H./V\. 300^^3).

DARA LEABHAR

NAN SGOILEAN GAE'LACH

Air an cumaìl suas le Coniunn Ard-Sheanaidh Eaglais na h-Alha.

AN I>ARA CLODH-BUALADH.

DUNEIDIN :

AIR A CHLÒDH-BHUALADH

LE UILLEAM BLACKWOOD AGUS A MHK

SEOLANNA.

Feumadh am Fear-teagaisg na leasoin, no na h-earrannan a leanas, a dheanamh fad no goirid, a rèir mar a chi e iomch- uidh ; ach air chor air bith cha tèid e seachad air aon diubh gus an urrainn am foghlumach a leughadh gu pungail.

'Nuair thig am foghlumach gu crìch na tjeas earrainn air a' cheud taobh-duilleig a leanas, tionndaidh e thairis, (a rèir mar a ta e air a chomharachadh a mach san leabhar,) gu taobh-duilleig 16, agus leughaidh e an earrann a tha tòis- eachadh leis an litir ( A. ) ; agus mur sin sios.

Bithidh e iomchuidh gu'm mìnich am Fear-teagaisg do'n fhoghlumach brìgh gach focail nach 'eil e a' tuigsinn, agus mar an ceudna gu'n cleachd e dha na focail a ta aon-fhiUte a dheanamh d *>ailte, agus na focail a ta dùbailte a dheanamh aoD-fhiUte. ivlar so, Bhiadh mi na cearcan, Bhiadh mi o' chearc ; Tholl e na brògan, ThoU e a' bhròg ; Fhuair an laogh bàs, Fhuair na laoigh bàs, &c.

~ I. M'D.

LAURISTON CASTI.E

LI8RARYACCESSI0N

A' CHEUD EARRANN

1. Bhiadh mi na cearcan. Tholl e na bròg- an leis a' mhinidh. Faic co luath 'sa ruitheas an seangan. Choinnich mi air an staidhir e. Tha guth àrd agad. Tarruing t'anail. Fhuair an laogh bàs. Chaill mi an t-airgiod.

2. Thoir dhomh beagan arain. MilUdh an reothadh a' pheasair. Bhuail e mi le 'dhorn. An aithne dhuit co a sgriobh so ? Thig am bàs air sean agus air òg. Bhris e caol a dhuirn Tha mi sgìth do'n eallaich. B"* f hearr leam gu'm b'' urrainn domh snàmh. Leum iad seachad.

3. Meanglain na craoibh beithe. Tha meall do chrè agam. Am bheil an rathad garbh ? Falbh air an f hrith-rathad. Tha'n geata far- suinn. Dh' fhàihnn mo shealladh. Thig air t'ais le cabhaig. Is ni gràineil bhi goid, agus ag innseadh bhreugàn. Mharcaich e air asail A. Taobh-duiUeig 16.

4. Dh' f halbh e orn tigh. . Chiùrr thu mo làmh. Bruich a^lfJ^feQÌl: . -Xha adharc chrom

air an damh Chrath am madadh a cheann. Shuidh an righ air a chaithir. Luidh sinn sios air an urlar. Dh"* fhalbh an loingeis. Thog iad an tigh sin le clach agus le aol.

5. Shèid am fear-faire an trompaid. Tha an ciùin agus balbh. Am bheil iongan a' chait geur ? Bun na craoibhe giuthais. Tha teine againn san t-seòmar. Crom thu fèin sios. Na sgrìobh air do leabhar. Ruathair leis a' chaibe. Bhuail e mi leis an t-slait. Dìrich aro bruthach.

6. Tha e bhliadhna dheug a dh' aois Thèid sluagh maith do nèamh, agus sluagh olc do ifrinn. Bha sgaineadh sa' bhalla. Bheii Dia breth air an t-saoghal. Tha am fuaran domhain. Chaidh an t-eun d'a nead. Tha ceò dhorch ann. Na saltair sios an t-arbhar. Teich air falbh. B. Taohh-duìlleig 16.

7. Tha an leanabh tinn. Ròist an t-eun. Bhris na caoraich 2l challaid. Tha foinneamh air do làimh. Feumaidh tu an talamh ar. Tha na sgadain ro phailt. An caruich mi am bòrd t Tog ort do'n bhaile. Tilg sios am balla àrd sin. Chaidh e a dh' iasgach le dubhan agus le lìon. Tha an talamh cruinn.

8. Lùbaidh e a bhogha. Tha cridhe blàth aige. Rinn an luch toll sa' chàise. Tha a' chlann a' deanamh iolaich. Fuinidh i an taois, agus ni i aran dith. Tha an searrach bochd. Dh' fhàs na gabhair fiadhaich. Tha àl mòr aii? a' mhuic. Fadaidh an teine.

9- Na dean breug air son ni air bitli A.n d' rinn an gobha na tairngean ? Sheinn e sailm. Ghuil e gu goirt. Na caog do shùil. Chaidh am fìodh sios leis an t-sruth. Choisinn gach fear diubh so duais mhòr. Dùin agus glais an dorus. Am bheil an soitheach làn bainne i Feudaidh tu so a dheanamh. Ciod a thubhairl thu ? C. Taohh-duilleìg 16.

10. Tha an lomradh sin a' sealltuinn ro mhaith. Na mill an obair ghrinn so. Rinn- eadh foir Vudaich do shìoda dearg. Chuir e air a chlaidhe agus a chrios-guailne. Tha an tal- amh air chrith. An do chuir thu an siol ? Tha e air chrith leis an fhuachd. An cluinn thu an crodh ag geumnaich ? Nigh do làmhan ie siapunn. Tha an tìr còmhnard. Rach seachad air.

11. Tha eallach throm aig air a dhruim Thàinig mòran fola o'n lot. Cuir dath uaine air an t-seòmar. Gabh aon ubhal duit fein, agus thoir an t-ubhal eile do d' bhràthair Shuidh e sios 'na aonar, agus ghuil e gu goirt Tha a' chlann a'' deanamh bolg ri grèin. Rug- adh sa' bhaile mi. Lùb mi mo ghlùn. An tèid thu maille rium ?

12. Bha dorus a"* chrò fosgailte, agus fhuair na daimh a mach. Tha an leanabh 'na chodal. Seall air itean an eisg. Tha sgiathan mòr aig an iolair. Na cuir campar ort fèin. Am bheil e a chòmhnuidh aig taobh na mara ? Reic dc bhathar Tha an èididh maiseach. DhYhàs a3

aii t-òganacb dall. Cruinnich an treud do'n chrò. D. Taobh-duiUeig 17.

13. Bhleith iad an coirc. Tha seachdnar 'nan suidhe air a' chloich mhòir. Bhreab an t-each mo bhràthair. Thoir cKù doDhia,oir is e ughdar gach maith. Na marbh a' chuilleag, oir cha'n "■eil i deanamh cron air bith ort. Tliuit duiU- each nan craobh. Cum do làmhan agus t' eudan glan. Ismithich dhuitdochkiichaleagadhdhiot.

14. Thuit iad sa' chlais. Thacrìos aig mu'*n cuairt d''a mheadhon. Mur bearrthu sgiathan an eoin, leumaidh e air falbh. Ghabh iad rium gu cairdeil. Leag sinn san uaigh e. Chaidh a' mhiol-chù ""na dhèigh. Ciod iad na nithe a rinn e ? Tha na caoraich a' meiHch air 9on nan uan. Dean gach ni a ta ceart, agus seachainn an t-olc.

15. Ciod i do bharail dheth ? Teich suas ris a' mhonadh. Am fear nach dìobair a charaid gheibh e urram. Ghabh e òran. Reub an tar- uinn a chòta. Tha am poll domhain, agus tha mòran eisg ann. Thoir an t-shge bheag an so, agus òlaidh sinn aside. Dean toirni mhòr chum'*s gu"*n cluinn iad thu. Bhruth thu mo làmh leis an òrd. E. Taohh-duiUeig 17.

16. Ma bhitheas e maith, gheibh e gach ni a''s àill leis. Thèid na nèamha thairis le toirm mhòir, agus leaghaidh na dùilean le dian-theas. Na dean fanoid air sluagh maith. Leag a' ghaoth an tigh. Bha cobhar gheal air aghaidh an uisge. Chuir iad na mairbh fo'^n talamh.

Thug an t-aiteamh air falbh an sneachda. An do sgriobh thu do litir ?

17. Thàinig sinn a nuas o'n bheinn, agus shuidhich sinn ar bùth ann an àite blàth. Cha ghàir thu ma bhuaileas c thu leis an t-slait. Gabh comhairle agus falbh romhad. Na stad gus am bi thu as an t-sealladh. Gabh an sguabach, agus sguab an sabhul. An duine truagh, tha brògan a dhìth air. An cluich thu air a' phioba "^ Troididh e riut gu garg, a chionn gu'n d' rinn thu so.

18. Cuir biadh air a bheulaobh. Shnàmh na geoidh sios an amhainn. Chluich na h-uain am measg nan caorach. Dean cabhag, agus ihig a m' ionnsuidh. Stiùraidh Dia iadsan a chuireas an dòchas ann. Thoir dhomh deoch do'n uisge ma''s e do thoil e. Is toigh le Dia a' chlann a ni urnuigh ris. Tha e shlait air leud. Am bheil thu cluinntinn ? F. Taohh' duilleìg 18.

19- Tha e 'na sheòl gràineil blii ag aithris an ni sin nach 'eil fior. An do thuit mòran sneachd ? Choidil thu tuille 's fada. Thug iad an t-iasg chum na traighe. Thig gaoth reòtaidh o'n taobh tuath. Thuit sinn air a' charn chlach, a dh' fhàg an luchd-oibre air an rathad. 'Nuair a ni thu urnuigh ri Dia, dean urnuigh ris le d'uile chridhe. Seachainn an t-olc, agus lean am maith.

^O. Tha an t-achadh peasair fo bhlàth. Cha'n 'eil peighinn do'n t-saoghal aig. Cha

8

toir e an car à neacb air bith. Chunnaic mi aishng an raoir. Glan air falbh an salachar bhàrr a' bhuird. Tha a chionta ro shoiUeir. Fosgail an uinneig, agus leig a"" ghaoth a steach. C'àit an do chodail thu an raoir ? Thog mi mo thigh o chionn iomadh bUadhna. Glac an t-eun, agus bearr a sgiathan.

21. Chaidh e air seachai'an air an t-shabh. Is còir dhuinn oirp a thoirt air seirbhis a dheanamh do Dhia. Chuir a** chnuimh-fhiac- ail mòran trioblaid orm. Tha mo bhrògan ro chruaidh agus ro theann : Thug iad an craic- ionn bhàrr mo shàil. Tha iomadh neach balbh agus boghar ; is còir dhomh-sa bhi taingeil nach d"* f hàg Dia mise balbh agus bodhar mar an ceudna. Chaidh caimein a'm' shùil. G. Taohh-duilleìg 18.

22. Tha a"* bheinn àrd agus corrach ; cha ruig sinn a muUach an uair so. Dh^'ith a' chlann na h-ùbhlan. Shèid e a"* ghall-tromp, agus rinn e fuaim mhòr. ""Nuair a bha e a' streapadh ris a"* chraoibh, thuit e agus chiùrr se e fèin Is còir dhuinn guidhe air Dia gu^'n seòladh e sinn chum ar dleasdanas. Fhuair e im agus bainne. Bha e ann an airc nihòir. Chaidh an aitreabh ri theine, agus cha robh uisge ann g'^a cur as.

23. Chaidh duine àluinn seachad orm air an uair. Cha robh truas no iochd "^na chridhe Bha an damh a chaiU mi breac. Bhàth iad na cuileanan san uisge. Chuir e beirm air a' bhraihs agus dh"* oibrich i. Cha robh lochd

no beud ann. Thug e mach an lagh au', agus dhìt se e. Bha am fear ud bleideil. Theich an earb do'n choille. Bha a"* chlann bradach, agus air an aobhar sin bha fuath aig gach neach dhoibh.

24). Bha a' mhiol-chù bracach. Thog e a bhratach an àird. Chuir e dàil sa' ghnothuch gu uair eile. Chunnaic mi an dallag sa' bhruaich. Bhuain e mòran arbhair an dè. Chaidh carbad agus ceithir eich seachad. Tha ceileir binn aig na h-eoin. Spion e an coiUeach. Bheir duine ni air bith an eiric 'anama. Fhuair mi faochag. Tha an t-òganach so ""na fhiùran dìreach agus deas. Bha teasach ghoirt sa bhaile. H. Taobh-duìlleig 19-

25. Ghlac geilt e. Tha an gàradh mòr, agus tha mòran meas ann. Am bheil na glinn fliuch.? Leum an iahag aig dubhar an f heasgair. Dh' fhàg e iarmad 'na dhèigh. Thug e ìobairt seachad. Chaidh an laoch ""na chodhail. Shuidh i sios agus chum i a sùil air an lear. Tha am fear so ro leamh orm. Am bheil màg an leomhain mòrì Dh' fhàs a cheann maol. Rinn mi malairt ris. Na dean mairneal Chaidh a mhaoin a sgrios.

26. Dh' èirich e moch sa^ mhaduinn. Chroch ) car tamuill air a mhuineal. Tha do namhaid an tòir ort. Thig pòiteir fiona gu truaighe. Chuir iad am priosan e. Choidil iad air ar. fhraoch. Tha mùing fhada air a' ghearran Bhuail e peileir air an fhiadh sa' chliaich

10

Dh'innis an seann duine ciod a thacnair da. Bheuc an leòmhan, agus chrith an talamh. Chuir e sreth chlach mu'n cuairt do'n tigh. Tàladh dhachaidh e. Shèid osag ghaoithe air falbh e.

