AN RÒSARNACH

jT

mm

k •f]

»

\'\

è

I

Budidh !

LtrsWirv^ (o(?l^rr\ RuL^tt-iSiu'cA.W òose^jW^

AN ROSARNACH

V. 2j

ALASDAIR MAC LABHRAINN AGUS A MHIC GLASCHU

^ (S^ g>

^^'W

Clo-bhuailte anns a' Bhliadhna 1918

1301 ìbhr.t

m

CLAR-INNSIDH

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn. Le Eachann Mac DhùghaiU,

Faoileag Tìr-an-Aidh. Le D.M.N.C,

Raibeart Burns, Bàrd Ceilteach. Le Aonghas Mac Eanruig,

An Craoibhin Aobhinn Cecinit,

Litreachas Gall-Gaidhealach. Le Lachlann Mac Bheathain,

Dàn do DhòmhnuU Macleoid, Fear-Iùil a' Phrionnsa. Le Dòmhull Mac lomhair,

Uilleam Ros. Le lain N. MacLeoid,

An Reult. Le Mgr. DòmhnuU Mac Caluim,

lonad Eolais-Nàdurra am Beartachadh an Anma. Le Ruaraidh Arascain is Mhàirr,

An Dealan-Dè. Le Seumas Mac Thòmais,

An Sgoil a bha ann. Le DòmhnuU Mac-a-Phì,

Tìr Nam Beann. Le Dòmhnull Mac Rath,

Eachann Cleireach. Le Mgr. Aonghas Mac Phàrlain,

AisUng. Le Calum Mac Rath,

Meirleach-nan-Slad. Le Seumas Mac Dhiarmaid,

Taobh- Duilleig

1

67

69 95

96

109 113 135

142 182 183 195 196 206 208

DEALBHAN

Taobh- DuiUeig

Buaidh I Le Stiùbhard Mac GiUe-Mhìcheil, Ceann-Dealhh

Eideard Brus, Ard-rìgh nan Eireannach. Le Stiùbhard

Mac Gille-Mhìcheil, 1

Raibeart Burns, 69

Ann Prionnsa-fuadain, 109

An Sean Mhaighstir-sgoil. Le Stiùbhard Mac Gille-

Mhìcheil, 183

Cead deireannach nam beann. Le Stiùbhard Mac GiUe-

Mhìcheil, 195

A' dol gu margadh. Le A. Sgott Mac Fhraing, 208

I

i^^«tl8tAi i,^....»,^..«,^^,»..H..-»...--.,...— ,,»^

- ;

Cath-Ghuairt Eideird Bhruis an Eirinn

Eilean iomallaich na h-Eòrpa, Thìr is hòidhch fo cheann-bhrat speur, Bu tric a chunnaic mi do chòrsa Nunn thar Linne Mhòir nam beuc.

T* fhuarain ghlana builsgeadh fìor-uisg ; Do threudan lìonmhor feadh do ghleann ; Do choilltean, do thulaichean 's do chluaintean ; 'S tu uaine bho cheann gu ceann.

Mac Dhunleibhe.

HA fear-eachdraidh àraidh ag ràdh gu'n d' èirich iomad Uallas an Eirinn a chathaich gu treun as leth a dhùthcha, ach nach d' èirich am ca>^ Brusach 'na dhèidh gu oidhirpean

a chrùnadh le làn shaorsa, mar a choisneadh air achadh Uillt a' Bhàn-chnoic. Is duiUch gu'n robh an fhìrinn aige. Mo thruaighe ! Mo thruaighe ! gu ruige so cha d' èirich, agus is ann an luirg na ctiise sin a tha Eirinn an diugh, an dè, is bho chionn iomad bliadhna, a' gul, a' gul is a' sìor ghul.

Shil Eirinn na deòir. Shil i na deòir 'na fuil. Tha a sùil ris an fhear-chuideachaidh ; tha a cluas ris an osaig ghaoith ; tha a cridhe an geall air : ach dh' fhàilnich a radharc. Thàinig truime air a cluais ;

8

2 An Ròsarnach

thug an ionndrainn luige air a cridhe, ach fathast cha d' thàinig am fìor ghaisgeach a choisinn saorsa.

Is iomad ionnsaigh ghaisgeil a thugadh an Eirinn air faotainn cuidhte is spògan ìngneach a' GhaiU, is cha robh aon diubh a thug barrachd gealltanais air an oidhirp iomraidich a thug Eideard Brus, bràthair Rìgh-ghaisgeach na h-Albann an toiseach na ceith- reamhUnn-deug, ged a bha e an dàn di, mar gach oidhirp eile roimhpe is 'na dèidh tighinn gu neoni a thaobh na prìomh-chùis air a' cheann mu dheireadh.

Is e mo bheachd anns a' phaipear so iomradh a thoirt air a' chath-chuairt sin air an do labhair mi, is sin air bharrachd is aon aobhar. Anns a' cheud àite, tha mi an dùil nach eil uiread eòlais aig Gàidheil Albann air suidheachadh an càirdean an Eirinn is a bu chòir dhoibh ; agus mar sin cha'n eil iad a' tuigsinn no a' faicinn gu ro shoiUeir ciod idir a tha cèarr nuair nach eil Eirinn aig fois. Cha'n e gu'm bheil mise anns a' bheachdachadh so a' gabhail orm fèin làn-fhoillseachadh a dheanamh air uile-dhuileadasan a' chuspair sin, ach tha mi an dùil, co dhiùbh, gu'n dean e àite aon toU-tora, a leigeas a' stigh aon ghath-grèine gu comas meamhrach- aidh na's fhaide air aghairt a thoirt dhuinn. A' rithist, b'e àm cudthromach a bha an so do Cheiltich nan Eilean Breatannach. Bha iad fèin is na Teu- tonaich air tighinn gu faobhar a' bhruthaich, is ged a bha gu ruige so an Teutonach a' sìor-fhàs an treise is an Ceilteach a' leigeil sin leis le cion toirt fa 'n ear, dheanadh fathast tubaist glè fhaoin do aon seach aon aca, a chur car air char sìos le aghaidh na leirge, is gun e dh' èirigh gu àrd-inmhe na's mò. Fathast

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 3

aobhar eile. Chathaich Alba is Gàidheil na h-Albann gu cruaidh is gu diorrasach as leth an saorsa fèin, is c'ar son a dh'àicheadh iad làn a' mheurain de thlus, is c'ar son nach biodh sùil bhlàth is smuain- tean càirdeal aca, do*n Eireannach 'na ghleachd fèin air an aon t-sHghe. Gu sònraichte 'san oidhirp mhòir so de gach oidhirp far an robh Albannaich air an àireamh 'nam mìltean is eadhon 'nan ceann air a' chùis dhùthchail, cha'n ann fo neul na dearmad is còir dhuinn a tilgeadh.

An uair a thuit Righ Brian Boròimhe air buadhachadh Chluain-tairbh 'sa bhliadhna 1014 thuit mar an ceudna maille ris dùil 'sam bith a bha aig Dùthchasaich na h-Eireann ri e a dhaingneachadh na h-Ard-rìoghachd 'na theagh- lach fèin. Thuit Eirinn a' rithist bho'n àrd- inmhe gus an do thog Briaii i, gu bhi fo an- riaghladh nan còig rìgh, mar a bha i nan linn gu goirid roimh àm fèin. Mar sin rèiticheadh an rathad do'n t-Sasunnach gu teachd a' steach mar a thàinig an Lochlunnach roimh àm Bhriain ; ach cha d' èirich Brian gu casg a chur air an teachd-san. Bha Eirinn roinnte 'na h-aghaidh fèin : cha d' fhadadh an t-sradag dhùthchasach gu bhi 'na caoir dheirg fathast, is mar sin fhuair an t-allamhurach am forcadh coise a bha dhìth air an cois a cladaichean.

Theagamh gu'm biodh e freagarrach an so iomradh goirid a thoirt air an dòigh anns an d' fhuair an Sasunnach cothrom air e fèin a shuidheach- adh am fìon-lios Nebaiot so an toiseach, oir mar Ahab fèin b'ann gun chòir gun cheart ach còir is ceart fir na laimhe-làidire a thàinig e.

4 An Ròsarnach

Mu mheadhon na dara-linn-deug b'e Toirdh- ealbhach O' Conchobair, Rìgh no Prionnsa Chonnach- taibh a bha a' tagradh inmhe Ard-rìgh an Eirinn, ged a b'e an t-àrd-riaghladh sin còir is dhghe O' Maelsheach- lainn rìgh na Midhe. B'e Diarmad Mac Murchadha a bu rìgh an Laighin, O'Neill an Ulaidh, is gineal Bhriain Boròimhe am Mumha. Anns a' bhUadhna 1152 ri linn ar-am-mach is cogaidh anns an do ghabh O'Ruairc, Flaith Bhreifni làmh, thugadh bhuaith, air ùghdaras an Ard-rìgh, riaghladh na mòr-roinne sin, is chuireadh suas 'na àite aon eile de'n teaghlach cheudna. B' i nighean do Rìgh na Midhe ris an abairteadhDiora-bhorgaiU a bha pòsda aige, is nuair a dh' fhàgadh gun dachaidh i chaidh i gu ruig Laighin is fhuair i fasgadh is tigheadas aig Diarmad. Ach fhuair i tuille is fasgadh is tigheadas fògarraich : is e a rinn Diarìnad, ghabh e chuige fein i mar mhnaoi, agus gus an d'thug an t-Ard-rìgh air le smachd a cur dhachaidh gu a fear dligheach fèin, cha do dhealaich e rithe. B'e deireadh na cùise, ri linn na h-iorgaill a dh'èirich a thaobh na mnatha so gu'n deach Diarmad a chur bhàrr Righ-chathrach Laighin is gu'n deach mac a bhràthar a chur suas 'na rìgh 'na àite. Thachair na nithean so, faoin annta fèin faodar a ràdh, ach le toradh eagalach do Eirinn 'nan cois, anns a' bhUadhna 1166, is bha nis Toirdhealbhach O'Conchobair marbh, is a mhac Ruaraidh 'na Ard-rìgh 'na àite. Theich Diarmad gu ruig Sasunn is as a sin thug e aghaidh air an Fhraing far an robh Eanraig an dara, Rìgh Shasuinn, aig an àm, is nuair a shir e mach an sin e chaidh e air a ghlùin do Eanraig, is dh' aslaich e cuideachadh

r

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 5

a chuid arm gu a rìoghachd an Eirinn a thoirt am mach a' rithist. Gheall Eanraig sin dha, air chùmh- nant gu'm biodh e leagte ri sealltainn ris-san fèin mar an t-ard-chumhachd, Laighin a ghabhail bho a làimh mar sin, is an ùmhlachd dhleasdanach mar ìochdaran a dheanamh dha. Gun dàil fhuair e sin làn-chuideachadh, fada barrachd is na bha dhìth air no a bha gu maith a theaghlaich. Dhearbh ùine gu'm b'e cuideachadh an fhaol-choin a fhuair e bho Eanraig, ach b'iad na Hnntean a bha ri teachd 'na dhèidh a làn-fhoiUsich e.

Bha nis am Pàp Adrian Sasunnach is còir an aire a thoirt an dèidh cead is comas a thoirt do Eanraig Shasuinn gu dol a null do Eirinn is " riagh- ladh ceart " a chur air bonn, eadhon còir a ghabhail anns an dùthaich sin le neart a chuid arm. Nuair a chaidh Diarmad air a ghlùin dha, chunnaic Ean- raig, is e fada 'sa cheann co dhiùbh, gu'n robh a nis am ball fo chois is ghabh e an làn-chothrom.

B' ann *san earrach 'sa bhUadhna 1169 a fhuair Diarmad an cuideachadh a shir e, is ràinig àireamh cheann-feachd Normanach le an luchd-leanmhainn an t-Eilean Uaine. Chaidh iad air tìr an Cuan a' Bhanaibh, is air a' cheud ionnsaigh thug iad am mach Port Lairge. Shuidhich is dhaingnich na Sasunnaich iad fèin 'sa chathair sin gun dàil, is cha mhò bha e 'san dàn dhoibh an grèim oirre a chall gu h-aith- ghearr.

B'e Ruiseart De Clare, no Strongbow mar a theirteadh ris, am prìomh fhear am measg nan Nor- manach a thairg an cuideachadh do Dhiarmad ; is mar a bha riamh 'na chleachdadh aig an t-sluagh

6 An Ròsarnach

sin ^is ann mar sin a cheangail siad iad fèin ri iomad oighreachd phòs e Aoibhe, nighean Dhiarmaid, is le a nighinn fhuair e a ghealladh, an dèidh bàis Dhiarmaid fèin gu'm biodh Còigeamh Laighin aige is aig a shHochd bho Aoibhe. Cha mhò a b'ann gu h-athaiseach a ghabh e sin chuige nuair a chaochail Diarmad 'sa bhhadhna 1171.

B'ann 'sa bhUadhna sin fèin, air an ochdamh-la- deug de mhìos deireannach an fhoghair a ràinig Eanraig an dùthaich air an robh e cho fada an geall. Chaidh e air tìr an Loch Garmain, is tha iomradh air a thoirt seachad gu ro-mhean air a' mhòr-fhleadh a rinn e is a thug e seachad d'a chinn-feachd fèin is do chinn-feadhna nàistinneach na dùthcha mu'n cuairt. Fhuair e a' chlèir a chur ris fèin 'sa cheud thoiseach le barrantas a' Phàp, a* toirt dha còir air Eirinn, a- thoirt am foUais. Tha teagamh air a chur 'sa bharrantas so le luchd-eachdraidh an diugh, is tha e air a chumail am mach nach robh ann ach obair Eanraig fèin gu clèir Eirinn a mheall- adh d'a ionnsaigh, ach cha'n eil ar gnothuch-ne ris a' sin an dràsda. Co dhiùbh, cha do thuig Gàidheil na h-Eireann gu'n robh am fear-milHdh air tighinn do'n chrò, ged nach robh e 'san dàn dhoibh a bhi fada gus an d'thug iad priobadh ealamh air an sùilean.

Is ann uidh-air-an-uidh a shèidear na builg, is b'ann uidh-air-an-uidh a thòisich an obair air an d'fhàs an t-Eireannach bochd glè eòlach mu dheir- eadh. Bha baiJe an dràsd is baile 'a rithist, stiall fearainn an dràsd is stiall eile a' rithist, oighreachd an dràsd is eile a' rithist air an toirt am mach, is

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 7

fear-togail nan caisteal is nan tùr air sàil gach feachd.

Na'n robh ceann-feadhna, nach robh ro fhurasda cur ris air an achadh lom, anns an rathad cha robh ach iorgaill a thogail air dhòigh-eigin eadar e fèin is an ceann-feadhna eile bu mhaoidhtiche 'sa choimh- earsnachd, is nuair a shladadh iad a chèile, cha robh ach sl' bhacag a chur orra aon an dèidh aoin is leum a' steach 'nan àite. No theagamh, cha robh ach cuireadh càirdeil a thoirt dha gu fleadh an caisteal an Normanaich is a choinneachadh anns an dorus le gàire na faoilte is crathadh làimhe a' chàirdeis ^ thigeadh an t-Eireannach am fagus gu socharach, is nuair a gheibhteadh balla daingeann mu shròin cha chuireadh e an còrr dragha. Gheibhteadh daonnan dòigh air a chur as an rathad is cha b'aithne do Eirinn e na's mò. Cha b'ann aon uair no uair a chuireadh ris na cinn-fheadhna is ris na flaithean mar so ; is cha deanteadh dearmad air na rìghrean leis a' cheart chleas nuair a gheibhteadh an cothrom.

Cha do ghabh luchd-àiteachaidh Ulaidh, Chon- nachtaibh is Mhumha mòran suim de'n chleasachd a bha a' dol air a h-aghaidh an Laighin 'sa cheud dol am mach, is nuair a thug siad iad fèin fa 'n ear an tomhas glè èigeannach feumar aideachadh bha an coigreach le chlaidheamh geuraichte air an stairsnichean fèin is an cothrom-san ionnas air dol seachad. Agus ri ìiine mar a dh' fhaodadh iad a thuigsinn, chuireadh iad fèin air an aon ghad ri Laighin, fo chrios an t-Sasunnaich.

Mar sin an toiseach na ceithreamh-Hnn-deug bha na Sasunnaich is na Normanaich air iad fèin a làn-

8 An Ròsamach

dhaingneachadh anns na h-earrannaibh a b' fheàrr de Eirinn ach beag bho cheann gu ceann. Bha Còigeamh Laighin, faodar a ràdh, uile gu lèir fo an cuimrig. Bha luchd-leanmhuinn De Courcy, De Lacy is De Burgh, MandeviUe, Savage, Bisset is mar sin air aghaidh, air iad fèin a shuidheachadh air feadh a' chòmhnaird an taobh sear Còigeamh Ulaidh, gu ruig an Abhainn Bhàn. Bha tùr làidir air a thogail am baile Charraig Fhearghais, is mu'n bhUadhna 1305 ràinig Ruiseart De Burgh cho fad ri Magh- bhile is thog e caisteal an sin. Bha e an dèidh an tiodal " larla Ulaidh '' fhaotainn aig an àm, oir thagair e sin a thaobh a mhàthar, nighean do Lacy, is bha mar sin riaghladh na Còigeamh uile gu leir aige 'ga thagradh. Bha mar an ceudna oighreachdan farsuing aige air an glacadh roimhe sin, is air an ainmeachadh air-fèin is air a theaghlach air feadh Chonnachtaibh. Bha caisteal làidir aige an GaiUimh, is mar sin eadar na bha aige de luchd-leanmhainn 'san aird am mach bho an Riochd-righ Sir Eudh- man Buidealair cha robh fear eile an Eirinn a bu treise na an '' t-Iarla Ruadh,'' mar a theirteadh ris. An ceud-theachd nan Sasunnach fhuair Fitz Stephen còir air Port Lairge leis an dùthaich mu'n cuairt. Na dhèidh sin fhuair e fèin is Cogan còir bho làimh Eanraig fèin air stiallan farsuing 'san dùthaich sin a tha air a gabhail a stigh an Siorram- achd Chorcaigh an diugh. Fhuair Lacy e fèin is a theaghlach a shuidheachadh an Còigeamh na Midhe, is air a luirg air tòir creiche dhoibh fèin thàinig Marshall, larla Phembroke, is Mortimer : thagair esan eadhon oighreachdan Lacy fèin a thaobh

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn. 9

a mhnatha a bha de'n teaghlach sin. Cha robh ioghnadh ged a bha na Naistinnich air an spùinn- eadh, nuair a bha an luchd-creachaidh deas gu cach a chèile a shladadh, is am fear a bu treise a* leudachadh a chrìochan, biodh a choimhearsnach 'na Eireannach no 'na Shasunnach.

Fhuair Fitz Gearailt e fèin a stèidheachadh gle thràth am Mumha, is mar a bha meuran ùra a' togail cinn 'san teaghlach bha oighreachdan 'gam faotainn dhoibh. Bha iad cho fada siar ri Sligigh is thog iad caisteal an sin, is mu mheadhon na treasa-Hnn-deug thog iad ceann cho fada bho bhaile eadhon ri Tràigh-Lì. Ghlac na Buidealairean a' chuid a bu mhò de shiorramachd Cille Choinnich dhoibh fèin, is an àm Bhruis, mar a chi sinn, b'e Sir Eudhman a bu Riochd-rìgh aig Eideard Shasuinn an Eirinn. An dèidh an àma sin chinn an teaghlach so an cumhachd gu h-anabarrach. Dh' fhaodteadh an ni ceudna a ràdh mu theaghlach Bhermingham, agus roimh àm Bhruis is mu'n d' fhuair iad an ainm a thogail an àirde bha cheana cumhachd nach bu bheag aca. Bha fearann farsuing aca an Sior- ramachd GhaiUimh, le caisteal làidir 'na mheadhon gu dìon a chur air aig Ath-nan-Rìgh.

Faodaidh e iongantas a chur oirnn 'nar ceud sealladh ealamh air na tachartasan so a ghabh àite an Eirinn bho'n a chaidh na Normanaich air tìr an Cuan a' Bhanaibh ciamar idir a dh' fhuiUng muinntir no dùthcha dhoibh lamh-an-uachdar fhao- tainn orra cho socharach, eadhon bho'n cheud latha. Bha Eirinn fad as, is fairge nach robh aon chuid cumhang, no soirbh a siubhal do luingeis an sin,

10 An Ròsarnach

'ga sgaradh bho Shasuinn ; ach eadhon mu'n d'thug na Sasunnach buaidh 'sa Chuimridh bhig a bha cho faisg orra, bha iad 'nan ceudan is 'nam miltean air an dachaidhean is an caistealan a shuidheachadh gu seasgair air feadh na h-Eireann.

Bha rathad dìreach aig an t-Sasunnach do Al- bainn mar an ceudna, gun fairge no caol, ri aiseag thairis orra. Ach mu'n d'thug na Deasaich idir dian-oidhirp air inntreachadh mu thuath, is mu'n robh iomradh air àrd-thighearnas air Albainn a thagradh leis an laimh làidir, bha balla-muigh na h-Eireann air taobh eile a' Chaoil, air a bhristeadh sìos romhpa. Bha na Nàistinnich 'gan cumhan- glachadh ris na garbh-chrìochan, is an coigreach 'ga shìor sgaoileadh fèin air machair is air fonn.

Cha'n eil ni gun aobhar, is tha aobhar air so, Cha d' fhuair Eirinn riamh (gu sin) mor shàrachadh le nàmhaid thrèin bho'n taobh am muigh, ach a mhàin an tiota beag a bha na Lochlunnaich loch- drach a* strì rithe. Is e cunnart bho'n taobh am mach, is an cunnart sin a bhi a' sìor èirigh is a' sior fhàs ùine fhada, a cheud ni a dhaingnicheas luchd- àiteachadh dùthcha 'nan aon sluagh is fo aon cheann gu còmhdhail a thoirt do'n choigreach a tha a' maoidheadh oirre. Bhris Eirinn cumhachd an Loch- lunnaich ro luath, mu'n do stèidhicheadh i fèin is mu'n d' thug i fa 'n ear a feum. Anns an dòigh so dh'fhaodamaid a ràdh gu'n do rugadh Brian Boròimhe fada roimh 'àm roimh an àm am b' fheàrr a bhiodh feum air. Leis a' bhuaidh-làraich a thug e, ged a bha a bhàs fèin rithe, chaidh an cunnart bho'n taobh am muigh seachad : cha robh Eirinn fathast aon-

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 11

aichte, is thuit i a' rithist do'n chàthar, ged a bha i cho dlùth air faobhar a' bhruthaich.

Cha b'ann mar sin a bha Albainn. Thug an Ròmanach le chuid legion ionnsaigh oirre. Chuir- eadh rithe bho thuath leis an Lochlannach Uach- darach. Chathaich Sacsonnaich Bhreinnich is Dheira rithe bho'n deas fad Unntean. Chaidh a criathradh, chaidh a taosnadh, chaidh a fuineadh air a chèile fo làimh an ainneartaich. Ruaig i an Sacsonnach deas air Tuaid. Dh' fhuadaich i an Lochlannach am mach air cladaichibh nan Leargadh Gallda. Bha Sasunn an Normanaich, is i a nis fo aon riaghladh, a' sìor- èirigh 'na làn neart is na bagraidhean a' tighinn air an osaig ghaoith bho àm gu àm. Bha Albainn air a deadh oileanachadh fad hnntean, is nuair a mhosg- ail a' ghaiUeann fhuaras i is uchd aon duine oirre, aon chlaidheamh 'na dòrn, is a saorsa mar dhùthaich air a h-aire. Dh' fhaodamaid an ni ceudna a ràdh mu'n Chuimrigh. Cha robh i daonnan, feumar aideachadh, cho dìleas is a bu chòir dhi, ach b* aon i an seadh rìoghachdail, is ged a bha i cho dlùth air Sasuinn 's a bha i, eadhon mar aisne 'na cUathaich, b* fheudar do Eideard Fad-chasach a làn-neart a chur ri oidhirpean mu'n d'thug e mu dheireadh fo cheannsal i. Chaidh leis : leis an làimh-làidir is le an-chumhachd na mòr-àireimh chaidh leis, ach le a' cheithir uiread sluaigh no còrr mar a tha cinnteach a bha an Eirinn san àm tha mi an dùil nach faiceadh eadhon Eideard fèin, ainmeil 'gan robh e, is an- iochdmhor *gan leanadh e buaidh, a' Chuimrigh sleuchdte fo a chasan.

Ach Eirinn ; fhuair an Normanach i, is e nis air

12 An Ròsarnach

tighinn 'na làn-neart gun rabhadh gun sanas a chur chuice roimhe, 'sa chlàbar do'n do thuit i an dèidh Chluain-tairbh. Cha robh am fear-stiùraidh ann ; cha robh an spiorad dùthchail ri fhaotainn 'san neart 'sam feumteadh e gus na ceistean beaga a mhùch- adh is na cùisean mòra a thogail air bharraibh nan crann-brataich. Thachair an ni, an t-aon ni a dh' fhaodteadh sìiil a bhi ris : fhuair an coigreach làmh-an-uachdar, is thòisich an nis bròn-chluich na h-Eireann an làn dha-rìreadh.

Riamh bho thoiseach eachdraidh, faodar a ràdh bha càirdeas bunailteach eadar Eirinn is Albainn. Bha dlùth-dhaimh a' daingneachadh a' chàirdeis so, is gu sònraichte an dèidh do na Gàidheil Scotach an imrich a ghabhail thar a' Chaoil b' iad mar gu'n abairteadh, an t-slabhruidh a bha a' ceangal na dhùthcha ri chèile. Bha an aon teanga coitcheann do'n dhùthaich ; bha teaghlach rìoghail na h-Albann am mach à fuil rìoghail na h-Eireann, is nuair a thàinig Coinneach Mac Ailpein gu bhi 'na rìgh air dùthaich aonaichte nan Cruithneach is nan Scotach, bha choltas air an nighinn gu'n tigeadh i an ùine ghèarr gu bhi cho àrd-inmhe ri a màthair taobh siar a' Chaoil.

Nuair a chuir Gàidheil Eireann an cath buadh- mhor ud tuiUe is buadhmhor mar a thugas f a 'n ear air Cluan-tairbh 'sa bhhadhna 1014, bha cuideachadh nach robh beag no suarach aig Brian fo a làimh, a ràinig e thar sàile à Albainn fo stiùradh Morair Mhàirr. Bha an stèidh air a leagail, is gealltanas a nis 'ga thoirt gu'n robh mu dheireadh Ceiltich nan Eileanan Breatannach a' teannadh ri seasamh

Catk-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 13

guala ri gualainn an aghaidh an Teutonaich. Ach thilg bàs Bhriain air Blàr na Buadha na gealltanais sin a' rithisd an leth-taobh.

nam bhadhnachan cràiteach anns an robh Alba fo stiùradh Uallais uasail, is 'na dhèidh-san fo Raibeart Brus, a' cathachadh as leth a saorsa, bha na Dùthchasaich a bu dealasaiche an Eirinn ag amharc le fadal is le bàigh ri an oidhirpean is ri an strì. Mu dheireadh thàinig bUadhnachan na dòp4nn gu crìch is chrùnadh cruaidh-spàirn Albann le coron a glòire air achadh iomraiteach UiUt a Bhàn-chnoic. Bha Alba a nis saor. Chuir i Sasunn gu a dùbhlan. Chiùrradh i. Chreachadh i. Shàraicheadh i. Bhrùthadh i. Mhortadh a mic. Mhaslaicheadh a nigheanan. Seadh, sin uile dh' fhuiUng i, ach ghleidh i a bith is bha i nis saor.

Cha robh fòirneart diubh sin nach d' fhuiling Eirinn bho'n chuspair cheudna. C'uime nach sìn- eadh ise a ceumannan, is nach astaraicheadh i air an t-sUghe cheudna a bha cho soirbheachail do a àìlsean air taobh eile an t-sàile. 'S e so gun dàil a rinn i, co dhiùbh a' chuideachd bheag aig an robh saorsa an dùthcha fa chomhair clàr an aodainn.

Chuireadh a nis fiosan is teachdaireachd an nall à Eirinn gu Eideard Brus a chur impidh air gu dol thar sàile air los cobhair a thoirt do na cinn-fheadhna 'nan oidhirpean air uachdranachd Shasuinn a chrath- adh dhiùbh. B'e DòmhnuU O' Nèill, Thìr Eòghain a bu cheann air a' chuideachd sin a chuir na fiosan so gu Brus. Bha e fèin de theaghlach rìoghail Ulaidh ; b'ann aige eadhon a bha an t-ainm, ged a b'e an t-ainm gun an tairbhe e, a bhi 'na rìgh air Còigeamh a tuath an Eilein, ach bha e a' faicinn

14 An Ròsarnach

gu soiUeir, nach robh ach coimhlionadh aimsire, is, mar a thachair cheana do theaghlach Laighin, gu'm biodh a theaghlach-san mar an ceudna gun an t-ainm fèin. Fathast cha robh aon-fhilteachd inntinn an Eirinn a thaobh dùthchasachd, is ged a bha an seadh triùir rìghrean a' riaghladh, an Ulaidh, air Connachtaibh is am Mumha, cha robh ach soith- ichean falamh nan làmhan. Bha iad eadhon fathast a' sìor chomh-shreap ri chèile, ach bha an Gall a' sìor-inntreachadh a' steach d'am fearann bho gu là.

Leig a nis O' NèiU ris gu'n robh co dhiùbh ann- san spiorad an Dùthchasaich. Bha e a' toirt fa 'n ear gu'n robh e eu-comasach dha-fèin oidhirp èifeachdach a thoirt, a chionn nach èireadh leis ach Ulaidh a' mhàin cho maith is 'gan deanadh e. Chunnaic e gur e an ath ni a b' fheàrr, sealltainn ri ceannard bho'n laobh am muigh, is theagamh gu'm faodadh esan comh-shreap nan rìgh a thilgeadh a thaobh, is na cinn-fheadhna a chomh-chruinneachadh is a thàthadh ri chèile fo a bhrataich.

Ach cha b'e uile gu leir fear-bho-muigh a bha aig O'NèiU 'san amharc nuair a chuir e an teachdair- eachd so gu Eideard Brus. Bha na Brusaich, ged bu Normanaich iad a thaobh an seann-seanair a thug an ainm dhoibh, am mach à fìor smior theagh- laich rìoghail na h-Albann. Bha fuil Mhic Ailpein is Fhearghais, is mar sin fuil nan seann rìgh Eir- eannach, a' breabadh 'nan cuislean. A bhàrr air sin bha iad de shìol Dhiarmaid Mhic Mhurachadha, a thaobh Aoibhe a' bhan-phrionnsa a phòsadh ri Strong- bow. Cha bu mhòr an ulaidh e gun teagamh fuil a' cheart Dhiarmaid, ach fathast bu Rìgh Laighin

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn

15

e, traoitear mar a bha e. A bhàrr air sin uile bha an Rìgh Raibeart a' nis posda air iar-ogha O'Conchobair (nighean an larla Ruaidh) mar dhara bean, is ged nach robh sin a' toirt Eideird ceum na bu dlùithe, cha chaillteadh sealladh air an àm a bhi a' cur ìmpidh air cinn-fheachd Chonnachtaibh èirigh leo.

Cha'n urrainn duinn an diugh ruigsinn air a' chùis co dhiùbh a ghabh na nithean so àite am beachd O'Nèill ann a bhi cur fios gu Brus, agus a' tairgse dha àrd-chrùn na h-Eireann, no nach do ghabh. Na 's cha'n eil iomradh air gu'n robh tagradh a' chrùin a thaobh fola 'na aon de aobharan Bhruis air gabhail ris an tairgse a thugadh dha. Is docha, ma bhà, nach robh ach an tomhas beag làimh ri aobharaibh eile.

Le a chuideachadh-san choisinn Raibeart crùn dha fèin an Albainn, is gun teagamh b'e miann Eideird mar an ceudna crùn is rìoghachd a chosnadh dha fèin. B'e sin miann nan Normanach uile. B'e sin miann Strongbow fèin, is na thàinig 'na dhèidh, mur bitheadh gu'n robh cuip Eanraig, is gach Eanraig eile, a' sìor chrathadh mu'n cluasan.

Ach tha mi am beachd gu'm b'e prìomh-aobhar nam Brusach, oir bha iad comh-aontaichte anns an oidhirp a thug iad air Eirinn, na buiUean a shìor bhualadh air Sasunn air gach taobh, air chor is gu'n deanteadh cinnteach nach èireadh i a' rithist gu h-aithghearr, gu bagradh is ceannsal a chur air a' chòrr de rioghachdan nan Eilean Breatannach. An aon fhocal b'e meidh-neirt nan rìoghachd a ghleidheadh air bonn còmhnard a bha 'nam beachd, is bha sin cho feumail anns na h-Eileanan Breatannach 'san àm

16 An Rdsarnach

sin is a bha Cothrom na Cumhachd 'san Eòrpa nan linn a ruith bhuaithe sin, mu'n robh na slògh- iùilnich cho faiciUeach, anns gach rìoghachd, beag no mòr. Cha robh ach gle bheag ùine bho thugadh a' Chuimrigh fo cheannsal le Sasunn. Cha do bhristeadh an spiorad fathast, is cha robh ach cothrom gealltanach a thighinn fa chomhair nan Cuimreach, is dh* èireadh iad nan làn neart. Bha eadar-theachdaireachd eadar am Brusach is Griffith Lloyd, ard-inmheach 'san dùthaich sin 'san àm so, mar an ceudna, is tha sin a' leigeil ris cho teann is a bha am beachd nam Brusach cur ri Sasunn gu a cumail air a crìochan fèin.

'San àm anns an robh na ceud fhiosan eadar O'NèiU is Brus, sgrìobh O'NèiU a dh' ionnsaigh a' Phàp a chum is gu'm biodh a' chùis air an d'ìnntrich iad air a soiUearachadh dha an tìis a' ghnothuich, is nach biodh atharrachadh sgeòil aige oirre bho thaobh eile. Tha so mar an ceudna a' leigeil ris nach b'ann clì a bha O'NèiU, is gu'n robh e a' faicinn roimhe air barrachd is aon dòigh. Thuig e bho'n thagair Eanraig Eirinn an toiseach le barrant bho'n Phàp, gu'm biodh e iomchaidh an cuspair ceudna aslachadh a nis gus an rìoghachd ath-shuidheachadh saor is uachdranachd Shasuinn.

Leig O'NèiU ris dha gu mean is gu rèidh gach trioblaid is sàrachadh a thàinig air Eirinn f o chruaidh- riaghladh an t-Sasunnaich. Cha robh umhail ciod e am mi-mhodh a gheibheadh Eireannach, no ciod an sgrios a dheanteadh air a chuid. Cha robh aicheamhail ri thoirt am nach mur toireadh e fèin am mach e le a ghàirdean no le a chuid

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 17

arm; agus na'n deanadh e sin cha robh e ach a' fosgladh an ràthaid gu tuiUeadh dochunn is sgrios a thoirt air fèin. Cha robh e eadhon air a chunntadh 'na chionta Eireannach a mharbhadh na's na ged a spadteadh cù.^ Cha robh ìnnleachd a ghabhadh deanamh no a dheilbh gus na h-Eireannaich a chur an amhaichean a chèile nach robhas a' cleachd- adh. A thaobh so tha e air ìnnseadh mu'n bhorb- anach Eideard I. gu'n d' thug e achmhasan do'n Riochd-rìgh aig aon àm a chionn e bhi a' fulang a leithid de dhòrtadh fola am measg nàistinneach Eireann. B'e am freagradh a thug a dheadh fhear- ionaid dha, " gu'n robh e a' meas gur e sin an dòigh a b' fhasa gu cur as dhoibh ; gu'm b'e a bu lugha dragh air gach uile dhòigh, is gu'm b'e gu mòr a bu lugha cosd do ionmhasair an Rìgh ! Rinn Eideard gàire. Cha robh an còrr cunntais air iarraidh, is chuireadh an Riochd-rìgh air ais a' rithisd le deadh-ghean is urram, gu a shaor-thoil 'san dòigh cheudna a chur an cleachdadh.

Ach cha d' fhuair O'Nèill mòran buidheachais no beannachaidh bho'n Phàp. An àite taobh a ghabhail ri Eirinn is i 'ga sàrachadh, is ann a chuir e ascaoin eaglais air aon air bith a dh'èireadh no a bheireadh cuideachadh do Bhrus is do na Dùth- chasaich ! Tha e air a ràdh gu'n do chuir e an as- caoin cheudna air na Brusaich fèin, ach a thaobh cuid nam Brusach dheth, co dhiùbh Raibeart an Rìgh,

^ Tha dearbhadh an leabhraichean-cuimhne air gu'n do ghabhadh mar chùis-thagraidh le Sasunnach is e air a thoirt gu binn air chionta muirt, nach robh anns an fhear a mhortadh ach Eireannach, is le sin a làn shoiUearachadh leigeadh ma sgaoil am mortair,

0

18 An Ròsarnach

bha i air bho chionn iomad bUadhna, oir cha d' fhuasgladh dheth i bho'n a chuir e as do lain Cuimean an Eaglais Dhuin-fhris. Gun teagamh 'sam bith cha bu chaomh leis a' Phàp na Brusaich co-dhiùbh, agus a rèir coltais anns an t-seadh so is gann gu'n gabhadh aon eile, no àm a bu mhì-shealbhaiche a thaghadh gu gean maith a' Phàp a chosnadh.

Ach a dh' aindeoin so uile bha an t-ullachadh a' sìor dhol air aghaidh, is bha a' chuideachd a' dol 'nan èideadh air thaobh a' Chaoil Eireannaich. Air a' chòigeamh-là-fichead de'n Mhàigh thog Eideard Brus aghaidh ri sàile le chuid feachd. Bha àireamh thaghte de dheadh cheannardan leis 'na oidhirp àghmhoir. Bha iad uile làn-chleachte ri cogadh is air an deadh fhòghlum an sgoil a' chruadail is an iomadh cath cruaidh ri feachdan Shasuinn, nam fìchead bhadhna chaidh thar an cinn. Bha co dhiùbh mac a pheathar fèin Tomas Randolph leis, lain Caimbeul mac peathar eile, Sir lain Teadhach Mac Thòmais lonbhair-Air, Ramsay, Bisset, Baltar Mac Mhuirich, an Sasunnach Phihp Moubray, agus theagamh aon no dha de na Stiùbhartaich is de Chloinn Dòmhnuill nan Eilean. Bha iad so leis mar chinn-feachd, is uile gu lèir tuaiream air 6000 fear-catha. Tha e air ìnnseadh gu'n do ghabh iad an t-aiseag thar a* Chaoil bho chladach lonbhair- Air air càbhlach thrì ceud eathar freagarrach do'n ghnothach, is an sin fèin, oir cha robh an t-astar fada gu an ceann-uighe, chaidh iad air tìr an Lathurna, dlùth air Carraig Fhearghais. Tha e air a ràdh nuair a fhuair a' chuideachd 'nan èideadh air fearann na h-Eireann gu'n do rinn am Brusach

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 19

an gnìomh ceudna is a thug a leithid de ainm do'n Spàinnteach, Cortes, am Mecsico da cheud bUadhna an dèidh an àma sin : chuir e a' chàbhlach a thug thar a' chaoil a chuid feachd 'na smàl air a' chladach, oir cha robh an tilleadh ri bhi ann.*

Bha O'Nèill an treun-fhear dìleas a' feitheamh air a cheann is chuir an cheannard fàilte is furan air a chèile. Feumar a thoirt fa 'n ear nach b'e so idir ceud thurus Bhruis do dii' fhearann na h-Eireann. Chuir e fèin is Raibeart seachad an geamhradh naoi bhadhna roimh sin an Eilean Rachrainn, is faodar a thuigsinn nach robh O'NèiU gun am faicinn an sin no air tir-mòr fad is a bha iad air allaban. Am bheil e do-chreidsinn nach do chuir iad an guthan ri chèile cho fad sin fèin air ais mu'n chùis a bha iad aig an àm so a' gabhail làimhe ann ? Chuir a nis O'Nèill a chòir fèin air Ard-chrùn Eireann an leth- taobh, thug e urram is dhghe Ard-rìgh do Bhrus, agus chuir se e fèin is a chuid dhaoine 'na thairgse le làn dhealas anns an oidhirp ainmeil a bhathas a nis a' tabhairt.

