j<o i^c Aoidh, T.

I^ Cul-taic an t-saighdeir

lco

From theLibrary

of

PÀDRAIG Ò BROIN

< VX v^ V X XX V >r x^ y V v v v >r v x XX x x x >• x x' x >f x^ xx XX

^ X X >v P\ ;?<^ X^ > A A X XX XX XV. ^^ ^ H XX XX X\ X^^ X^4

Leod's Gaelic Booklets

No. 3

il-laic an t-saighdeir

lisgeadan furtaehd do'n Chupaidh Chricsdaidh, ns am bheil earrannan sonruichte de na Sgpiob- ipean Naomha. a tha fpeagarpach do gach p, cop is cunnart a tha 'n leanmhuinn dpeuchd 1 t-saighdeip. aip an cup sios leth-taobh duiUeige u choinnimh gach latha 'sa mhios.

Leis An Urr. D. T. Mac Aoidh, (Ploc Loch Aillse.)

Calum Siosal Mac Lebid Leabhar-reiceadair Dùn-dè

ceud clo-bhualadh 1919.

/X XX X^ X^ X^ X^ X^. X'/v X i X^ >^ XX X\ J^ X^

CULTAIC AN TSAIGHDEIR. AN ROIMH RADH.

S mar bhlosgadh bho dhùdaich do t-saighdear Ghaidhealach briatha

iomchiiidh air a labhairt le dùrachd a cànain aosda a shìnnsir; agus ma's as a leabhar naomh e, èisdear ris le iirram i mò. Togaidh e au cridhe, ath-chuiridh neart 'sa ghàirdean agus mosglaidh e aign gu ard-euchdan annsan a thàinig bh

athraichean ìeis am b'annsa an t-saorsa seach sòg

an àm na sìthe.

'San leabhran so foillsichear do kichd-labhairt n Gàidhlig roinn glioirid dheagh-aithnichte à leabha na beatha, a tha gu h-àraidh freagarrach do chor a t-saighdeir a bhios am muigh air blàr a' chogaid mu choinnimh nàmhaid. Chaidh na roinn thaghadh 's a chur an eagar le sùil gu 'm biodh ai gach latha 'sa mhìos a chuibhreann fèin, agus gu'i biodh anns gach cuibhrinn na dhùisgeadh ar broilleach diiine thrèin sùrd agus sòlas air fead^ an latha d'am buin i.

Tha cheana aig na saighdearan d'an dual aii teang Shasunnach leabhrain coltach ris an fhear so, 'na; cànain fèin; agus cha cheart gu'm biodh luchd n Gàidhlig air dheireadh orrasan 'sa chùis; oir is toig; leo an teanga mhilis fèin aig gach àm, ach g h-àraidh nuair is meadhon i air beatliachad! spioradail d'an anamaibh.

Is e ar dùrachd gu'm bi an leabhran so 'n bheannachd do na saighdearan Gaidhealach, agu gu 'n naisg e an cridheachan do thir an gràidh agu do'n Dia d'an seirbhisich iad le ceanglaichea: teann nach lasaich a choidhche.

CUL-TAIC_AN TSAIQHDEIR. Urnuigh an Tighearna.

Ar n-Athair a ta air nèamh, gu'n naomhaichear t' ainm, thigeadh do rìoghachd; deanar do thoil air an talamh mar a nithear air nèamh ; tabhair dhuinn an diugh ar n-aran lathail : maith dhuinn ar fiachan amhuil mar a mhaitheas sinne d' ar luchd-fiachan; agus na leig am buaireadh sinn; ach saor sinn o'n olc. oir is leatsa an rìoghachd agus an cumhachd agus a' ghlòir gu sìorruidh. Amen.

Cha'n eil ann ach an aon chuid duitse cuideachadh le mòran, no leo-san a ta gun neart. Cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr- chuideachd so : a Thighearna, is tusa ar Dia; na buadhaicheadh duine a'd aghaidh. II. Eachd. xiv. 2.

z o ir o

An ceud lai SAIQHDEARAN

^9^.

\X^'

S>^'

Gu ma fada beò an rìgh. I. Sam. x. 24. Thugaibh uiTam do na h-uile dhaoine. I. Pea( ii. 17.

Gràdhaichibh na bràithrean. 1. Pead ii. 17. Biodh eagal oirbh. Thugaibh urram do 'n rìgh T. Phead ii. 17.

Tha Dia fein 'na cheannard oirnn. II. Eachd. xiii 12.

An Dia sin d' am buin mi, agus d' am bheil mi a deanamh seirbhis. Gniomh. xxvii. 23.

As m' eugmhais-sa cha 'n urrainn sibh aon ni i dheanamh. Eòin xv. 5,

Is urrainn mi na h-uile nithean a dheanamh tr Chrìosd, a neartaicheas mi. Philip, iv. 13.

A mhàin, bi-sa làidir agus ro mnisneachail a chun eu'n toir thu an aire gu'n dean thu a rèir an lagh; uile. Na tionndaidh uaith dh' ionnsaigh na làimh deise no dh' ionnsaigh na làimhe clUhe. Nach d àithn mise dhuit? Bi làidir agus ro-mhisneachail na bi fo eagal : asrus na biodh faitcheas ort; Oir th 'n Tighearna do Dhia leat anns gach ionad d' an tèi< thu. los. i. 7-9.

Roghnaichibh an diugh d' an dean sibh seirbhis Ach air mo shon-?a, agus air son mo thighe ni sinn iieirbhi.s do 'n Tii:hearna. los. xxiv. 15.

An dara latha. GAIRM AN T-SAIGHDEIR.

An ti a tliig a'm ionnsaigh, cha tilg mi air chor 'sam bith am mach e. Eòin vi. 37.

Fuiling thusa, uime sin, cruaidh-chàs mar dheagh shaighdear losa Crìosd. II. Tim. ii. 13.

Ciia dean neach 'sam bith a leanas an cogadh e fèin a ribeadh ann an gnothuichibh na beatha so : chum gu'n toilich e an a thagli e gu bhi 'na sliaighdear. II. Tim. ii. 4.

Ma dh' aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, chum ar peacaidnean a mhaitheadh dhuinn agus ar glanadh o gach uile neo- fhìreantachd. I. Eòin i. 9.

Is fìor an ràdh so, agus is airidli e air gach aon chor air gabhail ris, gu'n- d'thàinig losa Crìosd do 'n t-saoghal a thèarnadh pheacach, d'am mise an ceud fhear. I. Tim. i. 15.