27. Thug e seachad airgiod air ocar. Tha nuallan aig an sprèidh. Bha a"* bhean àrd agus fiadhaich 'na tagradh. Chaill e a neart gu tur, Thuit uamhas orra air fad. Leum an iolair gu h-àrd. Ni beartas sgiathan dha fèin agus siubhlaidh e gu grad air falbh. Na h-ith aran an ti aig am bheil droch shùil. Ni amadan tàir air gliocas. Tha'n duine ghc ""na dhuine laidir. Aom do chridhe ri ghocas, agus seachainn droch coluadar. I. T.d. 19-

28. ladsan a dh" f hanas fad aig an fhìon, ni iad bròn, agus gheibh iad lotan gun aobhar. Tuitidh am fìrean seachd uairean, agus èiridh e a rìs, ach tuitidh na h-aingidh ann an olc, agus cha saorar as iad. Na biodh campar ort ri droch dhuine, agus na gabh farmad ris. Cha bhi crioch mhaith aig an droch dhuine, oir gu h-obann thig a dhòruinn. Na gabh urram duit fèin ann am fianuis an righ, agus na seas suas an àite dhaoine mòra. Ma bhios do namh- aid ocrach thoir biadh dha, oir le so ni thu maith an èiric uilc.

29. Is e urram dhaoine òga an neart, agus is e maise sheann daoine an ceann Hath. Na creacli am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus iia sàruich an truaghan. Na dean suas

n

cairdeas ri drocli dhuine. Is truagh an duine aig nach "*eil ceannsal air a spiorad ; ach esan aig am bheil deadh bheusan, thig e gu h- urram. Is amadan esan a dh' earbas à chridhe fèin. Ni gach neach tha sanntach deifir gu bhi saoibhir, ach tha esan a mhàin ghc a ghluais- eas an eagal an Tighearna. Bheir am fìrean aire do chùis nani bochd.

30. Dùisgidh duine feargach suas aimhreit. Tha uile fhocal De fìor-ghlan ; is sgiath e dhoibhsan a chuireas an dòigh ann. Cealg agus breugan cuir fada uait, agus trèig iadsan air nach 'eil eagal Dè. Spionaidh fithich a ghlinne a mach an t-sùil a ni magadh air athair, agus tarcuis air màthair. Bheir eagal duine ribe leis ; ach esan a chuireas a mhuinghin an Dia, gluaisidh e ann an sìth. Cha bhi tlachd aig leanabh maith do shlighe nan aingidli, agus cha ghhaais e maille riu do bhrìgh gu bheil corruich air Dia riu. K. T.d. 20.

31. Is fearr dol do thigh a' bhròin na do thigh na cuirme, oir is e sin crioch nan uile dhaoine, agus gabhaidh am beò g'a chridhe e. Gabh comhairle, agus gluais gu subhailceach agus beusach. Isfean-deadh ainm na mòran beart- ais. Is còir do gach neach urnuigh a dheanamh moch agus anmoch. Earb thu fèin ri Dia, agus cha leig e dìth ort ; tha a f hreasdal caird- eil a ghnàth 'ga do chumail suas, agus tha a shùilean an còmhnuidh ag amharc ort; uime

12

sin thoir gràdh dha le fuile chridhe, agus biodh eagal ort ni olc a dheananih 'na làthair.

32. Aig Dia tha neart agus gliocas ; is leis esan a mheallar agus esan a mheallas. Cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha trèig e an t-ionracan a chaoidh. Thèid ar .àithean seachad mar longaibh luatha, agus mar an iolair a' dol air iteig. Bheir Dia fa'near gach neach a ghluaiseas gu h-amaideach, agu$ bheir e luigheachd dhoibh. Tha dòchas à craoibh, ma ghearrar sìos i, gu'*m fàs i a rìs , ach bheir mac an duine suas an deò, agus c'*ài- am bheil e .? a làithean uile cràdhar an t- aingidh, ach cha tig olc air-san a ta aon-fhillte 'na inntinn, agus a ta gluasad a rèir lagha an Tighearna.— L. T.d. 91

83. Thug e aoidheachd do'n duine bhochd. Gabh ath-bheachd do d' chaithe-beatha. Chaidh an leanabh a bhaisteadh. 'Nuair thual lacob gu'n robh loseph beò dh' ath- bheothaich a chridhe. Champaich clann Is- raeil ann am fàsach Shin. Bha an duine a labhair air tùs sa' chomunn deas-bhriathrach. Bha aithriche chloinn Israeil 'nan luchd- gleidhidh sprèidhe. Chuir Maois a làmh 'na bhroilleach, agus dh"* fhàs i an sin gcal mar shneachda. Chaidh an sluagh air faontradh sa' choiUe. Fiosraich thu fèin, agus faic am bhcil do chridhe treibhdhireach agus aon- fhiUte. Rinn an righ fòirneart air a shluagh, afTUS air an aobhar sin dh'fhuathaich iad e.

13

34. Tha an gaisgeach mòr ann am meud, agus treun ann an neart. Tha an gealbhonn a' deanamh a nid gu minic ann an tulachainn thighean. Am bheil e gealltainn gu'n dean e mar a dh^'orduich thu dha? Giorraichidh craos làithean mhic an duine. Ghnàthaich do bhràth- air maith a dheanamh, agus maitheanas a thoirt dhoibhsan a pheacaich 'na aghaidh. Gràdhaich do choimhearsnach, agus dean iochd air an duine f heumach. Bithidh an duine iochdmhor baigheil r"'a ainmhidh. Na laimhsich duais an uilc, agus na siubhail air shghe an aingidh. Chrioslaich an saighdear a chlaidh- eamh agus a bhiodag air. Tha an leanabh luaineach agus crosd. Luchdaich an t-each, agus siubhail leis gu grad. M. T.d. ^S.

35. Gheibh an t-ionracan luigheachd o'n Tighearn. Bha a' mhaighdean maiseach ri amharc oirre. Tha duine miodalach mealltach ^na chridhe. Chuir thu mi-dhreach air an obair. Thug Dia leir-sgrios air Sodom agus air Gomorrah. Tha an neamhnuid luaclimhor. Fhuair do charaid oighreachd le bàs bràthar a mhàthar. Pairticli do chuid ris a bhochd, agus ris an f heumach. Cha sàsuichear an cridhe sanntach. Chaidh an duine fhàgail gu saorsa a thoile fein. Tha an rathad sleamhuinn. Bha slabliruidh òir m'a mhuineal. Chuir iad spios- raidh air. Thig an duine struidheii gu bochd- ainn. Bha e tiamhaidh agus brònach air son an

14

ni a thachair d'a athair. Cha taitneach leam an sgeul a chual mi. N. T.d. 26.

36. Tionndadh ceann an eich ris an leathad. Cha mhaith an ni sheòrsa thomhaisean. Toinneamh an còrd. Treòraich an dall air a shlighe air eagal gu'n tuit e san t-slochd. Cha robh e tuigseach no cairdeil ris an t-sluagh a thàinig d'a ionnsuidh. Dh" fhàg bàs a mhàthar tuirseach e. Thoir an aire nach tuishch thu. Tha e uaibhreach "'na inntinn, agus uime sin cha toigh le sluagh eile e. Thug e airgiod dha an uaignidheas. Rinn iad iolach mhòr 'nuair a chosainn iad am blàr. Bu mhithich dhoibh fois a ghabhail.— O. T.d. 26.

37. Thog am fear-cogaidh suas an claidh- eamh loinreach, agus an t-sleagh lìomhaidh. Chuir e suas a namhaid mar bhall-amhairc. Coimhhon dobhòidean do'^n Tighearna. Cha'n Vil leigheas air bith air do thinneas ; tha do lot nimhneach. Is an-aoibhinn dhasan a thogas baile le fuil, agus a dhaingnicheas caithir le aingidheachd. Is tàmailteach an ni a rinn e. Mar chuairt-ghaoith sgapaidh Dia a naimh- dean. Bha a shoillcireachd mar a' ghrian, agus o a làimh shruth dearsanna soluis. Sheas e, agus thomhais e an talamh. Bha bùthanna aig na buachailhbh ri taobh na h-aimhne. Thàinig feirge agus trioblaid orra ; fàsalachd agus lèir-sgrios ; dorchadais agus ogkiidheachd ; neul agus tiugh-dhorchadais. P. T.d. 9H.

38. Shèid an sluagh an trompaid, agus rinn

Ift

iad iolach an aghaidh nam baiheandaingnichte Nàraichear e airson a dheanadais. Rachaibh suas chum an t-sleibh, agus thugaibh leibh fiodh. Bheir am pomgranat agus an crann- oladh seachad toradh. Shaltair an gaisgeach air clàbar nan sràidean. Gabh do lorg a'd Jàimh, agus dìrich am bruthach. Tarruing criochan an fhearainn. Bha lagh na firinn 'na bheul, agus cha d' fhuaradh aingidheachd ""na bhiHbh. Brisidh mi dochuing, agus sgaoilidh mi as a chèile do chuibhrichean. Caithear laitnean nan aingidh mar asbhuain làn-thioram. Ceangail an carbad ris an each ghlas. Leaghar na sleibhtean, agus sgoiUear na gleannta roimh theachd an Tighearna.— Q. T.d. 28.

1 I

Aon

11 XI

Aoii-deug

2 II

Dhà

12 XII

Dhà-dheug

8 III

Tri

13 xin

Tri-deug

4 IV

Ceithir

14 XIV

Ceithir-deug

6 V

Cùig

15 XV

Cùig-deug

6 VI

16 XVI

Sè-deug

7 VII

Seachd

17 XVII

Seachd-deug

8 VIII

Ochd

18 XVII

[ Ochd-deug

9 IX

Naoi

19 XIX

Naoi-deug

10 X

Deich

20 XX

Fichead

16

(A.) Tlia Dia a' faicinn gach ni tha mi deanamh ; is lèir dha gach smuain tha mi ag altrum a'm'' chridhe, agus bheir e gu cunntas mi air son gach focail a thig a mach à m' bheul, agus gach gnìomh a nithear leam. O gu'n cumadh Dia fèin a'm' chuimhne nach urrainn mi ni air bith f holach uaith, nach ""eil e 'n comas domh gnìomh air bith a dheanamh nach faic e, agus nach èirich smuain dìomhair a'm'' chridhe nach aithne dha, agus nach sgriobh e sìos ann an leabhar a chuimhne.

(B.) Ma chi thu neach air bith a' goid, no ri mionnaibh, no a' briseadh na Sàbaid, is còir dhuit a choluadar a sheachnadh le t' uile dhìchioll. Na biodh fuath agad da, oir cha''n 'eil e ceart gu'm biodh fuath agad do neach air bith : Ach nochd le do ghiùlan gu bheil fuath agad d'a shlighe mar an t-sHghe sin a bheir duine gu bròn agus truaighe. Cha'n f heud thu bhi 'g imeachd no a' ciuich maille ri neach mar so, air eagal gu''n teagaisg e thu bhi dlùth air co olc ris fein. Ach air an làimh eile, cum coluadar ris a"" chloinn sin nach Jabhair droch f hocal, agus nach dean droch ghnìomh ; riusan air am bheil eagal Dè, agus a ta ùmhal d''a lagh. Cuiridh iad deadh eisempleir romhad, agus bheir iad thu gu h-urram agus meas.

(C.) Tha an sean-fhocal ag ràdh, " Inn- s domh do chompanaich, agus innsidh mise

17

a chaidh earbsadh ris ? Chunnaic mi òigh mhaiseach a' gabhail seachad ; bha a trusgan geal mar shneachdadh. (M.) T.d. 43.

31. Shuidhich anrigh pàilliunnan alùchairt- ean eadar na cuantan. Thuirling teine agus pronnusg air bailtibh Shodoim agus Ghomo- rah. Ghabh iad tàmh an teas an fo na crannaibh daraich, aguscrithich, agus cuilinn, a chionn gu'n robh an sgàile taitneach. Bha an àmhuinn air a teasachadh leis an fhuineadair, agus thaoisinn fear-oibreachaidh na taoisechun^ aran a dheanamh deas do'n t-sluagh. Tha a cheathairne ri creach agus ri spùinneadh sa mhachair. Dh'fhàs ionntagach agus droigh- ionn suas far am b'àbhuist pailteas feoir agus arbhair bhi cinneachduinn. Gheibh thu pailt- eas do'n iteotha ann an claisibh na macharach. Bheir Dia luigheachd do'n aingidh a rèir gniomhara a làmh.

32. Bhuin iad na cuileanan o'n leòmhan bhoirionn. Chaidh roth a' charbaid thairis air. Bha am moU air fhuadachadh leis an iom- ghaoith. Tha an fhionain air tiormachadh suas, agus an crann-fige air seargadh ; tha ani pomgranat, an crann-pailme fòs, agusan crann- ubhail, eadhon uile chraobha na macharach air seargadh. Thàinig an samhradh, agus tha cluaintean an fhàsaich sC briseadh nios, agus craobhan na macharach a' teachd fo bhlàth. Tha na buailtean spreidhe an airc a chionn nach 'eil ionahradh aca. Rinn iad claidhean

b3

18

mhàthair, agus gu'n robh e ùmhal di anns gach ni a chuir i fa chomhair. " Smuainich mi fein sin," ars' an t-òganach, " fhad 's bu bheò i ; ach a nis, ""nuair tha i marbh tha iomadh ni a"* teachd a''m"' chuimhne anns an do ghiùlain mi mi fein gu mi-chiatach d'a taobh ; agus tha so ""gam fhàgail brònach air an uair, do bhrìgh nach urrainn domh nis a leasachadh.

(F.) Bha gille òg ann roimh so a ghabh mòr-thlachdbhi ckiich le teinne,agus a dhiult an droch chleachd so a leigeil deth, ged fhuair e gu tric achmhasan air a shon. Air àraidh, 'nuair chaidh a mhàthair a mach a cheannach ni eigin, shoillsich e bioran, agus air dha bhi 'g iomairt leis, ghlac ""eudach teine, agus las e suas mu'n cuairt da. Ghlaodh e gu h-àrd air son còmhnaidh, ach mu'n d'thàinig cabhar d'a ionn- suidh bha e air a losgadh co mòr "'s gu'n d' f huaìr e bàsbeagan an dèigh sin. Is còird"'a soclann òg a theagasg gun bhi cluich le teine; ni a ta ""na slieirbhiseach maith, acli "*na dhroch mhaighstir; agus gun bhi eas-umhal do chomh- airle ammàthar, ata gabhail mòr chùram mu'n timchioll.

