'■

/

\

AB.L202.023

^Q^.z

(3^A<>

a-o

cu) ÒD

v/C-OfJ

&6J

National Library of Scotland

■lllllllllll

*B000485374*

GAELIC HYMNS

By M. M'K.,

F. C, STBATHY.

THB USB OF HIS CONaRBaATION,

CHIEFLY HIS

EVENING CLASSES FOE YOUNG PEOPLE.

GLASGOW:

WILLIAM GILCHRIST, PRINTER, 64 HOWARD STREET,

MDCCCLXIV.

EARAIL DHURACHDACH

DO AOIS 'S DO OIGE C HO - THI ON AI L,

LE 'MINISTEIR FEIN.

'S ge do tha mi 's an àms'

Lag làmhach is fann, Is nach cnairtichear leam an trèud,

Tha mo thniream cho tròm,

'S mi ri turrumann crom, 'S mi gun mhisneachd, gun f honn ri fèum, 'S mi gun mhisneachd, gun fhonn ri fèum,

'S nach d'thoir, aon do mo Mhaighstir spèis ; 'S E cho maiseach, gràsmhor, aillidh, 'Struagh nach claoidheadh a ghradh sibh gu lèir.

Cted tha lànachd cho mòr,

'S gach gràs iomlan na stor, Agus f hialachd gu leor da reir,

'S E ri cuireadh gach seòrs,

Eadar aosd agus 5g, Eadar "bheag agus mh5r ga chòir, Eadar bheag agus mh5r ga ch5ir,

Glus an saoradh ''o chionta 's 'o hhr5n, 'S E cho maiseach, dc.

Naoh 'eil 'ur cionta ro mh5r,

Nach eil sibh salach gu le5r, 'S nach eil sibh dìte fo sp5g an Euig,

Nach eil 'ur plàighean 's 'ur leon,

U'r cuibhreach, daors, 's iomadh bròn, 'S sibh air chall anns' a che5 gun lèirs, 'S sibh air chall anns' a che5 gun lèirs;

Bodhar, dall, bacach, càm 's gach cèum 'S E dho maiseach, dtc.

Tha glòir a phearsa 'sa ghràis,

An Dia-duine làn gràidh, 'Se 'n t'Iongantach 's àird, air neamh,

'S E 'g iarruidh cèile 's an aits ; *

G-habhas lùbadh gun dail, 'Sa chuireas cùl ri 'n càirdean gu lèir, 'Sa chuireas cùl ri 'n càirdean gu lèir ;

Mur d'thoir iadsan gràdh dha fèin ; '# E cho maiseach, &c.

0 nach d'thugadh sibh, chlann,

Umhlachd dha mar 'ur Ceann, 'S E ni 's maisich na clann na 'n daoin',

Mun d' thig croi-sean nach gann,

Agus trioblaidean teann, Bheir 'ur cridhe fo champar dùr, Bheir 'ur cridhe fo champar dùr ;

'Sa ni 'ur beatha na shearbhas 's na thùrs ; 'S E cho maìseach, àc.

Cha deachaidh innleachd air ghleus,

Shuas an Rioghachd na'n neamh, No air an talamh so fèin air dòigh,

Chuireas na h-ainglibh gu leir,

Cho mor fo' iongnadh gu sior, A faicinn ullachadh Dhia do dhaoin', A faicinn ullachadh Dhia do dhaoin' ;

'S naoimh na'm fianuis air morachd a ghaoil, 'S E cho maiseach, àc.

'S och a chlannag na h-5ig,

Nach d'thigeadh sibhse ga chòir, Sibh a gheibheadh uaith pog a ghràidh,

Cha-n-eil na 's lugha na ph5ig,

Na bhi gu siorruidh ris p5sd', 'S 'ur deanamh son' ann an gl5ir gu bràth, 'S 'ur deanamh son' ann an gloir gu bràth ;

Far nach d' thig osna, no de5ir, no cràdh : 'S E cho maiseach, <Sbc.

A dh' ain deoin peacadh is truaigh', Dh' ain deoin Shatain le bhuair' 'bh, Agns naimhdeas buan na feòl', Sin 's an saoghal mnn cuairt, Tha fo dhruidheachd cho cruaidh, 'S an taobh a stigh ged' tha 'n truailleachd mòr, An taobh a stigh ged' tha 'n truailleachd mòr ; Ann 'a f hnilsan tha èifeachd gu leòr ; 'S E cho maiseach, &c.

'Sa shluagh Srath-Haladail gu lèir,

Eadar 5g agus aois, 0 nach dùin sibh ri Criosda gnn dàil,

'M feadh 's tha làmhan ribh sgaoilt',

'Gr iadhadh umaibh gach taobh, Ghis 'ur dion 's 'ur cur saoradh on' bhàs ; Grus 'ur dion 's 'ur saoradh on' bhàs ;

Is gu 'm bi sibh sàr lionta le ghràdh ; 'S E cho maiseach, àc.

A shluagh na Mealbhaich ud thall,

0 na bithibh cho mall, Ach feuch gu 'm pill sibh gu teann na dhàil,

A mhuinntir aosmhor, 'sa chlann,

Pillibh risan 's an ams', 'S gheibh sibh iochd aun 'a shaibhreas gràis, Grheibh sibh iochd ann a' shaibhreas gràis ;

Is cha phill sibh 'o leantuin gu bràth ; 'S E cho maiseach, dtc.

A shluagh Phort-sgeirean nan tonn,

Deanaibhs' cabhag gun mhaill, 'S na fagaibh seann neach no clann n'ur dèigh,

Ach thigibh 's togamaid fonn,

Gabhaibh misneachd se thann, 'S E gar cuireadh gu teann leis fein, 'S E gar cuireadh gu teaun leis fèin ;

Gus an dean E gu siorruidh sibh reidh ; 'S E cho miseach, dc.

'Sa shluagh tha naigneach leibh fein,

G-un bhi ri tuasaid no strèup, À'm Baile-gile, nach èisd sibh ri m' dhàn,

Teichibh ! Teichibh, gu dian,

Dh' ionnsuidh Dhia ann an Criosd', 'S na fagaibh iong' aig an Diabhol na thràill, Na fagaibh iong' aig an Diabhol na thràill ;

Ach cuiribh dearbhadh air saibhreas a ghràis; 'S E cho maiseach, &c.

'Sa mhuinntir Shrathaidh nach eisd,

Sibhse chuireadh dhuibh fein, 'S gu'm bi sibh nise ris reidh tre bhàs,

Thigibh, thigibh gu leir,

'S na fagaibh leanabh nar dèigh, 'S gheibh sibh beannachdean siorruidh g'ur sàth, Grheibh sibh beannachdean siorruidh gur sàth ;

Saibhreas, urram, is glòir gu bràth ; 'S E cho maiseach, <bc.

A shluagh an Rugha 's na h-àird ;

Dhuibhs' tha focal na slàint', 'S feuch gu'n d'thoir sibh dha àite mar 's còir.

Na diùltaibh uaibh E le tàir,

Ach gabhaibh ris ann an gràdh, Sibhs' tha aosd' is an t' al tha 5g, Sibhs' tha aosd' is an t' àl tha 5g ;

Thugaibh gaol da 's na ghràdh bithibh beò ; 'S E cho maiseach, &c.

A mhuinntir Armadail shuas,

Thugaibh gèill dha gu luath, 'M feadh 's tha thairgse n'ur cluais gach la,

Tha chridhe làn dhuibh le truas,

Dùnaibh risan mar shluagh, 'S na fagaibh aonan air chuairt 'o'n treùd, Na fagaibh aonan air chuairt 'o'n treùd ;

Tha aig' ionaltradh dhuibh gu leir ; 'S E cho maiseach, <èc.

Ma dhiùltas sibhs' E le tair,

Dùisgidh ehorruich gun bhàigh, 'S dùnaidh 'n dorus gu "bràth air 'ur sròin,

'N sin bùiridh sibhse gu h-àird,

Mar tharbh fiadhaich an sàs, 'S fheirg g' 'ur lionadh, muir-làn ro mhor, 'S f heirg g' 'ur lionadh muir-làn ro mhòr,

'S teine lasrach dhuibh deàlradh a ghloir ; 'S E cho maiseach, àc.

Nis co-dhùineam mo dhàn,

'S ann 'm focal no dhà, Guidheam oirbh innisibh dha 'ur leòin,

Doirtibh mach ann 'a lath 'ir,

Glach plaigh 'n'ur cridhe tha'n tàmh, 'S innsibh dhà " fhuair am bàs oirn coir," Innsibh dha " fhuair am bas oirn coir ;

Ach deans' ar tearnadh le d'shlainte mhòir ;" 'S Tu cho maiseach, gràsmhor, àillidh, 'Struagh nach claoidheadh do ghràdh sin gu leir.

Nach truagh leibh fèin mar a tha,

Mise dh'oidhche 's a là, Grun sgur ri caoidh is ri cànran bròin,

Na 'm faicinn ciiram air cach,

Fo bhuaidh na driùchd tha 'o 'n àird, Bhiodh mo thùrsa toirt àite do cheòl, Bhìodh mo thùrsa toirt àite do cheòl ;

'S bhiodh mo shùil ris na clarsaichean Oir ; 'S Tu cho maiseach, gràsmhor, àillidh, 'Struagh nach claoidheadh do ghradh sinn gu leir.

RABHADH MU MHEALLTAIREAOADA PHEACAIDH.

An sluagh tha socrucli is sàmhach,

Anns' an f hàsach gun imcheist ; 'M bheil sibh 'n staid tha neo-shàbhailt,

Is sibh ga càradh na miribh? Bithibh dearbhta na thrà,

Mun d'thig am bàs g'ur toirt imrich ; Nach truagh 'ur glacadh gun ghràs,

'S nach fhaigh sibh fàhhar gu siorruidh.

Am feadh 's tha la na slaint' ann,

Feuch gu 'm fàr sihh bhi ciallach ; Se sin dùnadh ri Slànuighear,

'S le sin trà a bhi diadhuidh, Cuiribh cùl ris an nàmhuid,

Leis an àill sibh bhi striochdt' dha ; Se fèin tamhùsg cho taireil,

Ris gach tràill tha fo' riaghladh.

Nach eil a sheirbhis cho salach,

Is cho amaideach suarrach ; 'S nach eil neach a gheibh aithn' orr' ;

Nach d'thoireadh seachad gun duais i, Oir ciod is milltich no 'm peacadh ?

'S paighidh ceartas a dhuais dha, Bidh Esan dileas da bhagradh,

Cho maith 'e na ghealladh da shluaghsan.

9

Faodaidh mise bhi labhairt,

Ach ceilg a pheacaidh tha diomhair ; Se gràdh da nàdur 's da chleachdadh,

Tha tàladh folaicht' le mhiannaibh, Tha toirt an ainm do na peacaich.

Tha le taitneas ga dhian-ruith, 'S mar gu'm b'f hior dhoibh gur beatha,

Bhi cho caidreach ga iarruidh.

Is faodaidh sibhse bhi 'n dòchas,

Gu 'm faigh sibh sòlas sa pheacadh ; Ach mheall e ghnà air na sl5igh,

A bha an comhnuidh do n' bheachd sin, 'S ann f huair iad donas is dòlas,

Cho fad' 's bu bhe5 iad ga chleachdadh 'S a chuid a dh'aithnich a she5ltachd,

Cha bhiodh còirdt' ris na b'f haide.

Phuair e fasgadh 's an f heoil,

Is chuir i seòl da air leabuidh ; 'S iad ana miannaibh na h-òige,

A thigh-fòghlum is cleasachd, Theid e 'n cruthaibh cho neonach,

'S gu saoil moran gur maith e, Gus an lotadh 's an leonadh,

'S an cur fa dheoigh fo' chruaidh ghlasaibh.

Och nach mosgladh 's nach dùisgeadh,

Sibh 'o thùsal 'ur codail ; Chi 'te leibh sibh bhi rùisgte,

Gle d'tha sibh 'n dùil a bhi beartach, 'S ann tha sibh ainniseach, leòinte,

Brùite, breòite 's ro shalach ; 'S 'o nach lèur dhuibh 'ur doruinn,

Cha'n iarr sibh seol ni 'ur glanadh.