Glanaidh fuil losa Crìosd a mhic sinn o gach uile pheacadh. I. Eòin i. 7.

Is ann le gràs a tha sibh air bhur tèarnadh, tre chreidimh; agus sin clia'n ann uaibh fèin; is e tìodhlac Dhè e. Eph. ii. 8.

Oir is e tuarasdal a' pheacaidh am bàs; Ach is e saor-thìodhlac Dhè a' bheatha mhaireannach tre losa Crìosd ar Tighearna. Rom. vi. 23.

Thubhairt seirbhisich an rìgh ris an rìgh, A rèir gach ni is àill le m' thighearna an rìgh, feuch ni do sheirbhisich. 11. Sam. xv. 15.

An treas latha. EIDEADH AN T-5AIQHDEIR.

Chuir e orm èididh na slàinte; chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd. Isa. Ixi. 10.

Thug thu bratach dhoibh-san d'an eagal thu, gu bhi air a togail suas air sgàth na fìrinn. Salm. Ix. 4.

Bheir eagal duine ribe leis; ach ce b'e dh' earbas as an Tighearna, bithidb e tèaruinte. Gna. xxix. 25.

Cha nàr leam-sa soisgeul Chrìosd; oir :s e cumhachd Dhe e chum slàinte do gach neach a chrei'deas, do 'n ludhach air tùs, agus mar an ceudna do 'n Ghreug- ach. Rom. i. 16.

Ce b' e dh' aidicheas mise am fianuis dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianuis m' Athar a tha air nèamh. Mat. x. 32.

Cha'n eil nàire orm; oir tha fhios agam co ann a chreid mi, agus is dearbh lcam gu'm bheil esan comasach air an ni sin a dh' earb mi ris a choimhead fa chomhair an latha sin. II. Tim. i. 12.

Ma dh' aidicheas tu le d' bheul an Tighearna losa, aeus ma chreideas tu ann ad chridhe gu'n do thog Dia 0 na mairbh e, gu'n saorar thu. Rom. x. 9.

An ceathramh latha. AN SAIGHDEAR '5A CHAMP.

Leudaich ionad do phàilliuin, agus sgaoileadh iad am mach brata-còmhdaich do bhùthan; na caomhain, leig am fad do chùird, agus daingnich do phuist. Isa. liv. 2.

Tha 'n Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do chaimp, chum do shaoradh, agus a chum do nàimhdean a thoirt thairis romhad : Uime sin bithidh do champ naomh, chum nach faic e ni 'sam bith neòglilan annad, agus nach pill e air falbh uait. Deut. xxiii. 14.

Campaichidh aingeal an Tighearna mu 'n timcheall- san d' an eagal e, agus teasairgidh e iad. Salm. xxxiv. 7.

Chum gu'n deanadh losa an sluagh a naomhachadh le 'fhuil fèin, dh' fhuiling e mar an ceudna an taobh am muigh de 'n gheata. Air an aobhar sin rachamaid am mach d' a ionnsaigh-san an taobh am muigh de 'n champ, a' giùlan a mhaslaidh-san. Oir an so cha'n eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd. Eabh. xiii. 12-14.

Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu'n d' thug e a aon-ghin Mhic fèin, chum is ce b' e neach a chreideas ann, nach sgriosar e ach gu'm bi a' bheatha shìorruidh aige. Eòin. iii. 16.

An coig^eamh latha. AN SAIQHDEAR RI FAIRE.

Deanaibh faire, seasaibh gu daingeann 'sa chreidimh, bithibh fearail, bithibh làidir. I. Cor. xvi. 13.

Bithibh stuama, deanaibh faire; do bhrìgh gu'm bheil bhur nàmhaid, an diabhul, mar leòghann beucach ag imeachd mu 'n cuairt a' sireadh dh' fheudas e a shlugadh suas. I. Pead v. 8.

Deanaibh faire agus ùrnuigh, chum nach tuit sibh am buaireadh : tha gun amharus an spiorad togarach, ach tha an fheòil anfhann. Mat. xxvi. 41.

An a shaoileas a bhi 'na sheasamh, thugadh e aire nach tuit e. I. Cor. x. 12.

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach ni a tha coitcheann do dhaoinibh; ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhi air bhur feuchainn thar bhur comas; ach a ni maille ris an deuchainn slighe dol a? mar an ceudna, chum gu'm bi sibh comasach air a giùlan. I. Cor. x. 13.

Xa nithean a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ris na h-uile dhaoinibh, Deanaibh faire. Marc. xiii. 87.

Deanaibh faire air an aobhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an no an uair air an tig Mac an duine. Mat. xxv. 13.

Cuir a Thighearna, faire air mo bheul; glèidh dorus mo bhiiean. Saim. cxli. 3.

An seathamh latha. M05QLADH AN T-SAIGHDEIR,

Ma bheir a' ghall-tromp fuaim neo-chinnteacn uaipe, a dh' ullaicheas e fèin chum a' chatha? I. Cor. xiv. 8.

Mosgail, thusa a tha 'nad chodal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Crìosd solus duit. Eph. v. 14.

Annsan bha beatha, agus b'i a* bheatha solus dhaoine. Eòin. i. 4.

Is mise solus an t-saoghail : an a leanas mise, cha siubìiail e an dorchadas, ach bithidli solus na beatha aige. Eòin. viii. 12.

Air aon ni tha fhios agam, air dhomh bhi dall, gu'm bheil mi nis a' faicinn. Eòin. ix. 25.

Tha cuid mhòr de 'n oidhiche air dol seachad, tha an am fagus: uime sin cuireamaid dhinn oibre an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t-soluis. Rom. xiii. 12.

Is mithich dhuinn a nis mosgladh o chodal; oir tha ar slàinte nis na 's faisge na an uair a chreid sinn. Rom. xiii. 11.

Dùisgibh chum fìreantachd, agus na deanaibh peacadh, oir cha'n eil eòlas air Dia aig cuid: chum bhur nàire tha mi a' labhairt so. I. Cor. xv. 34.

An seachdamh latha. AN TRO/MBAID DHEIREANNACH.

Fhir na faire, ciod mu 'n oidhche? Thubhairt am fear-faire, Tha a' mhaduinn a' teachd agus fòs an oidhche. Isa. xxi. 11-12.

Sèidibh-se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh-sa; oir tha an Tighearna a' teachd, oir tha e am fagus. loel ii. 1. "

Cha choidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile, ann an tiota, am priobadh na sùla, ri guth na tromp- aid deireannaich (oir sèididh an trompaid) agus èiridh na mairbh neo-thruailhdh, agus caochlaidhear sinne. I. Cor. xv. 51-52.