(G.) Chunnaic mi gu^'n d' thug thu beagan airgid do'^n duine bhochd chum aran a cheann- ach d'^a theaghlach. Rinn thu sin gu ro mhaith. Is còir do gach neach cabliair a

19

dheanamh air an fheumach a rèir a chomais. Tha e ro chruaidh gu'm biodh neach air bith a dhìth arain ''nuair tha pailteas agad-sa agus beagan r'a sheachnadh. Cha bhi Dia reidh riusan nach dean maith do shluagh eile, agus nach cuidich leo 'nuair tha iad a dhìth bìdh agus eudaich. Ach gabhaidh e tlachd dhiubh- san a nochdas iochd do na bochdaibh, agus bheir e duais dhoibh, do bhrìgh gu bheil iad truacant agus seirceil do'n fheumach.

(H.) Tha Dia a" faicinn gach ni tha mi a' cìeanamh, tha e a'' cluinntinn gach ni a ta mi ag ràdh, agus a thuille air sin, is aithne dha gach smuain a ta a'm' chridhe. Feudaidh mi mòran fholach o dhaoinibh, ach cha'n urr- ainn mi ni air bith fhoJach o Dhia. ''Na shealladh-san tha dorchadas na h-oidhche cho soilleir ri solus an là. Is lèir dha gach smuain tha gabhail tàmh a'm' chridhe ; is cuimhne leis gach focal faoin a labhair mi, agus bheir e mi gu cunntas air son gach ni a rinn mi o''n thàinig mi dh'' ionnsuidh an t-saoghail. Air an aobhar sin is còir dhomh gach ni gràineil a sheachnadh, agus ghiasad gu cubhaidh anns gach cùis, air eagal gu'm bi Dia an corruich rium, agus gu^i sgrios e mi gu siorniidh.

(I.) Cumaidh clann mhaith an làmhan o gach olc ; bithidh iad ùmhal d'am pàrantaibh ; theid iad do''n sgoil 'na thrà, agus bheir iad

20

do Chruithear fein, mar t'Athair nèamhaidh a ghairm thu gu bith, agus a thug dhuit gach sochar agus beannachadh tha thu a' sealbhach- adh. 'S ann uaithe-san a thàinig do shlàinte, do neart, agus do reusan, an anail tha thu a' tarruing, agus an solus tha toirt toil-inntinn do d'shùilibh, an Jòn ata'gad bheathachadh, an t-eudach a ta 'gad chòmhdachadh, agus an fhardoch a ta 'gad dhion agus a' toirt fasg- aidh dhuit. 'S esan a dh'orduich dhuit curam do phàranta, agus caoimhneas do luchd-dàimh, gach eòlas a chaidh dheònachadh dhuit air Dia agus air do Shlànuighear, gach fios a fhuair thu air do dhleasdnas, agus gach moth- achadh a ta agad air nithibh spioradail agus sìorruidh.

Cuimhnich gu bheil siìilean a' Charaid àluinn agus ghlòrmhoir so an còmhnuidh air an suidheachadh ort ; gu bheil e ag amharc air gach gniomh tha thu a' coimhlionadh, air gach focal tha thu a' labhairt, agus air gach smuain tha 'g èirigh a''d' chridhe ; agus a thuilleadh air sin gu''n toir e gu cunntas thu aig a'' bhreitheanais air son gach aoin diubh so. Uime sin cuimhnich gu bheil a làthaireachd a ghnàth mu d' thimchioll. Thigeadh furnuigh moch agus anmoch gu cos stòl a righ-chaithreach, Cleachd thu fèin ri bhi "'g amharc air a chumh- achdagusair a ghliocas ann an obair a"* chruth- achaidh. Naomhaich a shàbaid, agus coisrig gach mionaid do d* bheatha d'a sheirbhis. Bi

bheìrear machiadle eoin eile. An toiseach an t-samhraidh scallaidh i mu'n cuairt di air son nid a' ghealbhoin, no an uiseig, agus an uair a gheibh i an nead falamh, beiridh i ubh innte, agus fàgaidh i an sin e gun tuille cùram a ghabhail deth. Tha an t-eun do'm buin an nead sC gur air ; agus 'nuair thig an t-àl a mach, tha sl chuag òg a' fàs suas, agus a' cur as do na h-eoin bhig eile, agus air an dòigh sin a' faotainn na nid, agus cùraim nam pàranta di fein gu h-iomlan. Le lagh nan lu- dhach bha a' chuag air a meas neo-ghlan, agus air an aobhar sin bha e neo-laghail dhoibh a h-itheadh.

(L.) Bheir am bàs air falbh clann òg co maith ri seann sluagh ; agus cha*'n 'eil f hios aig aon cia cho luath 'sa thig crìoch air a làith- ibh. B'aithne dhomh nighean òg a fhuair bàs mun robh i bhliadhna dheug a dh'aois. Bha i an còmhnuidh a' ghiasad ann an eagal an Tighearna. Shuidhich i a dòchas air fir- eantachd an t-Slànuighir, agus dh'fhàg si i fèin gu h-iomlan an taice ris. Ghuidh i gu minic agus gu dùrachdach gu'n gJeidheadh Dia i o gach olc, agus gu'n stiùradh e 1 le a spiorad naomh ; gu''n tugadh e gràs agus neart di gu 'thoil a chur an gniomh, agus aig uair a bàis gu'n saoradh e i o eagal agus o eu-dòchas, agus gu'n gabhadh e a h-anam d^^a ionnsuidh fèin.

22

Fhuair a h-urnuigh eisdeachd ; oir, ag teachd do'n bhàs am fagus di, cha robh eagal air bith oirre a thaobh a crannchur siorruidh. Ghabh i a cead d'a càirdibh, a bha gul agus a' caoidh air a son, leis na briathraibh so, " Na guilibh air mo shonsa, mo chàirde gràdhach, oir ged tha mi ann an trioblaid mhòr a thaobh mo chui.rp, tha Dia maille rium, agus tha a spiorad 'gam neartachadh agus 'gam chumail suas. Cha dìobair e mi 'nuair tha mi triall tre ghleann sgàile a"* bhàis, agus ged tha a làmh trom orm air an àm, cha mhair anspairn agus an cruaidh-ghleachd so ach goirid. Ged tha^n t-shghe air am bheil mi siubhal da rìreadh cumhann, tha i air a deanamh rèidh dhomh tre ghràdh mo Shlànuighir ; agus ged leigear mo cholainn san duslach, tha fhios agani gu bheil m'f hear-saoraidh beò, agus ann am f heòil gu^'m faic mi Dia.""

Sa' bheachd aoibhneach so ghabh i a cead d'a càirdibh, agus dhùin i a sùilean ann an codal a"* bhàis, a' guidhe le a briathraibh deir- eannach gu'n gabhadh Criosd a h-anam da ionnsuidh fein. O gu'm biodh clann òg uiie cosmhuil ris an nighean so ; gu'n deanadh iad urnuigh ri Dia moch agus anmoch, agus gu'm fàgadh siad iad fein gu h-iomlan air cùram an Slànuighir. An sin bhiodh am bàs 'na dhol a mach dhoibh o thrioblaidibh an t-saoghail so, agus bhiodh aingle naomha a' feitheamh orra chum an anama a ghiulan gu sonas siorruidh.

(M.) MU STRl LAGHAIL.

A mhic mo rùin, bi dìchiollach san iiiblie agus san dreuchd a chaidh shonrachadh dhuit leis an Ti a's àirde. Tog thu fèin o'n duslach as an deach do dhealbh, agus thoir oidhearp air beartan cUùiteach a chur an gnìomh Seall air a' chraoibh a tha sgaoileadh a mach a meanglain chum nan nèamh ; cha robh innte air tùs ach freumh mhaoth a bha air a crath- adh leis a' ghaoith, agus air a luasgadh leis an doinionn. Amhairc a nis air a h-àirde, agus fòghlum a bhi dìchiollach anns a' ghairm san do ghairmeadh thu, chum gu'm fàs thu mòr, agus gu'n tig thu gu chù agus urram. Tog thu fèin gu staid àird agus dean dìchioU a bhi os ceann do chompanaich ann an gUocas, an subhailceas, agus an deadh-bheusan.

Gidheadh thoir fa'near nach gabh thu farm ad ris a' mhuinntir a bhios ni"'s cliùitiche agus ni's urramaiche na thu fein, agus nach bi tnù aVr chridhe an aghaidh a"* chompanaich a dh"" fhàgas thu sa chò-ruidh. An àite sin bnilich gu ceart na ceudfaithean a thug Dia dhuit ; gnàthaich cumhachdan t'^inntinn air nithibh chùiteach agus ionmholta ; agus dean stri riusan a mhàin tha gluasad ann an eagal agus ann an seirbhis an Tighearna. Na cuir ceap-tuishdh 'na rathad-san tha comhstri riut ; na juir grab- adh air 'nuair tha e buadhachadh ort; ach thoir oidhearp an còmhnuidh bhi co-ionnan ris ann an cliù, agus a bhi os a cheann ann an gnìomh-

24

araibh caoimhneis agus seirc ; ann an òirdh- eirceas cainnte, agus ann an truacantas cridhe.

Le strì laghail agus urramach tha spiorad an duine air àrdachadh ; agus ""nuair tha miann a chridhe subhailceach, èiridh e gu meas san t- saoghal so, a dh"* ain-deoin gach feall agus fòirneart a nithear air. Cosmhuil ri ùr-chrann uaine a ta air a shuidheachadh ri taobh nan uisgeacha, fàsaidh e suas ann an neart agus ann an chù ; sgaoilidh e a fhreumhan mu'n cuairt da, agus ann an àm iomchuidh gìulain- idh e mòr-thoradh. Mar an iolair anns an iarmailt togaidh e a shùilean an àird, agus suidhichidh e iad air cuspairibh glòrmhor. Cumaidh e eisempleir dheadh-dhaoine an còmhnuidh 'na bheachd, agus leanaidh e air an ceumannaibh. Dealbhaidh e nithe mòra, agus coimhlionaidh e iad. Ni e gairdeachas ann an oibribh a làmh, agus giùlainear 'ainm gus na linnibh ri teachd le mòr-chhu agus urr- am.

Ach air an làimh eile, tha cridhe an duinc fharmadaich làn domblais agus seirbhe ; tha iiimh na nathrach a' gabhail còmhnuidh air a gheangaidh, agus tha soirbheachadh a choimh- carsnaich 'na chràdh sùla agus 'na dhoilgheas mntinn dha. IVithidh e a ghnàth ri monmhor agus duarman, agus an uair a bliios e mi- thoilichte le Y'lirnnnchur fèin, agus a bhios a chridhe a' niiannacliadh nithe nach buin da, til- rridli soirbheacliadh, ac'us loil-inntinn achoimh-

25

earsnaich ann am fìabhrus e. Ithidh fuatli agus mi-rùn suas 'innidh, agus fàgaidh iad e gun fhois a agus a dh'oidhche. Tha e an dùil gu bheil sluagh eile a dh'easbhuidh seirc, do bhrìgh nach 'eil mothachadh aige do sheirc 'na chridhe fèin. Cùl-chàinidh e iadsan a bheir barrachd air, agus bheir e droch bharail seachad air gach ni tha iad a' deanamh. Air an aobhar sin bithidh e as eugmhais sonais agus cliù, agus thig e mu dheireadh gu bochd- ainn ao;us truaighe.

(N.) Tharruing na h-Eiphitich dealbh na h-Aìmsìr le tri chinn. An ceud cheann, eadhon ceann maduidh-alluidh ghionaich, le beul fosg- aihe, airson na h-Aimsir achaidh seachad; do bhrìgh gu'n d'ith an Aimsir sin suas cuimhne gach ni a chaidh dheanamh fo'n ghrèin, agus nach toir i tuilleadh air ais na làithean agus an cothrom a mhi-ghnàthaich mac an duine. An dara ceann, eadhon ceann leòmhain air a chrùn- adh, air son na h-Aimsir a ta làthair; do bhrìgh gu bheil uachdaranachd aig an Aimsir sin air na h-uile ghnìomharaibh, agus gur e deadh bhuil a thoirt aisde bheir buaidh do"'n duine, agus a chrùnas e le h-urram agus le glòir. An treas ceann, eadhon ceann madaidh chealgaich, a' sodal air son na h-Aimsir ri teachd ; do bhrìgh gu bheil i a' beathachadh cuid do dhaoinibh le dòchas mealkach, g'an luasgadh thairis gu codal cealgach le a miodal ; agus fadheoidh

26

g'an tarruing gu bochdainn agus truaighe. Tha na samhkiidhcan so gu soilleir a"* ciallach- adh nach tig an Aimsir a chaidh seachad tuille air a h-ais, agus nach faighear gu sìorruidh greim air sC chothrom a chaidh aon uair a chall : nach 'eil san Aimsir ri teachd ach neo-chinnteach, agus nach 'eil san dòchas tha i ag altrum ach dòchas faoin agus mealltach ; agus air an aobhar sin gur e dleasdanas gach neach deadh bhuil a thoirt as an Aimsir a ta làthair, agus na mionaidean tha iad a"* sealbhachadh a ghnàthachadh chum leas an anama, do bhrìgh nach 'eil còir aca air mionaid roimh no an dèigh sin, agus " nach eil obair no innlearhd, eòlas no ghocas san uaigh chum am bheil iad uile trialL'"

(().) B'urrainn duine diadhaidh àraidh a ràdh 'nuair a blia e aosda, " Rinn mi seirbhis do Chriosd o cheann iomadh bhadhna, agus gu ruige so bhuin e gu caoimhneil rium, agus cha do leig e uireasbhuidh no dìth orm." Tha gach ni a ta fo'n ghrein buaiheach do chaoch- ladh. Ni beartas sgiathan da fein ''nuair nach ' eil diji.l againn ris, agus mar fhaileas no mar sgàile na h-oidhche siùbhlaidh o gu grad air falbh. Treigidh cairdean duine e gu minic na airc agus**na thrioblaid ; ni an saoghal tàir agus dìmens air an duine bhochd ; ach esan a chuireas a (Jhòchas ann an Dia, cha'n f hàg agus cha treig se e a chaoidh.