Dh' fhaodamaid stad beag a dheanamh an so is beachdachadh gu h-aithghearr air Eideard Brus mar ard-cheannard armailt is mar cheann-feachd. Nuair a ni sinn sin gheibh sinn ni-eigin 'gar dìth : cha robh an cuibhrionn a bu mhaith leinn de àrd-bhuadh- an a bhràthar ann. O 1 nach bu tusa fèin a Raib- eairt Bhruis, a ghaisgich thrèin a ghlac claidheamh na saorsa an Eirinn mar a rinn thu an Albainn, is

^ Ach tha Bearrbair ag ràdh gur i so a' chàbhlach leis an do thog an Rìgh Raibeart fèin siar air a' bhliadhna sin gu cur ri lain Mac DhùghaiU Lathurna is a luchd-leanmhainn,

20 An Ròsarnach

nach bu tu a loisg do chuid eathraichean 'nad dhèidh air cladach Lathurna an àm dhuit a dhol 'nad èideadh. Nam bu tu, theagamh gu'm biodh atharrachadh sgeòil air a h-aithris 'nad dhèidh an Eirinn : theagamh gu'm biodh eachdraidh eile air a cur an cèiU mu Cheiltich nan Eilean Breat- annach an diugh !

Cha robh cion spioraid na gaisge air Eideard Brus. Cha lèir dhuinn ann ar n-eachdraidh na thug bàrr air. Is ann a bha e ro dhàna, is eadhon fo stiìiradh faiciUeach a bhràthar theab e a' chùis ris an robh iad le chèile cho fada a' strì a chur an droch leus uair no dhà. Ciod a nis a thachradh nuair a bha a' chùis so ris an robh na h-uiread an crochadh fo a làn stiùradh fèin ? Feumar aideachadh gu'n robh a bhuadhan mar cheann- feachd de'n t-seòrsa a tharruingeadh da ionnsaigh sluagh meanmnach is faireachail mar a bha Gàidheil na h-Eireann. Agus biodh a' bhuaidh leis anns a' cheud dol am mach ; biodh na fàthan a' leantainn 'na luirg gu soirbheachail, is cha do sheas an deise chruadhach na bheireadh an ceum-toisich dheth. Ach ann a bhi a' tarraing gu clàr-còmhraig air beul- aibh làn-chumhachd Shasuinn, cha ruigteadh a leas sùil a bhi ri ruith-chath aon ràidhe is làn-bhuaidh aig a dheireadh.

Bha Sasunn dìorrasach, is bha i leanailteach. Cha chuireadh aon chall-catha maoim oirre. Ghabh- adh i an ruaig a rithist agus a rithist, ach fad is a bhiodh forcadh nan cas aice an Eirinn, is baile- puirt gu a feachd a thaomadh am mach as a cuid luingeis, ghabhadh i a h-àite a rithist agus a rithist

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 21

air raon a' chatha. Cha'n e am beagan ach am mòran a bheireadh oirre a grèim a leigeil as de na thug i am mach leis an làimh làidir.

Mar sin cha b'e gaisge is euchdan an latha a* bhlàir a mhàin a bheireadh buaidh 'san strì. Thig- eadh na caol-chunnartan is na suidheachaidhean iomgaineach uair no uair-eigin, is b'ann an uair sin a thigeadh am fear crionnda is am fear sicir am foUais. B'ann an uair sin a bhiodh àrdan is braise, gun an cuibhreann iomchaidh de na h-àrd-bhuadhan so 'nan cois, 'nan garbh-chunnart do chùis air bith a bhiodh an crochadh riu. B'ann an uair sin a b'fheàrr aon Raibeart na fichead Eideard.

Cha*n eil cinnt air ciod e àireamh na cuideachd a bha fo O'NèiU, is na cinn-fheadhna bha leis an àm doibh comh-choinneamh a dheanamh ris na h-Albann- aich, is mar sin cha'n eil cinnt air ciod a b' àireamh do armailt Bhruis 'na cheud ghluasad. Co dhiùbh, a rèir coltais, le O'NèiU is a luchd-leanmhainn air a thaobh is fo a bhrataich, cha robh 'san àm tuath air Dun-Dealgan na chuireadh mor-imcheist air. Anns a' cheud dol am mach thug e aghaidh le chuid feachd air còmhnardan na h-Aibhne Bàine. Bha mar a thugas fa 'n ear na Sasunnaich an dèidh làn chòir a ghabhail air an fhearann mhaith thorrach so, is iad air an cuid aitreabh, caistealan, is eaglaisean a thogail thall is a' bhos air aghaidh na tìre. Chruinn- ich iadsan a nis an cuid feachd fèin fo stiùradh MandeviUe, aon de mhaithean na dùthcha, gu còmhdhail a thoirt do Bhrus. Thàinig an fheachd am fagus da chèile dlùth air Rath-mòr, is gun dàil leum na Sasunnaich am bad nan Tuathach.

22 An Ròsarnach

Ach bha cho maith dhoibh feuchainn ris a' Chuan an lar fo sgiùrsadh na gaiUinn a thiUeadh air ais, is sguab Brus na sheas fa chomhair a ghnùise bhàrr aghaidh na tìre. Cha robh tiUeadh air a chuid arm. Cha d' fhàg e caisteal nach do leag e gu làr, eadhon na h-eaglaisean cha do chaomhain e. Ach ni a bu mhò 'na aghaidh fèin nuair a thàinig an fheuma : chuir e gach bàrr is gach stòras a bha an iodhlannaibh is an saibhUbh nan Sasunnach 'nan lasair dheirg. B' èiginn do na Sasunnaich a thuinich anns gach cèarn ris an do thog e aghaidh teicheadh roimhe, is a' chuid dhiubh deth an do ghearr e an rathad a deas 'san ruaig cha robh fodhpa ach Carraig-Fhearghais. Ach bha Brus gu dian air an sàiltibh, is ghlac e am baile is a' chuid mhòr de na ghabh fasgadh ann. Thug fuigheal beag am mach Caisteal na Carraige, is fhuair am feachd-dìon na còmhlachan a dhùnadh mu'n do ràinig na Dùthchasaich na ballachan. Sheas iad sèisd fhada, gus an d'thug a' ghorta orra gèiUeadh air a' cheann mu dheireadh, ach bheirear iomradh air an iomairt sin na's fhaide air aghaidh.

Mar sin leis a' cheud ghrad ionnsaigh a thug na Dùthchasaich fo Bhrus : bha na bha tuath air Loch n-Eathach is air Loch Fèirsde fo'n casan, am mach bho na bha taobh a stigh daing-bhallachan Caisteal na Carraige. Ni a leig e maille 'na cheum, is mu'n robh an t-Og-mhìos 'na thigh thug e am mach Dun-Dealgan is Ath-fhirdia maiUe ris an dùthaich uile mu'n cuairt. Tha e air fhàgail air Brus gu'n do chuir e eaglais Ath-fhirdia 'na smàl, is i làn dhaoine a ghabh fasgadh taobh a stigh a ballachan coisrigte. Theagamh gu'n do chuir, is, ma chuir, cha'n eil a

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 23

leisgeul ri ghabhail ; ach ce air bith a labhras na labhradh ceann-carrach, is fathast Saibhlean lon- bhair-Air ach gann a bhi fuar bho'n a chuir e fèin 'na lasair iad, is iad làn Albannach ris an robh e dol a dheanamh comh-chomhairle ! Agus cha'n eil teagamh nach biodh e mòran na bu bhuann- achdaile do Bhrus is do'n chùis Dhùthchail, am barrachd is aon dòigh, na'n do chaomhain e gach creach is a thuit 'na làmhan, biodh iad 'nan daoine, 'nan stòras, no 'nam bàrr. Cha bhiodh a' ghort nuair a thog i ceann cho teann air sàiltean a chuid feachd is a luchd-leannhainn 's a bha i ; agus cha bhiodh ainm fèin 'na aobhar air a leithid de ghràin is de fhuath do gach eachdraiche a thogradh iomradh a thoirt air gu ruig an diugh. Cha'n e gu'n robh ann am miUeadh de'n t-seòrsa so ach ni a bha a' leantainn air luirg gach armailt a rachadh air ghluasad 'san àm fhuilteach sin, oir nuair a ghluais na Sasun- naich iad fèin an aghaidh Bhruis bha an sgeul ceudna ri h-aithris mu'n deidhinn, anns gach ceàrn a fhuair eòlas orra.

An uair a thug am Brusach am mach Dun- Dealgain dh' fhaodteadh a ràdh gu'n robh Còigeamh Ulaidh uile gu lèir fo a chuimrig. Thug a nis na Sasunnaich fa 'n ear an garbh chunnart a bha a' tarraing cho dlùth orra, is ghairmeadh an cuid mhaithean uile an ceann a chèile air chabhaig. Mar aon teaghlach chruinnich iad gu coinnimh is comh-labhairt mu'n chuis am baile CiUe-Choinnich. Bha iad an amhaichean a chèile nuair nach robh cunnart ann dhoibh bho'n taobh am muigh, ach thilgeadh a nis gach easaontachd a leth-taobh

24 An Ròsamach

is ghabhadh comhairle gu casg a chur air gnìomh- achas an nàmhaid choitchinn Eideard Brus.

Bu bhochd nach robh flaithean nàistinneach na h-Eireann de'n aon bheachd, is nach d'èirich iadsan, is nach do chomh-aontaich iad le an ceann-f eadhna ann a bhi gabhail an àite am measg nan Dùthchasach, is a nis am fear-cuideachaidh 'nam measg. Ach bha iadsan fathast a* stri ri cach a chèile. Bha an cùisean beaga fèin gun an leasachadh. Bha iad ri gleachd air sgeir na mara, is gun iad a' toirt fa 'n ear gu'n robh tuinn mhora a' chuain a' sìor èirigh mu'n cuairt orra : nach robh ach an aon chrìoch a' feith- eamh orra an sguabadh air falbh nuair a dh' èireadh is a bhristeadh aon stuadh a bu chumhachd- aiche na an còrr.

Nuair a chruinnich na Sasunnaich an ceann a chèile gu comh-chomhairle rinneadh Eudhman Buid- ealair, a bu Riochd-Rìgh 'san àm, 'na cheannard- catha gu aghaidh a thoirt do'n Bhrusach. Bha na bha cruinn uile gu lèir, Fitz Gearailt, Bermingham, De La Poer, is mar sin air aghaidh, comh-aontaichte dha so. Ach bha fear cho treun is a bha an Eirinn uile am measg Ghàidheal is Ghall gun tighinn fathast : fear a bha fhacal air thoiseach air facal an Riochd-Rìgh fèin anns na crìochan sin 'san robh e a' riaghladh. B'e so an " t-Iarla Ruadh '' Ruiseart Burg, larla Ulaidh. Bha a' chuid mhòr de'n àirde tuath is de'n àirde 'n iar fo a stiùradh, is mòran de na cinn-fheadhna nàistinneach cho maith ris na GaiU a' sealltainn ris mar an àrd-cheannard.

B'ann 'na chaisteal fèin an GaiUimh a thachair do'n larla a bhi nuair a chual e a' cheud iomradh air

Cafh-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 25

Brus a bhi 'san dùthaich. Chaidh e 'na èideadh gun dàil, is ghairm e air a luchd-leanmhainn gu coinn- eamh a dheanamh ris aig àthan na Seannain. Tha e a' leigeil ris nach robh fhiosan gun chinnt air cumh- achd a bhi air an cùl nuair a thàr FeidhHm O* Con- chobair fèin, ged a bha e air a chunntadh mar cheann dhgheach a theaghlaich, gu ruig Ath-Luain gu toil an larla a dhaingneachadh le neart a chuid arm.

Sheas Burg 'na aonar am mach bho'n chòrr de na Sasunnaich. Cha d'aom a shùil no a chluas rathad a' chomuinn a bha aig comh-chomhairle an-CiU Choinnich, ach thug e aghaidh sear gu cuideachd Bhruis a sguabadh bhàrr na h-àraich le chuid ìoch- daran fèin a mhàin. Shiubhail e troimh fhearann na Midhe, is tha e air ìnnseadh, mar Bhrus fèin an còmhnardan na h-Aibhne Bàine, gu'n d' fhàg e an dùthaich thorrach sin troimh an do thriall e 'na lasair dheirg is 'na sgùmban dubh 'na dhèidh. A rèir coltais bha co dhiùbh deich no mhìle dheug fear leis an larla nuair a dhlnntrich e a steach eadar Ath-fhirdia is Drochaid-Atha. Aig a' cheart àm bha an Riochd-Rìgh air ceann an fheachd a chaidh an òrdugh an dèidh comh-chomhairle CiUe-Choinnich a' gluasad mu thuath air an aon ghnothuch, is anns a' bhad so thachair na diùlnaich air an aon cheum rathaid. Bha còrr maith is uiread eile sluaigh le Buidealair, is a nis chunnaic am Brusach nach robh feum coinneamh a thoirt do'n armailt chumhachd- aich so a ghèarr an t-slighe roimhe. Mar sin thiU e mu thuath a rithist air s! cheum cheudna bho'n d' thàinig e.

B'e beachd Bhruis, is sin a rèir coltais air chomh-

26 An Rdsarnach

airle O' NèiU, na'm b' fheudar e, dol tarsuinn an Abhainn Bhàin gus an tigeadh cùisean gu bhi na bu fhreagarraiche is na bu ghealltanaiche an gabhail an àite ri uchd a' chatha. Agus dh' èirich cùisean am mach nach robh idir an aghaidh na comhairle glic a thug O'NèiU seachad. Is e a rinn an t-Iarla nuair a thàinig e gu astar còmhraidh do'n Riochd- Rìgh, òrdugh a thoirt dha tiUeadh gu h-ealamh air a cheum agus dìon a chur air Laighin is air an dùthaich mu dheas, oir gu'n robh esan e fèin làn- chomasach air cur ris na h-Albannaich, is '' nach b' fhada gus am biodh ceann Bhruis ri làr.'* Leis a' so thiU Buidealair, oir fathast, gun teagamh 'sam bith, cha do rinneadh dolaidh, co dhiùbh le làimh Bhruis, ach air Ulaidh a mhàin ; is bha nis uachdaran na dìithcha air ceann a chuid dhaoine fèin gu aich- eamhal a thoirt am mach, agus sin gun chuideachadh bho thaobh eile 'ga dhìth.

Ach eadhon ged a thiU Buidealair bha fathast àireamh feachd an larla fada os ceann feachd nan Dùthchasach, is lean Brus is O'NèiU romhpa gus an do chuir iad an Abhainn Bhàn 'nan dèidh sear orra. Chaidh iad thar na h-aibhne dlùth air Cul- Rathain, is leag iad do ghrunnd na h-aibhne an drochaid a bha 'san àm togte oirre 'san ionad sin. Mar so cha robh e an comas an larla le tearainn- teachd dol na b' fhaide is chuireadh seachad beagan mar sin mu choinneamh a chèile. Is e bha nis am beachd nan Dùthchasach O'Connchobair a thàladh chuca fèin no co dhiùbh a sgaradh bho fheachd an larla. Ri ùine chaidh an oidhirpean air an làimh sin leo, is ged nach deach FeidhHm an tràth

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 27

sin a nuU chucasan, chomh-èignich iad e gu feachdan Shasuinn a thrèigsinn is sin air deagh leithsgeul, do nach b' urrainn an t-Iarla coire fhaotainn.

Anns dJ cheud àite chuir iad air a shùilean dha ma bha leas is saorsa a dhùthcha air aire gur ann ri broilleach an t-Sasunnaich a thigeadh dha a chlaidh- eamh a bhi ; gur ann as leth saorsa Eireann mar dhìithaich a bha iadsan a' cothachadh, is na'n gabhadh esan a nis àite fo an sròl gu'm biodh riagh- ladh Chonnachtaibh mar a bhuineadh d'a theaghlach, cinnteach dha. Leig iad mar an ceudna ris dha, ni a bha ro-fhìor, faodar a radh, gu'n robh a nis Ruaraidh O'Connchobair, mac Chathail Ruaidh, bho fhuair e Feidhhm air astar, an dèidh riaghladh Chonnach- taibh a ghlacadh dha fèin. B'e so a dheadh leithsg- eul-san do'n larla an àm dealachaidh ris, is aghaidh a thoirt siar, oir b'e dealachadh ris an larla a rinn e. Cha'n eil cinnt air co-dhiùbh a bhiodh buaidh 'san àm sin aig comh-èigneachadh Bhruis is O'Nèill air FeidhUm ann a bhi a' dùsgadh spiorad Dùth- chasachd 'na chom, ach nuair a chual e an car a ghabh cùisean 'na Chòigeamh fèin cha robh an còrr fuirich ri bhi ann air aon taobh no taobh eile ; agus b'e meud a chuideachaidh do Bhrus aig an àm sin gealladh a thoirt da gu'n tiUeadh e gun dàil cho luath is a chuireadh e chas air an ar-am-mach a thogadh 'na aghaidh aig a theintean fèin.

Ach ann a bhi 'ga sgaradh fèin bho fheachd an larla thug e cuideachadh a b' fheàrr na geaUaidhean, maith 'gan robh iad, do na Dùthchasaich, is chunn- acas sin a nis an ùine gun a bhi fada. Nuair a chaiU an t-Iarla FeidhUm is a dhaoine cha robh

28 An Ròsarnach

fheachd na bu mhò cho an-mhòr an àireamh seach feachd Bhruis, is a nis nuair a ghluais na Dùthchas- aich ri àthan na h-aibhne gu bhi 'na bhad ghabh e an ceum cùil le dhaoine is sear thug e aghaidh an taobh ceudna rathad a' Bhaile-mheadhonaich. Ach bha Brus gu dian air a shàil, is mu chòig mìle deas air a' bhaile sin thàinig gnothaichean cho teann air Burg is nach robh ach seasamh rithe, is dol an òrdugh catha.

B'ann air an deicheamh de mhìos meadhonach an fhoghair, ri taobh baile beag ris an abrar Connor, a chuir na laoich a' cheud fhailte air a chèile le barr- aibh an cuid arm. Bha an cath cruaidh is bha e fuilteach, agus cha b'e an t-Iarla Ruadh am fear a thionndadh a chùl ris an àraich air bheagan aobhair ; ach bha ceatharnach cho deas ris fèin air an ath iomaire ris an ud, is a dheadh ghaisgich air a shàil. Cha robh tiUeadh air Gàidheil Albann is na h-Eireann leis an aon chùis fo an amharc, is mu dheireadh ghabh an t-Iarla le àrdan is le earra-ghlòir an ruaig bhàrr an achaidh. Dh' fhàg e mòran d'a ìslean is d'a uaislean 'nan sìneadh marbh air an raon, agus bha a bhràthair UiUeam, Sir lain MandeviUe, is inmhich eile 'nam prìosanaich an làmhan Bhruis. Theich cuid d'a dhaoine sear gu ruig Caisteal Charraig Fhearghais, ach thug e fèin mu dheas air, air cheann a' chòrra a dh' fhàgadh air chomas an astair, is Brus gu dian air a shàil ; agus nuair a ràinig e fasgadh a dhaingneachdan fèin b'ann gun bhuaidh, gun fheachd, gun chUù, agus a rèir eachdraiche Loch Cè, b'ann " 'na fhògarach a bha e an Tìr na h-Eireann " air a' bhhadhna sin.

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 29

Bha nis Coigeamh Ulaidh fo chasan nan Dùth- chasach aon uair eile, is 'nan siubhal mu dheas cha robh Sasunnach no Gall a sheas air an achadh lom a chur coicheid orra gus an do ràinig iad Ceanannus air an Abhainn Duibh. Thug Brus am mach gach baile is gach daingneach 'san dùthaich mu'n cuairt, Granaird, Fiodhnach, Ceanannus is Caisteal Liathain. Bha e an dèidh Caisteal Liathain a thoirt am mach nuair a chualas gu'n robh Sir Roger Mortimer a' tarruing dlùth le feachd treun làn-armaichte. Tha e air a ràdh gu'n robh co-dhiùbh còig mile deug fear feachd foidhe, is feumaidh gu'n robh sin fada os ceann na bha aig Brus 'san àm sin, eadhon ged a bha a' nis còrr aon de na cinn-fheadhna nàistinneach ag èirigh leis, is a.' siubhal fo a bhrataich. Ach cha robh àicheadh ri dheanamh air na laoich bho'n Tuath, is ainmeil 'gan robh Mortimer air cheann sluaigh fhroiseadh gu làr a chuid feachd, agus cha robh ach cùl a thoirt ris an àraich. Theich e fèin is na dh' fhàgadhbeò d'a dhaoine, is rinn iad air Bail-ath-cliath. Fhuair iad fasgadh taobh a stigh de bhallachan a' bhaile sin, is gun dàil ghabh e fèin an t-aiseag do Shasuinn a shireadh a' chuideachaidh a bha nis cho feumail dhi-se a thabhairt gu a grèim a ghleidheadh air Eirinn.

Thog na Dùthchasaich an sin an aghaidhean siar troimh fhearann na Midhe, is a rèir gach cunntais ràinig iad co dhiùbh cho fad ri Long-phort, dlùth air an t-Seannain. Tha Bearrbair a' toirt mòran iomraidh air gach gàbhadh is caol chunnart troimh an d' thàinig na h-Albannaich 'nan cuairt troimh an dùthaich sin, ach cha'n eil a chuid eachdraidh air

30 An Ròsarnach

cùisean an Eirinn idir cho cinnteach no cho stèidheil ris an eachdraidh luachmhoir a dh' fhàg e againn air deanadasan nam Brusach an Albainn. Mar sin theagamh gur feàrr fhàgail an leth-taobh an ceart- air. Co dhiùbh ged nach robh iad aig àm air bith na h-ùine a bha iad air chuairt an teis-meadhon Eireann saor is iomadh grad-ionnsaigh bho bhuidh- nean beaga thall 's a' bhos, cha robh aon an Eirinn aig an robh de dhànadas fheachd a thoirt gu blàr 'nan aghaidh gus an do chruinnich Eudhman Buid- ealair an Riochd-Rìgh làn-armailt gu gluasad 'na aghaidh toiseach na h-ath bhUadhna.

Shuidhich Brus a champ dlùth air Loch Seann- daidh, is leig e seachad an geamhradh, is ghleidh e an NoUaig an sin. Thàinig da ionnsaigh 'san ionad so tuiUeadh de chinn-fheadhna nàistinneach na dùthcha, agus eadhon cuid de na Normanaich fèin do'n do thachair gu'n do chaiU iad deagh-ghean an Righ is nan àrd-inmheach an Eirinn. Dhiùbh so bha bhràthair de theaghlach De Lacy, teaghlach a bha aon uair ainmeil an Eirinn. Bha a' chuid mhòr de fhearann na Midhe is stiallan de Bhreifni aca 'ga thagradh mar theaghlach bho'n a mhort Aodh De Lacy O'Ruairc 'sa bhUadhna 1173 ; ach bha iad aig an àm so an dèidh an grèim a chall, is coigreach eile air leum a steach 'nan àite. Cha b'aon so ach Roger Mortimer, oir phòs e ban-oighre na meòire a bu shine de theaghlach Lacy, is mar a bha riamh 'na ghnàth- achadh aig fògaraich nan Normanach, thagair e gach fearann a bhuineadh dhoibh dha fèin as leth a mhnatha. Chuireadh gach Lacy eile, biodh e àrd no ìosal, air chùl na lùdaig buileach ; mar sin nuair

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 31

a thog Eideard Brus a nis a bhratach is a lean làn-bhuaidh e an Eirinn, ghreas an bhràthair Aodh agus Baltar gu ruig a champ aig Loch Seann- daidh.

Thairg iad an gàirdeanan is an lannan da anns a' chùis a ghabh e làmh innte, aig a' cheart àm a' leigeil ris an còir fèin air gach fearann a ghlacadh bhuapa, is leis a' ghealladh gu'm faigheadh iad sin air ais bho Bhrus, ghabhadh riu is ris gach cuid- eachadh a bha aig an làimh.

Nuair a theann an ri fàs fada thog Brus gu gluasad a rithist. Ghluais e troimh Shiorramachd Cille-Dàire is thug e mach is champaich e mar a bha e a' dol air aghaidh, anns na bailtean Nàs, CiUe-Daire is Rath-Iomghain. Thog e an sin mu dheas is chuala e nach robh feachdan nan Gall fada air falbh. A rèir coltais cha robh na Sasunnaich na bu mhò na Brus 'nan tàmh a' gheamhraidh, is bha a nis an Riochd Rìgh a' tarruing am fagus le làn armachd 'na dhèidh. Bha feachd aige aig an àm so fo a làimh na bu lìonmhoire na thachair air na Dùthchasaich fathast. Tha iomradh air a thoirt le luchd-eachdraidh gu'n robh co dhiùbh deich mìle fichead fear foidhe eadar Shasunnach is nàistinneach na tìre nuair a tharraing e gu blàr. B' ann air an fhicheadamh latha de'n bhUadhna ùir 1316 a thàinig an fheachd gu chèile an ionad ris an abrar ArscoU, dlùth air Ath-Aedh an Siorramachd CiUe-Dàire. Bha an cath fuileachdach fad is a sheas e, ach gun dàil bha an sgeul ceudna air a h-ìnnseadh mu ArscoU is a bha air a h-aithris mu Chonnor is mu Cheanannus, cho maith ris gach blàr eile air an do sheas na Dùthchasaich bho chaidh

32 An Ròsarnach

Brus air tìr an Eirinn. Sguabadh na Sasunnaich bhàrr na h-àraich, is bha buaidh an leis na fearaibh bho Thuath. B'e glè bheag call a rinneadh air Brus, ach chaiU e deadh dhà cheatharnach, nach robh an leithidean ach tearc ri'm faotainn Fearghas Aird- Rosain agus Baltar Mac Mhuirich.

Bha a nis triùir threun-fhear nan Sasunnach an Eirinn, De Burg, Mortimer, is a nis an Riochd-Rìgh fèin air an tilgeadh bun os ceann le Eideard Brus air cheann nan Dtithchasach. Bha ainm a' Bhrus- aich air dol am fad is am farsuingeachd, 'na aobhar uaiU d'a chàirdean is 'na chùis-gheilt d'a naimhdean. Tha mi a' creidsinn gu'n robh a' nis cùis nan Dùth- chasach aig àirde a neirt ; agus is e mo bheachd na'm b'e is gu'n eireadh Mumha as a leth le gineil Bhriain air cheann na cuideachd, gu'm biodh na GaiU air an ruagadh am mach à Eirinn uile gu lèir. Bha FeidhUm O' Connchobair air bheul naimhdean a theaghlaich fèin a cheannsachadh, is e deas mar a dhearbh e 'na dhèidh sin gu uile neart a thoirt thairis do'n chùis Dhùthchail. Ach fathast chado ghluaisSìol Bhriain. Dhi-chuimhnich iad an curaidh athuganainm dhoibh, is chaiU iad an aithne air an spiorad a chuir treise 'na ghàirdean air Cluan-tairbh. Cha do thuig iad, is ni a thug iad fa 'n ear, gu'n robh a nis air èirigh air Eirinn anns am biodh neach aon chuid leatha no 'na h-aghaidh ; agus bha iadsan na h-aghaidh le an làmhan 'nan amhaichean fèin is an amhaichean an gineil, nuair a shuidh iad fo chuing a' GhaiU aig an tighean. Gun teagamh 'sam bith bha corra leum 'ga toirt an sud is an so le fineachan fa leth feadh gharbh-chriochan na dùthcha, ach chi

Caih-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 33

sinn gun dàil mar a dh'èirich dhoibh : cha robh rian orra is cha b' urrainn àgh mòr a bhi 'nan luirg.

An dèidh dhoibh feachd Bhuidealair a sguabadh romhpa aig Arscoll chuir na Dùthchasaich sèisd ri Caisteal Dhiarmaid an ceann deas Siorramachd Cille-Dàire, is thug iad am mach e. Cha robh eadhon baile no caisteal 'san dùthaich uile nach do ghèill dhoibh ; ach ged a bha an tìr gu h-iomlan fo an sròl bha nis stòras is beathachadh a' fas gann. An aon fhocal bha a' ghort, an duairc-bhaobh sin nach robh riamh air chall an luirg na connspaid, air a ceann a thogail an Eirinn, is cha robh ach togail mu thuath a rithist. Mu dheireadh an earraich ràineas Dun- Dealgan ceudna, is anns a' bhaile sin shuidhich Brus a chathair is a chùirt mar riaghlair na dùthcha. Air a' cheud de'n mhìos Màigh, air do chomh-chruinn- eachadh na tìre a thaghadh le aon ghuth mar an rìgh, chrùnadh e le mòr-ghreadhnachas air muUach Cnoc nam Meallan taobh am muigh a' bhaile mar Àrd-Rìgh na h-Eireann. Aig a' cheart àm Uubhair DòmhnuU O' Nèill suas gach còir a bha fuaighte ri theaghlach fèin air an Ard-Chrùn. Thug e do Bhrus an t-urram is an dleasdanas sin a bha dualach do na h-Ard-Rìghrean fhaotainn, is sin mar a chuir e fèin sìos 'na Htir a sgrìobh e a dh' ionnsaigh a' Phàp '* mar Fhlaith de'n aon tighinn is ghineal ris fèin."

Chaidh crùnadh Eideird Bhruis a sheulachadh is a bheannachadh an aon de eaglaisean Dhuin-Dealgan. Shuidhich e a Luchairt Rìoghail anns an Dùn-a- Tuath, aon de chaistealan nan Normanach, is an sin thug e breith air gach cùis a thugadh air a bheul- aibh mar Ard-Rìgh na h-Eireann, Eideard I. Chuir

34 An Rdsarnach

e a nis teachdaireachd, le làimh mhic a pheathar, Tòmas Randolph, gu ruig a bhrathair Raibeart, Righ Albann, a thoirt sgeul air mar a thachair cho fad so, is a' cur ìmpidh air e fèin a thighinn a nall a nis le chuideachadh gu làmh a bhi aige anns an obair àghmhoir.

Bha fathast Caisteal Charraig Fhearghais a' seasamh am mach an aghaidh nan Dùthchasach, mar an t-aon dhaingneach tuath air Dun Dealgan a bha gu ruige sin fo bhrataich Shasuinn, ach cha robh aonta fhada ri bhi aice air a nis. Dh' fhàg Brus buidheann 'na dhèidh fa chomhair a' chaisteil nuair a thog e fèin is am prìomh-fheachd mu dheas an dèidh Cath Chonnoir, is bha iad a' sìor thoirt an aire air. Mu àm Fèill-na-Càisge, is Brus a nis air teannadh ri sèisd a chur an da-rireadh ris a' Chaisteal gu thoirt gu gèiUeadh, rinneadh gèarr-shìth eadar an thaobh làithean na Fèille. Ach mu'n d'thàinig a' ghèarr-shith gu ceann is e a thachair gu'n do ràinig cuideachadh nach robh sùil ris am f reiceadan . Ràinig Tòmas Mande viUe à Bail-ath-cUath le luingeis làn bìdh is stòrais. Fhuair na Sasunnaich, agus iad an impis toirt suas leis a' chion, an sàsach- adh is neartaicheadh an làmhan. 'S e nis a thàinig fa 'n ear dhoibh feaU-ionnsaigh a thoirt air feachd Bhruis. Bha na Dùthchasaich as an umhail a thaobh na h-ùine a bha air a comharrachadh am mach anns a' ghèarr-shith a bhi fathast gun ruith, is b'e tuiteamas a bh'ann nach deach sgrios obann a thoirt orra. Tha Bearrbair a' toirt làn-chunntais air mar a thachair, ach cha ruigear a leas dol a' steach gu mean anns an eachdraidh an so : co dhiùbh cha robh foiU-

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 35

chluich nan Sasunnach an asgaidh dhoibh fèin.

'Nan ceud ionnsaigh thachair gu'm facas ciod a bha 'nam beachd. Bha aon no dhà nach robh idir cinnteach as an t-Sasunnach, ach e dh' fhaotainn cothroim, is bha iad air am faiciU. Air aon diubh so bha Niall Fleming treun-laoch de chuideachd Bhruis. Chunnaic esan bha 'san amharc, is fhuair e rabhadh a thoirt fo thrì fichead fear eile de a chom- unn fèin a bha dlùth do làimh. Sheas iad-san roimh na Sasunnaich 'nan dòrtadh am mach as a' Chaisteal, is aig a' cheart àm chuireadh grad-fhios gu bùth an Rìgh, is air feadh a' champa mu'n iomairt a bha air a bonn. Sheas Fleming is a thri fichead gaisg- each gu duineil, is ged a ghearradh sìos gach fear dhiubh air a' cheann mu dheireadh cha b'ann gun an cuid fèin fhaotainn à ceud bhrùchd nan Sasunnach; is chuir iad an stad orra 'nan ceud thighinn a bha cho feumail do'n chòrr de'n champ, gu ùine thoirt doibh faotainn 'nan èideadh.

Thàinig a nis Brus air cheann a chuid dhaoine, is cha robh caomhnadh air luchd na foille. Fhuair GiUe-Brìghde Clàrsair, diùlnach foghainnteach a bha daonnan an cois Bhruis, a shùil air MandeviUe e fèin, is e am meadhon na còmhraig, agus le aon bhuiUe bho thuaigh an Albannaich bha dhruim ri talamh. Cha d' thug an '' Clàrsair '' an còrr sùla air, is thionn- daidh e faobhar a thuaighe taobh eile. B'e Brus fèin a chuir as do MhandeviUe mu'n d' fhuair e an còrr dochunn a dheanamh am measg nan Dùthchasach. Thugadh droch laimhseachadh do'n chòrr, is b'èiginn dhoibh còmhlachan a' chaisteil a chur eadar iad fèin is Brus aon uair eile. Ach ged nach do rinn an

36 An Ròsarnach

gnothuch maslach sin mòran soirbheachaidh leo, cha b'ann deas de'n fhoill a bha iad, is dh' fheuch iad car eile dhi fathast mu'n d'thug iad suas.

Beagan ùine 'na dhèidh sin chuir am freiceadan fiosan gu Brus gu'n robhas deas gus an caisteal a thoirt suas mur am faigheadh iad cuideachadh roimh an mu dheireadh de'n mhìos Màigh. Thàinig an làtha gun an cuideachadh 'gan ruigsinn, is dh'iarr am freiceadan a nis deich fir fhichead à Albainn a chur a' steach chuca gu cùmhnantan strìochdach a shuidheachadh a chum is gu'n Uubhairteadh an caisteal thairis dhoibh. Rinn Brus sin, ach an àite strìochd- aidh no cùmhnantan a dheanamh is ann a thilg iad na h-Albannaich do shloc a' phrìosain, is dhùineadh na geatachan an taobh ceudna.

Ach b'e an strìochdadh a bha ann mu dheireadh. Bha a' ghainne a nis a rithist air teannadh ri cur riutha, gus mu dheireadh an robh am beagan a dh' fhàgadh dhiubh ag itheadh leathair is sheicheannan no sam bith a ghabhadh cagnadh. Bha e eadhon air a chur orra gu'n do mhort is gu'n d'ith iad na h-Albannaich a ghlac iad leis an fhoiU, is a thilg iad do shloc a' phrìosain. A nuU dlùth air deireadh na bUadhna dh' fhosgladh na geatachan, is thugadh suas an caisteal is na bha ann do làmhan Bhruis. Agus a leigeil ris an eadar-dhealachaidh a bha eadar dòighean-cogaidh an thaoibh, is a dh' aindeoin cho foiUeil 's a ghiùlain am freiceadan iad fèin, ghabh am Brusach ris an strìochdadh a rinn iad le meas, agus fiù a h-aon cha do chaiU a bheatha.

Bha a nis an Rìgh Raibeart Brus air tighinn a naU à Albainn le deadh f heachd gu còmhnadh a thoirt

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 37

d'a bhràthair. Ràinig e an àm gu Caisteal Charraig Fhearghais fhaicinn a' fosgladh a chuid chòmh- lachan do Eideard. Chuir na bràithrean fàilte chridheil air a chèile is a rèir iomraidh Bhearrbair shuidh iad fèin is na cinn-fheadhna sìos gu fleadh air nach deach crìoch gu ceann thri làithean.

Ach ged a bha nithean cho fàbharach anns a' Cheann-a-Tuath, thainig fiosan gun dàil bho'n lar a mhùch an tomhas mòr subhachas nan Dùthchasach an àm doibh Caisteal na Carraige ghlacadh, is mar an ceudna failte a chur air Righ-ghaisgeach na h-Albann an àm dha teachd 'nam measg. Chunna sinn cheana gu'n do thog FeidhHm O'Connchobair air siar gu dhtithaich fèin nuair a chual e mu'n chluich a bha aig Mac Chathail Ruaidh bho'n a fhuair e esan bho bhaile. B'ann air a' cheannairceach so a thug e an ceud aghaidh air dha faotainn an òrdugh.

Cha deanadh e feum anns a' bheachdachadh so dol a' steach gu mean anns gach iomradh a tha air a toirt seachad air an iomairt a bha a' sracadh Chonnachtaibh as a chèile gus an do rèiticheadh a' chùis so. Tha Aba Loch a' toirt iomraidh mhuladaich air gach dòrtadh fola a bha an còrsachan siar na h-Eireann ri Hnn na strì sin a dh'èirich an àm cho ceachara. Bha caistealan, bha cathraichean, bha bailtean 'gan cur 'nan cual is 'nan smàl. Bha eadhon na Sasunnaich is na Normanaich taobh a' stigh na Coigeamh a' gabhail an dara taoibh np an taoibh eile, Cha'n e mhàin gu'n robh na cinn-f headhna air an roinn, cuid air taobh FheidhUm is cuid air taobh Ruaraidh, ach bha cuid dhiubh, mar a bha Siol Diarmaid gu sònraichte, le mheur de'n teaghlach

38 An Ròsarnach

a' strì gu ard-riaghladh an fhine a ghlacadh ; bha an ceanairceach ri cur ris an toiseach mu'm b'urrainn do'n Fhlaith dhligheach làn chuideachadh a thoirt seachad do FheidhUm, oir b'ann as a leth-san a bha e a' dol do'n chaonnaig.

Ach air a' cheann mu dheireadh thall chruinnich gach taobh gus a' cheist a chur a null no a nall air achadh lom a' chatha. Chuireadh blàr fuilteach dlùth air a' Bhaile-mhòr, is ruaigeadh cuideachd Ruaraidh bhàrr na h-àraich. Chaidh Ruaraidh fèin a mharbhadh, is strìochd na fineachan uile do Fheidhlim mar oighre dUgheach O'Chonnchobair.

Cha'n eil an teagamh is lugha nach bu ghaisgeach da rìreadh FeidhUm, is na'n do lean na Connachtaich e gu h-aon-ghuthach an toiseach gun iad f èin a lagach- adh an dòrtadh fola gun stà, nach biodh atharrachadh sgeòil ri innseadh. Eadhon claoidhte mar a bha iad, an dèidh a bhi làn na bUadhna a' Uodairt a chèile, nuair a thug iad mu dheireadh an aghaidhean air fior naimhdean an dùthcha le FeidhUm air an ceann cha b'ann cU no fann idir a bha iad.