Oir thig an Tighearna fèin a nuas o neamh le àrd- iolach, le guth an àrd-aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs: an dèidh sin sinne a bhitheas beò agus a dh' fhàgar, togar suas sinn maille riù-san anns na neulaibh, an comhdhail an Tighearna 's an athar: agus mar sin bithidh sinn gu sìorruidh maille ris an Tighearna. I. T«sal. iv. 16-17.

Feuch, tha mi a'm sheasamh aig an dorus, agus a' bualadh : ma dh' èisdeas neach 'sam bith ri m' ghuth, agus gu'm fosgail e 'n dorus, thig mi a steach d' a ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris, agus esan maille rium-sa. Taisb. iii. 20.

An t-ochdamh latha. BIADH AN T SAIGHDEIR.

Tabhair dhuinn an diugh ar n-aran lathail. Mata. vi. 11.

Is beannaichte an dream air am bheil ocras agus tart na còrach: oir sàsaichear iad. Mata. v. 6.

Co aca dh' itheas no dh' òlas sibh, no ce b'e ni a ni sibh, deanaibh na h-uile nithean chum glòire Dhè. I. Cor., X., 31.

Thubhairt losa riù; Is mise aran na beatha; an ti a thig do m' ionnsaigh-sa, cha bhi ocras gu bràth air. Eòin, vi., 35.

Na biodh ro-chùram oirbh mu thimcheall bhur beatha, ciod a dh' itheas no dh' òlas sibh; no mu thimcheall bhur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach a'bheatha na 'm biadli agus an corp na 'n t-eudach? Mata, vi., 25.

Ach iairaibh air tùs rioghachd Dhè, agus fhìreant- achd-san, agus cuirear na nithean so uile ribh. Mata, vi., 33.

Uime sin air dhuinn biadh agus eudach a bhi a&rainn, bitheamaid toilichte leò sin. I. Tim., vi., 8.

Bha mi òg, agus a nis tha mi sean; gidheadh cha'n fhaca mi am fìrean air a thrèigsinn, agus a shliochd as iarraidh arain. Salm, xxxvii., 25.

An naodhamh latha. DEOCH AN TSAIGHDEIR.

Ho ! f?ach neach air am bheil tart, thigibhse chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne. Isa. Iv., 1.

Ma tha tart air neach 'sam bith, thigeadh e a'm ionnsaigh-sa, agus òladh e. Eòin, vii,, 37.

Ce b'e neach a dh' òlas de 'n uisge so, bithidh tart air a rìs: ach ce b'e neach ah' òlas de *n uisge a bheir mise dba. bithidh e 'na thobar uisge ann, a' sruthadh suas chum 0.0. beatha maireannaich. Eòin. iv, 13-14.

An neach air am bheil tart, thigeadh e. Agus ce b'e neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor. Taisb, xxii., 17.

Na h-amhairc thusa air an fhion an uair a bhitheas e dearg, an uair a bheir e a dhath 'sa chupan, a thèid e sios dìreach. Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an righ-nathair sàthaidh e a ghath. Gnàth-fhocail, xxiii., 31-32.

Leasaichidh mo Dhia-sa bhur n-uireasbhuidh uile a rèir a shaibhris ann an glòir, tre losa Crìosd. PhiUpianaich, iv., 19.

An deicheamh latha. BUILL AIRM AN TSAIQHDEIR.

Gach aon le aon làimh anns an obair, agus leis an làimh eile chum e gath. Neh., iv„ 17.

Claidheamh an Spioraid, ni is e focal Dhè. Eph. vi.. 17.

Tha focal Dhe beò agus cumhachdach, agus na '3 gèire na claidheamh fhaobhar air bith, a ruigh- eachd eadhon chum eadar-sgaraidh an anama agus an spioraid. Eabh., iv., 12.

Ar n-airm-chogaidh cha'n eil iad feòlmhor, ach cumhachdach 0 Dhia chum daingnichean a leagadh ; a' tilgeadh sios reusonachaidh, agus gach ni àrd a dh' àrdaicheas e fèin an aghaidh eòlais Dhè, agus a' toirt am braighdeanas gach smuain chum ùmhlachd Chrìosd. II. Cor. x., 4-5.

Sgrìobh mi do bhur n-ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gu'm bheil sibh làidir, agus gu 'm bheii focal Dhè 'na chòmhnaidh annaibh agus gu'n d' thug sibh buaidh air an droch-aon. I. Eòin. ii., 14.

Cha soirbhich inneal 'sam bith a dhealbhar a'd aghaidh; agus dìtidh tu gach teangadh a dh'èireas riut am breitheanas. Is i so oighreachd sheirbhiseach an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna. Isa. liv., 17.

An aona latha deug". UIGHEAM DION AN T-SAIQHDEIR,

Mo bhràithrean, bithibh làidir 'san Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san. Cuiribh umaibh uile armachd Dhè, chum gu 'm bi sibh comasach air seasamh an aghaidh chuilbheartan an diabhuil. Oir cha'n eil sinn a' gleacadh a mhàin ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdaibh, ri cumhachdaibh, ri riaghlairibh dorchadais an t-saoghail so, ri aingidheachd spioradail ann an ionadaibh àrda. Uime sin, glacaibh do bhur n-ionnsaigh uile armachd Dhè, chum gu 'm bi sibh comasach air seasamh an aghaidh a' bhuairidh 's an droch là, agus air dhuibh na h-uile ni a dheanamh, chum seasamh. Seasaibh, uime sin, air bhi do bhur leasraidh air an crioslachadh le fìrinn, agus uchd- fìididh na fireantachd umaibh; agus ulluchadh soisgeil na sithe mar bhrògan agaibh air bhur cosaibh; thar gach uile ni, a' glacadh do bhur n-ionnsaigh sgèithe a' chreidimh, leis am bi sibh romasach air uile shaighdean teinnteach an droch- spioraid a mhùchadh; agus glacaibh clogaid na slàinte. Eph. vi., 10-17.

Tha sibhse air bhur coimhead le cumhachd Dhè tre chreidimh chum slàinte, a tha ullamh r'a foill.seachadh 'san aimsir dheireannaich. I. Pead. i.,5.

An dara latha deug. COMHRAG AN T-SAIQHDEIR,

Fir thaghte a rachadh am mach gu cath, a làimhseachadh sleagh agus sgiath. II. Eachd. XXV., 5.