Am bheil ni air bith ma ta ni''s amadaiche na bhi suidheachadh ar n-aigne air nithibh talmhaidh a ta neo-mhaireann 'nan nàdur; nc ni air bith ni's mealltaiche na bhi 'g iarraidh ar cuibhrionn am measg nan nithe sin a ta air an comharachadh le laigsinn agus diomhanas? Ged shoirbhich an saoghal so leinn car tamuill bhig, agus ged fhàs sinn mòr ann an saoi- bhreas, agus ann am maoin, cha'n "'eil gealladh igainn gu'n sealbhaich sinn iad car aon mhion- aid ; ach esan a ghluaiseas a reir toil a Shlàn- uighir, gheibh e sìth cogais san t-saoghal so, agus crùn a rahaireas gu sìorruidh san t-saogha. ri teachd.

(P.) Tha cridhe nah-òige cealgach, a ceum- anna sleamhainn, agus do bhrìgh gu bheil i a dh' easbhuidh gliocais, tha i ealamh air tuit- eam ann an iomadh gàbhadh agus cunnart. Cha chreid sluagh òg nach ""eil iad fein ghc, Pgus comasach air an ceumanna a stiùradh. Tha an cridhe aira thogail suas lc dòchas, agus tha iad a' sealltuinn air gach ni o'n taobhis soiUeire agus is maisiche 'nam beachd fein. Cha^'n iong- nadh ma ta ged tha iad gii niinic mearachdach 'nam barail, agus ged tha iad gu minic a' tuit- eam am buaireadh agus an olc. As eugmhais Dhè 'na fhear-stiùraidh dhoibh, agus as eugmhais eòlais air a thoil naoimh agus ghlòr- mhoir, feumaidh iad bhi air an tonn-luasgadh a null agus a nall le"*n aignibh neo-shuidhichte.

28

Agus do bhrìgh nach "'eil iad an còrnhnuidh a' leigeil an taice ris-san a ta a mhàin comasach air an cumail suas, agus do bhrìgh nach 'eil toil aca, ann an àrdan an inntinn, bhi ùmhal dhasan a chruthaich iad, tha e 'gam fàgail "■nan creich do aineolas agus do dhoille inntinn. Uime sin is còir do gach òganach guidhe gu dùrachdach air Dia gu'n tèarnadh se e o gach barail fhaoin agus chealgaich mu thimchioU a neirt fèin ; gu'n stiùradh se e air an t-shghe tha treòrachadh chum sonais shìorruidh, agus gu''n tugadh e gràs a^s comhfhurtachd dha ann an a thrioblaid g'a neartachadh agus g'a chumail suas.

(Q.) Is còir do gach neach na sàbaid a naomhachadh, agus a bhi bunailteach 'na fhrith- ealadh do'n Eaglais. Gun teagamh tha e fìor nach 'eil gach neach tha cùramach mu dhol do'^n Eaglais an còmhnuidh maith ; ach tha e f ìor mar an ceudna gu bheil iadsan tha fuireach air an ais o'n Eaglais am bitheanta olc agus mi- dhiadhaidh. 0^^"*^ 'eil so 'na aobhar iongantais; oir dh'orduich Dia dhuinn seirbhis a dheanamh dha 'na thigh-aoraidh, agus ma bhitheas sinn eas-umhal da sa'' chùis so, bithidh sinn eas-umhal da anns gach ni eile tha e'g orduchadh dhuinn, 'nuair a thig buaireadh làidir 'nar rathad. Agus a thuille air sin 'se a' chrioch a ta againn san amharc, le bhi dol do'n Eaglais, eòlas fhaot- ainn air ar dleasdanas do Dhia agus dhuinn

29

fèin, chum gu'm bi ar n-inntinn air a daing- neachadh an aghaidh buairidh agus uilc an t-saoghail so, agus gu'm bi ar ceurnanna air aii stiùradh san t-slighe tha treòrachadh a dh'ionn- suidh beatha. Air an aobhar sin thig a' mhuinntir tha mi-naomhachadh na Sàbaid, agus tha a' diùltadh teachd cruinn an ceann a chèile gu aoradh a thoirt do Dhia, fadheoidh gu bochdainn agus lèir-sgrios.

AN DARA EARRANI^.

1. Is duine glic esan a rannsaicheas a mach cùis. Fhuair e ionmhas fo'n talamh. Bha an t-airgiod folaichte aig an cùl an duirn. Chuir e slabhraidh òir m'a mhuineal. Cha'n aìthne dhomh neach a ghabhas coimeas ris. Bha an t-òganach innleachdach. Giorraichear làith- ean nan aingidh air thalamh. Tha am meas so taitneach do'n t-sùil. Is còir teanga bheum- nach a sheachnadh. Thàinig an t-uisge nuas "*na shruthannaibh brais. Bithidh an droch dhuine air fhuathachadh leis gach neach.

2. Na cronuich neach air bith ann an corr- uich. Is droch clann iadsan a ni fochaid air an athair, agus nach toir ùmhlachd d'am màthair. Ni làmh nan dìchiollach beartach. Chaidh a' chlann air seacharan leis a' cheò. Oibrichidh na

eS

30

h-eich o mhaduinn gu feasgar. Natreig agus na diobair am bochd 'nuair tha e ""g iarraidh còmhnaidh uait. Tha amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh ; ach fògraidh an t-slat air falbh e.

3. 0^^""^ àill le amadan dealachadh ri amaid- eachd. Tha sealladh uaibhreach 'na ghràin- eileachd ^0'^ Tighearn. Biodh agad meidh- ean cothromach, agus tomhaisean ceart. Cha'n 'eil an t-amadan a' socrachadh a chridhe air gHocas. Esan a dhealbhas breugan thig e gu nàire. Seachainn aimhreit agus iarr sìth. Treòraichidh shghe an fhìrein a dh' ionnsuidh beatha. Cha choidil an t-aingidh mur dean e olc. Tha deadh bheusan ro luachmhor. Na miannaich cuid do choimhearsnaich. Beartaich do charbad, agus lean air a thòir. Bha cuid- eachd mhòr aig a bhanais.

4. Tha fireantachd an àite-còmhnuidh nan lonracan. Foillsich dhomh brìgh nan nithe a chuala mi. Cha nàraichear duine fireanach am feasd. Tha gnothuch cudthromach agam riut. Coimhlion an ni a gheall thu dhomh. Ardaichidh ghocas duine. Tha e iriosal ""na inntinn, agus air an aobhar sin tha e measail. rha do bhràthair ag èigheach a'd' dhèigh. Meudaichidh an duine a ta cùraniach a stòras. Tha an t-òganach sgiamhach. Cha ghluaisear am firean gu bràth. Cha duine seasmhach duine breugach. Thig bochdainn agus nàire airsan a leunas ainmdheachd.

31

5. Nabi aM' chompanach aig luchd fanoid Tha a' chraobh fallain. Dùisgidh duine fear- gach suas aimhreit. Atharraich do chos o thigh do choimhearsnaich. Rinn e gairdeachas "na chridhe. Ni deadh uachdaran ccartas agus breitheanas do gach neach. Bha iota mhòr orm. Shlànuich a' chreuchd, agus dh"* fhàs an duine làidir. Tha iomadh eascaraid aig mac an duine. Fuasgail an t-each. Thoir comh- fhurtachd do'n bhochd, agus nochd tròcair dhoibhsan a ta an trioblaid. Bi cinnteach gu bheil an ceartas agad. Sìn dhomh cupan do'n uisge. Tha na gabhair ag ionahradh air na cluainibh. Teasairg an duine bochd, agus an dìlleachdan. Na sàruich neach air bith.

6. Tha an Tighearn gràsmhor agus truac- ant ; ni e iochd orrasan a chuireas an dòigh ann. Thig caoimhneas o bhillibh nam fìrean. Thaan duine a dh' fheuch mi dhuit an so eus- lainteach. Thog e bùth dha fein, agus ghabh e còmhnuidh ann. Rannsaich do chridhe gu minic, agus ma tha smuainte olc a' gabhail còmhnuidh ann, guidh air Dia gu'n tugadh e dhuit còmhnadh a spioraid a smachdachadh truaillidheachd t'aigne, agus "'gad ghleidheadh o gach gàbhadh a 3^"*^ heudas tachairt duit.

AN lOLAIR.

Am measg eunlaith an adhair cha'n 'eil a h-aon cho làidir agus cho garg ris an iolair. Ni 1 a nead ann an sgeiribh àrd-chreagan, fad

32

o àite-còmhnuidh dhaoine ; agus an uair a bheir i a mac a h-àl, altrumadh i iad le pail- teas do shithionn. Marbhaidh i cearcan- fraoich, agus uain, agus air uairibh caoraich air an son, agus cha leig i dìth ni air bith orra gus am fàs iad làidir agus comasach gu solar air an son fèin. Mairidh an iolair beò gus am bi i dlùth air cheud bhadhna. Tha seòl aice air a cloimh a thilgeil 'nuair tha i fàs trom agus mall, agus air an dòigh so tha i ""ga neartachadh fein mar gu'm pilleadh a h- òige a rìs. 'Se so tha an Salmadair a' ciallach- adh Viuair tha e 'g ràdh "Gu'n sàsuich maitheas an Tighearn beul an duine, air chor is gu'n ath-nuadhaichear "*òige mar òige na h-iolaire."

MU CHREIDIMH ABRAHAIM.

Chum creidimh Abrahaim a dhearbhadh, dh' orduich Dia dha a mhac Isaac a ghabhail, agus a thoirt suas mar ìobairt-loisgte ann an tir Mhoriah. Ged bha gràdh mòr aig Abra-, ham d''a mhac, agus ged bha e ro-dhoiHch a làmh a thogail 'na aghaidh, cha do chum so e o bhi umhal do thoil De. Chaidh e dh"* ionn- suidh an àite a dh'orduich Dia dha, agus thug e leis fiodh agus teine chum Isaac a thoirt suas mar ìobairt-loisgte ; ach an uair a cheangail e a mhac air an altair, agus a shìn e mach a làmh g'a mharbhadh, ghlaodh aingeaJ an Tighearn ris, " Na dean cron air a** ghilie, oir tha mi fiosiach gu bheil eagal De ort, do

bhrìgh nach do chum thu do mliac, eadhon t^aon mhac, uamsa.*" Thig iomadh ni ""naì crannchur san t-saoghal so a cliuireas ar creidimh gu dearbhadh cruaidh, ach iadsan a shuidhicheas an dòchas air freasdal Dè, mar a rinn Abraham, saoraidh e iad anns gach cruaidh-chàs, agus bheir e air an trioblaidibh, nach mair ach seallain, oibreachadh fadheoidh chum maith an anama neò-bhàsmhor.

NA SEILLEINEAN.

Tha tri seòrsa sheilleinean a' gabhail còmh- nuidh anns gach sgeap ; 'siad sin na seiJl- einean òga ; na seilleinean dìomhain, agus a' bhan-righ. an t-samhraidh tha na seill- einean òga ro-ghnìomhach, a** deanamh suas chìrean^ agus 'gan lionadh le mil ; ach tha na seilleincan dìomhain sC fantuinn an còmhnuidh san sgeap, agus ag òl na meala a ta a"* chuid eile a' tional. Aig deireadh an t-samhraidh, 'nuair a ta a' chìr-mheala làn, agus an obair thairis, tha na seilleinean dìomhain air an tilgeadh a mach le cach o'n sgeap, agus air am marbhadh, no air am fàgail gu bàsachadh le fuachd agus le gorta.

Tha ban-righ anns gach sgeap, a' riaghladh agus a' cumail orduigh am measg nan seillein- ean. Cha lcum sgeap mur falbh i air an ceann, agus ma gheibh i bàs fàsaidh iad mall 'nan obair, agus thèid iad ma dheireadh gu neo-ni. Oibrichidh an seiUein gu dìchiollach

34

air feadh an t-samhraidh chum gu'm bi pailt- eas aig air feadh a"* gheamhraidh : Agus naeh còir d'a so gach leisgean a theagasg, gu bheil e mar f hiachaibh air dìchioU a dheanamh air son na beatha a ta làthair, "'nuair tha e òg agus comasach air so a dheanamh ?

AN DILE.

'Nuair a dh'f hàs an cinne-daoine ro aingidh, bha corruich air Dia riu, agus thubhairt e gu'n sgriosadh e iad bhàrr aghaidh na talmh- ainn. Chum so a dheanamh dh"* fhosgail e tuil-dhorsa nan nèamh agus dhòirt e uisge a nuas air an talamh, gus an d"* èirich an dìle ou h-àrd os ceann nam beann. Leis an dìle so dh"* eug gach uile fheòil a bha gluasad air an talamn, saor o Noah agus a theaghlach. Bha iadsan air an tèarnadh san àirc a thog ad, do bhrìgh gu''n robh gràdh aig Dia dhoibh ; agus maiUe riu dithis do gach seòrsa do uile bheathaichibh na talmhainn.

An dèigh do Noah bhi fhichead san àirc, chuir e mach an columan a dh"* fheuchainn an do thraogh an dìle; agus co luath "sa thuig e gu'n robh an talamh tioram, chaidh e fèin agus a theaghlach a mach as an àirc, agus thog iad altair do Dhia, agus rinn iad aoradli dha. Tha an eachdraidh so a"* nochdadh dhuinn gu''n toir Dia air uairibh na h-aingidh gu breitheanas san t-saoghal a ta làthair ; agus aig an àm cheudna gu''m bi a fhreasdal

35

cairdeil mu thimchioll a shluaigh fèin, agus gu'n glèidli e tearuinte iad, mar a ghlèidh e Noah, am measg gach tuiteamas tha tachairt mu"'n cuairt doibh.

MU THIMCHIOLL NAOMI.

Ann an làithibh nam breitheamhna, air bhi do ghorta mhòr ann an tìr ludea, chaidh Naomi agus a fear agus a dithis mhac air chuairt gu tìr Mhoaib. Am feadh a bha iad a chòmhnuidh san àite sin fhuair teaghlach Naomi bàs, agus dh"* fhàgadh a' bhean as eugmhais a dithis mhac agus as eugmhais £ fir. Beagan làithean an dèigh so, chual Naomi gu'n d'amhairc Diaair a shluagh Israel le aran a thoirt doibh ; uime sin chaidh i mach as aii àite san robh i, agus a bhan chUamhuin, Orpah agus Rut, maille rithe, agus dh'imich iad air an t-sHghe gu dol air ais do thìr ludah.