'Na cheud togail am mach an dèidh a thighe fèin a chur an òrdugh, thachair FeidhUm air feachdan Exeter, Cogan, Stanton, Lawless, is feadhainn eile, agus iad air siubhal fo an aon bhrataich, dlùth air Baile Làthain an Siorramachd Muigh-Eo. lad so thilg e bun os ceann : mharbhadh na cinn-fheachd Exeter is Cogan, is gun dàil rinn e air baile Ros- comain, is ghlac se e. As a' bhaile sin chuir e teachdaireachd gu O'Maelsheachlainn na Midhe, O'Ruairc Bhreifni, is gu O'Briain Thuath Mumha, los gu'n cruinnicheadh siad iad fèin gu dol an sàs

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 39

anns na GaiU is an sguabadh am mach à Connach- taibh. Dhiubh so ghluais co dhiùbh O'Maelsheach- lainn is O' Ruairc le an cuid fhlaith is cheann-feadhna gu ruig camp FheidhUm. Tha Eachdraiche Loch ag ràdh gu'n robh mar an ceudna Donnachadh O'Briain Thuath Mumha leis. Co dhiùbh nuair a chuireadh am feachd an òrdugh thog iad an aghaidh ri Ath-nan-Rìgh, cathair a bu làidire a bha fo bhrat- aich Shasuinn siar air an t-Seannain. Bha dJ chùis Dhùthchail air tighinn gu bhi leth-char gealltanach mu dheireadh. Bha an iarmailt air glanadh is an t-adhar a' teannadh ri gormadh os ceann na h- Eireann; ach cha robh ann ach grad-phlathadh na maidne geamhraidh, leis a' ghailUnn ghairbh aig a sàil.

Bha Ath-nan-Rìgh mar chathair is mar dhaing- neach làidir aig an theaghlach Normanach a bha air iad fèin a shuidheachadh *san dùthaich mu'n cuairt : b'e sin De Burg is De Bermingham. Na'n glacadh a nis FeidhUm am baile dh' fhaodteadh a ràdh gu'n robh Còigeamh Chonnachtaibh 'na dhòrn. Ach cha robh na Sasunnaich a' dol a chaU an greime gun dubh-spàirn a dheanamh, is chruinnich iad-san mar an ceudna an cuid feachd.

Bha nis UiUeam De Burg, bràthair an larla Ruaidh, air a cheann a thogail an Connachtaibh. Rinneadh prìosanach dheth aig Blàr Chonnoir a' bhUadhna roimhe sin, ach cha'n eil dearbhadh air co dhiùbh a fhuair e teicheadh no a leigeadh ma sgaoil e. Co dhiùbh thog e nis a cheann nuair nach robhas 'ga shireadh, co dhiùbh leis na Dùthchasaich, is ghabh e àite còmhla ri Bermingham air ceann nan

40 An Ròsarnach

Gall. B' ann air an deicheamh làtha de'n Lùghnasd a thachair an fheachd air machair Ath-nan-Rìgh, is chuireadh blàr cho f uilteach is air am bheil iomradh an eachdraidh na h-Eireann an sin.

A thaobh dhaoine bha an tuiUeadh aig Feidhhm gun teagamh, ach a thaobh an cuid armachd, is suidheachadh an achaidh luim air an do chuireadh am blàr a thoirt fa 'n ear, bha gach ni am fàbhar truim-èididh is làn-chur-umpa nan Gall, le marc- aichean fo lùraichean, is luchd nam bogha, a bha cho ainmeil 'san hnn sin, 'nan taic. Fathast, a dh' aindeoin gach cath anns an do chrean iad air cha do dhealaich Nàistinnich Eireann gu ruig an hnn so ri am modh-cogaidh fèin. B'e sin air an cois le tuagh is claidheamh, ach gun dìon air am bodhaigean bho lainn no bho shaighid ach an lèintean tana hn. Bha e an dàn do gacK dhiubh sin buaidh a bhi aca air cùisean aig deireadh an latha. Ach cha robh fear a chriothnaich roimh an deuchainn no a ghabh an ceum-cùil. Cha d* iarradh maitheanas, is cha d' thugas tròcair. Bha cùisean cudthromach an earbsa ris gach taobh, is cha robh tiUeadh no gèiUeadh ri bhi ann. Leagadh sìos fear-brataich nan Connachtach. Leagadh gu làr ceann-feadhna an dèidh ceann- feadhna, O'Ceallaigh is ochd fir fhichead de uaislean a theaghlaich, O'Hara, O'Dumhda, O'Madaghain, mòran de phrìomh-fhear Siol Diarmaid, is nuair a leagadh gu làr an gaisgeach òg Feidhhm fèin bha a' chuis cheana an leth-taobh. Cha robh aig Gàidheil Chonnachtaibh ach an cùl a thoirt ris an àraich, is a' bhuaidh fhàgail an làmhan nan Gall. Tha e air a ràdh gu'n d' fhàgadh ochd mile Gàidheal Eireannach

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 41

air raointean Ath-nan-Righ gun deò, is mòran diubh sin de smior nan teaghlach a b' inmhiche an Con- nachtaibh. Bha cuid de theaghlaichean eadhon, mar a thachair do Albainn aig Flodden anns nach robh fireannach beò air fhàgail.

B'e an ruaig so call cho trom is a thàinig air na Dùthchasaich is air cùis a* Bhrusaich bho'n cheud gus an mu dheireadh. Bha a' bhuaidh fathast a' leantainn cheuman Bhruis fèin is nan Dùthchasach a bha leis, ach b'ann latha a b' fhaide mach a bha e an dàn dha ionndrainn a dheanamh air gach gàirdean treun a dh' fhàgadh sìnte an glaic a' bhàis air achadh iomraideach ach mi-shealbhach Ath-nan- Rìgh.

Cha robh a rèir coltais mor bhuaidh ri bhi air aon oidhirp a rinneadh am Mumha no an Laighin, oir cha robh rian no ard-cheannard orra a sheòladh iad le beachd Dùthchail. Dh' eirich OTuathail, O'Briain is fineachan beaga eile feadh àrd-chrìochan ChiU- Manntain, is bhuail iad air na Sasunnaich a bha air iad fèin a shuidheachadh anns a' choimhearsnachd, ach ni b'fhaide na sin cha robh ach an cùisean beaga fèin a' tighinn fa 'n ear dhoibh. Chruinnich O'Mòrdha mar an ceudna a chuid dhaoine, ach mu mhiosa deireannach a' gheamhraidh thàinig Buidealair suas riu, is fhuair iad an droch ghioUachd. Aig deireadh na còmhraig air dhoibh an cùl a thoirt ris an àraich dh' fhàg iad ochd ceud fear 'nan sìneadh gun deò. Rinneadh an cleas ceudna air OTuathail ; dh' fhàg iad-san tri cheud fear marbh far an do chuir iad cath dlùth air Bealach-Conghlais. Dh'èirich cuid de'n iarmaid a dh'fhàgadh de Chloinn Mhurachadha

42 An Rdsarnach

an Laighin, is mu bhruachan nan aibhnichean Boirgheas is Slànaidh, ach cha d' thàinig aon de'n cuid oidhirpean-san gu ìre a b'fheàrr. Cha b'ion fiughair a bhi ris : bha gach aon air a làimh fèin : bha na Sasunnaich 'nan làn uigheam, le gnothuch sònraichte aca anns an amharc, 'gan gabhail aon ma seach, is b'e mar sin staid dheireannach nan nàistinneach an Laighin, a bhi na bu doimhne an clàbar na daorsa na bha iad riamh.

Cha robh mar sin a nis aig Brus is O'NèiU ach an dòigh a chur 'nan deas làimh, is 'nam feachd treun fèin. Gun teagamh bha an Rìgh Raibeart a nis ri an gualainn le mhisneach is a ghUocas fèin, is deadh chuideachadh a luchd-leanmhainn gu an còmhnadh.

Cha robh gnothuichean cho f ada ch f athast is nach faodadh iad fèinjs iad fèin a' mhàin leis an fheachd a bha a nis f o an làimh cur gu teann ris an t-Sasunnach, làidir 'g an robh a ghrèim fathast an Eirinn. B'ìosal iad an a chaidh iad air tìr an Rachrainn is Albainn fo chuimrig na ceart eascairde bho cheann gu ceann. Bu dìbhdh an cor an oidhche a bha iad air gob an rudha 'san Eilean Arannach, is an sùil ri cladaichean lonbhair-Air feuch am boiUsgeadh an leus-soluis ris an robh an earbsa is an dùil. Seadh, bu dìbhdh, ach fathast bha iad air cheann an rathaid a threòraich gu AUt-a-Bhàn-chnoic is saorsa na h-Albann. An robh an ceann-rathaid air an robh iad an diugh na bu mhì-ghealltanaiche air AUt eile cheart cho buadhmor a bhi aig a' cheann thall ? Bha agus cha robh.

Co dhiùbh leis an deadh fheachd a bha nis fo an

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 43

stiùradh rinn na Brusaich is na cinn-fheadhna a bha fodhpa ullachadh gu an aghaidhean a thogail gu deas aon uair eile.

Bha deadh armailt fodhpa, suas ri deich mìle fichead a rèir gach cunntais, làn-uigheamaichte, is gu ruig so buadhmhor anns gach faiche air an do thog iad bratach ri crann. B' ann mar sin le làn- mhìsneach is cridheachan subhach a chaidh iad 'nan èideadh an ceud mhios an earraich 1317 is a dh' fhàg iad Dun-Dealgan nan dèidh aon uair eile.

Tha Bearrbair z! toirt mean-chunntais 'na obair fhiùghail air a' chuairt so air an do thog na Brusaich am mach a nis. Bha daonnan a shùil air an Rìgh Ghaisgeach Raibeart fèin do'n d'thug e a' leithid de spèis gu iomradh a thoirt air gach treun-ghnìomh 'san do chuir e làmh. Ach cha robh e fòghlumte an cè-eòlas na h-Eireann, is mar sin cha'n eil e soirbh a leantainn thar gach abhainn, loch, is beinn, air am bheil e a* toirt iomraidh. Ach, an aon chàs anns an robh e is air am bheil am Bàrd a' toirt cunntais mionaidich, chi sinn glè chothromach mar a dh'fhaodadh gnothuichean a bhi na'm b'esan daonnan a bha air cheann na cuideachd, is 'gan stiìiradh gu buaidh.

Nuair a thog iad am mach à Dun-Dealgan air an rathad mu dheas roinn iad am feachd 'na dhà bhuidhinn, aon air thoiseach is aon air deireadh, a chum is nach biodh an rathad, gu sònraichte far am bu chuinge e, air a thacadh ro mhòr, is mar sin a' cur maiUe 'nan siubhal. Chaidh Eideard, Rìgh Eireann air cheann na ceud buidhne, is ghabh Raib- eart, Rìgh Albann, e fèin is Tòmas Randolph, stiùradh an dara feachd os làimh.

44 An Ròsarnach

Nuair a bha a' bhuidheann a bha fo Raibeart a' gabhail an rathaid troimh choiUe dhùmhail dlùth air Fearta-fear-feig tha eadhon an latha de'n mhìos, an t-sè-là-deug de cheud mhìos an earraich, air a thoirt dhuinn is Eideard cheana air dol troimpe, thugadh grad ionnsaigh oirre le còmhlan fhear- bogha Sasunnach. Thuig an Rìgh gur e bha annta ceud-chuid de mhòr fheachd nan Sasunnach a bha a nis a rèir coltais a* feitheamh orra 'sa choiUe. Mar sin thug e cruaidh-òrdugh seachad gu h-ealamh, gun dol ceum thar an rathaid, gun an sreathan a bhristeadh, ach cabhag a dheanamh gus am faigheadh iad air làr lom taobh eile na coiUe.

Mar so ged a bha na fir-bogha a' tighinn pailt dàna aig caochladh amannan cha d'thugadh tiUeadh air an ceum, am mach bho aon ionnsaigh a thug Cailean Caimbeul mac peathar an Rìgh air aon fhear a bu dàine na an còrr. Cha do bhrist iad an cuid shreathan, is fhuair iad troimh an choille gun mòran dochunn. Nuair a fhuair iad air còmhnard a rithist is e bha romhpa làn-fheachd Sasunnach fo Ruiseart Clare (dà fhichead mìle, tha Bearrbair ag ràdh, ged nach eil maith gèill a thoirt da sin), is leis gur e a leithid so ris an robh fiughair, gun an tiotadh dàile leum Brus 'nam bad.

Ruaigeadh roimhe iad mar am moU roimh an ghaoith, is bha làn bhuaidh-làrach aig Raibeart le leth an fheachd is gun fios aig Eideard uiread is gu'n robh an nàmhaid 'san aon cheann-dùthcha ris. Tha Bearrbair an sin ag ìnnseadh mu'n fhreagairt sgaitich, is mu'n chomhairle a thug Raibeart do Eideard nuair a thachair iad, a chionn e bhi cho beag 'na earalas

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 45

is dol troimh choiUe dhùmhail air ceann toisich feachd gun fios aige air a' chunnart anns an robh e, agus gun farbhais a thogail da thaobh.

An dèidh nan nithean sin ghabh iad an rathad deas troimh Oir-ghialla, is troimh fhearann na Midhe, is gun mòran ùine a leigeil thar an cinn (oir cha robh bacadh air a chur orra), thog iad ceann fa chomhair ceann-bhaile na dùthcha Bail-ath-CUath. Bha Bail- ath-CUath air a làn dhaingneachadh bho'n a fhuair na Sasunnaich 'nan làmhan fèin e. Bha e eadhon 'na chathair làidir mu'm faca iad riamh e, eadhon bho'n cheud a shuidhich na Lochlunnaich an ceann- uachdranachd ann. Ach a nis bho'n a bha e an garbh chunnart bho làmhan nam Brusach chaidh a neartachadh trì fillte. Chaidh na ballachan a chàradh far an robh ni de mheang annta, is eadhon na clachan a thoirt as na tighean is as na h-eaglaisean gu obair gun taing a dheanamh. Bha 'san àm sin bothagan fiodha taobh am mach de bhallachan a' bhaile, is air eagal gu'm biodh iad air an cur gu feum air bith leis na Brusaich an àm cur sèisd ris a' bhaile thug an t-àrd-mhaor òrdugh seachad gach aon dhiubh bhi air a losgadh gu làr, a rinneadh gun dàil, faodar a ràdh.

'Nan ceud ionnsaigh thug na Dùthchasaich am mach Cnoc-a'Chaisteil is rinn iad prìosanach de cheannard an fhreiceadain, Tyrell ; ach a rèir coltais bha iad am beachd nach robh feum a bhi strì ris a' Chathair fein, co dhiùbh, aig an àm sin, no gu'm biodh a ghlacadh ro chosdail dhoibh an sluagh. Mar sin leig iad dhiubh sèisd a chur ris, is le sin a dheanamh tha mi am beachd gur e mearachd cho

46 An Ròsarnach

mòr is a rinneadh le cuideachd Bhruis bho'n cheud gus an mu dheireadh. B' fheàrr aon Bhail-ath- Qiath 'nan làimh na fichead sgìre fo an sròl cùl nam monaidhean. Mar an ceudna le Bail-ath-CHath 'nan dòrn bha an nead air a creachadh, is an sgaoth- sheillean air an sgapadh ; ach le Sasunn 'na làn neart am Bail-ath-CHath bha i 'na làn neart an Eirinn, is iuchair na tìre fo crios.

Tha an t-Eachdraiche GiUe-Brighde, ged tha ag ràdh gur e a b'aobhar do na Brusaich gun chur ri Bail-ath- CUath gu'n robh a nis an t-Iarla Ruadh 'na phrìosan- ach 'sa bhaile is e an cunnart na croiche mar thraoit- ear. B'e beachd nan Sasunnach a thaobh is gu'm b'è athair-cèile Raibeairt Bhruis nach robh e cho dleasdanach 's a bu chòir dha ann a bhi a cur ri Eideard is ris na Dùthchasaich, is eadhon gur ann a bha taobh blàth aige riu. Mar sin chuireadh an grèim e, is bha e nis mar a thugas fa 'n ear an cunnart a bheatha na'n lasadh corruich nan Sasunnach a bheag na bu theotha 'na aghaidh. Agus is e na Brusaich a chur gu cruaidh ris a' bhaile an ceud rud a dheanadh sin.

Co dhiùbh biodh na nithean sin 'nan aobhar no na bitheadh, cha d' thug na Dìithchasaich a bheag de oidhirp air a' Chathair, is gun dàil thog iad an camp a bha aca air a shuidheachadh air an Dubh-Unne dlùth air Leum a' Bhradain, is tharr- uing iad siar do chridhe na tìre. Shiubhail iad troimh Shiorramachdan CiUe-Daire, Ceithear-loch, CiUe-Choinnich, is Tiobraid-Arann gus an do ràinig iad Luimneach. Cha do thairg nàmhaid còmhrag dhoibh a b' fhiach a h-ainmeachadh, ach cha bu mhò a leig-

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 47

eadh ris mòran de'n chàirdeas dhoibh. Bha na nàistinnich a' fuireach cho fada bhuapa ris na Sasunnaich fèin. Cha robh Brus leo a rèir coltais ach mar Ghall eile an geall air uachdranachd na tìre. Cha do thuig iad, is feumar aideachadh nach do chuidich gach milleadh a rinn Eideard Brus feadh fearainn na h-Eireainn, gu toirt orra a thuigsinn, gur e an tìr a shaoradh bho'n choigreach air an robh na Dùthchasaich an geall. Bha mar an ceudna gainne is gort 'san tìr. Bha muinntir na dùthcha a' bàsachadh le plàigh is cion, is cha'n ann 'na leithid sin de àm a bu dùth do spiorad na saorsa dùsgadh, mur an robh e air mosgladh mar thà.

Ràinig na Dùthchasaich Luimneach, ach cha robh e na b' fhusa dhoibh am baile sin a ghlacadh na Bail-ath-CUath fèin, is cha robh e gu uiread feuma dhoibh. Cha mhò a dh' fheuch iad ris. Cha b'e am feachd a bha aca an àm gluasad à Dun-Dealgan no eadhon fo bhallachan Bail-ath-Chath a bha aca a nis. Bha ghort 's a' phlàigh an dèidh cur riu-san mar an ceudna gu teann is gu cruaidh. Bha gach mar a bha tighinn 'gan cur an tanadas, is gun na fir-chuideachaidh a' tighinn. B' ann fo an fhòid aig Ath-nan-Rìgh, is feur gorm an earraich a' snothach- adh os an ceann, a bha na laoich a' ruitheadh, is a' ruith gu faiche as an leth-san is as leth an dùthcha.

Chuir Donnachadh 0' Briain, Thuath-Mumha fios chuca gun teagamh tighinn g'a choimhead, ach b'e cur ri fear-cinnidh dhà fèin (Muireadach 0' Briain), a bha a' tagradh a' chrùin a bha 'na bheachd- san, is cha b'e saorsa fearainn na h-Eireann. Agus nuair a chunnaic na Brusaich gu'n robh Muireadach

48 An Ròsarnach

a nis le fheachd fèin an òrdugh catha air taobh eile na Seannain, is Sasunnaich na dùthcha 'nan uigheam is 'nan èideadh as a leth thug iad an aghaidh mu thuath, is dh' fhàg iad a' chùis gu a rèiteach mar a b' fheàrr a chitheadh iad fèin iomchaidh.

Bha farbhais nach robh taitneach 'gan ruigheachd bho'n ear co dhiùbh, is eadhon a nis fèin gun an còrr dàlach bha na Dùthchasaich an garbh chunnart. Bha Buidealair is De la Poer aig CiU-Choinnich le còrr is deich mìle fichead fear fo an cuid arm ; agus air Diar-daoin Càisge ràinig Roger Mortimer EochaiU thar fairge, is e a nis le barrant an Rìgh 'na làimh 'ga dheanamh 'na Riochd-Rìgh an àite Bhuidealair. Chaidh e gu tìr le còig-mile-deug fear-feachd taghte, deas gu còmhrag a nall à Sasunn, is ghabh e àite air an ceann gu coinneamh a thoirt do Bhrus aon uair eile. Mar sin cha robh ann ach amaideas dhoibhsean, is an luchd-leanmhainn, a bha comasach air an àite a ghabhail air achadh còmhraig a' dol an tainead gach fo bhuaidh gorta is le plàigh, dad de mhaiUe a dheanamh. Cha b'e so an t-àm gu teannadh ri rèiteachadh co dhiùbh a b'ann aig Donnachadh no aig Muireadach O' Briain a bha an t-ainm *' Rìgh " gu bhi, oir is cìnnteach nach biodh ann ach an t-ainm a dh'aindeoin co aca aig am bitheadh e is an Sasunnach fathast 'na làn neart 'san tìr.

ThiU na Dùthchasaich mu thuath cha mhòr air a' cheart cheum air an do shiubhail iad mu dheas. Ghabh iad an rathad troimh Chaiseal, CiU Dàire is Ath-Truim. Nuair a ràinig iad Ath-Truim bha iad cho nior air an claoidh le bochduinne is cion teachd-

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 49

k

H an-tìr is gu*m b' fheudar dhoibh fois cheithìr-là-

H deug a dheanamh anns a' bhaile. Dh'fhuiUng am

B^ feachd cruadal a bha garbh 'nan tilleadh. Ged a

^K bhiodh na bHadhnachan na bu phailte na bha iad,

H[ cha robh a nis eadar iad fèin is na Sasunnaich mòran

^K ri sheachnadh. Bha iomad treun-fhear a thuit ri

^' taobh na sHghe, is nach faca na bu mhò le sùil

shaoghalta tìr a ghràidh, Tìr nam Beann ; ach

fathast 'nan cruaidh chàs cha do thrèig O^ NèiU,

is a chinn-fheadhna iad, is dhlùth-lean iad ris a'

chùis 'san do chuir iad làmh.

Ach a dh' aindeoin geur-chàs nam Brusach cha d'thainig na Sasunnaich le an trom-fheachd faisg orra, ged a bha iad cho bagarach a' cruinneachadh air gach taobh. Gun teagamh bha còrr ionnsaigh 'ga thoirt air a' chuid a bu deireannaiche dhiubh le buidhnean-siubhail, ach b'e sin uile e. Anns gach ionnsaigh dhiubh so, a rèir Bhearrbair, bha an Rìgh Raibeart fèin is Randolph gu sònraichte a' leigeil ris an treubhachd is a' gearradh sìos leis na tuagh- annan aon air bith a leigeadh a dhànachd leis tighinn pailt dlùth. Bha na Dùthchasaich fo stiùradh nam Brusach ionnas ag gearradh an rathaid romhpa le an cuid arm, ach fathast cha d' thàinig na Sas- unnaich a thairgse còmhraig dhoibh air an fhaiche rèidh. Theagamh gu'n robh goirteas an corragan air AUt-a-Bhàn-Chnoic fathast 'nan cuimhne is nach robh iad deònach an sgeul sin a bhi air a h-aithris an dara uair, ach co dhiùbh leig iad leo triaU mu thuath, gun sròl no bratach a thogail an àirde fa chomhair an gnùise.

Mu cheud mhìos an t-samhraidh 1317, ràinig an

50 An Rdsarnach

còmhlan beag a thàinig troimh a leithid de ghàbhadh Dun-Dealgan ceudna. Is e còmhlan beag a bha ann da rìreadh seach am feachd acfhuinn- each a thog an aghaidhean mu dheas trì mìosa roimhe sin. Gun teagamh 'sam bith shiubhail iad Eirinn bho cheann gu ceann gun feachd Sasunnach fhaicinn a sheasadh fa'n comhair, agus ma bha aobhar uaill an sin cha robh mòran tairbhe 'na cheann. Shiubhail iad Eirinn, ach b'ann le call nach tigeadh cùis nan Dùthchasach, no Alba na bu mhò, ach glè dhona as eugmhais. De gach culaidh iongantais a bha anns a' Chuairt Chatha uile gu lèir, b'i aon dhiubh, agus aon tha mi an dùil a thug bàrr orra uile gu lèir, gu'n d'aontaich Raibeart Brus idir falbh air a leithid de ghnothach cuthaig nuair a thog iad an camp aig Leum-a' Bhradain. Cha'n fhaca iad nàmhaid a chuir coicheid orra. Cha'n fhaca, ach cha bu mhò a chunnaic iad a bheag de an càirdean. Cha do dhùisg Eirinn bhochd fathast, co dhiùbh cha deach iad an còmhdhail Eideird Bhruis le làmhan sgaoilte a thoirt di-beatha dha. De an dà-fhlaith-dheug air am bheil iomradh a dh' èirich leis an Tìr na h-Eireann uile cha robh fiù a h-aon à Còigeamh Mhumha. Thàinig latha eile air Tigh Bhriain bho'n a sheas Brian Mòr fèin le luchd-cuideachaidh à Albainn ri thaobh fa chomhair nan Gall air Cluan na Buadha, Cluan-tairbh.

Glè ghoirid an dèidh do na Dùthchasaich fasgadh Dhun-Dealgain a thoirt am mach thill an Righ Raibeart dhachaidh do Albainn. A rèir coltais b'e a bheachd tiUeadh gun dàil le tuiUeadh cuideachaidh gu bhràthair ; ach foghainnteach 'gan robh Alba

I

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 51

cha bu dùth gu'm b' urrainn dhi làn-fheachd a chumail 'san achadh air thaobh a' Chaoil. Bha Sasunn fathast a' toirt còrr ionnsaigh air an tìr, is ged a bha na deadh laoich an taice rithe mar a bha Seumas Dùghlas, is an Stiubhartach, cha b'ann gun fheum orra bha gàirdean is comhairle an Rìgh fèin. Bha mar an ceudna comh-theachdaireachd eadar e fèin is am Pàp 'san àm mu nithean reutanach comh- cheangailte ri crùn is rìoghachd Albann, is mar sin ruith a' bhhadhna 1317 gun an cuideachadh a bha nis na b' fheumaile na bha e riamh a ruigheachd Eideird Bhruis air fearann na h-Eireann.

Fathast na bliadhna so (1317) bha a' ghorta a' sior fhàsachadh na tìre. Cha do rinn na Dùth- chasaich a bheag de ghluasad am mach à Dun- Dealgan da thaobh sin, ach ni a thog na Sasun- naich f ada bho bhaile air a' cheart aobhar. A thaobh nàistinneach na h-Eireann, mur an robh an staid deich uairean na bu mhiosa cha robh i co dhiùbh na b' fheàrr. Tha an luchd-eachdraidh fèin a' toirt iomraidh mhuladaich air mar bha cùisean, iomradh a bheir crith air ar feoil air an air am bheil an diugh. Cha robh a leithid de ghorta an Eirinn ri cuimhne dhaoine, is thachair e tric gu leòir gu'n do mharbh màthraichean is athraichean an cuid cloinne, is gu'n d'ith siad iad. Bha eadhon iomradh air na mairbh a bha air an adhlac a bhi air an tarraing am mach as na h-uaghannan, is air an itheadh suas leis na ceudan a bha siubhal na dìithcha air tòir na chumadh am beò annta. Mar a dh' fhaodteadh fiughair a bhi rithe, bha a' phlàigh 'gan leantainn- san air an luirg, is bàs agus bròn air a sàil-se 'gan

52 An Rdsarnach

sgaoileadh fèin air aghaidh na tìre. Mar sin bha cuimhne iomad bliadhna an Eirinn air bUadhnachaibh cruadha Cuairt a' Bhrusaich, is mar is trice a gheibhear na an t-atharrachadh, bho nach robh e anns an dàn do'n chuairt sin a bhi soirbheachail, c'àite eile ach mu mhuUach cinn Bhruis an cuirear a' choire ?

An ath bhhadhna (1318) bha biadh na bu phailte, is chaidh gach taobh 'na arm 's 'na èideadh a rithist. Cha mhò bha gnothuichean a' dol gu h-olc leis na Dùthchasaich 'sa cheud togail am mach. Thug O'Cearbhall an ceann deas Laighin droch càradh do bhuidhinn Shasunnaich a fhuair iad suas rithe, is mu cheud mhìosa an t-samhraidh chuir O'Briain Thuath Mumha mu dheireadh roimhe buille a bhual- adh.

Cha'n eil cinnt air co dhiùbh a b'e am Brusach a chuideachadh a bha 'na bheachd no nach b'e; is e an t-amharus nach b'e, ach gu'n d' fhuair e an cothrom air na Sasunnaich, is gu'n d'èirich e 'nan aghaidh mar a bha gach ceann-feadhna a' deanamh bho àm gu àm co dhiùbh. Biodh sin mar a thogras e ach cha rachadh a chuideachadh air iomrall air Brus no air na Dìithchasaich dòigh 'sam bith air an tigeadh e, oir beag 'gan robh e bha e a' cumail nan Sasunnach bho an làn-fheachd a chur a dh' aon- taobh.

Ach cha'n eil e coltach gur ann idir clì a bha an iorgaiU a thog e an dràsd. Choinnich na Tuath- Mhumhannaich, is na Sasunnaich aig ionad ris an abrar Diseirt O'Dea. B'e Ruiseart Clare a bha mar cheann-feachd aig na Gaill, is O'Briain

r

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 53

fèin air ceann nan Mumhannach. Chuireadh cath cruaidh. Sguabadh na Sasunnaich bhàrr na faiche, is am measg na dh' fhag iad marbh air an raon bha Clare fèin. Na'n robh a nis O'Briain air leantainn roimhe, is cur ri a nàimh- dean le dealas is aon-fhìlteachd faodar a thuigsinn ciod na nithean mòra a bha e 'na chomas a dheanamh. Ach a rèir coltais fhuair e na bha 'na amharc 'san àm, is cha robh cùisean a b' fharsuinge na taobh a stigh a chrìochan fèin a' tighinn fa 'n ear dha.

Tillidh sinn a nis a rithist gu Eideard Brus fèin gu iomradh ghoirid a thoirt air na nithean a ghabh àite mu'n do mhùchadh buileach an solus dealrach a las e fèin is O'NèiU 'san Airde Tuath, is a bha aon uair cho gealltanach.

Bha am foghar a nis air tighinn. Bha pailteas bìdh ri fhaotainn 'san dùthaich is rinn an thaobh deas gu cath. Bha sùil nan Dùthchasach gach latha ri Albainn, is iad cinnteach à feachd-cuideachaidh a bhi air an rathad chuca a nis, is na deuchainn a' teannadh cho dlùth. Bha iad fathast an Dun- Dealgan, is an camp suidhichte air cnoc na Faich-àird mar dhà mhile do'n bhaile, ach is e feachd glè bheag a bha 'sa champ sin gu coinneamh a thoirt a nis do'n làn-fheachd a bha mu dheireadh thall a' gluasad 'na aghaidh.

Rinneadh Sir lain De Bermingham 'na cheannard air f eachd Shasuinn nuair a chruinnicheadh comhairle le Mortimer. Ghluais e a nis am mach à Baii-ath- Cliath air ceann a chuid dhaoine, is gun dàil chaidh e tarsainn air Abhainn Buinda, is aghaidh gu tuath. Cha b'e feachd air a chur an tainead le gort a bha

54 An Ròsarnach

fo Bhermingham na bu mhò. Faodar a chreidsinn nach do ràinig e an àireamh a tha Bearrbair ag ràdh, no gu'n robh ni coltach ri fichead mìle marcaiche gun ghuth air coisichean leis ; ach air an làimh eile dh' fheumadh gu'n robh barrachd air cunntas nan Sasunnach fèin leis ^b'e sin mhile fear-feachd taghte. Is e beachd an Eachdraiche Darci MacAoidh a thaobh gu'n robh Normanaich Mhidhe, is na dùthcha mu'n cuairt, uile gu lèir gu beaganaidh le Bermingham nach b'urrainn gu'n robh e a bheag fo ochd no deich mìle fear air chùl a làimhe an àm a' Bhuinda a chur as a dhèidh.

Mar a chunna sinn, bha na Dùthchasaich a' feitheamh ri cuideachadh a thighinn chuca à Albainn. Bha farbhais aca air Sir lain Stiùbhard a bhi an sin fèin dlùth do làimh le còig ceud fear ; bha e eadhon air a ràdh gu'n robh an Rìgh Raibeart fèin air cheann na buidhne sin, no co dhiùbh cheana air dol air tìr an Eirinn.

Bha an t-arm Sasunnach a nis a' tarruing dlùth air Dun Dealgan, is e a rèir coltais 'nam beachd cur ris na Dùthchasaich gun dad de mhaille a dheanamh. Nuair a thugas fa *n ear sin, is a chunnacas am feachd comasach a bha a' tighinn am fagus, chuir O'NèiU is an còrr de na cinn-fheadhna bha leis air a shùilean do Eideard gu'm b'fheàrr feitheamh gun chath a chur ach tuiteam air an ais mu thuath gus am faigheadh iad cothrom a b'fheàrr, no gus an ruigeadh cuid- eachadh iad. Cho maith ri O'NèiU bha a' chuid a bu chiallaiche de na cinn-fheachd Albannach, gu sòn- raichte Souhs, Ailein Stiùbhard, is Moubray, de'n aon bheachd.

Cath'Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 55

Thairg O'NèiU dha eadhon ceann-deiridh an airm a ghleidheadh 'na thuiteam air ais is cagnadh a chumail ris na Sasunnaich fad an latha no fad latha na'm b'fheudar e, seach dol an grèim an sud, is gach cho mì-ghealltanach. Tha e air a chur air Eideard, is echo rag, dannarra, ceann-làidir co dhiùbh, gur e an fhreagairt a thug e do a luchd-comhairle, " ged a bhiodh a nàimhdean a cheithir uiread is a bha iad gu'n robh esan a' dol a chur catha riu ; agus ma bha an t-eagal orra-san gu'm faodadh iad tionn- dadh an leth-taobh is sealladh a ghabhail air a' bhlàr." Cha'n urrainn mi a ràdh gu'n robh fear bho an tigeadh na briathran sin airidh air àrd-chrùn na h-Eireann, no a bheag de àgh eile ; ach is e mo bheachd ma's e sin an fhreagairt amaideach a thug Eideard gur ann a chionn is gu'n robh a spiorad àrdanach air a sgìtheachadh ag aire a chaimp le làn-bhuaidh a' teicheadh na b'fhaide bhuaith gach là, agus gu'n robh e nis làn shuidhichte a' chùis a chur aon taobh no taobh eile. Is e beachd cuid gur e a b'aobhar do'n Bhrusach a bhi cho suidhichte air a' bhlàr a chur an làrach nam bonn far an robh e, gu'n robh amharus aige gu'n robh a bhràthair Raibeart dlùth do làimh le cuideachadh, is nach bu leis tuiteam air ais gu feitheamh ris, ach buaidh an latha is a làn-fhiughair rithe, a bhi aige-fèin a mhàin. Ach, air an làimh eile, cha b'e sin a bheachd daonnan. Cha robh ag aige ann a bhi a' cur fios gu Raibeart aig àm eile, is nuair nach robh a chuideachadh cho feumail gu e a thighinn an nall '' is làmh a bhi aige 'san obair àghmhoir."

Ach am faod e bhi nach robh e faicinn gu'n robh

56 An Ròsarnach

a Chuairt a nis a' ruith gu ceann, is nach do bhuail e a stigh air inntinn nach robh seachnadh ri bhi air a' cheann sin a tha fios againne an diugh a bha 'san dàn?

Tha e air a ràdh, agus ged a bhiodh e fìor cha b' ìoghnadh uile gu lèir e, nuair a chunnaic O'NèiU mar a thilgeadh a chomhairle an leth-taobh le leithid de dhìmeas, gur e sin a rinn e : a luchd-leanmhainn fèin a tharraing am mach bho na h-Albannaich. Ach cha'n eil sin a' dearbhadh nach do ghabh e cuid anns a* chath nuair a thòisich e. Tha eadhon cinnt air gu'n do ghabh ged a dh' fhaodas e bhi gur ann air atharrachadh siùil seach mar a bu mhiann leis a* Bhrusach a chur.

Bha Brus a nis 'na droch shuidheachadh. Bha an air tighinn a bha gu dhearbhadh nach robh e, comharraichte ,'g an robh e nuair a bha na feartan leis, freagarrach gu bhi air ceann cùise cudthromaich an àm na deuchainn. A rèir coltais cha robh anns a* cheart uair ud a bheag is mhìle Albannach fo an cuid arm aige, is e a nis an geall air cath a chur ri feachd a bha co dhiùbh a cheithir uiread. Bha a bhràthair Raibeart buiUe air a' bhuiUe cho gaisgeil ris, ach cha mheasadh e 'na thamailt tuiteam air ais 'na leithid sin de shuidheachadh. Rinn e iomad uair e, is dheanadh e a rithist e na'm biodh e air cheann nan Dùthchasach an ud. Ach cha robh feum comhairle a thoirt air Eideard nuair a chuireadh e an t-atharrachadh roimhe, agus air achadh dòrain- neach Faich-aird bha an dubh-bhuil, dha fèin is do'n chùis a bha an crochadh ris.

Tha mòran fhaoin sgeul air an ìnnseadh, is fhuair

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn. 57

iad creideas, mu'n bhlàr so am blàr mu dheireadh a chuireadh an cuairt ainmeil Eideird Bhruis am fearann na h-Eireann. Tha e air a ràdh gu'n d' fhuair Bermingham is e air èideadh mar dhiol-dèirce a steach do champ Bhruis an oidhche roimh an bhlàr, is gu'n d'fhuair e làn-shealladh de'n Bhrusach fèin, is e ag gabhail na h-Aifrinne mar ullachadh spioradail air cheann chùisean cudthromach an la-mhàireach. Mar an ceudna gu'n d'thainig lain Maupas, curaidh Normanach a steach am measg luchd-siubhail fuadain eile, is e an èideadh amadain, gu làn shealladh fhaotainn de cheannard ainmeil Dhùthchasach na h-Eireann. Tha e eadhon air a ràdh gur ann anns an dòigh so is mu'n do thòisich an cath idir a chuireadh as do'n Bhrusach. A rithist tha e air a ràdh gu'n do rinn Brus is GiUe-Brìghde Clàrsair iomlaid 'nan èideadh air madainn a' bhlàir, is gu'n do chog an Rìgh gus an do leagadh sìos e, le thuaigh 's 'na lùirich am measg nan coisichean. B*e a b'aobhar da so, mar a tha e air ìnnseadh, gu'm bu churaidh treun an Clàrsair, is gu'n robh cinnt aig Eideard gu'm biodh gach treun-fhear am measg nan Sasun- nach 'ga shireadh fèin am mach gu còmhraig. Bha cUù nach bu bheag ri chosnadh na'm b'e is gu'n cuirteadh gu làr am Brusach, oir mar fhear cogaidh is mar churaidh bha ainm air dol am fad is am farsuingeachd, an chuid 'na ghnìomhan an cath na saorsa an Albainn, is a nis air fearann na h-Eireann.

B' ann air Là-na-Sàbaid, an ceithremh la deug de mhios deireannach an fhoghair, 1318, a chuireadh Blàr Fhaich-aird. Air madainn an sin, mu'n do

58 An Ròsarnach

bhuaileadh buille, is an fheachd fa chomhair a chèile, thug Roland Josse, Ard-Easbuig Ard-Macha Sasunnach is giUe-fidir air chorragan Eideird Shas- uinn is gann gu'n ruigear a leas ìnnseadh a bhean- nachd do bhrataichean nan Gall, is fuasgladh- easantais do gach fear a ghabh àite no a thuiteadh fodhpa. Faodar a thuigsinn ciod a' bhuaidh a bhiodh aig na nithean sin, anns an ud, air smuain- tean dhaoine is air an da fheachd fa-leth. Fuasgladh- easantais 'ga thoirt do'n allamhurach ud le a làmhan taosgte am fuil an fhir-shàraichte, is ascaoin Eaglais mar fhaileas doiUeir fathast 'na luidhe air anam an Dùthchasaich, ged a bha an dleasdanas a b' àirde a ghabh sliochd duine riamh làmh ann saorsa a dhùthcha fèin air a dhearnadh còmhla ris air anam. Mo chreach is mo nàire gu*m biodh a leithid sin ri aithris !