10

Tha luibhre pheacaidh mar chnàmhuinn,

A' gabhail tàmh ann 'ur ballaibh ; G-ed' nach eil e na phlaigh leibh,

Mar bha le Paul air an talmh, Cha bhi ris cogadh mar nàmh,

Far nach eil gràs anns an anam ; 'S coisnidh esan buaidh-làraich,

'S bidh sibhs' n' 'ur tràillibh fo' chosaibh.

Ach 0 nach fhaic sibh a chàirdean,

Cho daor 's chaidh teàrnadh a cheannach ; Nach mor a chosd e do 'n t' Slànuighear,

Slàinte chosnadh do pheacaich, '• Dhòrt E anam gu bas,

Is chaidh aireamh measg chiontach," 'S feuch gu 'm faighear sibhs' tra ann,

Mu 'n slaod ambàs sibh do ifrinn.

Ann an co-dhùnadh m' òrain,

Leigibh dhomhs' chur n' 'ur cuimhne Gru bheil E cuireadh gach seorsa,

'S nach e dhoigh bhi gan diùltadh Cha 'n ann da h-aindeoin ach deonach,

Tha E posadh a Cheile ; Cha bhi uireasbhuidh còmhdaich orr',

'Sa lòn bithidh cinnteach.

IMPIDH

LE MINISTEIR AIR A SHLUAGH. AIR DHA BHI TINN.

'S truagh nach ro 'nii daonnan,

'Sa ghràdh thug mi og, Be cuspair a ghaoil ud,

An aon Fhear-saoraidh mor ; Se thairisneachd a chlaoidh mi,

'Sa mhaise rinn mi aoidheil, 'Sa chaoimhneas graidh f huair rùm leam

A ghnàth do na sloigh.

'Sa dh' aindeoin cho caillte

'Sa chi 'eam aois is oig, Gre d' ro' iad bodhar, dall, 's iad

Na 'luidhe marhh gun deo ; Ach cha d'thoir mise dùil diuhh,

Gu'n dean am "bas an suilean, An cur f o ghlasaihh dùinte,

Gru'n cur 's an ùir fo'n f hoid.

'On tha ghradh cho saibhir,

Is cinnteach cho trèun, Cha 'n eil peacach caillte,

Cho aingidh 's da'm bheil e ; Nach dean E chridhe naimhdeil,

Ge d'ro e nimheil puinnseant, A chur an ordugh rùmail,

G-u aoidheachd dha fein.

12

Nach mise chitheadh seann daoine,

Caoidh oscionn an leòin, Ehad 's tha la' soillseach,

Ag' feuchainn dhoibh a ghloir ; Mu'n tuit orr' an oidhche,

'S an tòisich bron gun aoibhneas, Bidh gul is giosgan f hiacal,

Le piantaibh'n teine mhoir.

Ach mur a d'thig an aois leinn,

A dh'ionnsuidh Chriosd a ghràidh, 'S gun lean iad air sir-ruith.

'S an t-slighe chlaoin gu'm bàs ; Ciod idir a ni sinn,

Ach a bhi gul'sa caoineadh, Gra'm faicinn a' dol cli,

Is gun sith dhoibh gu bràth.

Ach an gabh sibhs' tha òg,

Idir eolas air a ghràdh ? Se'm Fear-nuadh-posd' B,

'S tha phogan saibhir làn ; Cha'n iarruins' dhuibh do shòlas,

Do shonas, is do shògh, Ach sibh a bhi'n diugh pòsd' ris,

Is còla' ris gu bràth.

On 'chuir E mis' do'n tir so,

A dh'iarruidh cèile dha, Ma dhiulltear leis an aois E,

'S nach d'thoir iad aoidheachd dha ; Ciod idir a ni sibh,

A ghillean òg, 'sa ninegean, :N d'theid sibh leis an Righ so,

Se's mo bhios no bhà.

13

An d'theid sibh leis an Righ so,

Se 's mo bhios no bhà, Thugaibh freagradh dlreach,

A dhìnnseas mise dhà ; Ma dhiullteas sibh le dìmeas,

Le tarcnis B 's le mi-mhodh, No 'n gabh sibh E da rìreadh,

'S gu'm bi sibh dileas dhà.

An d'theid sibh leis an Righ so,

Se 's mo bhios no bhà, Is cha'ne leth na Bioghachd,

A bheir E dhuibh mar phàirt' ; Ach gheibh gach neach dhibh Rioghaehd,

Bhios maireann buan gu siorruidh, Is crùn a chosd cho daor dha,

'S nach ceannuich saoghal le òr.

Och ! och ! a mhuinntir og, leibhs'

'An deonach dhol a dhith ? Tha'm Eear-saoraidh beò,

Is an còmhnuidh ribh a strì ; A teagasg dhuibh gach lò,

Sibh a philltinn o 'ur gòraich, 'S gum bhi sibh risan pòsd'

Ann an sòlasan a ghaoil.

Na cumaibh mi fo'leòn

Is gun dochas da 'ur taobh, A la sa dh'oidhch' gun sòlas,

Is bronach os 'ur cionn ; Ma's maith leibh bhi ris pòsda,

Na cuiribh dail sa chòrdadh, Ach dùinibh ris ceart-cola,

'S gun deonaich E sin dhuibh.

14

Ged 'tha sibh aoibhneach oigeil,

Gun smal no breòiteachd aois, Chi sibh cuid de' 'n t'seors' ud,

Gru tinn fo spòg an aoig ; Cha'n f haic sibh iad nar codhail.

Air sabaid no aig òrdugh, Gtu'n tuit sibh fein sa chòmhrag,

Fo spogaibh trom an aoig.

Àig 'ur dorus tha E "bualadh,

Is fhuaim 'n 'ur cluais an tràth s', Nach fosgail sihh gu luath dha,

Mu 'n teich E uaibh gu hràth ; Tha innidh chridhe gluasad,

Le ro mheud iochd sa thruais rihh, A gul oscionn 'ur truaighean',

'S an d'thoir sihh fuath da ghràdh ?

0 thugaibh aoidheachd chairdeil,

Grun dàil do'n t'slànuighear chaomh, 'Se 'n call as mo a "bhà,

Is gu bràth is mo hhios ; Ma dhiulltas sihh le tair E,

'S gan dùin sihh mach ghnath E, 'S E'n diugh ag 'iàrraidh fàrdoich,

Gu tàmh a ghahhail leibh.

Na 'm baithne dhuibh 'ur calldach,

Cha b'aoibhneas duibh ach bròn, Ag faicinn 'ur staid chaillte,

N'ur cloinn na h-oidhch'sa cheo ; 'Ur sùilean dùint' gun leirsinn,

'S nach f haic sibh soills' na greinc 'S an t'slàinte mhòr fo' sgèith,

Gu bhi leigheas chreuchdan lèoint'

15

Thig trioblaid, tinneas, 's buireas,

Ni tuairgneadh oirlbli gach taobh, A dhearbhas 'm bheil sibh fuasgailt,

Grar fuadach mar le gaoith ; No'n deach 'ur togail suas, air

A charruig dhaingèan bhuadhaich, 'S gun seas sibh ris gach luasgadh,

Tha buaillteach do na naoimh.

Thig la mor a chruadail,

Air u a sluaigh gn leir, A dbiullt le tair 's le suarchas,

An t' uan le bhuaidh 's le reit' ; " Imichibh gu luath uam,

A chum an sgrios 's na truaighe, A mhaircas siorruidh buan,

'0 na dh'fhuathaich sibh mi fein."

Thig la'bheir an cuan uaith',

Na shluigeadh suas leis fein, Fosglaidh beul na h-uaighe,

'S bheir suas na luidh na crè ; Grheibh sibhs' is mise 'nuair sin,

A reir ar gne 's mar ghluais sinn, 'S an t-saoghals' fad ar cuairt ann,

'S ar duais bidh'n sud da reir.

Bidh na naoimh làn aoibhneis,

Na'n oighreachd fear an gràidh, Ged 'nach b'ann mur thoill iad,

A roinn B riu a ghràs ; Ach dh'f heuch E dhoibh a thoilltineas,

'S gloir a Phears' cho saoibhir, Is choisinn E air ball iad,

Le cheanglaichean gràidh.

16

Na h-aingidh bidh fo' uamhas,

'S làn fuathais ro mhor, Bidh 'n coguis fein ga'n cràdh,

Mar an sàbh a' dol na'm feòil ; Bidh 'n lagh ag iarruidh riarachaidh,

'S ceartas 'g agairt dioluidh, 'S 'o sin se an-iochd dhiabhol,

An comunn siorruidh broin.

Ri mullach na stùc-bheann,

An sin bidh 'n ùrnuigh reòit, Is ris na creagaibh dùbhlaidh,

Ach an dùin siad iad fo'n cleoc ; Ach sann bheir iadsan ùmhlachd,

Do'n Ti a rinn air tus iad, 'S gu'n leagh iad leis na duilean, ,

Roi' ghniiis tha làn do ghlòir.

Bidh iomsgaradh na h-eigin, '0 cheil air muinntir 6g,

Is cluinntear iad ag' eigheach, "Ar lèir-chreach rinneadh oirn !" 'S am Pàrantean na'n dèigh sud,

Ri mallachadh a chèile, 1S an clann le' malluchd fein orr',

Nach d'thug dhoibh foghlum og.

Bidh Ministeir neo-dhìleas,

Bha sliobadh an treud, Bha lamhach gu stiopainn,

Is Q-lib'a bha da rèir ; Mar mhadadh fo' mhl-mheas,

'S fo' mhallachadh na miltean, Ga leantuinn a dol sios leis,

Gu ionad pianntail broin.

17

Bidh Ministeir bha dlleas,

Do'n f hirinn chur an cèill, Na sheasamh laimh ri Criosda,

Ard-Chiobair an trèud ; Bidh leisan beagan chaorach,

A threòraich e gu dìreach, A dh'ionnsuidh beatha's naomhachd,

Tha'n aon-ghin Mhic Dhe.

Nis criochnaicheam mo dhàn duibh,

Is leigeam 'n slàn so leibh, An cuir sibh cùl gu bràth ris,

G-u bhi na nàire dhuibh ; Se nise la na slàinte,

'S E tairgse dhuibh a ghràsan, 'S gu'n d'thoir E dhachuidh sàbhailt,

Da Phàras sibh mar chloinn.

Ach ciod an diugh'ur cuibhrionn,

Na bithibh nall sa nall, Cha n'eil dol as gun dhiultadh,

No bhi na chuibhrionn leibh ; Ma nithear leibh a dhiultadh,

A chorruich cuiridh smùid ribh, Ach leis ma ni sibh lubadh,

An crùn do bheir se dhuibh.

AN T-SAOTHAIR

Och! och! is mi sgìth, 's an-shocair mo chrìdh', Gra m' chumail fo' dhaors' cho buaireasach;

'S nach urra' mi inns' do mhuinntir an t-saoghail, No do chuideachd mo ghaoil an uaignidheas.

Ach na 'm faighinnsa saors', is annail na sìth,

Ite focal an Righ bhiodh buadhach leam, Cha bhiodh m' òrgan gun ghlèus, no mo chlarsach air ghèuig

Àch sheinneadh gach teud gu fuaimneach leam.

'S ge d' tha mi cho sgìth, 's gu minic cho tinn, 'S nach fhaigh mi 'o 'n t-saoghal fuasgladh uath,

Na 'm faicinn an aois toirt thairis bhi baoth; Cha chreid mi nach b-'aochadh air uaircan e.

Ach an a' faicinn gach là, muinntir aosda 's am bàs,

Ei gleachd gus am fàr e buaidh thoirt orr', 'S iad a' luidhe gu bràth, fo' 'n a bhinn'ud a bhà ;

Fad là, na slàint' na 'n cluasaibhsan.

Cha 'n 'eil imcheist no cràdh, no iomaguin roi 'bhàs, Cur an anam 'an eàs ach am fuasgailear iad,

'S-ann tha iad na 'n tàmh, gun aithn' 'air gach plàigh; No na galairean grànd' leis 'n do thruailleadh iad.