Còmhraig deagh chòmhrag a' chreidimh; gabh greim de 'n bheatha mhaireannaich. I. Tim. vi., 12.

.Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na bitheadh eagal agus na bitheadh faitcheas oirbh; oir is na tha leinne na leis-san. Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha 'n Tighearna ar Dia a chuidheachadh leinn agus a chur ar catha. II. Eachd. xxxii. 7-8.

Umhlaichibh sibh fèin. do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhuil, agus teichidh e uaibh. Seumas iv., 7.

Cogaidh an Tighearna air bhur son, agus fanaidh sibhse 'nur tosd. Ecsod. xiv. 14.

Tha gach uile ghleacair measarra anns na h-uile nithibh: a nis tha iadsan a' deanamh sin chum gu'm faigh iad crùn truaillidh; ach sinne air son crùin neo-thruaillidh. Uime sin, is amhuil a tha mise a' ruith, cha'n ann mar gu neo-chinnteach : is amhuii a tha mi a' cur catha, cha'n ann mar neach a bhuaileas an t-athar: ach tha mi a' trom-bhualadh mo chuirp, agus 'ga chur fo smachd: air eagal air chor 'sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile. gu'n cuirear mi fèin air cùl. I, Cor. ix., 25-27.

Muinntir, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh' fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach. Eabh. xi., 34.

An treas latha deug. LEOINTEAN AN T-SAIQHDEIR.

'S e mhaitheas duit do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas t' easlaintean uile; a shaoras do hheatha o sgrios, a chrùnas thu le coibhneas-gràidh agus le caomh-thròcairibh ; a shàsaicheas do bheul le nithibh maithe, air chor is gu'n ath-nuadhaichear t' òige mar òige na h-iolaire. Salm. ciii., 3-5.

Crìosd, a ghiùlain ar peacaidhean e fèin 'na chorp fèin air a' chrann, chum, air dhuinn a bhi marbh do 'n pheacadh. gu m bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuiilibh-san a tha air sibhse a theàrnadh. I. Peadar ii. 24.

Sibhse a bha marbh 'nur n-èiceartaibh agus ann an neo-thimcheall-ghearradh bhur feòla, bheothaich e maille ris, a mhaitheadh dhuibh nan uile èiceart. Col. ii., 13.

Thàinig e agus bhean e ris a' ghiùlan agus thubhairt e, Oganaich a ta mi ag ràdh riut, Eirich. Lucas vii., 14.

Ma dh' èirich sibh maille ri Crìosd iarraibh na nithean a tha shuas far am bheil Crìosd 'na shuidhe aig deas laimh Dhè. Suidhichibh bhur n-aigne air na nithibh a tha shuas, agus cha . 'n ann air na nithibh a tha air an talamh. Col. iii., 1-2.

An cealhramh latha deug. LUCHD-CABHAIR AN T-SAIGHDEIR.

Theid an Tighearna a fèin romhad; bithidh esan maille riul, cha dìobair e thu, ni a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na bitheadh geilt ort. Deut. xxxi., 8.

Na bitheadh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leò-san. II. Righ. vi., 16.

Na bitheadh eagal ort, oir tha mise maille riut; na bitheadh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seajiK, cuidichidh mi thu; seadh. cumaidh mi suas thu le deas làimh m' fhìreantachd. Isa. xli., 10.

Seadh, ged shiubhail mi troimh ghleann sgàile a* bhàis cha bhi eagal uilc orm; oir tha thusa maiUe rium : bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh. Salm. xxiii., 4.

Thug sibh buaidh do bhrìgh gur esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t-saoghal. I. Eòin. iv., 4.

A mheud 's gu 'n d' fhuiling e fèin, air dha bhi air a bhuaireadh, is comasach e air cabhair a dheanamh orra-san a tha air am buaireadh. Eabh. ii., 18.

Tha e comasach air an dream a thig a dh' ionnsaigh Dhè trìd-san a thèarnadh gu h-iomlan do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorruidh gu eadar- ghuidhe a dheanamh air an son. Eabh. vii. 25.

An coigeamh latha deug. BUAIDH AN T-SAIGHDEIR.

Tha sinn a' toirt tuiUeadh agus buaidh trìd-san a srhràdhaich sinn. Rom. viii., 37.

Is i so a' bhuaidh a bhuadhaicheas air an t-saog:hal, eadhon ar creidimh-ne. I. Eòin. v., 4.

Thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhocal am fìanuis-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman lèin gu bàs. Taisb. xii., 11.

Bheir an t-Uan buaidh orra : oir is esan Tighearna nan tighearna, agus Rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas. Taisb. xvii., 14.

Buidheachas do Dhia, a tha toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna losa Crìosd. I. Cor. xv., 57.

Is leatsa, O Thighearna, a* mhòrachd, agus an cumhachd, agus a' ghlòir agus a' bhuaidh, agus a' mhòraìachd. I. Eachd. xxix., 11.

Is e 'n Dia bith-bhuan do thèarmunn, agus fodba tha na gàirdeanan sìorruidh : agus fuadaichidh e mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as da. Deut. xxxiii., 27.

An ti a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e. Taisb. ii., 11.

An sèathamh latha deug. DUAIS AN T SAIQHDEIR.

Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thurus, ghlèidh mi an creidimh. O so mach taisgear fa m' chomhair crùn fìreantachd a bheir an Tighearna, am breitheamh cothromach, dhomh ■'san ud; agus cha'n ann dhòmhsa a mhàin, ach dhoibh-san uile mar an ceudna, leis an ionmhuinn a theachd-san. II. Tim. iv., 7-8.

Is maith, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa firinneach ann am beagan, cuiridh mise os ceann mhòran thu: imich a steach do aoibhneas do Thighearna. Mata. xxv., 21.

Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir an uair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna do'n dream a ghràdhaicheas e. Seum. i., 12.

Thig Mac an duine ann an glòir 'Athar, maille r'a ainglibh: agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan. Mata, xvi. 27.

An uair a dh' fhoillsichear an t-àrd-bhuachaiUe, gheibh sibh crùn na glòire nach searg as. I. Pead. V., 4.

Bì-sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhuit crùn na beatha. Taisb. ii., 10.

An seachdamh latha deug:. TUARASDAL AN T SAIQHDEIR.

Is airidh an t-oibriche air a thuarasdal. Luc. x., 7.

