailte do mhìltibh chunnartan. Gnàth. xxv. 28. " Mar chathair briste sìos,, gun bhalladh, tha am fear aig nach 'eil ceannsal air a spiorad fèin.,,

3. 'Nuair a thig iad maraon gu breith a thoirt orra, bithidh e soilleir gu'n mheudaich an dara h-aon àireamh an deadh oibre, ann an toirt an spiorad gu bhi rèir an crannchuir ; 's an aon eile, àireamh an droch oibre ann an toirt an crannchuir gu bhi rèir an spioraid. Oir tha ar gnothach ri Dia a ta uile- f hiosrach, agus tha gach gnìomh an taobh a stigh 'n

108

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHtm.

a obair, mhath no olc, 'n a shuilibh-san, as am feum- ar cunntas a thoirt. Rom. ii. 16.

Tha crannchur trioblaideach cràiteach, ach far am bheil e air a riaghladh gu ceart, tha e gle thorach ; tha e a' cumail gràsan an spioraid an cleachdadh annsa Chriosduidh, a luidheadh an codal air mhodh eile. Ach cha'n 'eil gnìomh air bith do ghèilleadh do thoil Dhè fo'n chrois, no gnìomh do dh' earbsa ann air son cobhair, nach bi air a chur air chuimhne mar dheadh oibre ann an clàr-cuimhne nam flaithean- ais. Mal iii. 16. Agus tha iad so air an toirt air an aghaidh le trioblaid

Air an làimh eile, cha'n 'eil èiridh air bith a tha 'n cridhe àrdanach a' deanamh an aghaidh a chrann- chuir, no ionnsuidh chealgach a tha e toirt chum a dheanamh a rèir ar càil, co dhiubh a shoirbhicheas e no nach soirbhich, nach 'eil air a mheas mar dhroch obair an làthair Dhè. Uime sin, cia mar bhitheas àireamh an leithide sin a dh' oibre air an lionmhoir- eachadh leis a chogadh anns am a' chreach air a roinn !

Feum 1. Air son Seòlaidh, Uaithe so feudaidh sinn f hòghlum, 1. Cha'n i an toil fèin fhaotuinn is fèarr air son muinntir an còmhnuidh. Is lion> mhoir iad nach urrainn a bhi rèidh ri toil Dhè d' an taobh, a tha faotuinn an toil fèin le dioghaltas. Salm lxxxi. 11, 12. " Cha do ghabh Israelrium, uime sin thug mi thairis iad do ana miann an cridhe fèin ; dh'imich iad 'n an comhairle fèin." Theag- amh gur e is toilichte agus is tainich 's an àm, ach cha'n e is tearuinte- Uime sin, na deanadh rnuinntir uaill asda fèin ged choisneadh iad nithe air an doigh sin leis an làimh làidir; na deanadh iad gàirdeachas air son a leithid sin a bhuaidh ; fos- glaidh an cunntas a ghabhar dhiubh mu dheireadh an suilean.

2. Tha'n neach a tha fo thrioblaid agus a tha giùlan na crois, aig am bheil a chrannchur air a

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

109

chumail iosal, co fada bho bhi 'n càll, 's gur ann a tha e faotuinn mòr bhuannachd leis^ ma tha spioracl air a thoirt a mhàin do rèir. Agus ma chì e chor ann an solus neo-mhearachdach focal Dè, tha e ann an còr ni's feàrr na ged gheibheadh e 'n t-iomlan a rèir a chàil. Anns an darna rathad diubh so tha soithichean na feirge air an deanamh iomchuidh air son sgrios. Salm lxxviii. 29 31. Anns an rathad. eile, tha soithichean na tròcair air an deanamh iom- chuidh air son glòir, agus is ann mar sin a tha Dia a* teagasg a chuid fèin. Tuir. iii. 27.

3. Is feàrr gèilleadh do Fhreasdal na cogadh 'n a aghaidh ged bhuadhaichdmid. 'S e geilleadh do shuidheachadh an àrd uachdarain araon ar dleasnas cubhaidh agus ar buannachd is mo. Tha sinn a' deanamh ni's ro urramaiche agus ni's ro ghlice an rathad so ghabhail ; oir ciod an onoir is urrainn bhi ann do'n chreutair tagradh an aghaidh a Chruith- ear ? oir ge b'e mar dh'fheudas cuid a bhaiteallan soirbheachadh anns a' chùis sin, feudaidh sinn a bhi cinnteach gu'm a' bhuaidh air taobh nam flaith- eanas anns a' chogadh. 1 Sam. ii. 9. " Oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith."

'S an dite mu dheireadh. 'S mòr is feàrr air ar son-ne ar spiorad fhaotuinn air a thoirt a mhàin na ar crannchur bho'n leth a mach fhaotuinn air a tho- gail suas. Ach tha creidsinn so ? Tha na h-uile dhaoine strì ri'n crannchur bho'n leth a mach a thogail suas ; tha chuid is do dhaoinibh caoin- shuarrach mu n spiorad a thoirt a mhàin, agus tha iad ro thearc a tha feuchainn ris. Agus ciod e sin ach a bhi fo chùram mu dheoch a thoirt dhoibh-san a tha gu tìnn agus pàiteach_, ach ioma-chomadh mu leigheas iarraidh air an son^ leis am am pathadh air a chasgadh.

Fevm 2. Air son earaiL Mar a chòmhluicheas sibh ri croisibh 'n ar crannchur anns an t-saoghal^ gu ma feàrr leibh ur spioradan fhaotuinn air an irios-

110

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

lachadh agus air an toirt a mhàin, no chrois fhaot- uinn air a h-athari*achadh. Gha'n 'eil mi ciallach- adh nach f heud sibh gach uile mheadhon laghail a chleachdadh chum 'ur crois athaiTachadh, ann an earbsa ri Dia : ach a mhàin gu 'm bi sibh ni 's mo fo chùram chum 'ur spiorad fliaotuirm gu cromadh agus gu lubadh, na 'ur camadh crannchuir fhaotuinn air a dhìreadh.

Brosnachadh 1. Tha e mòran ni's feumaile air ar son-ne ar spioradan fhaotuinn air an irioslachadh fo'n chrois,, na chrois f haotuinn air a h-atharrachadh. Cha'n 'eil a h-atharrachadh feumail ach a mhàin air son socair na feòla, ach tha'n spiorad irioslachadh feumail chum buannachd ar 'n anaman, chum an glanadh agus an toirt gu staid slàinte agus leigheis.

2. Bithidh buaidh anabarrach math aig irioslachd spioraid air crannchur trioblaideach, ach cha bhi buaidh air bith aig atharrachadh a' chamaidh air spiorad àrdanach. Eutromaichidh an irioslachd a chrois gu mòr aig an àm, Mata xi. 30, agus ann an àm iomchuidh giùlanaidh e gu glan air falbh i. 1 Pead. v. 6. Ach cha'n e an camadh a thoirt air falbh an meadhon chum a' mhuinntir àrdanach ir- ioslachadh ; ged dh'fheudadh e brosnachadh a bhac- adh^ gidheadh tha 'n galar a sior mhairsinn.

3. Smuainichibh annaibh fèin cia cunnartach agus eu-dòchasach an cor, a' chrois a bhi air a togail air falbh mu'm an spiorad air irioslachadh ; is e sin, mheadhonan an leighis a bhi air an spiònadh air falbh, agus air an dùnadh suas uainne, am feadh a ta cumhachd a' ghalair fathast a mairsinn ; an deuch- ainn a bhi air a toirt air falbh mu'n d' thug sinn dearbhachd mhath air bith m'ar timchioll fe'in,, agus mar sin a bhi air ar toirt thairis le ar leighiche mar mhuinntir chàillte. Isa. i. 5. Hos. iv. 17.

Feum 3. Air son seòlaidh. Ann an creidsinn an t' soisgeil, gabhaibh Dia mar 'ur Dia ann an Criosd chum 'ur slàinte shiòrruidh^ agus buanaich-

AN^HAMADH *S A} CHRANNCUR. 111

ibh a gnàth smuaineachadh air mòrachd agus air naomhachd Dhe, agus air 'ur truaighe fèin ; mar sin hithidh sibh air 'ur 'n irioslachadh fo làimh chumh- achdaich Dhè ; agus, ann an àm iomchuidh, tog- aidh e suas sibh.

1 Peadar v. 6.

Uime sin islichìbh sibh fèin fo làimh chumhachd- aich Dhè, chum as gun drdaich e sibh ann an dm ìomchuidh.

Ann an toiseach a' chaibideil so,, tha'n t-Abstol 1 ag earalachadh seanairean na h-eaglais 'n an dleas- nasan a thaobh an t-sluaigh ; agus a rithist an t-sluaigh 'n an dleasnasan araon a thaobh an seanair- ean agus eatorra fèin_, ni a tha e a' gabhail a steach anns an aon fhocal sin, Umhlachd- Air an aobhar ^ sin, tha e a' moladh irioslachd mar an t-àrd mheadhon chum nan uile thoirt gu'n caochladh dhleasnasaibh fa leth. Tha so air earalachadh le argumaid a th'air a toirt bho'n làimhseachadh eadar-dhealaichte a tha'n Tighearn a' toirt do'n mhuinntir àrdanach agus iriosal ; arin a bhi cur an aghaidh an darna h-aon agus a' nochdadh deadh- ghean do'n aon eile. Is earail ar bònn-teagaisg a th'air a tarruing bho na bheaclid sin.

I. Agus annsan tha againn an dleasnas a tha sinn gu thòirt fainear : *' Air an aobhar sin, islich- ibh sibh fèin fo làimh chumhachdaich Dhè, chum as gu'n àrdaich e sibh ann an àm iomchuidh." Agus an sin feudaidh sinn fhaicinn.

1. Staid na muinntir dh'am bheil e air a thairgse. iadsan a ta fo làimh chumhachdaich Dhè} a dh'is- lich a làmh-san, no shuidhich e rathad eiginn iosal a thaobh an crannchuir anns an t-saoghal. Agu§ leo so, tha mi saoilsinn, gu bheil air an ciallachadh, cha'n e a mhàin iadsan a tha fo àmhghairibh àraid

112

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

coinharraichte, ni is e crannchur cuid, ach niar an ceudna iadsan, a tha le freasdal air an isleachadh air sheol sam bith, ni is e crannchur nan uile.

Tha na h-uile ann an staid umhailteas no ann an eisiomail aon a chèile. Rinn Dia a bheatha so 'n a staid do dheuchainn ; agus, air an aobhar sin,, rinn e muinntir 'n an iochdrain do aon a chèile, mar a ta mnathan^ d'am feara'-posda, clann d'am pàrant- aibh, seirbhisich d'am maighistiribh ; agus iad so^ a rìs, do'n mhuinntir is inbhiche na iad fèin ; 'n am measg-san a rìs, tha mhuinntir is àirde nan eisio- mail-san a ta fodhpa, mar a ta luchd-riaghlaidh agus ministeirean an eisiomail an t-sluaigh, ged is e 'n t-àrd fhear riaghlaidh duine 's th'anns an Usaoghal, gidheadh 's e neach is lugha th'ann. Rinn Dia doigh an t-saoghail so chum dearbhadh a chur air daoinibh 'n an caochladh dhàimhibh fa leth, mar a ta iad an eisiomail aon a chèile ; uime sin, 'nuair a ta àm na deuchainn thairis thig sin mar an ceud- na gu crìoch. ec An sin bithidh a' chrìoch dheir- eannach 'nuair a chuireas e as do gach uile ùachd- aranachd, agus gach uile ùghdarras, agus chumh- achd," 1 Cor. xv. 24, 25. Aigacheart àm, am feadh a ta e mairsinn, tha irioslachd feumail do na h-uile, gu'm brosnuchadh chum an dleasnas a ta dh'f heich orra dhoibh-san a th'ann an àrd inbhe, dh'an d'rinn làimh chumhachdaich Dhè iadsan 'n an iochdrain.

2. An dleasnas e fèin, eadhon. Ar spioradan irioslachadh fo na staid iosal anns na shuidhich an Tighearna sinn. i( Uime sin islichibh sibh fèin fo làimh chumhachdaich Dhè, chum as gu'n àrdaich e sibh ann an àm iomchuidh." Co dhiubh a tha sinn fo àmhgharaibh sònruichte, a thilg sìos sinn bho 'n àirde anns an robh sinn uair-eiginn, no co dhiubh a tha sinn ni's isle ann an inbhe ann an aon daimh no dàimh eile ; no co dhiubh is iad an chor so ar cor-ne, ni tha ro chumanta, feumaidh sinn amharc air làimh chumhachdaich Dhè annta.

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

113

mar an ni a shuidhich sinn ann an sin, agus a tha os ar ceann chum ar cumail fodha : agus mar sin, gu'n sleuchdamaid sìos fodha, le urram agus eagal da, ann an gne agus ann am fònn ar spioradan, & deanamh ar spioradan freagarrach do ar crannchur, agus cùr- amach mu dhleasnas ar staid iosail a choimhlionadh.

3. Aobhar àraid an dleasnais so ; uime sin, feum- aidh sinne thoirt fainear, iadsan nach urrainn an t-àit a chomharraicheadh le Dia dhoibh 'n an àmh- gharaibh no 'n an dàimhibh a chumail gu sìochail, ach a tha'n còmhnuidh ag èiridh suas an aghaidh na làimh cùmhachdaich a tha os an ceann, gu bheil an lamh chumhachdach sin a' cur 'n an aghaidh, 'g an tilgeadh sìos,, agus mar is tric 'g an cuir sìos nfs faide na bha iad roimhe ; 'nuair air an làmh eile, a tha e a' buntuinnle gràs agus tdeadh-ghean riu-san a shòc- raicheas iad fein foidhpe, chum an dleasnas a choil- ionadh gu sìochail n an staid, uime sin, air dhuinn beachdachadh air so feumaidh sinn sinn fèin irios- lachadh.

'S an dara àite. Toradh neo-mhearachdach a chùrsa sin; "chum as gu'n àrdaich e sibh ann an àm iomchuidh." Cha'n 'eil am focal chum, gu bhi gu h-iomlan air a thuigsinn, mar a' ciallachadh a' chrìoch no'n rùn a tha 'm meadhon a' comharrach- adh dha fèin, ach air uairibh ann an rathad freasd- ail, mar a' ciallachadh aobhair no toraidh a' ghnìomhe. Eoin ix. 2. Uime sin, cha'n e th'air a chiallachadh an so. Islichibh sibh fein, le rùn gu'n àrdaich esan sibh ; ach, islichibh sibh fèin agus tarl- aidh gu*n àrdaich esan sibh. Coimeasaibh Seum. iv. 10.

(1.) An so tha toradh sonadh an irioslachaidh spioraid air a dheanamh cinnteach_, agus is e sin àrd- achadh no togail suas air ionad àrd, le cùmhachd Dhè, i( chum as gu'n àrdaich e sibh.,, Leanaidh àrdachadh an irioslachd spioraid a ta freagarrach do*n chrannchur iosal, co cinnteach 's a leanas a' mhad-

H

114

AN CAMADH *S A* CHKANNCHtJft.

uin an oidhche, no co cinnteach s a dh'e'ireas a' ghrian an deigh na camhanaich. Tha na briathran so freagarrach chum solus a chuir air an leithsgeul a tha'n saoghal agus ar cridhe truaillidh fèin ullamh gu ghabhail an aghaidh an spioraid a thoirt a mhàin chum a chrannchuir iosail.

Leìthsgeul I . Ma leigeas sinn le ar spiorad tuit- eam9 luidhidh sinn an còmhnuidh fo chosaibh muinntir, agus saltraidh iad oirnn.

Freagradh. Cha saltair ; bheir àrdan spioraid neo- cheannsaichte, daoine gu luidh fo chosaibh muinntir eile gu bràth. Isa. lxvi. 24. Ach bheir irioslachd spioraid, gun teagamh, a' mach iad bho bhi fo'n cosaibh. Mal. iv. 2, 3. Bithidh iadsan a tha 'g an irioslachadh fèin a nis air an àrdachadh gu brath ; bithidh iad air an toirt a' mach as an còr agus an staid iosail. Tilgibh sibh fèin sìos freagar- rach ri 'ur crannchur iosal, agus bithibh dearbh- chinnte nach luidh sibh an sin.

Leithsgeul 2. Mar tog sinn sinn fe'in, cha tog ueach eile sinn ; agus uime sin feumaìdh sinn cear- tas a chumail ruinn fèin.

Freagradh. Is mearachd sin. Islichibh sibh fèin ann 'ur spioradaibh agus togaidh Dia suas sibh a thaobh 'ur crannchuir^ no 'ur staid iosail ; agus cha'n 'eil reusan air bith aca-san, aig am bheil Dia ceangailte chum an togail, a ràdh nach 'eil neach aca gu dheanamh air an son. 'S e ar dleasnas-ne an spiorad a thoirt a mhàin^ ach 's e obair Dhè ar togail suas : na cailleamaid an t-soch- air shònruichte so Dia 'g ar togail suas^ le bhi a gabhail na h-obair sin gu h-andàna dhuinn fèin, 'g a toirt as a làimh-san.

Leithsgeul 3. Ach 'scinnteach nachèirich sinn àrda gu bràth9 ma leigeas sinn le ar spioradaibh tuiteam.

Freagradh. Is mearachd sin mar an ceudna : cha'n e a mhàin gu'n tog Dia a' mhuinntir iriosal, ach togaidh e suas iad air ionad ard ; oir is e sin a

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR. 115

tha 'm focal a' ciallachadh. Bithidh iad co àrda inu dheireadh 's a bha iad riarnh co iosal, ge b'e co iosal 's a bha iad : ni h-eadh, bithidh an t-àrdachadh co'ìonann ris an irioslachadh.

(2.) Is e so an t-àm anns an tachair a' chùis shona sin, eadhon. Ann an dm iomchuidh, no anns an àm is freagarraich air a shon. Gal. vi. 9. " Ann an àm iomchuidh buainidh sinn, mar fann- aich sinn.,, Tha sinn ullamh gu sgios a' ghabhail do choran irioslachaidh agus dearbhaidh, agus an còmhnuidh b'aill leinn ar cinn a bhi 'n àirde. Eoin vii. 6. Ach tha Solamh a' toirt fainear, gu bheil àm anns am feàrr am freagair na h-uile nithe, agus feithidh a' mhuinntir ghlice ris. Eccl. iii. 1 8. Mar an ceudna tha àm gu bhi 'g ard- achadh an dream a dh'irioslaicheas iad fèin ; shònruich Dia e, agus 's e an t-àm iomchuidh chum na crìche sin e^ an t-àm anns am feàrr am freagair e, eadhon mar is e an t-earrach is iomchuidh gu cur, agus am fogharadh chum buain. 'Nuair a thig an t-àm sin^ cha chuirear dàil ni's faide ann 'ur 'n àrdachadh, agus thigeadh e ro luath nam b'e 's gu'n tigeadh e roimh 'n dearbh àm sin.

TEAGASG I. Bu chòir do dh'aomadh-suidhichte ar cridhe-ne, ann an staid iosal, a bhi 'n dian thòir air irioslachd spioraid, freagarrach dar staid mar fo làimh chumhachdaich Dhe a tha 'g ar suidheachadh anns an staid sin.

I. Tha so a' gabhail a steach agus a' giùlan ann, gu bheil,

1 . Dia a' toirt dhaoine gu staid iosail, Esec. xvii. 24. " Agus aithnichidh uile chraobha na machrach gu'n d'thug mise lehobhah nuas an crann àrd." Tha freumh do dh'àrdan, ann an cridhe gach duine th'air thalamh ; a dh'fheumas a bhi air a claoidh- eadh mu'n comasach dhoibh bhi iomchuidh air son

116'

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

nèimh ; uime sin^ cha'n urrainn duine sam bith, a bhi as eugais ni eiginn a bheir dearbhadh, ann an àm so na deuchainn, co dhiubh is urrainn e strìochd- adh no nach urrainn. Agus tha Dia 'g an toirt gu staid irioslachaidh chum na dearbh chriche sin. Deut. viii. 2. " Threòraich an Tighearna do Dhia thu re an fhicheaa bhliadhna so anns an fhàsach, gu d'irioslachadh, gu d' dhearbhadh, a chum gu'm biodh fios ciod a bh'ann ad chridhe."

2. Tha na coirean so mar eallaich dhoilgheasach do'n chridhe, chum a leagadh sìos. Salm cvii. 12. " Uime sin leag e sìos an cridhe le saothair." Tha iad calg-dhìreach & bualadh an aghaidh rùin a chridhe, agus an aghaidh aomaidh nadurraich ; tha so gu nadurrach aig dearbhadh, co dhiubh, is urr- ainn an duine striochdadh fo làimh chùmhachdaich Dhè,, no nach urrainn : agus mar sin, co dhiubh a tha e iomchuidh air son flaitheanais,, no nach 'eil.

3. Tha'n cridhe a thaobh naduir ullamh gu eiridh suas an aghaidh nan aobharan irioslachaidh so, agus, uime sin, an aghaidh na làimhe chùmhachdaich a tha 'g an toirt oirnn agus g an cumail oirnn. Tha'n duine gu nadurrach sl' cleachdadh uile neart gus an cudthrom a tilgeadh dheth, a chum 's gu'm faigh e 'cheann a thogail suas, a' sireadh ni's e fèin a thoileachadh na Dhia. lob xxxv. 9^ 10. ee Glaodh- aidh iadsan air son gàirdein nan daoine mòra : Ach cha'n abair aon neach, C'àit am bheil Dia mo Chruith-fhear ?" 5Se so an ceud gheata chum an ruith an cridhe ann an staid iosal, agus air an t- slighe so tha'n spiorad neo-cheannsuichte a' dol air aghaidh.