€run urram do 'n t-Slànuighear, no meas air a shlàint',

A choisinn E chàch 's a fhuaradh leò; Oir dh 'eignich a ghràdh E gu fulang a bhàis,

'S leis bhrudhadh an nàmh is bhuadhaich E.

19

Nach èisd sibh gun dàil ri chuirìdhean ghràidh, Ge d' 'chaith sibh 'ur lài' ga fhuathachadh,

'S a bharrantas làidir ma thig sibh niar tha sibh ; Nach tilg E gu bràth fad' uaithe sibh.

Ach innsibhse dhà, gach mar a thà,

'S ge d' 's ceannairceach, gràineil, truaillidh sibh,

Tha èifeachd is slàint, na f huil is na ghràs,

Grus 'ur 'n ionnlad, 's gach 'ur 'n ath-nuadhachadh.

Dòirtibh na lath' ir 'ur cridhe lè" 'a làn,

Dha 's aithne ma thra, chuid cluainteirachd,

Is Esan a mhain, an neo-chrìochnachd a ghràidh, Da 'n comas gu brath air buaidh thoirt dhuibh.

Ach fiachaibhse dhà, 's na ceilibh le bàigh,

Aon pheacadh fo sgàil an uaignidheas, Is leisan mar 's àill, orra sud biodh 'ur làmhs^

'S am fuiling iad 'm bàs as uamhasaich'.

Measaibh 'm peaeadh 'ur nàmh, oir cha ghèill e gu bràth, Grus àn d' thoir sibh dhà 'm bàs cha bhuadhaich sibh,

'S ma leigeas sibh dhà, na 'r creich fo' a smàig, Bidh sibhse gu bràth fo' uachdranachd,

Ach mar shaighdeiribh blàir, bithibh faireil a ghnàth,

Is faicibh gach àird *s àn gluaisear leis, Biodh 'ur claidheamh' n' ur laimh, 's leis sgoiltibh a cheanr

Sgiath, clogaid, 's 'ur ceann biodh cuairtaichte.

On' tha meirg air an aois, 's am buadhan cho maoì, 'S nach àill leo an saoghal so fhuathachadh,

Nach tionndaidh sinn ribhs' tha òg agus maoth ; Ach an èisd sibh ri brigh mo thuairisgeiL

Ge d' naeh 'eil sibh gun ghiamh 'n gabh mar mheangain si sniomh,

Mu'm fàs sibh cho fiadhaich, cruaidh-cheannach, Se nise gu fior, am is taitnich bhi' g iarruidh ;

Còir shlàinteil an Criosd a bhuanaicheas.

20

(je d' ro' sibh fo' dhaors', le coi-cheangal gnìomh, A bhris sibh le'r cèud Athair cùmhnanta,

Nach d'thig sibh gu Criosd, Fear-pàighidh na'm fiach, 'Sa chuireadh cho fìal g' 'ur dùnadh ris.

An cùmhnant a bha, air a dheanamh ri Adamh, Arson beatha bhi dhà, 's da theaghlach leis,

Le easùmhlachd do' 'n àithne, bhris iad gach clàr, 'S na 'n creich do gach bàs, ghrad thionndaaidh iad.

Ach Criosd ann 'a ghràdh, Ceann cùmhnant na 'n gràs, Le ùmhlachd do 'n àithne bhuadhaich E,

'S choi-lion E na Clàir, chaidh a bhriseadh le càch, 'N sin dh' fhuiling E na bàis bu duais dhoibh sud.

0 n' dh' èirich E'n àird, 'o ghlasaibh a bhàis, 'S air peacadh is Satan bhuadhaich E, 'S aig an deas-laimh gu h-àrd, tha E tagradh gu bràth, Grus an aisig E bhràithrean gu suaimhneas leis.

Tha cùmhnant na 'n gnìomh, ag' cùmail gu dìan ribh,

" Coisnibh 'ur Dia le'r deanadas, 'S mar coisin le'r gnìomh, bidh mo mhallachdan siorruidh

Gr'ur leantuinn ag' iarruidh duaise uaibh."

Abh èisdibhse trà, ri guth an Uain-chàisg, Se dh'fhuiling gach bàs 'nuair chèusadh E,

Se ghuth-san tha 'g ràdh, do'm ionnsuidh gun dàil, Grad thigibh 's mo ghràs ni saoibhir sibh.

Annsan a mhàin, bidh sibh iomlan tre ghràs,

Se fèin le 'lanachd is cuibhrionn duibh, 'Sa chùmhnanta gràis, cha bhris sibh gu bràth,

Oir thuirt E, " cha 'n fhàg 's cha treig mi sibh."

" Cha phill iad a thaobh, 'o m'leantuinn gu caomh, 'S ge d' philleadh cha 'n fhaod iad buanachadh,

Ni còrdaibh mo ghaoil, an tarruing a rìs; 'S mo smachdachadh dìleas ga 'n gluasad leam."

21

" Cha chaillear a h-aon diubh, dh'aindeoin an t-saoghail,

Le 'ribeachan clì ga suainneadh ump ; Na f huair mi 'o thùs, 'o m-Athair na run ;

'Bheir mi dhachaidh gu dlù' da ionnsuidh iad."

" Ge d' tha nàmhaid mar chù, na luidh' ann an cùil, Ach an glac e le chùil-bheart innleachd' iad,

On' chuir iad ris cùl, lbidh mis' dhoibh a' m' thùr, 'S 'a m' thaic air gach taobh, 's nach claon iad uam.

Nis' sibhs' tha gun tùr, nach gabh sibh ra ghnùis, Is Ceannard, jFeàr-iùil, is Lèigh dhuibh E,

Cha 'n 'eil galair no grùid, chuir am peacadh n' 'ur grunnd. Nach glan is nach sgùr E gu diongmhalta.

'S bochd an oighrechd co-dhiù, na ehi sibh le'r sùil, Gre d' gheibheadh sibh, dùbailt cuibhrionn dheth,

Ach iarraibh air tùs, an rioghachd is fiù,

G-e d' nach f haic sibh le'r sùil i gu 'miannachadh.

Cha teàrnar gu fìor sibh, mar gabh sibh ri Criosd, 'S gu 'm E na bhiadh 's na aodach dhuibh,

'Ur neart gus 'ur dion, 'ur Righ gus 'ur riaghladh, 'Sa reachdan gach ial so iomchair leibh.

S'e 'n caraide gràidh, a leanas 's gach eàs,

Na 's dlùighe no bràth 'ir an dìllseachd dhoibh,

Cha sgar beatha no bàs a nis' no gu brath, (tu siorruidh 'o ghràdh an Fhìrean s' iad.

'Sem' ùrnigh a ghna, gu'n lùb sibh leis trà, S' gu 'n coisinn a ghradh gu h-iomlan sibh,

*S nach sibh mar chach, da 'n cleachdadh gach là, Bhi ceannairceach, àrdanach, iorghiolach.

Tha lanachd gach gràis, 's gach firinn ann tàmh 'S' tha mhais' agus ailleachd ro-ionmhuineach,

"S ge d' tha mhòrachd cho ard, 's nach tuigear gu brath i, Tha E iriosal, grashmor, tiomachridheach,

22

Co-dhùineam mo rainn, le Soiri thoirt leibh, 'M bi sgaradh a choi 'o'n t-Slànuighear ann ?

'N'e tuireadh is caoidh a la 's a dh' oidhch, Bhios agam sibhs' diùltadh sabhaladh?

'N uair choinnicheas sinn, gu faighinn ar binn,

An robh mise dìleas, càirdeil ribh? 'N do mhealladh sibh leam, mar amadan dall,

G-un bhi sparradh oirbh cuing an t-Slanuighir?

Ma gheibhear sibh 'n Criosd, le cruthachadh Dhia, G-un teagamh is creutairean nuadha sibh,

Ach ma's tlachd agus miann leibh seirbhis an Diabhoil, 'Se chommun gu siorruidh is cuibhrionn dhuibh.

'N diugh dùinibh ri Criosd, 's ur cuibhrionn se Dia, Biodh tart agus miann na naomhachd oirbh,

'S cha dean peacadh, 110 diabhail, no neart anamiannaibh, Ach 'ur teannadh ni's dian, 's ni's dlùighe ris.

SGIOBAIREACHD NA 'N DEISOIOBUIL,

ISAIH ÌÌV. ÌÌ.

Tha mise gu tròm gun suigeart gun fhonn,

Mar Luing a measg thonn air an luasgadh leo ;

'S i gun stiùir air bhann gus a' cumail gu teann, 'S na siùl 'o gach crann air rèubadh orr'.

Tha èu-dion mu 'n druim, 's i lionadh lc taoim, 'S gach làmh air fàs fann le saoithreachadh ;

'S gach tonnadair spàrrt' air liònadh le teàrr, 'S cha taom iad an aird 'o h-iochdair i.

23

Tha lòn air fàs gann, 's am beagan a th' ann,

Fo' ghlasaibh gu teann gu h-iosal innt'; 'S nach ruig sinn air greim ge d'tha sinn cho fann,

'S e domhuinn fo' 'n taoim th' air direadh oirn.

Tha 'n doinionn cho cruaidh a' seideadh 'o 'n tuath,

'S ì seasamh cho huan 's cho diobhalach; 'S ge d' b' aithne dhuinn cruadail iomadaidh uair,

Cha 'n fhurtachd no fuasgladh sa? chùis so e.

Tha gach Barc agus Long tha marcachd na 'n tonn, Dol seachad na'n deann 's cha taobh iadruinn;

'S ge d' shealladh iad ruinn cha 'n fhurtachd e leinn, 'S gun mhodh air an tionac no 'n saor iad sinn.

'Nuair dheigheas iad ruinn le guth na gall-tromp,

'S iad fèin agus fonn an aoibhneis orr'; Ach sinne 's ar Long mar eadar dha-lunn,

Dol fodha 's gun dùil ri eirigh leinn.

Na tha lòn ri ar taobh ann an sealladh ar sùl,

'S plaosg mhuc e nach fiù 's nach dean tairbhe dhuinn ;

Chaidh a thoirmeasg 'o thùs, 's bheir e 'm bàs leis co-dhiù, 'S cha phill sinn mar chù gu sheilbheachadh.

Co neach tha cho tùrail, cho fiosrach, 's cho iùlmhor, 'S gu 'n abair, " cha libhrig am Prionnsa sibh ;"

Ach thugadh es-an an àithn' do'n doinionn " bi 'd thàmh," 'S do 'n f hairge " bi samhach " 's grad ghèillidh iad.

Faic neach air na tuinn ag imeachd gun fhiamh,

Nach ionann is Dia a dheanadh sud ; Ach tha eagal am chòm gur tanasg a th' ann,

'S gus ar' milleadh's an doimhne so thainig e!

Ma 's E 'm Prionns' ud a th' ann nis' abradh E riums', " Thig thusa do 'm ionnsuidhs' a Phàdruig bhochd;"

Dol fodha gu dian, tha mise dol sios, Dean furtachd mo Dhia is sàbhail mi !

24

Carson a tha thu mi-chreideach gun lùths,

'S nach coisich thu t-ùrnuigh do 'm ionnsuidhse ?

Ach lap thu cho luath an glacaibh na 'n stuadh, Nach lag agus truagh as m' èugmhais' sibh.

Nis fòghlumaibh chlann gur mise "bhur ceann,

'S 'ur Fear-teagasg 's gach am 's na dòmhlachdan;

Is thigibh am dheigh, 's togaibh oirbh 'ur crann-ceus', S fèin àicheadh 's gach ceum ra ionnsachadh.

Na gabhaibh ri seideadh le ain-eolas 's eud, Bheir 'ur cosaibh 's 'ur cèum gu sleamhnachadh ;

À' cur bacadh orm fèin a' ruith anns an rèis, Tha romham, 's a dh'fhèumas mi choi'-lionadh.

Cha leibh bhi ri uaill air an taobh so de'n uaigh,

Ach a mhàin deanaibh uaill as 'ur n-anmhuinneachd ;

'S deanaibh uaill ann 'ur Dia, tre chreidimh gun ghiamh, Oir a bhuaidh a thug Criosd is leibhse sud.