Dh' fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a sinne? Agus thubhairt e riù, Na deanaibh fòirneart air neach 'sam bith, no casaid-brèige, agus bithibh toilichte le bhur tuarasdal. Luc. iii., 14.

Is buannachd mhòr an diadhachd maiUe ri inntinn thoilichte. I. Tim. vi., 6.

Bithibh toilichte leis na nithibh a tha làthair agaibh: oir thubhairt e, Cha'n fhàg agus cha trèig mi am feasd thu. Eabh. xiii., 5.

Nach abair sibhse, Tha ùine cheithir mìosan ann fathast, agus an sin thig am fogharadh? feuch, tha mi ag ràdh ribh, Togaibh suas bhur sùilean, agus seallaibh air na h-achaibh; oir tha iad cheana geal chum an fhogharaidh. Agus an ti a bhuaineas tha e faotainn tuarasdail, agus a' cruinneachadh toraidh chum na beatha maireannaich; chum gu'n dean an ti a chuireas agus an ti a bhuaineas gàirdeachas le chèile. Eòin. iv., 35-36.

Cha leibh fèin sibh. Oir cheannaicheadh le luach sibh: Uime sin thugaibh glòir do Dhia le bhur corp auus le bhur spiorad is le Dia. I. Cor. vi., 19-20.

An t ochdamh latha deugf. RABHADH DO 'N T SAIGHDEAR.

Rinn mi ùrnuigh ri Dia nan nèamh. Neh. ii., 4.

larraibh, agus bheirear dhuibh: siribh agus gheibh sibh: buailibh an dorus, agus fosgailear dhuibh: oir gach uile neach a dh'iarras, glacaidh e : agus ce b'e a shireas, gheibh e : agus do 'n ti a bhuaileas an dorus,. fosgailear. Mata. vii. 7-8. '

Ma dh' fhanas sibh annam-sa, agus ma dh' fhanas m' fhocail-sa annaibh-sa, iarraidh sibh gach ni is- àill leibh, agus nithear dhuibh e. Eòin. xv. 7.

Ce b'e air bith nithean a dh' iarras sibh ann bhur n-ùrnuigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad. Mata. xxi., 22.

Tha mòr-èifeachd ann an ùrnuigh dhùrachdaich an fhìrein. Seum. v., 16.

Cha'n aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar bu chòir dhuinn. Eom. viii. 26.

Ma dh" iarras sibh ni air bith a'm ainm-sa, ni mise e. Eòin. xiv., 14.

An naodhamh latha deug, FREAQRADH DO 'N RABHADH.

An uair a thogar bratach saas air na slèibhtibh, faicibh; agus an uair a shèidear trompaid, èisdibh, Isa. xviii., 3.

Nochdaidh mise iongantais anns na nèamhan shuas, agus comharan air an talamh a bhos; iuil, agus teine agus duibh-neul deataich. Gnìomh. ii., 19.

TarJaidh, mu'n gairm iad freagraidh mi . Isa. Ixv.. 24.

Tha sibh ag iarraidh, agus cha'n eil sibh a' faotainn, do bhrìgh gu'm bheil sibh ag iarraidh gu h-olc, chum gu'n caith sibh e air bhur n-ana- miannaibh. Seum. iv., 3.

Tha sùilean an Tighearna air na fìreanaibh, agus a chluasan fosgailte r' an ùrnuigh. I. Pead. iii., 12.

Ce b'e ni a dh' iarras sinn, gheibh sinn uaith e, a chionn gu'm bheil sinn a* coimhead 'àitheantan, agus a' dèanamh nan nithean a tha taitneach 'na fhianuis-san. I. Eòin. iii., 22.

Ce b'e ni a dh' iarras sibh a'm ainm-sa, ni mise sin: chum gu 'm bi an t-Athair air a ghlòrachadh anns a' Mhac. Ma dh' iarras sibh ni air bith a'm ainm-sa, ni mise e. Eòin. xiv., 13-14.

Am ficheadamb latha. CEUD DLEASNAS AN T SAIQHDEIR.

Dh' fheuch e dhuit, 0 dhuine, ciod a tha maith; a^rus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dheanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus grluasad gu h-iriosal maille ri d' Dhia. Micah vi., 8.

Is fèarr ùmhlachd na iobairt. I. Sam. xv., 22.

Bithibh umhal do bhur. cinn-iùil, agus/ thugaibh gèill daibh. Eabh. xiii., 17.

Dh' irioslaich se e fèin, agus bha e umhal gu bàs, eadhon bàs a' chroinn-cheusaidh. Philip. ii., 8.

Ged bu Mhac e, dh' fhoghluim e ùmhlachd o na nithibh a dh' fhuihng e : agus air dha bhi air a dheanamh foirfe, rinneadh e 'na ùghdar slàinte shìorruidh dhoibh-san uile a bhitheas ùmhal dha. Eabh. V., 8-9.

An dèidh dhuibh a bhi 'nur seirbhisich do 'n pheacadh, gu'n d' thug sibh o bhur cridhe ùmhlachd do 'n chumadh teagaisg sin d' an d' thugadh sibh thairis. Air dhuibh, ma ta, bhi air bhur deanamh saor o 'n pheacadh, rinn sibh seirbhis do 'n fhìreantachd. Rom. vi., 17-18.

An Spiorad naomh a thug Dia dhoibh-san a tha ùmhal dha, Gnìomh. v., 32.

An ceud latha fichead. BRIAIHRAN UGHDARRAIS.

Is duine mise fèin a tha fo ùghdarras, aig am bheil saighdearaa fodham : agus their mi ris an fhear so, Imich, agus imichidh e: agus ris an fhear so eile, Thig, agus thig e : agus ri m' sheirbhiseach, Dean so, agus ni se e. Mata. viii., 9.

Ce b'e ni a their e ribh, deanaibh e. Eòin. ii., 5.

Ma's toigh leibh mise, coimhidibh m' àitheantan. Eòin. xiv., 15.

Is e Crìosd crioch an lagha, chum fìreantachd do ffach neach a chreideas. Eom. x., 4.

Ciod a tha i ag ràdh.' Tha 'm focal am fagus duit, ann ad bheul, agus ann ad chridhe : 's e sin focal a' chreidimh a tha sinne sl' searmonachadh. Ma dh' aidicheas tu le do bheul an Tighearna losa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe, gu'n do thog Dia 0 na mairbh e, gu'n saorar thu. Rom. x., 8-9.

Aithne nuadh tha mi toirt dhuibh, Gu'n gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gu 'n eràdhaich sibh fèin a chèile mar an ceudna. Eòin. xiii.. 34.