Ach thubhairt Naomi ri bhan chliamh- uin iad a phiUtinn gu tigh am màthar, dc bhrìgh gun deach làmh an Tighearn a mach 'na h-aghaidh, agus gu'n d' thàinig sgrios aii gach ni a shealbhaich i. PhiU Orpah, ach dhlùth-lean cridhe Rut r'a màthair-chèile, agu3 thubhairt i rithe " Na h-iarr orm t'fhàgail no piUtinn o bhi 'gad ìeantuinn : oir ge b'e taobh a thèid thusa, thèid mise ; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh : is e do shluagh-sa mo shluagh-sa, agus do Dhia-sa mo Dhia-sa. Far am faigh thusa bàs gheibh

S6

niise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gu'n deanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuille mar an ceudna ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa."

AM FITHEACH.

Tha am fitheach 'na eun làidir agus garg : 'Se is àite-còmhnuidh dha àrd-mhonadh, far am bheil pailteas do eunlaith agus do sprèidh g'^a chumail suas. Cosmhuil ris an iolair tha am fitheach a'' teachd beò air eoin bheaga, air uain, agus, feadh a' gheamhraidh, air cairbh bheath- aichean tha faotainn bàis le plàigh, le fuachd, no le gorta. 'Se an t-sùil a"" cheud ni air am bheil am fitheach a"* toirt ionnsuidh 'nuair tha e 'g iarraidh cobhartaich ; agus tha e gu minic a' dalladh chaorach le a sgiathaibh, agus an sin a' spìonadh a mach an sùilean, agus ""gam marbhadh. Bha an cleachd so aig Solamh 'na bheachd, 'nuair a thubhairt e, " An t-sùii a ni magadh air athair, agus a ni tarcuis air umh- lachd d'a mhàthair spìonaidh fithicli a"* ghlinne mach i, agus ithidh na h-iolairean òga suas i."^

MU BHREUGAIBH.

An ti a ni olc pillidh e air a cheann fèin, agus esan a thrèigeas an f hirinn, cha toir neach air bith creideas da. Bha e ""na chleachd aig òganach a bha "*g ionaitradh treud ""athar sa"* mhachair bhi 'g eigheadh gu h-àrd gu'n robh madadh-alluidh am measg nan caorach. Bha

37

e deanamh so air son spòrs da fèin, agus 'nuair a chruinnicheadh na seirbhisich le cabhaig g'a jchòmhnadh, dheanadh e fanoid orra do bhrìgh gu''n do chreid iad e. Air àraidh thachaire 'gu''n d'thàinig madadh-alluidh, agus gu"*n d' thug e ionnsuidh air na caoraich ; ach ge do ghlaodh an t-òganach gu àrd air son cabhair, agus ge do ruith e dhachaidh dh'ionnsuidh 'athar agus a bhràthar, cha d' thug aon diubh creideas da. Air an aobhar sin fhuair am madadh-alluidh a chead caor a mharbhadh, agus caor eile a ghiulan air falbh as an treud.

Thachair e thuille air sin, 'nuair a bha an t-òganach a'' ruith air ais a dh'ionnsuidh nan caorach gu'n do thuit e, agus gu'n do bhris e a chos. Ghlaodh e ris gach neach a bha gabhail an rathaid cabhair a dheanamh air ; ach cha d'thug aon neach creideas da, do bhrìgh gu'n robh e 'na chleachd aig bhì mealladh sluaigh air son spòrs dha fèin, agus air an aobhar sin sheach- ainn iad an t-àite san robh e 'na luidhe. Chunn- aic agus mhothaich e nis an t-olc a thug e aii fein le 'dhroch sheòl ; agus an uair a bha e ann an cràdh mòr, agus a' gul gu goirt, thug e bòid nach cluinneadh neach tuille e a' labhairt bhreug.

Aig tràth fe^sgair, 'nuair nach robh e teachd dhachaidh leis an treud, chaidh 'athair a mach dh' fhaicinn ciod a thachair dha, agus fhuair se e 'na luidhe aig bun cnoic, agus a chos briste. Dh'aidich an t-òganach gu'n robh c-

D

S8

ro-dhoilich air son a sheòlanna seachranach, agus gheall e, nan tugadh 'athair maitheanas da an aon uair so, nach tigeadh breug tuille a mach à bheul. Ghiulain 'athair dhachaidli e, agus thug e maltheanas dha, a chionn gu'n do ghabh e aithreachas. Ach thubhairt e ris, Feumaidh tu maitheanas iarruidh o Dhia, an aghaidh an do pheacaich thu gu mòr, agus guidhe air gu'n gleidheadh e thu o olc san àm ri teachd. Rinn an t-ògannach a rèir na h-àithne so, agus le gràs Dè, agus le giulan ciatach agus ceart, thug se e fein gu creideas a rìs, agus bha gràdh aig gach neach dha.

AN TRAILL.

Chaidh òganach, a bha "na thràill aig fear- fearainn, ann an Innsibh na h-aird-an-iar, air àraidh a dh'eisdeachd searmoin,agus air dha fios fhaotainn mu thimchioll an t-Slànuighir, agus eifeachd na h-ìobairt a thug e seachad air son pheacanna sl chinne-daoine, chreid e ann, agus dh' fhàs e 'na fhior-chriosduidh. Chunnaic a mhaighstir so ; agus do bhrìgh nach robh tlachd air bith aig fein do dhiadhachd, dh''orduich e dha gun bhi tuilleadh a' dol a dh''èisdeachd an t-searmonaiche. Ach dh'iunnsaich an t-ògan- ach o'n Bhiobul gu'm b''e a dhleasdanas Dia a thoileachadh, agus cha''n e duine ; agus uime sin chunnaic e gu'n robh e mar fhiachaibh air a mhaighstir a dhiùltadh sa'' chùis so. Chual a mhaighstir so,agusairdhaant-òganach aghairn)

59

'na làthair, labhair e gu coimheach ris, ag dh''orduich e a bhualadh le cùig buillibh fichead Air do'n òganach na buillean fhulang, dh' fheòr- aich amhaighstir dheth, ag ràdh, *' Ciodis urr» ainn Criosd a dheanamh air do shon a iiis ?' " Tha e g'a mo neartachadh gu so a ghiulan le foighidin," thubhairt an tràill truagh. " Thug- aibh cùig buille fichead eile dha,'' thubhairt am maighstir neo-sheirceil r'a sheirbhisich. Chaidh so a dheanamh : " Agus ciod is urrainn Criosd a dheanamh air do shon a nis ?'"' dh' f heòraich an droch dhuine so dheth ? " Tha e 'gam threòrachadh gu sealltuinn air son duais agus fois o thrioblaidibh na beatha so an taobh thaL do'n uaigh,"" ars' an t-ògana<.h bochd. Ad sin dh"* orduich am maighstir neo-thruacant so cùig buiUe nchead eile a thoir' da ; agus an uair a bha e ag eisdeachd rV osnaich agus r'a acain, agus 'ga fhaicinn a' fàs fann a dhìth fola, dh' fheòraich e dheth, ag ràdh, " Ciod is urrainn Criosd a dheanamh air do shon a nis ?" Fhreagair an t-òganach e gu ciùin agus thubh- airt e ris, " Tha e 'gam chuideacha^h gu urnuigh a dheanamh air do shon-sa, agus gu guidhe gu"'m bitheadh Dia tròcaireach dhuit air son do pheacanna ;"" agus air dha na focail so a labhairt fhuair e bàs.

Tha tràiUeileachd 'na ni ro ghràineil, agus a' dol gu fad an aghaidh còir-bhreith a"* chinne- daoine. Chruthaich Dia an duine air tùs ann an staid àrd agus mbheach ; dh' fhàg se e gu

40

saorsa a tlioir feir, agus thug e dha uachdaran- achd os ceann uile oibre a làmh. Air an aobhar sin tha gach neach a ta ga thoirt am braìghdeanas, agus a ta ga dheanamh 'na thràill d'a thoil fèin, agus ga sgiùrsadh le buiUibh gach uair a bhios e ann an corr- uich ris, a^ dol an aghaidh lagh naduir an duine, agus a"* cruadhachadh a chridhe fèin an aghaidh seirceileachd agus caoimhneas. A thuilleadh air sin, tha e gu minic a' mi-ghnàth- achadh na còire mi-laghail a fhuair e. Tha e fàgail beatha an t-sluaigh a ta fuidhe searbh, agus air uairibh g''an sgìùrsadh gu bàs, mar a rinn maighstir an òganaich air an robh sinn a' labhairt. Uime sin tha e mar fhiachaibh air gach neach oidhearp a thoirt, agus dichioll a (lheanamh,gu crioch a chur air daorsa am measg a' chinne-daoine.

AN T-OGANACH AN-IOCHDMHOR.

Tha an t-òganach ris an robh thu còmhradh an a' gabhail mòr-thlachd ann an gnìomhar- aibh borb agus olc. Ni e gach ni is urrainn da chum inntinn sheirceil agus aignean caoimh- neil a chràdh. "'Nuair a bhios e ri cluich maiUe v'a chonipanaich, dealbhaidh e gach ni a ta "*na chomas chum strì agus aimhreit a dhùsgadh suas eatorra, agus cha ghabh e fois mur cuir e crìoch air an cairdeas agus air an spòrs. The e a ghnàth buaireadh agus a^ cur dragha air a' nihuinntir a's òige na e fein, agus thaegabhail

41

tlachd 'nuair a chi e iad a' dol air seacharaii. agus a' tuiteam ann an olc. Ni e spìd ait sluagh bochd, agus tha am bodhar agus an dall 'nan aobhar spòrs da an còmhnuidh.

A nis, mo leanabh gràdhach, cha'n 'eil mi ag innseadh so dhuit chum gu'n gabhadh tu fuath dheth ; oir cha'n 'eil e ceart duinn fuath a thoirt do neach air bith, eadhon dhasan a ta gabhail tlachd ann an truaigh muinntir eile. Ach tha mi a' nochdadh cia cho borb 'sa ta e^ chum gu'n gabhadh tu rabhadh o a dheanada^ agus gu'*n seachnadh tu a choluadar. Uime sin tha mi guidhe ort fantuinn uaith gus am maothaich Dia a chridhe gu seirc agus gu giulan ceart ; agus iarr an còmhnuidh gu'n tugadh an Tighearn duit fein cridhe maoth agus iochd- mhor, agus gu'n cumadh e thu o thuiteam am buaireadh agus an olc. Biodh an gràdh sin agad nach oibrich olc do neach air bith : Lean eisempleir an t-Slànuighir, a bha a ghnàth dol mu'n cuairt sC deanamh maith. Nochd iochd do'n truaghan agus do'n fheumach, agus bheir t' Athair gràsmhor nèamhaidh, a chi an uaig- nidheas, duais dhuit gu follaiseach.

NA SEANGAIN AGUS NA CUILEAGAN.

Ann an oisinn gàraidh tuathanaich bha dùn slieangan. Air feadh an t-samhraidh bha iad ro-dhichiollach o mhoch gu h-anmoch, a' tarr- uing bìdh a dh' ionnsuidh an dùnain. Dlùth dhoibh bha leabadh phlùrain far am bu ghnàth- d3

42

ach le àireamh mhòr do chuileagaibh bhi n ciuich agus ri mire, 'nuairabhi iad ag itealaich o aon diubh gu h-aon eile. Bha mac aig an tuathanach a chleachd bhi toirt fa'near giulan nan creutairean so. Bha iongantas air gu'n robh dealachadh co mòr eadar an dòigh anns an robh na seangain agus na cuileagan a' teachd beò ; agus air dha bhi ro òg agus air bheag eòlais, labhair e aon ri 'athair air an dòigh so, " Am feud creutair air bith bhi cho baoth ris na seanganaibh so? an tha lad ag oibreachadh gu goirt, an àite bhi ri cluich agus a' gabhail suaimhneis dhoibh fèin mar na cuileagan, a ta, a rèir coslais, ni's sona na creut- air air bith eile fo''n ghrein.

Ann an ùine ghoirid an dèigh dha so a labh- aìrt, dh'fhàs an aimsir fuar. Is gann a bha a' ghrian a"* dealradh air feadh an là, agus bha reodha agus fuachd an cois na h-oidhche. Air do'n òganach cheudna bhi 'g imeachd sa' ghàr- adh cha'n fhac e aon do na seanganaibh, ach chunnaic e na cuileagan 'nan luidhe an so agus an sud, cuid diubh cheana marbh, agus cuid eile air ti bhi marbh. Airdha bhi teo-chridh- each ghabh e truas do na cuileagaibh, agus dh' f heoraich e ciod bu dol do na seanganaibh a chunnaic e san àite cheudna. Fhreagair 'athair e, "Tha na cuileagan marbh, dobhrìgh gu'n robh iad gun chùram, agus nach do thaisg iad lòn doibh fèin fa chomhair an fhuachd ; ach tha na seangain, a bha dichioll-

43

ach aii' feadh an t-samhraidh, agus a thaisg suas lòn doibh fèin fa chomhair airc, beò agus slàn, agus chi thu iad a rìs co luath 'sa thig aiteamh agus blàthas.'"*

" A mhic, is còir dhuinn gliocas f hoghlum o j chleachda nan creutairean so. Ma chaitheas sinn an t-earrach agus an samhradh ('se sin aimsir ar n-òige,) ann an cleasaibh faoin, ma ruitheas sinn an dèigh chuspairean diomhain, agus ma leigeas sinn seachad ar n-aimsir gun deadh bhuil a thoirt aisde, bithidh geamhradh ar sean aois gun urram agus gun chliu, agus bithidh crioch ar beatha brònach thar tomhas. Ach ma ni sinn strì ann an làithibh ar n-òigg chum eòlas a ghabhail air Dia, agus ionmhas thasgaidh suas sna nèamhaibh, gheibh sinn sìth cogais agus dòchas diadhaidh a ghiulaineas suas sinn'narn-uilethrioblaid; agusfadheoidh bith- idh àite air ulluchadh dhuinn san ionad ghlòr- mhor sin far am bheil ar n-Athair nèamhaidh a' gabhail còmhnuidh ann an sònas siorruidh.""