Bithibh macanta ciùin, is iriosal brùit, Ag itheadh sa chùil na dh, fhaodas sibh;

Biodh'ur cnàmhan cho ùrar, is sult air 'ur gnùis,

'S theid a' nàmhaid a bhiuthadh fo'r sàilibh dhuibh.

Cnmaibh cogàdh gun sith air chois ann' 'ur crìdh', Ri naimhdibh an Righ gun bhaigh riutha ;

Gru 'm faic sibh gach aon diubh tuiteam sa chaonnaig, ;S toirt thairis gun chli 's a' bàsachadh.

'N sin mealaidh sibh sith an comnnn 'ur Righ, Glun bhuaireas, gun daors', gun sàruchadh ;

Ach sonas is saors' nach urra' mi inns', 'S nach tuig sibh a' mile pàirt dheth nis.

A BHAN SHULAMACH.

Tha mo leòn cho domhainn, 's cha dean mo bhròn mo chobhair,

S mi gun seòl air lighich gu m' leigheas 'o m' chrèuchd,

Tha mi dall 's cha 'n fhaic mi, 's mi bodhar gun chlai sneachd,

Tha mi balbh gun labhairt, gun aithne gun leirs' ;

Tha mi graineil salach, toirt gràidh do 'n pheacadh,

'S toirt gràidh do 'n mhaith, ged' nach aithnich mi e,

'S cùis ghràin gach neach mi, le 'm b-àill bhi taitneach,

'S mi ri gàire na h-amaid, 'n uair as fhaisg mi do'nèug.

Nach-eil mi marbh 's gach peacadh, aig a bhàs fo' ghlasaibh,

Mar chairbh bhiodh fada nan luidhe san uaigh,

Le àileadh 's droch-bholadh, sgaoileadh plàigh, feadh an f hearainn,

Mar thug Adhamh 'n toiseach an t-olc air gach sluagh ;

€re d' a b-àillidh an corp ud, rinn aon phlàigh e na smodan,

'S thèid a chàradh na chlosaich*gu grodadh san uaigh,

So crioch gach odhail, measg dhaoin' an domhainn,

'0 na Righ gus a choiteir as bochd' measg an t-sluaigh.

Tha mo chàil cho mosach, 's gun àileadh na m' choguis,

'S mi gun bhlas a gheibh cron ann an olc no ni fìar,

Tha mi bàigheil ri donas, gun bhi gràdhachadh sonais,

Gabhail fàth air bhi dona, 's aig socair gun f hiamh ;

Tha mo bhriathraibh nan lochdan, ann mo chliabh cha-n-ei] osnaich,

Cha-n-iarr mi bhi cogadh, ach fois leis gach miann,

Tha mo rian cho greannach, 's mo ghniomh cho dannar,

'S ge d' dheanam gearain, se th'agam a bhriag.

Tha mi marbh neo-bheothail, is dorch gun solus,

Tha mo cheilg gun ghainne, 's cha'n eirc leam i,

Tha mo shalchar screataidh, 's mo mhac-meanmuinn mearachd,

'S tha ana-mèin neimheil na luidhe na m' chrè ;

26

Tha mo dhaors' na mire, 's cha-n-eil saors' ga sireadh, Cha-n-eil mì-run air mhiosad ri milleadh mo shìth, Tha mo chnàmhan tioram, gun bhlàths san fhireach, S gun Fhàidh bheir fios dhomh, 'n tig sgineach air fèith.

Cha-n-eil uamhas mar-rium, no suaimheas agam, Cha ghluais ri maith, is cha chriothnuich roi ghiamh, Mo ghlaodh mar shocair, 's mo shìth na crois domh, Cha-n-eil ni leam cronail, ach 's olc leam gach ; Tha saors' na mhealladh, 's tha daors' na mhallachd, 'S ge d' nach fhaod mi aithris, cha dean fholach a dhion, Tha mi tinn is creachte, 's mi saoibhir fallain, Se mo phian am peacadh, ach 'o 'n pheacadh fo' dhion.

Tha mi trom am chodal, is fonn air 'm aigneadh,

'S mi sunntach fo' ars-neul, mar eadar dha-liunn,

(xun oidhch' gun latha, gun ghrein gun ghealaich,

'S gun rèult ra faicinn toirt seachad a soills;

Ànn an cuibhreach gun ghearain, 's an gainnteir gun fhadachd,

Bhi saoibhir ach falamh, gun ainnis ach lom

'S mi lunndach lapach, ach fonnmhor cleachdail,

'G-un loinn gun mhaise, 's mo mhaise gun mheang.

Tha aois air luidh orm, ach m' oige mairsinn,

'S mi gun treoir gu tagradh, 's m-fhear-tagraidh tha beo,

Mo dhoigh cha-n-eil annam, 's fear-dochais agam,

'S mi gun seòl air aran, 's gun easbhuidh air lòn ;

Tha dòruinn agam, 's mi 'n comhnuidh fallainn,

'S ge d' tha mi cas-ruisgt' se'n Soisgeul mo bhròg;

'S ge d' 'slom mi 'm sheasamh, bu daor mo dheise,

(xun phris fhuair mis' i, 'smì-mheas orr' an t-or.

'S ma 's tolltach mo sporan, tha m' ionmhas taisgte,

'S ma 's èutrom mo phoc( tha mi sona gu leòr,

Tha mi daonnan bochd, ach mo shaoibhreas sa Bhanca,

'S ge d' nach fhaod mi chosg, ach cha chronail sud dhomhs',

Tha mi ghnàth le ocras, 's mi lan le beartas,

Glach na 'mbhaigeir, 's cur thairis mo stòr,

'S ge d' thà mi falamh, tha oighreachd agam;

Si mo luibhre 'm peacadh, 's gun smal na choir.

27

G-e d' 's fuar mo sheasamh, tha mi suaimhneach seasgair,

Tonn-luaisgt' le as-creidimh, 's mo chreidimh bhi "beo',

Po' neoil le eagal, 's mo dhòchas gun gheilt air,

'S mo bhròn ga'm leagadh, ach seinneam le ceòl;

Tha truaighean agam, ach trocair mar ruim,

'S tha buaireadh faisg dhomh, ach seasaidh mi chòir,

Mi ghnath air seachran, gun chlaonadh aigneadh,

'S mi sir-dhol mearachd, 's nach f haighear mi 'n gò.

Mo chruas mar charruig, 's mi teòdhach, caidreach, Fo' bhuaidh aig an-iochd, 's làn tairisneachd 's daimh. Le uabhar 's aineol, ach suairc is aithneoil, 'S mi gruamach, starach, neo-charach le aoidh, Mi crian is mosach, ach fialuidh fosgailt, Grun chiall ri cosgais, 's mo choiseachd cho stuaim, Na m' thamh a' moneis, gun tamh gun fhois domh, 'S mo phàirc gun treabhadh, 's dol fodha tha 'n siol.

Nuair tha mi lag, tha mi làidir tapuidh,

Si nàire 's brat domh, 's cha mhasladh leam e ;

G-e d' chraidh mi m' athair, tha ghradh gun las 'chadh

Cha tar mi fhaighail, 's mi ga fhaicinn 's gach am ;

Tha mi fo' fhaitcheas, ach sith ra mealtuinn,

S mi sgith gach la, 's gun fathast mi fann;

Ge d thà mi 'g acain, cha 'n ann ri gearain,

Tha aoibhneas agam le sac air mo dhruinn.

'S an dorch ge d' ro' mi, tha mi falbh le solus, Cha 'n earb a caraid, ann mo charaid tha m-earbs', Gre d' tha mi bacach, 's leam an lorg 's am bata, 'S mi anmhunn tre lag-chuis, ach gaisgeil gu leòr: Tha m-iarrtais falamh, nas lionta no 'n talamh, 'S mo mhiann cho farsuing, 's nach stad e gu glòir, G-e d! chiar air m' fheasgar, èirigh reult na maidne, Is m' oidche nuair luidheas, cha luidhe do m' ghrein.

Ge d' b-iosal mo leagail, nach uasal mo thogail, 'S ma 's truaillidh mo chiont, 's mi gun chiont ann mo cheann, G-e d' suarrach mo chinneadh, 's àird shuas chuireadh meas oirn, Qte à* sinn is duaichni de 'n duslach, fhuair sinn urram nach gann,

28

Leinn is diomhain gach oidhirp, ach 's leinn gach buaidh dol air

aghaidh, Is sinn gar suaineadh mar leisgein, ach le foighid ruith teann; Cha ghabh an saoghal so aithn' oirn, ach chuir E seula le beachd oirn, 'S ged' nach tèid iad snd mar ruinn, cha dean sinn maill' ach nar

deann.

Tha sinn air fuadan' o'r dachaidh, oir sann shuas tha ar beatha, Is sinn ga 'r luasgadh le doinnion, ach ar cala' gun tonn, Nuair bhios an fhairge ro-atmhor, cha bhi ar ceannard na chodal, 'S ged' ro' stuaghaibh gar bagradh, bheir da smachdsan iad geill, Ma thig teanntachd no ocras, 's leinn a' Manna tha folaicht, 'S.nuair thig ganntar do 'n fhearann, 's leinn an t-aran tha beò, Nuair tha sinn fann agus lag, 'n sin tha sinn laidir na' r Caiptin, 'S ma tha do chàch sinn mi-thaitneach, sinn is maisich tha beo.

Ma bhios sinn dileas is dleasail, their an saoghal gur h-olc sinn, Ma bhios sinn direach neo-lochdach, sinn as crosd' de' gach seòrs', Ma bhios sinn naomha na 'r coiseachd, rèubaidh daoine mar c hoin

Sinn, Ma theid sinn cli 's mòr an t-olc e, theid ar lotadh 's ar leòn* Ciod a ni sinn sa chor so, dol tre 'n t-saoghal cho olc so? Cha-n-eil sith 's cha-n-eil fois duinn, ach a cogadh gach lo, Ach cumsa direach ar cosaibh, gun bhi claonadh 'o t-fhocal, 'S anns gach ni thoir dhuinn cosguis, dh-ionnsaidh sonas na glòir.

AN TIGH AIR A CHARRAIG.

Mat. YII. 24.

Fonn. Sann tha mise tinn, ged nach fhaod mi aithris, Thuit mi ann an gaol do 'n an Righ as maisich, Sann tha mise tinn, ged nach fhaod mi aithris.

Ann an làithibh m-òige, Bha mi baoth is gorach, Shaoil mi' nach ro' sòlas, Ach an ceòl 's an aighear. Sann tha mise tinn, &c.

29

G-ed' bha mi gun eòlas, Dheirich smuaintean neònach, 'Gt innseadh nach ro òrdugh, Chòmhnuidh san taobh stigh dhiom. Sann tha mise tinn, &c.

Chnnnaic mi gun chaill mi, Coir san a rinn mi, 'S nach coisninn a chaoimhneas, 'S air aoibhneas nach ruiginn. Sann tha mise tinn, &c.

Dh' iarr mi fois is sith, Ei sealltuinn air gach taobh dhiom, Romham 's air mo dhèigh, Ach dh' èug mi dhiobhail misnich. San tha mise tinn, &c.

Thuirt mo chèud fhear-pòsda, Nach ro' riamh, rium còirdt', Ma bhios tu risan pòsda, Dhòmhs' thoir litir-dhealaich. Sann tha mise tinn, &c.

'S mi eadar beath is bàs, Na m' shineadh air an làrf " Mair thusa beò gu bràth, Mo ghradhsa ni do thiorcadh. Sann tha mise tinn, &c.

Dh' fhosgail E mo shìulean, 'S dh' fheuch E dhomh, an dùirginn, Sealltuuinn air 'a ghnùis, Ach dhòmhlaich orm mo thrioblaid. Sann tha mise tinn, &c.

Ris an talamh dlùth, G-u teann do luidh mo bhrudhsa, 'S mo bhilibh san ùir, 'S bu chuibhrig orm mo mhasladh. Sann tha mise tinn, &c.