Cha dean gràdh lochd do choimhearsnach : air an aobhar sin is e an gràdh coimhlionndh an lagha. Rom. xiii.. 10,

An dara latha fichead. EARBSA AN T SAIQHDEIR.

Ann am pilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bithidh bhur neart. Isa. xxx., 15.

Earb thusa as an Tighearna, agus dean maith. Salm. xxxvii., 3.

ladsan a dh' fheitheas air an Tighearna gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathaibh; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus clia'n fhàs iad f ann. Isa. xl., 31.

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig am bheil inntinn suidhichte ort, a chionn gu'n do chuir e a dhòchas annad. Isa. xxvi. 3.

Tilg t' eallach air an Tighearna, agus ni esan do chumail suas. Salm. Iv., 22.

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia. Salm. xlvi., 10.

Cha 'n ann le neart, no le cumhachd, ach le m' spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh. Sech. iv., 6.

Thigibh a'm ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallach, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Mata. xi., 28.

An a thig a'm ionnsaigh, cha tilg mi air chor 'sam bith am mach e. Eòin. vi., .37.

An treas latha fichead. FURACHRAS AN T-SAIQHDEIR.

Bi ullamh chum gach uile dheagh oibre. Titus iii., 1.

Bithibh ullamh a ghnàth chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh' iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh. I. Pead. iii., 15.

Bitheadh gach duine ealamh chum èisdeachd, mall chum labhairt, mall chum feirge. Seum. i., 19.

Bithibhse 'nur luchd-cur-an-gnìomh an fhocail, agus na b' ann 'nur luchd-èisdeachd a mhàin. Seum. i.. 22.

Dean thusa faire anns na h-uile nithibh, fuiling oruaidh-chàs, dean obair soisgeulaiche. Oir tha mise nis gu bhi air m* iobradh, agus tha àm mo shiubhail am fagus. Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thurus, ghlèidh mi an creidimh.

O so am mach taisgear fa m' chomhair crùn na fìreantachd a bheir an Tighearna, am breitheamh cothromach, dhomh 'san ud; agus cha'n ann dòmhsa a mhàin, ach dhoibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhuinn a theachd-san. II. Tim. iv. 5-8.

Bithibh-sa uUamh mar an ceudna : oir is ann an uair nach saoil sibh, a' thig Mac an duine. Mata. xxiv. 44.

Am feadh a bha iad a' dol a cheannach, thàinig am fear nuadh-pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a steach leis clium a' phòsaidh, agxis dhruideadh an dorus, Mata. xxv. 10.

Thigibh, oir a ta na h-uile ni a nise ullamh. Lucas xiv. 17.

An ceathramh latha fichead. TRIALL AN T=5AIGHDEIR.

Rachaibh air aghaidh. Ecs. xiv. 15.

Imichidh e rompa. Eòin. x. 4.

Is iad so an dream a tha leantainn an Uain ce b'e àite an tèid e. Taisb. xiv. 4.

Thèid mo làthaireachd leat, agus bheir mi fois duit. Ecs. xxxiii. 14.

Miir tèid do làthaireachd tnaille minn, na toir suas sinn à so. Ecs. xxxiii. 15.

Mar a champaicheas iad, mar sin th^id iad air an aghaidh, gacli duine 'na àite fèin, làimh r'am brataichibh. Air. ii. 17.

Rachamaid suas a dh'aon fheachd, agus sealbhaicheamaid e; oir is urrainn sinn gu cinnteacn a cheannsachadh. Air. xiii. 30.

Dh' imich iad gach aon dìreach air aghaidh. Esec. X. 22.

Aon ni tha mi a' deanamh, air dhomh na. nithean a tha air mo chùl a dhi-chuimhneachadh, agus a bhi 'gam shìneadh fèin chum nan nithean a tha romliam, tha mi a' dian-ruith dh' ionnsaigh a' chomharaidh chum duaise àrd-ghairme Dhè ann an losa Crìosd. Philip. iii. 13-14.

An coig"eamh latha fichead lOMPACHADH AN T=5A1GHDEIR.

Pillibh o bhur droch shlighibh; C' ar son a bhàsaicheas sibh? Esec. xxxiii. 11.

Trèigeadh an t-aingidh a shlighe agus an duine eucorach a smuaintean agus pilleadh e ris an Tighearn agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia- ne. oir bheir e maitheanas gu pailt. Isaiah Iv. 7.

A dh' fhosgladh an sùl, chum gu 'n tionndaidh iad o dhorchadas gu solus. Gniomh. xxvi. 18.

Chaidh na seann nithean seachad, feuch, rinneadh na h-uile nithean nuadh. II. Cor. v. 17.

Nuair a philleas e chum an Tighearna, togar am folach dheth. II. Cor. iii. 16.

Chaidh sinn uile. mar chaoraich. air seacharan ; thionndaidh sinn, gach aon g' a shhghe fèin; agus leag an Tighearna air-san aingidheachd gach aoin againn. Isa. liii. 6.

Xach eil fhios agaibh nach sealbhaich luchd- deanamh na h-eucorach rìoghachd Dhè.' I. Cor. vi. 9.

Mar so bha cuid dibhse: ach tha sibh air bhur n-ionnlad, ach tha sibh air bhur naomhachadh; ach tha sibh air bhur fireanachadh ann an ainm an Tighearna losa, agus tre Spiorad ar Dè-ne. I. Cor. vi. 11.

An seathamh latha fichead. FANTAINN AN T-SAIGHDEIR

Agus t^àinig e agus bhean e ris a' ghiùlan (agus ?heas iadsan a bha 'ga iomchar) agus thubhairt e, Oganaich, tha mi ag ràdh riut, Eirich. Lucas. vii. 14.

Seasaibh agus faicibh slàinte an Tighearna. a dh' oibricheas e dhuibh an diugh; oir na h-Eiphitich a chunnaic sibh an diugh, cha'n fhaic sibh iad a choidhche tuilleadh. Cogaidh an Tighearn air bhur son agus fanaidh sibhse 'nuj tosd. Ecs. xiv. 13-14.

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia. Salm. xlvi. 10.

Cha 'n ann le neart, no le cumhachd, ach le mo spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh. Sech. iv. 6.

Ce fhad a bhitheas sibh 'san ioma-chomhairle eadar dhà bharail? Ma 's e an Tighearna is Dia ann, leanaibh e. I. Righ. xviii. 21.