4. Ach 's e tha Dia aig iarraidhj gu mafeàrr leibh saothaireachadh chum an cridhe thoirt a mhdin, na 'n ceann fhaotuinn air a thogail an àirde. Seum. iv. 10. 'Se so tha dearbhadh neach a bhi uidheam- aichte air son nèamh ; ma tha neach anns an rathad

AN CAMADH *S a' CHRANNCHUR.

117

gu nèamh is mo chùram gu chridhe fhaotuinn air a thoirt a mhàin na a cheann air a thogail an àirde, siùbhal gu sàmhach fo 'eallaich na a faotuinn air a tilgeadh dheth,, sleuchdadh fo'n làimh chumhaichd- aich na a toirt dheth.

5. Feumaidh sinn Dia a thoirt fainear, mar an ris am bheil ar gnothach, ann an staid iosail ; " Eisdibhse an t-slat, agus an a dh'òrduich i." Mica vi. 9. Tha cuid, a thaobh truaillidheachd an spioraid^ 'g an toirt fein thairis do thoil muinntir eile, anns an làimhseachadh is an-iochdmhoiv, a mhàin chum an toileachadh, as eugais sùim do dh'ughdarras agus do dh'àithne Dhè. Is fior dhiblidheachd spioraid so5 leis am bheil neach a' luidh gu sàmhach gu bhi air a shaltairt le co* chnuimh, bho fhaoin-bharail mu chudthrom ; agus cha'n 'eil a h-aon co ullamh gu tuiteam ann ris a' mhuinntir àrdanach, aig amannaibh, chum an rùn fèin a thoirt air aghaidh. Gnìomh. xii. 22. Is luchd- toileachaidh dhaoine iad so. Eph. vi. 6. Gal. i. 1,0.

II. Ciod i an staid irioslachaidh sin chum am bheil làimh chùmhachdaich Dhe 'g an toirt? A thuilleadh air na chaidh labhairt cheana mu thiom- chiolJ sl' chamaidh crannchuir a bhi do dheanamh Dhea is staid i so.

1. Do neo-iomlaineachd. Shuidhich Dia na h-uile dhaoine 'n a leithid sin a staid fo iomadh uireasbhuidh agus neo-iomlaineachd. Phil. iii. 12. Cha'n urrainn dhuinn amharc taobh air bith, nach 'eil sinn air ar cuairteachadh leo. Tha mòran do neo-iomlaineachd nàdurrach agus mhodhannail mu'n cùairt dhuinn : tha ar cuirp agus ar 'n anama^ 'n an uile chomasaibh ann an staid neo-iomlan. Tha àrdan ar 'n uile ghlòir air a shalachadh ; agus is nàire dhuinn gu'n bhi air ar 'n irioslachadh fo leithid a dh'uireasbhuidhibh 's a tha dh'easbhuidh oirnn ; tha so coslach ri dìol-deirce a' siubhal gu h-uallach *n a luideagaibh.

118

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

2. Do dh'isle-iribhe ann an dàimh, leis am bheil daoine air an cur anns an ionad is isle an dàimh agus ann an comunn, agus air an toirt gu bhi 'n eisiomail muinntir eile. 1 Cor. vii. 24. Chum dearbhadh a' chur air ùmhlachd dhaoine dha fèin, dh/fhàg Dia iad fo chìs do mhuinntir eile a chuir e os an ceann, a dh'fhaicinn ciod an aire bheireadh iad d'a ùghdarras agus d'a àitheantaibh bho làimh eile. 'S e cumhachd no uachdranachd roinn do dh'iomhaigh Dhè a tha dealradh annta. 1 Cor. xi. 7. Uime sin, tha urram a thoirt dhoibh, le bhi toirt an aire le eagal do'n bhoilsgeadh sin dheth iomhaigh Dhe a tha dealradh annta, gu neo-fhuas- gailte air iarraidh oirnne. Eph. v. 33. Eabh. xii. 9. Coimeasaich Salm cxi. 9. Tha'n ni ceudna a' seasamh anns gach dàimh agus inbhe eile, eadhon, gu bheil iad ann an cèum an àite Dhè do'n dislibh. Salm lxxxii. 6. Agus ged robh an dream aig am bheil an uachdranachd neo-airidh annta fèin, cha'n 'eil sin sl fuasgladh a h-aon bho 'n dlighe bhuineas dhoibh. Gnìomh. xxiii. 4, 5. Rom. xiii. 7. 'S e 'n t-aobhar, do bhrìgh 's nach e am maitheas, ach an dreuchd is bònn do'n urram agus do'n ùmhlachd is dligheach dhoibh ; agus cha'n ann a thaobh am maitheis ach a thaobh an dreuchd, a tha Dia a' cur dearbhaidh oirnn anns a' chùis sin.

A nis^ air do Dhia ar suidheachadh anns an staid neo-inbheach so, tha a bhi reasgach ann an ni sam bith nach 'eil an aghaidh àithne Dhè, no eiridh suas an aghaidh a làimh chùmhachdaich-san, Rom. xiii. 2. do bhrigh gur i a tha troimh mheadhon oirnn chum na crìche sin, ged is i làimh an duine a tha oirnn mar gu neo-mheadhonach.

3. Do dh'amladh, chum sinne bhacadh bho ar toil fèin. B'e so earrann do staid irioslachaidh ar Tighearna, agus tha'n t-Abstol a* smuaineachadh gu'm bi e 'n a earrann do ar 'n irioslachd-ne mar an ceudna. Eabh. xii. 3. Tha co'chordadh iomlan

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

119

air neàm-h, cha'n 'eil a h-aon gu cuir an aghaidh aon eile an sin ; oir tha iadsan 'n an staid dhuais- eachaidh agus àrdachaidh : ach tha sinne 's an t-saoghal so ann ar staid dheuchainn agus irioslach- aidh, agus uime sin cha'n urrainn dhuinn amaladh a sheachnadh, ge b'e co àrd 's a tha sinne air ar suidheachadh.

Co dhiubh a tha na h-àmalaidhean so ceart no ana-ceart, tha Dia a' dearbhadh dhaoine leo chum an irioslachaidh, 's gu'n toirt bho'n dlùth-cheang- al ri'n toil fèin, agus chum ùmhlachd agus fe'in- aicheadh a theagasg dhoibh. A thaobh an naduir tha iad ag irioslachadlr, agus tha iad an t-aoxi ni dhuinne, s a tha fòghlum na cùing do'n dàmh no do'n each. Tha mi creidsinn gu bheil iomadh cor as nach urrainnear mìneachadh air bith a thoirt, ach le ath- philleadh chum an fheum so a th'aig Dia dhoibh.

4. Do dh'àmhghar. Gnath. xvi. 19. " Seid- idh soirbheachadh na peacaich suas le àrdan ach, O ! 's cruaidh an ni an spiorad a chumail ios- al maille ri crannchur àrda agus soirbheachail. Ach tha Dia, leis an trioblaid_, & toirt dhaoine a mhàin bho'n àirde gu suidh anns an duslach, 's a' spionadh air falbh an iteagan breagha as an robli iad a' deanamh uaill, agus a' toirt an dath agus a mhaise dheth 'n chreutair, 's 'g a nochdadh ni's na mhx-chumaidheachd nadurrach fein. Tha caoch- ladh gneithean do thrioblaidibh ann cuid a tha 'g irioslachadh ni's mò, agus cuid ni's lugha, ach iha na h-uile dhiubh aig irioslachadli.

Uime sin, 'sea bhi dh'easbhuidh irioslachd fo'n trioblaid, a bhi rùnachadh-èxrxdh suas 'nuair a tha Dia a' tilgeadh sxos, agus a' cumail sxos ; agus ma's e 's gu'm buanaichear anns a chor sin, feumaidh e bhi gu'm bx an Tighearn air a bhrosnachadh gu ar briseadh 'n ar bloighdibh, Esec xxiv. 13. Oir tha làimh an Tx a ta cur fo àmhghair cùmhachdach.

5, Do pheacadh, mar pheanas a' pheacajdh.

120

AN CAMADH *S a' CHRANNCHUR.

Feudaidh sinn na briathran sin a ghabhail mar dhearbadh. Iob xxx. 1 9. Is peanas air lorg ceud pheacaidh Adhaimh gach peacadh a th'anns an t-saoghal. Thilg an duine e fèin anns an làthaich air tùs,, agus a nis tha e gu ceart air fhàgail 'g a aornagan fein innte. 'Nuair a tha daoine d'an deoin 2l toirt aon cbeum mearachdach, air son sin tha iad air am fàgail gu ceum eile ni's miosa thoirt ; agus tha peacadh an crochadh mun cuairt do na h-uile, eadhon mu'n cuairt do'n chuid is feàrr. Tha Dia a riaghladh so gu ar n-irioslachadh, chum gu'mbi sinn air ar nàrachadh^ agus nach fosgail sinn ar beul ni's gu bràth. Uime sin, 's e bhi dh'easbhuidh irios- lachaidh fo ar truaighe, a bhi 'g èirigh suas an agh- aidh làimh chùmhachdaich Dhè, agus a bhi firinn- eachadh ar cùl-sleamhnachaidh peacach uaithe, mar mhuinntir a tha càillte do gach uile mothachadh dleasnais agus as eugais nàire,

III. Ciod e sin, sinn fèin isleachadh fo làimh chùmhachdaich Dhè ann an staid iosail. 'S e so an ni mòr gu bhi dearcadh air ann ar staid iosal. Agus feudaidh sinn a' ghabhail anns na h-ochd nithibh so.

1. Ann a bhi toirt an aire do'n laimh chùmhachd- aich, mar air a cleachdadh ann an toirt mun cuairt gach ni a bhuineas dhuinn, aon chuid ann an rathad gnìomhachaidh no ceadachaidh. 1 Sam. iii. 18. (i Agus thubhairt esan, ls e 'n Tighearna th' ann : an ni sin a ta maith 'n a shuilibh ni e." 2 Sam. xvi. 10. " Agus thubhairt an righ^ Thubhairt an Tigh- earna ris, Mallaich Daibhidh ; agus a their, C'ar son a rinn thu mar so ?" 'S esan tobar gach uile iomlaineachd^ ach feumaidh sinne ar neo-iomlain- eachd a lòrgachadh chum àrd-uachdranachd a thoil- san. 'S esan a shuidhich gach aon 'n an caochladh dhàimhibh le 'fhreasdal ; as eugais-san cha b' urrainn dhuinn còmhlachadh ri leithid a dh'amlaidhibh ; oir "mar shruthaibh uisgeacha tha cridhe righ ann an làimh an Tighearna : ge b e taobh is àill leis, txonnd-

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

121

aidhidh se e." Gnàth. xxi. 1. Tha e a' cur àmhgh- airibh air daonibh, agus tha e gu ceart a' deanamh peanais air aon pheacadh le peacadh eile. Isa. vi. 10.

2. Ann am mothachadh do ar neo-fhiuthalachd agus do ar neo-nitheachd fein 'na làthair-san. Salm cxhv. 3. Ann an amharc ri mòrachd neo-chrìoch- nach na làimhe cùmhachdaich ann am buntainn ruinne, bu chòir dhuinn a ràdh, maille ri Abraham, Gen. xviii. 27. et Feuch cha'n 'eil annam ach duslach agus luaithre agus abramaid Amen ris a ghlaodh, Isa. xl. 6. " Is fèur gach uile fheoil," &c. 'S e bhi cumail suas gnà smuaintean do ar'n òirdheirceas fèin, fo smachdachadh na làimhe cùmhachdaich, an dearbh ni a tha 'g at a chridhe ann an àrdan, agus a' toirt air èiridh suas 'n a h-aghaidh. Agus is e cùl a chuir ris gach beachd do'n ghnè so mu ar timchioll fèin fa chomhair suilibh a ghlòire, an t-irioslachadh a th'air agradh.

3. Ann am mothachadh do ar cionta agus do ar neo-ghloine. Rom. iii. 10. Isa. lxiv. 6. Cha'n 'eil an làmh chùmhachdach 'g ar cumail fodha, ach mar pheacaich ; uime sin, tha e iomchuidh gu faiceamaid ar truaighe 'nuair a ta sinne foidhpe ; ar cionta, leis an taisbeanar sinn mar chiontaich a tha gu ceart a' fulang ; ar neo-ghloine, leis am bitheamaid air ar toirt gu gràin a' ghabhail dhinn fèin ; agus an sin mheasamaid nach cuir ni sam bith sìos sinn ni's isle na tha sinn a' toilltinn. 'S e cion seallaidh do ar peacaidhibh a tha ceadachadh do'n chridhe àrdanach èiridh suas.

4. Ann an striochdadh tosdach fo làimh Dhè. Tha 'àrd uachdranachd ag agradh so uainn. Rom. ix. 20. " Ni h-eadh, ach, O a dhuine, co thusa a ta tagradh an aghaidh Dhè V Agus cha'n 'eil ni ach àirde agus uabhar spioraid neo-cheannsuichte a cheadaicheas dhuinn freagradh a thoirt air ais fo'n làimh chùmhachdaich. Dh' irioslaich sealladh do làimh Dhè an Salmadair gu strìochdadh le eagal,

122 AN CAMADH 's A' CHRANNCHUR.

agus balbh thosd. ,c Bha mi a' m' thosd, cha cF fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa rinn e.,> Salm xxxix. 9. " Thug an Tighearna uaith^ agus thug an Tighearna leis : beannuichte gu robh ainm an Tighearna." " Ciod a fhreagras mi dhuit ? cuir- idh mi mo làmh air mo bheul. Aon uairlabhairmi, ach cha f hreagair mi ; seadh, da uair, ach cha'n abair mi tuilleadh.,, Iob i. 21; xl. 45. Agus Eli. 1 Sam. iii. 18. " Is e 'n Tighearn a th'ann : an ni sin a ta maith na shuilibh ni e.,>

5. Ann an àrdachadh a thròcairean d*ar taobhann am meadhon uile oibreachadh 'n ar 'n aghaidh. Salm cxliv. 3. An do leig e iosal sinne ? Ma's e 's gu bheil sinn gu h-iomchuidh air ar n-irioslachadh bithidh iongantas oirnn nach do leig e ni b'isle sinn. Esra ix. 13. Oir, ge b'e co iosal 's a leigear a' mhuinntir iriosal, chì iad nach 'eil iad fathast co iosal 's a tha 'm peacaidhean a* toilltinn. Tuir. iii. 22.

6. Ann an iongantas naonih agus tosdach mu 'shlighibh agus mu chomhairlibh Dhè, nachfheudar a rànnsuchadh leinne, Rom. xi. 33. Cha shaoil àrdan cridhe ni sam bith tuille 's àrd air son an duine, agus bheir e gnìomhachadh Dhè an làthair cathair a' bhreitheanais fèin, a gabhail air a bhi faicinn tròmpa, a' faotuinn coire dhoibh agus 'g an dìteadh; ach bheir irioslachd spioraid air neach smuaineachadh gu h-urramach agus gu cliuiteach mu dhìomhaireachd Freasdail troimh nach comasach dha faicinn.

7. Ann an dì-chuimhneachadh ar 'n uile urram leis am bheil sinn a' toirt barrachd air muinntir eile, agus ann an càl a chuir ris fa chomhair an Tighearna. Taisb. iv. 10. Beathaichidh 'n t-àrdan e fèin air òirdheirceas agus urram cinnteach no faoin bharail- each phearsannta an duine, agus, air dha bhi co cleachdta ris fa chomhair muinntir eile, cha'n urrainn e dhì-chuimhneachadh an làthair Dhè. Lucas xviii. 11. " A Dhè^ tha mi toirt buidheachais duit nach

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR. 123

'eil mi mar a ta daoin' eile" Ach bheir irioslaehadh spioraid air uile dol as an t-sealladh fa chomhair mar am faileas roimh dhealradh na grèine, agus ni e 'n duine 'na shuilibh fèin, ni's isle na neach air bith. <4 Gu deimhin tha mi ni's brùideile naduine air bith, agus cha'n 'eil tuigse duine agam. Gnàth. xxx. 2.

8. Ann an strìochdadh gu h-ullamh do'n drèuchd is suarraiche a tha feumail, no freagarrach do ar staid. Anns gach suidheachadh còmhluichidh 'n t- àrdan ri ni-eiginn a tha tuille is suarrach air son an duine gu strìochdadh no cromadh dha, air dha bhi tomhas le 'inntinn agus le 'thoil fèin, agus ni-h-ann leis an staid anns na shuidhich Dia e. Ach tomh- aisidh irioslachd leis an staid anns am bheil neach air a shuidheachadh, agus gu h-ullamh tha e rèidh ris an ni a tha i ag iarraidh. Thug ar Slànuighear eisimpleir dhuinn do'n ni so_, (Phil. ii. 8. " Dh'ir- ioslaich se e fèin, agus bha e ùmhal gu bàs/') chum a bhi air a leantuinn. Eoin xiii. 14. " Uime sin ma dh'ionnlaid mise,, bhur Tighearn agus blmr Maigh- stii% bhur cosan-sa, is còir dhuibhse mar an ceudna cosan a cheile ionnlad."

Feum Air son Earail. Uime sin biodh dian-

thogradh 'ur cridhe, ann 'ur n-uile chòirean iosal, chum ar spiorad irioslachadh, mar fo laimh chum- hachdaich Dhè. Tha so air fhilleadh ann an ni

I- Thugaibh gu cùramach fainear 'ur n-uile choirean irioslachaidh, agus na dì-chuimhnichibh a h-aon diubh, Thugaibh an aire do 'ur neo-iom- laineachd ; 'ur isle inbhe a thaobh chàirdean ; na h-àmlaidhean ris am bheil sibh a' còmhlachadh ; 'ur n-àmhgairean ; neo-chinnteachd gach uile ni tha mun cùairt dhuibh ; agus 'ur n-aingidheachd Amhaircibh trompa le rùn sònruichte, agus thug- aibh fainear do ghnìomhachadh 's do riaghladh Freasdail do 'ur taobhannta so, chum 's gu'm aithne agaibh oirbhfèin, agus nach sibh 'n ar coigrich mu'r timchioll fèin,, dàll a thaobh 'ur fior chor agus 'ur staid.

124

AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

2. A bhi toirt fainear ciod a tha na còirean so ag iarraidh oirbh, mar nithibh iomchuidh air an son ; cleachdaibh 'ur dìchioll, chum 'ur spioradan a thoirt gu fònn iriosal, amhuil, mar a ta 'ur crann- chur, da rìreadlr, iosal anns gach cùis dhiubh so^ gu'm 'ur spiorada mar sin mar an ceudna, mar fo làimh chùmhachdaich Dhè. Gu ma h-e so an ni mòr air am sibh a dearcadh an iomlain d' 'ur beatha, agus 'ur cleachda gach là.

Brosnuchadh 1. Tha Dia gu cinnteach 'ag oibh- reachadh chum gach aon againn irioslachadh. Ge b'e co àrda 's a tha neach air bith air a thogail suas anns an t-saoghal so, cheangail Freasdal comharraidh- ean àraid riu chum an irioslachadh,, co dhiubh a bheir iad an aire dhoibh no nach toir. Isa. xl. 6. A nis,, is e ar dleasnas ar n-aonta chuir ri rùn FreasdaiL, chum, 'nuair a ta Dia 'g ar n-irioslachadh, gum sinn fèin 'g ar irioslachadh mar an ceudna, agus nach gabh- amaid ri freasdalaibh irioslachaidh ann an dìomhain.

2. Cha bhi eifeachd air bith ann an irioslachadh ar spioraid as eugais ar gnìomhachadh fèin ; am feadh a tha Dia ag oibreachadh oirnn air an dòigh sin, feumaidh sinn co-oibreachadh maille ris, oir tha e 'g oibreachadh oirnne mar luchd-oibre reuson- tach, dream air dhoibh bhi air an gluasad, a ghluais- eas iad fèin. Philip. ii. 12^ 13. Feudaidh Dia le 'f hreasdal ar cor agus ar crannchur a thoirt a mhàin le ainneart as ar 'n eugais fèin, ach feumaidh an spiorad a thighinn a mhàin do ar saor thoil_, no cha tig e mhàin idir; uime sin^ strìochdaibh do fhreasdalaibh irioslachaidh 'ann an sibh fèin irios- lachadh, mar a sgaoileas na maraiche na siuil 'nuair a thòisicheas sl' ghaoth ri sèideadh, chum 's gu'n giùlainear iad air falbh roimpe.

3. Mar dean sibh sin, tha sibh & cur an aghaidh làimh chumhachdaich Dhè. Gnìomh. vii. 51. Tha sibh a' cur na h-aghaidh am feadh's nach 'eil sibh a' strìochdadh, ach a' seasamh mar chreig an

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

125

aghaidh 'ur Cruithear ann am freasdalaibh irios- lachaidh. Ier. v. 3. (i Bhuail thu iad, ach cha d'rinn iad bròn ; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh ; rinn iad an aghaidh ni's cruaidhe na creag, dhiùlt iad pilìeadh." Ni's gu mòr 'nuair a tha sibh a' strì 'n a aghaidh chum 'ur cor a thogail suas a d'h aindeoin, am feadh a dh'fheudas sinn Dia fhaicinn a' rùnachadh a chum- ail sìos. Agus mu'n strì so thugaibh fainear.

1 . Co aingidh 's a tha i ; ciod an ni olc a tha innte. Is cath calg-dhìreach i an aghaidh Dhè, a' tilgeadh dhinn ar n'-ùmhlachd à' ar Righ agus d' ar Tighearna, agus èiridh ann an ceannairc 'n a aghaidh. Isa. xlv. 9.