30

Ach thug B dhiom an fhàlluing, *S bhean E ri mo chairean, 'S dh' fhèuch E dhomh cia gràsmhor Buaidh a bhàis sa bheatha. Sann tha mise tinn, &c.

Tha glòir a phears' cho àilllidh, Tre gach drèuchd a deàlradh, 'S mur na Sèudair ard' Tha ann gach gràs cho "barraicht'. Sann tha mise tinn, &c.

Tha ainmean cho glòirmhor, 'S E cho làn do mhòrachd, Grach neach ghabh air eòlas, Tha 'm posadh neo-sgaraicht. Sann tha mise tinn, &c.

ChuDnaic E 'ar leòintean, Ar truaighean, 's ar dòruinn, 'S ann am mèud a thròcair, Dheònaich E tighin mar ruinn. Sann tha mise tinn, &c.

Be 'n diomhaireachd mhòr e, Dia thighin anns an fheòil dhuinn, 'S sinne mar na laomainn, Ri cur seòl air tighean.

Sann tha mise tinn, &c.

Gred nach eil againn dhàsan, Ach peacadh is bàsan, Tha firinn is gràs, Na lànachdsan am pailteas. Sann tha mise tinn, &c.

Gred' tha sinne gràineil, Is truaillte le Sàtan, 'N dream da 'n d' thug E gràdh, Bheir Esan sabhàilt dhachaidh. Sann tha mise tiun, &c.

31

Ged' tha sinn salach duaichni, Dol tre iomadh Tbuaireadh, '0 n' 's leisean gach buaidh, Gheibh Gad a bhuaidh ma dheireadh. Sann tha mise tinn, &c.

Ged' hhruthadh a shàilsan. Ga chiùrradh le Satan, Sin an uair a dh' fhàisg E, 'S gu bàs "bhrùth E chlaigionn. Sann tha mise tinn, &c.

A ch tha naimhdeas Shàtain,

'N aghaidh Chriosd 's a chàirdean,

'd 'o n' se nimh a nàduir e,

Gru bràth cha stad e.

Sann tha mise tinn, &c.

Air Carraig nan àl, Tha 'n eaglais dol an àirde, 'S 'o n' tha bunait sar-mhaith, Cha-n fhàiling aon chlach dhith. Sann tha mise tinn, &c.

G-ed' tha i tonn-luaisgt, Le h-iomadh doinionn 's tuairgneadh, Cha toir Ifrinn buaidh orr, 'S daingean buan a seasamh. Sann tha mise tinn, &c.

'O n' thug Esan gràdh dhi, Cha trèig E gu bràth i, Dh-ain-deoin cùlbheirt Shatain, Gheibh i tearuint dhachaidh. Sann tha mise tinn, &c.

Domhuinn tha i geàrrta, Air deàrnaibh a làmhaibh, Seulaicht' air a ghàirdean, Tha i sabhailt aige.

Sann tha mise tinn, &c.

Q-hluais i as an fhàsach, 'S 'o fhuar-dhealt staid-nàduir, 'S i dol suas an àird' Air fear a gràidh tha taice. Sann tha mise tinn, &c.

Air slighe ghloin is reidh, G-un tuisleadh air a cèumaibh, Siubhal còmhnard, sèimh, Gru suairce, bèusach, maiseach. Sann tha mise tinn, &c.

Ged' tha i ruith na reise, G-iùlan a crann-cèusaidh, Tha uallachsan èutrom, Is E fèin is neart di.

Sann tha mise tinn, &c.

'Nuair bhios a h-eallach trom, Bheir Esan druim gu ghiulan 'S bidh i aoidheil, ùrail, Gun bhi tnù no gearain.

Sann tha mise tinn, &c.

A' measg chloinn nan daoin' G-un samhuil dhi ra fhaotain, '0 n' thug Esan gaol di, Innte cha-n-eil smal leis. Sann tha mise tinn, &c.

Tha i tric ag àireamh, A ciont tha na chràdh dhi, Deir Esan an trà sin, Chòmhdaich gràdh do pheacadh, Sann tha mise tinn, &c.

Tha ise caoidh 's a bròn, Oscionn gach salchar feòla, Ach Esan chuir orr' còmhdach, Le thròcair ga 'm folach; Sann tha mise tinn, &c.

33

Tha ise dubhach, craiteah, Thaobh truailleachd a nàduir, Tha Esan ag ràdha, 'S àillidh tha thu agams'. Sann tha mise tinn, &c.

Ma bha thu luideach, cloudach, Broinneagach, gun loìnn ort, Do d' thrusgan cha bhi samhladh, Air ainglibh na 'm Flaitheas. Sann tha mise tinn, &c.

Le ùmhlachd rinn B sniomh dhuit, 'S an fhurneis bu phianntail, Chaidh cumadh, 's a deanamh, 'S ciatach leis i umad.

Sann tha mise tinn, &c.

Is trusgan nach sgàth i, 'S nach caith thu 's an fhàsach, 'S a dh-aindeòin an nàmhuid, Cha luidh gu bràth smal orr. Sann tha mise tinn, &c.

'S i chulaidh as fearr i, No bha 'n tùs air Adhamh, 'S ann an luach 's an àilleachd, Anns gach pàirt i barraicht. Sann tha mise tinn, &c.

Cha 'n fhaighear i air aon neach, Do mhuinntir an t-saoghail, Ach bidh 'n teaghlach liioghail, Innt' gach aon diubh paisgte. Sann tha mise tiun, &c.

Ach cha 'n fhaod thu 'n trà so, Bhi faicinn a h-àilleachd, Air eagal gu 'm bi Satan, Le àrdan ga d' chasaid.

Sann tha mise tinn, &c.

34

Acli nuair thig seilbh na saorsay Faodaidh tu gu dìlinn, Bhi faicinn t-Fhir-shaoruidh, Dha 'm bu daor a chosg i.

Thug ar ceud-cheann-cùmhnaint, Do 'n a lagh eas-ùmhachd, Sud an tuil a bhrùchd oirnn, 'S a dhùin sinn fo' chionta.

Thug an ciont ud bàs Ieis, Mar dhuais do shliochd Adhamh, 'S air gach linn is àl dhiubh, Sud a phlàigh a sgrios iad.

'Se mallachd luidh gu tròm oirnn, Eheargsan air a foilseach' 'S rèir a cheartais thoill sinn, Sud mar chuibhrionn mhairionn.

Ach rèir na comhairl' shiorruidh? A be rùn na Trionaid, Chuir B ga ar n-iarruidh, 'N as E 'n Dia-duine.

Ann an lànachd ùine, Dh' fhoillsicheadh san fheòil E, Coinneachadh gach seòrsa, Bròin, is leòin, is trioblaid.

Mar urras air càch, A lotadh chaidh na 'n àit' 'S gu 'n ro' na fiachan pàite, Chaidh gach bàs leis fhulang.

Ach air an treas là,

Thug buaidh air uaigh 's air bàs leis,

'S air èirigh an àird dha,

Da chàirdean thug misneachd.

Choinnich E na bràithrean, 'Gr imeachd gu Emàus,

35

Is ehuir B teas-ghràdh annt' 'S iad fo' sgàil gun fhios doibh.

Dh' fhèuch E anns gach àm dhoibh, Meud a ghràidh 's a chaoimhneis, ?S gun tigeadh do 'n ionnsuidh, Neach a gheall an t-Àthair.

Q-e d' rinn air mhodh B 'm fàgail, Le dhol suas an àirde, Cha d' lùghdaich a ghràdh, Na 'm fàbhar tha E tagradh.

Their E thaobh gach pàirt diubh, Athair nis' is àill leam, G-un tigh iad na d' làthair, Gru bhi gu bràth mar rium.

Ach 0 nach faoin is gòrach ! Muinntir aosd is òg, Nach dùineadh ris ceart-cò'ladh, Am pòsadh neo-dhealaicht'.

Na tha diulltadh fhàbhair, Fhad 's tha na slàinnt' ann, 'Nuaìr a thig am bàs, Is cràiteach bhios an sgaradh.

Sann a thèid am fuadach, Dh' ionnsuidh buillsgein truaighe, G-e d' an diugh nach giuais iad, 'S fuaim a ghuth cho faisg orr'.

Ach 0 nach èisd sibh chairdean, 1S nach pill sibh gun dàil ris, 'S gheibh sibh buaidh air Satan, 'S e ur n-àite Elaitheas.

Sann tha mise tinn, &c.

CAOIDH M COMHACHAIG.

PSALM CII. 6.

Ponn. Och nan Och, is Och mo leònadh r Se bhi faicinn aois is òige, Sìr dhol cli gun suim do thròcair, Dh' fhàg mi tinn 's nach seinn mi oran.

A shluagh a tha n' ur codal suaimhneachy Marhh n' ur peacanna gun luaisgean, Mar gu 'm' b-fhasan a "bhi truaillidh, Ann ur cleachdadh fad 'ur cuairte. Och nan Och, &c.

'O n' thug Dia dhuibh tuigs is rèusan,

*S truagh 's is caillt' mar dean sihh feum dhiubh?

'G- ullachadh airson na h-èigin,

'S n' ur cabhaig nach biodh sibh trèigte.

Och nach b-àill leibh 'n diugh bhi diadhuidh, 'S ur cùl gu tur chur ris an diabhol, 'Se mortair, athair na 'm briag e, G-e d' tha e slugadh nan ciadean.

'N ann gun aobhar thainig Criosda ? Thabhairt ùmhlaehd do 'n lagh rioghail, A dh' fhulang na 'm bàs bu phianntailj, 'S do cheartas dhioladh na 'm fiachan.

'S èigin domh bhi bochd is brònach> A' faicinn gach Iuchd m' eòlais, A' gràdhachadh smal na feòla, 'S cur fo' thàir na siàinnte mòire..

37

Na 'm faicinnsa 'n aois 's an òige,

Filltinn 'o shlighe na dòruinn,

*S mise bhiodh aoibhneach le sòlas,

'S cha bhiodh tèud nach seinneadh òrain.

Tha aineolas mòr na 'n ceùdan, Do m' mhi-mhisneachdsa toirt aobhar, Bhi mar churaidh orm ag èirigh, Briseadh mo chlarsaich fs a tèudam

Cha ruig mi air fonn an aoibhneis,

'S cudthrom' trom ri m' bhonn ga m' shèisdeadh,

'S nach tàr mi 'o n' làr air èirigh,

'S corp a bhàis dhomh ghnàth na èigin.

Tha mi lag-làmhach neo-threùbhach, 'S cha be sud san àm so dh' fheumainn, Ach mo ghàirdean bhi cho trèunmhor, 'S gach bogha gtàilinn gu 'n gèilleadh.

Oha dean mise fèum san fhionlios, O-un chreidimh ni mo neart deth 'n Trionaid, Tha E 'g àithneadh dhomh na bhriathraibhf Mi chur orm an Tigheam Iosa.

Och ciod a their, no ciod a mi ? *S so cho àrd oscionn mo reusoin, 'S mi ri gearain di mo lèirsinn, *S nach ruig mi air ni cho diomhair.

Se so le cinnt an aon ni fèumail, *S iads' rinn roghainn thar gach ni dheth, Seasuidh e 'n crannchur, 's an cuibhrionn, 'S cha tig orr 'am 's an dean e 'n treigsin.

Oe d' ro' mi mar neach air fhàgail, Seasam daingean mar a thàras, 'O n' laimhsich mi an crann-araidh, TS& pilleam air ais gu m' nàire.

38

Nuair is èignich orm 's is cruaidhe, Faodaidh gun dean Esan fuasgladh, Chur mo naimhdean air an ruaig dhomb, 'S gun d'thoir E dhomhsa buaidh na tuasai'dl

Deanadh Esan riums' mar rs àill leis, Ach cumadh E mi 'n ceum na h-àithney Is ionnsuicheams' ùmhlachd dhasan, Saoileam gur h-e sud dhomh sàbhailt.

Iads' a ghlacas cèumaibh àrda, G-un fhocal 's a fhreasdal slàn ac', Tha cunnart nach Ièir dhoibh trath ann, G-us na dhèigh sud gheibh iad cràdh dheth.