Mo chlann bheag, na nithean so tha mi a' ssTÌobhadh do bhur n-ionnsaigh chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear- tagraidh againn maille ris an Athair losa Crìosd am fìrean. I. Eòin, ii. 1,

Labhraibh r' ur cridhe air bhur leabaidh, agus bithibh tosdach. Salm. iv. 4.

O sibhse uile a tha gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh. Tuir. i. 12.

An seachdamh latha fichead. MI5NEACH AN T=SAIGHDEIR.

0 anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh' fhàs treun ann an cath, a chuir air tlieicheadh armailtean nan coimheach. Eabh. xi. 34.

Treubhach air son na firinn. ler. ix. 3.

Trid Dhè ni sinn treubhantas ; oir saltraidh esan sìos ar nàimhdean. Salm. Ix. 12.

Bi làidir agus gabh misneach, agus dean e: na bitheadh eagal ort, agns na bi fo uamhas, oir bithidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; cha'n fhàilnich e thu, cha mhò a threigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis tighe an Tighearna. I. Eachd. xxviii. 20.

Bi misneachail, agus biomaid gaisgeil air son ar sluaigh, agus air son bhailtean ar Dè; agus deanadh an Tighearna an a tha maith 'na shùilibh. II. Sam. X. 12.

Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe; feith, tha mi aL' ràdh, air an Tighearna. Salm. xxvii. 14.

An sluagh aig am bheil eòlas air an Dia, bithidh iad.^an làidir, agus m iad gu treun. Dan. xi. 32.

An t-ochdamh latha fichead. CUNNART AN T 5AIGHDEIR.

Tha toirm chogaidh 'sa chamD. Ec5. xxxii. 17. Cha'n ann a chur sìthe a thàinig mi, ach a cliur claidhimh. Mata. x. 34.

ladsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a' chlaidheamh. Mata. xxvi. 52.

Cha'n eil ach ceum eadar mise agus am bàs. I. Sam. XX. 3.

Mur èirich na mairbh air aon dòigh, c' ar son, ma 's eadh a bhaistear iad air son nam marbh." I. Cor. xv. 29.

C 'ar son tha sinne an gàbhadh gach uair? I. Cor. XV. 30.

Ghlaodh an duine bochd so, agus dh' èisd an Tiehearna ris; agus as a theanntachdaibh gu lèir shaor se e. Salm. xxxiv. 6.

Tha tlachd agam ann an lagh Dhè, a rèir an duine 'san taobh a stigh; ach tha mi faicinn lagha eile a'm bhuill a' cogadh an aghaidh lagha m' inntinn, agus 'gam thoirt ann am bruid do lagh a' pheacaidh, a tha ann am bhuill. Och, is duine truagh mi ! a shaoras mi o chorp a' bhàis so? Tha mi toirt buidheachais do Dhia tre losa Crìosd ar Tighearna. Kom. vii. 22-25.

Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin. Breith.

vii. 18.

An naodhamh latha fichead. TEARUINTEACHD AN T-SAIQHDEIR,

Muinntir a chaidh as o fhaobhar a' chlaidhimh Eabh. xi. 34.

Bidh an fhuil dhuibh mar chomharadh air na tì^hibh anns am bheil sibh; agus an uair a chi mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh. Ecs. xii. 13.

Dain^ich mi, agus bithidh mi tèaruinte. Salm. cxix. 117.

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am firean d'a ionnsaigh, ag-us bithidh e tèaruint*^. Gnath-fhocail. xviii. 10-

Glèidh mi mar chloich na sùla, fo sgàile do sgiathan foluich mi. Salm. xvii. 8.

An bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùli- san- Sech. ii. 8.-

Ge b'e dh' èi'^deas riumsa. gabhaidh e combnuidh ann an tèaruinteachd. Gnath-fhocail i. 33.

Feuch, air ^Jearnaibh mo làmh ghèarr mi ihu. Isa. xlJx. 16.

Tha mo chaoraich-sa ag èisdeachd ri m' ghuth. agu? is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi. Agus hheir mi a' bheatha mhaireannach dhoibh; agus cha ^ffriosar iad am feasd. ni a spìonas neach air bith as mo làimh iad Eòin. x. 27-28.

Is e 'n Dia bith-bhuan do thèarmunn, agus fodhal tha na L'^àirdeanan sictrruidh. Deut. xxxiii. 27

An deicheamh latha fichead. FIACHAN AN T = SAIQHDEIR.

Chruiniiich d' a i'.'HrLsaigb. g-ach diiice a bha "n teanntachd, agus gacri duine a hha. :o Loiachaibh, asjns ?ach duine a bha fo smnairean ìnntinn; agns bha e 'na cheannard orra. I. Sam: xxii. 2-

loc dhomh na bheil agam ort. Mata. xviiL ^.

Ce meud a th' aig mo Thi^hearr!a crt-?a? Lucas XVI. 5.

Xa bitheadh fiachan 'sam bith a : - neach oirbh,

ach a mhàin a chèile a ghràdhachac:- .r an aig am bheil gràdh do neach eile, choimh.: : ~ an lagh. Eom. xiii. 8.

Maith dhuinn ar fiachan, amhuil mar a mhaitheas cinne d' ar luchd-fiaeh. Mata. vi. 12.

A bhràithre. tha sinn fo fhiachaibh, cha 'n ann do 'n fheòii, chum ar beatha a chaitheadh a rèir na feòla. Oir ma chaitheas sibh bhur beatha a rèir na feòla, jsrheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre 'n %>iorad gnìomharan na coUa, bithìdh sìbh beò. Oir a mheud 's a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mie Dhè. Bom. viiL 12-14.

Tha mi fo fhiachaibh. . . . Tha mi Tilìamh chmn an soisgeul a shearmonachadh. Oir cha càr leam-sa scisseul Chrìosd; oir is e cumhachd Dhe e chimi slàinte do gach neach a chreideas. Bom. x.

14-15-16.

L'OKARY

ar fìchead. NA5 O DHIA.

Do bhrìgh nach robh aca leis an dìoladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araon. Lucas vii. 42.

is Dia ann cosmhuil riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmaid 'oighreachd.?' cha ghlèidh e a chorruich gu sìorruidh a chionn gur toigh leis tròcair. Micah vii. 18.

Is Dia thusa a tha ealamn gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agns tròcaireach, mall a chum feirge, agus pailt ann an truacantas. Neh. ix. 17.

Lea^ an Tighearna air-san aingidheachd ga^^'h aoin againn. Isa. liii. 6.