Ach cha do chuir seach dhiubh stad no maiUe an gluasad nam fear bho Thuath, is leum iad am badaibh an nàimhdean ; agus eadhon mu'n robh am feachd uile air an àite a ghabhail air an raon bha Brus fèin am buillsgean na còmhraig, is an teas nan ceud bhras-bhuillean a bhualadh. A rèir gach iomraidh bha an cath cruaidh is fuilteach fad is a sheas e, ach an teas na còmhraig leagadh gu làr an aon fhear ris an robh gach cùis an crochadh. B'e 80 Eideard Brus fèin, miUdh nan iomad lùth-chleas, is curaidh nam fichead blàr. Shir lain Maupas am mach e am fìor thoiseach a' chatha, is chuir an fhuirbirneach so còmhrag ri cheile air leth bho chàch. Cha'n eil dearbhadh air co dhiùbh a b'ann air an cois no air mhairc a bha iad, ach co dhiùbh choinnich

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 59

a mhac-samhuil ris gach fear dhiubh an ud, is ma b'i còmhrag dheireannaich gach fir fa-leth cha d' thug i dìmeas air aon seach aon, is dh' ìoc iad suas am beatha mar theisteas air an curantachd. Ach mar chall do gach feachd do'm buineadh iad cha robh samhla eatorra. Bha fichead fear, bha ceud fear, 'san arm Shasunnach a sheasadh àite Mhaupas, ach cha robh ach aon Bhrus am feachd nan Dùth- chasach, is cha robh àite ri lìonadh 'nuair leagadh gu làr e.

Cha robh '' Cothrom-na-Fèinne " fèin aca an àm dol sìos gu blàr, ach le Brus air chall cha robh ann ach ruaig. Agus b'e an ruaig a b' fheudar a bhi ann. Dh' fhàgadh iomad ceatharnach 'na shìn- eadh air an raon, còrr is mhìle tha e air a ràdh. Dhiubh so faodar aon no dhà ainmeachadh, Soulis, Ailean Stiùbhard, an Sasunnach Moubray, agus a rèir nam fear eachdraidh Eireannach aon co dhiùbh de chinn-fine nan Dòmhnullach. Ach cha b'iad so call bu mhò bha ris an ud, cha b'e call a' chatha, cha b'e call Bhruis fèin eadhon, ach b'e 'na bhàs-san, call is mùchadh is bàthadh an dòchais ud, a fhuair a nis thrì bUadhna àite am broiUeachan Ghàidheal na h-Eireann, ris na ceanglaichean a bhi mu dheir- eadh air am bristeadh agus an dùthaich a bhi saor.

Làimh ri Blàr Ath-nan-Righ is a thaobh call dhaoine, cha bu chasgairt an-throm Cath Fhaich-aird. An aon rathad cha robh mhìle 'na chall nach gabhadh leasachadh, ach à feachd beag mar a bha aig Brus, agus e fèin air àireamh leo maiUe ris na cinn-fheachd a bu trèine bha leis, cha robh ceist ri bhi mu'n chùis, is cha robh ach an Gail fhàgail air an achadh is a* bhuaidh 'na làimh.

60 An Ròsamach

Fhuair O'NèiU le chuid dhaoine fèin gu ruig Tìr-Eòghain, ach chuireadh ris gu cruaidh 'na dhèidh sin nuair a fhuair na Sasunnaich inntreachadh mu thuath. Fhuair am beagan a dh' fhàgadh de na h-Albannaich an rathad a dheanamh gu ruig Carraig Fhearghais fo stiùradh Mhic Thòmais lonbhair-Air, is ràinig iad Albainn gun an còrr driodairt. Tha e air a ràdh gu'n do ràinig an Righ Raibeart fèin Eirinn mu dheireadh, is gu'n robh e air an rathad gu Dun-Dealgan le feachd-neartachaidh nuair a fhuair e farbhais air mar chaidh an cho dubh an aghaidh Eideird, is gu*n do thill e air ais à làrach nam bonn le cuideachd Mhic Thòmais.

Fhuaras corp Eideird Bhruis air an achadh, an taice ri corp eascaraid, Maupas, agus is e a rinn Bermingham, nòs an allamhuraich is an t-sluaigh d'am buineadh e dìoladh gach dìmeas a thugadh do Shasunn a thoiìrt am mach air a' chorp mharbh. Ghèarr e an ceann deth, is shaiU e le salann e. Chuir e an sin mar '' thìodhlaic " gu ruig Eideard Shasuinn an ceann. Chaidh an còrr de'n choluinn bhochd, cuis-gheilt nan Sasunnach nuair a bha a smior blàth is beatha 'na chnaimh, a ghearradh 'na ceithir spadagan, is aon diubh a chrochadh ris gach crois an ceithir phrìomh-bhailtean na h-Eireann.

Is ann mar sin a chrìochnaich Cath-chuairt Eideird Bhruis an Eirinn. Thòisich i leis gach uile ghealltanas a bhi buadhmhor. Bha a shiubhal mar an dealanach troimh an choiUe : bha na croinn a b' àirde 'gan sracadh is 'gan leagail gu làr roimh fhroiseadh a chuid arm. Ach bha a chrìoch dheir- eannach cho ealamh ris an dealanach cheudna.

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 61

An uair a fhreagair Mac Talla air taobh eile a' ghlinne, is a dh' ath-fhreagair na beanntan a b' fhaide as, chaochail an iarmailt, shìolaidh na siantan sìos, thùirUnn balbh-sgàil na h-oidhche air an tìr is cha robh e ri chluinntinn na's mò.

Beachdaichidh sinn a nis anns a' chomh-dhùnadh, agus sin cho aithghearr is a dh' fhaodas sinn, air ciod a' bhuaidh a bha aig Cath-Chuairt Bhruis air cùis nan Dùthchasach is cor nan Nàistinneach an Eirinn ; agus gu sònraichte ciod a dh' fhaodadh ar dùil a bhi ris na'm b'e is gu'n rachadh leis anns an oidhirp thrèin a thug e. Anns a' cheud àite ged a mhùch Blàr Fhaich-aird ionnas buileach gach àrd- dhòchas a bha faotainn fasgaidh am broilleachan Dhùthchasach na h-Eireann air gu'n ruaigeadh iad an Gall am mach as an crìochan, fathast dh' ath- bheothaicheadh an spiorad. Dh' fhosgladh an sùilean is thogadh am misneach air do cheud chràdh an gonaidh is na lèir-chreach siubhal air falbh. ChaiU iad an latha, ach cha do dhi-chuimhnich iad 'nan deùchainn gach buaidh a thug Brus is 0*NèiU air achadh lom is air beulaibh chaisteal. Cha robh na Normanaich no na Sasunnaich ri bhi daonnan buadh- mhor. Cha robh èifeachd no subhailc 'nan cuid arm nach robh an airm shlòighean eile, le rian a ghleidh- eadh is uUachadh freagarrach a dheanamh. Ma bha e eu-comasach an ruagadh am mach à Eirinn buileach dh' f haodteadh co dhiùbh oidhirp a dheanamh air an cumail ri còrsachan sear an Eilein is leth ri cladach far nach robh e furasda cur riu. ChaiU na Nàistinnich gun teagamh riaghladh na dùthcha, ach co dhiùbh dh' fhaodteadh oidhirp a dheanamh air na

62 An Rdsarnach

bha aca fathast a ghleidheadh is a bhi cur ris uidh air an uidh. Ach gun dàil ghabh nithean an crìochan iomallach na h-Eireann car ris nach robh sùil aon chuid aig na Nàistinnich no fathast aig na fir mhòra thall an Sasunn.

An uair a chunnaic na coigrich a shuidhich iad f èin fad as bho Bhail-ath-CUath is bho chòrsachan sear na dùthcha nach robh a bheag de chuideachadh ri tighinn chuca à Sasunn na'n èireadh iorgaiU, smaoin- tich iad gu'm b'fheàrr càirdean a dheanamh dhoibh fèin far an robh iad ; agus an dòigh a b'ealamha gu sin a thoirt mu'n cuairt b'e cleachdadh an Eirean- naich a ghabhail dhoibh fèin is companas a dheanamh ris na Naistinnich. Is e sin a rinn iad, aon ni cho anabarrach 's a thachair an eachdraidh Eireann riamh. Thilg iad diubh èideadh an t-Sasunnaich, is chuir iad umpa f èileadh is lèine-chroich an Eir- eannaich. Chuir iad cùl ri deise chruadhach, lùireach is airm nan Normanach, is ghabh iad an àite an uchd a chatha le lann, claidheamh is tuagh. Phòs iad is thug iad an nigheanan am pòsadh am measg theaghlaichean nàistinneach na h-Eireann. Dh' fhàg iad teanga, is cuid dhiubh eadhon ainmean nan Sasunnach is nan Normanach air di-chuimhne, is labhair iad an cainnt mhiHs fhìor-ghlan Innis- Fàil. An aon fhocal cha robh ach coimh-lìonadh ìiine, is shlugadh suas iad am measg Cheilteach Eireann, agus thàinig an gineal gu bhi, am briathran nam fear-eachdraidh, " more Irish than the Irish themselves.*'

Ach ma thug Cuairt Bhruis na h-atharraichean sin mu'n cuairt, ciod ris am b'ion duinn fiughair a bhi againn na'n robh e buadhmhor ?

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 63

Tha Mac Thòmais, 'na ' ' Eachdraidh na h- Albann ' ' aig deireadh na h-iomraidh ghoirid a tha e a' toirt air Cath Chuairt Bhruis, ag ràdh— '' Thus was our country saved from the misfortune and guilt of a Scottish ascendency in Ireland/' Tha na briathran sin a' leigeil ris nach do thuig e aon chuid brìgh no aobhar na h-oidhirp a rinneadh, is nach do bheachd- aich e idir air mar a thilgteadh eachdraidh an claisean ùra na'n robh na Sasunnaich air am fògradh à Eirinn.

Tha mise am beachd, is tha mi a' gabhail de dhànadas orm fèin a ràdh, gur e Cath Fhaich-aird, no theagamh le dol a' stigh na bu mheana 'sa chùis, tionndadh air falbh nam Brusach bho Bhair-ath- Cliath, tachartas ris an robh cho mòr an crochadh i a ghabh àite riamh an eachdraidh nan Eilean Breatannach.

Cha d' fhuair fathast, eadhon an Sasunn fèin, an Teutonach làn làmh-an-uachdar. Thugadh droch shad 'san t-sròin dha aig AUt a' Bhàn-Chnoic, is b'e brìgh na buadha a thugadh gu'n do ghlaiseadh tuath air Tuaid air gu bràth. Mu'n cheart àm spìon Raibeart Brus as a làimh an t-Eilean Manannach. Cha robh a' Chuimrigh a Tuath (Cumberland), dùthaich a tha fathast làn Cheilteach fada fo Chrùn Shasuinn, is gun teagamh 'sam bith Cuimrig air a labhairt leis an luchd-àiteachaidh. Cha robh ach beagan ùine bho'n a bha iad coma ged a b'ann fo riaghladh nan righ Albannach a bhiodh iad, is bha iad an sin àireamh bhUadhnachan roimh àm teachd nan Normanach. Bha an Còrn meadh-bhlàth mu riaghladh Shasuinn, ged a bha tearcas a sluaigh a' cur bacaidh oirre bho do ghluasad Dùthchail a

64 An Rdsarnach

dheanamh. Cha robh teanga ach an Teanga Cheil- teach air a labhairt 'san dùthaich, is fad 's a bha teanga, bha spiorad na dùthcha beò, gu lasadh 'na chaoir dheirg ri an dùsgaidh.

Ach b'i a' Chuimrigh seach àite eile am mach bho Eirinn fèin air am bu truime cuing an t-Sasunnaich a' luidhe. Bha iad fathast an treun an neirt a chog as leth an saorsa fo Llewellyn, is cha robh ach an cothrom fhaotainn, is dùil ri soirbheachadh anns a' chùis nuair a dh' èireadh na Cuimrich 'nan làn neart. Bha eadhon 'san àm 'san robh Eideard Brus an Eirinn comh-fhiosan eadar e f èin is co dhiùbh aon de na cinn- fheadhna. Bha Griffith Lloyd à Mona a' cur teachdaireachd chuige a thaobh chùisean dùthchail, is dh'èirich e 'sa cheart àm air cheann buidhne de na Cuimrich. Bha an ceann-feadhna so de shliochd Llewellyn Mhòir, is mar sin còir aige air àrd-riaghladh na Cuimrigh. Mu'n àm cheudna ghluais Llewellyn Bren air cheann buidhne eile an Glamorgan.

Chaidh na dùsgaidhean sin gun teagamh a chur sìos le Sasunn, ach tha sinn a' faicinn ged a chaidh sin a dheanamh, cho ealamh 's a bha a' Chuimrigh gu èirigh an da-rìreadh na'm biodh na Sasunnaich air an lagachadh le Eirinn a thoirt dhiubh. Agus cha diùltadh Alba is Eirinn, Raibeart is Eideard Brus, an cuideachadh a bhiodh feumail gu an saorsa a bha cho dUgheach dhoibh aiseag a rithist do Cheiltich na Cuimrigh.

Na'm b'e is gu'n do chuir na Dùthchasaich sèisd ri Bail-ath-CUath le faidhidinn is rùn suidhichte, nuair a thug iad am mach Cnoc-a'-Chaisteil, is gun an neart a bhristeadh le Eirinn a shiubhal gun fhios ciod air

Cath-Chuairt Eideird Bhruis an Eirinn 65

son, cha'n eil an teagamh is lugha nach d' thug iad am mach e. Cha robh na laoich a thug am mach Dun-Eideann, Struibhle, is Abar-uig ri bhi air an diùltainn. Agus am fear aig am biodh Bail-ath-Cliath, is a ghleidheadh e, bhiodh Eirinn 'na ghlaic. Nach mòr na bha an crochadh ris an tionndadh thubais- teach sin ! Faodaidh gu'n robh ceann an larla Ruaidh ann, ach bha iomad ceann is beatha a bha fathast gun bhreith an crochadh ris. Bha each- draidh Eirinn an crochadh ris. Bha eachdraidh nan Ceilteach uile gu lèir an crochadh ris. Bha each- draidh an t-saoghail an crochadh ris.

Na'n d'thug Eideard Brus a' bhuaidh a bu mhaith leinne mar Ghàidheil e a thoirt, cha'n e an Teutonach ach an Ceilteach a bhiodh 'san t-sreath thoisich anns na h-Eileanan Breatannach. Am bheil e do-chreid- sinn nach i a' GhàidhUg, air a lìomhadh is air a loinnearadh leis a' chomh-mheasgadh a thigeadh an lorg àrd-chàirdeas nan slògh Ceilteach, a bheireadh am mach dhi fèin an inmhe àrd a tha an diugh aig a' Bheurla Shasunnaich ? Cha robh Beurla ach air bheag meas eadhon an Sasuinn fèin an toiseach na ceithreamh-Unn-deug, oir b'i teanga nan Normanach Frangach a bha air a cleachdadh am measg nam flath is aig cùirt.

Na'n d' thug Eideard Brus buaidh bhiodh an- riaghladh an Teutonaich an Eirinn air a mhùchadh *na àm. Cha bhiodh aUa-ghnìomhachas ChromweU no gach aimhreit a ghin a riaghladh a' toirt mi- chUù air ar n-eachdraidh. Cha bhiodh Eirinn air a roinn 'na leith is 'na culaidh-thruais mar a tha i an diugh, agus an GaU le chorraig 'na bheul ag ràdh jiach robh i riamh air atharrachadh.

f

66 An Ròsarnach

Tha ceud bliadhna air bheul a bhi seachad bho'n ud a chuir Eideard Brus a chòmhrag dheir- eannach air aonach Faich-aird. Dh' èirich Uallas no dhà an Eirinn bho'n àm sin, ach tha am fior Bhrusach gun tighinn fathast. Thuit a' mheidh 'na h-aghaidh fo bhallachan Bhail-ath-CUath, is tha an t-sUge air a h-uchd gus an an diugh.

Ach tha gluasadan mòra am measg nan slògh san sam bheil sinne beò. Tha saorsa gach cinnich, mòr is beag mar shròl, mar bhrataich is mar ghairm- catha do gach feachd 'san strì ; agus theagamh nuair a dh' èireas grian na sìthe air an t-saoghal aon uair eile gu'm faigh Gàidheil na h-Eireann mar an ceudna còir air an Uos fèin. Nuair a thig an àghmhor sin, tha sinn an dìiil nach bi an oidhirp a thug an treun- fhear Brus, is an gaisgeach dìleas O'NèiU, air an di- chuimhneachadh ann a bhi a' luaidh air a sgeul.

Eachann Mac Dhughaill.

Faoileag Tir-an-Aidh.

O, fhaoileig bhàin 's ann riut tha m' èud, Do sgiath 's leat fèin mar dheoin do chridh', O, fhaoileig bhig à Tir-an-Aidh, Nach sona thu seach mi fhìn !

Nach buidhe nochd do'n chridh' ad' chom, 0, eòin nan tonn le beannachd Dhia 'S leat fein an domhain mhòr 's na th' ann, Is leat neo-ghann gach is fhiach.

Is leat a nochd do leaba shaor

An creig nan gaoth fo dhruim nan spèur ;

Is leat-sa cogar sior nan stuagh

A chaoidh a' luaidh air Flathas Dhè.

Is leat an Sòlas is an t-SoiUs'

A dh' fhògras oidhch' am bèul an là,

Is aiseirigh Mhic Spèur à cuan

An coimeas buan do'n ChaiUs Aidh.

Is leat-sa iarmailt chiuin na Sìth Is cadal mìn nan siontan aosd', Suain an domhain, 's fois nam beò, Rèite ghlormhor, Maise 's Gaol.

Is leat-sa fein an saoghal fior

O , eoin gun iargain is gun leòn,

'S leat an Fhìrinn Mhòr 's an nèamh

A chaill mo ghnè-sa ; sUochd a' bhròin.

68 An Ròsarnach

O, fhaoileig ghil, mo chridhe truagh Tha air a dhuanadh le dubh-nàir', 'S à trom-mhasladh so nan clann Cha tog mi fèin mo cheann gu bràth.

Air Innis so na Brèige dorch' Gach aon rèul shorcha cheil an lèus, 'S Grian no Gealach cha'n fhaic sùil, Ach ceò dùmhail linnseach Eig.

Am pian purgadair mo Dheòin Bidh mo bheò oir mhealladh mì, Gus an toir mi suas mo bhonn. Is do'n phoU air m' ais an tìU.

Ach beannachd leat-sa fhaoileig bhàin, 'S gu Tir-an-Aidh bheir soiridh uam,

O, cha'n fhaod mi 'ghaoil leat triall :

Ach, do'n lar bheir leat mo dhuan.

D.M. N. C.

<€§S®®=>

Raibeart Burns. [O'n dealbh aig Ruaraidh nrascain is Mhairr.]

Raibeart Burns, Bard Ceilteach.

^HA Clann nan Gàidheal mùirneach, gràdhach mu bhàrdachd Bhums. Chan eil dream air an talamh a tha cur barrachd de mheas agus de ftiKfa^ urram air an obair cheutaich sin.

Is toigh leo a bhi 'ga leughadh, 'ga h-aithris, 'ga seinn, agus 'ga cnuasachd. Tha i taitneach agus luachmhor leo, agus òlaidh iad i le uiread de shòlas is a dh'òlas an t-eun an t-uisge. Bheir i dhaibh a' cheart tomhas de thaitneas agus de àbhachd is a bheir dàin agus òrain am bàrdaibh fèin. Ruigidh i an cridhe, agus gluaisidh i an spiorad air dhòigh a tha comharraichte agus iongantach.

is ciall do'n bhuaidh làidir a th'aice thairis air an càil agus air an inntinn ? Chan eil gun bhunachar, agus chan ann le tuiteamas a thachair dhaibh a bhi cho miadhail air obair Bhurns. Cha ruigear leas dol fad a shireadh an aobhair. A thaobh ginntinn agus àraich bu Ghàidheal e gu cnàimh an droma, agus cha robh boinne 'na chuislean ach fuil Cheilteach. A thaobh sìnnsear agus sloinnidh bha e de*n chinneach aosda, fhoinnidh o'n d'èirich Oisean agus Mac Mhuirich. Cha robh cuid no gnothach aige ris a' chinneach Theutonach. Is e so iuchair na cùise, oir thèid dùthchas an aghaidh nan creagan. Is blàth an fhuil ! a' chinnt a th'againn gu'n robh craobh-sheanchais a' Bhàird

70 An Ròsarnach

air a frèumhachadh gu buileach sa chinneach Ghàidh- ealach ? Tha na dearbhaidhean lìonmhor agus soiUear, agus is e mo mhiann cuid dhiubh a thoirt air an aghaidh agus a rannsachadh. Bu Ghàidheal e, anns a' cheud àite, a thaobh a shìnnsre, agus san dara àite a thaobh a ghnè, a chàil agus a aomaidhean- inntinn.

Gabhamaid beachd, an toiseach, air a shìnnsre. Air iarrtus an OUaimh Burnes, Mon-tròs, chaidh fiosrachadh a dheanamh a staigh do'n chùis so an 1837 le Leoghann-righ Gearraidh-Airm na h-Albann, agus chaidh sìlidh a' Bhàird a lorgachadh gu neo- mhearachdach fad iomadh glùn. Chaidh ruigheachd air ais gu Bhaltar Caimbeul aig an robh gabhaltas fearainn aig Taigh-an-uiUt, Earra-ghàidheal, mu mheadhoin an t-seachdamh-Unn-deug. Tha cuid de'n bharail gu'n robh e càirdeach do theaghlach flathail Earra-ghàidheal. Bha'n t-àm buaireasach neo- shuidhichte, agus bha cogaidhean sìobhalta a' sìor dhol air an aghaidh. Is coltach nach robh Bhaltar de'n aon bharail ris na tigheaman fearainn aig an robh àrd chumhachd an Lathurna, agus cha b'fhada gus an d'fhiosraich e an diomb agus an naimhdeas. Mar a thachair do iomadh aon eile, b'èiginn dha imrich a thogail, agus cùlaibh a thoirt air dachaidh 'òige. Sholair e còmhnuidh ùr dha fèin agus da theaghlach an Gleann Bearbhaidh, an siorramachd Chinn Chàirdinn. Leig e seachad a shloinneadh dligheach, ach cha do chaiU e a bhàigh agus a spèis do thìr a dhùthchais. B'e an t-ainm ùr a ghabh e Burnhoose, is e sin r'a ràdh, Taigh-an-uiUt, air a thionndadh gu Beurla nan GaU. Gheibhear anns

Raibeart Burns, Bàrd CeiUeach 71

na seann leabhraichean-seisein iomraidhean goirid air a shliochd. Bha a mhac, Bhaltar Bumess, an seilbh air an tuathanachas ris an abrar Bog-dhorain an Gleann Bhearbhaidh, agus aige-san bha mac d*am b'ainm Seumas Burness, a rugadh sa bhUadhna 1656, agus aig an robh air mhàl Bràigh-na-linne-mòire. Aig Seumas bha mac, Raibeart Burness (seanair a* Bhàird), aig an robh tuathanachas dlùth do Dhun- otair, air fearann an larla Marischal. An 1716 chaiU an t-Iarla a chuid fearainn air tàilleamh a dhìlseachd do aobhar nan Stiubhartach, agus, anns an iorghuill a bh'ann, chaidh Burness, mar an ceudna, a thoirt gu bochdainn agus ainnis. Chaidh an fhàrdach a chur ma sgaoil, agus b'èiginn do'n teagh- lach teannadh air falbh a shireadh cosnaidh.

Thug UiUeam, an dara mac bu shine, aghaidh air Dun-èideann, agus, dlùth do'n bhaile sin, fhuair e obair mar ghàradair. An ceann beagan bhhadh- nachan chaidh e do shiorramachd Inbhir-àir, far an robh e an toiseach 'na ghàradair, agus a rithisd 'na chroitear. An uair a ghabh e an crioman fearainn phòs e, agus thog e an taigh beag tobhta a tha ri fhaicinn gus an latha diugh. Bha aige seathnar chloinne, agus, dhiubh so, b'e am Bàrd an t-aon bu shine. Tha craobh-sheanchais Bhurns a làn dhearbh- adh gu'n robh a shìnnsreachd cho Gàidhealach ri dream a thuinich riamh ri taobh Loch Eite. Anns a' char so, tha e neonach ri aithris gu'n do chleachd lain, diuc ainmeil Earra-ghàidheal, an sloinneadh "Burnus'* ann a bhi sgrìobhadh gu dìomhair, an dèidh Blàr Shlèibh-an-t-siorraim, dh'ionnsaigh a' Phrionnsa bh'air fògradh. Chithear so an Utir a

72 An Ròsarnach

chuireadh le Horace Walpole gu Horace Mann air an 30mh de'n Og-mhìos, 1742.

Ach bidh cuid de'n bharail, ged bu Chaimbeulach am Bàrd, gu'm faodadh na h-uiread de fhuil Anglaich no Theutonaich a bhi ann an lorg eadar-phòsaidhean an Cinn Chàirdinn agus an Gallabhaidh. Is i mo bharail gu'n do thagh na Burnessaich am mnathan à teaghlaichean a bha glan Ceilteach, ach chan eil e cho furasda dearbhaidhean diongmhalta a thoirt seachad thaobh na ceiste so. Gidheadh, leis an fhiosrachadh a th'againn, faodar a' chùis a reusan- achadh am mach air chor is gur glè bheag a dh' fhàgar an teagamh. Anns an t-seachdamh-Hnn- deug agus an ochdamh-hnn-deug, ceart mar anns an fhicheadamh hnn, bha a' mhòr-roinn ris an canta a' Mhaoirne, agus a bha ghabhail staigh Chinn Chairdinn, air a h-àiteachadh ach beag gu buileach le sluagh Ceilteach. Bu duihch teaghlach fhaighinn aig an robh an daimh bu lugha ris a' chinneach Theutonach, agus cha robh gin idir dhiubh anns na cearnachan dùthchail, no an seilbh air tuathanachais. Bha a' Ghàidhhg, gun teagamh, a' teannadh ri ruith am mach, ach bha so air aobharachadh, chan ann le eilthirich dheasach a bhi tighinn a staigh, ach le modhannan agus cainnt nan Sasunnach a bhi a' fàs fasanta an lorg na h-eisimplear a bh'air a cur leis na morairean agus na flaithean. Nithear a' chùis so na's soiUearra ma thèid sinn air ar n-ais beagan eile an eachdraidh na h-Albann.

Fhuair na Sasunnaich, no an Teutonaich, seilbh air an Lodainn sa bhhadhna 547, agus ghleidh iad seilbh oirre cheithir cheud gu leth bhadhna. Anns

Raibeart Burns, Bàrd Ceilteach 73

an ùine sin, shocraich iad iad fèin gu bunailteach, agus bha an dream Ceilteach air am fògradh thar nan crìochan. Eadhoin an dèidh do'n Lodainn a bhi air a cosnadh air a h-ais do riaghladh Albainn le Righ Calum 11. , dh' fhan i Teutonach am pobuli agus an cànain. Ach mar chinneach, cha do sgaoil na Lodainnich riamh air feadh na, cuid eile de Albainn. An àireamh bheag dhiubh a chaidh do chearnachan eile, thuinich iad gu buileach anns na bailtean-puirt agus na bailtean-margaidh, far an robh iad a' cur air an aghaidh gniomhachais agus malairt. Cha do ghabh iad gnothach ri obair tuathanachais, agus, uime sin, sheachainn iad na cearnachan dùthchail. Bha Calum a' Chinn Mhòir 'na rìgh Ceilteach a' riaghladh thairis air rioghachd Cheiltich, ach, o'n latha phòs e Mairiread (piuthar Righ Shasuinn), thòisich cleachdaidhean Teutonach ri tighinn a staigh air a' Ghalldachd. Theann an Eaglais ri deagh-ghean a nochdadh do Bheurla nan Sasunnach ; bha laghannan an fhearainn air an deilbh a rèir rian Shasuinn, agus thòisich Sasunnaich ri marsantachd agus malairt a chumail air an aghaidh ris na h-Albannaich. An ceann a chèile, bha na nithean so 'nam meadhoinean foghainteach chum atharrachaidhean sònruichte thoirt mu'n cuairt an cainnt agus an àbhuistean an t-sluaigh eadar Bagh Fhorchu agus Bagh Mhoraidh. 0 hnn Mairireid lean na rìghrean air a bhi Frangach no Sasunnach 'nan cànain agus 'nan aignidhean ; bha na h-àrd phearsachan-eaglais, mar bu trice, de'n chinneach Normanach no Shasunnach ; chaidh anabarr fearainn a Uubhairt thairis do fhlaithean Normanach ; thàinig

74 An Ròsarnach

marsantan Sasunnach a dh' fhuireach do bhailtean Albannach, agus chaidh riaghailtean nam bailtean sin a thionndadh gu cruth Sasunnach.

Is iad so na h-aobharan air aon atharrachadh a thaobh cainnt no cleachdaidh a thàinig air a' Mhaoirne. Cha d*thainig cinneach coimheach a staigh innte, agus dh'fhan i cho Ceilteach a thaobh gnè agus fala is a bha i ri Hnn Chaluim ChiUe. Bha Mgr. Green fada cèarr an uair a sgrìobh e gu'n robh tuathanaich na Maoirne, aig toiseach Chogaidhean na Saorsa, 'nan *' stout-hearted Northumbrian En- glishmen,'* agus gu'm bu Shasunnaich an dream a bha 'g àiteachadh còrsa na mara eadar Dun-dè agus Abar-eadhainn. Tha an t-eachdraiche snasail cho fad am mearachd sa char so is a tha e am mòran eile de a chuid bheachdan. Tha sgrìobhaichean a bha beo anns na Linntean Meadhonach ag ìnnseadh dhuinn gu soiUear nach robh am mùthadh bu lugha thaobh sìnnsear eadar na cuid sin de Albannaich a bha labhairt Beurla agus a' chuid a bha a' leantainn ris a' GhàidhUg. Anns a' bhUadhna 1618, thàinig lain Mac-an-TàiUear, am Bàrd Uisge, air chuairt do Albainn, agus chuir e oidhche seachad an Eigeal, anns a' Mhaoirn, far '' nach b'urrainn an sluagh a bheag sam bith de Bheurla a labhairt.'* O chionn còrr is leth-cheud bUadhna sgrìobh ministear sgìreachd Dhunait, an siorramachd Abar-eadhainn, mar a leanas :

The Gordons were not of Celtic origin, though they had many Highland possessions, yet such was their influence with their Gaelic-speaking tenants that, in the whole district on the right of the Dee, from Balmoral to Glenmuick, the old language

Raiheart Burns, Bàrd Ceilteach 75

had disappeared long before the beginning of the nineteenth century ; while, on the opposite bank of the river, where the proprietors were either Celtic or non-resident, the Gaelic con- tinued to be the household language of almost every family down to 1830 at least.

Cha bhiodh e duilich fichead dearbhadh de'n t-seorsa so a thoirt seachad chum a leigeadh ris gu'n do mhair sluagh na Maoirne buileach Ceilteach ged a leig iad seachad cainnt an athraichean. Air an aobhar sin, faodaidh sinn a chreidsinn gur ann ri teaghlaichean a bha cheart cho Gàidhealach riu fèin a rinn na Burnessaich eadar-phòsaidhean. Bha muinntir Ghlinn Bhearbhaidh de'n aon fhuil agus de'n aon chinneach ri muinntir GhUnn Eite no GhUnn Comhann. An uair a dh' fhàg athair a' Bhàird an àird an ear agus a rinn e a dhachaidh dlùth do Inbhir- àir, bha e a rithisd am measg muinntir a bha buileach Ceilteach, agus a bha a' labhairt Gàidhlig gu toiseach an t-seachdamh-Hnn-deug. B'iad ainmean a bhuineadh do'n t-seann chànain a bh'air an giulan leis gach àite mu'n cuairt da leis gach loch is abhuinn, gleann is coire, cnoc is doire, raon is monadh, beinn is bealach. Aig a' bhoireannach a phòs e, Agaidh Nic-GiUe- dhuinn, cha robh an daimh bu lugha ris a' chinneach Shasunnach no Theutonach. Bha i cho Ceilteach is ged a bhiodh i air a breth agus air a h-àrach an teis-meadhoin Earra-ghàidheal. Mar so chì sinn gu'm b' fhìor Ghàidheal Raibeart Burns a thaobh gintinn agus nàisein.

Le a ghiulan agus a chaitheamh-beatha, le a rùintean agus aignidhean, nochd am Bàrd gu riochd- ail gu'm buineadh e do'n chinneach Cheilteach.

76 An Ròsarnach

Bha na Gàidheil riamh comharraichte air son an dìlseachd do'n càirdean, agus an deisealachd gu dol an lethsgeul càch a chèile. Bha iad fialuidh, toirteil ris an dream bu toigh leo, ach gamhlasach, droch- mheinneach ris a' mhuinntir bu bheag orra. Bha iad àrdanach, mòr-chùiseach, agus ealamh gu oil- bheum agus sròineas a ghabhail. Bha iad eudmhor, dealasach a thaobh cheistean foUaiseach anns an cuireadh iad seadh agus ùigh, agus chathaicheadh iad gu sùrdail, spioradail as leth fìrinnean-suidhichte san robh iad a' creidsinn. Bha iad dèidheil air eachd- raidh agus cleachdaidhean an sìnnsre, agus bha iad dìon, ainteasach, ar-aon 'nam mulad agus 'nan aighear. Bha iad, gu nàdurra, uasal, suairce, modhail, cùirteil, agus bu dual dhaibh othaiU is ùdag a dhean- amh mu choigrich. Bha gach buaidh dhiubh so, math is dona, ri am faicinn cho foUaiseach an giulan a' Bhàird is nach eil stàth dhomh feitheamh ri an comharrachadh am mach. Bu Ghàidheal e gun cheist a thaobh àbhuistean agus bheusan.

Bha Raibeart Burns a' toirt mòran smaoin agus aire do cheistean foUaiseach a latha, agus agus bha e daonnan a' ga^bhail beachdan nan tuathach air gach gluasad agus togradh a bha'm measg a'phobuiU. Bha buaidh làidir aig a chuid bharailean air sluagh na h-Albann, agus cha d'fhalbh a bhuaidh so fhathasd. A thaobh nan cùisean so bha eadar-dhealachadh iongantach eadar esan agus bàird ainmeil Shasuinn. Bha a bheachdan fèin aig Milton air nithean a bha a' tachairt ri a Unn, ach chan eil iad ach gann idir air am foiUseachadh 'na obair Utreachais. An uair a tha iad ri'm faicinn, b'fheàrr às no ann iad. Bha

Raiheart Burns, Bàrd CeiUeach

11

tuillidh cumhachd aig barailean Wordsworth thairis air a chuid fiUdheachd, ach cha robh iad air an cur an cèill ro sgoinneil, agus cha robh iad furasd a thuigsinn. An leughadh obair Thennyson, co nach eil coma gu'n do lean e Mgr. Gladstone gu àm BiU an Fhèin Riaghlaidh, agus an sin gu'n d'thug e cùlaibh ris ? Cha dean e am mùthadh is lugha leinn na beachdan e bh'aig Tennyson a thaobh cheistean shluagh-iuileach.

Tha chùis air atharrachadh a thaobh Raibeirt Bhurns. Bha, agus tha, esan air amharc air mar neach a tha, an tomhas àraidh, a' riochdachadh a chomh-luchd-dùthcha mar neach a tha labhairt as leth a chinnich d'am buin e, gu sònruichte as leth na muinntir a tha san aon inbhe san robh e fèin. Tha e labhairt as leth spiorad beoth- achaidh agus saorsa, agus shèid e trompaid àrd-fhuaimneach an aghaidh luchd-sàruchaidh an t-sluaigh ainnsich. Anns gach cùis dhiubh so, leig ris a nàdur Ceilteach mar a bha an nàdur sin air a chur am fiachaibh am measg muinntir na Gàidheal- tachd agus na Frainge. Bha taobh blàth aige ris na rìghrean Stiubhartach, agus sin a thaobh nàisein agus dùthchais. Air a ghluasad le a ghràdh do na Seumais agus a ghràin air na Seorais, chuir e ri chèile iomadh luinneag shnas-chainnteach a th'air am meas mar àrd bhàrdachd, agus a bhios air an seinn is air an aithris le mòr spèis agus chaithream gus an crìon agus an teirig an cinneach Ceilteach. Bheir iad gu grad 'nar cuimhne obair Mhic Mhaighstir Alasdair agus iomadh bàrd Gàidhealach eile. Tha'n spioraddealaidh, eudmhor, bras a th'air fhoiUseachadh

78 An Ròsarnach

an òrain Bhurns agus Alasdair DhòmhnuUaich air a nochdadh, mar an ceudna, an sgrìobhaidhean Mhgr. Rudyard KipUng, aig an robh màthair a bha làn Ghàidhealach ban DòmhnuUach mheasail. Coltach ris gach fìor Ghàidheal, bha fuath agus diomb aig Burns do'n Rian Fhiudalach, agus do gach ciorram agus olc a bha leantainn 'na lorg. Chaidh an t-iarunn glè òg a staigh 'na anam, am feadh a bha 'athair 'na thuathanach beag air fearann Mhic-Fhearghais, Dhùin-tom. bhadhna no dhà shoirbhich gnothaichean gu math le UiUeam Burness, agus cha robh cùram no iomaguin air a thaobh a theachd-an-tìr. Ach, thàinig cùisean 'na aghaidh, agus chaidh e fèin agus 'na bhuineadh dha a thoirt gu ainnis agus uireasbhuidh. Moch agus anamoch, shaothraich an t-athair, a* mhàthair agus an mhac (Raibeart agus Gilbeart). Bha an obair goirt, agus, a thaobh bìdh agus ghoireasan eile, bha iad air dhroch àirde. Cho fad is bu bheo Mac- Fhearghais, cha rachadh mòran iorghaill a dheanamh ged a bhiodh am màl seachdainean air dheireadh, ach, an uair a shiubhail esan, thàinig atharrachadh air cùisean. " To clench our misfortunes,*' tha am Bàrd ag ìnnseadh dhuinn, *' we fell into the hands of a factor who sat for the picture I have drawn of one in my tale of The Twa Dogs. There was a freedom from his lease in two years, and we retrenched our expenses and lived very poorly. A novel writer might view the scenes with satisfaction, but so did not I. My indignation yet boils at the recollection of the scoundrel factor's insolent letters, which used to set us all in tears." Nach Gàidhealach na

Raibeart Burns, Bàrd Ceilteach

79

h-aignidhean a th'againn an so air an cur an cainnt ! B'e Burns aon de'n cheud fheadhainn a thòisich air tagradh a dheanamh as leth ath-leasachaidh an laghannan an fhearainn, agus, eadhoin gus an latha diugh, tha a bheachdan air am meas adhartach leis na h-uile agus cunnartach le mòran. Gheibhear iad air an cur sìos gu h-aithghearr anns an dàn sgaiteach ud, The Twa Dogs, agus anns an h-uiread eile de a chuid bàrdachd. Bha bàigh agus co- fhaireachdainn aige ri a dhaimhich anns a' Ghàidh- ealtachd, a bh'air am fògradh, aig an àm ud, am mach as am fearainn agus as am fàrdaichean. Bha e a' faighinn iomraidh mionaideach air an ainneirt eagal- aich a bha na h-uachdarain a' deanamh air na tuathanaich bheaga, agus bha a chridhe air a lìonadh le bruaidlein agus corruich. Tha e a' toirt air *' Luath " labhairt mar so :

There's mony a creditable stock

0* decent, honest, fawsont folk,

Are riven oot, baith root and branch,

Some rascal's pridefu' greed to quench.