Se suidh anns an àit 'as ìsley Chomhairle da chàirdean dìleas,. G-us am faic E na àm iomchuidh, 'N àrdachadh chum onair Chriosda.

Le suidh' anns an ait' as àrda, Se 's dualaich an toirt a mhàn asy 'S i adsan a bhi gabhail nair', Is searbhalachd toradh an àrdain-

Cha 'n ionnsaehadh no dhà e, Le 'n ruigear air fòghlum àrd leinn, Ach sgrudadh cridhe, 's rannsach' àirneaD7 Le 'm faigh sinn fìos ciod is fearr dhuim.

Cha 'ne gu faigheumaid ar n-ailghios, A mhealtuinn ge d' se a "b-fheàrr leinn, Dhearbhas gur e sud bu shàbhailt, Ach gu buil iomchuidh chur na tha sinn.

Ach feitheamaid gu foil ri shlàinte, 'S ann ann fèin tha stòr nan gràsan,, 'S tric leis a bhi nochdadh fàbhar,, Oir aig' tha gach uile lànaehd.

Ach deanamaid ar gearain tra' ris,

'S innseamaid dha mara thà sinn,

'S mar a dean E iochd is bàigli ruinn,

'S dualach gur h-e 's crioch am bàs dhuinn.

Ach 0 anam sguir do d' chànran, 'S thoir sùil ris na beanntaibh ard' ud, Tha E cho toileach sa bhà E, Grhabhail pheacach chum an teàrnaidh.

'N do dhì-chuimhnich thu chum do nàire ? Chaoimhneas dhuit an doimhne t-àmhghair, G-ach fuasgladh thug E as gach càs dhuit, 'Sa chumail suas na h-uile ort.

Na 'n ro' Esan riuts' mar thoill thu, Cait' a nise 'm biodh do chuibhrionn? Nach ro' gach E gràsmhor saoibhir? Toirt du-lan dhuit 's tu eho mi-thaingeil.

Na fhreasdal bha cho naomh is uasal, Làn do thairisneachd 's do shuairceas, Cha d' choinnich thu ach beagan cruadail, 'S faic gu bràth mar chùm E suas thu.

Ma bha do thrioblaidean lionmhor, Dh-innis E dhuit sin na fhìrinn, Gur h-e do chuid anns an t-saoghal s', Chum do dhearbhadh air do dhilseachd.

'sa cur ri creidimh cruadal, Naomhachd cridhe, 's beatha stuama, ri faire roi' gach buaireadh, 'S roi' gach lion tha dìomhair uaigneach.

'N uair ls èignich orm 's is cruaidhe, Eaodaidh gun dean Esan fuasgladh; Chur mo naimhdean air an ruaig dhomh, 'S gun d' thoir E dhomhsa buaidh na tuasaid.

40

Ionnsuich a bhi treubhach dàna, Ruith na rèis le foigid ghasmhoir; Cum do shùil gu dian an àirde, Ri Ughdar 's Priomh-Fhear do shlàinte;

Na bi ri toileachadh dhaoine, . Ach le barrantas na fìrinn; Dha do Cheannard slàinnt' bi dìleas, *S bheir E gràs is glòir gu sior dhuit. Ooh nan och is och mo leònadh, &o.

CALL IS BUAMACHD.

Thug mi gaol, is cha 'n aithreach,

Do 'n neach sin is maisich no daoin',

'S E 'b-isle bh' air thalamh,

Ach is aird' ann am JFlaitheas na Righ.

Ge d' a dhòirteadh leis anam,

Na ìobairt 's na thabhairteas sìth ;

Chum gun saoradh E peacaich,

Le 'n àrdachadh mar ris gn sior.

Nach be 'n t-ìoghnadh air thalamh,

Tha cho diomhair do-bhreithnicht' le daoin';

'S air a miann a bhi beachd' chadh,

Le ainglibh na flaitheas gu sior.

'N Dia siorruidh, do-f haicsinn,

Bhi na chiochran 'g òl bainne na cich ;

'SJann an coslas feol' peacaich,

Seadh na pheacadh, 's na mhallachd araon.

0 doimhne saoibhreis fior ghliocais,

Ard-cheartais, 's ro-eolais De;

Cia do-rannsaicht' do bhreithsa,

'S cia do-lorgaicht' do shlighean gu lèir !

Ach ciod an ni sin am peacadh?

Chosg cho daor mu 'm biodh neach uaidhe saor,

'0 n' tha chionta cho nimhcil,

Làn ceannairc, ro-shallach, 's mi-naomh.

42

Faic an sgriob thug am peacadh,

Air na h-ainglibh gan sladadh gàch taobh ;

Nuair a dhaom iad làmh-phaisgte,

'S e gan tàladh cho somalt na lìon.

'0 na ghèlll iad da smachdsan,

Is nach b-àill leo an tlachd a bhi 'n Dia,

Chaidh am fuadach le ceartas,

Dh-ionnsuidh dòruinn, is lasraichean sior.

Faic mar thaom an tuil thruaillidh,

Air ar sinnsir, 's f huair buaidh oirn gu lèir,

Rinn ar giùlan na cluain-shruth,

Le mòr-sgriob, is lom-sguaib na creach-lèir,

Thug gach mallachd, is truaigh' leis,

Is gach bàs tha mar dhuais do ni cheudn',

Thug sinn fo' ghlasaibh cho cruaidh-theann,

Is nach fuasgail aon neach sinn ach Dia.

Se 'm peacadh a b-aobhar,

Air an tuil chuir an saoghal a dhìth,

Ge d' bha searmonaich Noah,

Gach a teagasg gach òg agus aosd,

Cha do chreid iad gach seòladh,

A thug Dia dhoibh; 's teachd gu thròcair an Criosd,

No gu 'n gabhadh iad comhnuidh,

Anns an airc a thog Noah mar dhion.

Nach e'm peacadh thug còmhladh,

S grios air Sodom 's Grommorah le chèil,

Air Admah 's Seboim,

Is air bailtean a chòmhnaird gu lèir,

Se rinn bean Lot na cùis bhròin,

An uair a sheall i cho gorach na dèigh,

'S a rinn lotadh an Soar,

Oir gu màirnealach roghnuich iad e.

Nuair rinn an Scriobtur ar dùnadh, Fo' 'n a pheacadh gun dùil ach ri dhuais, Sann a nochdadh air tùs dhuinn, Qu' ro' foluicht na rùintibhsan uainn,

43

Mòr-mhaitheas, mor-fhabhar, Mor-gràdh, is mor-ghràs do gach sluagh, 'S thug sud miosneachd do Adhamh, 'S do Abeil, 's do gach àl gu so nuas.

Thug am peacadh gach plàigh leis,

Iomadh trioblaid, is bàs mar dhuais,

'S thugadh lagh nan deas-ghnath'aibh,

Chumail cuimhne gach do 'n t-sluagh,

Grur h-ann le fuil, is le bàs,

Is le aon iobairt' gu bràth a tha buaidh,

Le ùmhlachd beatha 's pian bàis,

A ehoisinn Criosda mor-theàrnadh da shluagh,

Cha dean bhi 'g àireamh 's a cnuasaeh,

Ar cionta, 's ar truaighean gach là,

Ach ar misneachd thoirt uainn,

Is ar cumail tonn-luaisgte ghnàth,

'S a bheir cothrom do bhuairibh,

Ni ar cromadh gu buan ris an làr,

Is gach doinnion ga 'r bualadh,

'S ga 'r tuairgneadh mar thonnaibh na tràigh.

'Se ar gliocas, 's ar buannachd,

Sealltuinn suas ris an neach tha gu h-àrd,

'O n' sann aig' a tha fuasgladh,

Do na truaghain gu minic tha 'n sàs,

Se ni furtachd 's gach cruaidh-chas,

Nuair thig tuil oirnn mun-cuairt mar mhuir-làn,

'N sin togaidh E suas dhuinn,

Le suaicheantas bratach a ghràidh.

Oir is leisean còir fuasglaidh,

Air an oighreachd, chuir sinn uainn aon-là,

'S còir ceannuich gach buannachd,

Tha B 'g aiseag da shluagh tre ghràs,

Thug an t-Athair 'o thùs da,

Uile gheallanna cùmhnant' nan gràs,

'S tha gach lànachd gu saoibhir,

Ann a chòmhnuidh gu diongmhalt gu bràth.

44

Se cuspair creidimh, is ùrnuigh, Cuspair molaidh, is ùmhlachd gach ; Cuspair gràidh, agus dòchais, Cuspair tlachd, agus eòlais na slàinnt. 'S E t-Fhear-tagraidh tha beo E, Is a dhionas do chòir 'o gach nàmh, T-f hacf huinn-chogaidh 's gach còmhrag, 'S do thuagh-chath dol an òrdugh gach blàir.

Se grian gach soluis is soills' E,

Th' aig na h-ainglibh làn-aoibhneis an gloir ;

Se ard-shonas nan naoimh E,

Bhios ag aoradh gu taingeil gun ghò.

Tha gradh an Athar gun choi-meas,

Os an cionn sud, neo-chrìochnach mor,

A ghloir-òirdhearc rinn fianuis,

" Mo^mhac gràidh 's mi leis riaruichi' gu leòr."

Thug an t-Athair 'o thùs dha,

Ann an cùmhnant na saors' a shluagh ;

Chuir a ghràdh E fo' eigin,

Is nan àit' thug E èiric mor-luàch.

Thug E dhaoineachd na ìobairt,

Air altair a Dhiadhachd suas,

'S thug do cheartas lan-dioladh,

'S choisin fàbhar gu siorruidh buan.

Nise chi E 's gach aon diubh,

Toradh saothair, 's gleachd anam mar dhuais ;

Thug an t-Athair na ghaol da,

'S rinn E 'n saoradh 'o chionta 's 'o thruaigh'.

Cha do chailleadh a h-aon diubh,

Ach air each cunnart, is baoghal fhuair buaidh

Ach clann an sgrios rinn air dì-meas,

Thèid an sgiùrsadh do dh' ifrinn gu luath.

'S och a chàirdean nach èisd sibh,

Fhad 's tha ghuthsan ag èighachd 'n ur clùàis';

45

Thigibh dlùth dha, 's grad ghèillibh,

Gheibh sibh urram, 's leibh theid E thoirt buaidh.

'S nuair a gheibh sibh E fèin,

Cha chum E aon ni bhios fèumail dhuibh uaibh ;

Q-heibh sibh rioghachd na glòire,

'S seinn Oran Mhaois 's an Uain.

CUAIRT AN T-SOISGEIL

Co-labhairt eadar an soisgeul fo' shamhla' fear-cuairt tre 'n Ghaeltaehd agus seann Mhinisteir, a chunnaic iomadh caochladh, agus athar- rachadh doilghiosach a measg na 'n Gaedheal fèin.

Soisgeul. Tha 'n soisgeul glòirmhor rnar fo' leòn, Ki caoidh 's a lbròn fo' àmghair; Ag iarraidh aoidheachd measg nan sldgh, No 'n d-thoir iad àite tàimh dha. Ach 's tearc iad ann a' measg gach seòrs', Bheir seomar dha na 'm f àrdoich ; Ach coisicheadh e 'n rathad-mòr, " Tha chosaibh luath is làidir."

ÌSoisg. Aig geataihh nan daoine mora, Dh' f hiach e seòl na dha ann ; 'S thuirt e riu ma bha iad deònach, G-un cuireadh e fàilt orr'. Ma "bha iad ainniseach no leòinte, 'S fo bhinn doruinn bhàsmhor, Bha chungaidh-leighis leis na phòcaid, Chumadh beò gu bràth iad.

V 'aislibh— Ach fhreagair iadsan, ciod bu mhiann leat\? Cha-n eil ciall na d' chòmhradh ; Cha-n eil thu seadhai) no gnìomhach, 'S da 'r miann cha n-f hiach an lòn thu.

47

Cha d-thoir ths, beartas dhuinn no cliù ,~ 'S cha d-thoir tha cuirm no òl dhuinn, Ach cuiridh tu sparrag na 'r gial, 'S cha dean tha biadh no ceòl dhuinn.