2. Co amaideach 's a tha i. Cia neo-ionann 's a tha'n strì ? Cionnas is urrainn an connsachadh crìochnachadh gu math ? Iob ix. 4. Ciod tuille a chrìoch gus 'rn bu chomasach do shligibh-chreadha na talmhainn teachd a chionn a bhi bualadh an aghaidh carraig nan àl, ach gu'm briste iad 'n am, bloighdibh ? Feudaidh sinn a ràdh, marathuirt Iob xli. 8. Gu cinnteach feumaidh na h-uile dhaoine lubadh no briseadh fo'n làimh chùmhachdaich.

3. Is e so àm an irioslachaidh3 eadhon àm na beatha so. ee Tha gach ni maiseach 'n a tliràth agus tha toirt a mhàin an spioraid an dràsda mais- each^ mar ^n a àm, eadhon mar a tha treabhadh agus cur anns an earrach. Thugaibh fainear^,

1 . Gu bheil irioslachd spioraid ro luachmhor ann an sealladh Dhè. 1 Pead. iii. 4. Mar a ta fuath sònruicht' aige do dh'àrdan cridhe, mar sin tha spèis shonruichte aige do dh'irioslachd. Caib. v. 5. 'S e peacaich irioslachadh agus a thoirt a mhàin bho'n àirde, anns an do shuidhich truaillidheachd an nàduir iad, àrd chrìoch 'fhocail, agus a f hreasdail.

2. Cha ni furasd spioradan dhaoine irioslachadh ; cha ni beag a ni e ; cha'n obair e a nìthear gu h- eallamh. Tha feum air cladhachadh domhainn air son irioslachaidh iomlain ann an obair na h-ath-

126 AN CAMADH 's a' CHRA.NNCHUR.

bhreith. Lucas vi. 48. 'S iomadh buille dh'fheum- as a bhi air a toirt do fhreumh craoibhe àrdain nadurraich a' chridhe raun tuit i ; gu minig saoilear gu'n tuit ì, agus gidheadh èiridh i a rìs. Agus, eadhon 'nuair a bheirear am buille leagaidh dh'i anns na creidmhich, thig slat an àrdain a rìs fo bhlàth., ionnas gu bheil gnàth fheum air son obair irioslach- aidh as ùr.

3. Tha 'n t-iomlan do dh' àm na beatha so air òrduchadh chum irioslachaidh. Bha so air a chiall- achadh leis an fhichead bhliadhna bha cloinn Israeil anns an fhàsach. Deut. viii. 2. Bha e mar sin do Chriosd, agus uime sin feumaidh e bhi mar sin do dhaoinibh. Eabh. xii. 2. Agus anns an àm sin feumaidh iad aon chuid a bhi air an co' chumadh a rèir iomhaigh-san, no bhi coslach ri droch airgiod air nach gabh iomhaigh cuir air sheòl sam bith. Rom. viii. 29. Uime sin ge b'e, togail suas a gheibh daoine an dràsd agus a rìs anns a' bheatha so., gidheadh 's e rathad gnàthaichte bhi 'g irioslachadh.

4. Cha'n 'eil irioslachd r'a faotuinn an taobh thàll do'nbhàs. Taisb .xxii. 11. Mar àrdan a' chridhe air a thoirfc a mhàin anns a' bheatha so, cha bhi e gu bràth air a thoirt a mhàin ; cha'n 'eil irioslachd bhaigheil ri earsba 's an ath-bheatha Bithidh na h-uabhraich air am briseadh 'n am bloighdibh an sin, ach cha taisichear iad ; bithidh an cor agus an crannchur air a thoirt gus an inbhe is isle, ach fanaidh an àrdan a ghnàth maille riu, uime sin, bithidh iad ann an cruaidh-ghleachd sìorruidh, a thaobh an t-strì a bhios eadar an spiorad agus an crannchur. Taisb. xvi. 21.

Uime sin, bithibh air ar faicill air eagai gu'n dean sibh dearmad air àm 'ur n-irioslachaidh : feumaidh sinn a bhi air ar 'n irioslachadh, no theid sinn a dhìth gu sìorruidh ; agus is e so an t-àm, an t-aon àm chum ruigheachd oirre ; uime sin, deanaibh 'ur

AN CAMADH 'S A9 CHRANNCHUR.

127

connadh 's an t-samhradh ; strìochdaibh do fhreasd- alaibh irioslachaidh, agus na cogaibh 'n an aghaidh am feadh a tha sibh 'g am mealtuinn. Gnìomh. xiii. 41. Cha mhair àm nan gràs ; ma choidleas sibh an àm cuir an t-sìl, bithidh sibh air an deirce an àm buain an f hogharaidh.

5. 'S e so an rathad chum amanna irioslachaidh a thionndadh gu deadh bhuil ; air chor an àite bhi'n càll, 's ann a bhios sibh ann am buannachd leo. Salm cxix. 71. " Is maith dhomhsa gu'n robh mi ann an àmhghar." Nam b'àill leibh dearcan fiona thional do na drisibh agus do na cluaranaibh so, feuchaibh ri ar spioradaibh fhaotuinn air an irios- lachadh leo.

1. Tha irioslachadh spioraid 'n a ni ro luachmhor ann fèin. Gnàth. xvi. 32. Cha'n urrainn e bhi air a cheannach tuille 's daor. Ge b'e ni a tha neach a' fulang, ma tha 'spiorad air a thoirt gu h-iomchuidh a mhàin leis, tha aige na 's math is f hiach giùlan leis gach cruaidh-chas air a shon. 1 Pead. iii. 4.

2. Bheir irioslachd spioraid iomadh sochair leatha 'n a cois. Is geug thorach i, a tha gu math air a luchdachadh, ge b'e àit am bheil i. Ni i còmh- nadh ri cor neach a' dheanamh ni 's socraiche fo'n chrois. Mata xi. 30. Tuir. iii. 27—29. Is iobairt i a tha gu sònruichte taitneach do Dhia. Salm li. 17. Tha sùil Dhè gu h-àraid air a leithid sin chum math. Isa. lxvi. 2. *f Air an fhear so amhaircidh mi ; eadhon air-son a ta bochd agus leòinte 'n a spiorad^ agus a chriothnaicheas roimh m' fhocal." Seadh, tha e gabhail còmhnuidh maille riu. Isa. lvii. 15. Agus tha e toirt riaghailt do ghliocas troimh 'n iomlan do ghiùlan neach. Gnàth. xi. 2. " Aig na h-iriosail tha gliocas."

'S an dite mu dheireadh. Thugaibh fainear, is làmh chùmhachdach a tha g oibreachadh oirnne ; làmh an chùmhachdaich ; uime sin, lùbamaid ar

128

AN CAMADH JS a' CHRANNCHUR.

spiorada chum strìochdadh foidhpe, agus nagleachd- amaid 'n a h-aghaidh. Thugaibh fainear,

1. Feumaidh sinn sleuchdadh foidhpe. A chionn gur e 'rùn sinne thoirt a mhàin, cha'n urrainn sinn seasamh roimpe ; no cuir an aghaidh a rùin. Isa. xlvi. 10. " Seasaidh mo chomhairle." Mar sin, feumaidh sinn tuiteam roimpe, aon chuid ann an rathad dleasnais no breitheinis. Salm xlv. 5. " Is gèur mo shaighdean (tuitidh na sloigh fodhad) is gèur iad ann an cridhe nàimhdean an Righ."

2. Iadsan a tha co glic agus strìochdadh gu h-iriosal fo'n làimh chumhachdaich, ge b'e co iosal 's a tha iad, togaidh an làmh cheudna suas iad a rìs. Seum. iv. 10. Ann an aon fhocal, ge b'e co àrda 's a tha na h-uabhraich, bheir Dia sìos iad : 'S ge b'e co iosal 's a tha mhuinntir iriosal, togaidh Dia suas iad.

SEOLAIDHEAN CHUM RUIGHEACHD AIR AN IRIOS- LACHADH SO.

I. Seòlaidhean coitchionn.

Seòladh l . Rùnaichibh ann 'ur cridhe ni-eiginn do dh'eòlas spioradail iarraidh mu ghiùlan Freasdail d' ar taobh. Mica vi. 9. Gus an aomar 'ur cridhe n rathad sin, cha'n 'eil earsba n-'ur 'n irioslachadh. Hos. xvi. 9. Cha'n 'eil ni sam bith ni's reusantaiche nam b'e 's gu'n cleachdamaid sinn fèin, aon chuid mar dhaoine,, no mar Chriosduidhean, na gu'n dearc- amaid air an ni sin a tha co cràiteach do'n fheòil a thionndadh gu buannachd an spioraid; chum, ma tha sinn an càll air an darna làimh, gu'm buann- aichmid air an làimh eile.

2. Deanaibh 'ur slàinte shiòrruidh cinnteach, anns a' cheud àite, le bhi teicheadh a dh'ionnsuidh Chriosd, agus le bhi gabhail Dhe mar 'ur Dia ann-

AN CAMADH 's A* CHEANNCHUR.

129

san, a reir tairgse 'n t-soisgeil. Hosea ii. 19. Eabh. viii. 10. Gluaiseadh 'ur staid irioslachaidh sibh gu so, chum 'nuair a tha na sruthain air tior- machadh suas, gu m feud sibh dol a chum an Tob- air: oir tha e neo-chomasach ruigheachd air fior irioslachadh fo'n làimh chumhachdaich, as eugais fior chreidimh annsan mar 'ur Dia agus 'ur caraid. Eabh. xi. 6. 1 Eoin iv. 19.

3. Cleachdaibh meadhonan irioslachaidh 'n an- ma ann an creidimh a gheallaidh. Salm xxviii. 7. Air do Mhaois a' chreag a* bhualadh ann an creid- imh a' gheallaidh, thug e air an uisge brùcMadh a mach, ni nach b'urrainn tachairt idir air mhodh eile. Deanamaid-ne air an dòigh cheudna ann am buntuinn ri ar cridhibh cruaidh. Feumaidh iad a bhi air an leagadh sìos air leabaidh thais an t-soisg~ eil, agus a bhi air am bualadh an sin, mar chì sibh ann an Ioel, ii. 13. *' Pillibh ris an Tighearna bhur Dia : oir tha e tròcaireach agus iochdmhor : " No cha toirear buaidh orra gu bràth le'n deòin chum strìochdadh gu h-iriosal.

II. Seòlaidhean sònruichte*

1. Bithibh dearbh-chinnteach nach 'eil staid air bith anns am bheil sibh co iosal, 's nach fheud sibh *ur cridheachan fhaotuinn air an toirt sìos gu bhi freagarrach dhi. 1 Cor. x. 13. ^Ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh bhi air bhur feuchainn thar bhur comas ; ach a ni maille ris an deuchainn slighe dol as mar an ceudna, chum gù'm sibh comasach air a giùlan. Tha so fior. 2 Cor. xii. 9. " Is leòir mo ghràs-sa dhuit : oir a ta mo chùmhachd air a dheanamh foirfe ann an ànmhuinneachd." Bithidh sibh dearbhta do'n ni so, a thaobh 'ur cor fèin, ma 's e 's gu'n ruig sibh gu bràth a' cheann. Philip. iv. 13. ( 4 Is urradh mi na h-uile nithe a dheanamh tre

130

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

Chriosd, a neartaicheas mi." Tha Dia a ceadaeh- adh dhuibh a bhi dearbhta dheth, ciod air bith 'ur n.anmhuinneachd agus 'ur trioblaid ann an coilion- adh na h-obair. " Air ar son-ne tha e sgrìobhta, chum gur ann an dòchas is còir do'n treabhaiche treabhadh ; agus a chum an neach a bhuaileas ann an dhòchas, gu'm e n a fhear comhpàirt d'a dhòchas." 1 Cor. ix. 10. Agus is e creideas a thoirt do ni so earrann do bheatha chreidimh. 2 Tim. ii. 1. Mar 'eil dòchas agaibh gu 'n soirbhich leibh., bithidh 'ur dìchiollan co mì-mhisneachail, 's a bhios iad co $omhain. cs Uime sin, togaibh suas na làmh- an a ta air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùine laga." Eabh. xii. 12.

2. Co dhiubh a tha làmh, no nach 'eil, na meadhon ann 'ur staid isleachaidh,, gabhaibh Dia mar an T\ ris am bheil 'ur gnothach, agus measaibh sibh fèin anns an staid sin mar fo làimh chumhachd- aich-san. Mica vi. 9. Cha'n 'eil daoine 'n an staid iosail a' toirt an aire do Dhia ; mar sin cha n 'eil iad 'g am faotuinn fèin air an gairm gu bhi iriosal foidhpe ; tha iad a' suidheachadh an sùilean air a chreutair a tha 'n a mheadhon, agus, an àite iad fèin irioslachadh, 's ann a tha 'n cridhe ag èiridh suas. Ach gabhaibh esan mar an ris am bheil 'ur gnothach, chum gu'n cuimhnich sibh an cath, agus nach clean sibh tuilleadh. lob xli. 8.

3. Bithibh tric a* smuaineachadh air cumhachd neo-chrìochnach Dhè : thugaibh fainear a naomh- achd agus a mhòrachd, a tha ni's leòir chum 'ur 'n irioslachadh anns an tomhas is ro mhò. Isa. vi. 3 5. Chòmhluich lob ri iomadh freasdal irios- lachaidh 'n a chor, ach cha robh e riamh air irios- lachadh gu leòir fodhpa, gus an d'fhoillsich an Tighearn e fèin dha as ùr, 'n a chumhachd agus 'n a mhòrachd neo-chrìochnach. Chum e r'a bharail an aghaidh a chairdean, agus sheas e r'a phùinc-, gus na bhuin Dia ris air an doigh sin. Thòisich e

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

131

le tairneanach. Iob xxxvii. 1, 2. An sin fhreagair an Tighearn as a chuairt-ghaoith, caib. xxxviii. 1, mar sin dh'irioslaicheadh Iob, caib. xl. 4, 5. Tha'n ni air ath-nuadhachadh gus am bheil e ni's air irioslachadh, Caib. xlii. 5, 6. " Uime sin gabh- aidh mi gràin diom fein, agus ni mi aithreachas ann an duslach agus an luaith."

4. Cleachdaibh sibh fèin gu tosdach ri bhi cead- achadh diomhaireachdan ann an giùlan Freasdail d'ar taobh, nach urrainn duibh a thuigsinn, ach gidheadh dhan toir sibh urram. Rom. xi. 33. u O doimhne saoibhris araon gliocais agus eòlais Dè! Cia do-rannsachaidh a bhreitheanais, agus do-lorgachaidh a shlighean ! " B'e sin an ceud fhocal à labhair Dia ri Iob. Caib. xxxviii. 2. ee e so a tha dorchachadh comhairle le briathraibh gun eòlas? Rinn e greim air chridhe air, dhlùth-lean e ris, agus tha ega ainmeachadh a rìs, caib. xlii. 3«, mar an ni sònruichte a thug gu 'ghlùinibh, agus gus an duslach. e. Eadhon anns na ceumaibh sin do Fhreasdail, troimh an fhaide 'm bheil sinn a rèir barail a' faicinn, 's math a dh'fheudas sinn a chead- achadh gu bheil cuid do dhìomhaireachdan an taobh thàll do'n bheil sinn a' faicinn. Agus anns na freasdalaibh sin is deacair ri thuigsinn, bu chòir d'a àrd-uachdranachd sinne chuir Jn ar tosd ; agus d'a ghliocas neo-chrìochnach ar riarachadh, ged nach urrainn duinn am faicinn.

5. Bithibh gu tric a' smuaineachadh air 'ur n-ain~ gìdheachd fèin. lob xl. 4. tf Feuch tha mi gràin- eil ; ciod a f hreagras mi dhuit ? cuiridh mi mo làmh air mo bheul." Is e bhi sealltuinn thairis air a' pheacadh a tha toirt uiread a gnothaich dhuinn ri freasdalaibh irioslachaidh. Am feadh 's a tha na sùilean air an cumail air dhoigh 's nach urrainn doibh peacadh f haicinn, tha 'n cridhe 'g eiridh suas 'n an aghaidh ; ach 'nuair dh'fhosgailear iad, tuitidh e. Uime sin^ 'nuair a tha Dia a' buintuinn ribh le

132 AN CAMADH *S a' CHRANNCHUR.

freasdalaibh irioslachaidh, tionndaibh 'ur suilean; air aingidheachd 'ur nàduir, 'ur cridhe, agus 'ur beatha, agus cuidichidh sin air aghaidh 'ur n-iriosl- achadh.

6. Socraichibh ann 'ur cridhe, gu bheil feum air gach uile staid irioslachaidh anns am bheil sibh air 'ur cur. Is firinn so. 1 Pead. i. 6. " Ge do tha sibh a nis ùine bhig (raa's feumail e) fo thuirse tre iomadh buaireadh." Cha'n 'eil Dia a' cur deuchainn neo-fheumail air bith oirnn, *s chan 'eil e a' cur a h-aon fo àmhghar ach mar a ta 'm feum ag iarraidh. Tuir. iii. 33. U Oir cha chlaoidh e d'a dheoin^ ni mo chràidheas e clann nan daoine." Is eadar-dhealachadh comharraichte sin a tha eadar smachdachadh ar n-Athar tal- mhaidh agus nèamhaidh. Eabh. xii. 10. " Iadsan a rèir an toile fèin ; ach esan chum ar leas, ionnas gu'm bitheamaid 'n ar luchd-comhpàirt d'a naomh- achd." Amhaircibh air gne 'ur cridhe agus 'ur nàduir, cia ullamh 's a tha e air èiridh suas, agus Dia a dhì-chuimhneachadh, 's a bhi air a ghiùlan air falbh le dìomhanas a t-saoghail; clod an am- aideachd a tha ceangailte suas ann 'ur cridhe. Mar so tha sibh a' faicinn an fheum a th'air freasd- alaibh irioslachaidh chum 'ur cumail còmhnard, agus air an t-slat air son druim an amadain ; agus ma's e 's aig àm air bith nach urrainn duibh am feum sin fhaicinn, creidibh e air steigh neo-chrìoch- nach gliocas Dè, nach eil a' deanamh ni air bith gu dìomhain.

7. Creidibh gu bheil rùn caoimhneil aig Freasdal annta d ar taobh. Tha Dia 'g ar gairm-ne gus a so, mar an iuchair a dh'fhosgaileas an cridhe fodhpa. Taisb. iii. 19. Tha Sàtan 'g ar buaireadh gu bhi cur an teagamh rùn caomhneil an fhreasdail, mar chrànn a chumail a' chridhe duinte. 2 Righ. vi. 33. Tha n t-olc so o'n Tighearna ; c'ar son a dh'fheithinnse air an Tighearna ni's fhaide %*'

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

133

fhad 's a tha amharusan gu bheil droch rùn annta 'n ar n-aghaidh a' riaghladh, cuiridh an creutair^ mar a' chnuimh aig cosaibh an duine, e fèin anns an rathad dionaidh is feàrr is urrainn e, agus cruadhaich- idh se e fèin ann am bròn ; ach le bhi creidsinn gu bheil rùn cairdeach annta_, fosglaidh se e fèin ann an irioslachadh 'n a làthair.

Cor. " O ! nan tuiginn gu bheil rùn càirdeach ann, ghiùlanainn leis gu toileach, ged bhiodh tuilleadh an deth ; ach 's ann a tha eagal orm gur e th'ann an rùn Freasdail cuir as domh leis."

Freag. A nis, ciod an earrann do f hocal Dè, no *m foillseachadh bho neàmh, a fhuair thu chum nan eagala so a bhònntachadh orra ? Cha d'fhuair a h-aon, ach bho ifrinn. 1 Cor. x. 13. Ciod an rùn a tha thu a' saoilsinn a th'anns an t-soisgeul do d' thaobh? Nach urrainn thu chreidsinn gu bheil rùn cairdeach do d' thaobh ann an uile bhriathraibh a ghràis a th 'air an carnadh suas an sin ? Ciod e sin, guidheam o\% ach an dubh eu- creidimh 'n a fhior dhreach ifrinneil Isa. lv. 1.— aig itealaich an aghaidh firinn Dhè^ agus a' deanamh breugair dheth. 1 Eoin v. 10, 11. Is analachadh gaoil agus deadh-ghean an soisgeul do shaoghal do dhaoinibh peacach. Tit. ii. 11. iii. 4. ; Eoin iv. 14. Eoin iii. 17. Ach cha 'n 'eil sibh 'g a chreidsinn, anns a chor sin, ni's na tha na deamhna fèin 'g a chreid- sinn. Ach mas urrainn sibh chreidsinn gu bheil rùn cairdeach an sin, feumaidh sibh chreidsinn gu bheil e ann 'ur staid irioslachaidh mar an ceudna ; oir cha 'n urrainn rùn Freasdail a bhi 'n aghaidh rùn an t-soisgeil ; ach air an làimh eile 's ann a tha 'n dara h-aon gus an aon eile a' chobhair air aghaidh.