B'e fuadach nan Gàidheal a cho-èignich e gus am " Fios gu Beelsebub " a chur ri chèile. Rinn e so an 1786 a' bhliadhna san do chuir Tighearna Ghlinn Garaidh ceithir cheud de a luchd-cinnidh air an uideal. Air an tilgeadh air faontraigh, bu mhiann leis na daoine truagha dol thar a chuain do Chanada, ach, eadhoin an uiread so de chothrom, cha chead- aicheadh na h-uachdarain dhaibh fhaighinn. Chuir iad asluchadh làidir gu Ministearan a' Chrùin a chum is gu'n rachadh a' mhuinntir ud a bhacadh o dhol

80 An Ròsarnach

am mach à Albainn. B'e so an sgeula mì-chneasda a ràinig Burns, agus e an gobhal a' chroinn air dailthean Mhoisgil. Tha e air aithris gu'n do chuir am *' Fios gu Beelsebub " agus an Htir gu larla Bhraid-Albann mòr dhoran air cinn-chinnidh agus tighearnan fearainn na Gàidhealtachd. Ach is ann am Brigs of Ayr a gheibh sinn na beachdan cùramach, abuich aig Burns mu'n fhearann air an cur gu h-athaiseach fa'r comhair. Coltach ri " Luath/' chan eil an t-Seann Drochaid a' toirt mòran de mheas no de mhodh do uachdarain na h-Albann. Is e an cUu a tha i a' toirt orra

Staumrel, corky-headed, graceless gentry, The herryment and ruin o' the country.

B'anns an spiorad cheudna a sgrìobh Bàrd Thighearna Chola agus mòran de bhàird eile mu'n gartlann amaideach agus neo-thairisneach a rinn- eadh air a' Ghàidhealtachd. Mur biodh càil agus gnè a* Cheiltich am Burns cha chuireadh dìol na muinntir ud uiread de mhìothlachd agus de oiUt air.

Rathad eile san robh beachdan Bhurns co- shìnte ri beachdan nan Gàidheal bu tuigsiche agus a b' fhiosraiche, b'e sin gu'n robh e am mach sam muigh an aghaidh an Aonaidh a rinneadh eadar Albainn agus Sasunn. Cha b'urrainn dha sgèimh no grinneas, tùr no toinisg, math no rath, fhaicinn anns a' cheum mhì-shona sin, agus cha do leig e riamh cothrom freagarrach seachad chum a chàin- eadh agus a dhìteadh. Cha robh mòran meas aige air na cladhairean leibideach a reic an dùthaich d'am

Raiheart Burns, Bàrd Ceilteach 81

buineadh iad air baslach de òr. Bha e gu tric ag ìnnseadh, ma bha Albainn a' dìreadh an sonas agus an soirbheachadh, nach b'ann an lorg an Aonaidh. An sgrìobhadh gu banacharaid ionmhuinn thuirt e gu'n robh cuid a' deanamh uaill agus moit às an adhart a bha'n dùthaich a' deanamh o'n chaidh i fo sgiath nan Sasunnach. *' Ach, an t-adhart so," deir esan, " an uair a bheir sinn fa near gu'n do chaiU Albainn a h-inbhe, a neo-eisimeileachd, agus, eadhoin, a h-ainm.'' Bha gach agus neach a b' fhiach air an ainmeachadh air Sasunn, agus cha robh sin a' còrdadh ris ach dona. Bha cràdh agus tàmailt air an diulnach eireachdail gu'n deachdaidh a dhùth- aich a chur fo stiuradh nan coimheach, agus sin air tàiUeamh meatachd agus aingealtais a cuid mhaithean fèin. Arsa esan

Oh ! would, ere I had seen the day

That treason could thus fail us, My auld grey heid had lain in clay

Wi' Bruce and loyal Wallace.

But pith and power, till my last hour,

ril make this declaration ; We're bought and sold for EngHsh gold,

Such a parcel of rogues in a nation.

Cha bu bheachdan so a bhiodh air an altrum no air an cur an cèiU le neach aig na robh daimh no ceangal ris s! chinneach Shasunnach. Bha iad gu lèir Gàidhealach a thaobh gnè agus cruth. Tha sinn gu minic a' tachairt ri an leithidean eile am bàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair agus Dhonnachaidh Bhàin, a bha, le chèile, 'nan seann daoine am feadh is a bha esan fathasd 'na dhuine òg.

9

82 An Ròsarnach

Bha na Gàidheil gu nàdurra ciuin, foistinneach, soirbh, soitheamh, agus bu ghràineach leo cleasachd 'nan arm. Bha an tlachd an càirdeas agus an suaimh- neas, agus cha b'ann an cònnsachadh agus am buair- eas. Gidheadh, an uair a chuirte mar fhiachaibh orra an claidheamh a tharruing, cha bhiodh iad tais no ceacharra. Bha gach dhiubh so fior, mar an ceudna, a thaobh Raibeirt Bhurns. Chan fhaodar, le fìrinn, a ràdh gu'm bu bhàrd cogaidh e. Ma thug e gnùis do chath aig àm sam bith, cha b'ann a chionn gu'n robh tlachd aige do'n ghreadhnachas agus do'n lainnir a bha 'ga chuartachadh, ach a chionn gu'm faodadh e a bhi 'na mheadhoin air saorsa agus neo- eisimealachd a chosnadh do'n chinneach a bha fulang fòirneart. Air an aobhar sin, bu chaomh leis a bhi beachdachadh air gaisge agus treubhantais Uallais, Bhruis, agus gach cuiridh ainmeil eile a chathaich cha geur-chuiseach, fiughantach as leth na h-Albann. Tha mòran dhaoine de'n bharail gur òran cogaidh agus claidheamh a th'ann an '* Scots Wha Hae." Tha'm pailteas dearbhaidh againn nach eil an so ach mearachd. Chuir e ri chèile na rannan eireachdail air dha a chluinntinn mar a dh'èirich do Thomas Muir an Ard Chùirt Dhuin-èideann. Chaidh an duine so a chur air a dheuchainn a chionn gu'n robh e a' tagradh gu'm bu chòir guth-taghaidh Pàrlamaid a bhi air a thoirt do'n t-sluagh chumanta. Bha an tagradh so air a mheas le luchd-ùghdarrais Shasuinn ar-aon docharach agus cunnartach, agus chaidh Muir a ghlacadh agus a thilgeadh am prìosan. An àm iomchuidh, chaidh a thoirt air beulaibh Thighearn Braxfield, fhaighinn ciontach, agus a

Raibeart Burns, Bàrd CeiUeach 83

dhìteadh gu bhi air fhògradh às na rioghachdan so cheithir-bUadhna-deug. Nan tiUeadh e roimh chrìch na h-ùine sin, bha e ri bhi air a chur gu bàs. Shuidh a' Chùirt agus thug i am mach a binn air an 30mh de'n Lunasdal, 1793, agus ràinig an naigheachd Burns, a rèir coltais, air a' cheud latha de'n t-Sultuine. Trì laithean 'na dhèidh sin chuir e '' Scots Wha Hae ** gu Mgr. Thomson, maiUe ri Utir anns an d'thuirt e gu'm b'ann an oidhche roimhe sin a rinn e an dàn. Feumar a chreidsinn nach b'e bhi meorachadh mu euchdan nan Unntean cèin a ghluais e, aig an àm ud, gu bàrdachd agus ranntachd. Air an làimh eile^ cha b'e ar-am-mach na Frainge a bh'aige 'na aire, mar a tha'n t-Oid-oilein Sharp a* saoilsinn. B' iad naimhdean a thaighe Albannach fèin a bha Burns an geaU air a a chronachadh agus a lannadh às. Bha e air a dhùsgadh gu diomb agus corruich leis mar a thachair do Mhuir an ceud fhear a dh'fhuiUng air an taobh so de'n chrìch Shasunnaich an lorg a bheachdan sluagh-iuileach. Mar is dlùithe a sheaUas sinn a staigh do obair Bhurns is ann is soiUearra chì sinn nach robh e na bu dèidheala air a bhi a' seinn mu euchdan cogaidh na bha Bàrd Aird-nam-murchann no Bàrd Lathurna. Bha'n triuir aca buileach Ceilt- each 'nam beachdan mu'n chuis so. A thaobh cruth-smaointean, bha iad tur eadar-dhealaichte o Bhaltar Scott, a bha gu nàdurra Teutonach' na chàil agus 'na rùintean.

Bu tlachdmhor daonnan le Bums a bhi beachd- achadh air maise nàduir. Tha so, mar an ceudna, leigeadh ris gur e bh'ann Gàidheal dUgheach. Chan eil sùil an Teutonaich a leth cho mòr air a riarachadh

84 An Ròsarnach

le seallaidhean breagha agus eireachdail is a tha sùil a' Cheiltich. Is cuimhne leam a thuirteadh rium le Miss Goodrich Freer, a sgrìobh an leabhar snasail sin The Outer Isles. Aig aon àm chaith i mòran d' a h-ùine an Uibhist, agus bha i mion eolach air dòighean is modhannan an t-sluaigh chumanta anns na h-Eileanan. " Tha'n croitear is ìsle an inbhe agus an eolas/' thuirt ise, " comasach air gàirdeachas agus sòlas a dheanamh ri sealladh àluinn. An uair a tha ghrian a' dol fodha an glòir an t-samhraidh, le speur agus muir ceutach, sgiamhach le fichead dath, tionndaidh e ris an àird an iar le ioghnadh agus aiteas, agus thig fiamh naomh air a anam. Air an oibriche Shasunnach chan eil a* bhuaidh is lugha aig taisbeanan òidhearc de'n t-seorsa so chan dean iad drùghadh sam bith air a chridhe no air inntinn." Bha làn fhios aig Miss Goodrich Freer- air an mu'n robh i a' labhairt, oir bha deagh aithne aice air an mhuinntir. Is ann às an tobar Ghàidhealach so a tharruing lain Ruskin a ghràdh do ealaidhean agus nithean mais- each, agus a theomachd gu sgrìobhadh agus labhairt mu'n dèidhinn. Bha a shìnnsre nan rùsgadairean daraich an coiUtean Mhuc-càm agus Aird-chatain, agus is ann o'n ceird a ghabh iad an sloinneadh an uair a dh' fhàg iad Earra-ghàidheal, agus a thuinich iad an siorramachd Pheirt.

Tha bàrdachd nan Gàidheal, o obair Oisein gu obair NèiU Mhic Leoid, dearr làn de mholadh air sgèimh agus àiUidheachd nan cuspairean nàdurra air an robh iad eolach. Ann a bhi 'g ìnnseadh dhuinn mu cheutachd AUt an t-Siucair, tha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair ag ràdh

Raiheart Burns, Bàrd Ceilteach 85

Is grinn an obair ghràbhail 'Rinn Nàdur air do bhruaich ;

agus, an cur an cèill feartan agus gasdachd Choire Cheathaich, tha Donnachadh Bàn a' cur a sìos mar so :

Gu molach, dù-ghorm, torrach, lùisreagach, Corrach, plùranach, dlùth-ghlan, grinn ; Caoin, ballach, dìtheanach, canach, mìsleanach, Gleann a' mhìlltich, 'san lìonmhor mang.

Bha a' cheart smaoin fa chomhair na h-inntinn aig a' bhàrd shnasail ud eile na uair a thuirt e

Bidh gach doire dlùth, uaigneach 'S trusgan uain' uimpe fàs.

Nach anabarrach coltach na h-aignidhean air am bheil na bàird so a' cur cainnt ri cuid Raibeirt Bhurns. Deir esan

Now in her green mantle blythe nature arrays, And listens the lambkins that bleat o'er the braes ; The snawdrop and primrose our woodlands adorn, And violets bathe in the weet o' the morn.

Aig àm eile thuirt e

Now rosy May comes in wi' flowers, To deck her gay, green-spreading bowers, The crystal waters round us fa', The merry birds are lovers a'.

Agus a rithisd

Now spring has clad the grove in green, And strewed the lea wi' flowers.

86 An Ròsamach

Mu dhèighinn nam breac agus nam bradan thuirt Mac Mhaighstir Alasdair

Na bric a' gearradh shùrdag,

Ri plubraich dhlùth le chèil*, Taobh-leumnaich mear le lùth-chleas,

A bùrn le mùim ri grèin ;

agus sheinn Donnachadh Bàn mar so :

Tha bradan tarra-gheal sa choire gharbhlaich,

Tha tigh'nn o'n fhairge bu ghailbheach tonn,

Le luinneis mheamnach a' ceapadh mheanbh-chuileag,

Gu neo-chearbach le cham-ghob crom.

Is beag an t-eadar-dhealachadh a th'eadar na rannan so agus na sreathan lurach so an obair Bhurns

The trout within yon wimpUng burn

GUdes swift a silver dart ; And safe beneath the shady thorn

Defies the angler's art.

Cha bhiodh e duiUch coimeasan de*n t-seorsa cheudna a tharruing a thaobh srannraich na seiU- eanan, ceilearadh nan eun, fàileadh cùbhraidh na coiUe, agus iomadh subhailc eile mu'm bheil sinn fo chomaine do Nàdur.

Na togadh neach sam bith mi cearr. Chan eil mi idir a' ciallachadh gu'm b'iad na Ceiltich a mhàin a bha gràdhach, deothasach mu ghreadhnachas nàduir. Tha e furasda gu leoir rannan a thaghadh à obair Bhurns mu dhèidhinn a leithidean so de chuspairean agus an leth-bhreacan eile fhaighinn am bàrdachd na Gàidhealtachd. B'fhurasda, mar an ceudna, an samhuil a chomharrachadh am mach

Raibeart Burns, Bàrd Ceilteach 87

gu lìonmhor, pailt am bàrdachd Shasuinn. Chan eil spèis do obair a' chruthachaidh air a chumhan- nachadh ri dream no dùthaich sam bith. Is ain- neamh bàrd, Ceilteach no Teutonach, air nach tig aiteas agus tiomadh ri bhi beachdachadh air glòir nan speur agus bòidhchead nan slèibhtean agus nan sraithean, no ri bhi 'g èisdeachd ri ceilearadh fonnmhor nan eun, crònan foirmeil nan sruthan, no bualadh nan stuadh dhòmhail, chrom-bhileach air a' chladach ailbhinn. Is dual do inntinnean mòra, feartail, de air bith sluagh no teanga d'am buin iad, a bhi tighinn thairis air na ceart smaointean. Anns an rathad so, is beag adhairt a th'aig aon phobuU air pobull eile, cho fad is tha a* mhuinntir gheur- chuiseach, àrd-bheachdail air an gabhail a staigh.

Is e a tha fodham a ràdh mu bhàrdach Bhurns gu'm bheil i buileach Ceilteach 'na spiorad agus 'na cruth. Ma bha i air a cur ri chèile am Beurla nan Gall, b'ann a chionn gu*n d* fhuair am bàrd a bhreth agus àrach an taobh am mach de'n Ghàidh- ealtachd, agus nach robh aige eolas no aithne air seann chànain a chinnich. Nan robh còir air a cumail bhiodh a chuid smaointean eireachdail air an sgeadachadh ann an trusgan GàidhHg an trusgan a bha da-rìreadh freagarrach agus nàdurra dhaibh. O a toiseach gu a deireadh, tha anam a chuid oibre buileach Ceilteach. Tha i a' giulan gach comharradh a bhuineas do bhàrdachd nan Gàidheal spèis do dhaithean àiUidh agus do obair nàduir, agus comasan comharraichte gu dealbhan soiUear, fìrinneach, mion- aideach a thoirt seachad am beagan fhacal de sheaU- aidhean a chunnaic e no nithean a thachair dha

88 An Ròsarnach

fèin no do mhuinntir eile. Is ceutach, ro mhath a chuid bàrdachd am Beurla nan Gall, ach f hreagarradh i mòran na b' fhearr an Gàidhhg ceart mar a fhreagarras e do'n daoimean a bhi air a chàramh an òr no do'n ròs a bhi a bhi air a shuidheachadh an soireachan bòidheach airgid.

Thèid mi air m'aghaidh aig an àm gu bhi a* tarruing aire dh' ionnsaigh na spèis agus an dèidh a bh'aig Burns do fhuinn agus do shèisdean Gàidhhg. Feumar aideach gu'n robh na bàird Ghallda uile a* cur àrd mheas air na fuinn so, agus chaidh iasad dhiubh a ghabhail gu minic le Ramsay, MacFhear- ghais, agus mòran eile. Ach b'e Burns bu mhò a rinn de othaiU riu, agus bu trice chuir iad gu feum. Bha e 'gan gleidheadh an àrd mheas, agus cha d'fhàs e riamh sgìth dhiubh. O laithean òige bha e eolach air 'na h-uiread dhiubh, agus, nan cuairtean a ghabh e a rithisd air feadh na Gàidhealtachd, fhuair e greim air mòran eile. Is gann gu'n d'rinn e òran riamh ach air fonn Gàidhhg. Bha tàladh iongantach aca air, agus cha robh gin eile a ruigeadh a chridhe mar a dheanadh iadsan. Bha teud dìomhair 'na anam a cho-fhreagair gu h-ealamh do na sèisdean binn, mihs ud a bha prìseil le 'athraichean. Dearbh- adh eile tha againn an so gu'n tèid dùthchas an aghaidh nan creagan ! Mur bu Ghàidheal e cha b' urrainn dha a bhi cho toigheach, mùirneach sa bha e air ceol agus fuinn nan Ceilteach. Cha ghluaiseadh iad a nàdur agus cha dhùisgeadh iad a mhac-meanmna gu bhi di' gleusadh a chruit-chiuil agus a' cur ri chèile na bàrdachd eugsamhuil sin a tha agus a bhitheas gu bràth luachmhor le Albannaich. Mu aon fhonn

Raibeart Burns, Bàrd CeiUeach 89

sònruichte thuirt e fèin " This is one of the fine GaeUc tunes preserved from time immemorial in the Hebrides ; they seem to be the ground-work of many of our finest pastoral tunes/' Mu fhear eile (Dumbarton Drums) sgrìobh e " This is the last of the West Highland airs, and from it, over the whole tract of country to the Tweedside, there is hardly any tune or song that one can say has taken its origin from any place or transaction in that part of Scotland/' A rithisd '' It is somewhat singular that in Lanark, Renfrew, Ayr, Wigtown, Kirkcud- bright, and Dumfries-shires, there is scarcely an old song or tune which, from the title and so on, can be guessed to belong to, or be the production of these counties/' Ann an roimh-ràdh a sgrìobh e do obair àraidh, tha sinn a' leughadh " Ignorance and pre- judice may, perhaps, affect to sneer at the simplicity of the poetry or music of some of these poems, but their having been for ages the favourites of nature's judges the common people was to the editor a sufficient test of their merit/'

A rithisd deiream gur gann a rinn Burns òran riamh ach air fonn GàidhHg. Faodar àireamh bheag de na fuinn so ainmeachadh. Gabhamaid, an toiseach, òrain a tha a rèir coltais air sèisdean GàidhUg, ged nach deachaidh againn fathasd air na sèisdean so 'aithneachadh. Ni mi luaidh air naoi dhiubh, is e sin r'a ràdh, " The Highland Lassie, O ; " " The Highland Laddie ; '' ''A Highland lad my Love was born ; " " Scots Wha Hae ; " " Thou hast left me ever, Jamie ; '' *' As I cam' o'er the cairney mount ; " " The Highland Widow^s Lament ; " '' Bonnie

90 An Rdsarnach

Lassie, wiU ye go ? '' agus '' An' thou wert mine ain thing/' Tha'n t-aon ma dheireadh air sèisd a gheibhear an leabhar-ciuil a chaidh ullachadh sa bhhadhna 1627 le Gordonach Shrath-loch. Anns an dara grunnan, bheir mi seachad òrain a tha air fuinn Ghàidhlig a rèir cunntais a th'againn o'n Bhàrd fèin no o neach èiginn aig an robh ùghdarras gu labhairt mu*n chùis. Is iad ' ' CharUe is my darUng ; * * " Come ye o'er to CharHe ; '* *' How long and dreary is the nicht ; '' '' Fm ower young to marry yet ; *' " The tither morn ; " " Fair Eliza ; " " My Nannie, O ; " '' Lord Ronald ; " " O, open the door to me, O;" ''Flow gently, sweet Af ton ; " agus '* My Nannie's awa'."

Ann am mòran de òrain Ghallda gheibh sinn an lide " O " aig deireadh cuid de na sreathan. Mar is trice, tha an Ude sin 'na chomharradh cinnteach gur ann Gàidhealach a tha'n t-sèisd. A thaobh cainnt ranntachd, tha GhaidhUg mòran na*s saibhire agus na's so-lùbaiche na Bheurla, eadhoin Beurla na GaUdachd. Le fuinn Cheilteach, bha na bàird GhaUda, gu minic, a' faotainn am mach gu'n robh iad Ude goirid aig deireadh gach dara sreath. A chum am bealach a Uonadh, bha iad a' cur a staigh " O '' air neo '' man.'* Mar so, gheibh sinn aig Burns

There's nought but care on every han*,

In every hour that passes, O ;

agus.

Oh, cam* ye here the fight to shun, Or herd the sheep wi* me, man ? Or were ye at the Sherra-muir An* did the battle see, man ?

Raibeart Burns, Bàrd Ceilteach 91

Tha eisimpleir cheutach eile againn air an fheum a th'air a dheanamh de'n lide chorra anns an òran lurach ud, " O, open the door to me, O/' Tha'n t-sèisd sònruichte a thaobh bòidhchead agus binneis. Thàinig i thugainn an toiseach à Eirinn ; agus tha na briathran a cheangail Burns rithe a cheart cho snasail, miHs rithe fèin.

Cha deachaidh òran gaoil riamh a chur ri cheile a bheireadh barr an grinneas agus an co-mhothachadh air an fhear ud '' Flow gently, sweet Afton.*' Tha e air an fhonn Stiubhartach, " The Yellow-haired Laddie,'* agus b'ann do Mhàiri Earra-ghàidheal a chaidh a dheanamh. Tha an t-òran ud eile, *' My Nannie's awa','' air an fhonn Stiubhartach, '* Therell never be peace till Jamie comes hame,*' a bha coitcheann o shean am measg Ghàidheal na h-Albann agus na h-Eireann. Tha eachdraidh na sèisd so a' dol air a h-ais chum nan làithean sona ud sam bu chleachdadh le bàird agus clàrsairean a bhi siubhal an null agus an nall eadar an dhùthaich. An aghaidh toil Bhurns, chuir Thomson an t-òran so ris an fhonn Eireannach, " CoUum " fonn a tha tiamhaidh agus tairis, ach buileach mì-fhreagarrach. Is e a thachair gu'n deachaidh na rannan fìnealta a chlaoidh agus a bhruthadh fo chudthrom a chiuil.

Tionndaidh sinn a nis ri cuid de òrain Bhurns a th'air an suidheachadh air fuinn Ghàidhealach a tha gu riochdail air an aithneachadh. Tha againn dhiubh so còrr is leth-cheud, ach, aig an àm, chan urrainn mi ach beagan dhiubh 'ainmeachadh. Is iad:

92 An Ròsamach

Wilt thou be my dearie, - Nighean a' Ghreusaich. A man's a man for a' that, - An giUe dubh mo laochan. Tibbie, I hae seen the day, - Inbhir-challadh. My love is like a red, red rose, Port dannsaidh a' Ghreum-

aich. The bonnie lass o' Ballochmyle, Miss Forbes, Farewell.

(Gheibhear am f onn so sa

cho-chruinneachadh a

rinn Gow mu chrìch na

h-ochdamh-linn-deug) .

Of a' the airts the win' can blaw, H-uile taobh a shèideas

gaoth. (Ri àm Bhurns bha e air a chleachadh mar cheol dannsaidh). Farewell, thou fair day, - Oran an aoig. Green grows the rashes, 0, - Baile nan Granndach. Last May a braw wooer, - C'àit an caidil an rìbhinn

an nochd. Ae fond kiss, - - - An Caimbeulach dubh, air

neo Port Ruairidh Dhoill.

Fàgar gach dìleas gu deireadh, agus is ann mar sin a tha mi deanamh air an òran eireachdail sin, " Scots Wha Hae.'' Thuirt mi beagan ma dhèighinn cheana an seadh eachdraidh, ach feumaidh mi buntainn ris a rithisd a thaobh a chiuil. Tha cuid a' cumail am mach gur e fonn a bh'air a chleachd- adh air dùdach no adharc-fhaghaid ris am bheil na rannan foghainteach so fuaighte. Tha aobhar no dhà againn gu bhi smaointeachadh gu'm bheil a' bharail so fada cèarr. Ar leam gu'm bheil dealbh agus cruth na sèisd a' cur an cèiU gu soiUear gu'm bheil i buileach Gàidhealach. Tha e air aithris ma dèidhinn gu'n robh i air a cluich mar cheol mòr aig Blàr AUt-a'-bhàn-chnuic. Nis, cha chualas riamh,

Raiheart Burns, Bàrd CeiUeach 93

am beul-aithris no an eachdraidh chinntich, gu'n robh innealan prais air an cleachdadh sa chath sin. B'ann a mhàin do sheirm innealan Gàidhealach a bha creagan Shruibhle agus Ochaill a' co-fhreagairt. Bha armailt a' Bhrusaich air a deanamh a suas ach beag gu buileach de ghillean tuathach. Bha aon- thar-fhichead de na fineachan air an riochdachadh, is e sin r'a ràdh Stiubhartaich, DòmhnuUaich, Cloinn Mhic Aoidh, Cloinn an Tòisich, Cloinn a' Phearsain, Cloinn na Ceardadh, Camaranaich, Caim- beulaich, Meinnearaich, Cloinn GhiU-eathain, Drum- anaich, Sutharlanaich, Cloinn Donnachaidh, Grannd- aich, Frisealaich, Cloinn Phàrlain, Rosaich, Griog- araich, Cloinn an Rothaich, Cloinn Choinnich agus Cloinn Ghuaire. Faodaidh sinn a bhi cinnteach nach bu cheol Teutonach a bhiodh aig na fearaibh gaisgeil so, ach ceol an cinnich Cheiltich fèin. Chan eil dearbhadh cinnteach sam bith againn gu'n robh a' phìob-mhòr san uair ud fo mheas aig na tuathaich, ach air bith na h-inneil a bha iad a roghnachadh, b'e ceol Gàidhealach a mhàin a bhiodh iad a' cluich.* O na thuirt mi agus na h-uiread eile a dh' fhaotainn a ràdh cha ghabh e àicheadh nach bu Cheilteach Burns. B'ann o a shìnnsre Ghàidhealaich a tharr- uing e an ùr-labhairt agus na h-àrd bhuadhan inntinn air an robh e cho pailt an seilbh. Thuit air-san cleoca na bàrdachd dìleab Oisein a dh' fhàg i o chian a' cheart dìleab a chuithich co math an eachdraidh Lord MacAulay agus iomadh ùghdar

*A thaobh an f hiosrachaidh a thug mi seachad mu fhuinn agus shèisdean, tha mi fo chomaine ach beag gu buileach do Mhgr. A.S. Mac Gille-Bhrìde, Cathcart, ,A.M.E,

94 An Ròsarnach

ainmeil eile a tha na Sasunnaich a' tagradh dhaibh

fèin. Eadhoin 'na fhàiUingean agus 'na mhear-

achdan, bha Burns a nochdadh nàdur agus gnè a'

Ghàidheil. Gu minic, bha e a faighinn lagh 'na

cholainn a bha cogadh an aghaidh lagh a inntinn agus

'ga thoirt fad air sheacharan. An uair a thigeadh

cùisean gu geur 'na aghaidh bha e a' fàs ionann is

coma air a shon fèin, agus air son barail an t-saoghail,

agus bha e a' ruith an dèidh faoineis agus amaideachd.

Gidheadh, troimh gach neul doillear a bha gu tric 'ga

chuartachadh, ghleidh e thàlandan gun mhiUeadh

agus a chridhe mòr, duineil, bàigheil gun fhàs

cruaidh no neo-mhothachail. Cha do sguir e riamh

de bhi toirt spèis agus ùmhlachd a' Ghàidheil do

nithean cràbhach, ged a bha e deanamh dìmeas

agus tàir air aidmheilean agus eaglaisean. Lean

e air a bhi toirt urram do Dhia, agus a bhi cur meas

air Fìrinn agus^Deagh Bheus. Bu chaomh leis an

duine dìreach, onorach, agus bha gràin is fuath aige

de ghniomharan suarach, leibideach. 'Na bhàrdachd,

'na bheachdan, 'na dhòighean, 'na chleachdaidhean,

'na aighnidhean agus 'na chàil tha e a ghnàth a'

toirt 'n ar cuimhne na seann Ghàidheil chòire,

choibhneil, chearta, fhialuidh, fhearail, bhàigheil.

Cho f ad sa bhuaileas tonn air tràigh bidh a bhàrdachd

an àrd mheas le Sìol nan Sonn, agus bidh e fèin air

aideach leo mar abstol gràdhach nan nithean subhailc-

each nan nithean sin a tha àluinn, ceutach, suairce,

cliuiteach, uasal, sàr-mhath.

AONGHAS MaC EaNRUIG.

An Craoibhìn Aobhinn Cecinit.

Bean uasal òg thàinig ar cuairt go tigh an Chraoi- bhin ar feadh lae no dò, agus do chaiU no d' fhàg ri 'na diubh an chuid is d'à bagaiste ; go nhear- naidh an Craoibhin na rainn so di, mar leanas.

An ainnir d'fhàg a sponc 'na diuibh,

An ainnir d'fhàg a bròg, 'Is brois a h-iongan, brois a fiacal,

'S an bosga rinneadh dòibh ;

An ainnir chaiU a màla leathair,

'S a màiUn-làimhe buidhe, Cia an àitìn ait no fànach sin

In a bhfàgfaidh si a cridhe ?

[An bhean-uasal àg ag freagairt, mar *dh* eadh.]

An cheist, a shaoi do chuir tu orm

Freagròchad 1 anois, Do bhain mo mhàilìn le mo làimh

'S mo bhròigin le mo chois ;

Nior chuid diom fèin aon cheann diobh so,

Agus chaill iad araon, Acht ni chaillfidh mo chridhe go deò

No go geaiUfidh fèin.

Litreachas Gall-Gaidhealach.

Yesterday morning, 's a* mhadainn an dè, Before the sun rose, mu'n d' èirich a' ghrèin . . .

Young Munro, Charlie agam, Young Munro, 's tu mo rùn ....

I then took a fear and my mear ran awa* Agus mur b'i Màiri mhòr, mo phiuthar, Cha bheirinn oirre gu là.

s dòcha gu'm bheil na cearban ranndaireachd so Gall-Gàidhealach, ach cha htreacheas iad, agus cha'n ann mar ainm do'n leithid sin a sgrìobhadh an sloinneadh ud shuas. Cha'n 'eil am facal '' Gall-Gàidhealach '' fèin glè aithnichte an diugh, ach gheibhear e ann an eachdraidh ar dùthcha.

Bu bheag toirt a bheireadh na Gall-Gàidheil do Htreachas, nuair a thuinnich iad anns na h-Eileanan roimh so. Ach freagraidh an seann ainm do ùr an oidhirp a tha 'g a dhèanamh air inntinn a' Ghàidh- eil fhoiUseachadh ann an cànain nan Gall.

I.

Cha'n'eil an ionnsuigh so gu tur mi-shoirbheach,. ged nach do ghabh an soirbheas a' cheart cruth ris an robh dùil. Oir mu'm b' urrainn daibh an aigne Ghàidhealach a nochdadh do'n t-saoghal Shasun-

Litreachas Gall-Gaidhealach 97

nach b' fheudar do na h-ùghdairean air tùs bunabh- asan na h-aigne sin a dhèanamh soiUeir dhaibh fèin. A chum na crìche sin, rinn iad dìchioll air an roinn o chèile, agus an eadar-sgaradh gu min. Mar so fhuair iad eòlas orra a bha ro-fheumail daibh fèin agus do chàch. A thuilleadh air so, tha aon ro- ainneamh a' tighinn am follais anns an sgrùdadh so nach 'eil e an comas smuain a' Ghàidheil drùidh- eadh idir air Utreachas nan Gall mur caiU e an toiseadh cuideigin de a bhiuthas fèin.

Nuair a thuiteas solus na h-inntinn Ghàidhealaich air uinneagaibh gloine an Utreachais Shasunnaich tha a ghathan air am briseadh, agus an tionndadh o an gileid fèin gu greadhnachas iomadh dath. Mar is motha a tha a shoiUse air a lùbadh o aghaidhean 'nan sgathan ud is Uonmhoire gu mòr na dathan a dh' fhiachas iad. Air an làimh eile ma chumar gu slàn, glan, gilead an drìlse so, cha bhi buaidh aige air an inntinn Shasunnach. Tha lainnir an t-soluis fhìor-ghlan ud do'n Ghàidheal a mhàin, agus dhàsan aig am bheil tuigse do chànain a' Ghàidheil. Air fad iarmailt Utreachais na cànain sin chithear a mhaise a' sruthadh sìos tre gach àl, maraon ann an seann dàin nan làithean aig Oisean, ann an eachdraidhean chuimir na h-Eirinn, ann an sgeulachdan taitneach nan gleann, ann an àrd- bhàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair, Dhonncha Bhàin agus DhùghaiU Bhochanain, ann an ròsg àluinn Thormaid Mhic Leòid agus ann an sgrìobh- aidhean nuadha ar Unn fèin. Chaidh mòran de'n Utreachas so a tharruing gu dìrich Utreachail gu Beurla nan Sasunnach. Ach, bu bheag a bhuil. Mur

9

98 An Ròsamach

'eil an t-sùil gleusda ris an t-solus cha'n'eil fradharc ann ; ni motha a shoillsicheas an solus fèin leis an neart a bhuineas da, mur bi an t-àileadh mu'n cuairt da glan mar e fèin.

Shaoileadh neach na'm bitheadh smaointean a* Ghàidheil air an nochdadh ceart mar a tha iad, gun chaochla sam bith, gur ann mar sin bu mhotha am buaidh. Ach cha'n ann mar sin a tha e idir. Fhad's a tha an smuain Ghàidhealach cruinn, iomlan, gun atharrachadh, cha'n fhairich Htreachas eile a chumhachd. Ach nuair a thig briseadh no claonadh air an smuain faodaidh an Utreachas sin greim a dhèanamh air, g' a lùbadh gu a rùn fèin, a' gabhail seilbh air, agus a' faotainn buannachd uaithe.

II.

Ann an Ddin Oisein a sgrìobhadh sìos le Seumas Mac-a-Phearsain chithear boiUsgeadh na h-inntinn Ghàidhealaich, ach gu mòr air a tionndaidh o a gileid fo dhreach na cànain agus nan dùl Shasun- naich, a dearrsadh air fhìaradh agus beagan air a sgàileadh. Ach is iad na ceart caochlaidhean sin a rinn e comasach do na dàin a bhi air an gabhail a steach gu htreachas nan Gall. Is e an ciorram 'nan cruth a thug saorsa do'n cumhachd, a chum agus gu'n do dhearg iad air daoine cho eadar- dhealaichte ri Bums agus Byron, Goethe agus Bonaparte. Oir cha b'e eadar-theangair a bh'ann Mac-a-Phearsain ; is e bh'ann ùghdair comasach, cruthadair, agus ceannard fiosrach air deagh dhòigh- sgrìobhaidh. Bha aige seòltachd gu smuain a'

Litreachas Gall- Gaidhealach 99

Ghàidheil a chur an cèill ann an cumadh dreachmhoir a bha ro-thaitneach do luchd-leughaidh Sasunnach. Cha b'e a ghnothuch a mhàin na smuaintean aodach- adh ann am briathra lom, ach an sgeadachadh ann an uidheam thrusail no sgìamhach, a rèir am feum agus an inbhe. B'e obair-sa Utreachas ùr a chruth- achadh, nach b'fhìor Bheurla, mar a sgrìobhadh i roimh a làtha-san, agus gu dearbh cha b' fhìor Utreachas GhàidhUg e, ach mar gu'm b'ann, tertium quid, dealaichte uatha le chèile. Is ann dìreach an so a gheibhear feum na h-oibre sin, agus a h-àrd- luach do'n t-saoghal.

Ann an leabhair Mhic-a-Phearsain, mata, gheibh- ear ceud thòiseachadh an Utreachais GhaU-Ghàidh- ealaich. Bu mhaith a b'aithne dhàsan a' GhàidhUg agus na smuaintean domhan, farsuing a tha air an tasgadh innte, ach cha b'e a nòs facail as a' chànain sin a chur sios 'n a sgrìobhaidhean. Gidheadh anns an tionndaidh a thug e do'n t-saoghal de na dàna aosda gheibhear smuaintean agus faireachadh a' Ghàidheil 'nan uile iomadaidh agus 'nan lànachd. Fo chumhachd an t-soluis ud chì sinn a rithis mar fo neul na làithean a thriaU ; cuantan luasganach agus beannta ceòthach Albainn o shean ; Fionn agus gaisgich na Fèinne a' gluasad gu seilg no gu comhrag, eilthirich Lochluinn a' fàgail an loingeas agus a dìreadh an leirg, seachad air clachan gun chuimhne agus cluarana air chrith f o osag an fheasgair ; agus breithnichear mu'n cuairt air gach làthaireachd smuaintean shiùbhlaich nan Gàidheal. Breithnichear gach freagair a tha anns na smuaintean so do dhu- bhar nam beannta, do chaoidh nan gaoithean, do

100 An Rdsarnach

osnaich na mara agus do dhubh-bhròn an t-sruthain dìomhair aig iarraidh fo iochdair na bruaich. Ceart mar ann an inntinn a' Ghàidheil, tha na dàin a' giùlan an uile chìanalas so thairis gu manadh chruaidh chlann-daoine, a bhinn nach fheudar a sheachnadh, tròm uallach ar sUochd. Mar so gheibhear anns na dàin dubhachas an t-saoghail a' togail fianuis an aghaidh gach droch thuiteamais a tha ann ar crann- chur giorraid na beatha, neo-mhaireannachd cUù agus faoineachd àrd-mhiann nan laoch. Oir is e a tha aig cridhe an t-suidheachadh-inntinn so àr-a-mach an aghaidh laghan a' chruinne-chè seann ceann- airceas dhualach gineil nan Gàidheal.

Ach is ann anns an ais-bhualadh so an aghaidh beartan cruaidh an t-saoghail a fhuair inntinn nan Gàidheal, rnar a nochdar i, tùs a h-èirigh an aghaidh gach ain-tighearnais eile, comh-thathadh àrd ghaisge agus chabmhalachd, comh-fhaireachadh agus còmhnadh do laigse ann an teanndachd.

Anns an rèite soluis so b'e an gath a b'fhaic- sinnich mothachadh, no (an abair sinn ?) mothach- aileachd, is e sin caomh-fhaireachadh airson gach gluasad cridhe a tha ionmholta agus uasal. B'e so gu h-àraidh a chur na dàin an toiseach an comh- rùin ri inntinn Shasuinn aig an àm 's an cualas iad 's an tìr sin, agus a thug do'n obair ud a grad- bhuaidh.

Tha e fìor gu'm faighear iomadh dath agus tuar eile de inntinn a' Ghàidheil a' soiUseachadh nan dàin. Gheibhear annta an luach a bhuineas do dhàimhealachd am bun aosda sin o'n d' fhàs gach gnè de ghràdh a tha anns an t-saoghail : ** Lean gu

Litreachas Gall-Gaidhealach 101

dlùth ri cliù do shinnsir, 's na dìbir a bhi mar iadsan" ; gach smuain agus iarrtanas a tha paisgte 's an fhacal torach sin, *' dual." Gheibhear comh-fhaireachadh ris a' chruinne gu lèir ; dìlse, misneach agus treoir. Ach air thoiseach air na h-uile tha inntinn a' Ghàidheil mar a nochdar i anns na dàin so a' boill- sgeadh le solus blath, beathail dearg-riochd ruidh- teach na mothachaileachd.

III.