Thug an t-òganach deadh aire do na mthibh a thubhairt 'athair ris. Chunnaìc e gu'm bV ""dhleasdanas bhi ri saothair araon aig an tigh agus san sgoil. Bha tlachd aig bhi leughadh a leabhair, agus rinn e gu toileach gach ni a dh'iarr a pharantan air. Air dha bhi a ghnàth ri saothair laghail agus cheart, cha do thuit e ann am buaireadh no ann an olc mar a rinn a chompanaich dhiomhain. Mar a dh' fhàs e suas ann am meud, mar sin dh'fhàse suas anp

44

an eòlas agus ann an deadh bheusaibh. Agus tre bheannachadh Dhè, anns an robh e gach uair a'' cur a dhòchais, agus air son an robh e gach ag urnuigh, fhuair e soirbheas agus meas san t-saoghal so. Bha a làithean fad, agus crioch a bheatha taitneach.

AN SIONNACH.

Gheibhear an sionnach cha mhòr anns gach cearn do'n domhain. Buinidh e do^i aon seòrsa ris a' mhadadh. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach, agus 'earball fad, dosach, agus breac. Tha an toll sam bheil e sC gabhail còmhnuidh am bith- eanta fo'n talamh no ann an sgeiribh chreag. Cha'n f hàg e a gharadh gu feasgar ; agus an sin thèid e mach air feadh nan coillteach agus an fhearainn air son cobhartaich, agus fanaidh e am muigh gu maduinn. ""Se is biadh dha a' mhaidheach, an coinean, cearcan agus eunlaith do gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna faimh, radain, agus luchaidh ; agus tha e ro dheigheil air ùbhlaibh agus air gach gnè meas.

Ged tha an sionnach ro dhiùbhalach am measg eunlaith agus uan, tha e deanamh feum mòr le bhi cur as do iomadh creutair raillteach agus gràineil. Ann an Sasunn, agus ann an iomadh àite eile do''n domhain, tha an sionnach a' toirt mor-shùgradh agus aighear do luchd- seilg. Tha na sealgairean a' marcachd "'na dhèigh, agus ""ga ruagadh le madaibh ; ach is

45

tric a sgìthicheas e na coin, na h-eich, agus na Sealgairean; agus feudaidh e bith, an dèigh dhoibh a leantuinn car leth-cheud mìle, gu'n toir e an car asda m'a dheireadh, gu'n ruig e ionad folach èigin, agus gu'n tearuinn e a bheatha.

Tha an sionnach ro innleachdach chum breith air a chobhartach, agus chum a naimhd- ean a sheachnadh. Tha so co aithnichte do gach neach is gu'n abrar mar ghnàth-fhocal ri duine carach agus cuilbheartach, " Gu bheil e co seòlta ris an t-sionnach." ''S iomadh sgeul a dh"* innsear mu thimchioU an t-sionnaich agus mu thimchioll nan innleachdan tha e gnàthach- adh a mhealladh a naimhdean. Bha aon do na creutairibh so gu tric air a dhlùth-leantuinn le madaibh, ach chaidh e as a ghnàth le bhi ruith gu mullach creige corruich, far an robh àite-tuinidh aige ; agus is minic a thachair e, 'nuair a bha na madaidh an dian-thòir air, gu"'n deach iad thar a' charraig, agus gu'n do mharbhadh iad.

Le bhi gabhail beachd air an àite so, fhuair an luchd seilg a mach mu dheireadh gu'n robh garadh aig an t-sionnach ann am beul eudain na carraig, agus gu'n robh e a' greimeachadh le 'f hiaclaibh ri slait làidir a bha fàs aig taobh a thuill, agus air an dòigh so ga thilgeadh fèin a steach ann. Ach tha innleachd an duine ni s na seòltachd an t-sionnaich. Ghearr na sealgairean an t-slat, agus chum an car a thoirf

46

as an t-sìonnach, dh'fhàg iad i 'na seasamh far an robh i. An ath-uair a chaidh an sionnach a ruagadh, ruith e gu bile na carraig mar a b' abhaist da, rug e air an t-slat "*na fhiaclaibh, ach ghèill i roimhe, agus thuit e sios car air char gu iochdar na carraig, agus air an dòigh so reubadh 'na bhloighdibh e.

Tha iomradh againn gu minic air an t-sionn- ach sna sgrioptuiribh. Le tri cheud diubh so chuir Samson teine ri arbhar nam PhiHsteach do bhrìgh gu''n d"* rinn iad eucoir air. Ghoir ar Slànuighear sionnach do Herod a thug an ceann do Eoin l^aiste, do bhrìgh gu'n robh e seòlta agus fuileachdach cosmhuil ris an t- sionnach : Agus tha e 'g iomradh ann an àit eile m^'a thimchioU fèin, " Gu''n robh tuill aig na sionnaich agus nid aig eoin an athair, ach nach robh aig mac an duine àite san cuireadh e a cheann fmdhe.'" Bha ionad-fasgaidh aig uile chreutairibh an domhain, 'nuair a bha esan a chruthaich gach ni, agus a bha a ghnàth dol mu''n cuairt a' deanamh maith, gun àite san gabhadh e tàmh.

Mu"'n GHOBHLAN-GHAOITHE.

Tha an gobhlan-gaoithe a'' teachd do'n dùthaich so aig toiseach an earraich, 'nuair tha an a' fàs fad agus an aimsir blàth. Tha i a' deanamh suas a nid do chrè agus do iàthaich ; agus tha a nead am bitheanta air a logail ri cinn thighean, no ann an oisinn nan

47

uìneaga. Siubhlaiilh an gobhlan-gaoithc le mòr-luathas. Tha i a' glacadh chuileagan agus bheathaichean beag sgiathach eile, 'nuair tha i air iteig sna speuraibh, agus leo sin tha i 'ga beathachadh fèin, agus a' beathachadh a h-àlaich.

Aig deireadh an fhogharaidh, ''nuair tha an a' fàs goirid agus an aimsir fuar, tha na go- bhlain-ghaoithe a' fàgail na dùthcha so. Beag- an roimh dhoibh falbh cruinnichidh iad ann an àireamh mhòr air mullach thighean no làitean àrda eile, cuiridh iad an cèiU an rùn d'a chèile, agus air dòigh ro-iongantach ni iad deas air son an turuis do thìr fad air astar. Feudaidh sinn gliocas an Uile-chumhachdaich a thoirt fa'near sa"* chiàis so : 'nuair tha an geamhradh a' teachd dlùth oirnn tha na cuileagan a' bàsachadh, agus do bhrìgh gur ann orra so tha an gobhlan-gaoithe a' tighinn beò, tha claonadh nadurra g'a treòrachadh a dh"* ionnsuidh ionaid a ta iomchuidh fa comh- air. Air dhi an dùthaich so fhàgail, stiùr- aidh i gu dìreach air an t-shghe dh'ionnsuidh Africa, far am bheil an aimsir blàth, agus cuileagan pailt ; agus fanaidh i an sin gus an tèid an geamhradh seachad, agus gus an tig blàthas agus teas d'ar n-ionnsuidh-ne le teachd an earraich.

Tha iomadh ni aithnichte mu thimchioll nan gobhlan-gaoithe tha feuchainn duinn gu soilleir ffu bheil comhfhuìanffas aca do thriob-

48

laitlibh a clièìle, agus gu bheil fhios aca ciod an dòigh air an nochd iad an comh-fhulangas 8o. Air uair àraidh thuit nead aoin diubh o oisinn na h-uinneig san do thogadh i. Cha bu luath a chunnaic a"* chuid eile dhiubh so, na chruinnich iad cuideachd, agus ann an ùine ro-ghoirid thog iad nead eile sa' cheart àit anns an robh a' cheud nead. Air uair eile chaidh gealbhonn a steach do nead a' ghobhlain- ghaoithe 'nuair bha i air falbh a' solair lòin di fein, agus air dhi pilltinn chum a nid, shàs an gealbhonn oirre, agus cha leigeadh e steach i. Bha an gobhlan-gaoithe air a feargachadh leis an ni a chaidh dheanamh oirre, agus air dhi a chur an ceill do chàch, thàinig iad ann am mòr-àireamh le crè ^ian guib, dhùin iad suas an toll a bha san nead, agus dh' fhàg iad an gealbhonn an sin gu bàsachadh a dhìth bìdh agus àile.

Sna sgrioptuiribh tha iomradh gu minic air a dheanamh air a' ghobhlan-ghaoithe. 'Nuair a mhiannaich Daibhidh còmhnuidh a ghabhail ann an teampuU Dè, thubhairt e, *' Fhuair eadhon an gealbhonn tigh, agus an gobhlan- gaoithe nead fein anns an cuireadh i a h- àlach, eadhon t'altairean-sa, a Thighearna nan slògh."" Ann an leabhar nan gnàth- f hocal sgriobh Solamh air an dòigh so ; " Mar eun air faondradh, mar an gobhlan-gaoithe ag itcalaich, raar sin cha tig am mallachadh gun aobhai-.'" Leis na briathraibh so tha Solamh a'

4Q

ciallachadh nach dean mallachadh an namhald is mi-runaiche tuille cron duinn na ni eun air faontradh, no an gobhlan-gaoithe ag itealàich os ar ceann, mur ""eil sinn g"'a thoilltinn le ar droch dheanadas fèin. Ann am fàidheadaireachd Isaiah chronuich Dia a shluagh Israel, do bhrìgh gu'n do thrèig iad e, leis na briath- raibh so, " Seadh is aithne do'n chorra-bhan anns an athar a h-àm fein ; agus is aithne do'n choluman, agus do'n chorra-mhonaidh, agus do'n ghobhlan-ghaoithe àm an teachd; ach chsi'n aithne do m"* shluagh-sa breitheanas an Tighearna.""

30 XXX Deich thar fhichead

40 XL fhichead

50 L fhichead 'sa deich

60 LX Tri fichead

70 Lxx Tri fichead 'sa deich

80 Lxxx Ceithir fìchead

90 xc Ceithir fichead 'sa deich

] 00 c Ceud, na cùig fichead

1000 M Mìle

NA STADAN.

Iaon. aon dha.

Staid aig I ' I f had 'sa I '

a** chomh- /"'-x bhiodh >«— - "-

11 i'ì^ V ju l aon dna tn.

aradh so I I tuagradh I ji . -.i J \ ° J aon dha tri ceithir.

Cuirear an comhara so (.'*) an dèigh ceiste; agus an comhara so (!) an dèigh nithe a ta 'nan cùis-iongantais.

50 EARRAINNEAN DCTN SGRIOPTUR.

GNATH-FHOCAIL.

Caib I. 7. Is e eagal an Tighearn tùs an eòlais : air gliocas agus air teagasg ni amad- an tàir.

8. A mhic, eisd thusa ri teagasg f athar, agus na trèig lagh do mhàthar :

9. Oir 'nan coron maise bithidh iad do d' cheann, agus 'nan slabhruidh do d"* mhuineal.

10. A mhic, ma thàlaidheas pcacaich thu, na aontaich thusa leo.

Caib. II. 1. A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathra-sa, agus ma dh"* fholuicheas tu m'- àitheanta maille riut ;

2. Air chor is gu'n aom thu do chluas ri gUocas, gu''n leig thu do chridhe air tuigse :

S. Seadh ri eòlas ma dh' èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth;

4. Ma dh'iarras tu i mar airgiod, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar air son ion- mhasan folaichte ;

5. An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas :

6. Oir bheir an Tighearn gliocas ; as a bheul thig eòlas agus tuigse.

7. Tha e tasgaidh suas ghocais fhallain air

51

son nam firean : is sgiath e dhoibhsan a ghluais- eas gu h-ionraic.

Caib. III. 1. A mhic, na dìchuimhnich mo lagh, ach gleidheadh do chridhe m*' àitheanta :

2. Oir làithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhuit.

3. Na trèigeadh tròcair agus firinn thu ; ceangail iad mu d' mhuineal, sgrìobh iad air clàr do chridhe.

4. Agus gheibh thu deadh-ghean, agu tuigse mhaith an sealladh Dhè agus dhaoine.

5. Earb as an Tighearn le d' uile chridho agus ri d' thuigse fèin na biodh do thaice.

6. Ann ad uile shhghibh aidich e, agi, seòlaidh esan do cheumanna.

7. Na bi glic a'd' shùihbh fèin ; biodh eagal an Tighearn ort, agus trèig olc.

Caib. IV. 1. Cluinnibh a chlann, teagas^^ athar, agus thugaibh an aire chum gu'm faigh sibh eòlas air tuigse :

2. Oir tha mi toirt dhuitse deadh theagaisg; na trèigibh-sa mo reachd.

5. Faigh gliocas, faigh tuigse: na dìch- uimhnich, agus na claon o bhriathraibh mo bheoil.

6. Na trèig i, agus glèidhidh i thu : gràdh- aich i, agus coimhididh i thu.

7. Is e gliocas an ni sonruichte ; faigh

52

gliocas, agus maille ri d'' uile fhaghail faigh tuigse.

8. Ardaich i, agus cuiridh i suas thu ; bheir i gu h-urram thu, 'nuair a ghabhas tu a'd' ghlacaibh i.

9. Bheir i do d^ cheann coron maise : Crùn glòire bheir i seachad duit.

20. A mhic, do m' fhoclaibh thoir aire ; ri m' bhriathraibh aom do chluas.

21. Na imicheadh iad o do shùilibh : glèidh iad am meadhon do chridhe.

22. Oir is beatha iad dhoibhsan a gheibh iad, agus iocshlaint d'^am feoil uile.

23. Leis gach uile dhìchioll glèidh do chridhe ; oir as sin tha sruthanna na beatha.

24. Cuir uait am beul fìar, agus na bilean beumnach cuir fada uait.

26. Cothromaich ceumanna do chos, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh.

27. Na tionndaidh chum na làimhe deise, no clìthe : Carruich do chos o'n olc.

Caib. VI. 16. Na nithe so is fuathach leis an Tighearn ; seadh tha seachd nithe 'nan gràineileachd d'a anam :

17. Sealladh àrd, teangadh bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach ;

18. Chridhe a dhealbhas smuaintean aingidh ; cosan a bhios luath a ruith chum uilc ;

19. Fianuis bhreugach a labhras breugan.

agus esan a thogas aimhreit eadar bhràithiibh.