8. Smuainichibh annaibh fèin, gur i bheatha so àm na deuchainn air son nèimh. Seumas i. 12. tf < Is beannuichte an duine a ghiùlaineas buaireadh : oir 'nuair a dhearbhare, gheibh e crùn na beatha

134

AN CAMADH 53 A' CHRANNCHUR.

a gheall an Tighearna do'n droing a ghràdhaicheas e.** Uime sin^ bu chòir altachadh-beatha thoirt do fhreasdalaibh irioslachaidh anns a bheachd sin. rann 2. " Measaibh mar an uile ghàirdeachas 'nuair a thuiteas sibh ann an iomadh gnè dheuch- ainnibh.,, Ma tha dreuchd urramach, no gnothach buannachdail gu bhi air a bhuileachadh, ni daoine strì gu bhi air an gabhail air deuchainn air a shon, ann an dòchas gu 'm iad air an gabhail a steach d 'a. ionnsuidh. A nis, tha Dia a' cur deuchainn air daoinibh air son flaitheanais le freasdalaibh irioslachaidh, mar tha 'm Biobull gu h-iomlan a' teagasg ; agus am daoine co neo-thoileach gèill a thoirt doibh ? B' àill leam fheòraich dhibh.

(1.) Am measar leibhs' e mar ni faoin a bhi 'n ar luchd-iarraidh gu glòir, agus deuchainn a bhi air a chur oirbh air son nèimh ? Nach 'eil urram ann, ur- ram a bh'aig na h-uile do na naomhaibh? Seum. v. 1 1 . " Feuch, measar sona leinn iadsan a dh'fhuiling- eas," &c. Agus nach 'eil sealladh taitneach ann. 2 Cor. iv. 1 7. cc Oir a ta ar n-àmhghar eutrom, nach 'eil ach sealahr, ag oibreachadh dhuinne, tròm chudthrom glòire a ta ni 's ro anabharraich agus sìor-mhaireannach.,, Ach abair gur e so do staid, gu'n dhearmad Dia thu anns a chor sin_, mar neach air am bu dìomhain deuchainn a chur gu bràth air a mhodh sin; gu'n d'òrduich e do chuibhroinn dhuit anns a bheatha so le làn shocair, mar neach nach biodh gu tuilleadh fhaotuinn dheth ; ciod a bhiodh an sin ?

(2.) Ciod an t-eadar-dhealachadh mòr a th' eadar 'ur deuchainnean agus an glòir ? Cia eutrom 'ur 'n àmhghairean is ro mhò, ann an coimeas ri cudthrom an glòire ? Cha 'n 'eil an aon is f haide mhaireas diubh ach tiota, ann an coimeas ris a' chudthrom shìorruidh. Mo thruaighe ! tha mòran mi-chreidimh aig freumh ar n-uile mhi-shuaimhneas- an fo ar freasdalaibh irioslachaidh. Nam biodh

AN CAMADH JS A5 CHRANNCHUR.

135

sealìadh ni bu shoilleire againn do'n t-saoghal eile^ cha chuireadh sinn uiread a shùim aon chuid air faoilte no air gruaim an t-saoghail so.

(3.) Ciod i 'ur barail mu theachd neo-ghlan bho dheuchainn 'ur freasdalan irioslachaidh ? Ier. vi. 29, 30. " Chaitheadh an luaidhe leis an teine ; leagh am fear leaghaidh gu dìomhain ; oir cha'n 'eil iadsan a ta olc air an sgaradh air falbh : Airgiod nach fiù theirear riu-san, a chionn gu'n do chuir an Tighearna cùl riu." Gur e a mhàin crìoch na cùis, gu bheil 'ur cridhe a' taisbeanadh a bhi do leithid a ghnè 's nach e air sheòl air bith air irioslachadh ; agus uime sin gu'm feum sibh agus gu'm sibh air 'ur fuasgladh uatha, 'nuair nach 'eil fathast coslach irioslachaidh air bith ri fhaicinn. Tha mi saoilsinn gu'm bu ehòir do dh'uamhas a leithid so a shaorsainn^ sinne chuir gu ar glunaibh a ghuidh gu'n bhi air ar togail suas bho ar staid iosail, mum ar cridhe air irioslachadh. Isa. l. 4. Esec. xxiv. 13.

9. Smuainichibh annaibh fèin, cionnus a tha 'n Tighearna le freasdalaibh irioslachaidh 'g ar n-ull- achadh-ne air son nèimh. Colos. i. 12. u A' tabhairt buidheachais do 'n Athair, a rinn sinne iomchuidh chum bhi 'n ar luchd-comhpàirt do oighreachd nan naomh 's an t-solus" maille ri— 2 Cor. v. 5. Tha na clachan agus am fiodh air an cur sìos, 's air an tionnda thairis agus thairis, agus air an snaitheadh mu'm iad air an cur suas anns an togail ; or cha chuirear suas iad mar thàinig iad as a chàrn agus as a choille ; 's nam bu chomasach dhoibh ròghainn a dheanamh, rachadh àite dhiùlt- adh anns an togail do mheud dhiubhsan 's a dhiùlt- adh an t-inneal iaruinn. Guidheam oirbh, cionnus a tha sibh a' smuaineachadh a bhios sibh air 'ur deanamh iomchuidh air son nèimh, le blàth dheal- radh grèine socair an t-saoghail so, agus an t-iom- kn do 'ur toil f haotuinn an so ? Ni h-eadh, a

136

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

rnhuinntir, 's ann a dh'fhàgadh e ur heoil gun hhlas air aoihhneas an ath shaoghail. Tha soithich- ean na h-eas-onoir air an deanamh freagarrach air an doigh sin air son sgrios ; ach tha soithichean na h-onoir air an deanamh freagarrach air son glòir le freasdalaibh irioslachaidh. Theirinn an so,

(1.) Nach toilich ni sam bith sibh ach fhlaitheanas, aon anns a bheatha so, 's aon eile *s an ath-bheatha ? Dh'ullaich Dia aon f hlaitheanas air son nan naomh_, aon àite far am faigh iad an uile thoil, an uile dhùrachd, agus an uile iarrtais ; far nach cudthrom air bith orra gu 'n cumail fodha ; agus is ann 's an ath shaoghal tha sin. Ach feumaidh sibhse f haotuinn an so agus an sin, no cha 'n urrainn duibh a' ghabhail. C' ar son nach 'eil sibh a' faotuinn coire mar an ceudna, nach 'eil shàmhradh 's an aon bhliadhna ; ann an ceithir uaire 'ar-f hichead ? Tha òrdugh an aoin nèimh co daingean ri òrdugh nan laithean agus nam bliadhnachan, agus cha 'n atharraich sibhs' e ; uime sin, ròghnaichibhs, co dhiubh a ghabhas sibh 'ur 'n oidhche no 'ur an toiseach, 'ur geamhradh no 'ur sàmhradh, 'ur flaithneas 's an t-saoghal so no 's an t-saoghal ri teachd.

(2.) As eugais a bhi air 'ur 'n irioslachadh le freasdalaibh irioslachaidh 's & bheatha so_, cha bhi sibh iomchuidh air son nèimh. 2 Cor. v. 5. " A nis an a dh'oibhrich sinne chum so fèin, is e Dia e." Gun amharus feudaidh sibh luidh gu foisneach anns a bheatha so air leabaidh do neo-chùram, agus a bhi bruadar mu nèamh, làn do dhòchas gu meal sibh phàrras an amadain, a' dùrachadh sibh fèin a thilgeadh à uchd Dhelilah gu uchd Abrahaim ; ach as eugais gu'm sibh air 'ur 'n irioslachadh cha bhi sibh uidheamaichte air son,

(1.) Nèamh a Bhiobuill, an nèamh sin a th'air innse anns an t-seann Tiomnadh agus 's an Tiom- nadh Nuadh. Nach 'eil an nèamh sin na togail

AN CAMADH 's A' CHRANNCHUR.

137

suas ann an àm iomchuidh ? Ach, cionnus a bhitheas sibhs' air 'ur togail suas nach deachaidh riamh a leagadh sìos gu ceart ? C'àit am bhur deòir gu bhi air an siabadh air falbh ? Ciod an t-aobhar uaill a bhios agaibhs' nach cog an deadh chogadh ? Cioimus a bhios e na fhois dhuibhse nach duraichd obair a dheanamh ?

(2.) Nèamh nan naomh. Taisb. vii. 14. " Agus thubhairt mi ris, A Thighearn, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium^ Is iad so iadsan a thàinig à àmhghar mòr ; agus nigh iad an truscain agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain." Tha so a'freag- airt na ceiste mu thimchioll Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib,, agus na h-uile do na naomhaibh a tha maille riu an sin : thugadh sìos iad chum an duslaich le freasdalaibh irioslachaidh, agus a mach asda sin thàinig iad gu bhi fa chomhair na cathrach. Cionnus a tha sibh am barail a bhi gu bràth air 'ur togail suas maille riu-san, ris nach aontaich sibh a bhi air 'ur toirt sìos ?

(3.) Neàmh Chriosd. Eabh. xii. 2. " Neach air son an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh'fhuiling an crànn-ceusaidh, a' cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis righ-chaithreach Dè." O ! thugaibh fainear cionnus a rinn an Roimh-ruithear a shlighe. Luc. xxiv. 26. " Nach b'eigin do Chriosd na nithe so f hulang, agus dol a steach da ghlòir ?" Agus bithibhse cinnteach ma gheibh sibh far am bheil esan, gu'm feum sibh dol an sin mar chaidh esan. Luc. ix. 23. " Agus thubhairt e riu uile^ Mas àill le neach air bith teachd a' m' dheighse, aicheadhadh se e fèin, agus togadh e chrànn-ceusaidh gach agus leanadh e mise."

10. Mu dheireadh thugaibh thairis an earbs' àrd a th'agaibh mu 'n t-saoghal so^ agus cleachd- aibh i ris an t-saoghal ri teachd. Bithibh mar choigrich agus mar luchd-cuairt 's a bheath so, ag amharc air son ur fois ann an nèamh, agus gun bhi

138

AN CAMADH 'S A' CHRANNCHUR.

"g a h-earbsa gus an ruig sibh sin. Tha olc buadhach ann. Isa. lvii. 10. "Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu ; ach cha dubhairt thu cha'n 'eil dòchas ann." Mar sin tha togail Bhabeil a' sìor dhol air adhairt, ged thuit e thairis agus thairis : Oir a deir daoine, Ci Tha na clachan creadha air tuiteam^ ach togaidh sinn le clachaibh snaidhte ; tha na craobhan sicamoir air an gearr- eadh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair 'n an àit." Isa. ix. 10. Tha so a' deanamh obair an irioslachaidh ro fhadalach ; tha sinn co doilich ri ar greim do'n chreutair a chuibhteachadh, agus a bhi air ar cur air dial a bhàrr na cìche. Deanaibh greim daingean air an ath-shaoghal, agus leigibh a chead do 'ur greim do'n t-saoghal so ; mar sin bithidh sibh air 'ur 'n irioslachadh fo 'n làimh chùmh- aehdaich. Mar is daighne ghramaicheas sibh ri sonas an t-saoghail sin, 's ann is f hasa dhuibh sibh fèin a chordadh ri 'ur freasdalaibh irioslachadh 's an t-saoghal so.

11. Deanaibh feum do Chriosd 'n a uile oifigibh, chum 'ur n-irioslachadh fo 'ur freasdalaibh irios- lachaidh. 'S i 'n irioslachd chàirdeach a mhàin a tha teachd anns an rathad sin. Sech. xii. 10. ** Agus amhaircidh iad air-san a lot iad, agus ni iad bròn^" &c. Feumaidh sibh sin a dheanamh le bhi 'g earbsa annsan chum na crìche sin.

1. Mar Shagairt air 'ur son. Tha coguis agaibh a tha làn do chionta, agus fagaidh sin neach neo- shocrach ann an staid air bith, agus ni's gu mòr ann an staid irioslachaidh ; bithidh i mar dhris ann an gualainn air am biodh eallach thròm air a' cur. Ach glanaidh fuil Chriosd a' choguis^ spìonaidh i an dris aiste, bheir i socair^ Isa. xxxiii. 24^ agus ni i neach freagarrach gu aon chuid seirbhis a' dhean- amh^ no fulang. Eabh. ix. 14. Ci Cia mor is ni fuil Chriosd bhur coguis-se ghlanadh o oibribh màrbha chum seirbhis a dheanamh do'n Dia bheò ?"

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR. 139

2. Mar 'ur Fdidh chum 'ur teagasg. Tha feum againn a bhi air ar teagasg gu ceart chum ar freasdalaibh irioslachaidh a thoirt fainear ; oir, gu tric, cha'n 'eil sinn a' toirt an aire dhoibh^ air chor s gu bheil iad a' fàs 'n an eire chlaoidhteach ; ach nam burrainn duinn am faicinn gu ceart, dìreach mar a ta Dia 'g an cur do ar 'n ionnsuidh-ne, 's ann a dh'irioslaicheadh iad sinn, 's cha b'e ar claoidh. Gu firinneach tha feum againn air Criosd, agus air solus 'f hocail agus a spioraid, chum ar trioblaid agus ar deuchainn f hoillseachadh dhuinn, co math ri ar dleasnas. Salm xxv. 9, 10.

3. Mar 'ur Righ. Tha cridhe reasgach agaibh, a tha neo-thoileach air lubadh, eadhon ann am freasdal- aibh irioslachaidh ; fòghlumaibh bho Maois ciod a sibh 'n a leithid sin a chor. Ecsod. xxxiv. 9. ce Agus thubhairt e, rachadh mo Thighearna guidheam ort, 'n ar measg, (oir is sluagh rag-mhuinealach iad,) agus math dhuinn ar n-aingidheachd agus ar peacadn.,, Cuir e 'n a làimh-san a tha làidir agus cumhachdach. Salm xxiv. 8. Tha e comasach gu toirt air leaghadh, agus, mar a' chèir fa chomhair an teine, gabhail ris an t-sèula.

Smuainichibh air na seòladhnaibh so, chum an cuir an cleachdadh, a' cuimhneachadh, " MaV' e 's gur " aithne dhuibh na nithe so, is beannuichte sibh ma ni sibh iad." Cuimhnichibh, is obair an t'irioslachadh a lionas 'ur làmh, am feadh a bhios sibh beò 's an t-saoghal, agus cha'n urrainn duibh teachd gu ceann gus an tig am bàs ; agus leanaidh freasdalan irioslachaidh sibh_, am feadh a bhios sibh anns an t-saoghal ìochdrach so. Feudaidh sibh am faotuinn air an atharrachadh ; ach cha'n urrainn duibh saorsuinn fhaotuinn uatha,, gus an ruig sibh nèamh. Mar sin bithidh freasdalan irioslachaidh, ar ciorraman, ar càirdean, ar 'n amlaidhean, ar 'n àmhghairean, ar neo-chinnteachd, agus ar peacaidhean n an aobhar dearbhaidh dhuinn

140 AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

am feadh a bhios sinn annsan t-saoghalso. An còrr do na rùnaich mi air a cheann teagaisg so, gabhaidh mi steach ann.

TEAGASG II. Tha àm iomchuidh, anns am iadsan a tha nis 'g an irioslachadh fèin fo làimh chumhaohdaich Dhè gu cinnteach air an togail suas. Gabhaidh sinn,

I. Beachd choitchionn do'n teagasg so. Agus bheir sinn fainear,

'S a' cheud àite, Cuid a nithe a th'air an ciattach- adh agus air am filleadh ann.

1. Tha e a' gabhail a steach gu'm feum iadsan a chomh-pàirticheas do'n togail suas so, sùil a bhi aca, 's sl cheud àite, gu'n còmhluich iad ri tilgeadh sìos. Taisb. vii. 14. Eoin xvi. 33. (i Anns an t- saoghal bithidh àmhghar agaibh." Cha n 'eil rathad air teachd gu tìr a' gheallaidh, a rèir doigh suidhichte a' ghràis, ach troimh an f hàsach ; na dol a steach do'n àrdachadh so, ach troimh gheata cumhann. Mar urrainn duinn giùlan le tilgeadh sìos, cha bhlais sinn do mhilseachd an togail suas.

2. Air dhuinn bhi air ar tilgeadh sìos fo làimh chumhachdaich Dhe', feumaidh sinn fòghlum iuidh gu ciùin agus tosdach foidhpe, gus an dean an làmh cheudna a thilg sìos sinn ar togail suas^ ma's àill leinn comhpàirteachadh do'n togail suas so a th'air a gealltuinn. Tuir. iii. 27. Cha'n e bhi air ar tilgeadh sìos ann an staid iosail le freasdal Dè, ach ar spioradan a bhi air an toirt a mhàin foidhpe le gràs t>è, a bheir sinn an taobh a stigh do chrìoch a' gheallaidh so.

3. Ma's e 's nach bi sinn gu bràth air ar n-irios- lachadh ann an staid iosail^ cha bhi sinn gu brdth air ar togail suas ann an rathad a' gheallaidh so. Feudaidh daoine an spioradan a chumail an àirde n an staid iosail, agus a bhi air an togail suas mar

AN CAMDH 'S A' CHRANNCHtJR. 141

sin. Gnàth. xvi. 19. Ach thugaibh fainear, cha'n 'eil an so ach togail suas,, chum gu'm an tuiteam ni's ro chràitiche. " Gu deimhin ann an àitibh sleamhna chuir thu iad : thilg thu sìos iad ann an tiota gu sgrios." Salm lxxiii. 18. Ach iadsan nach irioslaich iad fèin ann an staid iosail, chì iad gu'm an eas-ùmhlachd na tarrang theannachaidh, a chumas an truaighe gu bràth ceangailte orra as eugais leigheis.

4. Tha irioslachadh spioraid, ann an staid iosail, n a chinnteas air gu'm bi iad air an togail suas uair-eiginn, le deadh-ghean agus fabhor nèimh. Lucas xviii. 14. " A deiream ribh gu'n deach- aidh am fear so sìos d'a thigh air fhirinneachadh ni's na'm fear ud eile : oir ge b'e neach a dh' àrdaicheas e fèin, islichear e ; agus ge b'e a dh' islicheas e fèin àrdaichear e." Tha Solamh a' toirt fainear, Gnàth. xv. 1. gu'm pill freagradh mìn corruich ; ach duisgidh briathra garg fearg." Agus is ann mar sin a tha e tachairt, 'nuair a tha muinn- tir àrdanach, a thaobh an ceannairc, a' toinneamh na cùing ni's daingne mum muinealaibh fèin, ach a' mhuinntir iriosal a strìochdas, ni iad an lasach- adh fèin cinnteach, le'n strìochdadh. 1 Sam. ii. 8, 9, 10. " Togaidh e 'm bochd o'n duslach ; o'n otrach togaidh e suas am feumach, g'an cur n an suidhe maille ri uachdranaibh, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh. Oosan a naoimh gleidhidh e, agus bithidh na h-aingidh tosdach ann an dorchadas ; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith. Brisear 'n am bloighdibh eas-cairdean an Tighearna." Amhuil a bhriseas peileir gunna mòr sìos balla cloich, 'nuair a bhàthas an olainn bhog a neart.

5. Tha dm shuidhichte chum an dream a tha g an irioslachadh fèin^ 'n an staid iriosail a thogail suas. Hab. ii. 3. "Oir tha'n fhàisneachd fathasd air son aimsir shònruichte, ach air a' cheann mu dheire

142

AN CAMADH *S A* CHRANNCHUR.

labhraidh i, agus cha dean i breug : ged dhean i moille feith rithe ; oir gu deimhin thig i, cha bhi i air dheireadh." Aig gach ni tha km, mar a ta àm gu irioslachadh, is amhuil sin tha àm gu togail suas. Ecles. iii. 3. Cha'n aithne dhuinne an t-àm so, ach's athne do Dhia e, an a shuidhich e. Na abradh an neach iriosal, cha togair suas gu bràth mi ; oir tha àm air a shuidheachadh air a shon, co riaghailteach 's a th' air son èiridh na greine, an deigh na h-oidhche f hada dhorch, no ath philltinn an earraich an deigh a' gheamhraidh fhada f huair.

6. Air do neach e fèin irioslachadh, cha'n 'eil e ri earbsa, gu'n togair mas e air bàll. Cha'n 'eil ; eha'n e a mhàin gu bheil neach gu luidh sìos fo'n làimh chumhachdaich, ach tha e gu luidh gu tos- dach a' feitheamh an àm iomchuidh ; is obair fha- dalach obair an irioslachaidh ; bha f hichead bliadhna aig cloinn Israeil dh'i anns an fhàsach. Feumaidh pobull bhi air an toirt gus an t-àm fhàgail aig a thoil-san ; agus am feadh a tha oidhche fhad aca do shiubhal ann an dorchadas, feumaidh iad earbsa annsan. Isa. l. 10. " e 'n 'ur measg air am bheil eagal an Tighearna, a ta 'g eisdeachd ri guth a sheirbhisich, a ta siubhal ann an dorchadas, agus aig nach 'eil solus ; earbadh e as ainm an Tigh- earna^ agus leigeadh e a thaice r'a Dhia."

7. 'S e 'n t-àm suidhichte chum togail suas^ an t-dm iomchuidh, an t-àm is freagarraich air a shon^, anns an ro fhreagarraiche an tig e. " Agus na sgithicheamaid do mhaith a dheanamh : oir ann an àm iomchuidh buainidh sinn, mur fannaich sinn. Galat. vi. 9. Oir is e sin an t'àm a ròghnaich Dia air a shon ; agus bithibh cinnteach gur i roghainn-sa roghainn is feàrr^ do bhrìgh gur i roghainn a ghliocais neo-chrìochnach i, agus uime sin, than creidimh suidhicht air feithidh ris. Isa. xxviii. 16. " An a chreideas cha dean e cabhaig." Tha mòran do mhaise ni_, an earbsa ris an àm anns an deanar e,

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

143

agus shuidhich esan àm freagarrach do gach ni a tha e deanamh. Ecles. iii. 11. " Rinn e gach ni mais- each na àm fèin."