Anns an ùghdair a ghabh an t-ainm " Fiona Nic- Leòid " fhuair an htreachas Gall-Gaidhealach fàidh a bha glè mhi-choltach ri Mac-a-Phearsain. Cha robh eòlas sam bith aige-san air z! GhàidhUg, ach mòran na's motha na esan chuir e meas air a luach mar iuchair gu anam nan Gàidheal. Chunnaic e gu'm bheil folaichte anns gach facal dhi an seann smuain a thug dha a bhith agus a chruth ; agus 'na dòighean labhairt eachdraidh an ceud dhealbhaidh ; agus gur iad le chèile taisbeanadh a dearbh aigne. Air an aobhair sin rinn e strì (air amaibh le beag shoirbhe), gu greimeachadh air sgòd de thrusgain so na h-inntinn. Chuir e facail GhàidhHg ann am feum le mòr thlachd, agus mar so is minig a thug e saor labhradh do smuaintean ainneamh nach fhaigh- eadh guth anns a' Bheurla. Airson sin tha sinn buidheach air. Agus airson so cuideachd gu'm faicear 'na leabhraichean solus iongantach na h- inntinn Ghàidhealaich 'na laidhe air muir agus cobha, air beinn àrd agus coiUe ùrail, air buachailean agus air luchd-nam-bàta, air luchd-ceaird agus cinn-

102 An Ròsarnach

cinnidh, air spàirn dhaoine agus gaol bhan, air beatha agus bàs, agus gach a tha ann an dàn do dhuine.

Coltach ri Mac-a-Phearsain rinn " Fiona Nic Leoid '* iomradh air mulad ar sluaigh (no mar theireadh e fèin, ar gruaim), air ar dàimhealachd agus ar comh-fhaireachadh, ar freanas an aghaidh gach sàrachaidh, agus ar caomh-ghaisge ; ach is e an aon ni sònruichte a dh'fhoiUsich e de chridhe a' Ghàidheil a mhiann chìocrach air nithibh domhain agus dìomhaireach is e sin ar macmeanmna.

Cha do lughdaich e idir gathan-soluis eile dhe gach dath a fhuaras ann ar lòchran, ach tha iad uile a' leaghadh air falbh as an t-sealladh anns an draoidh- eachd, an aisHngeachd, agus a mhacmeanmna a fhuair e a ghnàth a' taomadh gorm-shoiUse speurach na dìomhaireachd, mu bheatha agus mu bhàs a' Ghàidheil.

Is e so a tha tabhairt cudthrom agus luach do obair '' Fhiona Nic Leòid," gu'm bheil e a' tais- beanadh 'nar dream buadhan neo-shaoghalta a bhitheas an còmhnuidh a' cogadh an aghaidh gach aomaidh talmhaidh.

IV.

Ann an Niall Mac-an-Rothaich tha againn fior- Ghàidheal a rinn dha fèin àite leathann cinnteach ann an Utreachas Shasuinn, agus a dh' fhoiUsich an sin leus loinnreach na h-inntinn Ghàidhealaich. Cha ghann idir am feum a rinn e de facail agus cruinneachadh-fhacal GàidhUg air an taghadh le tùr agus eòlas, agus comhla riutha chithear a ghnàth

Litreachas Gall-Gaidhealach 103

solus eagnaidh nan Gàidheal, ceart mar a chithear e ann an sgriobhaidhean Mhic-a-Phearsain agus " Fhiona Nic Leòid/*

Tha fìor-Ghàidheal an Rothaich meòrachail, a chridhe a' ruigsinn a mach gu nì-eigin nach aithne dha, ro iarrtanach air eòlas nan nithe uaigneach nach d' fhoiUsicheadh fhathasd do dhaoinibh. Tha fhìor Ghàidheal cuideachd misneachail, mòr-chuis- each, ach cha cheil e sgàth an dubhar air cùl na gaisge, an saidealtas a mhaolaicheas a threubhantas, an t-seòltachd bhochd a ni magadh air uaisle faileasan a bheusan. Ach chithear ann an leabh- raichibh an Rothaich gach subhailc a rinn an Gàidheal ainmeil anns na làithibh o shean, agus maiUe riutha lànachd na beatha Ghàidhealaich, agus an grad fhradharc a tha 'na bhun-àite do ar macmeanmna agus a tha e fèin stèidhichte ann ar mothachaileachd.

Cha'n ann idir le frith-sholus fann ach le boiUs- geadh greadhnach àrd a dh' fhìachas e dhuinn solus na h-inntinn Ghàidhealaich a' soillseachadh gUnn agus monaidhean an fhìor Earraghàidheil no càbh- sairean aoibheil Bhail-Ionaraora, na fineacha an uidheam-catha, òganaich mhaotha agus gaolagan bheothail, seann laoich is pìobairean, cogadh is sìth. Thar an iomairt agus an othail so uile doirtear leis solus mhòr-chridheach nan Gàidheal mar ghlòir òr-bhuidhe na greine, làn beatha agus sùnnd.

V.

Tionndamaid a nis gu oibre nan ùghdairean comasach sin ann am Baile-CUath a tha a' frithealadh ann am Beurla dealbh-chluichean làn de inntinn

104 An Ròsarnach

agus beatha nan Gàidheal Eirionnach. Tha oib- richean na Bain-tighearn Griogaraidh, Mhgr. Yeats, Mhgr. Synge agus an càirdean a' nochdadh a rèir cor na h-Eirinn na ceart bunabhasan Gaidhealach a chunnacas mu thrath ann an sgrìobhaidhean nan ùghdairean Albannach, a cheart luath-thuigsinn, mhisneach agus chaomhalachd ; a cheart chorruich an aghaidh ainneirt, agus a cheart iarrtanas air nithe uaisle, àrda. Gu h-àraid ann an leabhraiche na Baintighearn Griogaraidh agus Mhgr. Synge gheibhear mòran na's gnàthaichte na anns na h- oibre Albannaich, facal air an fhacal, ceart dòigh- labhairt na GàidhUg, na car smuaintean socrach agus brìgheil, agus comhla riutha gluasad ro-bheothail na h-inntinn Ghàidhealaich. Tha smuain an Eir- ionnaich ceart cho luath ri smuain an Albannaich, agus mòran ni's luaimhniche. Tha i ceart cho mothachail, achle tuigse na's motha na le toinisg. Tha i air uairibh ceart cho muladach, ach an dèidh a' mhulaid gheibh i an tràths agus a rithis saorsa ann an abhcaid agus fearaschuideachd a tha 'n an uireasbhuidh am measg Ghàidheal stuama na h- Albainn. Do Utreachas thomadach Shasuinn tha na nithe so cho di-beathta agus a bha cìanalas Mhic-a-Phearsain, no trom-thuireadh Dhèirdire mar a sgrìobhadh e le Mgr. Synge. Tha Mgr Yeats cuid- eachd 'na ùghdair ro theòma ann a bhi a' cur tog- raidh agus beachdan nan Gàidheal ann am Beurla bhlasda, agus cosmhuil ri na Gàidheil so eile tha mòr thoil-inntinn aige ann a bhi a' cleachdadh dòigh- sgrìobhaidh shnasmhoir.

Anns na h-ùghdairean Eirionnach so nochdar

Litreachas Gall-Gaidhealach 105

dhuinn gu soiUeir Eirinn o shean agus a gaisgich ; agus le soilleireachd nach lugha Eirinn an làtha 'n diugh, a bailtean beaga agus an sluagh dìbUdh, cumanta, na maoir-shìthe agus an lagh choimheach, gach mearachd agus sàrachadh, agus gach aimh- reit neònach a mhiUeas sìth nan coimhearsnach.

Mar so tha na h-ùghdairean so fior eòlasach ann a bhi a* foillseachadh beartan na h-inntinn Ghaidh- ealaich ann an obair gach làtha cho maith ri ann an gnothuchan mi-ghnàthaichte. Anns na dàin-cluiche so chithear an Gàidheal Eirionnach fo riaghladh gleus na h-uaire, caoimhneil, mùiteach, deidheil air spàirn, air dìomhaireachd agus air saorsa eadhon gu criochan na mi-riaghailt.

Ged a tha an t-Eirionnach air uairibh grad far am bheil a dhàimh ann an Albainn ciùin, tha inntinn gach aon aca a rèir an Utreachais so a' gluasad air an aon cheum, a chionn gu'm bheil aca le chèUe an aon seaUadh a mach air an t-saoghal. Ann an Eirionn mar ann an Albainn tha inntinn a* Ghàidheil a soiUseachadh leis an aon solus. Ach fo adhair ghlan na h-Eirinn chithear a shoiUse le dealradh mhaiseach uaine, dreach ùrar an fhàis, dreach thaise na h-òige.

VI.

Ann a bhi z! seaUtuinn air ais air gach nochdadh so de'n Utreachas GaU-Ghaidhealach chithear mar bhuadhan nan Gàidheal na ceart bhuadhan a chur Mata Arnold as an leth, glè fhada o ghnè dhiong- mhalta thalmhaidh, mhaU a shluaigh fèin. An chuid 'n a neart agus 'n a laigse tha aig a* Ghàidheal

106 An Ròsarnach

anabarrachd de shubhailcean an duine mar dhuine. Anns an duine tha sìor aitheas an aghaidh aintigh- earnais nan nithe a tha. Cha do ghabh e riamh ri nithe neo-thaitneach, ged a tha iad cho coitchionta agus cho faicsinneach ris a' bhàs agus an sìor- mhuthadh a tha anns gach fo'n ghrèin. Tha an duine mothachail, treun, sadailte, mòr-chuiseach,grad- fhradharcach, luaimhneach, dìomharach, agus tha an Gàidheal gach aon diubh so anns an inbhe is àirde. Maraon 'n a uaisle agus 'n a bhochdainn tha an Gàidh- eal mar so 'n a cheud ghiorradan de'n chinne-daoine.

Nis, tha e ro fhurasda do'n duine a bhi a' call geur fhaobhair a dhuineileis. Air an aobhar sin tha e feumail gu'm bitheadh ann an htreachas sìor bhrosnachadh agus chobhar do gach subhailc àrd a tha ann an cunnart. Is e so leithsgeul agus feum an Utreachais ùir mu'm bheil aithris agus rannsachadh ghoirid an so.

Ach chunnaic sinn anns a' cheud dol a mach gu*m bheil ann an solus glan inntinn a' Ghàidheil iomadh gath de iomadh dath do'm bheil sùil leughadair na Beurla dall, agus nach urrainnear idir fhoiUseachadh tre mheadhon chànain nan Gall. Cha'n fhaicear iad gu h-iomlan ach ann an cuairt- eachadh an Utreachais dhualaich fèin, anns a' GhàidhUg, agus ma thig an anns nach bi an htreachas agus a chànain sin beò no aithnichte ni's bithidh sin do'n t-saoghal 'n a chall do-leigheas.

Do'n chinne-daoine bhitheadh an call do-leigheas, ach do mhuinntir na Gàidhealtachd agus do'n chinneach Albannach maraon do-leigheas agus do- thomhas. Oir b'e an call ud da-rìreadh call ar

Litreachas Gall- Gaidhealach 107

n-anam. Nuair a chaiUear ar cànain agus ar litreachas caiUear maiUe riutha ar fìor-bhith son- ruichte fèin, ar làn bheatha, agus cha bhuin sinn tuille duinn fèin. Fhad 's a ghleidheas sinn ar cànain fèin tha sinn a' gleidheadh ar n-anam agus ar n- inntinn. Oir tha inntinn an fhìor Ghàidheil, a bheachdan, a rùintean agus aigne, uile gu lèir eucosmhuil riutha so ann an sluagh Shasuinn. Mar dhearbhadh air sin cha'n fhaighear ann am Beurla nan Gall facail a tha 'nan ciall agus 'nan cumhachd co-ionnan ri na facail GàidhUg. Cha'n e gu'm bheil gamhlas againn an aghaidh nan Sasunnach. Anns gach cinneach gheibhear mòran ri mholadh, agus mòran ri ionnsuchadh o gach cànain. Ach cha mheas sinn iad gu ceart, ni a thuigeas sinn iad gu tur, mur bi meas agus tuigse againn do ar cànain fèin. Air an aobhar sin ma thilgeas sinn air falbh ar cànain agus gach ni a tha taisgte innte, caiUidh sinn ar cothrom air ionnsuchadh o chàch aig a* cheart àm anns an caill sinn am fòghlum sin a ta dualach duinn fèin.

Ach, nach bu mhòr an tàmailt dhuinn gu'n geiUeadh sinn ar cànain fèin airson beur-labhairt nan coigreach ? Ar n-inntinn fèin airson inntinn nan coimheach ? Nach bu mhasladh e gu'm bith- eadh na Gàidheil am measg nan cinneach mar na h-òighean amaideach a leig do'n lochranan fèin dol as, agus leis am bu mhiann dol an comain mhuinntir eile airson choingheiU de'n solus-sa ? C'arson a bhitheadh sinne mar sgimilearan baoghalta gu buil- each an eisimeal shaothair-inntinn sluaigh eile, agus a deanamh dìmeas air an eòlas agus a cheanaltas a

108

An Ròsarnach

fhuair sinn mar òighreachd mhaiseach o ar sinnsearan? Thug an inntinn Ghàidhealach soillseachadh do iomadh Unn agus iomadh ceàrnaidh, ach a nis thugamaid aire do'n t-seann rabhadh so : '' Ma bhitheas an solus a ta annad 'n a dhorchadas, cia mòr an dorchadas sin ! '*

Lachlann Mac Bheathain.

K _

à I

ctr

■^

u

s

J=

c

-^

c

a

_d

3

^

c

"5

1

5

.1

rz3

'o^

-5

0,

Ci

o

(/)

c

c

d

^

o

o

sl.

^

^

^S

a

s..^^

a

'fe

1

c

Dan do Dhomhnull Macleoid, Fear-Iuìl a' Phrionnsa.

O thusa, Thìr nam beann ! Cho lionmhor spàrn 'us

cath 'S na ghabh thu pàirt is roinn gun mhòran taing no

math Dhuit fèin no dha do chloinn a dh' fhàg an gleann

san srath Chum dùthaich chèin chur suas, oir chaill iad uaiU

nam flath, 'N Cuilfhodair bha iad buailt* le nàmh ro-chruaidh

gun seirc, 'Bha garg 'na nimh gun truas, a choinn aon bhuaidh

'bhi leis, Do Phrionns' ma sgòr nam beann an geall air ionad

dion ; 'Na fhògarrach 's e fann, 'us gann de sgàil 's de'n

bhiadh, Chuir Fortan fear 'na lùib à Eilean Sgìth-a-Cheò, Bho Dhiùranais a-siar, bho Ghaltraigeil nam ; A Mùideart gharbh nan Stuadh, am Borradal nan càrn, Bha Tearlach òg fo'n ruaig far 'n d' fhuair e 'n

uraidh blàs ; Co dhionadh e 'san uair bho mhìltean borb de nàmh 'Ga' shireadh air a' chuan 'g a' shireadh air an tràigh ? Na mìltean pùnnd de'n òr le òrdugh air mar gheall. 'Cur guin 's na bh'air a thòir is treòir an sannt nan

Gall,

110 An Rdsarnach

Gach bair is bealach fiar 'gan sèisdeadh le am feachd 'S gach bàgh 'us Eilean Siar 'ga iarraidh mach 'sa'

steach. Co de na suinn tha beò a mhiUeas deilbh an tòir, Ach thusa 'chìnn na suairc, seadh thus' a' Dhomh'l-

'ic-Leoid ? Gach uasal agus trèun bha dion a' Phrionns' bho

bhèud. An earbsa' chuir 'nad thùr, 'n t-aon earbsa 'chuir e

fèin, Bho sgeirean Loch-nan-uamha 'n ochdràmhaich gun

dion, Le Tearlach òg air bòrd, gu 'n sheòl thu leatha 'n iar ; Do sgioba bha iad glèusd, triuir DhòmhnuUaich gun

sgàth ; Macmhuirich anns an sgòid, MacascaiU air a bràigh, Donnchadh Ruadh 'san toiseach toirt sùil 's gach

àird mu'n- cuairt ; Bha thu fèin a' stiùradh 's ise a' fùidreadh bhuaith, Do ghineal Murchadh òg a bha an toirm nam feachd, A nis air ceann nan ròp a' deanamh còmhnadh leat. 'B'ann a siar mu Luingeadh a dhorchnaich snuadh

nan spèur. Shèid i bho'n an Earra-dheas gu frasach searbh ma

Shlèit ; Marcach sion a' riasladh a h-uile neach air bòrd. Is ise 'cur nan stuadh dhi a' siubhal fo'n a' chòrs. Dhorchnaich oidhch' an earraich, an Dùnan air do

dheis ; ChaiU thu taic an fhearainn, is sgal i na bu treis. Mar uile-bheist o'n iosal, mach à rian 's e dall, Deamhnan borb 'g a' riasladh 's e ri iarraidh call.

Dàn do Dhdmhnull Macleoid 111

'S ann bha'n fhairge 'n iar dhuit ag èirigh fiadht' ri

d' chrann, Ged rinn do sgil-sa diomhain iomart Uath gach steall Bha na dùilean feargach, ach cha b' ann ruit bha'n

diomb, B' aithne dhoibh thu earbsach 's nach bu chearbach

thu; S' ann bha'n teine rèubadh, a' lèusadh tre'n a' stoirm ; S' ann bha'n torrunn bèuchdail air son nan trèun bha

marbh ; S ann bha'm muir cho feargach, cho càireach garg

'san t-srìth 'Chum gealtairean nan Gall a chumail mall ri tìr. Bha do Phrionns' à dèuchain 'na shuidhe sèimh riut

dlùth 'S iarmailt dhorch nan spèuran gan rèubadh air

gach taobh. Bha an fhairge 'g èirigh gu corrach searbh mu'n

cuairt, An impis bhur cur sios, ur slugadh garg 'sa chuan. An neulachadh nan tràth, bha'm fearann 'teannadh

dlùth ; Thug fasgadh siar na h-Aird dhuit anail bho'n a'

stiùir. Chiìiinich stoirm nan Spèuran, thuit air an fhairge

clos ; Tha thus am faire suas, tha càch a' gabhail fois. Ach c'uig a dh' airmheinn dlùth nach gabhadh àir-

eamh dhomh, Na dèuchainnean gun truas 'san ruaig a thachair ort ? Tre gharbhlach chreag, 's air sàl, an cuideachd àrd

do thriath

112 An Ròsarnach

'S e bh' ann duit fala-dhà bhi iomadh gun bhiadh, Cha b'e do dhìlseachd dha, ged thug thu dearbhadh

oirr' ; Cha b'e righ ùr bhi'n àird a chàiricheadh do chor, Ach spiorad uasal bàigh a thàrmaich 'na do chrè, Do ghhocas mòr 's do ghràdh do chàch a bhi gu fèum. Gach lìnn a thig gu bràth bidh d'ainm ac' blàth 'ga

luaidh, Mar Leòdach measal sàr nach gabhadh fàth air duais. Bu mhor do mheas aig càch far 'n d'fhuair thu t'

àrach suas, Bha urram leat 's gach àit' 's na sheòl do bhàt' an cuan. Beannachd leat, a Dhòmhail, ged ghlachd iad thu

nan cUath 'S e bh' ac' air son an gòraich' 'n gad air an robh 'n

t-iasg ; Tha'n diugh gach neach bha'n tòir oirt fògraicht'

às ar cùimhn', Cha chluinnear cUù mo bheòil orr', moladh beòil cha

chluinn : Ach fhad bhios bèus air òran, tèudan beo 'toirt fonn, Bidh tus' a Dòhmh'l-'ic-Leoid air rola glòir nan sonn.

DOMHULL MaC IoMHAIR.

Uilleam Ros.

s caomh leinn-ne, mar Ghàidheil, a bhi dèanamh

0 1)

hiaidh air gach cuspair treun na h-inntinn thabhachdaich a rugadh agus a thogadh anns an aon chlachan no anns an aon eilean ruinn fèin, agus is maith leinn 'n uair a bhitheas an oidhirp air a thoirt dhuinn a bhi ag àrdachadh buadhan an neach sin air chor agus gu'm faic ar co-Ghàidheil gu'm bheil còir-bhreth againn-ne ann an ionad '' a chuir bàrr maith dheth," anns na làithean a dh' fhalbh, mar a thuirt am bodach còir eile. Ann an raon htreachais agus bàrdachd ar cànain dhùthchasaich tha 'n smuain cheudna fior is caomh leinn uile bhi togail suas ri aghaidh an t-saoghail cuimhne agus buadhan nam fiurain sin a chuir maise nach searg air bàrdachd na GàidhUg, agus a dh' fhàg dìleab mhaireannach 'n an dèidh na's luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha. e 'n Catach air nach eil uaill airson Rob Dhuinn ? Am bheil Abrach sam bith nach fhairich dàimh blàth 'n a chuislean do bhàrdachd Eoghain MhicLachluinn ? Nach eiltich gach Earra- ghàidhealach ri òrain Dhonnachaidh Bhàin, agus, gu dearbh fhèine, nach dòbhaidh truagh an Sgiath- anach nach seinn, nach leugh, 's nach aithris, bàr- dachd Uilleim Rois ? A rèir an reusonachaidh sin ma tha, air an d' rinn mi aithris an ceartuair, b'e mo mhiann mar aon de mhic Eilein a' Cheò beagan

114 An Rdsarnach

2l sgriobhadh air beatha agus bàrdachd fiurain cho ainmeil 's a dh' àraich an t-eilean riamh Uilleam Ros.

Rugadh Uilleam ann an Sithean 's an Ath- leathann ann an Strath Mhic-fhionghuin anns a' bhliadhna 1762. Bha athair lain Rois 'n a dhuine dichiollach acfhuinneach dòigheil a bha cosnadh a lòin le fallus a ghruadhach, mar a ghealladh dhuinn uile, ach bha firinn agus onair an còmhnuidh air am faicinn 'n a chaithe-beatha, agus an teiste air an talamh a b' fheàrr air duine na sin, 'se an cliù sin a dh' fhàg cubhraidheachd ann an cois a chuimhne ? Chan eil cunntas againn air am bith- beò a bha aige. an deifir ? Cha'n e idir tha sinn 3.' dèanamh ann an turus an fhàsaich is motha feart dhuinn aig a' cheann, ach an dòigh anns am bheil sinn a' dèanamh an ris am bheil sinn a' cur ar làimh airson solar dhuinn fèin, agus do ar teaghlach, ar n-aran laitheil ; agus mar sin dhiù 's e croitear no iasgar a bha ann an lain Ros, cha robh triuthaireachd air an talamh fuaighte ri 'iomairt làitheil ann an cois a ghairme. 'S ann à Gearrloch a bha màthair Uilleim, nighean a dh' lain MacAoidh, am piobaire siubhlach agus am bàrd ainmeil am " Piobaire Dall " mar is fheàrr a thuigeas na Gàidheil air fad. Chan eil teagamh sam bith nach eil bàr- dachd a' dol ri dualachas, ge a dh' fhaodas air uairibh bearnan mòra bhi anns an t-slabhruidh dhàimheil sin. 'S aithne dhuinn mic agus nigheanan cuid de na bàird a bha beò 'n ar làtha fèin, agus tha iad cho falamh de spiorad an athar 's a tha mi- fèin ; ach 's dòcha nach d' thàinig fhathast a'

Uilleam Ros 115

r

mhionaid sin a tha gu bhi 'n a meadhon air an clàrsach a ghleusadh. Tha fhios againn a thaobh Mairi Nighean lain Bhàin Mairi Mhòr nan Oran gur e fiosraichean cruaidhe an fhreasdail leis an robh i air a fàgail 'n a bàntraich bhochd gun tacas a chuir ise gu '' meòrachadh ann an rainn/' agus nach gasda an tiomnadh a dh' fhàg i as a dèidh. Mar sin ge b'e air bith na cumhachdan bho 'n taobh am muigh air am feum sinn beachdachadh an dèidh so a dhùisg suas clàrsach Uilleim Ros, bha frèumh an dualachais a.' toirt binneis agus loinn do theudan a chlàrsaich.

'S e boiUsgidhean beaga tha againn air Uilleam còir, fhad 's a bha e 'n a bhalach beag a' ruith 's a' ruagail timchioll air an t-Sithean. 'S iomadh eachdraidh agus sgeula chluinneadh e aig clach an teinntein air na sìthichean grinne guanach aig an robh an còmhnuidh talmhaidh 's an t-sìth-bhrùth air cìil a thighe. Bhiodh e mu dheireadh cho eòlach orra 's gu'm biodh e iomadh uair a' toirt a chreidsinn air fèin gu'n robh e 'g am faicinn agus gu tric 'g an cluinntinn a' ceòl 's a' dannsa na bu lùgh- mhoire na creutair sam bith de shliochd Adhamh, oir cha b' ann de'n ghineal sin iad. Bha gach sgeula 's gach eachdraidh a bha so a' dèanamh an làraich fèin air inntinn mhaoth UiUeim, agus ann an lànachd na h-aimsir thug iad am mach an tòradh iomchuidh fèin. Tha'n deagh theiste thug mi air a athair 'g a dearbhadh fèin gu soilleir 'n uair a tha sinn a' faicinn gu'n do chuireadh UiUeam gu h-òg do'n sgoil. Faodaidh nach robh mòran sgoile aig lain Ros, Chan eil fhios againn an sgriobhadh e

116 An Rdsarnach

'ainm fèin ann an Gàidhlig no'm Beurla Shasunnaich, ach a dh' aindeoin sin uile thuig e nach biodh mòran rath air oidhirpean UiUeim òig mur bitheadh a' bheag no mhòr de sgoil air a h-ionnsachadh dha fhad 's 2L bha e òg. Cha bhitheadh sgoil an Ath-leathann ach sgòdach bochd 's an làtha ud, agus is cinnteach leam gur e beagan adhartais a bha tighinn air ionnsachadh Uilleim innte, ge a tha e ann an each- draidh againn gu'm b'e bu toisiche anns gach leasan. Bha a phàrantan a' faicinn nach robh maith sam bith a dh' Uilleam a bhi fuireach 's an sgoil ud na b' fhaide, agus mar sin le meud an dèidh air ionn- sachadh cubhaidh a thoirt do'm balach òg tùrail, thog iad an imrich à Eilean a' Cheò, agus fhuair iad tigh is teine ann am Farrais far an robh Ard-Sgoil ainmeil aig an àm sin anns am biodh brod an fhògh- luim air a thoirt a dh' UiUeam beag. Ma bha Uilleam air thoiseach ann an sgoil bheag na h-Ath- leathann, chum e shuidheachan gu daingean teann ann an Ard-Sgoil Farrais. 'S iomadh balach agus nighean a bha anns an sgoil sin aig an robh gach ùis agus greadhnachas a cheannaicheadh airgiod agus òr ; ach cha robh mac màthar aca chumadh a' choinneal ris an Sgiathanach bheag thapaidh acfhuinneach a bha air ùr thighinn 'n am measg ; is cha robh maighstir-sgoile fada gus an do mhothaich e gu'n robh aige anns a' choigreach òg so balach aig an robh eanchuinn iongantach agus tùr sòn- ruichte sgoilear a b' fhiach dha gach cùram agus spèis a ghabhail dheth. 'S e fìor ni càilmhor a tha ann do mhaighstir-sgoile, ionnsachadh a thoirt do bhalach a tha inntinneach air a shon, agus creididh

Uilleam Ros 117

sinn nach robh mòran cruaidh-chàis aig maighstir- sgoile Ard-Sgoil Farrais oilean maith a thoirt a dh' UiUeam Ros, agus fad a chuairt ghoirid 's an sgoil sin bha'n ceum-toisich aige ann am Beurla Shas- unnaich agus ann an Laideann ; agus bha'n deagh GhàidhHg Sgiathanach aige mar tha agus b' fheairrd a' chùis sin. 'S iomadh balach anns an Ard-Sgoil a bhitheadh a* sealltuinn sios air fèin 's air èideadh, agus 's dòcha air an àite as an d' thàinig e, ach ge b' oil leotha uile, chuir e 'bhacag orra. Nach eil sin a' toirt 'n ar cuimhne 'n Abraich chòir air an d* rinn mi iomradh ma tha Eoghain Maclachluinn. Choisich esan ceum air cheum bho Lochabar gu Oil-thigh Abaireadhain, le ghràinean mine 'n a phòca, airson fuaraig a dhèanamh 'n uair a dh' fhàsadh e fann le sgìths na sUghe. Rinn na fòghlumaichean grinn spaideil airgiodach a bha 's an Oil-thigh bùrd- mhagadh air, 's chomhairUch iad dha tiUeadh air ais air ball gu Lochabar gur ann a b' fheàrr a dh' fhreagradh am fèileadh clò-mòr aige na'n Oil-thigh Abaireadhain ; ach aig ceann na cùise, 'n uair a leughadh am mach gu follaiseach ainmean nam fòghlumaichean a fhuair a bhuaidh-làrach 's na deuchainnean a bh' ann, b'e Eoghain Maclachluinn a' chiad ainm a chaidh èigheach bhuadhaich e air a luchd-tarcuis gu lèir, agus chreideamaid nach bitheadh iad buileach cho ladarna rithist. Tha'n aon ni fior mu Uilleam Ros. 'N uair a dh' fhàg esan Ard-Sgoi] Fharrais, thuirt a mhaighstir-sgoile nach deachaidh a leithid riamh air a bheulaibh 'n a latha, agus gu'm faiceadh an duine bhitheadh beò gu'm biodh aithne agus iomradh air a thàlanntan mòra.

118 An Ròsarnach

Blia UiUeam an nis ullaichte airson a dhol a mach a chogadh ris an t-saoghal bhuaireasach so faodaidh mi a ràdh mòran na bu dheiseile le sgoil agus fòghlum na bha mòran de bhalaich an eilein a dh' fhàg e, 'n a làtha ; ach ge a b' fhìor so bha camadh 's a' chrannachur aig Uilleam bochd nach do dheal- aich ris a chuairt anns an fhàsach. Bhris air a shlàinte 'n uair nach robh e ach glè òg, agus mar a dh' fhàs esan suas, thug aicead sios e, agus gabhaidh e creidsinn nach robh mòran dòchais ri leigheas o'n bhàs an uair sin aig neach air an robh a' chuing agus tinneas-caitheamh cearta còmhla. Dh' fhàg a phàr- antan Farrais, agus chaidh iad a dh' fhuireach do Ghearrloch, agus bha a mhàthair mar sin a rìs air a sean eòlas. Theann lain Ros ri falbh troimh 'n Ghàidhealtachd 'n a cheannaiche-siubhail beairt a bha pàigheadh glè mhaith anns na làithean a bha sud. Cha robh bùth ann an oisean gach tighe anns na amaibh a bha sud, agus mar sin 's e latha mòr a bhitheadh ann 'n uair a thigeadh an ceannaiche- siubhail le a mhàileid do'n chlachan. Bha gach òg agus sean a* toirt làmh air iallan an sporain, agus bhitheadh fèiU nach bu ghann air cìrean mìne 's cìrean garbha 's ràsaran is sgàthanan, is bhitheadh iomadh guanag ann an eaglais a' chlachain an ath Shàbaid le guaiUeachan ùr agus neapaicinn breagha de phàtaran chraobhan nan ubhall. 'S e daoine grinn guanach gasda bha ann am mòran de na ceann- aichean-coise so. Bha gach tigh 's an rachadh iad uile dheònach air cuid na h-oidhche thoirt dhaibh. Cha robh eachdraidh nuadh no shean air nach robh iad eòlach, agus cha robh duine no bean eadar Tigh

Uilleam Ros 119

lain Ghròt an Gallaobh agus Maoil Chinntìre air nach biodh sgeula maith no dona aca, agus nach bu mhòr sin anns an làtha ud 'n uair nach robh Htir no paipear-naidheachd ach is dòcha uair 's an ràidhe 's a' chlachan Ghàidhealach. Bha Uilleam mar bu thrice ann an cois athar air na cuairtean sin, a chionn gu'n robh e ro-dhèidheil air eòlas mionaideach fhaighinn air gach cùil agus cial ann an dùthaich a shinnsir, agus bha fhios aige gu'm b'e sud an dòigh a b' fheàrr air an talamh air fios eagnuidh fhaighinn air gach seorsa GàidhHg a bha air a labhairt anns na sgìrean troimh an robh e dol. 'S ann mar so a dh' ionnsaich Uilleam Ros an fhileantachd agus am beartas cainnte a bha aige, agus a thiomnadh dhuinn- ne 'n a chuid òran, agus tha fhios againn ann ar fèin- fhaireachadh nach robh cearnaidh de'n Ghàidheal- tachd anns an robh sinn " a.' tionndadh ar leth- taobh a dh' fhuireach car oidhche,'' nach do dh' fhòghlum sinn faclan ùra ann an GàidhUg an àite sin, agus bu bheairtiche ar foclair gu mòr an dèidh an sgriob sin a thoirt. 'S iomadh giUe òg a bha seachd uairean na bu làidire na UiUeam bochd nach d' thoireadh a leithid sin de pheanas as a chorp airson fiosrachaidh cubhaidh fhaighinn air cànain a thìre ; ach tha so a' nochdadh dhuinn a eud agus a dhìl- seachd a thaobh a chànain mhàithreil, agus cho treibhireach dùrachdach agus a bha e anns an rùn shuidhichte a bha aige gach latha a bhi meu- dachadh eòlais air a thìr agus a theanga. Shiubhail e fèin agus a athair siorramachd Pheairt, Braid- Albainn, Earra-ghàidheal, agus a' chuid bu mhotha de sgirean Rois, ach chan eil mi a' faicinn gu'n d'

120 An Rdsarnach

rinn a chèilidh eachdraidh mhòr anns na h-àiteachan sin. Tha fhios nach robh e 'n a thàmh. Cha bhiodh e coltach gu'm bitheadh clàrsach bhinn mar a bha aige-san 'n a tàmh, ach ro-ainneamh, agus 's deimhin leinn gur e sin an tul-fhìrinn ; ach chaidh a' chuid mhòr de na h-òrain a rinn e aig an àm sin air di-chuimhne. Bhiodh iad iomadh làtha air bèul an dream a dh' ionnsaich iad, ach 'n uair a dhùin an ùir air an cnàmhan ghlasadh suas na h-òrain aig Uilleam Ros gu bith-bhuan còmhla ri 'n duslach. 'S duilich 's is truagh gu'm bheil so fior a thaobh mòran de fhìor smior bàrdachd ar cànaine.

Thug UiUeam agus a athair sgriob an nuU air a' Chuan-Sgith. Gheibheadh iad aiseag ann an sgoth- iasgaich o UUabul gu Steornabhagh mhòr a' Chaisteil, agus bhitheadh fiughar math aca ri ceannachd gu leòr a reic ann an Steornabhagh, agus troimh 'n dùthaich. 'S ànn iomallach a bhiodh badan de Leodhas anns an làtha sin, ge a bha Steomabhagh 'n a bhaile cuireadach gu leor: ach cha bu mhisd' iad beagan de na grinneasan a bha aig lain Ros 's a' mhàileid. A' cheart oidhche ràinig iad Steornabhagh bha cuirm-chiuil mhòr ann an àit' air chor-eigin 's a* bhaile, agus cho luath 's a chaidh farum troimh chluais no dhà gu'n d' thàinig am bàrd òg Sgiath- anach, Uilleam Ros, air tìr, chuireadh fios chabhagach air gu tighinn a dh' ionnsaigh na cuirme : cha robh cuirm sam bith iomlan gun bhàrd aig an uair sin. Thàinig UiUeam gu sunndach, is ma bha'n tinneas- mara air a.' cur a' Chuan-Sgith, cha robh lorg a nis air. Thug UiUeam sùil gu geur air gach caileag agus òganach anns an talla chridheil ud. Bha iad

r

Uilleam Ros 121

grinn uile, làn de shlàinte ruitich an fhraoich agus na mara, ach air dha dearcadh air maighdeann àraidh thall ann an oisean, sheall e agus sheall e agus sheall e a rìs, agus thuirt e ris fèin, " Ge b'e thusa cha do chruthaich Dia riamh do leithid, 's mur a faigh mise dhomh fèin thu le òrdugh daingean bho'n chlèir, cha bhi ann ach marbh-phaisg dhomh-sa/* Mar a tha e fèin ag ràdh,

" Ghlacadh mo chridhe 's mo shùil comhla, 'S rinn an gaol mo leon air ball."

B'e so Mòr Ros, caileag ghlan eireachdail le sùilean miogach gorma agus falt buidhe bòidheach ainnir cho lurach innsginneach 's a bhuail sàil bròige riamh air cabhsair baile Steornabhaigh. Chuir am bàrd eòlas oirre, agus chuir ise eòlas air a' bhàrd, agus fhuair tàladh diomhair a' ghaoil buaidh air an cridhe le chèile. Rinn Uilleam Ros bòid dhith ann an làrach nam bonn gu'm pòsadh e i. Thug ise h-aidmheil fèin gu'm biodh i dìleas dha-san, agus airson a taobh fèin de'n chumhnant a sheulachadh gu buan, mhionnaich agus bhòidich i gu'n dùraigeadh i bhi air a losgadh gu bàs mur bitheadh i dìleas d'a gealladh. ''An oidhche roimh do bhàs thoir do shàr-fohacal," ars' an seann ràdh, agus chi sinn cho fior 's a tha e aig deireadh eachdraidh na caileig so, mar a their cailleachan Strath Mhicfhionghuin fhathast, '' Chuala Dia a bòid agus 'n a àm maith fèin thug e fa near e."

Dh' fhàg am bàrd agus 'athair baile Steornabhaigh as an dèidh ann an làtha no dhà ; ach ge do chuir UiUeam cùl gu corporra ri Eilean Leodhais, cha do

122 An Ròsarnach

chairich a chridhe ach ro-ainneamh as an talla chiuil sin anns an do chòmhlaich e àiUeagan nan ainnir an toiseach. Chaidh esan air ais do Ghearrloch, agus fhuair e 'n a mhaighstir-sgoile an sin, agus tha eachdraidh ag aithris gu*m bu mhaith a ghnothuch ris an obair chudthromach sin a ghabhail os làimh. Bha deadh fhòghlum aige, mòran os cionn fiosrach- aidh a' mhaighstir-sgoile chumanta 's an latha ud. Bha carthannas agus bàigh agus truas 'n a chridhe maoth. Bha e'n còmhnuidh òg 'n a inntinn, mar a thuirt bodach araidh uime, agus bha na buadhan so 'n am meadhon èifeachdach air aire agus aigne na clòinne tharruing gu a ionnsaigh. Dh' fhosgail iad an cridhe dha, agus fhòghlum iad uaithe le tlachd, air chor 's nach robh sgoil air an astar aig an làtha sin aig an robh cliu agus rian sgoil UiIIeim Rois. Thug a' Chlèir dha dreuchd fir togail nan salm iprecentor) ann an eaglais Ghearrloich, agus na'm bitheadh sinn comasach air sùil a thoirt a stigh air Didomhnaich do'n eaglais sin anns a' bhliadhna 1788, chitheadh sinn UiIIeam Ros air ceann na seinn, " duine òg glas-neulach le cruthachd thoirteil, falt donn cuaileanach. Bha e annsannta dìreach 'n a phearsa, agus chan fhacas riamh ach sgiobalta guanach e.''

Chì sinn mar sin nach b* ann 'n a thàmh a bha am bàrd a' cur seachad ùine. Bha e 'n sàs a Shàbaid agus a sheachduin, agus air do na feasgar ciaradh bu tric e gleusadh a chlàrsaich agus a' cur an cainnt nan òrain sin a dh' fhàg e mar chuimhneachan buan 'n a dhèidh, oir 's ann aig an àm ud a rinn e chuid mhòr de na h-òrain a tha fhathast againn, agus

Uilleam Ros 123

àireamh mhaith a tha nis air dol do thìr na di- chuimhne.