20. A mhic, coimhìd àithne t''athar, agus na trèig reachd do mhàthar.

21. Ceangail iad a ghnàth air do chridhe, daingnich iad mu do mhuineal.

22. 'Nuair a dh' imicheas tu, treòraichidh lad thu ; '*nuair a choidleas tu, gleidhidh iad thu; agus an uair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.

Caib. VIII. 1. Nach 'eil gliocas ag èigheach.? agus nach 'eil tuigse a' cur a mach a gutha .'*

10. Gabhaibh mo theagasg, agns cha'n e airgiod, agus eòlas thar an òr thaghta.

11. Oir is fearr gUocas na na clachan luach- mhor ; agus cha''n 'eil na h-uile nithe a dh'' fheudar a mhiannachadh r''an coimhmeas rithe.

13. Is e eagal an Tighearna an t-olcfhuath- achadh ; uabhar, agus àrdan, agus an droch shhghe, agus am beul fiar is fuathach leam.

18. Is leamsa comhairle, agus fior ghhocas ; is leamsa tuigse ; is leamsa neart.

19. Is fearr mo thoradh na òr, eadhon na òr fior-ghlan; agus mo theachd a steach na airgiod taghta.

35. Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha agus gheibh e deadh-ghean o''n Tighearna.

Caib. IX. 8. Na cronaich fear-fochaid, aii cagal gu''m fuathaich e thu : cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu. k3

54

9. Thoir teagasg do'*n duine ghlic, agus bithidh e ni''s ghce: teagaisg an duine coth- romach, agus meudaichidh e ann am foghlum

10. Is e eagal an Tighearna toiseach a ghliocais : agus is e eòlas nithe naomha, tuigse

11. Oir leamsa nithear do làithean lionmhor, agus cuirear ri bhadhnachaibh do bheatha.

12. Ma bhios tu gHc, bithidh tu ghc dhuit fein : ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fèin a mhàin a dh'iomchaireas e.

Caib. X. 4. Ni làmh na leisge bochd ; ach ni làmh nan dichiollach beartach.

17. Tha esan a choimhdeas foghlum anns an t-sHghe gu bentlin; ach esan a dhiukas achmhasan air seacharan.

18. Esan a cheileas fuath le bihbh cealgach, agus esan a labhras mi-chUu, is amadan e.

20. Mar airgiod taghta tha teangadh an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar ni nach fiu.

21. Beathaichidh bilean an fhìrein mòran ; ach eugaidh na h-amadain a dhìth tuigse.

22. Ni beannachadh an Tighearn saoibhir, agus cha chuir e doilgheas 'na chuideachd.

23. Tha e mar shùgradh do'n amadan olc a dheanamh ; ach tha gliocas aig fear na tuigse.

30. Cha ghluaisear am firean gu bràth ; ach cha ghabh na h-aingidh còmhnuidh air an talamh.

55

Caib. XI. 18. Oibrichidh ari droch dhuim obair mhealltach ; ach aige-san a chuireas fireantachd, bithidh duais chinnteach.

19. Mar so tha fireantachd chum beatha; ach esan a leanas an t-olc, leanaidh e chum a bhàis fèin e.

^O. Is gràineileachd do'n Tighearn iadsan a tha fiar 'nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a ta ionraic 'nan slighe.

21. Ged iadhadh làmh mu làimh cha bhi an droch dhuine gun pheanas ; ach saora. shochd nam firean.

22. Mar fhail òir ann an sròin muice, thl bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse.

23. Tha miann nam firean a mhàin maith ach is e dòchas nan aingidh fearg.

Caib. XII. 17. Esan a labhras an fhìrinn foillsichidh e ceartas ; ach foillsichidh fianuia bhreugach cealg.

18. Tha dream ann a labhras mar lotaibli claidhe ; ach is slàinte teangadh nan daoine glice.

19. Bithidh bile nafirmn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teangadh bhreugach ach tiota.

22. Is gràineileachd do'n Tighearn bilean nam breug ; ach is iad an dream a ni gu firinneach, a thlachd.

26. Is fearr am firean na a choimhearsnach ; ach cuiridh slighe nan aingidh air seacharan iad fèin.

56

28. Ann an slighe na fireantachd tha beatha ; agus ""na ceum cha''n 'eil bàs.

Caib. XIII. 1. Eisdidh macgUc ri teasgasg 'athar ; ach cha"'n èisd fear na fochaid ri ach- mhasan.

5. Is beag air an f hìrean na breugan ; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàr- aichear e.

16. Ni gach duine ciallach a ghnothuch le h-eòlas ; ach leigidh an t-amadan ris 'am- aideachd.

18. Bochdainn agus nàire bithidh dhasan a dhiultas foghlum ; ach an ti aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram.

19. Is miUs do^n anam am miann a choimh- Honar ; ach is beag air amadanaibh dealachadh ris an olc.

20. An ti a shiubhlas le daoinibh glic, bithidh e ghc; ach sgriosar companach nan amadan. ,

21. Leanaidh olc peacaich, ach do na fireanaibh iocar maith.

Caib. XIV. 12. Tha sHghe ann a chithear dìreach le duine ; ach is iad a cnoch sHghean a' bhàis.

16. Bithidh eagal air an duine ghHc, agus trèigidh e an t-olc ; ach tha an t-amadan borb agus dana.

22 Nach tèid iadsan air seacharan a dheal-

57

l)has an t-olc? ach bithidh tròcair agus firinn acasan a dhealbhas am maith.

26. Ann an eagal an Tighearna tha aobhar earbsaidh làidir ; agus aig a chloinn bithidh dìdean.

27. Is e eagal an Tighearna tobar na beatha chum dol as o lìontaibh a' bhàis.

29. An ti a tha mall chum feirge, tha e pailt ann an tuigse, ach esan a tha dian 'na spiorad, àrdaichidh e amaideachd.

33. Ann an cridhe an duine thuigsich gabh- aidh gUocas tàmh ; ach aithnichear an ni a ta an taobh a stigh nan amadan.

Caib. XV. 1. PiUidh freagradh mìn corr- uich ; ach dùisgidh briathra garg fearg.

2. Cuiridh teangadh nan daoine ghc an ceill eòlas gu ceart ; ach dòirtidh beul nan amadan a mach amaideachd.

3. Tha sùilean an Tighearn anns gach àit, ag amharc air na droch dhaoinibh agus air na deadh dhaoinibh.

4. Is craobh beatha teangadh fhallain ; ach is briseadh spioraid fiaradh innte.

5. Ni amadan tàir air teagasg 'athar; ach is ciallach an ti a bheir an aire do achmhasan.

6. Ann an tigh an fhìrein tha mòran ion^ mhais ; ach ann an teachd a stigh an aingidb tha buaireas.

7. SgaoiUdh cridhe nan daoine glic eòlas; ach cha dean cridhe nan amadan mar sin.

58

8. Is gràineileachd do"'n Tighearn ìobairt nan aingidh ; ach is i urnuigh nan ionraic a thlachd.

Caib. XVI. S. Thoir t^ oibre thairis do'n Tighearn, agus daingnichear do smuainte.

4. Rinn an Tighearna gach ni air a shon fèin, agus mar an ceudna an t-aingidh air son an uilc.

5. Is gràineileachd do'n Tighearn gach neach a ta uaibhreach 'na chridhe ; ged iadh- adh làmh mu làimh cha bhi e gun pheanas.

6. Tre thròcair agus firinn glanar euceart : agus tre eagal an Tighearn trèigear an t-olc.

7. An uair a ghabhas an Tighearn tlachd ann an sHghibh duine, bheir e air a naimhdibh fèin bhi ann an sìth ris.

8. Is fearr beagan le h-ionracas, na teachd- a-stigh mòr gun cheartas.

9. Smuainichidh cridhe an duine air a shHghe; ach is e an Tighearn a stiùireas a cheumanna.

Caib. XVIII. 6.Thèid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air builHbh.

7. Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe 'anama fein.

10. Is tùr làidir ainm an Tighearna : ruith- idh am fìrean d'a ionnsuidh, agus bithidh e tèaruinte.

12. Roimh so^rios bithidh cridhe duine

59

uaibhreach, agus roimh urram bithidh irios- lachd.

13. An ti a bheir freagradh ann an cùis mu'n cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e.

1 4. Giulainidh spiorad an duine a laigse ; ach co is urrainn spiorad briste a ghiulan.

15. Gheibh cridhe an duine chrionna eòlas, agus iarràidh cluas nan daoine ghce eòlas.

16. Ni tiodhlac duine àite dha, agus bheir e ''n làthair dhaoine mòra e.

Caib. XIX. 11. Nituigse duine e mall chum feirge, agus is e a ghlòir amharc thairis air eucoir.

15. Bheir leisg air duine tuiteam ann an i trom-chodal ; agus fuihngidh an t-anam diomh- i anach ocras.

i 16. An ti a ghleidheas an àithne, gleidhidh e 'anam fèin ; ach an ti a ni tàir air a shHghibh I gheibh e bàs.

17. An ti a ghabhas truas do'n bhochd, I bheir e air iasachd do'n Tighearn ; agus an ni I a bheir e uaith, iocaidh e dha a rìs. ! 18. Smachdaich do mhac am feadh a ta ! dòchas d''a thaobh, agus na caomhnadh t'anam i air soii a ghearain.

19. Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu dheanamh a rìs.

60

20. Eisd ri comhairle, agus gabh foghlum, chum gu'm bi thu ghc sCd'' làithibh deireannach.

Caib. XXII. 17. Aom do chluas agus èisd ri briathraibh dhaoine ghce, agus socraich do chridhe air m"* eòlas.

S2. Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàruich an truaghan anns a gheata :

23. Oir tagraidh an Tighearn an cùis, agus milHdh e anam na muinntir a mhilleas iad.

24. Na dean suas cairdeas ris an fheargach, agus maille ri fear 'na h-àrd-chorruich na imich;

25. Air eagal gu'n iunnsaich thu a shhgh- ean, agus gu"'m faigh thu ribe do d'anam.

26. Na bi dhiubhsan a bhuaileas an làmhan, no dhiubhsan a thèid an urras air son fhiach.

28. Na h-atharraich an seann chomhara crìche a shuidhich faithriche.

Caib. XXIV. 5. Tha an duine glic 'na dhuine làidir, agus tha fear an eòlais treun an neart.

9- Is peacadh smuainte na h-amaideachd ; agus is e fear na fochaid gràin dhaoine.

15. Na dean feall-fholach, a dhroch dhuine, ag aghaidh àite-còmhnuidh an fhìrein; na creach 'ionad tàimh.

16. Oir seachd uairean tuitidh am fìrean, agus èiridh e a rìs ; ach tuitidh na h-aingidh ann an olc.

17. 'Nuair a thuiteas do namhaid, na

61

aoibhneach, agus an uaìr a .huìslicheas e, na deanadh do chridhe gairdeachas :

18. Air eagal gu'm faic an Tighearn, agus gu'm bi e olc 'na shùihbh, agus gu'n tionndaidh e Yhearg uaith.

19. Na bi campar ort mu dhroch dhaoine, agus na gabh farmad ris na h-aingidh :

20. Oir cha bhi crioch mhaith air an droch dhuine ; cuirear lòchran nan aingidh as.

Caib. XXV. 6. Na gabh urram dhuit fein ann am fianuis an righ, agus na seas ann an àite dhaoine mòra :

7. Oir is fearr gu"'n abrar ruit, Thig an nios an so, na gu'n cuirear sios thu am fìanuis an uachdarain a chunnaic do shùilean.

8. Na gabh a mach gu h-obann gu strì, air eagal nach bi fios agad ciod a ni thu 'na dhèigh sin, an uair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu.

9. Tagair do chùis ri d' choimhearsnach, agus na foillsich rùn-diomhair neach eile :

10. Air eagal gu'n cuir an ti a chluinneai* gu nàire thu, agus nach atharraichear do mhasladh.

11. Mar ubhlan òir ann an deaibhaibh air- gid, tha focal a labhrar gu h-iomchuidh.

21. Ma bhìos do namhaid ocrach, thoir aran dha r'a itheadh ; agus ma bhios e iotmhor thoir uisge dha r'a òl .

62

2^. Oir carnaidh tu eibhle teine air a cheann, agiis bheir an Tighearn luigheachd dhuit.

Caib. XXVIII. 1. Teichidh an t-aingidh, gun neach air bith an tòir air ; ach bithidh na h- ionraic dana mar leòmhan.

4. Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h-aingidh ; ach ni iadsan a ghkidheas an lagh strì riu.

5. Cha tuig droch dhaoine breitheanas ; ach tuigidh iadsan a dh'' iarras an Tighearn na h- uile nithe.

6. Is fearr am bochd a dh'imicheas 'na ion- lacas, na esan a tha fiar 'na shhghibh, ge do robh e saoibhir.

7. An ti a ghleidheas an lagh, is mac gHc e, ach esan ata 'na chompanach do luchd-craois, nàirichidh e ""athair.

22. Ni fear na droch shùile deifir gu bhi saoibhir ; ach cha'n 'eil f hios aig gu'n tig bochd- ainn air.

24. An ti a ni reubainn air 'athair, no air a mhàthair, agus a their, cha'*n 'eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh.

25. An ti aig am bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì ; ach esan a dh'earbas as an Tighearn nithear sultmhor e.

26. An ti a dh'earbas à chridhe fein, is amadan e ; ach esan a ghUiaiseas gu glic saorar e.

' C AiB. XXX. 5. Tha uile f hocal fior-ghlan . is sgiath e dhoibhsan a chuireas an dòigh ann.

6. Na cuir-sa ni air bith r"'a bhriathraibh, air eagal gu'n cronuich e thu, agus gu'ni faighear breugach thu.

7. ni dh'iarr mi ort ; na diùlt iad dhomh mu"'m faigh mi bàs.

8. Diomhanas agus breugan cuir fad uam ; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchuidh air mo shon.

9. Air eagal gu'm bi mi làn, agus gu'n àich- eadh mi thu, agus gu'n abair mi, e an Tigh- earn? No gu bi mi bochd, agus gu'n goid mi, agus gu'n toir mi ainm mo Diiè an diomhanas.

10. Na dean casaid air seirbhiseach r'a mhaighstir, air eagal gu malluich e thu, agus gu faighear ciontach thu.

17. An t-sùii a ni magadh air athair, agua a ni tarcuis air ùmhlachd do mhàthair, spion- aidh fithich a' ghlinne a mach i, agus ithidh na h-iolairean òga suas i.