8. Cha 'n 'eil teagamh nach bi 'mhuinntir iriosal air an togail suas aig an àm shuidhichte agus iom- chuidh. Haba. ii. 3. Tha ùine a' ruidh, cha 'n 'eil i stad a no dh'oidhche ; mar sin tha 'n t-àm iomchuidh sl tighinn gu dlù, agus 'nuair a thig e, bheir e 'n togail suas maille ris. Ciod air bith co iosal 's a bhios an staid isleachaidh, ciod air bith co eu-dochasach, feumaidh e bhi gun tig an togail suas anns an àm iomchuidh.

II. Labhraidh mi focal, gu coitchionn, mu'n togail suas, a tha feitheamh na muinntir a tha 'g an isleachadh fèin. Tha togail suas dhà-fhillte ann.

1. Togail suas ann an cuid, freagarrach do'n mhuinntir iriosal àm na beatha so. Salm xxx. 1. " Molaidh mi thu, a Thighearna; oir thog thu suas mi, agus cha d' thug thu air m' eascairdibh gàirdeachas a dheanamh os mo chionn." Cha togail suas iomlan so, ach ann an cuid : agus is i a leithid sin a thogail suas a dh'f heudas & mhuinn- tir iriosal earbsa, am feadh a bhios iad anns an t-saoghal so, agns gun tuille. Tha so a' toirt an anail, agus atharrachadh eallaich do'n mhuinntir sgìth, ach cha 'n 'eil e a' toirt fois iomlain doibh. Mar sin bha aig cloimi Israeil anns an f hàsach, cuid a dh'amanna seinn, ann am meadhon an iomadh àm broin. Exod. xv. 1. Aireamh xxi. 17-

2. Togail suas iomlan freagarrach air an son aig a' bhàs. Lucas xvi. 22. "Agus tharladh guJn d'fhuair an duine bochd bàs, agus gu'n do ghiùl- aineadh leis na h-ainglibh e gu uchd Abrahaim." An sin eha'n 'eil an Tighearna buntuinn riu ni 's a chuid agus a chuid, ach tha e 'g an làn shaor- adh. Eabh. xii. 23. An sin tha e toirt air falbh an uile eallachan, 's a' toirt fois dhoibh o'n uile chudthrom^ agus cha leig e àmhghar air bith orra

Ì44 AN CAMADH *S a' CHRANNCHUR.

gu bràth tuilleadh. An sin tha e 'g an togail suas gu àirde aig nach robh iad riamh roimhe; cha robh, eadhon 'nuair a b'àirde iad. Tha e g an cur gu h-iomlan suas os ceann gach ni ta iosal, agus g an suidheachadh an sin, chum 's nach toirear sios gu bràth iad. A nis3 tha àm iomchuidh air an son so maraon.

(1.) Air son an togail suas ann an cuid. Cha 'n 'eil gach uile àm feargarrach air a shon ; cha 'n 'eil sinn an còmhnuidh freagarrach air son sòlais, fois no atharrachadh bho ar 'n eallachaibh fhaotuinn. Tha Dia a' faicinn gu bheil amanna anns am bheil e feumail air son a' phobuill a bhi fo thuirse 1 Pead. i. 6. chum an <c cridhe leagadhsios lebròn." Salm cvii. 12. Ach an sin tha àm da rìreadh air a shuidheachadh air a shon ann an gliocas 'nuair a mheasas e co feumail an sòlasachadh, 's a mheas e roimhe an toirt a mhàin. 2 Cor. ii. 7. " lonnus air an làimh eile, gur is còir dhuibh maitheanas agus comfhurtachd a thoirt dhà, air eagal gu'm biodh a leithid so do dhuine air a shlugadh suas le anabarra doilgheis.,, Tha sinn anns a chor sin, ann an làimh Dhè, mar ann an làimh ar lighiche, a tha comharrachad a mach an ùine a theid am plasd-tarruing f hàgail ris, agus c'uin' a chleachdar am plasd-leighis^, agus nach fhàg idir e gu toil an neach euslaintich fèin.

(2.) Air son an togail suas gu h-iomlan. 'Nuair a tha sinne gu goirt air ar sàrachadh le ar *n eallachaibh, tha sinn ullamh gu smuaineachadh, O gu bhi air falbh, agus a bhi an taobh thàll dhoibh uile. lob vii. 2, 3. Mar a mhiannaicheas an seirbhiseach an sgàile^, agus mar bhios sùil aig an fhear-tuarasdail ri duais 'oibre ; mar sin fhuair mise dhomh fèin mìosan dìomhanais, agus àirmh- ear dhomh oidhchean cràidh/' Ach air son sin uile^, theagamh gur e is freagarraich, sinn a dh'- fhantuinn sealain^ agus gleachd ri ar 'n eallach-

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR. 145

aibh Philip. i. 24, 25. " Gidheadh, 's e mi

dh'fhantuinn 's an fheoil, a's feumaile dhuibhse. Agus air dhomh hhi cinnteach dheth so, tha fios a,gam gu'm fuirich mi agus gu'n còmhnuich mi maille ribh uile, chum bhur cursa air bhur 'n aghaidh, agus chum gàirdeachas a' chreidimh.'' Dh'fheudadh beagan laithean Israel a thoirt a mach a,s an Eiphit do thìr Chanaain ; ach nam b'e 's gu'n deanadh iad a leithid sin a chabhag, bhitheadh iad an sin ro luath ; mar sin b' eiginn dhoibh dà-fhich- ead bliadhna chaitheamh anns an fhàsach, gus an d'thigeadh an t-àm iomchuidh dhoibh dol a steach do thìr Chanaain. Bithibh-sa cinnteach, gu'm e air a shoilleireachadh do na naomha, gur e'n t-àm is feàrr do'n d'rinneadh ròghainn chum an tabhairt do ne'auih, agus bithidh maise ann an so nach d'thug- adh ann iad ni bu luaithe. Mar so tha togail suas air a dheanamh cinnteach do'n mhuinntir iriosal.

III. An dearbh-chinnteaehd gu'n togair suas iad- san a tha 'g an irioslachadh fèin fo staid iosail. Nan d'thugadh neach dearbhadh dhuibh, 'nuair a bhith- eadh sibh air teachd gu bochdainn, gu'n d' thigeadh an t-àm fathast, gun teagamh, anns am bitheadh sibh beartach ; 'nuair a bhitheadh sibh gu tinn, nach bàsaicheadh sibh leis an tinneas sin; ach gu'm fàs- adh sibh gu math gu cinnteach, dheanadh sin còmhnadh ribh gu giùlan ni b'fhearr le 'ur bochd- * ainn agus le 'ur tinneas, agus bheireadh sibh co'- fhurtachd dhuibh fèin leis a' bheachd sin. Gidh- eadh, feudaidh neach fantuinn bochd,, agus gu'n bhi gu bràth beartach, gu tinn agus bàsachadh leis an tinneas sin ; ach ge b'e dh'irioslaicheas iad fèin fo'n staid iosailj 's urrainn duinn a làn dhearbhadh dhoibh bho fhocal an Tighearna, gu'm bi iad gu cinnteach, air an togail suas agus air am fuasgladh bho'n staid iosail: chì iad gu cinnteach am fois agus am fuasglaidh, 'nuair a chuimhnicheas iad an eallachan inar uisgeachan a dh'fhailnich. Agus feudaidh sibh bhi cinnteach dheth sin bho na nithibh so a leanas.

K

146

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

1 . Tha nàdur Dhè, air a thoirt fainear gu ceart, 'g a dhaingneachadh. Salm ciii. 8, 9. " Is tròcair- each agus is gràsmhor an Tighearna, màll chum feirge agus paiit ann an caoimhneas gràidh. Cha chronuich e gu sìorruidh, agus cha ghleidh e 'fhearg gu bràth." Feudaidh a t-anam gràsmhor, a dh'amh- airceas ri Dia ann an Criosd, tri nithe fhaicinn co'cheangailte 'n a nàdur a tha 'g a dhaingneachadh ,

(1.) Chumhachd neo-chrìochnach, a tha comasach na h-uile nithe a dheanamh. Cha 'n 'eil coirean air bith co iosal, 's nach comasach dhasan an togail suas ; co aimhreiteach agus deachdair, 's nach com- asach dhasan an reiteachadh ; co eu-dòchasach, 's nach comasach dhasan an leigheas. Gen. xviii. 14. " Am bheilni air bith do-dheanta do*n Tighearna?*' Ciod air bith ar cor, cha 'n 'eil e gu bràth do-dheanta dhasan a leigheas ; ach 's e 'n t-àm is ro iomchuidh leis-san a ghabhail os laimh, 'nuair a bheir càch uile thairis e. Deut. xxxii. 36. " Oir bheir an Tigh- earna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithre- achas a thaobh a sheirbhiseach ; 'nuair a chì e gu'n d'fhalbh an neart, agus nach 'eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgaiL,,

(2.) Maitheas neo-chrìochnach deònach gu co- bhar. Tha e maith agus gràsmhor 'n a nàdur.— Exod. xxxiv, 6 9. Agus uime sin, is tobar com- f hurtachd a chumhachd dhoibh-san. Rom. xiv. 4. Feudaidh daoine bhi deònach nach 'eil comasach ; no comasach nach 'eil deonach ; achfeudaidh maith- eas neo-chiìochnaclr, co'cheangailte ri cumhachd neo-chrìoclinach ann an Dia, a' mhuinntir iriosal a dheanamh cinnteach do thogail suas ann an àm iomchuidh. Is focal so a tha do mhilseachd do- bharalachaidh. 1 Eoin iv. 16. u Agus dh'aithnich sinne agus chreid sinn an gràdh a tha aig Dia dhuinn. Js gràdh Dia ; agus an a tha fantuinn ann an gràdh, tha e 'n a chòmhnuidh ann an Dia, agus Dia annsan.,, Tha innigh Athar aige thaobh na muinn- tir iriosal. Salm ciii. 13. " Mar a ghabhas athair

AiN CAMADH 's a' CHRANNCHUR. 147

truas d'a chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan d'an eagal e." Seadh^ innigh do thròcair ni's ro chaoimhneiie na innigh Mathar do ieanabh a cìche. Isa. xlix. 15. Uime sin, ge b'e mar tha 'ghliocas 'g a f haicinn feumail an cuir ann an staid iosail, agus an cumail ann tamuill, cha'n urrainn e bhi gu'm fàg e ann iad gu tur.

(3.) Gliocas neo-chrìochnach_, nach 'eil a' deanamh ni sam bith gu dìomhain, agus uime sin, cha chum e neach air bith ann an staid iosail gun aobhar. Tuir. iii. 32 , 33. " Ach ged a bheir e aobhar broin, gidheadh ni e iochd do rèir lionmhoireachd a thròe- airean. Oir cha chlaoidh e d'a dheoin, ni mo chràidheas e clann nan daoine." 'S e 'chrìoch agus an rùn a th'aig Dia ann an daoinibh a chuir an staid iosail chum an irioslachadh ; 'nuair a tha sin air a choilionadh, agus nach 'eil feum tuille air a son anns an dòigh sin, reudaidh sinne bhi cinnteach gu'm i air a toirt air falbh.

2. Tha freasdal Dè, 'nuair a ghabhair beachd air 'n a dhoigh suidhichte gnìomhachaidh ri ehreutair- iblx, a' dearbhadh sin. Tionndaibh 'ur sìdlean ge b'e taobh is àill leibh air freasdal Dè, 's feudaidh sibh a cho'dhunadh uaithe sin, gu'm mhuinntir iriosal air an togail suas an àm iomchuidh.

(1.) Thugaibh fainear freasdal De,, ann an riagh- ladh an iomlan do chùrsa nadùir, tha teachd an deigh na h-òidhche is fhaide, sàmhradh an deigh a' gheamhraidh^, fàs na gealaich an deigh crìonadh na gealaich, iionadh na mara an deigh traoghadh na mara, &c. Na biodh muinntir iriosal an Tigh- earna 'n an luchd-coimhead dìomhain air na nith- ibh so ; oir tha iad chum ar fòghlum. ler. xxxi. 35—37. " Mar so deir an Tighearn, tha toirt na gre'ine air son soluis anns an la, òrduighean na gealaiche agus na'n reultan air son soluis anns an oidhche^ tha deanamh na fairge ciùin, tra bhios a tùinn a' beucaich; Tighearna nan sluagh is e ainm. Ma dh'imicheas na h-orduighean so as mo

148 AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

shealladh-sa, deir an Tighearna, an sin cuideachd sguiridh sliochd Israeil bho bhi 'n an cinneach am feasd ann am làthair." An cum an Tighearn a leithid a chùrsa seasmhach anns an talamh, anns an fhairge, agus anns na nèamha faicsinneach, ann a bhi 'g an togail suas an deigh an tilgeadh sìos, agus an dì-chuimhnich e a mhàin a' mhuinnt- ir iriosal ? Cha dì-chuimhnich e,, air sheoil air bith.

(2.) Thugaibh fainear freasdal Dè, a thaobh an duine Criosd, an cusbair ro naomh agus urramach sin., ni's ro luachmhoire na mìle saoghal. Colos. ii. 9. Nach do ghabh Freasdal an rathad so dhasan le irioslachadh an toiseach_, an deigh sin àrdachadh, agus a thogail suas ? thug e sìos e 'n toiseach gu duslach a' bhàis, le cùrsa do fhulangasaibh thiì bliadhna deug thar f hichead, an deigh sin dh'àrdaich se e gu deas-làimh an Athar ann an sìorruidheachd do ghlòir ? Eabh. xii. 2. " Neach air son an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh'fhuiling an crann-ceusaidh, a' cur na naire an neo-shuim, agus a. shuidh air deis righ-chaithreach Dè." Philip. ii. 8, 9. (C Agus air dha bhi air f haghail ann an cruth mar dhuine, dhnioslaich se e fèin, agus bha e ùmhal gu bàs, eadhon bàs a' chroinn-cheusaidh : Air an aobhar sin dh'àrdaich Dia e gu ro àrd mar an ceudna." Dh'fheumadh e bhi gu'n tigeadh àrdach- adh an deigh' irioslachaidh. Luc. xxiv. 26. " Nach b'eigin do Chriosd na nithe so f hulang, agus dol a steach d'a ghlòir ?' Agus churmaic esan agus chreid e gu'n tigeadh e, mar a dh'fhàsas an sìol an deigh a chuir. Eoin xii. 24. Tha gnothach dlù aig a mhuinntir iriosal a th'ann an staid iosail ri so.

(I.) 'Seso an sàmhladh a tha Freasdal a' lean- tuinn 'n a ghiùlan d'ar taobhsa. Bha an t-Athair co lan-toilichte leis an dòigh so, ann an cor a Mhic fèin, 's gu'n do rùnaich e gu'm biodh e air a lean- tuinn, ann an cor uile oighreachan na glòire. Rom. viii. 29. (t Oir an dream a roimh-aithnich e, roimh- òrduich e iad mar an ceudna chum a bhi comh-

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

149

ehosmhuil ri dealbh a Mhic, chum gu'ni biodh esan n a cheud-ghin am measg mòrain bhraithre." Agus nach biodh toileach siubhal troimh na ghleann is dùirche a' saltairt a chos-cheumansan ?

(2.) Is geall cinnteach so air gu'n togair sua^ sibh. Bha Criosd 'n a staid irioslachaidh, air a mheas an Ceann agus am fear-ionaid, agus tha e mar sin 'n a staid àrdachaidh. Mar sin tha àrdach- adh Chriosd 'n a dhearbhadh air gu'n àrdaichear sibhse as 'ur staid iosail. Isa. xxvi. 19. " T hig do mhairbh beò ; maille ri mo chorp marbh-sa èirigh iad. Duisgibh agus seinnibh, sibhse tha chòmh- nuidh anns an duslach." Hosea vi. 1, 2. " Thig- ibh agus pilleamaid ris an Tighearn : oir is esan a reub, agus is e ni ar leigheas ; is e bhuail, agus ceanglaidh e suas sinn. An ceann latha ni e ar n-ath-bheothachadh; air an treas duisgidh e suas sinn, agus bithidh sinn beò 'n a shealladh.,, Eph. ii. 6. ' Agus chomh-thog, agus chomh-shuidhich e sinn ann an ionadaibh nèambaidh ann an losa Criosd/' Seadh, chaidh e steach do staid na glòire air ar son-ne mar ar roimh-ruith-fhear, Eabh. vi. 20. " Far an deachaidh an roimh-ruith-fhear a steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh 'n a ard-sha^'- art gu sìorruidh."

(3.) B'e irioslachd-san luach 'ur 'n àrdachadh-ne. agus tha 'àrdachadh 'n a làn-dearbhadh gunghabh- adh ris mar làn-dioladh, Cha'n 'eil staid iosail air bith anns am bheil sibh, anns nach rachadh sibh a dhìth, mar bith gu'n cheannaich esan 'ur togail sua.- asda le irioslachadh fe'in. Isa. xxvi. 19. A nis, tha a ghràs irioslachaidh-san annaibhs' na dhearbhadh air gu'n ghabhadh r'a irioslachadhs' chum sibhse thogail suas.

4. Thugaibh fainear freasdal a thaobh na h-eaglais anns gach linn. 'S e so an rathad a chleachd an Tighearna dh'i. Salm cxxix. 1 4. Chaidh Abel a mharbhadh le Cain aingidh, gu mòr chràdh Adhaimh agus Eubha, agus a chuid eile fta 'i,

150

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

cloinn chràbhach : ach an deigh sin thogadh suas sliochd eile an àit Abel. Gen. iv. 25. Bha Noah agus a mhic air am beò adhlacadh anns an airc còrr agus bliadhna ; ach an deigh sin thugadh a mach iad chum saoghal nuadh agus bheannaicheadh iad. Bha Abraham iomadh bliadhna as eugais clòinne ; ach mu dheireadh rugadh Isaac. Bha Israel re ùine fhada ann an daorsa thruaigh 's an Eiphit ; ach fadheoidh shuidhicheadh iad ann an tir a' gheallaidh, &c. Feumaidh sinn a bhi toilichte siubhal ann an cos-cheumaibh na treud ; agus ma leanas sinn iad 'n an irioslachadh, leanaidh sinn iad gu cinnteach 'n an àrdachadh mar an ceudna.

5. Thugaibh fainear freasdal ann am frith- ealadh a gìiràis a thaobh a chloinne. 'S i'n riaghailte choitchionn. 1 Pead. v. 5. " Oir tha Dia sl cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a' toirt grais dhoibh- san a tha iriosal." Cionnas a tha iad air an toirt gu staid gràis ? Nach ann le obair fhallain irios- lachaidh a dhol air thoiseach ? Lucas vi. 48. Agus gu gnàthaichte mar is an tomhas do ghràs a th'air a rùnachadh air son neach, 's ann is an irioslachadh an toiseach^ mar ann an cor Phòil. Ma tha iad gu bhi air an aiseag bho staid cùl-sleamh- nachaidh, tha 'n dòigh ceudna air a chleachdadh ; mar sin tha 'n irioslachadh is gu gnàthaichte a' deanamh rathaid air son an t-sòlais is mò, agus tha'n uair is dùirche a' dol roimh èirigh Grein an Ion- racais orra. Isa. lxvi. 5 13.

6. Thugaibh fainear freasdal a' tilgeadh sìos dhaoine aingidh mu dheireadh ge b'e co fad 's a sheasas agus a shoirbhicheas iad. Salm xxxvii. 35, 36. '* Chunnaic mi an duine aingidh am mòr chumh- achd, agus e ga sgaoileadh fèin a mach mar ur chraoibh uaine ; ach chaidh e seachad^ agus feuch, cha robh e ann ; agus dh'iarr mi e ach cha d'fhuaras e." Tha iad re ùine fhada uaine fa chomhair na grèine, ach mu dheireadh buailear iad gu h-obann leis a' ghaoith an ear, agus seargaidh iad air falbh ;

AN CAJrìADH 'S A* CHRANNCHUR.

151

theid an lochran as le droch bholadh, agus tilgear a mach iad gu dubh dhorchadas. A nis, tha e neo-threag- arrach ri caomhalachd nàduir Dhè3 gun dì-chuimh- nicheadh e 'mhuinntir iriosal a thogail suas, nuair a tha cuimhne aig air a mhuinntir àrdanach isleachadh.

Tha focal Jg a chur an taobh thall do gach uile theagamh, oir, bho thoiseach gu chrìch, is e bònn-dòchais na muinntir iriosail gun togair suas iad. Salm cxix. 49, 50. " Cuimhnich am foeal do t'oglach, as an d' thug thu orm earbsadh. Is e so mo chomhfhurtachd ann am àmhghar ; oir bheothaich t' fhocal mi." 'S e 'fhocal litir mhòr 'ainme, ni air an toir e gu cinnteach dealrachadh. Salm cxxxviii. 2. <c Oir dh'àrdaich thu t'fhocal os cionn t'àinme uile;" ris an d' earbadh gu tearuinte anns gach lìnn, Salm xii. 6. Thugaibh fainear,

(1.) Do theagasgaibh an fhocaiL, a tha teagasg creidimh agus dòchais ann an àm na trioblaid, agus a' chrìoch shonadh a bhios aig cleachdadh nan gràsan so. Tha n sgriobtuir gu leir a* cur an ceill dhoibh- san a th'ann an staid iosail, Gu n am muinghinn a thilgeadh uatha, ach dòchas a bhi aca gus a' chrìch ; agus sin air son an deagh aobhair so, nach bi e an dìomhanas. Faic Salm xxvii. 14. 4 4 Feith air an Tighearna, glac misneach^ agus neartaichidh esan do chridhe : feith, tha mi 'g ràdh, air an Tighearna." Agus coimeasaich, Rom. ix. 33, Isa. xlix. 23. " Cha'n nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annam-sa."