Ach, cha'n feum sinn sealladh a chall do bhean- chinnidh annsannta, Mòr, an cuspair sin a chuir saighead gaoil nach do dhealaich ris 'n a chridhe, riamh o'n oidhche iongantach ud a fhuair e chiad shealladh dhith ann an talla na fèile ann am baile Steomabhaigh. A' làtha 's a dh' oidhche b*i cuspair a smaointeanan faoine gach uair : bha cuimhne air a h-àillteachd a' cur sùrd agus innsginn 'n a uile oibribh, agus bha a shùil an còmhnuidh a.' sealltuinn an null le togradh anma a dh' ionnsaigh an làtha 's am bitheadh iad còmhla gach mionaid agus uair gus an cuireadh am bàs dealachadh eadar esan agus ise. B'e so an cleachdadh inntinn a bhitheadh aig UiUeam Ros aig an àm ud, agus is maith a dh' fhreagradh air a chàs-san briathran Mhic-an-Fhleis- deir an Dunomhain, ann an " Clachan GhHnn-da- ruadhail :

*' Cha suaimhneas oidhch' air leabaidh dhomh,

'G ad fhaicinn ann am bhruadar ; *S am BiobuU fèin cha laimhsich mi,

Gun t'iomhaigh ghràidh 'g am bhuaireadh."

Ach is mòr m' eagal nach b' e 'n sud an rùn- inntinn a bha aig Mòr Ros dha-san. Faodaidh e bhi gu'n do ghabh i gaol air aig a' chuirm ud, ach ma ghabh, cha do lean e fada rithe. '' Rud a thèid fada o'n t-sùilthèid e fada o'n chridhe,'' ars an sean- fhacal còir, agus èudail fèin, nach b' fhìor e d'a taobh- se. Cho luath 's a fhuair i Uilleam an nuU air tonnan corrach a' Chuain-Sgith, rinn i suiridhe ri

124 An Ròsarnach

mòran leannan, agus *n am measg bha fear do*m b' ainm Clough, caiptein soithich ris an d'a cheangail i i fèin ann am bannan pòsaidh, agus chaidh iad air thigheadas gu Liverpool. Cha d' rinn i fiu agus leth an lide dheth so innse d'a seann leanann, agus fios agus cinnt aice gu'n robh gaol a chridhe 's a chlèibh aige oirre. Chuala 'm bàrd an naidheachd dhuilich so greis mhaith an dèidh do Mhòir a bhi pòsda. Cha ghabhadh meud a mhulaid innse, ach " chaidh an gnothuch o sholus,'' ^bha'n snaoim nach fhuasgail sgian no fiaclan no na meoirean a nis gu cruaidh daingean air Mòr, agus cha robh air an talamh a' bhos na dh' fhuasgladh e, ach an t-aog. Cha robh Ros ro shlàn roimhe so mar is maith tha fhios againn mar tha, ach chuir an deuchainn do-labhairt a bha sud guin agus gath a' bhàis 'n a chom, agus ged a chuir aimsir sgàile caomh air beagan de mhulad b'e ciste chaol nam bòrd a thug a' chiad shuaimhneas do ghalair.

Ge a bha gach goireas agus àgh a cheannaicheadh òr aig Mòr an Sasuinn cha robh i sona. Ciamar a bhitheadh agus a droch chhcean air a bhi 'n a mheadhon air corp agus anam Uilleim Rois ann an Gearrloch a bhi dubhach, trom, deurach. 'S ann ainneamh a bhiodh a fear-pòsda air tìr, agus tha mi a' creidsinn gu'n robh sin a' toirt oirre bhi meòrachadh na bu trice air peacaidhean mòra h-òige. Nach ann a sgriobh i gu UiUeam an Gearrloch ag innse dha gu'n robh i aonaranach cràidhte 'n a h-inntinn, agus dh'iarr i air tighinn agus a toirt leis do'n Ghàidhealtachd. Cha d' fhuair e leithid sud de litir riamh 'n a bheatha : dh' ùraich e dha gach

Uilleam Ros 125

sòlas agus sonas a thug an cuspair ud a stigh do anam 's na làithibh a dh' fhalbh. Leig e mu sgaoil an sgoil, dhùin e a dhorus, agus thog e air ball gach a dìreach gu Liverpool airson aon sealladh eile fhaigh- inn air an ribhinn a leon e. 'N uair a ràinig e Struighle bhuail an t-aithreachas e, agus thill e dhachaidh gu Gearrloch le cridhe trom tùrsach gun uiread agus aon ghathan solais ris am b'urrainn e aigneadh a thogail. Chaidh e gu laighe na leapadh, agus cha d' èirich e tuiUeadh. Bha dùil aig Mòr ris gach làtha, agus cha tug i riamh suas a dòchas nach cluinneadh i e 'gnogadh 's an dorus an uair bu lugha shaoileadh i. Oidhche de na h-oidhcheanan bha dannsa mòr gu bhi anns a' bhaile, agus rinn Mòr deiseil airson a dhol ann fiach am bàthadh i dòlas le sòlas. 'N uair a bha'n t-searbhant' aice 'toirt laimh-chuideachaidh dhith leis an deise dhannsa shaoil leatha gu'n cuar i gnogadh aig an dorus. '' So Uilleam a' tighinn 'g am iarraidh,'' ars' ise, agus ruith i 'n a deann sios an staidhre le coinneal 'n a làimh airson fàilte chur air a seann leannan. Dh' fhosgail i 'n dorus, ach cha robh duine ann, agus an àm dhith tionndadh a thaobh leis b.' choinnil, rinn an solus greim air a h-aodach tana, agus loisgeadh gu bàs i. Beagan mhionaidean de phèin uamhasaich agus dhùin a sùil 's a' bhàs is ghabh Uon eudach nam marbh-phaisg àite riomhadh an dannsa, 's chaidh a' chìr mu dheireadh troimh ciabhagan òr-bhuidhe. Air a' cheart oidhche 's aig a' cheart uair 's an do thachair an ni brònach so, bha càirdean gràdhach timchioll air leabaidh bàis Uilleim Rois ann an Gearrloch, agus mar sin chaidh e fèin

126 An Rdsarnach

agus an ainnir a chuir an aicead ann a stigh do'n t-siorruidheachd mhòr còmhla : fhuair ise guidhe ach tha mi an dòchas gu'n d' fhuair a h-anam tròcair.

So ma ta, deireadh beatha Uilleim Rois. Cha robh e ach ochd bhadhna fichead 'n uair a chaochail e, dìreach 'n uair a bha 'ghrian ann an àirde nan speur, agus a fheumalachd agus a bhuadhan 'n an làn neart, ach cha robh gach ni air a dhèanamh am folach air freasdal caomh an ti tha riaghladh, 's nach 'eil an sean fhacal Grèugach bho shean ag ràdh, " Esan is ionmhuinn leis na deathan bàsaichidh e òg." Tha Mac Choinnich a chuir ri chèile Sàr Obair nam Bard a' toirt dhuinn cunntas eagnuidh air pearsa bhàird. Tha e 'g ràdh gu'n robh e'n a dhuine cuimir annsannta anns an robh còrr agus troidhean a dh' àirde. Bha falt donn air, agus bha 'aodann fosgarra agus a chruthachd dealbhach anns gach ball, mar is 'gnàth le clann nam beann ; agus cha robh meang anns a' ghrinneas leis an rachadh e 'n a aodach. Bha e *n a sgoilear cho maith 's a rinn a' Ghàidhealtachd 'n a làtha : bha e fileanta ann an Laideann agus an Grèugais, agus ro-bhuadh- mhor ann an laimhseachadh na GàidhUg.

Cha' n' eil mòran, ma tha aon idir eile ann, a rinn a leithid de ghreim daingean teann air inntinnean nan Gàidheal agus a rinn bàrdachd UiUeim Rois. Tha 'aignidhean agus a bhàigh 's a charrannachd a' dearrsadh troimh gach ceathramh a rinn e, agus saoilidh sinn gu'm bheil sinn a,' faicinn a chruth grinn fèin a stàrachd mu'r coinneamh air uachdar gach òrain. Tha ar co-fhaireachadh a' sior dhol am mach d'a ionnsaigh 'n uair a tha esan a'

I

Uilleam Ros 127

dòrtadh am mach 'n ar làthair gach cneadh agus leòn a tha chridhe bochd a' faireachadh ; agus tha sinn mar sin a' gabhail ceum no dhà ann an turus an fhàsaich so còmhla ris, agus tha 'n comhluadar sin a' dèanamh misnich dhuinn, 'n uair a chuimh- nicheas sinn gu'n robh aige-san mòran de na cnapan- starra dh' fhaodas a bhi againn-ne troimh chuairt an fhàsaich. B'e Burns na Gàidhealtachd gun teagamh. Dh' fhàg e, coltach ri treabhaiche mòr Aoir, cuimhne chtibhraidh as a dhèidh do bhrìgh 's gu'n do ghleus e a chlàrsach dìreach a rèir 's mar a bha fhairichidhean aig an àm. Ma bha 'ghràdh mòr do chaileag àraidh, dh' innis e 's an òran sin gun Hdeadh a chleith : ma bha e faighinn sòlais ann an gloine de mhic-na- braiche, cha do chum e sin fo lùirich uainn, agus 'n uair a tha glòir obair nàduir mu'n cuairt da a' tarruing suas inntinn a dh' ionnsaigh Dhè, ùghdar na cruinne. nach do chuir e na fairichidhean sin ann an dubh 's an geal dhuinn-ne chum agus gu'm biodh sinn, gach uair a' leughas sinn na h-òrain so, le tlachd a' lean- tuinn gu dlùth 'n a chois-cheuman-san agus gathain sòlais a' ruigheachd air ar n-anam mar a tharmaich timchioll air fèin. Bha e fèin agus Burns a' faicinn sgèimh ann an uile chruthachadh Dhè, agus theagaisg an luaidh ghrinn a rinn iad air na nithean sin dhuinn- ne gu'm bheil e iomchuidh dhuinn a bhi sealltuinn le spèis agus buidheachas air uile chruthachadh Dhè, beag agus mòr, a chionn nach deachaidh aon ni a dhealbh an diomhanas.

Tha bàrdachd Uilleim Rois an còmhnuidh ann an rogha na cainnte. Tha gach facal 'n a àite fèin ; tha gach smuain anns a' chòmhdach is riomh-

128 An Ròsamach

aiche, air chor 's gu'm faic sinn dealbh ghrinn bhòidheach air uachdar gach ceathraimh. Chuidich a chuairtean troimh 'n Ghàidhealtachd e ann a bhi dèanamh so. Fhuair e mion-eòlas air GàidhHg gach srath agus gleann, agus thagh e as gach clachan smior nam briathran leis an robh e tarruing a dheilbh thaitnich. Cha robh deifir gu 'n seòrsa òrain a bha Ros a' cur an eagaibh a chèile. Chuir e 'n aon loinn orra uile, ach an dèidh sin 's 'na dhèidh, tha mi a' smaoineachadh gu'n toir a orain ghaoil bàrr-urraim air seorsa bàrdachd sam bith eile ris an do chuir e a làmh. Ann a bhi tighinn a dh' ionnsaigh a' cho-dhùnaidh so tha mi a' steidheachadh mo bharail air a' chuibhrionn sin de bhàrdachd a tha againn an diugh ann an clò. 'S ceart cho dòcha gu'n deachaidh na h-òrain a b' fheàrr a rinn e riamh air chall ann an tìr na di-chuimhne. Tha cuimhne mhaith agam fèiil air a bhi cluinntinn cuid de òrain air an seinn 'n uair a bha mi òg, agus cha'n fhaca mi riamh ann an leabhar iad, agus is bochd a' chùis sin. Tha " Feasgar Luain '' a' seasamh suas mar an neamhnaid as luachmhoire am measg òrain gaoil. B'e so feasgar Luan a dhunaich gun teagamh 'n uair a chòmhlaich e fèin agus Mòr a chreiche ann an talla- chiuil Steornabhaigh. Tha gach sreath anns an òran iongantach so làn de bhàigh agus àgh, agus bu bhreagha buannachdach an òraid a dh' fhaoidteadh chur ri chèile eadhon air an òran so 'n a aonar, ach ge is fìor sin tha rànn no dhà ann air nach fheum sinn gabhail seachad a chionn 's gu'm bheil cainnt a tha iongantach tlàth-ghuthach maiseach annta. 'N uair a chaidh e steach do'n talla 's a chunnaic e

Uilleam Ros 129

an còmhlan àigh, agus 'n am measg an bhuidhe bhàn a bhuair e, tha e 'g ràdh :

Chaidh mi steach an ceann na còisir,

An robh òl is ceol is danns' ;

Ribhinnean is fleasgaich òga,

'S iad an òrdugh grinn gun mheang ;

Dhearcas fa leth air na h-òighean,

Le rosg foil a null 's a nall,

'S ghlacadh mo chridhe *s mo shùil comhla,

'S rinn an gaol mo leon air ball.

Dhiuchd mar aingeal mu mo choinneamh, 'N ainnir òg bu ghrinne snuadh ; Seang shUos fallain air bhlàth canaich, No mar an eal' air a' chuan : Sùil ghorm mheallach, fo chaoil mhala, 'S caoin' a sheallas 'g amharc uath', Beul tlàth tairis gun ghnè smalain, Dha'n gnàth carrannachd gun uailL

Anns an rann a leanas tha e suimeadh suas ann an cainnt iongantach dhealbhach maise agus buadhan iia h-ainnir do'n tug e a chridhe :

*S bachlach, dualach, cas-bhuidh' cuachach,

Càradh suaineas gruaig do chinn,

Gu h-àluinn, bòidheach, fàinneach, òr-bhuidh',

An caraibh seòighn' 's an òrdugh grinn,

Gun chron a' fas riut a dh' fheudt' àireamh,

O do bhàrr gu sàil do bhuinn ;

Dhiuchd na buaidhean, òigh, mu'n cuairt duit,

Gu meudachdain t'uaill 's gach puing.

An dèidh an samhlachadh ri Bhenus, agus air dhà eòlas a thoirt dhuinn air an cinneadh as an deachaidh a buain, tha e 'g innse dhuinn anns an rann a leanas an staid bhrònach gus an tug an trom

h

130 An Ròsarnach

ghaol so e, agus gun choltas faireachaidh a rèir a bha air altrum dha-san leis a' mhaighdinn a bhuair e :

'S trom leam m' osna 's cruaidh leam m' fhortan, Gun ghleus socair 's mi gun sùnnt, 'S mi ri smaointinn air an aon rùn, A bhuin mo ghaol gun ghaol d' a chionn. Throm na Duìlean peanas dùbailt', Gu mis' umhlachadh air ball, Thàladh Cupid mi 's an dùsal, As na dhùisg mi brùite fann.

Ann am " Moladh na h-òighe Gàidhealaich," tha'm bàrd a' cur fo'r comhair deilbh iongantaich air mòrachd buadhan agus subhailcean ainnir na Gàidhlig, agus cha'n e mhàin gu'm bheil àiUeachd spèiseil fuaighte rithe fèin, ach tha i cur snas agus grinneis air gach cuspair de chruthachadh Dhè a tha mu'n cuairt ^ith, air chor agus 'n uair a dhearcas am bàrd le tlachd air an òigh mhaiseach so, chi e crodh agus caoraich agus na gobhair bailg-fhionn ann an sealladh na's maisiche na chunnaic e riamh. Tha " Cuachag nan Craobh " air ainmeachadh air UiUeam Ros anns an dàrna clò-bhualadh de Sàr Obair nam Bard, agus 's e beachd mòran gur e Ros a chuir an cumhna brònach sin ri chèile, ach thug ar seana charaid còir nach maireann, Eanruig Mac- iUebhàin {'' Fionn ") dhuinn solus ùr air ùghdar an òrain so. 'Nuair a bha e rannsachadh Leahhar- sgrìobhte Mhic Lathagain. (Maclaggan Gaehc MS.) a chuireadh an eagaibh a chèile bho chionn còrr agus ciad bHadhna, fhuair e '' Cuachag nan Craobh " sgrìobhte an sin, agus aig deireadh an òrain, bh^

Uilleam Ros 131

1764 air a sgrìobhadh gu grinn dòigheil. Rugadh Ros anns a' bhhadhna 1762, agus cha robh e mar sin ach bhUadhna dh' aois 'n uair a sgrìobhadh '' Cuachag nan Craobh " ann an co-chruinneachadh Mhic Lathagain. An dèidh sin 's gu lèir, faodaidh gu'n do rinn Ros òran eile air stèidh an fhir so, agus le dian ruith nan linntean còmhla ri iomraill aithris, 's dòcha gu'n deachaidh an dara h-aon a cholomadh am measg an fhir eile. Bha e 'n a chleachdadh glè chumanta aig bàird Ghàidhealach a bhi stèidheachadh an òrain air sèisd agus fonn feadhainn air an robh iad eòlach, agus mar sin 'n uair a bhitheadh an t-òran ùr sin air aithris 's an tigh-chèiHdh, bu thric a bhitheadh ceathranan de' n òran air an robh e air a stèidheadh am measg rainn an òrain ìiir, agus mar a b' fhaide shiubhladh e, 's ann bu truaillte bhitheadh e, gus mu dheireadh nach biodh e comasach eadar-dhealachadh a dhèanamh eatorra.

Bha Uilleam Ros ann an dlùth cho-chomunn ri Obair nàduir. Tha sin faicsinneach ann am '' Moladh na h-òigh Gàidhealaich " air an do bheachdaich sinn cheana, ach 's ann an '' Oran an t-samhraidh " a tha e toirt dhuinn boillsgeadh air an t-sùil mhion- aideach, mheasail agus ghlòirmhor leis am bheil e dearcadh air uile obair nàduir. Canaidh iad gu'n cuir bàrd dreach breagha no grànda air cuspair sam bith a rèir 's mar a dh' èireas e shuas air. Faodaidh sin a bhi fior ann an tomhas, ach cha b' urrainn do bhàrd sam bith na smuaintean àluinn a tha ann an " Oran an t-samhraidh " a chur air blàr mur a biodh e ann an sealbh air inntinn ghràsmhor chaomh, thruacanta a bha'n còmhnuidh beò ann an spiorad a'

132 An Ròsarnach

chomh-fhulangais agus na bàigh ri uile-obair Dhè air thalamh agus os a chionn. Bu choltach e ri Burns anns an dòigh so cuideachd. Cha robh an luchag bheag le h-àl a dhùisg esan suas le soc a' chroinn gun chuibhrionn de bhàigh fhaotainn, agus 's ann le dubhachas inntinn a dhearc e air an neoinean mhaoth a ghearradh sios ann am meadhon a latha. Tha na h-aon fheartan air am faicinn gu soilleir anns na ceathranan so de *' Oran an t-samhraidh " :

Tha Phoebus fèin, le lòchran àigh, Ag òradh àrd nam beanntaichean, 'S a' taomadh suas a ghathain tlàth, Cuir dreach air blàth nan gleanntanan ; Gach innseag 's gach coirean fraoich, A' tarruing faoilt na Bealltainn air ; Gach fireach, gach tulach, 's gach tom, Le foirm cur fuinn an t-samhraidh orr'.

Tha caoin is ciuin air muir is tìr,

Air machair mhìn 's air garbh-shleibhtean,

Tha cùirnean driuchd 'n a thùir air làr,

Ri àird 's ri àin na geala-ghrèine,

Bi' coiU is pòr is fraoch is feur,

Gach iasg, gach eun 's na h-ainmhidhean

Ri teachd gu'n gnàsalachd 's gu nòs,

'N an gnè 's 'n an dòigh 's an aimsir so.

Bha UiUeam Ros làn èibhinneachd agus spòrs, agus bu mhòr a dhèidh air ràbhartachd agus aighear, mar a chì sinn ann am " Moladh an uisge-bheatha." Anns an luinneag àbhachdach so tha e dèanamh iomraidh thaitnich air buaidhean an uisge-bheatha, mar a bha stuth glan na Tòisidheachd 'n a iocshlaint' airson gach galair, agus 'n a mheadhon air aighear a thoirt à dubhachas, ceol as a bhalbhan, agus

Uilleam Ros 133

seanachas as an t-socharach. Tha'n rann so leanas a' toirt a mach ann an smuaintean firinneach gach caochladh buaidh a bhiodh aig drama air cuspairean na cuideachd fa Jeth :

'S tu'n giir eibhinn, meanmnach, bòidheach, Chuireadh na caiUeachan gu bòiUch, Bheireadh seanachas as na h-òighean, Air ro-mhòid am bainndeachd.

Chuireadh tu uaiUs' anns a' bhà-laoch, Sparradh tu uaiU anns an arachd, Dh* fhàgadh tu cho suairc' fear dreamach, 'S nach biodh air' air dreanndan.

Tha aon bhuaidh air an òran eibhinn so agus is mòr e. Tha chainnt àbhachdach agus firinneach ach aig a* cheart àm bainnte modhail. 'S e dealbh ghrinn ghasda tha e toirt fo'r comhair, anns nach eil mi-bheus no anacainnt no drabasdachd. Tha'n còmhlan aighearach sunndach. Chuir an drama sùrd agus sùnnt 'n an aignidhean, agus tha neach a' seinn, neach eile 'g òraid, cailleach a' luaidh air euchdan a h-òige, le guth leth 'n a ghal agus leth eile 'n a ghàire, tha bodach a' sealltuinn mar a dhèanadh esan dannsa-chlaidheamh 'n uair a bha e òg sùbailte ; ann an aon fhacal tha gach aon air a òige ath-nuadh- achadh, agus tha rèite iomlan a' lionadh na fàrdaich.

Chan eil bàrd Gàidhealach a chuir rann riamh ri chèile a ghlac aire an t-sluaigh thall agus a bhos, cho mòr ri UiIIeam Ros. Cha'n ionghnadh leinn sin idir, agus mar is motha mheoraicheas sinn air a bhàrdachd 's ann as treasa tha na ceanglaichean sin annain a' fàs leis am bheil ar n-anam air shuaineadh gu dìomhair anns na smuaintean catharrannach a dh'

134 An Ròsarnach

fhàg e againn mar dhìleab. Labhair e bho a chridhe, sgrìobh e sios ann am briathran blàth na h-aignidhean iongantach sin a bha a chom a' tarmachadh, agus 'n uair a leughas sinn-ne iad, chì sinn cuid diubh gu soiUeir ann an sgàthan ar n-inntinnean fèin, agus is cinnteach leinn na'm biodh sinn ann an sealbh air fheartan agus a bhuadhan ann an tomhas na bu mhotha gu'm bitheamaid comasach air àird a chur air ar luach air an tiomnadh a dh' fhàg e againn. Bitheamaid gu tric a' dioghlum 's an achadh so, agus ma ni sinn sin, 's iomadh sguab throm a chruin- nicheas sinn a ni fàilt agus furan a chur oirnn ann an turus an fhàsaich.

Iain N. MacLeoid.

An Reult.

I.

Is bràithrean Tìm is Astar, fòs,

Neo-fharmadach 'an roinn na glòir

A bhuineas dhaibh mar dhùilean mòr

A chuir 'an crò nach urrainn dhuinn, 'S gur mòr an sòlas th'agam fèin Gu h-innleachdach bhi cur an cèill, 'Am sheòmar àrd, air mireadh theud

Am boiUsge leus a bhuineas dhaibh.

II.

Ged 's bòidheach dreach nan cròilean ta

Aig Astar Sìor air leth bho chàch,

'S na soluis mhòr 'nan uaigneachd stàid,

Cha'n eil an tràth so m' ùidh annta, 'S ann dh' iarrainn anns an fhonn 'bhi luaidh Air àiUeachd reult tromh Thìm a nuas Tha sealltuinn orm le aghaidh shuairc,

Na bith a fhuaras dùbailte.

III.

Air Dionisius, an triath

A dhìt gu bàs e, Dàmon dh'iarr

Cead thar nan cuant' gu thìr 'bhi triall

A chuir air rian a thigheadas, 'S i*n fhreagairt theòm' a chuirt 'na làimh ; " Sin faodaidh tu, gun mhionaid dàil, Ma gheibh thu a sheasas t-àilt',

Is nach bi sgàth roimh 'n ealaig air.'*

136 An Ròsarnach

IV.

Air aithris cian thar mon' is cuan

Siod Pintias, a charaid, chual,

'S 'thoirt 'mach an tùir a cheum bu luath

An cumhadh cruaidh gu ghleidheil dha 'S an diobrach thar an t-sàile shèol A* mealtuinn aoibhneas caoin an lò, Gun chaochladh mais', a dh' aindeoin fòirn,

'S a chrì gun ghò bu leis-san bha.

Aig Tighearn' reasgail Shyracuse, Ochòin irì ! gur beag 'bha dùil Gu'm pilleadh Dàmon thar a chùrs'

Gu*m biodh an ùine thairis air, 'S mar lupeter 'na thrusgan sròl Do*n daingneach thàinig esan 'S gu'm faiceadh e an d*a dheòin

A ghabh air dòruinn caraid dha.

VI.

Ach, feuch, 'an soiUse grinn na glòir 'Tha 'g iadhadh uim' a shiab na deòir Bho aghaidh a chridhe leòint',

'S ri thaobh 's an ròd thug sonas dha, Trom-dhùbhradh chì thu tabhairt buaidh Air aogas rìomhach fear na h-uaill, *An cùrsa 'shaoghail eòl nach d' fhuair

Air aoibhneas suaicheant' coimhearsnachd.

An Reult

137

VII.

"A Phintias," b'e so a ràdh, Fo ionghnadh mòr a' faicinn àdh 'Na ghruaidhean-san a shaoil e cràdh

Le ionga bàis 'bhi craobhachadh, *' A dhuine bhochd, nach d'fhuair de chèiil O'n rib fod' shùil na stiùir do cheum, Ach 'choisich innt', ri m' bhriathraibh èisd

'S gu'm faic thu meud do bhaothaltachd ;

VIII.

" Fear sheasas fhacal dhuit, na's mò, Cha'n fhaigh thu anns an t-saoghal mhòr Mur bi e 'chum a leas 's an

'S an iarrt' fa-dheòidh an dearbhadh air, Is tairbhe cas na h-ealtuinn thèid A thogail ann an deas-Iaimh 'n trèin, Mo bhreitheanas gu cur an cèiU,

'S i t'amhach fèin a shealbhaicheas."

IX.

" Mo Thighearna,'' b'i 'fhreagairt 'bha Gu corporra 's an t-slabhraidh 'n sàs, Ach ann an lasadh fiamh a ghàir',

A sheall gun làmh air anam 'bhi, " Na creidibh fèin, a dh'aindeoin ìod An leòmhan fhuair air fuil ar crì 'Na shealladh rùist gu'm feum a bhi

Na rùintean diomhair dh' fhalaicht' ann/*

138 An Ròsarnach

X.

'S gun chuimhn' bhi'n làthair iodhal thrèibh^ Le guth ro àrd an sonn do dh' èibh : "A charaid chaoimh, gur eòl dhomh fèin

An diugh fo bhrèid do bhìriinn 'bhi, Ach 'se mo dhùrachd leat nach tèid An toiseach ort gu'm bi an sgeul : '* 'S e Pintias, an t-urras, dh'eug

An àite Dàmon 'dhìteadh chaidh."

XI.

Nuair thàinig na casgairt, feuch,

Ghabh Pintias gu sgàlan ceum

Mar phrionsa mòr o'n nach robh sgeul

Aig neach air Dàmon fagus 'bhi, 'S na briathran so bho bhiUibh chual, Mar ghuth o neamh, le ionghnadh sluagh 'Bha còmhdachadh gach cnoc mu'n cuairt,

*S an cur 's an duan gur h-aighear leam

XII.

" Ho ! 'ghaothan ta aig clos 'n 'ur n-uaimh, Gun mhoille leigibh dhiobh 'ur suain Gu togail suas 'na shlèibht' an cuan

Theid thar nan stuadh 'nan ataireachd, A chum's nach tèid le fear mo chrì, Mar dh' iarradh leis spàirn gun chrìch, Gu gabhail àit' 'bhi 'teachd o thìr

Ach gus an ìoc mi 'n anail dha.**

An Reult 139

XIII.

'S a' tionndadh ris a churaidh dlùth Ris sheas 's an uair le claidheamh rùist' : "Am buille thoir gun dàil, a rùin,

Bheir mise 'null gu m' athraichean." Mu'n gann bha'm facal as a bheul Do dh' èirich glaodh nach b'ait leis fèin : *' Mòr-theachdaireachd ga cur an cèiU

A teachd 'na rèis tha marcaiche/'

XIV.

'Ruith eadar talamh cruaidh is neamh Mar dhealanach bha boillsg na steud, Mar thàirneanach bha toirm na h-èibh

A thogt' gu neamh g'a fàilteachadh. 'S am priobadh sùl mar o na neòil Sheas gaisgeach air an ùrlar-bhòrd, A' dearcadh air mu'n d' thuirt na slòigh :

*' 'S e'n treun a sheòl thar sàile 'th'ann."

XV.

'Na bhroiUeach Pintias, an sàr, Gu dlùth d'a chrì air pasgadh dha, 'S ga phògadh air na bilHbh blàth

'S e so a' mànran chual iad aig' : " Mòr-bhuidheachas gu'n robh do'n Na tonnan garg a leag a sìos, 'S thug dhomh-sa neart gu cosnadh tìr

Mu'n d' fhalbh an tìm 'thoirt fuasgladh dhuit."

140 An Ròsarnach

XVI.

"A chompanaich do'n tug mi gràdh, Neo-chaochlaideach mar stèidh nan àrd, 'S e bheireadh dhomh-sa lànachd àidh

'Bhi 'fulang bàs mar t-urradh-sa,*' Deir Pintias, " s mur gabh iad mi Mar t-iobairt-rèite, luaidh mo chrì, O mhealtuinn còmhla beannta sith

Aon uair cha bhi g'ar cumail-ne/'

XVII.

Làn-aoibhneach anns a' ghràdh d'a chèir, A thug gu bàs na gaisgich threun, Bho charbad òir am breitheamh leum

Gun sròl am feum fo bhonnan 'bhi, Is air na rongan 'dhìreadh dha, Le caidreamh caoin a chur orr' fàilt', Do ghabh e iad gach fear air làimh

'S a chòmhradh bha mar so riutha :

XVIII.

'' A dhaoine grinn, air son a* ghràidh Thug sibh d'a chèir, *toirt buaidh air bàs, 'S le clann a chiùil 'an iomadh dàn,

Gu latha bràth air innseadh 'bhios, Tha mi 'toirt saorsa dhuibh o'n eug 'Bha 'g itealaich mu'r cinn mar eun, 'S Hoirt àite dhuibh a measg nan treun

Mu m' chathair fèin 'bhios rìomhach leam.'*

An Reult

141

XIX.

Aig cluinntinn briathra caoin an trèith, A b'aoibhneach leo, na slòigh thog èibh An àirde bhuannaich crò nan neamh,

Is thar di chè mar choron chaidh : " Biodh beo gu sìor na gaisgich threun, 'S 'nan cuibhrionn sòlas biodh gach 'An daingeannachd an gràidh d'a chèir

A measg nan dèathan choisinn 'bhi/'

XX.

Tha'n deò so, fòs, gun chaochladh snuadh

A' dealradh geal is buidhe 's uain',

Mar thullaich anns an fhàsaich chruaidh

A sgaoileas buan a lannaireachd, Is uim' an can luchd-turuis sgith Ri chèil : Nach àiUidh dreach an ì A chì sinn 'g èirigh suas air driom

Nan cuanta sìor-gheal gaineamh so."

XXI.

'Am shHghean air a chruinne-cè

Thar h-uile is àilUdh leus

Gu ceangal rith' gu diongalt' m'fheum

'S e so an reult a roighnich mi, 'S gu tabhairt buaidh dhomh anns gach strì, Am falach ann an grunnd mo chrì, Tha agam neart nach innis mi

Nuair sheallas i gu caoimhneil orm.

DOMHNULL MacCaLUIM.

lonad Eolais-Nadurra am Beartachadh an Anma.

lOD e an ni an fheallsanachd ? Is iomadh freagairt bhrìoghmhor sholusach a fhuair a' cheist chudthromach so roimh so. Anns a' chainnt Ghrèugaich, tha am focal a chleachd iad a' ciallachadh *' gaoil air gliocas/' agus bha " Am Feallsair " (Aristotle), de'n bheachd gur e an fheallsanachd *' ealain nan ceud-aobhar agus nam prìomh- phrionsapal/' A rèir Platoin, tha chuspair sònraichte gu bhi daonnan aig an fheallsanachd san amharc, a' cheud fhear, gu bhi a' treorachadh dhaoine gu blìi a' gabhail beachd air Dia, agus an dara fear, gu bhi a' fuasgladh an anma o chuibhrichean nan ceudfhathan. Anns na Unntean meadhonach, b'e Sapientia am focal fo 'm bu trice bhiodh an ealain so a' dol ; agus is ann mar so a bha Alcuin (a bhuineadh do'n noitheamh linn), ga riochdachadh ann am briathran beòil : Naturam in- quisitio, rerum humanarum divinarumque cognitio quantum homini possibile est aestimare. " Is ionann am fìor chràbhadh agus an fheallsanachd,'' ars lain Sgottach as an Dùn an Eirinn, *' agus air an aobhar sin is amhuil an fhìor fheallsanachd agus an cràbh- adh *\ Barail eile car coltach ris an so a leig lain Sgottach seachad b'e sin am beachd a bha aig Plotinus, a thuirt gur ionnan an ni a dh'ainmich

lonad EolaiS' Nàdurra am Beartachadh an Anma 143

mi, agus gur e an cuspair is àirde a th'aca le chèile san amharc an t-anam a tharruing an co-aonadh ri Dia. Anns a' cho-chruinneadh ainmeil a chuir Nh. Augustin ri chèile, faicear gur e Dia is teas-meadhon agus is lùdan d'a theagasg air fad, agus gur e am beachd a bha leis gu'm bu chòir an fheallsanachd uile a shuidheachadh 's a stèidheachadh air an fhìrinn sin. cho tràth sa chaidh roinn a dhèanamh air an fheallsanachd, mar ghnè no meoir ealaine, chan eil fios cinnteach againn ; ach, co dhiu, sud mar a thachair di. Chaidh a h-eadar-dhealachadh 'na tri earrannan air leth. Tha a' cheud roinn a rinneadh oirre a' co-sheasamh air tomhas tìme tha sìneadh eadar teachd an t-sèathamh Hnn R.C. agus an t-sèathamh Hnn B. T. Theirear gu coitchionn '' Linn nan Grèu- gach agus nan Ròmanach " ris an t-seal so. Is iad Pherecydes agus Thales a thug toiseachadh di ; ach feumar amharc air Platon mar an inntinn bu mhò a ghin ise riamh. Tha ar dara roinn a' co-sheasamh air na bUadhnachan eadar àm sgriosaidh ìmpireachd nan Ròmanach (no goirid 'na dhèidh sin), agus tighinn a steach an Ath- bheothachaidh Eadailtich anns a' chòigeamh-Unn- deug. Mar is ion fiughair a bhi, 's e so an linn a bu bhochda agus a bu neo-thoraiche a dh' fhiosraich an fheallsanachd riamh. Tha an roinn mu dheireadh air an iomchuidh duinn iomradh a dhèanamh a' sìneadh eadar tighinn a steach an Ath-bheothachaidh agus ar làithean fèin. Bidh rud-èiginn feumail agam a ràdh mu gach aon fa leth de na mòr roinnean so a rinneadh air eachdraidh na feallsanachd ; ach, mu timchioU air an dara a dh' ainmich mi, chan eil e am

144 An Ròsarnach

fiachaibh orm mòran a chur an cèiU, a cheann, mar is maith a thuigeas a h-uile neach, chan eil ach fior bheagan is fiach a dh'innseadh mu'n chùis sin.

Is i an Eiphit, agus an t-àird-an-ear gu coit- chionn, air an còir duinn amharc mar mhàth- air-aobhar agus mar fhuran na feallsanachd air fad. Mar is ion fiughair a bhi, chì sinn, ma thèid againn air ais-shealladh a ghabhail air each- draidh nan dùthchannan ud, gu'n robh druidheachd, agus saobh-chreidheamh de gach seorsa air am fiUte-staigh gu ro phailt anns a' chuid bu mhò de'n fheallsanachd a ghabh sgriob a dh'ionnsaigh na Roinn-Eòrpa as an àird-an-ear. Bha na droch chomharraidhean so a bha an ealain a' giùlan ga truailleadh 's ga baotharachadh air fad. Bu chleachdadh leis na seana Ghrèugaich turus a ghabhail o àm gu àm gus na sgoiltean Eiphiteach, gus gu'm biodh iad ag ionnsachadh o na maigh- stirean a bha air ceann nan ionadan-oilein sin na bha na h-ollamhan choimheach a' smuaineachadh agus a' reusonachadh mu rudan àrda spioradail. Comharr- aichte is mar a bha na seana Ghrèugaich* air son iomadh sàr-bhuaidhe eadar inntinn agus colann, cha robh fear am measg na cuideachd ainmeil ud a thug bàrr air Platon as leth cumhachd a inntinne agus doimhne agus farsaingeachd a eolais. Dh' èisd Platon gu beachdail faicilleach ri teagasg Chratyluis (aon de na sgoilearan a b'iomraitiche aig HeracUtus), agus chuir e air bonn ri Archytas co-sgrìobhadh tlàth caidreach, a mhair fad mhòran bhhadhnachan.

* " The old Greeks stood some grades higher in intellect than any race that has ever existed." Darwin : Desccnt o/Man.

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 145

Chan eil teagamh nach d'thug an turus so a rinn Platon do'n Eiphit buaidh làidir air an teagasg aige, agus, troimh sin, air eachdraidh na feallsanachd gu h-iomlan ; is gur e sud tachartas a rinn drùdhadh mòr domhain air an inntinn aige.

An uair a thuit an ìmpireachd thuit a dh'aon àm san Roinn-Eòrpa gach gnè fhòghluim agus uas-oilein leis an robh i air a chomharrachadh am mach cho ro ghrinn pailt roimh sud. Is fior an ni nach b'urrainn do na borbaich a bhruchd a steach 'nam miltean do'n ìmpireachd à taobh tuath na h-Eòrpa Baile-Chonstantin a thoirt am mach, agus, do bhrìgh sin, dh' fhairtUch gu buileach orra lòchran lìomhaidh an fhòghluim agus a' chàllachaidh a chur as da anns na ceàrnan sin de'n Chriosdachd nach b'urrainn daibh a thoirt fo cheannsal aca san tomhas sin air an robh iad an geall. Ach, a thaobh na còrr de thìr-mhòir na h-Eòrpa aig an àm ud, se a thachair gu'n do theirinn oirre, air tàille ionnsaighean garbha agus chreachan gun chiall nam borbach neo- chearmanta, dallabhrat tiugh an fhìor aineolais agus na dearbh allabharrachd.*

* An dèidh do na h-Iaraich sealbh fhaighinn air Baile- Chonstantin anns a' bhUadhna 1010, cha robh ni a b'iongantaiche leo fhaicinn na mùirn agus boluntas anabarrach a' bhaile rìomhaich sin. " There are extant several contemporary authors, both among the Greeks and Latins, who were witnesses of this singular congress of people, formerly strangers, in a great measure, to each other. . . . When the Greeks speak of the Franks (na h-Iaraich) they describe them as barbarians fierce, illiterate, impetuous, and savage. They assume a tone of superiority, as a more polished people, acquainted with the arts both of govem- ment and of elegance, of which the other was ignorant." Air an làimh eile, bu mhòr an drùdhadh a rinn beartas agus sòghal-

146 An Ròsarnach

B' ann mu dheireadh a' chòigeamh-linn-deug a theann na cnàmhan tiorma ri dol fo ghluasad, agu-s ri tighinn ri chèile, aon uair eile san Roinn-Eòrpa. Coma co dhiu, sud mar a thachair anns na ceàman sin de'n Chriosdachd a thug cho iomadh bhadhna chruaidh fhada fo riaghladh mi-chneasta an-aoibhinn nam borbach Teutonach. B'ann le ceum mall, lan sòraidh agus ag, a thòisich an gluasad cubhaidh so ri tighinn an làthair, agus ri a bhuaidh ghreadhnach bhàidheil a sgaoileadh am fad 's am fagus air feadh na h-Eòrpa; ach, a lion beag is beag, fhuair an gluasad foghainteach so dha fèin gach comas agus cumhachd a bha riatanach dha chum buadhachadh, ionnus gu'n do ruig e fa dheoidh air cor agus inbhe nach robh a choimeas riamh ann roimhe, ma leigear am mach à cunntadh Unn òrach brìoghmhor an t-sean

achd na h-àird-an-ear air cridhe is inntinn nan coimheach borba. " ' O what a vast city is Constantinople ! ' exclaims Fulcherius Carnotensis, when he first beheld it, * and how beau- tiful ! How many monasteries are there in it, and how many palaces built with wonderful art ! How many manufactures are there in the city amazing to behold ! It would be astonishing to relate how it abounds with all good things, with gold, silver, and stuffs of various kinds, for every hour ships arrive in its port laden with all thingsnecessary for theuseof man.' . . . From these undisguised representations . . . it is evident that to the Greeks, the Crusaders appeared to be a race of rude, unpohshed barbarians ; whereas the latter how much soever they might co- temn the unwarhke character of the former, could not help re- garding them as far superior to themselves in elegance and arts." History of the Emperor Charles V., le UiUeam MacDhonnach- aidh, 1.1, t-d 293 et seq. Is gann a ruigear a leas a ràdh gu'n deachaidh gach ni dheth so as an robh na Grèugaich a' cur uiread uaill agus spèis a bhuntainn bhuapa an uair a thug na Turcaich Baile-Chonstantin am mach anns a' bhliadhna 1413,

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 147

oilein Ghrèugaich agus Ròmanaich. Mar cheann- sguir do'n mheòir so de mo chuspair, faodaidh mi a ràdh nach robh an fheallsanachd gun a cuid dhHtheil fèin de mhodh agus de mheas anns an ais-èirigh Htreachais a thachair air tàille an Ath-bheothach- aidh Eadailtich, agus gur ann mu'n àm cheudna a fliuair i an tùs an coltas agus an dealbh sin a tha i caitheamh an ceartuair.