Soisg. 'S ì'm-oifig 's bhi nochdadh eàirdeis, GràidhHs slàinnt', is tròcair, Tha|mi ionmhasach le gràs, Is làn deth mo thigh-stòirsa, Tha mi gun airgiod gun phàigheadh, Do chach ga thoirt deònach, 'S ma 's àill leibh a ghabhail duibh fèin, Bidh mise rèidh sa chòrdadh.

Uais. Tha 'n tìm againne ro-luachmhor, Gu bhi cnuasach stòrais, Cha 'n fhaigh sìnn feitheamh air do dhuans' Le uaislibh tha e neònach, Air daoinibh glie cha d-thoir thu buaidh, A dhain-deoin t-fhuaim 's do bhòiloich, Tha sinn inbheil, àird, 's ri buannachd, 'S suarrach leinn bhi gòrach.

Soisg. Ach 's leams' an gliocas as ro-luachmhoir', 'S gach buannachd ro-oirdheirc, 'S meudaichear leam inbh nan uaislean, Ga 'n toirt suas gu glòir leam, Mar d-thoir iad èisdeachd do m' dhuan, 'S gun tilg iad uath da 'n deòin e, Pillidh mise uath le mulad, 'S cuiream culaidh bhròin orm.

Uais. Bu tearc da 'r buidhinn bha cho faoin, Riu sud thug aoidheachd riamh dhuit, Ach mheas iad do bhrionnal 's do bhrìodal, Bhi 'g innseadh na 'm briag dhoibh, Cha dean thu aoradh dhuinn ge d' 's dee sinn 'S ar Ceasar cha 'n f hiaeh leat, Tha lagh againne, 's da rèir sin, Do chèusadh is miann leinn.

48

Soisg. Sann a tha sibh fathast dall,

'S mo reachdaibhs' ann cha lèir dhuibh,

Se 'n Righ th' air Sion mo shnim,

Ro aird os-cionn gach Ceasair,

'0 n' tha sibh cho nimheil 's cho aingidh,

'S naimhde mor dhùibh fein sibh,

' S duslach 7ur baile lean riumsa,

Cratham dhiom n' 'ur n-eudan.

Soisg. Nuair philleadh an Soisgeul le tùrs', '0 luchairt dhaoine mora, G-habh e cuairt n' fliuchadh 's fuachd, Tre mhonadh fuar 's tre mhòintich, Bha mìltibh spreidh roi' air gach gleann, 'S na fèidh 's na beanntaibh chòmhnuidh, 'S na slòigh a bha roimhe so annt', Air 'n-ionndladh fad air fògradh.

Soisg. Co chuir fuadan air gach sluagh, Bha uairigean 's na gleanntaibhs' ? 'N tra thiginnse ghabhail mo chuairt, Cha b-f huachd bhiodh ac no ganntar, Chuireadh iad meas air mo chainnt, Is bhiodh iad aoidheil, càirdeil, 'S bu mhaith leo gun sgaoilinn gach sèud, Bhiodh agam fèin am mhàilaid.

Ministeir. Chaid^cuid do dhaoine 'n ceann a chèile, Dheanamh dhoibh fèin stòrais, 'S air dhoihh a bhi gun eagal De, 'S gun spèis do dhuine beò ac, ChaidAgach clàr de 'n lagh a rèubadh, As a chèil gach leo, 'Sa thaobh an t-Soisgeil se a miann, Da 'n crich nach d-thig e chòmhnuidh.

Minis. Rinn luchd an stuic fo' sgail nan uachdran, 'N sluagh a chur air fògradh, 'S am fearann bha ga 'n cumail suas, Fo' luachair is fo' chòinich,

49

Ge d' thigeadh cogadh oirn 'o n' Fhraing, A dhain-deoin teanntachd fòirneart, Gha 'n f haighear òigridh dh-iomchar lann, Mar f huaras 'n làithibh m-òig' sa.

ifwMs.—'Ma bhios na h-uachdran na 'n èigin, 'S iad fèumach air còmhnadh, Faodaidh gun cinnich leo èuchd, Le fòghlum no le seòltachd, Thogail Reisimeid dheich cèudan, Do reitheachan brògach, 'S an t-àireamh ceùdn' thoirt as a bheinn, Do dhaimh nan fiadh le 'n cròicibh.

Minis. Ma bhios na h-oifìgairean gann, Glu ionnsachadh an t-seòrs' ud, Tha tairbh lionmhor feadh nan gleann, Feadh choilltibh 's shrathaibh bòidheach, Le 'n claidheamh ullamh air an cinn, Wì. cogadh 's dion dhoimh còmhladh, 'S leo sud nach f haigh na h-uachdrain buaidh, A chuir an sluagh da 'n deòin uath.

Minis. Ma bhios iad gann do lòn da 'n càmp, Tha stòr fo' 'n laimh gu 'n àilghios, Thig bradain lannach, bhronnach, tharra gheal, 'On an fhairge ghàirich, Tha eoin an t-slèibh fo' ghlais a Ghame, 'S 'on 's leo feìn gach ceann diubh, Cha leig iad sud 's na caoraich mhaola, . Dith orra no ganntar.

Soisg. Se mo gnaths' bhi 'g èisdeachd fìrinn, 'S ga h-innse gu h-òrdail, JS bhi dearbhadh na their 's na nithear, Le daoin' dheth gach seorsa, Cha d' thug na daoine mor dhomh aoidheachd, Dhuin iad teann a chomhF orm, Ach feuch dhomh cait 'am bheil na bochdan, 'S gu 'n nochd mi dhoibh tròcair.

E

50

Minis. 'M beagan a chaidh dhiubh sin f hàgail, ITaic an àitibh còmhuidh, Chaidh an tilgeadh air gach creagan, Bàrr nan creag. 's nan còsaibh, Toirt an lòin a grunnd na fairge, 'S iomadh earchall cò- la' ris, Nuair tha moran air an call, Tha 'n dilleachd' 's banntraich' brònach.

Soisg. An saoil tha fèm 's iad bochd is ànroch, 'S an crannchur cho bronach, 'S cho lionmhor truaighe, bròn, is àmhghuir, Tha nan àitibh-cdmhnuidh,

Nach d' thoir iad aoidheachd dhomh nam fàrdoich* rS cothrom taimh leo 'n còmhnuidh, 'S ma chuireas iad meas air mo ghràdh, Bheir mise gràs is glòir dhoibh.

Minis. -Is aithne dhuitsa ciod tha 'n daoine, 'S tha t-fhirinn ro shearbh leo, 'S 'oscionn nan uile ni th' air iomradh, Se naomhachd nach còird riu, Bha mise tric a gabhail fàth, Air cliù do ghraidhsa sheirm dhoibh,, Ach fhua.ras mi tric mar Gehasi, 'S bata 'n Fhàidh gun f hèum leis.

Soìsg. An cluinn sibh nig' a mhùinntir bhochd, 'Ur dorus tha mi bualadh, Nach dìuisg, 's nach èirich sibh gu grad, 'S nach leig sibh sfceach gu luath mi, Tha mo mhil, is m' f hion, 's mo bhainne, Manna 's aran beb agam ; 'S cuiridh mise sios dhuibh suipeir, 'S ithibh agus òlaibh.

Daoine. Co so bualadh aig mo dhorus, Bochda. Thuirt iomadh ceannard teaghlaich, Saogh. Cha n-f haigh mi èirigh, 's caomh leam codal, Alta. 'S àm fois do gach aon e.

51

Tha mo chlann leam anns san leabuidh, Se th' againne 'n oidhche ; 'S sinn gnn easbhuidh deoch no arain, 'S cha ghabh sinn mar aoidh thu.

-Chuireadh mise thairgse slainte,

Anns gach àl do dhaoinibh ;

Tha mo ghn&thuch ri sliochd Adhamh,

Toirt mo ghràidh gu saor dhoibh.

Na cuiribhse uaibh le tàir mi,

'S nochdam slàinte Chriosd' dhuibh,

'S bheir mi dhachaidh sibh gu sàbhailt,

Gu Phàras na Rioghachd.

Daoine, dbc.-Is aithne dhuinn mu chèud-ghin Adhaimh, Cain cràbhach, ainmeil, ^

'S ^heagaisg e dhuinne do ghhàth, Bht'g àiteachadh talmhainn, Bheir sinn iobairt, 's bidh sinn cràbhach, 'S molaidh càirdean talmhaidh sinn, 'S mar a coird sin ri do ghnàthsa, Tog do mhàilaid 's falbh uainn.

Soisg. 'S duilich leamsa bhi gar fàgail, Aig nàmhaid 'ur n-anamaibh, Is sibh a diultadh uaibh le tàir, Mo shlàinte tha mi tairgse, 'S 'o na chuir sibh cùl gu bràth rium, Dh-ionnsuidh àite 'n damnaidh, Thèid 'ur fuadach sios de 'n àit, 'S an gabh am bàs làn sheilbh oirbh.

Mtnis. Ach tha còrr aon so 's an sud, Tha fiosraeh air an dòruinn, Ann am priosan, trom fo' fhiachan, Tinn 's gun rian bhi beò ac, Na sgaoileadh tu dhoibhsan t-ionmhas, 'S tiomchridheachd do thròcair, Gun f hios nach aisaigear an ciall, S do Dhia gun d-thoir iad glòir leiif

52

Soisg.—Cioà e so rinn sibh? 'S co thug binn, 'Ur cur do 'n ghainnteìr "bhasmhor ? Co da 'n clann sibh ? 'M bheil sibh saoibhir ? No fènmach air sàbhaladh ? Innsibh dhomh gach ni mar thà, Glu saor mar 's àill, 's mar 's eòl duibhj 'S ge d' ro' sibh an galair ur bàis, Mo shlàintsa cumaidh beò sibh.

Atihreachail-'Rimi sinn ceannairc, nimheil, ghràineil, 'N adhaidh àithn' Jehòbhah, 'S dhùin a Lagh a steach gu bràth sinn, Gru 'm pàigh sinn gach feòrling, Thug ceartas a mach binn ar bàis, Grun sùil gu bràth ri tròcair, 'S ma tha thu fàrraid, cia mar tha sinn ? Ghi bràth tha gun dochas.

Soisg. Togaibh suas 'ur sùil an àird, Ei Slànnighear na mòrachd, 'S E 'n Dia-duine, làn do ghràdh, Thug 'n Lagh, 's thug dha làn umhlachd, 'S E riaruich ceartas ann 'ur n-àit', Air leagadh gach bàs cò-ladh, Grabhaibh E annams' le lànachd, 'S gu bràth bidh sibh posda Eis.

Creidmhach\ Luidhidh sinne sios nar nàire,

is iriosal. ] 'S gu bràth theirig comhradh,

Moladh sibhs' E ainglibh làidir,

Da 'n gnàth bhi toirt glòir dha,

Is soilleir nach eil ainm gu teàrnadh,

Ach aon Slanuighear glòirmhor,

'S gur h-ann le saoibhreas a shaor-ghràis,

A bheir E chlann gu giòir leis.

Nam biodh m-inntin am fonn, Dheanainn roinn a chur cuideachd, 'N t-eallach tròm air mo dhruim, Ga m' chur sios fo' na tuiltibh.

Tha gach neach a fantuin uam, Cha-n-eil buaidh ann mo ghuth dhoibh, Ge do ni mo theagasg fuaim, Falbhaidh iad cho fuar sa thig iad.

Tha cuid a cheana thainig beò, 'S ge d' chuireadh dhe' òl a bhainn' iad, Cha d' fhòghlum iad f hathast air chòir, A bhi beò beatha chreidimh.

Bu ròghnuich' leo peghinn na 'm pochd, Chuireadh sòlas is gean orr', No na bheil taisgt' anns an stòr, Ge d' tha còir ac' air iteadh.

'0 nach ruìg iad air an cò' nuidh, 'S bu dòch iad a mhilleadh, Cionnas a bheir iad da 'n deòin, Cliù is glòir do neach eile.

Tha e nàdurrach gu leòr, Bhi 'g iarruidh stòir far nach eil e, Ach teachd nar baigeirean bochd, leòint, Se nach còirdeadh ra 'r fine.