(2.) Do gheallaidhibh an fhocail, leis am bheil ilaitheanas ceangaìlt chum a' mhuinntir a tha 'g an irioslachadh fèin ann an staid iosail a thogail suas, Seumas iv. 10. f< Irioslaichibh sibh fèin am nanuis an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh." Mata xxiii. 12. " Agus ge b'e neach a dh' islich- eas e fèin àrdaichear e." Feudaidh e ùine a ghabhail mu'm iad ullamh air son an togail suas, ach air dha sin a bhi ullamh, tha e air a dheanamh cinnteach, Salm x. 1?. <f A Thighearna, chuala tu miann nan daoine iriosal ; deasaichidh tu an

152

AN CAMADH ?S a' CHRANNCHUR.

cridhe ; bheir tu air do chluais eisdeachd/' Tha Thocal aca air a shon gu'n saoir e iad. Salm l. 15. Agus ged dh'fheudadh iad a bhi a thaobh coslais air an dì-chuimhneachadh., gidheadh cha bhi iad mar sin gu bràth ; oir thig àm an saoraidh, Salm ix. 18. "Oircha dì-chuimhnichear an t-ainnis gu bràth ; cha teid as do dhòchas nam bochd gu sìorr- uidh/' Salm cii. 17. " Bheir e 'n aire do ùrnuigh nan diobarach, agus cha dean e tàir air an achanaich/'

(3.) The eisimpleirean an fhocail a' làn daing- neachadh fìrinn nan teagasgan agus nan geall- aidhean, Rom. xv. 4. " Oir ge b'iad nithe air bith a sgrìobhadh roimhe so,, is ann chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad ; chum trìd f hoighidinn agus comhfhurtachd nan sgriobtuir gusm biodh dòchas againne/' Anns na teagasgaibh agus anns na geall- aidhibh tha 'n togail suas air a chur fa chomhair ar creidimh, gu bhi air a mheas air creideas focail ; ach, anns na h-eisimpleiribh, tha e air a chur fa chomhair ar sùilean, gu bhi air f haicinn ann an cor muinntir eile, Seum. v. 11. " Feuch measar sona leinn iadsan a dh'fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn loih, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna ; gu bheil an Tighearna ro thiom- chridheach agus tròcaireach* Feudaidh sinn sin fhaicinn ann an cor Abrahaim, Ioib, Dhaibhidh^ Phoii, agus naoimh eile ; ach os ceànn nan uile, ann an cor an duine Criosd.

(4.) Tha eadar-ghuidh Chriosd, ag aonadh ri ùrnuighibh agus ri glaodhaich a mhuinntir iriosail, 'n an staid iosail, 'n a chinnteas air gu'n togair suas iad mu dheireadh. Ged nach glaodh na h-uabh- raich 'nuair a cheanglas e iad, gidheadh glaodhaidh a mhuinntir iriosal fèin. Salm xlii. 7, 8. " Tha doimhne a' gairm air doimhne le fuaim t'fheadan uisge ; chaidh do stuaidhean agus do thonnan uile tharum. Anns an àithnidh an Tighearn a thròcair, agus 's an oidhche bithidh a laoidh maille rium, agus m' ùrnuigh ri Dia mo bheatha." Ged

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

153

dh'fheudadh na h-ana-creidmhich a bhi air an sgìtheachadh gu h-ealamh, agus an t-iomlan a thoirt thairis, 's cinnteach nach dean na creidmhich sin ; ged dh'f heudadh iad ann am braise do bhuair- eadh, a leigeadh dhiubh mar ni eu-dòchasach, chì iad gu'm feum iad teannadh ris a rìs. Ier. xx. 9. " An uair a their mi, Cha toir mi iomradh air, ni labhras mi tuilleadh 'n a ainm ; an sin tha fhocal ann am chridhe, mar gu'm b'e teine loisg- each,, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan ; agus ged sgìthich mi mi fèin 'g a chumail a steach, cha'n urrainn mi." Agus buanaichidh iad ag eigheach a agus a dh'oidhche. Lucas xviii. 7, gu'n fhios aca c'uin' a sguireas iad gus an togair suas iad. Tuir iii. 49, 50. " Tha mo shùil & sileadh sìos gun chasgadh agus gun sgur: gus an seall an Tighearn a nuas, agus gu'n amhairc e o nèamh." A nis, air do eadar-ghuidhe Chriosd a bhi air aonadh ris a ghlaodhaich so, cha'n urrainn e bhi nach togair suas iad.

(].) Thugaibh fainear, gu bheil eadar-ghuidh Chriosd, gun teagamh, air aonadh ri glaodhaich agus ri ùrnuighibh na muinntir iriosail 'n an staid iosail. Taisb. viii. 3. " Agus thàinig aingeal eile^ agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige ; agus thugadh dha mòran tùise, chum gu'n tugadh se e maille ri ùrnuighibh nan uile naomh air an altair òir, a bha 'n làthair na righ-chaithreach." Tha iad air an còmhnadh leis an Spiorad gu osnaich a* dheanamh air son cobhair. Rom. viii. 26. agus tha na h-ùrnuighean agus na h-osnan, a tha troimh 'n Spiorad_, gu cinnteach gu bhi air an deanamh eifeachdach le eadar-ghuidhe a Mhic. Seumas v. 16. Agus feudaidh sibh aithneachadh gur ann leis an spiorad a tha iad, ma's e 's gu bheil sibhs' air 'ur còmhnadh gu buanachadh ann an ùrnuigh, ann an earbsa gu 'm faigh sibh 'ur n-iarrtas mu dheireadh air barantas focal geallaidh Dhè ; oir cha 'n 'èil ann an ùrnuighibh nàduir ach lochan a

154

AN CAMADH 's A* CHRANNCHUR.

thiormaicheas suas ri àm tart fada. 'S e Spiorad na h-ùrnuigh an tobair mairsinneach. Eoin iv. 14. Salm cxxxviii. 3. " 'S an air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi ; neartaich thu mi a' m' anam le treòir." Gu firinneaeh tha 'eadar-ghuidhe air nèamh, air son staid iosail na muinntir iriosal. " An sin fhreagair aingeal an Tighearna, agus thubhairt e ; O Thighearna nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun tròcair a dheanamh air Ierusalem, agus air bailtibh Iudah, ris am bheil thu ann an corruich a nis deich agus trì-fichead bliadhna ?" Sachar. i. 12. Cionnus ma ta is urrainn doibh gu'n bhi air an togail suas ann an àm iomchuidh ?

(2) Tha e dian dhùrachdach na eadar-ghuidh air son a' phobuill 'n an staid iosail. Tha cuid a labhras focal math as leth diol-deirce,, air nach ach beag curam co dhiubh a shoirbhicheas leo no nach soirbhich ; ach tha ar Fear-eadar-ghuidh-ne da rìreadh as leth a mhuinntir iriosal ; oir tha e air a ghluasad le co' mhothachadh a thaobh an cor. Isa. lxiii. 9. " 'N an uile àmhghar bha esan fo amhghar." Co'mhothachadhro iochdmhor. Sechar. ii. 8. " Oir an a bheanas ribhse beanaidh e ri cloich a shùla-san." Tha 'n cor aige-san air a chridhe, far am bheil e, 's an ionad naomh anns na nèamha is àirde Exod. xxviii. 29. agus tha e cumail mìn-chunntas air ùine an staid irioslachaidh, ge b'e co fada sa mhaireas i. Sech. i. 12. Osbarr, 's e 'ghnothaich fèin a th'ann ; oir tha'n togail suas a tha iad gu fhaotuinn air a dheanamh cinnteach dhasan, anns na geallaibh a rinneadh dha air son fhola a dhoirt e air an son. Salm lxxxix. 33, 36. Mar sin cha'n e a mhàin gu bheil iadsan a th' air an talamh, ach tha 'n Duine Criosd air nèamh, a sealltuinn àir son coilionaidJi nan geallaidhean so. Eabh. x. 12, 13. " Ach an duine so, an deigh dha aon ìobairt a thoirt suas air son peacaidh, shuidh e a choidh tuilleadh air deas làimh Dhè ; a' feitheamh o sin suas gus an cuirear a naimhde ?n an stol-chos

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR. 155

fo chosaibh." Uime sin, cionnus a b' urrainn a leithid sin a dhùil a bhi air a mealladh ? Tuilleadh eile, 's iad na coirean irioslachaidh so 'f hulangas fèin fathast, ged nach 'eil e fulang 'n a Phearsa, gidheadh tha e^fulang 'n a bhallaibh. Colos. i. 24. " Tha mi nis a' deanamh gàirdeachais ann am f hulangasaibh air bhur sonsa, agus a' coimhlionadh mheud 's a ta dhèidh- làimh do àmhgharaibh Chriosd ann am fheòil, air son a chuirp-san, eadhon na h-eaglais." Uime sin, tha gachjuile aobhar air co'dhunadh gu bheil e a rìreadh.

(3) Tha eadar-ghuidhe-san an còmhnuidh eifeachdach. Eoin xi. 42. " Agus tha fios agam gu bheil thu 'g èisdeachd rium a ghnàth." Cha 'n urrainn e gu'n bhi mar sin, do bhrìgh gur e Mac gràdhach an Athar ; tha e mar bhònn do eadar- ghuidhe gur ann a' tagraidh ceartais a tha e. 1 Eoin ii. 1 . "Tha Fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosda am firean." Tuilleadh eile tha gach cumhachd air nèamh agus air talamh ag gabhail comh- nuidh annsan. 1 Eoin v. 22. Agus, fadheoidh, esan agus 'Athair is aon iad, agus is aon an toil. Mar sin, tha maraon Criosdagus'Athairtoileach amhuinntiririosal a thogailsuas, gidheadh a mhàinann an àm iomchuidh.

'S an dara àite. Theid mi air m'aghaidh gu heachd ni s' ro shònruichte a' ghabhail do'n teagasg. Agus,

'S a cheud dite. Bheir sinn fainear an togail suas a th'air a thoirt mu'n cuairt anns an t-saoghal ni is e 'n togail suas ann an cuid. Agus,

(1.) Cuid a bheachdan chum nàdur na togail suas so shoilleireachadli.

1. Cha'n 'eil leanabh Dhè gu co'pàirteachadh do'n togail suas so anns na h-uile cor. Feudaidh neach a bhi air irioslachadh ann an staid iosail as nach togair suas e ann an tìm. Air dhuinn a bhi air ar 'n irioslachadh fo ar staid iosail, cha bu chòir dhuinn air bàll a cho'dhùnadh bho na ghealladh, gu'm sinn gu cinnteach air ar togail suas, agus air ar saoradh as mu 'n ruig sinn ceann ar turuis ; oir tha e dearbhta, gu bheil cuid do'n leithid sin ann.

156

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

mar a ta ar neo-iomlanachdan, ar peacaidhean, agus ar bàsmhoireachd, nach urrainn duinn air sheòl air bith a chuiteachadh am feadh a bhios sinn 's an t- saoghal so. Agus tha cuid do choirean irioslachaidh sònruichte ann a dh'fheudas an Tighearn a chroch- adh mu'n cuairt do neach, agus a chumail mun cuairt dà, gus an teid e sìos do'n uaigh, 'nuair aig a cheart àm a dh'fheudas e neach eile thogail suas bho'n ni cheudna. Bha Heman air a chràdh bho oige, Salm lxxxviii. 15, agus dream eile am beatha uile.

LeithsgeuL Ci Ma's ann mar sin a tha chùis, ciod a thig do'n ghealladh gu'n togair suas iad ? C'àit' am bheil an togail suas, ma s e 's gu'm feud neach a dhol do'n uaigh fo'n chudthrom ?"

Freagradh. Mar biodh beatha eile ann an deigh na beatha so, bhiodh meud-eiginn do chudthrom anns an leithsgeul sin; ach do bhrìgh gu bheil beàtha eile ann, cha 'n 'eil cudthrom air bith ann. 'S an ath-bheatha bithidh na geallaidhean air an coilionadh do'n mhuinntir iriosal, mar bha e, Lucas xvi. 22. Thugaibh fainear gur anns an ath-bheatha gu sònruichte a bhios na geallaidhean air an coilionadh. " Fhuair iad so uile bàs ann an creidimh gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhoibh am faicinn fad o làimh, (agus an creidsinn) ghabh iad riu." Eabh. xi. 13. Agus ciod air bith coilionadh a nìthear air a' ghealladh 's a' bheatha so, cha'n e an stoc a th'ann, ach deuchainn no geall dheth.

Ceisd. Ach nach fheud sinn sgur do bhi 'g ùrnuigh ar togail suas anns a chor sin ?

Frèag. Cha'n aithne dhuinne c,uin, is e sin ar cor ; oir feudaidh cor a bhi eu-dòchasach 'n ar suilibh-ne, agus ann an suilibh muinntir eile, a tha Dia a' rùnachadh a thogail suas ann an ùine, mar ann an cor Ioib, caib. vi. 11. '* Ciod e moneart, gu'm biodh dòchas agam ? agus ciod i mo chrìoch, gu'n sìninn mo bheatha?" Ach ciod air bith ar cor, cha bu chòir dhuinn sgur gu bràth do bhi *g ùrnuigh gu'n togta suas sinn, do bhrìgh gu'm

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

157

faigh na h-uile e gu cinnteach a bhios ag ùrnuigh air a shon tre chreidimh ; mar f haigh iad e 's a' bheatha so,, gheibb iad e 's an ath-bheatha. Tha'n gealladh cinnteach, agus is e sin an àithne ; mar sin cha'n urrainn a leithid sin do dh'ùrnuighean gu'n tighinn gu crìoch shona mu dheireadh. Salm L. 15. " Agus gairm orm ann an latha teanntachd : saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhomhsa." Tha'n t-iomlan do bheatha a Chriosduidh 'n a beatha do dh'ùrnuigh agus do dh'fheitheamh, agus 's ann mar ghìll gu mhisneachadh chum sin, a tha gach saorsuinn aimseireil air an toirt. Rom. viii. 23. " Agus cha'n e so a mhàin, ach sinn fèin mar an ceudna, aig am bheil ceud thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fèin, a' feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon, saorsa ar cuirp." Agus ge b'e ghabhas beachd air gu'm bheil an togail suas iomlan aig a bhàs aig làimh, feumaidh e èiridh gu cinnteach, ged robh e air toirt thairis a chor mar chor eu-dòchasach.

2. Gidheadh_, tha cuid a chòirean ann, nach co'pàirtich do 'n togail suas so. Tha Dia ag toirt cuid a thogailean suas chomharraichte d'a phobull, eadhon anns an t-saoghal so, tha e 'gan togail suas bho fhreasdalaibh irioslachaidh comharraichte. Tha'n stoìrm air a caochladh gu fèith, agus cha'n 'eil cuimhne ac' air ach mar uisge a shiùbhlas. Salm xL 1 4. Feudair ni a thoirt fainear air a cheann so.

(1.) Feudaidh neach a bhi ann an staid iosail, chràiteach, agus eu-dòchasach ùine fhada, agus gidheadh feudaidh togail suas a bhi feitheamh air, a mhaireas ùine ni's ro fhaide. 'S e so cor cloinn Dè, a th'air an cur air leth air uairibh chum a' chùiug a ghiùlan 'n an òige, mar bha Ioseph agus Daibhidh ; agus cor an dream sin air an cuirear i n an aois mhe- adhonach, mar bha Iob, neach nach b'urrainn a bhi 'fo dha f hichead bliadhna 'nuair a thàinig a thrioblaid air, ach a bha beò an deigh sinceud agus dafhichead bliadhna. Iob xlii. 16. Tha Dia air a leithid so a dhoigh ag ullachadh dhaoine air son feum àraid.

158

AN CAMADH *S A' CHRANNCHUR.

(2.) Feudaidh neach a bhi ann an staid iosail^ chràiteach, agus tur eu-dòchasach, ann an cùrsa gnàthaichte an f hreasdail, re ùine f hada, gidheadh, feudaidh iad platha soilleir agus blàth do thogail suas fhaotuinn., mun tig iad gu ceann an turuis. Tha beatha cuid do chloinn De coslach ri gruam- ach uisge, anns an soillsicheadh a ghrian a mach as na neòil, gu maiseach soilleir re ùine bhig 's an fheasgair, agus an sin a rachadh fodha. " Agus taiiaidh anns an sin, nach solus soilleir agus dorchadas ann ; ach tarlaidh air trà feasgair gu'm bi solus ann/' Sech. xiv, 6, 7. B'e sin cor Iacoib 'n a shean aois, a thugadh sìos do'n Eiphit ann an onoir agus sòlas chum a mhic,, agus a f huair bàs an sin.

(3.) Ge be togail suas a gheibh iad sl' bheatha so, gidlieadh cha bhi iad gu bràth as eugais cud- throm air chor-eiginn an crochadh mu'n cuairt doibh chum an irioslachaidh. Feudaidh iad an àm seinn a bhi aca, ach bithidh an òranan am feadh a bhios iad 's an t-saoghal so, air am measgadli le osnaibh. 2 Cor. v. 4. " Oir tha sinne a tha anns a' phail- liun so ri osnaich, air dhuinn bhi fo eallach." Tha'n t-saorsuinn neo-mheasgta air a gleidheadh fa chomhair an ath-shaoghail ; ach bithidh an saoghal so 'n a fhàsach gu chrìch, far am bi ulfhartaich maille ris a cheol is ro aoibhniche.

'S an àite mu dheireadh. Cha'n 'eil anns gach togail suas ris an còmhluich a' mhuinntir iriosai an so_, ach gìll, deuchainn, agus eaiias, do'n togail suas mhòr, a tha feitheamh orra air an taobh eile ; agus bu chòir dhoibh amharc orra mar sin.

(L.) Tha iad da rìreadh mar sin. Hosea ii. 15. " Agus as a sin bheir mi dh'i a fion-liosan, agus gleann Achoir mar dhorus dòchais,, agus seinnidh i an sin, mar ann an laithibh a h-òige, agus mar anns an 's an d'thàinig i nios à tìr na h-Eiphit.,> Tha ar Tighearn Iosa an dràsd a' treòrachadh a shluaigh troimh an fhasach, agus is earlas am man- na agus uisge na carraig, 's an àm, air na sruthaibh

ÀH camadh ;s a' chranschur.

159

meala agus bainne ann an tìr a' gheallaidh. Cha d' thàinig iad fathast dhachaidh gu tigh an Athar, ach tha iad a' coiseachd air an rathad, agus Criosd aru Brathair is seine roaille riu, Dan. iv. 8, neach a tha 'g iocadh an cosdais 'gan toirt (mar gu'm b'eadh) a steach gu tighibh-osda air an t-slighe, agus 'g an ùrachadh le togail suas ann an cuid ; an deigh sin feumaidh iad an rathad a' ghabhail a rìs. Ach 's geall an aoidheachd sin air an t-shghe air an làn aoidheachd a bheir e dhoibh 'nuair a ruigeas iad dhachaidh.

Leithsgeul. " Ach feudaidh muinntir togail suas f haotuinn 'a a' bheatha so, nach 'eil 'n a gheall air gu'n togair suas iad air an taobh eile : Cionnus ma ta a thuigeas mi e bhi 'n a gheall?"

Freagradh. Tha'n togail suas sin^ a thig leis na geallaibh, gu cinnteach 'n a geall air an togail suas iomlan sin 's an ath-shaoghal ; oir, mar is i an ath- bheatha an t-àm iomchuidh chum coilionadh nan geallaidhean, mar sin feudaidh sinn a bhi cinn- teach, 'nuaù' a thòisicheas Dia ri gheailadh a choi- lionadh^, gu'n lean e air aghaidh gu cinnteach gus an làn-choihon se e. " Coimhlionaidh an Tigh- earn air mo shon an ni bhuineas domh." Saim cxxxviii. 8. Mar sinn feudaidh sinn a' ràdh mar thuirt Naomi ri Rut, 'nuaii* a fhuair i na se toimhsean eòma bho Bhoas, Rut iii. 18. (i Cha bhi an duine aig fois gus an crìochnaich e'n gnoth- ach an diugh." Tha togailean suas ann a tha teachd a thaobh freasdalan cumanta, agus cha'n 'eil iad so gu cinnteach ach aon-fhillte, agus m h-ann mar ghìll air tuilleadh; ach tha'n gealladh a' ceangal tròcairean ri cheile, air chor's gu bheil a h-aon a gheibhear mar gheall air aon eile ri teachd. seadh, air an iomlan diubh. 2 Sam. v. 12.

CeM. " Ach cia mar dh'aithnicheas mi an ann rathad a' gheallaidh a thig an togail?"

Freag. An togail suas sin a thig rathad a' gheall- aidh thig e còmhladh rathad iosal an irioslachaidh, 's rathad àrd a chreidimh; no creidsinn a' gheall-

160

AN CAMADH 's A'CHRANNCHUR.

aidh, agus rathad fada feitheamh le dòchas, agus buanachadh gu foighidneach. Seumas v. 7. " Uime sin, a bhràithre, bithibh foighidneach gu teachd an Tighearna. Feuch, feithidh an tuathanach ri toradh ìuachmhor na talmhainn, agus fanaidh e gu foighid- neach ris, gus am faigh e an ceud uisge agus an t-uisge deireannach." Uidheamaichidh irioslachadh neach air son coilionaidh a' gheallaidh, deòghlaidh an creid- imh a bhroilleach, agus dlùthaichidh feithidh f hoigh- idneach ris a* bhroilleach gus an tig am bainne gu pailt.