SAILM.

Salm VI. 1. A Thighearn, ann ad chorruich na cronuich mi, agus ann ad fheirg na smach- daich mi.

2. Gabh truas diom, a Thignearn, oir tha mi lag : Slànuich mi, a Thighearn, oir a ta mo chnàmhan air an cràdh ;

3. Agus a ta m'anam air a chràdh gu mòr ; ach thusa, a Thighearna, cia fhad ?

64

4. Pill, a Thighearn, fuasgail m'anam : saor mi air sgàth do thròcair.

5. Oir anns a"* bhàs cha'n 'eil cuimhne ort : agus anns an uaigh co bheir dhuit chu ?

6. Tha mi sgìth le'm osnaich ; na h- oidhche tha mi cur mo leabaidh air snànih; le m** dheuraibh uisgicheam m'uruigh.

7. Caithear le dubhachas mo shùil ; fàsaidh i sean, air son mVascairde gu leir.

8. Imichibh uam sibhse uile a luchd deanamh na h-euceirt, oir chual an Tighearn guth mo chaoidh.

9. Chual an Tighearn m'athchuinge; gabh- aidh an Tighearn ri m'urnuigh.

Salm XXIII.- 1. Is e an Tighearn mo bhuach- aill : cha bhi mi ann an dìth.

2. Ann an chiainibh glas bheir e orm luidhe sìos : làimh ri uisgibh ciùin treòraichidii e mi.

3 Aisgidh e m"' anam ; treòraichidh e mi air shghibh na fireantachd air sgàth 'ainme fèin.

4. Seadh, ged shiubhail mi tre ghleann sgàile a** bhàis, cha bhi eagal uilc orm ; oir a ta thusa maiUe rium : bheir do shlat agus do lorg comh- fhurtachd dhomh.

5. Deasaichidh tu bòrd fa m' chomhair am fianuis mo naimhde : dh'ung thu le h-oladh mo cheann ; tha mo chupan a' cur thairis.

6. Gu cinnteach leanaidh maith agus tròcair mi uile làithean mo bheatha, agus còmhnuich- idh mi ann an tigh an Tighearn fad mo làithean

65

Salm lxxxit. 1. Tha Dia'na sheasamh ann an coimhthional nan cumhachdach : am mcasg nan dèe bheir e breth.

2. Cia fhad a bheir sibh breth gu h-eucorach, agus a ghabhas sibh ri gnùis dhaoine aingidh.'*

3. Deanaibh ceartas do'n bhochd agus do'n ; dìUeachdan ; cumaibh còir ris an truaghan agus

ris an f heumach.

! 4. Teasairgibh am bochd agus an t-ainnis ; i à làimh nan aingidh saoraibh iad.

5. Cha'n 'eil còlas no tuigse aca; ann an dorchadas gluaisidh iad : tha uile bhunaitean na talmhainn air chrith.

6. Thubhairt mi, Is dèe sibh, agus is mic sibh uile do'^n Ti a's àirde.

7. Ach gheibh sibh bàs mar dhaoine, agus tuitidh sibh mar aon do na h-uachdaranaibh.

8. Eirich, a Dhè, thoir breth air an talamh ; oir sealbhaichidh tu na h-uile chinnich mar oighreachd.

Salm c. 1. Togaibh iolach ait do'n Tigh- earn, a thìrean uile.

2. Deanaibh seirbhis do'n Tighearn le h- aoibhneas, thigibh 'na fhianuis le luath-ghàire.

3. Biodh fios agaibh gur e 'n Tighearn is Dian ann : is e a rinn sinn, agus cha sinn fèin ; is sinn a shluagh, agus caoraich ionaltraidh san.

4. Thigibh a steach 'na gheataibh le buidh-

f3

m

eachas, ''na chùirtibh le moladh ; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh 'ainm.

5. Oir tha'n Tighearn maith; mairidh a thròcair gu bràth, agus 'fhirinn o hnn gu linn.

Salm ciii. 1. Beannaich an Tighearn, O m' anam ; agus moladh gach ni a ta an taobh stigh dhiom, 'ainm naomh-san.

% Beannaich an Tighearn, O m'anam ; agus na dìchuimhnich a thiodhlacan uile.

3. 'Se mhaitheas duit do pheacanna gu lèir, a shlànuicheas V euslaintean uile ;

4. A shaoras do bheatha o sgrios ; a chrùnas thu le caoimhneas gràidh, agus le caomh-thròc- airibh.

5. A shàsuicheas do bheul le nithibh maithe, air chor as gu"*n ath-nuadhaichear t'òige mar òige na h-iolarach.

6. Ni an Tighearn ceartas agus breitheanas dhoibhsan uile a tha air an sàruchadh.

7. Dh' fhoiUsich e a shhghean do Mhaois, a ghniomhara do chloinn Israeil.

8. Is tròcaireach, agus is gràsmhor an Tigh- earn, mall chum feirge, agus paih ann an caoimhneas gràidh.

9. Cha chronuich e gu siorruidh, agus cha ghlèidh e 'fhearg gu bràth.

10. A rèir ar n-eucearta cha d' thug e luigh eachd dhuinn.

67

Salm ciii. 13. Mar a ghabhas athairtruas d'a chloinn, gabhaidh an Tighearn truas diubh- san d'an eagal e.

1 4. Oir is aithne dha ar dealbh ; is cuimhne leis gur duslach sinn.

15. An duine, mar fheur tha a làithean, mal bhlàth namacharach,mar sin fàsaidh e fobhìàth

16. Oir gabhaidh a' ghaoth thairis, agus cha bhi e ann ; agus cha'n aithnich 'ionad fèin e ni's mò.

17. Ach a ta tròcair an Tighearn o shiorr uidheachd orrasan d'an eagal e, agus 'fhìrean- tachd do chloinn an cloinne ;

18. Dhoibhsan a chumas a choimhcheangal agus a chuimhnicheas 'àitheanta, chum ai deanamh.

19. Shocruich an Tighearn a righ-chaithir anns na nèamhaibh ; agus tha a rioghachd a riaghladh os ceann nan uile.

20. Beannaichibh an Tighearn, sibhse 'aingle, treun an neart, a' deanamh 'iarrtuis, 'ag eisd- eachd ri fuaim 'fhocail.

21. Beannaichibh an Tighearn, a shluagh uile, sibhse a luchd-frithealaidh a ni a thoil.

22. Beannaichibh an Tighearn, ""oibre uile, anns gach àit d'a thighearnas: beannaich an Tighearn, O m'anam !

Salm cvii. 1. O Thugaibh buidheachas do'n Tighearn, oir tha e maith, oir gu bràth mairidh a thròcair.

68

2. Mar so abradh iadsan a shaoradh leis an Tlghearn, a shaor e o làimh an namhaid.

3. Agus a chruinnìch e as na tìribh o'n àird an ear, agus o'n àird an iar, o''n àirde tuath agus o'n àirde deas.

4. Chaidh iad airseacharan anns an fhàsach, ann an ionad uaigneach ; slighe gu baile tàimh cha d' fhuair iad.

5. Ocrach agus tartmhor, dh' fhailnich an anam annta.

6. An sin ghlaodh iad ris an Tighearn 'nan airc, agus as an teanntachdaibh shaor e iad.

7. Agus threòraich e iad air shhghe cheirt, chum gu'n rachadh iad gu baile tàimh.

8. O gu moladh daoine Dia air son a mhaitheìs, agus airson a bhearta iongantach do chloinn nan daoine !

9. Oir shàsuich e an t-anam ciocrach, agus lìon e an t-anam ocrach le maith.

Salm cxx. 1. A'm' èigin ghlaodh mi ris an Tighearn, agus dh'eisd e rium.

2. A Thighearna, saor m'' anam o bhillibh nam breug, 0"*^ teangaidh chealgach.

3. Ciod a bheirear dhuit.? agus ciod a nithear ort, a theangadh chealgach ?

4. Geur shaighde laoich, le eibhlibh do'n aiteal.

5. Mo thruaighe mi, gu bheil mi air chuairt ann am Mesech, gu bheil mi a'm' chòmhnuidh ann am bùthaibh Chedair !

09

6. Is fada ghabh m''anam còmhnuidh leosan a tnug fuath do shìth.

7. Tha mise air son sìthe, ach an uair a labhras mi, tha iadsan air son cogaidh.

Salm cxxi. 1, Togaidh mi nio shùile chuni nam beann, o'n tig mo chabhair.

2. Thig mo chabhair o'n Tighearn, a rinn nèamh agus talamh.

3. Cha leig e le d' chois sJeamhnachadh * cha tuit clò codail no «uain air t'fhear-coimhid.

4. Feuch, cha tuit clò codail no suain aii fear coimhid Israeil.

5. Is e an Tighearn t' fear-coimhid ; is e an Tighearn do s^àile air do làimh dheis.

ò. hian cha bhuail a' ghrian thu, no a ghealach san oidhche.

7. Coimhididh an Tighearn thu o gach olc : coimhididh e t'anam.

8. Coimhididh an Tighearn do dhol a mach, agus do theachd a steach, o'n àm so eadhon gu bràth.

Salm cxxxix. 1. A Thighearn, rannsaich thu mi, agus is aithne dhuit mi.

2. Is aithne dhuit mo shuidhe agus m'èirigh ; tuigidh tu mo smuainte fad as.

3. Chuairtich thu mocheum agusmo luidhe sios, agus air mo shlighibh gu lèir is fiosrach thu.

4. Oir feuch, cha''n 'eil focal air mo thean-

70

gaidh, a Thighearn, nach aithne dhuit gu lèir.

5. A'm'' dhèigh agus romham chuairticli tlìu mi, agus chuir thu do làmh orm.

6. Is ro-iongantach an t-eòlas so air mo shon : tha e àrd, cha ruig mi air.

7. C'àit an tèid mi o do spiorad ? agus c'àit an teich mi o do ghnùis ?

8. Ma thèid mi suas do nèamh, tha thu an sin ; ma ni mi mo leabadh ann an ifrinn, feuch, tha thu an sin.

9. Ma ghabhas mi sgiatha na maidne, agus gu còmhnuich mi ann an ionadaibh iomallach na fairge ;

10. Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi, agus cumaidh do dheas làmh mi.

11. Ma their mi, Gu deimhin folaichidh an dorchadas mi, bithidh an oidhche fèin mar sholus mu''n cuairt orm.

NA DEICH AITHEANTAN.

Labhair Dia na briathra so uile, ag ràdh, Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a mach thu à tìr na h-Eiphit, à tigh na daorsa.

I. Na biodh dèe sam bith eile agad a'm' làthair-sa.

II. Na dean dhuit fèin dealbh snaidhte, no cos- las sam bith a dh'aon ni, a ta sna nèamhaibh shuas, no air an talamh shios, no sna h-uisgeachaibh fuidh 'n talamh. Na crom thu fèin sios doibh, agus na dean seirbhis doibh : oir mise an Tigh- earna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a' leantuinn

71

lingidheachd nan aithriche air a' chloinn, air an :;reas, agus air a' cheathramh ginealach dhiubh- san a dh'f huathaicheas mi ; agus a' nochdadb tròcair do mhiltibh dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimhideas m'kitheantan.

III. Na tabhair ainm an Tighearna do Dhè an dìomhanas ; oir cha mheas an Tighearna neo- chiontach esan a bheir 'ainm an dìomhanas.

IV. Cuimhnich na sàbaid a naomhachadh. làithean saothraichidh tu, agus ni thu t'obair uile. Ach air an t-seachdamh tha sàbaid an Tighearna do Dhè ; air an sin na dean obair sam bith, thu fèin, no do mhac, no do nighean, d'òglach, no do bhanoglach, no t'ainmhidh, no do choigreach a ta 'n taobh a stigh do d' gheat- aibh ; oir ann an làithibh rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach ni a ta annta ; agus ghabh e fois air an t-seachdamh : air an aobhar sin bheannaich an Tighearna na sàbaid, agus naomhaich se e.

V. Tabhair urram do t'Athair, agus do d' mhàth- air ; a chum as gu'm bi do làithean buan air an fhearann a tha'n Tighearna do Dhia a' toirt dhuit.

VI. Na dean mortadh.

VII. Na dean adhaltrannas.

VIII. Na dean gadachd.

IX. Na tabhair fianuis bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

X. Na sanntaich tigh do choimhearsnaich ; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no 'òglach, no 'bhanoglach, no 'dhamh, no 'asal, no aon ni a's le do choimhearsnach.

72

URNUIGH AN TIGHEARNA.

Ar n-Athair ata air nèamh, Gu naomhaichear t'ainm. Gu tigeadh do rioghachd. Gu deanar do thoil air thalamh, mar a nìthear àir nèamh. Tabhair dhuinn an diugh ar n-aran làthail. Agus maith dhuinn ar fiacha, mar a mhaitheamaid d'ar iuchd-fiachaibh. Agus na leig sinn am buaireadh, ach saor sinn o olc : Oir is leatsa an rioghachd, agus an cumhachd, agus a' ghlòir, gu siorruidh. Amen.

A' CHREID.

Creideam ann an Dia an t-Athair Uile- cnumhachdach, Cruithear nèimh agus na talmh- ainn ; agus ann an losa Criosd, aon mhac-san, ar Tighearna, neach a ghineadh o'n Spiorad Naomh, a rugadh leis an Oigh Muire, a dh'fhuiUng fuidh Phontius Pilat, a cheusadh, a fhuair bàs, agus a dh'adhlaiceadh, a chaidh sìos do staid nam marbh, a dh'èirich a rìs o na marbhaibh air an treas là, a chaidh suas aìr nèamh, agus ata 'na shuidhe air deas làimh Dhè an Athar Uile-chumhachdaich, agus as sin a thig a thoirt breith air na beothaibh agus air na marbhaibh. Creideam anns an Spiorad naomh, anns an eaglais naoimh choitchinn, ann an co-chomunn nan naomh,ann an aiseirigh a' chuirp, igus anns a' bheatha mhaireannaich. Amen.

A' CHRIOCH.

im

%AM'jà?M

:i

'^MM

1 M il

3* *<■ ^fi

n^^x