Ach ma rannsuichear gu leòr,

Na tha chònuidh 'n taobh stigh dhinn,

Chì sinn aiueolas gu leòr,

Ardan mòr, is ascreidimh.

54

Air clipsg gach criathradh 's fasgnadh croaidbr 'S ceasnachadh fo' stuadhibh atmhor, 'S bhi tonn-luaisgt' le iomadh buair 'dh, G-heibh sinn nach lein buadh thigin asda,

Ach ma dh' fheuchar dhuinn tre ghràsr Maise Slanuighear nam peacach, Grlòir a Phearsa, glòìr a ghràis, 'S glòir na slàinnt' rinn E chosnadh.

'S leis an Fhear-shaoraidh gach buaidhr Is fuasgladh air luchd na h-ainnis, Thug Ionah a brù a chuain, G-a luasgadh 'm broinn muice-mara.

Cha neil cruaidh-chas sam bi shluagh, Nach-eil fhuasgladhsan faisg orr', Biodh an sùilsan risan suas, 'S E cho làn do thruas 's do iochd dhoibk

Nuair a philleas iad a thaobhr Ei dol cli chum a milleadhr Cluinnear leo guth air an cfilr Tairis, ciùin, 's gan sireadh.

Bidh an naimhdean anns gach cùil, Feuchainn air gach cùis gu 'n ribeadhr Siol na nathrach tha na 'n grùnnd, Lan do phuinnsean an-iochdmhor.

Bithibh tagradh ris gu dlùth, Air 'ur glùinibh gu minic, Grlacaibh bheannachd 's ì is fiù, Ge d' bhiodh crùbaich san iosgaid.

Ge d' dhèireadh Satan na bhèisd, Mar leomhann bèucach g' ur liodartr Cuiribh na aghaidh gu trèun, 'S teichidh e 'o 'r beùmaibh guineaeK

55

Na tugaibh idir dlia gèill, An aon chruth 's am fiach e tighinn, Ni e brìodal, 's brionnal sèimh, Ach an èisd sibh ri' mhiodal.

Theid e ann an cruth gach crèutair, Th' air nèimh no air talamh, No th' ann an ifrinn na pèin, 'S e cho teòma gu mealladh.

Thig e an cruth aingil soills, Anns an oidheh' sanns an lath, Thig e 'n cruth nathrach gun srann, 'S e làn foill gu bhi mealladh.

Dh-f hòglumadh leis fàidhean brèig, Theagaisgeadh sèimh, milis, blasda, Rèir mar thaitneadh ris an t-sluagh, €hum an luasgadh nan codal.

Dh-f hòghlum e abstola brèig, Gu bhi eùdmhor gu mealladh, 'G- aithris air abstola, Chriosd, 'S ann bu diòmhair an seachran,

Tha mhinisteirean pailt gu leòr, 'S miannach iad air sògh is beartas,

Spreidh, is fearann, airgiod 's òr,

'S daoine còir iad ni maith leis !

€hithear aoibhneas agus sòlas,

Is deòir ann am pailtess,

'S mar thachair do n' luibhe sgàil',

Luath mar dh' f hàs, shearg i 'n cabhaig.

Mar thalamh clachhach, greannach, cruaidh, Fo' chrannadh gaoith tuath 's an ear, An siol à chaidh a chur cha bhuain, ^S co-luath dh-f hàs e suas sa dheth e.

56

Tha iomadh a cur ro-dhion, 'S gun a' siol aca fallain, Cha n-fheith ri fochunn no dias, 'S cha bhi biadh ann ni aran.

'N àite gràidh a bhi do Chriosd, G-u bhi deanamh a thoile, Chnir gaol an t-saoghail annta srian, 'S iomadh ana-miannaibh mar ris.

Cumaidh cuid orr' cleòca cràbhach, Air Sàbaid is seachdain, Ach air an duilleach fàisg do làmh, Sud an àrdan na lasair.

Ma gheibh iad creideas 'o chàch, Tha iad làidir na m-barail, 'S teanga mhìlta, thlàth, Ach cridhe Bhalaaim a stigh ac.

Cha deaDadh an saoghal 's na th' ann, Da 'n caid sannt aon daighead, Tha 'n deal-each a steach na 'n còm, Dan sìr chainnt, "tabhair, tabhair."

Nach bochd neach a choisinn cliù, Airson giulan fìr-aidich, An saoghal ga fhaicinn rùisgt', ?Se fèin neo thùrail gus fhaicinn,

'N comharr' as meas air a chùis, Bhi gun chùram mu thinneas, Lannaibh na doill' air a shùil, 'S ì gun lùths innt priobadh.

Innis da gur comharr' bàis, E bhi gun chrois, gun phlàigh, gun trioblaid, S gheibh thu dhiomadh, f huath, sa ghràin, Se do namhuid e tuilleadh.

57

Ach 0 nach glanadh Tu 'o ghrunnd ! Nimh a phuinnsion thug ciont leis, Cridhe cloieh cuir fada uainn, 'S cride nuadh cuir na ionad.

Fonn Tha mi fo' liùnn-dù 's èigneach m-aigne,

Cha'n fhaighear dhomh Leigh, ma thrèig mo charaid ni, Tha mi fo' liùnn-du, 's èigneach m-aigne.

'Nuaik thàinig E dlù,

'S E labhairt cho ciùin,

Bha mise cho dùr,

'S nach "b-f hiù leam gaohail ris.

'N sin thionndaidh E chùl, Is thubhairt E rium, Mo shoiri leat chaoi, G-u 'm pill thu aithreachail.

Bha 'n dorus cho crainnt,

'S na glasan air teann,

Ach f hocal san àm,

Mar roinn a chlaidheamh dhomh.

Air mo chosaibh gu lueth, Is ghahh mi mo chuairt, 'S mi sireadh mo luaidh, 'S mi huairt' is ainnseach.

Uinn mo dhi-meas 's mo thàir air, Mo lotadh 's mo chràidh, Dh-f hàg sud mi gun tàmh, Seach càch air allaban.

58

Se theireadh mo chàirdean, Tha thu gun nàire, 'M bheil agads' fear-gràidh, As feàrr na th' againne.

'Nuair dhinnis mi m' chàs, Do 'n luch-faire gu h-aird, Sann bhuail is a chraidh, 'S gun tamh, a lot iad mi.

'Os iosal 's 'os aird,

Sann bhuin iad dhiom m-f halluing,

Ga 'm rusgadh gach la,

Gru h-aird 's na crannagaibh.

Dhaom uamhasan bais,

Mar lionadh muir-lain orm,

'S f hreagair mo namh,

" 'S fearr bas na beatha dhuit."

" Tha do chionta cho mor, Cha-n-eil gras dhuit an stor, Cha d-f huaras riamh trocair, Le d' sheorsa pheacach."

"An neach ri ro' d' dhuil, Rinn thu cheusadh as ur, Chuir esan riut cul, Is dhuin e'n dorus ort."

'N'sin dhomhlaich na neoil, 'S dheirich doinnion ro-mhor, Chaidh gairisinn tre m-fheoil, 'S du-bhron tre m-anamsa,

Air dhomh bhi gun duil, Grun dochas gun luths, Na m' shineadh san ùir, 'S mo bhru ri talamhan.

59

Aig labhairt rium fèin, Tha uamhasan Dhe, Mar cblaidheamh ro ghèur, Ga m' rèubadh sgaiteachail,

Tha shaighdean ro ghèur, Sàight domhainn nam chrè, 'G- òl suas mar dheoch rèìdh, €ru lèir mo spioraidsa.

Ach mar chamhanaich ceitein, B,oi èirigh na grèine, Shaoil mi gu m "b' lèur dhomh, Lend bois duine 'n sud.

Ach shuidhich mi 's rùnaich, Gach gealladh is cungaidh, Qe d' thigeadh, gun diultadh, Cha leams' iad tuilleadh*

Ee gealladh na firinn, An neul ud a dhèirich, 'S rinn mise mo dhichioll, Nach strìochdainn idir dha.

Ach le faicinn na h-iohairt, Bha togt' air crann-cèusaidh, Do cheartas toirt dìoladh, 'S làn-riaruicht' an t-Athair leis.

G-ach hagradh 's Bhiohul, 'S gach gealladh 'sa chùmhnant, Q-ach gràs agus glòir, Tha cò-lan aigesan.

G-e d' hhà mi mar bhrùid, 'Nuair thog mi mo shùil, Cha b' urrain mi ùrnuigh, Cliù no moladh dha.

60

'0 nach urra' mi 'n tràths', Chur an cèill duibh mar bhà, Co-dhùineam mo dhàn, Mur feàird' sibh barrachd dheth.

Cuiribh eòlas air tràth, 'S bithibh lìonta le ghràdh, 'S bheìr Esan nuair 's àill leis, Sàbhailt dhachaidh sibh.

'Se fear mo ghràidh, Dheanadh slàinnteil fallain mi, Le m' thoirt na lath 'ir, G-e d' bhiodh càch ri fanoid orm, Bhiodh mise 'n tràth sin, Fo sgàil an seasgaireachd, Gru siothchail, sàmhach, Le dànach maille ris.

Ge d' bhiodh mo nàmhaid,

Toirt sàthaidh leth-taomh dhomh,

Is iomadh plàigh,

A tha gràineil naimheil leam,

As creidimh, àrdan, is moran ain^eolais,

Grhrad theicheadh cò-ladh,

Roi' ghlòir cha seasadh iad.

Na measaibh neonach mi, Oìgridh mhacnusach, A chionn 'ur seòladh, Gru solas maireunnach,

61

Le seachnadh gòraich,

Tha cur air seacharan,

Grù doimhne doruinn,

'S gun dòigh gu sheachnadh ann.

Bha mis' òg,

Mar tha mòran agaibhse,

Ri g-iarruidh seòl,

Air am faighte "beartas leam,

Ach f huair na thròcair,

Tre eòlas f hacail mi,

¥o ghrèin nan speur,

Xach-eil sèud a leanas ruinn.

Tha daoìne 'n t-saoghails',

Fo dhraodhachd spioradail,

'S nach èisd ri 'm binne,

Th' air inns' cho soilleir dhoibh,

Le Dia na f hìrinn,

'S nach fhaod bhi mearachdach,

'S a ni an dìteadh,

Mar pill gu h-aithghearr iad.

Is mis' tha eòlach, Air dòigh nan amadan, Mar dean thu còrdadh, Ri 'n seòl cha 'n f han iad riut, Mar f heigh air mòintich, Le 'n cròiceibh cabarach, 'S le gaoith nan srònaibh, neach a bhacàs iad.

Tha aois gun eòlàs, Is clò do chodal orr', An socair f heòlmhor, Grun bhròn gun acaid ac, G-un anail bheò' annt, Grun deòir o' 'n rosgaibh ac, Ge d' tha iad doruinneach, 'S dall gun aithn ac air.

Q2

Be 'n t-aobhar craidh, Bhi gach ga 'm faicinn leinn, Luchd eòlais 's càirdean, Cho bàigheil tabhartach, Gun f huath gun ghràin ac, Àir plàigh am peacaidhean, 'S gun eolas slàinnteil, Air gràs an t-soisgeil ac.

Ma their thu n f hìrinn, Gru dìleas socair riu, Cha ghabh iad dhiot i, Cha 'n f hiach do cho-luadair, Sann tha thu fiadhaich, Mar fiach thu co' f hurtachd, Thoirt do gach aon diubb, Le sìth ga 'n toileachadh.

Tba 'n sluagh ro lionmbor,

Grun chiall 's cha 'n aithne dhoibh,

Bhi bodhar dall,

Is gun lann air caruchadh,

Dheth sùil an ìnntin,

'S an oidhch' air luidh orra,

Air chor 's nach lèur dhoibh,

Am fèum air teasairgin.

An duine nadur,

Gu bràth cha ghabh e ris,

Glun d' f huair e bàs,

'S gu bheil gràdh do pheacadh aig'

Gur h-e nàmhuid,

Thaobh naduir 's athair dha,

Is nach dean Abra 'm,

Le càirdeas tiorcadh dha.

I