(2.) Cha'n 'eil ann an togail suas air bith a tha cloinn a' faotuinn 's an t-saoghal so ach geall do thogail suas ni's mo. Tha Dia sl toirt an cuibh- roinn do dhaoinibh saoghalta 's a' bheatha so, ach cha'n fhaigh cloinn ach deuchainn do'n cuibhrionn 's a' bheatha so. Salm xvii, 14. Eadhon mar gheibh na seirbhiseach an làn thuarasdal, 'nuair nach fhaigh an t-oighre òg ni san bith ach beagan sgillinnean air son airgid pòcaid. Gu dearbh, 's e'n t-airgiod pòcaid sin is ro luachmhoire na maoin an t-saoghail uile. Salm iv. 7. " Chuir thu aoibhneas ann am chridhe, ni's na 'nuair is pailte an arbhar agus am fìon-san." Ach ged tha e ni s feàrr na sin, agus mar an ceudna ni's feàrr na'n seirbhis_, agus ni's ro luachmhoire n an uile fheith- eamh, gidlieadh cha'n àill le mòrachd an an cuir air falbh leis. Eabh. xi. 16. " Ach a nis tha dèidh aca air duthaich a's feàrr, eadhon duthaich nèamhaidh : uime sin cha nàir le Dia, gu'n goirear an Dia-san dheth : oir dh'ulluich e dhoibh baile."

II. An togail suas ann an cuid, a gheibh iadsan a gheibh an togail suas so a thair a gealltuinn do'n mhuinntir iriosal.

1. Gheibh iad an staid iosail air a h-atharrach- adh. Air do Dhia an dearbhadh tamuill, agus an irioslachadh, agus an cridheachan a thoirt sìos, bheir e mu dheireadh air falbh an eallach, atharr- aichidh e 'n cudthrom a bha co fada 'n crochadh mu'n cuairt doibh, agus bheir e air falbh an earrann sin

ÀN CAMADH 's A? CHItANNCHUK. 161

do'n deuchainn gu h-aoibhneach, agus leigidh e leo an druim a bha ùine fhada air a cromadh sìos a dhìreadh; agus ni e sin air aon do na ràthaidibh so.

(1.) Aon chuid ann an gnè, ag atharrachadh na h-ealJaich gu h-iomlan. Fhuair lob a leithid so a thogail suas^ 'nuair a phill Dia air ais a bhraighdeanas, s a mheudaich e rithist a theaghlaich agus a mhaoin, a chaidh araon a leir-sgrios.— Agus Daibhidh, 'nuair a thuit Saul, 'fhear-geurleanmhuinn anns a chath, agus a thugadh esan chum na rioghachd an deigh iomadh ]a sgìth, an dùil eiginn gu'n tuiteadh e le làimh-san. Is furasd do ar Dia-ne a leithid so a thionndadh thoirt mu'n cuairt anns & staid is ro isle.

(2.) No co'ionann, no co math^ ag toirt air falbh cudthrom na h-eallaich, air chor 's ged bhuanaich- eadh i, nach sàraich i iad ni's mò. 2 Cor. xii. 9, 10. " Agus thubhairt e rium, Is leòir mo ghràs-sa dhuit ; oir a ta mo chumhachd air a dheanamh foirfe ann an anmhuinneachd. Uime sin,, is ro thoiliche a mi uaill a m' anmhuinneachdaibh, chum gu'n gabh cumhachd Chriosd còmhnuidh orm. Uime sin tha mi gabhail tlachd ann an anmhuinneachdaibh/, Ged nach d'thàinig iad gu traigh, gidheadh cha'n 'eil an cìnn ni's fo 'n uisge, ach tha iad ar an togail suas.. Tha Daibhidh a' labhairt gu mothachail mu leithid so a thogail suas. Salm xxvii. 5, 6. " Oir folaichidh e mi 'n a sgàth-thigh ann an latha an uilc ; folaichidh e mi ann an dìomhaireachd a phailliuin ; air carraig togaidh e suas mi. Agùs a nis togar suas mo cheann os cionn mo naimhdean mu'n cuairt orm; agus iobraidh, mi 'n a phailliun ìobairtean aoibhneis ; seinnidh mi, agus canaibh mi cliù do'n Tighearn." Fhuair an triuir chloinne a leithid so a thogail suas anns an àmhuinn theinntich ; loisg an teine^ ach cha b'urrainn e ni a losgadh dhiubhsan ach an ceanglaichean ; bha a bhlàths agus a sholus aca, gidheadh cha d'rinn a theas loisgeach cron ar bith orra. Air uairibh tha Dia a' togail suas a' phobuill mar so bho'n staid iosail.

L

162 AN CAMADH *S A* CHRANNCHtFR.

2. Sealladh sòlasach dhe mar ghabhadh ri'n ùrnuighibh, a chur iad suas 'n an staid iosail : Am feadh a tha 'n ùrnuighean gun fhreagairt agus an trioblaid a' mairsinn, tha iadsan a tha feitheamh air an Tighearn ullamh gu smuaineachadh nach do ghabhadh riu air nèamh, do bhrìgh nach 'eil atharrachadh air bith 'n an cor. Iob ix. 16, 17. (e Nan gairminn, agus gu'm freagaireadh e mi, cha chreidinn gu'n d'eisd e ri m' ghuth : Oir le doinionn tha e 'g am bhruthadh." Ach 's mear- achd sin ; oir ghabhadh riu air bàll, ged nach d'fhuair iad freagradh. 1 Eoin v. 14. " Agus is e so an dòchas a ta againn annsan, ma dh'iarras sinn ni sam bith a rèir a thoile, gu'n eisd e ruinn." Tha 'n Tighearn a' deanamh riu mar ni Athair, ris na litrichibh a thigeadh bho 'mhac a tìr chèin, leughaidh e iad aon an deigh aon eile le taitneas, agus taisgidh e iad gu cùramach chum am freagairt 'nuair bhios e cothromach dha ; agus 'nuair gheibh a' mac am fios freagradh, tuigidh e co taitncach 's a bha iad d'a Athair. Mata xv. 28. Amhuilan so, &c.

3. Freagradh. A shàsuicheas an cridhe air son nan urnuighean so, a roi'ainmich mi, air chor cha'n e a mhain gu'm faigh iad an ni a bha iad ag iarraidh, ach chì iad gu'n d'fhuair iad è mar fhreagairt do'n ùrnuigh ; agtis cuiridh iad meas dà-fhillte air an trocair. I Sam. ii. 1 . Feudaidh ùrnuighean ris an gabhair a bhi gle fhada, seadh, iomadh bliaduna gun f hreagradh, mar ann an cor Abrahaim agus Dhaibh- idh, ach cha bhi iad gun f hreagradh mu dheireadh. Salm ix. 18. Thig an t-àm anns an co'pàirtich Dia ritìjj a rèir a gheallaidh, 's anns an caochail iad an ceòl, agus 's an abair iad, Salm cxvi. 1. " Is toigh leam an Tighearna, oir dh'eisd e ri guth m'athchuingean." Amhaircidh iad air an togail suas mar ni air am bheil iàimh sgrìobhaidh Dhè a ta 'g eisdeachd ùrnuighean.

4. Làn thoileachadh, a thaobh giùlain Freasdail d an taobh, anns gach ceum d'an staid iosail, agus mar an ceudna a thaobh a mhaille rinn e 'n an

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR. 163

togail suas, ge b'e co cràiteach 's a bha iad so roimhe. Taisb. xv. 3. 'Nuair a sheasas iad air an traigh, ag amharc air ais air na chaidh iad troimhe, bheirear iad gu ràdh, " Rinn e na h-uile ni gu math." Na nithe so a tha searbh do Chriosduidhean an àm an dol trompa, tha iad gle mhilis dhoibh ann an àm a bhi g ath-smuaineachadh orra ; mar sin tha toimhseachan Shamsoin air a dhearbhadh 'n am fèin fhiosrachadh.

5. Gheibh iad an togail suas, le 'riadh na h-ùine bha iad as easbhuidh. 'Nuair a dh'ìocas Dia a ghealladh, iocaidh e maraon an riadh 's an càlpa ; tha 'n tròcair air am meudachadh a rèir na h-ùine a dh'fheith iad oirre, agus an cosdas agus an cruaidh-chas a dh'fhuiling iad, na h-uine bha iad a' tagradh. Abuichidh toraidhean an fhreasdail chumanta gle luath, agus grodaidh iad gu h-ealamh : ach tha toradh a' gheallaidh fada ag abuchadh, 's uime sin tha e mairsinneach ; agus mar is fhaide tha e 'g abuchadh^ 's ann is ro luach- mhoire e 'nuair a thig e. Dh'fheith Abraham agus Sarah air a' ghealladh mu'n cuairt do dheich bliadhna, mu dheireadh smuainich iad air rathad chum a luathachadh. Gen. xvi. 1—6. Thug so gu luath air aghaidh breith Ismaeil, ach chab'esan mac a' gheallaidh. Thainig iad gu fìor shean aois mu'n do choilionadh an gealladh. Gen. xviii. 11. Ach 'nuair thàinig e, f huair iad e mailie ri 'n aois air a h-ath- nuadhachadh. Gen. xxi. 7. ; xxv. 1. 'Sen aon bu ro luachmhoire do na geallaibh uile a b'fhaide bha gun choilionadh, eadhon, gealladh teachd Chriosd. a bha ceithir mìle bliadhna gun choilionadh.

6. Bithidh na naimhdean spioradail, a bha gu pailte rnu'n cuairt doibh ann an àm dorchadais na staid iosail, air an sgapadh roimh an togail suas so a th' anns a' ghealladh. 1 Sam. ii. 1, 5. tk Agus rinn Hanah ùrnuigh^, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a' deanamh gàirdeachais anns an Tighearna, rinneadh mo bheul farsuing os cionn mo naimhde. Iadsan a bha làn, air son arain thuarasdalaich siad

164

AN CAMADH 'S A1 CHRANNCHUR.

iad fèin ; agus iadsan a bha ocrach, sguir iad do bhi mar sin." B'uamhasach an sealladh do chloinn Israeil 'nuair a bha armailt Pharaoih air an culaobh, agus a Mhuir Ruadh rompa ; ach, air dhoibh bhi thar an f hairge, chunnaic iad na h-Eiphitich màrbh air an traigh, Exod. xiv. 30. Gheibh iadsan a tha g an irioslachadh fèin fo f hreasdalaibh isleachaidh a leithid so a shcalladh do'n naimhdibh spioradail, 'nuair a thig àm an togail suas-san.

III. Am iomchuidh na togail suas so. Tha sin na ceist gle nadurrach dhoibh-san a th' ann an staid iosail. "Fhirna faire, ciod o'n oidhche?,, Agus cha'n urrainn duinne a freagairt do'n anam iriosal, ach gu coitchionn. Isa. xxi. 11, 12. Uime sin gabhaibh na beachdan coitchionn so mu timchioll.

1. Cha bhi togail suas na muinntir iriosal fadal- aeh, ma's e 's gu'n toirear fainear cudthrom na cùis ; 's e sin ri ràdh, ma 's e 's gu'n toirear fainear do luach agus brìgh togail suas na muinntir iriosal ; 'nuair a thig e cha'n f heudar a mheas fadalach a thaobh àm. 'Nuair a chuireas sibh 'im sìol anns na raontaibh, ged nach abaich e co luath ri cuid a mheasaibh gàraidh,, na measaibh gu bheil am fogharaidh tuilleadh is fadalach, ged fheith sibh ris mun cuairt do thrì miosan 'nuair bheir sibh fainear luach a* bharra. Tha *n t-Abstol a' gabhail an t-seallaidh so do n' togail suas ann an staid iosail. 2 Cor. iv. 17. "Oir a ta ar n-àmhghar eutrom nach 'eil ach sealain, ag oibreachdh dhuinne tròm chudthrom glòire a ta ni's ro anabh- arraich agus sìor-mhaireannaeh." Mar sin feud- aidh an creidmheach, a dh'amhairceas air a' gheall- adh, le sùil a4 chreidimh,, agus a bheir fainear a choilionadh, agus a luach 'nuair choilionar e, iongantas a' ghabhail gu'n d'thàinig e ann an ùine co goirid. Uime sin, is àm e a th' air a rùnachadh a thig gu grad, Lucas xviii. 1, gu grad /nuair feheirear fainear a chudthrom agus a luach. 2. 'Nuair a thig an t-àm, chithear gur e sin agus

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

165

sìn a mhàin an t-dm iomchuidh. Aig gach ni tha tràth, agus tha mòr ghliocas 'n a aithneachadh, agus ann an nithibh a' dheanamh 'n an tràth. Agus feudaidh sinn a bhi cinnteach nach urrainn gliocas neo-chrìochnach a' dhol mearachd 'n an t-àm a dhearmad. Deut. xxxii. 4. " Is esan a' charraig, tha 'obair iomlan oir is breitheanas a shlighean uile." Ach ciod air bith ni a ni Dia seasaidh e ris an sgrùdadh is ro theinne ann an sin, co math 's anns gach uile ni eile. Ecles. iii. 14. " Tha fhios agam gach ni a ni Dia, gu'm e gu bràth ; cha ghabh aon ni cur ris, no aon ni toirt uaith ; agus ni Dia so, chum gu'm biodh eagal air daoinibh roimhe." Tha e fior, gu bheil iomadh àm ag tighinn an àirde dhuinne mar an t- àm iomchuidh churn togail suas, nach 'eil da rìreadh mar sin fathast, do bhrìgh gu bheil cuid a nithe am folach oirnne, a tha fàgaii an àm neo-iomchuidh air a shon. Eoin vii. 6. " Cha d' thàinig m' àmsa fathast ; ach a ta bhur n-àmsa ghnàth deas." Aeh 'nuair thig na h-uile nithe, a tha 'n còmhnuidh roi' aithnichte do Dhia, gu bhi air am fosgladh suas,, agus air an cur còmhladh far comhair-ne, an sin chì sinn gu'n d'thàinig an togail suas dìreach anns an àm, is a tha chum onoir Dhè agus ar math fèin, agus nach biodh e co math nan tigeadh e ni bu luaithe.

3. 'Nuair a thig an t-àm is e da rìreadh an t-àm iomchuidh,, chum aon do chloinn Dhè a thogail suas bho staid iosail,, cha chuirear dàil ann mionaid ni's fhaide,, Habac. ii. 3. " Ach air a' cheann mu dheireadh labhraidh i, oir gu deimhin thig i, cha bhi i air dheireadh.,, Ged dhean e maille, cha stad e 's cha chuirear dàil ann gu h-àm eile. O ciod an fhois cridhe bheireadh a bhi creidsinn sin gu daingean dhuinn ! cha 'n 'eil a h-aon do chloinn Dhè, nach cuireadh leis an ro chùram,, an aghaidh an togail suas roimh an àm iomchuidh, mar an aghaidh toraidh an-abuich a thilgte d'an ionnsuidh ìe athair feargach, a chuireadh deisinn air am

106

AN CAMADH *S a' CHRANNCHUR.

lìaclaibh. Uime sin, do bhrìgh gur ann mar sin a tha chùis, nam b'e 's gu'm b'urramaid a' phùinc so chreidsinn, gu'n tigeadh i gun teagamh 's an àm iomchuidh, gun dkil mionaid, bheireadh e fior fhois dhuinn. Feumaidh e bhi mar sin, do bhrìgh gu'n d' thubhairt Dia e ; ged robh an cor anabarrach eu-dòchasach, 's ged robh beanntan do thrioblaidibh s an rathad, aig an am iomchuidh sèididh i, (mar tha e'sa cheud chainnt) Habac. ii. 3. Sàmhladh a th' air a thoirt bho 'n ghaoith 'nuair a dh'èireas i 'n deigh bàlbh chiùineas.

4. Tha'n staid iosail gu gnàthaichte air a toirt air a h-aghaidh gus a cheum is fhaide mach do dh' eug-dòchas roimh an togail suas. Bha'n sgian ri sgòrnan Isaaic mu'n cualas an guth. 2 Cor. i. 8, 9. (i Oir cha b'àill leinn, a bhràithre, sibhse bhi ain- fhiosrach mu thimchioll ar n-àmhghair a thachair dhuinne 's an Asia, gu'n do bhruthadh sinn gu ro mhòr thar ar neart, ionnas gu robh sinn fo amharus eadhon mu'r beatha ; ach bha againn bìnn ar bàis annainn fèin, chum nach biodh againn doigh annainn fein, ach ann an Dia a dhuisgeas na màirbh." Tha ar spiorada co cabhagach ; 'sgu'm measar leinn gu'n tig nithe chum a' cheum sin gu h-ealamh. Ach feudaidh astar fada bhi aig nithibh ri dhol sìos, an deigh dhuinne bhi saoilsinn gu bheil iad aig bun a' chnuic. Agus cha mhòr nach 'eil sinne 'n ar breitheamhnan co neo-iomchuidh mu'n cheum so do dh' eu-dòchas gus an toirear iad, 's a tha sinn air an togail suas. Agus bheir Dia staid iosail a' phobuill sìos, fathast agus fathast, gus an tig iad chum a' cheum sin. Tha aobhar a th' air son so ri bhi air an toirt fainear.

1. An ceud aon, aobhar niìneachaidh. An so tha Dia a' gabhail an t-aon rathad a ghabh e ann an cor an duine Criosd, an sàmhladh ionmhuinn a tha e & leantuinn ann an uile fhrithealadh a Fhreasdail, a thaobh na h-Eaglais, agus gach creidmheach air leth, llom. viii. 29. Bha e a bheatha uile n a dhuine

JLN CAMADH 's CHRANNCHUR.

167

ferònach; agus mar thàinig e air aghaidh ann an aimsir, dh' atadh na h-uisgeachan ni bu mhò, gus an d' thugadh e chum duslach a' bhàis ; an sin dh' adhlacadh e, agus shèuladh an leaclithidh, ni air dhoibh so a' dheanamh, shaoil leis an t-saoghal gu'n robh iad glan cuiteas e, agus nach cuireadh e tuille dragh orra. Ach cha do thuig iad a' chùis ; oir b'e 'n t-àm sin an t-àm iomchuidh chum esan a thogail suas. Agus chan eil 's na togailibh suas is ro chomharraichte a tha phobull a' faotuinn, ach a mhàin mìrean beaga air an cumadh a reir an t-samh- laidh urramaich so.

2. An aon eile, aobhar cQ'dhunaidh, eadhon a chrìoch agus an rùn air am bheil Freasdal a' dearc- adh ann, agus is e sin an creidmheach a thoirt gu glan deth bhònn fèin, agus do gach bònn cruthaichte chum earbs' agus a dhòchas a bhònntachadh anns an Tighearn a mhàin^, 2 Cor. i. 9. C( Chum nach biodh againn doigh annainn fe'in, ach ann an Dia a dhùisgeas na màirbh." Tha beatha Chrìosduidh anns an t-saoghal so air arùnachdhgu bhi na beatha do chreidimh ; agus ged f heud an creidimh gnìomh- achadh ni's fhasadh 'nuair a tha ni-eiginn do chobh- air aige bho 'n t-sealladh, gidheadh 's cinnteach gur ann an uair a ghnìomhaicheas e an ceart aghaidh an t-seallaidh, is ro oirdheirc a ghnìomhachadh. Oir is fior chreidimh e, 'nuair a sheasas e air a chosaibh nàdurrach fèin a mhàin, eadhon, cumhachd agus focal Dè. Rom. iv. 19, 20. "Agus air dha gun bhi anmhunn an creidimh, cha do chuir e an sùim gu robh a chorp fèin a nis marbh no mairbhe brònn Shàrah. Agus cha do chuir e an amharus gealladh Dhe' le mì-chreidimh ; ach bha e làidir an creidimh, & tabhairt glòire do Dhia.,, Agus feum- aidh e so a dheanamh^ 'nuair tha cùisean air an giùlan gus a' cheum is fhaide mach do dh'eu-dòchas.

5. Theid ullachadh iomchuidh cridhe^ chuin an togail suas a staid iosail, air thoiseach air àm iom- .chuidh na togail suas sin3 a rèir a' gheallaidh

168 AN CAMADU 'S A* CHRANNCHUR.

Cha 'n 'eil a chùis mar sin anns na h-uile togaiì suas ; cha 'n 'eil togalaichean suas an f hreasdail chumanta co heachdaidh air an riaghladh ; 's àill le daoinibh am faotuinn, cha mhath leo hhi as an easbhuidh ni *s faide, agus tha Dia 'g an tilgeadh g'an ionnsuidh ann am fearg, mas 'eil iad air an ullachadh air an son. Hoseaxiii.il. " Thug mi Righ dhuibh ann am f hearg/* Cha *n urrainn doibh seasamh ris an deuehainn air sheòl sam bith, agus tha Dia g'an toirt air falbh mar airgiod nach fìù, nach 'eil comasach air seasamh ris. ler. vi. 29, 30.

Tha 'n t-ullachadh iomchuidh so ag co'sheasamh ann an irioslachd iomchuidh. Salm x. 17. Agus mar is tric gabhaidh e mòr shaothair chum so thoirt mun cuairt, ni is e pùinc eile do 'm bheil sinne 'n ar breitheamhna gle neo-iomchuidh. Shaoileamaid gu'n deachaidh Iob a thoirt gu bhi gle iosal 'n a spiorad re ùine f hada, le freasdal bhi g a bhruth- adh air an dara làimh, agus le chàirdibh fèin air an ìàimh eile. Gidheadlx, an deigh na dh'fhuiling e *n rathad, chunnaic Dia feumail labhairt ris fèin^ a chum irioslachadh. Caib. xxxviii. 1 . Leis a chainnt sin a labhair Dia fèin ris, thugadh e gu 'ghlùnaibh. Caib. xl. 4, 5. Agus shaoileamaid an sin gu'n robh e air irioslachadh nfs leòir agus math dh'fheudta gu'n shaoil leis fèin sin mar an ceudna. Ach chunnaic Dia ceum irioslachaidh ni b'f haide feumail air a shou, agus uime sin thòisich e ri labhairt ris a rithist as ùr chum irioslachaidh, ni a leag e mu dheireadh anns an duslach. Caib. xlii. 5, 6. Agus 'nuair dh'ullaicheadh e mar so air son an togail suas, fhuair se e.