Co fhad is a tha 'n àird an ear o 'n àird an iar, co fhad is sin chuir e uainn ar n-easaontais. Salm. ciii. 12.

Dhubh mi as, mar neul, t' èiceartan; agus mar cheò do lochdan; pill rium, oir shaor mise thu. Isa. xliv. 22.

Am peacaidhean agus an aingidheachd cha chuimhnich mi na 's mò. Eabh. viii. 12.

Cha mhò a tha mise 'gad dhiteadh ; imich romhad, agns na peacaich na 's mò. Eòin. viii. 11.

Mhaith na fiachan dha. Mata. xviii. 27.

Thilg thu air do chùlaibh m' uile lochdan. xxxviii. 17.

Isa.

BOOKS— Useiul, Informative and Instructive

Ought lo be iu e\eiy home, and kept in a hauiìy i'lace fur Eeady Eelerence - - -

My Rcference Book : Helpful Ilints and Eeminders forming a carelnlly seleeted collectii»n of nver a l.OiX) Isefnl Eecipes aiid Valuable Intoimation of all kinds for the Home and Household. New Editi'fii. Ecvised aiid Enlarged, extending to 412 pages. Cloth Eor.nd, 2 9 Post >'ree.

Èconomies : Rea.1 ancl Practica.!. Practical Hints for everyone.

Economie= in Fnod. Euel, Lightiiig. Clotlies. Cookery, the Gai'den,

Poullry Keeping, etc. litì page*, 1/3 Post Free. From Sea to Table, with desi.TÌption of all kinds of Fish in

Briti^h Waters, aud numerous Eecipes, how to Cook aiid Serve

tliem. Illustrateii, 176 page?. 1/3 Post Free. Every Mothcr's Baby Book. A popularly wrltten Guide to the

Mana.'emeiit "f Infaucy, with Hints ontue Treatraeut of Infantile

Troubles by Dr. Andrew Wilson. 1[3 lost Iree. Wcek End Gardeningr. A practical Diary of Woik in the Garden

for every week-end thr.iugliout the year, by Horace J. Wright

F.E.H.J?. 80 pages,— lllustrated. 8d. Post Free.

" MacLeod's Gaelic Booklets '" A large and varied series in preparation. Each booklet in neat and attractive paper covers, Now Ready No. 1 2cl. Post Free 3cli Ceit Mhòr agus Maìg^hstir Lachlann (Loch-caroin)

maitle ri tri Naidheachdan Uidhisteach, Le D. I.

Mac Cuis.

" Xothing like this has ever been publisbed for twopence."

AN DEO GEEI^E. >'ow Eeady >'o 2— 2d. each, prst free 3d. Chi sìnn thall thu, Le lain B. Stiubhard nach maireann.

Selectiuns from the Caelic Wriiingn uf a Higlilander u ho fell on the battlelìeli in France, with a message from laii MacFhersou Esii., M.P., l'ailianientary L'nder Secretary of Siate of War.

Gaelic Song Sheet, Xo. 1—4 p.p., 1|d. each, post free 2d. PÒsadh PiutHar lain Bhàin.— The complete wor<ìs, telling ihe humort.us slory of the We.uiing of Fair John's Sister,"' are here publislie.i for the fiist time, along with the music in tol-Fa aiid Uld Notatiuii.

NOTE: Thc nhore thrcc Gaclic PuhUcations scnt post frcc to ant/ addrcssfor 7d.

Educational Gaelic Dooks, Fublishers Prices. Carria^e E.xtra.

An Treoraiche, Gatlic Priraer, Paptr, 4d. Cloth, 6d.

An Comh-Threoraithe, 2nd Stage Gaelic Primer. Paper, 6d. Cloth, 1/-

Companach na Cioinne, Gaelic Reader, Paper, 6d. Cioth, 1/-

Dain Thaghte, Poems for Scholars, 3d.

School Song Books An Smecrach, 25 Popular Gaeli: Songs in two part harmony, 3d. Am Bru-Dhearg, 27 Pipuiar Gaeiic Songs in two par harmony, 3d.

MacBain's Etymological Dictinnary of the Gaelic Language. 12/6 net.

The Fountain Pen inscribed Mar» Always Efficient Has likevsije proved tbe be<:*

You can depend ii

The'MacLeod'

The Finest rroduction 'if S British Workmen, anrl 25 per clieaper than all others. The Leod No. 1 Fountain Pen Pc Standard Pattern. O/

TRY IT! BUY 17

The "MacLeod" No. 3 5el 5cre\v-Cap Safety Founta

IT IS FlLLKD IX A .*iECOXr>— Xo SPpaK

quired. Screwcap, .^^afety-noii-leaWable n \*liat positioii it is carried. Tlie siniples satisfactory .self-Filling Pen in the Market

Leather Goods

CENT.'S PURSES, fKl, Is-^d. IsCil. is, ^sSil 3s, 3s 6d, 4s, 6s, Ss eacl

CENT.'S POCKET BOOKS. Is 9d, ?s 3d. 2s 9

t;s(;d. 7sGd, SiGd, lOs òd, 12s6d, 13s, li

CENT.'S WALLETS, 2s, 2s 6d. 3s 6d, 4s 6. 105 M each.

lADIES' PURSES. Is, ls3d. IsCd. Is 9d, 2s9d, ?s 3d. 3s6d. 3s 9d. 4s 6d. 5s. 586 8s 6d. 10s6d, 12sCd, l.^s each

LAD1ES' BACS. 2s 6d. 61. 5s. 6s 6d, '

Iis GJ. 12s f\i\, i:.s, 17s 6d. 20s, 2.^s, 30s 6'« 40s each.

Boys & Girls, School Bags from

All Stationery Requirements

PLEASE DO NOT REMOV CARDS OR SLIPS FROM THIS P

UNIVERSITY OF TORONTO Ll

.^^Wt4cS?s

O to

0J_

o

"3 z

co

-^\

G)

<

^'

CM

z

-^

I

u

—^

00

o

;:-

-=:':

C\J

ir>

o

"

N

d:

C\i

i^

"

O

z

-^. -^

C\J 2

o

_

<

LO ^

=

'C\i ©

E

^

-

C\J

co

E

~CM

E

CM

^

"CvJ

E

^

~Cvl

i^

o

i:^

""Cvi

.0)

.CX)

N

G)

00

^ CD

rn

-

-

\

1

-

ti-r'-'P^r

8 9

10 1

1 1 2