Tha nithe, a tha mi smuaineachadh, a bhuin- eas do'n irioslachadh so, mu'n togair suas iad.

1 . Mothachadh domhain air am peacadh agus air an neo-airidheachd a bhi air an togail suas idir - lob xl. 4. " Feuch tha mi gràineil ; ciod a fhreagras mi dhuit? cuiridh mi mo làimh air mo bheul."

Feudaidh muinntir a bhi ùine fhada ann an staid

AN CAMADH 'S A* CIIRANNCHUR.

169

iosail, raun toirear iad gus a* cheum so ; tha eadhon deadh dhaoine gle chlaon-bhreitheach air an taobh fèin, agus feudaidh iad iad fèin a dhì-chuimhneach- adh ann an tomhas co mòr 's a bhi smuaineachadh gu bheil Dia a' roinn a dheadh-ghean neo-chothrom- ach, agus gu bheil e ni *s ro chruaidhe orra-san na tha e air muinntir eile, Tha Elihu ag comharrach- adh a' mhearrachd so ann an Iob, 'n a 'staid iosail. Iob xxxiii. 10 12. Agus tha mi creidsinn gu'mbì e ri f haicinn, gu bheil sinn ni 's ro dhùrachdaich chum ar 'n onoir f ein Ihirinneachadh bho'n mhasladh a tha sinn a' meas a tha 'n staid iosail a' cur oirre, na tha sinn gu onoir Dhè f hirinneachadh ann an ceartas agus ann an ionracas riaghlaidh a fhreasdail. Tha doille 'n t-saoghail dhroch-mhuinte, a tha'n còmh- nuidh ullamh gu bhi baralachadh nan aobharan is miosa air son staid iosail, mar gu'm b'iad gu cinnt- each an dream is a tha fulang na peacaich is mò, Lueas xiii. 4, a' toirt rathad oibreachaidh do'n tog- radh so do'n nàdur thruaillidh. Ach tha Dia 'n a Dhia eudmhor, agus 'nuair a' dh'irioslaicheas e sinne ni's leòir bheir e air aobhar ar n-onoir teich- eadh air falbh, mar bhruach ghaineamh fo ar cosaibh, am feadh a dh'f heumas sinne gramachadh gu cabhagach chum 'onoir-san fhirinneachadh.

2 Strìochdadh do thoil Dhè a thaobh àm an togail suas. Tha Dia a' toirt a gheallaidhj 's a' fàgail an àm am folach oirnn. Tha ar 'n àm-ne 'n còmhnuidh ullamh, agus tha sinn gn h-obann 'g a lionadh suas le ar làimh fèin. Cha 'n 'eil Dia a' seasamh ri ar 'n àm-ne, do bhrìgh nach e an t-àm iomchuidh e. Uime sin, tha sinn ullamh gu smuain- eachadh gu'n d'fhailnich 'fhocal ; 'nuair is e ar co- dhunadh bràis fèin uaith a tha fàilneachadh. Salm cxvi. 11. C( Thubhairtmi a'm 'dheifir, thagachduine breugach." Fhuair mòran do na naoimh ansmachd- achadh air son an ni so, agus leis a sin dh'fhòghlum iad àm an togail suas f hàgail do Dhia. Ghnàthaich- eadh an ceud ghealladh mar so le Eubha chreidmh-

170

AN CAMADH 's a' CIIRANNCHUR.

each. Gen. iv. 1. Ghnàthaicli Abraham creidmheach gealladh eile mar so, an deigh feitheamh air mu'n cuairt do dheich bliadhna. Gen.xvi. Agus aon eile le Daibhidh, mar roimh ainmich mi. Salm cxvi. 1 1 .

Ma 's e bhi smuaineachadh gu'n robh iad ro bhrais ann a bhi co'chur a' gheallaidh riu fèin,, cor aon do chloinn Dhè na biodh iad ann am mi-mhisn- each air a shon ; cha robh iad mar sin ach a mhàin ann an co'chur an àm ris a' ghealladh ; braisead do'n robh na naoimh anns gach lìnn ciont- ach_, ni as na ghabh iad aithreachas 'nuair a chunnaic iad an amaideachd, agus cha do ghabh iad gnothaich risa'phàincsin'san àm riteachd; uime sin,choilionadh an gealladh 'n a àm iomchuidh f èin. Rachadh iadsan a tha 'n a leithid sin a staid agus deanadhiad air a mhodh cheudna, a' fàgail anama gu h-iomlan do'nTighearna.

3. Strìochdudh iomlan a thaobh an rathaid agus an doigh 's an toirear mu'n cuairt e. Tha sinn uilamh, a thaobh doigh coilionaidh a' gheallaidh, air rathad sònruichte a chomharrachadh a mach do'n Tighearna chum a thoirt mun cuairt, ceart mar a rinn sinn a thaobh àm coilionaidh a' gheallaidh : agus mar cùm e an rathad sin, gheibh an cridhe àrdanach tuisleadh. 2 Righ v. 11. ec Ach bha fearg air Naaman, agus dh'fhalbh e roimhe, agus thubhairt e, Feuch, shaoil mi, gu cinnteach gu'n tigeadh e mach a'm ionnsuidh, agus gu'n seasadh e, agus gu'n gairmeadh e air ainm an Tighearn a Dhè, agus gu'n cuireadh e a làimh air an àite." Ach *s àill leis an Tighearna gu'n cuireadh a phobull cùl ris an ni sin mar an ceudna^ agus nach comh- arraicheadh iad rathad air bith dhasan, ach gu'm fàgadh iad an t-iomlan d'a sin dhà fèin, mar anns a chor a roi'ainmich mi. Rann. 14. ** An sin chaidh e sìos, agus thum se e fèin ann an Iordan seachd uairean, a rèir focail an duine le Dia, agus ghlanadh e." Tha ar n-eolas air raidhibh agus air meadhonaibh gle chumhann, oir ma tha aon rathad air a dhùnadh suas^ cha n f haic sinn gu tric rathad

AN CAMADH 's a' CHRANNCHUR.

171

eile gu dol as ; ach 's aithne do ar Dia iomadh rathad cobhair, far nach aithne dhuinne ach a h-aon, no 'nuair nach aithne dhuinn aon air bith : agus is gle thrice leis an Tighearn àrdachadh a phobuill a thoirt ann an rathad nach robh sùil aca ris, an deigh bhi air am mealladh gu tric a thaobh nan raithidean sin bho 'n robh mòr dhùil aca fèin ris.

4. Strìochdadh a thaobh tomhais an togail suas> seadh, agus a thaobh co dhiubh a bhitheas e anns a' bheatha so no nach bì. Is àill leis an Tighearn a phobull a' chur air diol, air chor 's ge b'e cabhag a bh'orra uair-eiginn, chum bhi air an togail suas, do bhrìgh 's nach b'urrainn doibh giùlan ni b'fhaide leis, gu'n toirear iad mu dheireadh gu bhi rèidh ri àm-san^ agus gu bhi toileach a dhol do'n uaigh fo'n cudthrom, ma mheasar math e ann am suilibh an Tighearna ; agus anns a' chor sin bheirear iad gu bhi toilichte le tomhas air bith do'n togail suas anns a' bheatha so_, gun bhi comharrachadh ciod e uiread. 2 Sam. xv. 25, 26. " Ma gheibh mi deadh-ghean ann an suilibh an Tighearna,, bheir e air m'ais mi a rìs. Ach ma their e mar so, cha'n 'eil tlachd agam annad ; feuch^thamiseanso^deanadh e rium maris maithleis."

5. Buanachadh ag ùrnuigh agus a' feitheamh air an Tighearn anns a' chor sin. Ephes. vi. 18. " A' deanamh ùrnuigh a ghnàth leis gach uile ghnè ùrnuigh agus asluchaidh 's an spiorad, agus a' dean- amh faire chum an ni so fèin maille ris gach uile ^^^^^0^^^^." 'S e àrdan cridhe, agusneo-cheanns- achd spioraid^ a tha toirt air muinntir sgur a dh'ùr- nuigh agus a dh'fheitheamh a chionn gu bheil an staid iosail a' mairsinn àm an deigh àm. 2 Righ. vi. 33. Ach *nuair theid fior irioslachd, air thois- each air an togail suas, bheir e daoine gus an fhònn inntinn sin, a bhi 'g ùrnuigh, agus a' feitheamh gu misneachail, gun bhi cur ùine rompa gu thoirt thairis, gus an tig an togail suas, aon chuid ann an tìm no n siorruidheachd. Tuir. iii. 49, 50.

6. Bròn fo dhroch-riaghladh anns an deuchainn.

172

AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

lob xlii. 3. " Uime sin chuir mi 'n cèill nithe nach do thuig mi; nithe tuilleadh 's iongantach air mo shon-sa, nach b'aithne dhomh." Labhraidh agus leudaichibh cridhe àrdanach gu mòr air ful- angasaibh duine anns an deuchainn, agus tilgidh e mach gach filleadh a th'anns a' chamadh air an taobh sin, agus gabhaidh e beachd orra thairis agus thairis. Ach 'nuair thig Spiorad De a dh'irios- lachadh^ a chum gu'n togair suas iad, bheir e air a' chreutair, ann an seadh, taobh fulangais a' chamadh a dhearmad, agus a shuile thionnda air a ghiùlan fèin fodha, rànnsuichidh e chùis, bheir e breith air fèin gu neo-chlaon, agus dìtidh se e fèin ; air chor 's gun dùinear a bheul. 'S e so an irioslachd sin a tha dol air thoisich air an togail suas anns a' bheatha so: ann an rathad a' gheallaidh.

II. Theid sinn air ar n-aghaidh chum an togail suas a thoirt fainear mar bheirear mu'n cuairt i aig crìoch na beatha so, anns an ath shaoghal.

Agus, 'S a' cheud dite. Labhraidh sinn focal a thaobh nàduir an togail suas so. Their sinn na cuig nithe so mu thimchioll :

1. Tha dearbh-chinnteas air gu'n togair suas & mhuinntir iriosal, as gach cor anns am iad fo staid iosail. Ged nach urrainn neach an deanamh cinnteach gu'n togair suas iad anns an t-saoghal so, as gach uile chor, gidheadh, feudaidh iad a bhi cinn- teach^ ge b'e mar tha'n cor, gun teagamh air bith, gu'n togair suas iad air an taobh thàll do'n bhàs. 2 Cor. v. 1. " Oir a ta fios againn, n'an sgaoilteadh o cheile ar tigh talmhaidh a' phailliuin so, gu bheil againn aitreabh o Dhia, tigh nach do thogadh le làmhaibh, sìorruidh anns na nèamhaibh." Ged f heud clann iriosal Dhè maraon am baidh-maidne agus nòin a' ghabhail do dh'aran na h-àmghair, agus do dh'uisge na trioblaid_, gidheadh, bithidh iad cinnteach do'n suipeir a' ghabhail gu blasda pailt. Agusfeud- aidh an dùil chreidmheach a bh'aca ris an aon mu

AN CAMADH 5S a' CHRANNCHUR.

173

dheireadh an uidheamachadh fa chomair sl cheud aoin, agus an deanamh socrach fodha.

2. Is togail suas iotnlan a bhios ann. Eabh. xii. 23. Bithidh iad gu h-iomlan air an saoradh bho'n deuchainnibh sònruicht, agus bho gach uiie ni eile ciod sam bith iad, a dh'fhàg iadsan iomadh sgìth, An sin bha Lasarus air a lan-shaoradh bho bhochd- ainn agus bho 'chreuehdaibh agus bho bhi 'n a luidhe aig dorus an duine shaoibhir. Luc. xvi. 22. Seadh^ togair suas iad bho'n uile fhreasdalaibh irioslachaidh còmhladh. An sin bithidh crìoch air an uile chior- amaibh, air an uile isle inbhe ann an dàimh, air an amlaidhibh,, air an uile amhghairibh^ air an uile neo- chinnteachd, agus air an uile pheacaibh. Ma bha e fada gun tighinn^ bithidh e na mhionaid bheannaichte 'nuair a gheibh iad an t-iomlan còmhladh.

3. Cha'n e a mhàin gum iad air an togail suas bho'n staid iosail, ach cuirear snas iad air ionad àrda, mar rinneadh air Ioseph: cha'n e a mhàin gu'n d'thug- adh esan a mach as a phriosan, ach rinneadh e 'n a uachdaran thar tìr na h-Eiphit. Agus togair suas iad

(1.) Gu ionad àrda, Lucas xvi. 22. iC Fhuair an duine bochd bàs agus ghiùlaineacìh leis na h-ainglibh e gu uchd Abrahaim." A nis cha'n 'eil iad aig a' chuid is fearr, ach ann an àite iosal 's an t-saoghal so ; an sin cuirear 'n an suidh iad anns na nèamhaibh is àirde, Philip. i. 23. Ephes. iv. 10. A nis is buidhe leo gu minig 'n an staid irioslachaidh suidh air an òtrach ; an sin cuirear 'n an suidh iad maille ri Criosd air a righ-chathair, Taisb. iii. 21. "Do'n a bhuadh- aicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo righ-chathair/, Ged tha 'm brù a nis air leantuinn ris an ùir, agus daoine ag ràdh, " Cromàibhsìos gus an teid sinne thairis oirbh," bithidh iad an sin air an suidheachadh ann an àitibh-còmhnuidh neamhaidh, os ceann na gièine, na gealaich, agus nan reultan.

(2.) Gu staid agus inbhe àrda, eadhon staid iomlan, Bheirear iad bho'n uile thrioblaidibh agus an-shoc- airibh gu staid f hois ; àrduichear iad bho'n cor suarr-

174 AN CAMADH 'S a' CHRANNCHUR.

ach agus an-uasal, chum staid glòire ; leanair am beatha bhrònach chudthromach le lànachd aoibhneis; agus air son an staid iosail, eudaichear iad le glòir agus onoir shìorruidh.

4. Is e 'n togail suas dheireannach a bhios ann, an deigh nach tilgeadh sìos tuille gu brath. Taisb. vii. 16. 'Nuair a thogair suas sinn anns an t-saoghal so tha sinn ullamh gu smuaineachadh gu'm bheil sinn aig crìoch ar deuchainnibh ; ach chì sinn gu h-obann gu'n robh sinn ro chabhagach ann ar co'dhunadh, agus pillidh an neul. Salm xxx. 6,, 7- " Thubhairt mise a' m' shocair, cha ghluaisear mi am feasd. Dh'fholuich thu do ghnuis ; bha mi fo amhluadh/' Ach an sin tha an deuchainn gu cinnteach thairis, tha crìoch air a' chath : agus thàinig àm an ath- dhìolaidh agus na buaidh.

5. Cha bhi am fuigheal is lugha do dh'an-shocair aca bho'n staid iosail, ach air an làimh eile, 's ann a bheir e an toradh is ro thaitniche agus is ro ghlor- mhoire a mach. Cha 'n 'eil mi a' cur an teagamh nach cuimhne aig na naoimh air an staid iosaii anns an robh iad 's an t-saoghal so. An robh cuimhne aig an duine shaoibhir ann an ifrinn gu'n robh cuigear bhràithrean aig air an talamh, 's cia sòghail greadh- nach a chaith e a bheatha, agus cionnus a bha Las- arus 'n a shuidhe aig a dhorus^, agus an urrainn duinne a' chur an teagamh nach cuimhne mhath aig na naoimh air an àmghairibh tròm ? Taisb. vi. 10. Ach an sin cuimhnichidh iad orra mar uisge a thiormaich ; mar chuimhnicheas an duine dh'aiseag- adh chum slàinte air a luasgadh air leabuidh a thinneis ; agus is doigh cuimhneachaidh sin a dh'- f hàgas an t-slàinte a tha sinn & sealbhachadh 's an àm a ta làthair ni's milse gu mòr na bhiodh i air mhodh eile. Gu cinnteach b'e traigh na Mara Ruaidhe an t-àite, thar gach uile àit eile^, bu fhreag- arraich gus na h-lsraelich a chobhair chum seinn air an tèud a b'àirdc. Taisb. xv. 3. Agus bithidh staid

AN CAMADH *S \ CHRANNCHUR. 175

iosail nan naomh air an talamh chum an fheum cheudna dhoibh air nèamh.

'S an dara àite. Labhraidh sinn focal mu àm iomchuidh na togail suas so. Tha àm araid air a' chomhaiTachadh air a shon ann an cor gach naomh, ni is e an t-àm iomchuidh, ach tha e air fholach uainne. Cha'n urrainn duinn a' radh ach gu coitch- ionn.

1 . Gur e n t-àm iomchuidh air a shon., 'nuair a chrìochnaicheas sinn an obair a tha againn ri dhean- amh anns an t-saoghal. Dh'òrduich Dia do gach duine a dhreuchd, a chath, a dheuchainn, agus 'obair; agus, gus am sin deanta tha sinn ann an seadh neo-bhasmhor, Eoin ix. 4, agus xi. 9. Se'n obair a th' ann an sin.

(l.)Obair bhichionta ; obair a th'air acomharr- achadh dhuinue,, leis a Mhaighistir mhòr, gu bhi air a dheanamh chum onoir Dhè agus math ar co'chreut- airean, Ecles. ix. 10. Feumaidh sinne bhi toilichte bhi g obahv, eadhon ann ar staid iosail, gus am sin air a chrìoclinachadh. Cha bhi n t-àm iomchuidh ann chum an togail suas sin, gus am bhi sinn aig crìoch na h-oibre sin_, agus mar sin an riaraich sinn ar ginealach.

(2.) Ohairfhulangais. Tha cuibhroinn àraid do dh'fhulangaìs air a chur air leth air son a' chuirp dhìomhair ; agus chomharraich an ceann a chuibh- roinn fèin do gach bàll fa leth dheth ; agus cha bhi an t-àm iomchuidh ann chum an togail suas sin, gus an crìochnaich sinn an roinn a chuireadh air leth dhuinne dheth. Dh amhairc Pòl air a bheatha mar neach a bha dol air aghaidh anns na cenmaidh sin.

'2. 'Nuair a thig an togail suas sin, chì sinn gu'n d'thàinig e dìreach 's an àm iomchuidh ; 's gur math nach robh e aon chuid ni b'fhadalaiche no ni bu luaithe ; oir ged is e nèamh an còmhnuidh is fearr 'n an talamh, agus ged is e a b'fheàrr air ar son-ne, mar labhrar air doigli neo-fhuasgailte^ a bhi ann an nèamh no air an talamh ; gidheadh tha àm ann £u cinnteach

176

AN CAMADH 'S A* CHRANNCHUR.

anns am feàrr air son onoir Dhè_, agus a sheirbhis sinn a bhi air an talamh na air nèamh. Philip. i. 24. u Gidheadh, 's e mi dh'fhantuinn 's an fheòil, a's feumail dhuibhse." Agus cha bhi e na chràdh cridhe air bith dhoibh, 'nuair a ruigeas iad nèamh, gu'n robh iad co fada 'n an staid iosail, agus nach d'thugadh iad an sin ni bu luaithe.

Feum. 1. Uime sin na tilgeadh a' mhuinntir iriosal air falbh am muinghinn, ciod air bith staid iosail anns am iad ; bitheadh iad cinnteach gu'n togair suas iad mu dheireadh ; 's ged nach togta suas iad 's an t-saoghal so., gidheadh, togair suas iad 's an ath- shaoghal gu'n teagamh. Cumadh iad so 'n an amharc, agus thugadh iad sòlas dhoibh fèin leis, oir thubhairt Dia, Salm ix 18, " Cha dì-chuimhnichear an t-ainnis gu bràth." Ge b'e co fada 's a bha'n oidhche, thig a' mhaduinn mu . dheireadh*

2. Biodh a h-obair dhiongmhalta fèin aig an fhoighidinn. Feithidh an tuathanach ri toradh a shil, an ceannaiche-mara ri buannachd a loingeis, agus an ceannaiche-spreidhe ris an àm ris an abair e àm na bliadhna, 'nuair thionaileas e a steach cinneas a threuda. Tha iad so uile a' fantuinn gu foighidn- each, agus c'arson nach fanadh na Criosduidhean gu foighidneach mar an ceudna, ris an àm a dh'ord- uicheadh air son an togail suas so ?

Chuala sibh moran mu'n Chamadh 'S a' Chrann- chur; 's mu 'n bharrachd a th'aig irioslachd spior- aid, ann an crannchur iosail, os ceann àrdan spioraid, ged bhiodh e co'cheangailte ri crannchur àrda : Ghairmeadh oirbh sibh fein irioslachadh ann 'ur staid iòsail, agus rinneadh cinnteach sibh mas e 's, gu'n dean sibhse sin gu'n togair suas sibh. Chum co'dhùn- adh ; Feudaidh sinn sinn fèin a' dheanamh cinnt- each, gu'm bris Dia mu dheireadh na h-uabhraich 'n am miribh, ge Ve co drda 's a ta iad, agus togaidh e suas a mhuinntir iriosal, ge b'e co iosal 's a ta iad.

CRIOCH.