An nis m.a thèid againn air aoradh agus co-shuidh- eachadh na feallsanachd gu h-iomlan a sgrùdadh rud beag, chì sinn gu'm bheil an t-ealain sin buaiUteach gu bhi air a roinn 'na earrann air leth.* Ris a' cheud roinn, theirear am bitheantas " Nàdur-eolas," agus 's e an t-ainm a thatar a' cleachdadh fa chomh- air na roinn eile de'n ealain cheudna " Anam-eolas" no, an roghainn air an sin, ''A' Phrìomh-fheall- sanachd.'' Agus o'n is e so cùis a tha air leth cudth- romach agus airidh air ar dluth n-aire fhaighinn, gu h-àraid an ceanna-coinneamh ris na tha mi a' bràth a sgrìobhadh m'a deidhinn 'na dhèidh so, tha mi a' cur romham beagan bhriathran a ràdh mu thimchioll gach fir air leth de'n earrann a dh'ainmich mi.

Is beag aire agus feart (làimh ris an t-saothair 's an dìcheall a chaidh a chuir anns na linntean deireannach so), a thug na seann sgoiltean do'n phrìomh-fheallsanachd. B'e am beachd a bha aig Thales gur e uisge ceann-aobhar a' chruinne- chè. Leis-san a' bharail, cuideachd, gu'n robh stuth gun ghluasad, agus corporrachd do-bhàsmhor ; agus, os bàrr sin, shaoil leis gu'n robh tuigse aice. Bha e air a leannail anns na beachdan

* 'S e Platon a' cheud fhear a rinn an roinn so.

148 An Ròsarnach

so le iomadh Grèugach ainmeil eile ; ach is ann a bha cuid nach beag dhiubh nach robh idir de'n aona bharail ri Thales, mar a bha Anaximenes, a choimhid air an aileadh mar fhìor mhàthair- aobhar a h-uile seorsa ni nàdurra leis am bheil sinn air ar cuartachadh anns an t-saoghal lèirsinneach ; Archelaus, a thug an t-urram agus am prìomh-àite sin do'n aileadh, is e air fhaotainn gu bhi 'na uisge ; na Stoicich, a bhiodh ag amharc air an uisge, is e air a thanachadh gu aileadh, mar cheud-aobhar tuigseach gach ni talmhaidh ; agus mòran eile nach ruig mi a leas ainmeachadh an so. Ach, an dèidh so is gu lèir, is coltach an rud gur e Democritus am f eallsanach is meas agus muinghinn air an tig luaidh no smuaineachadh anns a' char so. Rinn esan euchd nach do rinn f ear sam bith eile de na feallsanaich Grèugaich a thàinig thun an t-saoghail air thoiseach air ; agus, air an aobhar sin, feumar coimhead air mar dhuine air leth ann an seadh gu ro àraid. Thug Democritus a bheatha uile seachad ann a bhi a' cur dèachainnean air ghleus, ni a rinneadh leis a chum is gu'n rachadh aige air an eolas a bha aige air nàdur a chur am f arsaingeachd agus am meud, agus aithne na b'fheàrr na bha aige an tùs a chur air aorabh agus nàdur nan iomadh stuth. Chan e, gu dearbh, gu'n robh Democritus e fèin aon chuid tàireil no dearmadach air gluasadan an anma. ach, a dh'aindeoin sin, bu docha leis gu mòr rùn- dìomhair nàduir a cheisteachadh sa rannsachadh na bhi a' tilgeil an cèiU bharalaichean agus bheachdan mu ghluasadan is mu shuidheachadh an anma. Bha, gun teagamh, am beachd fèin aig Thales agus

lonad EolaiS' Nàdurra am Beartachadh an Anma 149

Anaximenes (amhuil mar a bha chùis a thaobh na còrr de'n chuideachd ud), mu nàdur an anma, agus ceann-aobhar agus ceann-ùidhe spioradail a chuid ghluasadan uile. Bh' annta-san, creidmhich an iomadh dia (coma co dhiu sin mar a bhiodh a' chuid bu phailte dhiubh gan riochdachdadh fèin mar is trice), agus faodar a ràdh gur ann dìreach a rèir aigneadh agus nàdur na h-aidhmeil sin a bha cruth agus càil nan smuaintean a bhiodh iad a' cur an cèiU mu dhleasnais an duine, agus meud agus nàdur nan ceangaltas moralta leis am bheil sinn air ar fasdadh r'ar pàrantan, r'ar cloinn, r'ar nàbaidhean, r'ar dùthaich, cho maith ris a' chuideachd-daonna air fad. Mar so, b'ann domhlaichte le cruthan neonach, agus le samhlaichean faoin mùsuinneach, nach robh an leithidean r'am faicinn an taobh am mach de na sgoiltean Eiphiteach, a bha an saoghal mi-dhealbhach neo-lèirsinneach anns an robh Pythagoras, Anaxagoras, agus iomadh fear eile de na feallsanaich Ghrèugach a' làn-chreidsinn. Ach faoin agus saobh-chreideasach thar tomhas ge a bha na feallsanaich so ann an iomadh dòigh, gidheadh bha aon de'n triùir a dh* ainmich mi 'na mheadhon foghainteach air urram agus ionad gu sònraichte àrd a leigeadh do'n Nous (se sin a' Phrìomh-inntinn, no an Tì-is-Airde), anns an rian-creidimh ris an do lean iad. Agus sin againn gnìomh no tìirn smuaineachaidh nach robh aon chuid beag no suarach.

Dh'fhan cùisean anns an t-suidheachadh so an t-anam-eolas, no a' phrìomh-f heallsanachd, daonnan fo bhuaidh aig a' mheòir eile de'n aona ealain gus an d'thàinig Socrates thun an t-saoghail, agus a theann

150 An Ròsarnach

e ri a theachdaireachd fèin a Uubhairt seachad. Chan fhaodar a ràdh mu'n duine mhòr sin na tha cead againn a chur as leth cho iomadh fear eile a bha, sa tha, gabhail orra fèin a bhi 'nan luchd-iùil agus 'nan luchd-sgaoiUdh soUuis duinn. Cha robh Socrates co dhiu de'n chuideachd fhachanta ud mu am faodamaid a ràdh gu'm bheil gach fear de an seorsa

" Mar chuilein coin air fead do fhear na sprèidh "

Is esan nach robh. An àite a bhi gabhail gu

taingeil toileach ris gach focla agus dearbhan ach

beag a chaidh a mholadh dha mar ni bu chòir dha

a chreidsinn ann gun cheist a chur orra, b'e

an dòigh agus an seol abhiodh esan a' cleachdadh na

nithean sin a cheisteachadh agus a dh' fhidreachadh gu

ro mhean cùramach anns an t-soUus a chaidh a

thilgeil orra le a thuigse mhòir chumhachdaich fèin.

Thatar ag ràdh gu'n do rinn e suas uair le cuid de

na deisciobuill aig Anaxagoras. Dh' èisd e gu modhail

faiceallach ris na bhiodh aca-san ri ràdh mu'n

fheallsanachd ; ach, air dha cluinntinn na bha aig

na daoine so ri chur an cèiU, agus am fios sin a chur

fo sgrudadh agus dhèachainn a thuigse làidir fèin,

's e a thachair gu'n do mhothaich e gu grad

nach robh gabhail ris gu bhi ann, cho fad co dhiu

sa bha esan air a ghabhail a staigh. B'e an cion co-

chordaidh comharraichte so a dh'fhairich Socrates a

bhi cur sgaraidh bunailtich eadar teagasg Anaxagorais

agus a dhòigh fèin air a bhi ag amharc air an ealain air

an robh iad le chèile an tòir a bu mhathair-aobhair do'n

rud gu'n do chuir e fa dheoidh cùl buileach ri teagasg

Anaxagorais, is gu'n do shin se e fèin air anam-eolas,

no a' phrìomh-fheallsanachd, an roghainn air an sin.

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 151

Mar an ceudna, thachair gu'n robh anns an dealach- adh so a rinneadh eadar an dithis ainmeil tuiUeadh is na b* fhios, theagamh, aon chuid do Shocrates no Anaxagoras iad fèin. A dh' aon ni dheth, bha an dealachadh a thuirt mi 'na aobhar làidir air mùthadh mòr a bhi tighinn an làthair, leis an d' fhuair nàdur- eolas a bhi cuidhichte 's a' phrìomh-fheallsanachd ; agus riamh o'n àm sin am mach tha a rathad is a sheol freagarrach fèin gu bhi air an leigeil do'n mheòir so air leth de'n aona ealain.

B'e aon de na baraileachan a bha aig Cicero, an Ròmanach òirbheartach aig an robh gaol cho mòr air fòghlum agus uas-oilean nan sean Ghrèugaich, gur ann mar is àirde a thogar an inntinn, agus a dh'èireas cuspair ar sumaintean, is ann is fheàrr ; agus f aodar a ràdh gur ann dìreach a rèir spiorad agus aigneadh na comhairle thug e a bha nàdur agus càil na gnè fheallsanachd air an robh Platon 'na ùghdar. Chuir e cùl gu buileach ri nàdur-eolas, ag ràdh nach robh ann air fad ach meur ealaine gu ro ghann cuimte 'na gnè, agus, fòs, a bha tur air ^ atharrach dreach ris an t-seorsa a bha cho mòr ionmhuinn leis fèin. Chum e mach, cuideachd, nach b'iomchuidh an ni dùil a bhi ri co-thriall a bhi ann ach a dòigh agus a rathad freagarrach fèin a bhi air an leigeadh do gach aon fa leth de'n mhòir so de'n aona ealain. Tha an roinn so a rinn Platon air an fheall- sanachd, no, air a' chuid is lugha dheth, a chuidich e gu mòr gu a tharruing an làthair agus gu a suideachadh ; tha mi ag ràdh gu'm bheil an roinn so air an fheall- sanachd a rinneadh ri linn Phlatoin cho feumail stàmhor anns gach dòigh agus nach fhuilear dhomh

152 An Ròsarnach

beagan bhriathran a chur an cèiU air na bha Platon a' creidsinn agus a'teagasg an rathad na feallsanachd. Air tùs, mata, ar le Platon gur ann o cheàrn no aobhar neamhaidh air seors-èiginn a bhios an inntinn no an t-anam a' sruthadh am mach thun an duine,* agus, air do'n duine bàs fhaighinn, gur èiginn do'n anam tiUeadh san uair do'n cheart cheàrn sin as an do shruth e mach an ttis, 's e sin, a rèir teagasg Phlatoin, anam a' chruinne-chè, oir b'e creidmheach-an-iomadh-dia a bh'ann. A rèir Platoin, cuideachd, tha tri seorsa anaman ann (1) am fior anam, (2) an t-anam a ghabhas leigheas no teasraiginn, agus (3) an t-anam nach toir aon chuid dhiubh sin, ach a tha builteach o'n t-sìorruidheachd do bhàs bith-bhuan. Shaoil le Platon, fòs, gu'm feum an t-anam rud-èiginn de smal fhaighinn dha fèin an àm dha bhi siubhal troimh 'n fhailmhe o'n cheàrn neamhaidh as an do dheachdadh e an tùs a dh' ibnnsaigh a dhachaidh daonna ann an colann an duine ; ach gu'n robh an smal no a' mheang so a bhiodh a' truaiUeadh agus a' lagachadh an anama buailteach gu bhi air a shiapadh air falbh is air a dubhadh as leis an t-anam e fèin. A chum na crìche sin, feumaidh an t-anam chomhnuidh a ghabhail an caochladh cholannan air leth, e a bhi gam beo- fhiosrachadh is gan gluasad le a làthair-san aon an dèidh aoin.

An nis, b'e aon de na buil a bha an cois creidimh- nan-iomadh-dia gu'm b' fheudar do'n aidmheilear an fhailmhe neamhaidh a dh' àiteachadh 's a dhomh- lachadh le àireamh gun chunntas de fho-dhiathan, spioradan, eadar-mheadhonaidhean neo-fhaicsin- * 'Na bheachd-san b'ionann an ni.

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 153

neach, agus an leithidean sin de chruthan agus de dhealbhan neo-thalamhaidh do-bheantuinn. Se an dleasnas bu mhò a chaidh a chur an earbsa ris a' chuideachd neo-chorporrach so iad a bhi 'nam meadhon spioradail air co-comunn is co-sheanachas a chur air bonn eadar a' cheud-aobhar tuigseach (se sin spiorad mòr a' chruinne-chè), agus an duine no an t-anam, a thàinig a nuas as an fhlaitheas gus e a dh' fhiosrachadh a thuruis ghoirid troimh an t-saoghal so. Agus an dlùth cho-chordadh ris a' chreideamh so a bha Platon a' cur ùidh ann, bhatar a' creidsinn gu làidir gu'n robh saoghal mòr nan tograidhean agus nan àrdsmuaintean a' cheart cho riochdail dealbhach a thaobh nàdur agus co-shuidheachadh nan nithean a tha ga àiteachadh sa tha gach cuspair agus culaidh talmh- aidh a bhios ar ceudfathan corporra fèin 'nam meadhon air a bhi gan cur air shìiilean duinn.

Uime sin, b'e am beachd a sheas Platon agus an sgoil òirbheirteach a chuir e air bonn, gu'm bheil na h-as-tharruingean a bhios ar n-inntinnean a' cruth- achadh agus a'dealbhadh daibh fèin, an àm duinn dol f o ghleus a chum meorachadh a dhèanamh air buadhan inntinn is anam an duine ; bha Platon agus a dheisciobuill de'n bharail gu'm bheil na rudan so, còmhla ris gach culaidh nàdurra a tha r'am faicinn mu'n cuairt duinn, a' cheart cho riochdail dealbhach ris a' chruinne fèin. Anns dJ Phaedo ainmeil aige, 's e an t-earail agus a' chomhairle a tha Platon daonnan a' toirt seachad, gu'm feum an duine ('s e sin an t-anam), a bhi do ghnàth a' stri ri fhaiginn air a bhi cuidhichte 's a' cholann, agus gu'm feum e èirigh suas, ceum air cheum, o ghrunnd iosal nan ceudfhathan

154 An Ròsarnach

agus nam buadhan corporra a dh* ionnsaigh na h-àrd-cheàrna ion-mhiannaichte sin anns am bheil an Tuigse gun smal gun cheann a' sior-ghabhail tàmh. Aon uair is gu'n rachadh aig an duine air an àrd-as- tharruing so a chur seachad mar is còir, an sin dh' fheumar bunait a dhèanamh do'n reuson as gach sàr- bheachd agus àrd-smuain air an tig dealbhadh is rioch- dachadh fhad sa bhios an t-anam anns an tuineadh gun choimeas sin ; agus a' bhunait a fhuair an t-anam dha fèin mar so feumar a chur gu deagh fheum air sheol is gu'm biodh co-chomunn agus co-sheanachas tlàth gun stad gan cur air bonn eadar an àrd-spiorad (ceud- aobhar tuigseach a' chruinne-chè) agus prìomh-toradh uasal a mhòralachd agus a chumhachd-san, 's e sin an t-anam. Is ann le fèin-àicheadh ; ceannsachadh nan ana-miannan anns na gluasadan is lugha ; gabhail traisg gu tric ; beò-smuaineachadh agus sior-mheorachadh nan cuspairean inntinn is àirde dreach agus brìgh ; leanail gu dlùth ris na comhairlean a bu ghhce a chaidh riamh a dhealbhadh chum cobhair a thoirt do'n urra sin leis am maith a anam a shnàmh gu teann ri Dia, agus gnàthaichean eile spioradail mar iad sin; so againn, a rèir Platoin, cuid de na meadhonan air an èiginn duinn f eum a dhèanamh, ma's àill leinn ar n-ana- miannan a chlaoidh mar is còir, agus, tre sin, dol air ar n-aghaidh gus ruigsinn air an ionaid ait sin far am bheii an tasgadh air ar son tàmh gun chrìch maiUe ri seanachas bith-bhuan eadar ar n-anam fèin agus ceann-aobhar neo-bhàsmhor a h-uile seorsa sonais agus gUocais. Mar sin, faicear gu'n robh Platon de'n bheachd gur ionnan an duine (no co dhiu anam an duine), agus cruitheir uile-chumhachdach a h-uile

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 155

ni ; is gur e brìgh uile an teagaisg a thug e gu'm faodadh an t-anam e fèin a thogail an àrd cho fada os ceann ghnothaichean corporrach ar saoghail-ne is gu'm faodadh e fa dheoidh e fèin a dh' ath-cheangail ri Dia, agus, tre sin, a bhi 'na cho-chompairtiche maille ris air foirbh- eachd gun tùs gun cheann Ughdar ioll-mhiannaichte a h-uile neach agus ni. Is lèir an gnothach, mata, gu'm bheil a bhi tagradh as leth a leithid sin de cho- ionnanachd ionnan agus a bhi a' cantuinn nach urrainn rud sam bith èis no grabadh air bith a chur air anam sam bith leis am maith snàmh gu teann ri Dia, ach a mhàin na ceangailean is na cuibhrichean cor- porrach leis am bheil e air fhasdadh gu teann ris a* cholainn.

Thachair gu'n robh an tìm anns an do theann Platon ri teagasg anabarrach freagarrach d'a leithid sin de shearmonachadh. Bha an saoghal càiUichte aig an àm ud seachd sgith de 'n bhaothaireachd àna-bheusach is de'n phràcais baoiseach leis an robh an sean chreidheamh pàganach ludaichte, is air a thruaiUeadh air fad. Air an aobhar sin, chan ionghnaidh ged a chaidh gabhail gu fuathasach ris an teagasg ùr, a dh'èirich mar so o neart gu neart, gus mu dheireadh gu'n robh a chuid dheisciobuil cho Uonmhor ach beag ri gainmhich na tràgha. Aon de na bhuil bu mhò a bha sruthadh am mach o'n tionndaidh mhòr so a rinneadh air cridhe is inntinn dhaoine, b'e sin gu'n deachaidh an dealachadh a rinneadh eadar a' phrìomh- fheaUsanachd air an dara taobh agus eolas-nàduir air an taobh eile a dhaingneachadh 's a mheudachadh mar nach b'olc, leis cho cinnteach sa bha '' am Maighstir ''

156 An Ròsarnach

e fèin gu'n robh an t-eadar-sgàradh sin ceart agus goir- easach anns gach dòigh. Os bàrr so uile, bu leoir an eisimpleir a thug Platon seachad gus seol tur ùr a thoirt do sgoil is fhòghlum, agus an tòir air uas- oilean (tòir e sin, faodaidh mi a ràdh, a chaidh a chur air bonn linntean mu'n do rugadh esan), a stiùradh a dh' ionnsaigh chrìochan agus chuspairean nach robh aige san amharc riamh roimhe, agus nach deachaidh riamh a rèiteachadh mar bu chòir, gus an d'thàinig Platon thun an t-saoghail, agus a thug e treun oidhirp air na cùisean so uile a chur fo rian stèidheil seasrach agus air deadh riaghailt. An cruth agus an dealbh sònruichte sin a leig Platon air a h-uile seorsa iarraidh agus rannsachaidh a tha an crochadh ris an anam agus a chuid bhuadhan, bhuainich iad sin cha mhòr gun mhùthadh gun atharrachadh sam bith o'n àm ud eadhon gus an 'n diugh.

Se foileadh gu sònruichte maith a bh* ann do'n fheallsanachd air an robh Platon 'na ùghdar, agus aon uair is gu'n robh i air tighinn gu inbhe agus modh àrd urramach cha robh ann ach ise iomadh hnn 'na dhèidh sud. Co dhiu, tha so fìor cho fad sa bha na sgoiltean agus daoine fòghluimte gu coitchionn air an gabhail a staigh. Mar a thuirt mi cheana, chaidh fàilt is furan a chur air an fheallsanachd aig Platon air gach taobh, agus, air do'n mhaighstir bàs fhaighinn, se a bhi ga leanail 'na lorg cho dluth dileas sa ghabhadh cur an gnìomh an dleas a b'àirde a bhiodh an fheadhainn a thàinig 'na dhèidh a' smuaineachadh gu'm b'urrainn iad a chur seachad. Ach, cho luath sa theann an creidheam Criosdail ri greim daingean a chosnadh air cridhe

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 157

is inntinn mhic-an-duine, an sin chunnacas gu soiUeir nach robh an t-seorsa f eallsanachd air an robh Platon 'na ùghdar (fiùmhor agus cuideachail mar a bha i sin an iomadh dòigh), freagarrach na's tuiUeadh do'n t-saoghal ùr a bha a'cinntinn suas. A rèir coltais, is iad pàganaich air an do rinn a' Chriosdachd rud-èiginn de dhrùdhadh mar bha a bh' anns an fheadhainn a chuir air bonn an tùs gluasad a bha ri iomadh atharra- chadh mòr domhain ris nach robh sùil no dùil aig neach a thoirt mu'n cuairt ; ach cha b'fhada 'na dhèidh sin mu'n robh na pàganaich fiùmhora so air an leanail le àireamh bheag de fhìor Chriosdaidhean, is iad uile fada an geall air na prìomh-bheachdan a leig Platon seachad a tharruing an co-chòrdadh ri spiorad agus bun-stèidhean a' chreidhimh Chriosdail. De'n bhuidhinn leth-phàganach leth-Chriosdaidh so, feumar sealltuinn air Plotinus, agus a dheisciobul ainmeil, Porphyry, mar dhaoine nach robh an coimeas furasda ri fhaotainn aon chuid 'nan Hnn fèin no fada 'na dhèidh sin. Chuir an dithis òirbheartach so saothair mhòr gus teagasg Phlatoin a dh' ath-dhealbhadh 's a rèiteachadh, a chum is gu'm f aodadh co-fhreagarrachd is co-chòrdadh coimhhonta a bhi ann eadar na bhiodh na sgoiltean pàganach a' teagasg agus firinnean buanmhaireannach a' chreidimh Chriosdail. Ris a' ghluasad mhòr so a chuir Plotinus agus Porphyry air bonn theirear am bitheantas an '' Ur-Phlatonachd '' ; agus ge a dh' fhairtUch gu buileach air na daoine a dh' ainmich mi, cho maith is air na deisciobuil a thàinig nan dèidh, an cuspair sònruichte sin a bha aca san amharc a thoirt am mach ('s e sin a' phàganachd a dhèanamh neo-eisimealach air a' Chriosdachd, agus sean chreidh-

158 An Ròsarnach

eamh an t-saoghail a dhealbhadh 's a shuidheachadh as ùr mar rian-creidhimh comasach air gach togradh agus iarraidh spioradail a shàsachadh) , gidheadh rinn na h-òraidean is na sgrìobhaidhean cònnsachaidh air an robh iad 'nan ìighdairean drùdhadh mòr agus maireannach air cridhe is inntinn nan Criosdaidhean a b' ainmeile bhiodh a' cur 'nan aghaidh, chan e mhàin ri àm an hnn fèin, ach fada an dèidh do Phlotinus agus Porphry bàs fhaighinn.

Cha deic an ni dearmad a dhèanamh an so air dithis Chriosdaidh (tha mi a' ciallachadh Origen agus Nh. Augustin), a thug oidhirp gu maith làidir fogh- ainteach air sgrìobhaidhean Phlatoin a Chriosdachadh, no, co dhiu pàirt dhiubh a dh' fhàgail fo chruth rud beag na's lugha pàganach na bha aca an uair a dh'fhàg iad làmh chomasach a' mhaighstir ainmeil sin. Mar an ceudna, anns na sgrìobhaidhean a dh' fhàg Nh. Augustin 'na dheidh, faicear gu'n robh e fo chomain nach bu bheag do'n fheallsanach phàganach air son cuid nach suarach de na beachdan aige fèin. Tha, cuideachd, a' cheart sgeul so ri innseadh mu Origen, Clement à Alexandria, agus iomadh ollamh Criosdaidh ainmeil eile a thug sàr-ionnsaigh air an fheallsanachd aig Platon (no co dhiu a mheud sin dhith agus a bhiodh iad a' measadh buailteach d'a leithid sin de ghioUachd), a cho-rèiteachadh ri am beachdan fèin mu nàdur Dhè agus buadhan an anma. Ma dh' fhaoidteadh, nach do shoirbhich na h-oidhirpean so leis an fheadhainn a thug iad cho maith sa bha cuid dhiubh a chuir làmh anns a' ghnothach sin a' saoilsinn ; ach, a dh'aindeoin sin, bu lèir an gnothach gu'n robh rath agus soirbheas nach beag 'nan cois— cliù

lonad Eolais-Nàdurra am Beartachadh an Anma 159

agus biùthas an fheallsanaich phàganaich a' dol an àird agus am meud mar is a bhiodh na h-oUaimh Chriosdail a' reusonachadh a chèile agus a' dèanamh deasbud m'a dheidhinn, agus an creidheamh Criosdail, air an làimh eile, a' sior-dhol fo ghluasad agus a'faighinn dha fèin, troimh 'n mheadhon ceudna, iomadh beachd soillseach agus barail stàmhor nach d' fhuair e riamh, ma dh' fhaoidteadh, air chaochadhl dòigh ri sud. Mar cho brìoghmhor làidir sa bha bhuaidh a bha aig an co-bhualadh stàmhor so a thachair eadar an creideamh Criosdail air an dara taobh agus an Ur-Phlatonachd air an taobh eile, measaidh sinn sin mar is ceart ma ghabhas sinn beachd air barail àraid a leig Plotinus seachad uair, is e a gabhail beachd air fìor chrìch agus ceann-ùidhe na feallsanachd uile. Is ionnan a' chràbhachd agus an fheallsanachd (ars esan), o'n is e so an t-aon chuspair air am bheil iad le chèile an tòir an t-anam a tharruing an co-aonadh ri Dia. Ach, a dh' aindeoin gach deasbud a rinneadh, agus cathbheoil a chaidh a chur, cha robh e an dàn do'n Ur-Phlatonachd fad sheasamh a dhèanamh an aghaidh ionnsaighean gun sguir a' chreidhimh Chriosdail. A lion beag is beag, theann an Ur-Phlatonachd ri gach lùths agus comas a bha aice a chall. Stàth no buann- achd di fèin cha robh e na's fhaide 'na comas a thoirt as gach aobhar agus reuson a chaidh a thairgse mar lethsgeul air son i a bhi ann. Mar bu mhò a bhiodh an creideamh nèamhuidh ùr a' cosnadh air an t-seann fhear, agus a' bagradh cur as do'n phàganachd air fad, is ann is doimhne a chaidh an Ur-Phlatonachd fo neul, gus mu dheireadh gu'n d'thàinig crìoch air an

160 An Ròsarnach

deasbud chniaidh gu h-iomlan, agus gu'm b'èiginn do'n Ur-Phlatonachd tàradh air falbh o'n rèis.

B' ann car mar so mata a bha suidheachadh chùisean an uair a bhrùchd na treubhan Teutonach a steach do'n impireachd, agus a theann iad ri rian agus riaghladh luchd-nan-legion a lannadh as. Rol agus ghluais iad na miltean borba aca thairis air a' chuid bu mhò agus a bu ghrinne de'n Roinn-Eòrpa ; agus 's e a thachair an cois nam modhanan gun seadh gun iochd a chleachd iad anns gach ceàrn ach beag a bha cho mi-shealbhach agus truimead an dioghaltais a dh' fhiosrachadh, gu'n deachaidh gach seorsa fòghluim agus uas-oilein leis an robh na dùthchannan ,a smachdaich iad air an comharrachadh am mach roimh sud a sgriosadh is a mhùchadh as gu tur car tamuiU.

Is iad Ceiltich a dhùisg an Roinn-Eòrpa as an t-suain cadail anns an do thuit a' phàirt bu mhò dith air tàiUe nan àrd-ghaoisean a bhi air an smaladh fodha leis na borbaich neo-mhùimeach aineol- ach cruith-chridheach a dhòrt am mach 'nam miltean à taobh tuath na tìr-mòire. An " Doctor Subtilis " (lain Sgottach as an Dùn an Eirinn), Siadal (Sedulius), Mìcheil Sgottach, Marianus Sgottach, Adhamh Sgottach ;* ainmean mar an fheadhainn so, nach eil iad f athast f o mhòr chUù agus mheas againn uile ? Tha na h-ainmean so a' toirt an cuimhne duinn cho tric sa bheirear iomradh orra àrd fheartan agus buadhan

* Chan eil fios cinnteach co i an dùthaich d'am buineadh na " Sgottaich " so. Coma co dhiu, tha so fìor a thaobh na cuid is pailte dhiubh. Ach gu'n robh Johannes Scotus Eirugena de mhuinntir Eirinn, sin gnothach a tha an Laideann a' fàgail rèidh duinn.

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 161

inntinn gu ro iongantach nan daoine d'am buineadh iad. Se gaol air Criosda agus spèis do na h-ealainean a thug air a' mhuinntir ghreadhnas dùthaich am breith 's an araich fhàgail, agus dol thar sàile, eadar an t-sèathamh agus an naoidheamh linn B.T., gu tìr-mòr na h-Eòrpa. Ach cliùmhor agus feumail an iomadh car ge an robh an obair ionmholta a thug iad os làimh, gidheadh cha robh e an dàn daibh buaineach- adh innte gus am biodh gach dùil agus dòchas a chaidh a dh'altrum d'an taobh a chiomhlionadh mar bu mhiann is mar a b'fhiughair. Le tighinn gu crìch na h-ìmpireachd a chuir Tearlach Mòr nam Frangach air bonn, aon uair eile bha e an dàn do thìr-mòr na Eorpa tuiteam 'na creich aig dubh-aineolas maille ri gach gnè mhi-mhodhalachd air an urrainn sinn luaidh a dhèanamh no smuain a leigeadh. Car mu'n àm cheudna, cuideachd, theann na h-allabharraich neo- shuairc ris an canar na Lochlannaich ri eileanan agus còrsaichean Alba is Eirinn a chreachdadh 's a spùilleadh gu goirt, ionnus nach robh fada gus an robh na's leor aig na Ceiltich ri dhèanamh dìonadh an dachaidhean fèin, agus seasamh an uas-oUein fèin, gun tighinn air dol thar sàile gus cinnich eile a dh' oilneachadh agus a lìomhadh.

Ach, mar bu dìiil aig mòran is mar bu nàdurra, cha robh an fheallsanachd gun a cuid dhlitheil fèin anns an Ath-bheothachadh Htreachais a thachair anns an t-sèathamh-linn-deug. Mar a chunnaic sinn a cheana, b'e barail mhòr a bha aig na seann sgrìobh- adairean air a' phrìomh-fheallsanachd, agus chan eil cinnt nach robh an ealain cheutach sin gu mòr na bu chomha leo na bha a' mheur eile de'n fhòghlum ceudna.

162 An Ròsamach

Is fior an ni gu'n robh Empedocles, Anaxagoras (mu'n deachaidh a ràdh aetatem inter experimenta con- sumpsit), Anaximenes, Heraclitus, agus Democritus, fada an geall air saoghal na h-inntinn a dhèanamh ùmhal strìochda do shaoghal nan nithean corparrach agus lèirsinneach ; ach, air do Phlaton èirigh suas, agus a theachdarachd fèin a Hubhairt seachad, chaidh seol tur ùr a thoirt do chùisean air fad ; oir, mar a thug Bacon fa near, b'e Platon a' cheud fheallsanach Grèugach a chum am mach riamh gu'm b'iomchuidh an ni car mu chrios a chur anns an t-seann dòigh air a bhi a' feallsanachadh, agus saoghal nan nithean faicsinneach a dhèanamh ùmhal strìochda do shaoghal an spioraid agus na h-inntinne. Os bàrr so uile, lean na f eallsanaich a bha ann an dèidh do Phlaton bàs fhaighinn gu teann dlùth ris an dòigh sin air a bhi a' feallsanachadh a shònraich agus a stèidhich am maighstir allail sin, agus 's e a thachair an cois na comhairle thug Platon seachad gur e beag aire agus a meas a bhiodh nàdur-eolas a' f aighinn, (an tràth a chaidh cùis an fhòghluim air a smàladh fodha), làmh ris na bhiodh a' mheur eile de 'n aona ealain ql' faotainn, a dh'aon àm, de fheart is de aire di fèin. Agus, mar nach biodh dùil aig neach a bhiodh a' sealladh air duine, is an duine sin an cunnart gearr bàthaidh, ach a' cheart neach a chaidh à sealladh fo'n uisge fhaicinn aon uair eile, nan èireadh dha èirigh gus an uachdar a rithist, mar sin a thaobh na feallsanachd : an dòigh sin air a bhi a' feallsanachadh bu mhò a bha fo mheas an uair a thachair di dol fodha b'e sin an dreach agus a'chuma a bha oirre an dèidh do'n Ais-èirigh htreachais dol na pàirt e a'

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 163

toirt greim air làimh aice, ga togail an àird a rithist, agus ga suidheachadh as uair anns a' chathair- rìoghall a bha leatha-se o shean.

Mar sin, b'iad Platon agus a' phriomh-f heallsanachd bu cheann is bu chrìch do'n Ath-bheothachaidh, cho fad sa bha an ealain sin air a gabhail a staigh, agus faodar a ràdh gur ann an uachdar a dh'fhan Aristotle agus am maighstir mòr ud eile gus an do dh'èirich Bacon agus Des Cartes, càraid ainmeil iad so a chuir car ùr an ruidhle na feallsanachd. A rèir Bacoin, chan fhaodar cuid no gnothach a bhi aig an fhìrinn ri aon seorsa eolais seach a chèile, mur bi an t-eolas sin buailteach gu bhi air a f hìrinneachadh le dèachainnean a bhios ar ceudfhathan corporra fèin a' solar duinn.* Cha mhò a bha Des Cartes dad air dheireadh air an fhear eile ann a bhi a' cur an cèill na h-aona tairgse ; ach a mhàin gu'n robh esan deonach air prionsapal àraid a leigeil a staigh do'n rian-smuaineachaidh aige nach robh Bacon a' creidsinn ann idir, no, maith dh' fhaoidteadh, toileach air a bhi ag aideachadh se sin, gu'm bheil a h-ionad dUtheil freagarrach fèin, aig an inntinn anns an t-saoghal neo-lèirsinneach agus gu'm bheil an t-ionad sin ga shuidheachadh an taobh-a-staigh dhinn fèin. Thilg Des Cartes an cèiU, cuideachd, gur e eolas-nàdurra prìomh inneal agus àrd-acuinn inntinn an duine, agus gur e sin an fheart is blagh agus èifeachd chum àrd ghluasadan

* " Homo, naturae minister et interpres, tantum fecit et intelligit, quantum de naturae ordine, re, vel mente, observaverit : nec amplius scit, aut potest." Novum Organum. Shaoil le Bacon gur e faireachdainn an duine ceann-aobhar a h-uile seorsa eolais a th' ann, agus mar sin nach eil ach an t-aon fhuaran-eolais ann.

164 An Ròsarnach

uile ar buadhan spiordail a stiùradh 's a chur air deadh riaghailt, is fo rian ceart cuimseach.

Ach, ge nach ionnan dòigh a bh'aig an dithis ainmeil so air a bhi a' feallsanachadh, gidheadhb'ann daonnan a dh' ionnsaigh an aona chuspair a bhiodh teagasg Bhacoin agus Des Cartes a' triall. B'e chrìoch shònruichte sin an fheallsanachd dhèachainneach a chur an leasachadh, agus an ealain sin a thogail an àird os ceann na gnè eile. A lion beag is beag, fhuair an gluasad ùr so a chaidh a chur air bonn a leithid de shiùbhal de dheachdadh dha fèin is gu'n do ghabh e gu luath seachad air an t-seann fhear, agus a rèir coltais sin tùrn a rinn e gun uiread agus aon oidhirp mhòr a bhi riatanach. An ùine gun a bhi fada, is ann gu tur am mach à fasan a chaidh a' phrìomh-fheall- sanachd. Aon an dèidh aoin, dh' èirich feallsanaich suas a thuirt nach robh stàth no feum anns an t-seann dòigh àir a bhi a' feallsanachadh, agus gur e am meadhon dèachainneach a b' fheàrr gur iuchair chinnteach nach gabh fàiUneachadh i a thaobh gach gnè fhìrinnteachd na's stàmhoire brìgheile na chèile. Leis a' ghluasad làidir so a chuir Bacon agus Des Cartes air bonn, chan ionghnadh ge a chaidh teagasg Phlatoin, a lion beag is beag, gu tur am mach à fasan : chaiU e ach beag gu buileach gach cliù agus toirt a bha uairèiginn aige, air chor is gu'n do sguir i ach beag gu buileach air a'cheann thall de bhi comasach air inntinn dhaoine a thàladh d'a ionnsaigh fèin. Cha chuala an nis air gach taobh ach luaidh agus moladh nan dèach- ainnean mar mheadhon gus rìm-dìomhair Dhè agus nithean-falaichte nàduir a dhèanamh soiUeir duinn, agus rèidh furasda ri thuigsinn. Is ann mar so, a

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 165

chaidh cùisean a rianachadh aig an àm ud, agus f aodar a ràdh nach eil mòran muthaidh ann eadar bharalaichean an àma ud agus bheachdan an 'n diugh ; ach a mhàin gu'm bheil gluasad beag a' tighinn am fianuis an nis leis am miann briseadh a thoirt à ceannas cruaidh nan dèachainnean, agus Platon is Platonachd a dh'aisigeadh do'n fheallsanachd.

An nis, mar thèid againn air sùilean ar n-inntinn a chur gu feum agus ais-shealladh domhain farsa- ing a ghabhail air eachdraidh na prìomh-fheall- sanachd, ciod e chì sinn : an ni is a dhrùidheas oirnn an àm duinn sin a dhèanamh ? Nach e an rud sònruichte gu'm bheil an dreach agus an coltas a tha air saoghal an anma, còmhla ris gach caochladh chomharradh spioradail air am bheil an saoghal sin air a dhèanamh suas, ga fhàgail cho tur dealbhach riochdail ann an sùilean na feadhnach d'am bheil na nithean neo-lèirsinneach sin 'nan culaidh-iarraidh agus ceisteachaidh daibh sa tha rudan corporra a* sealltuinn mar sin daibh-san aig am bheil an gnothach gu bhi a' feuchainn ri ceud-aobhar nan nithean sin a thoirt fa near, agus an càil 's an nàdur fhaighinn am mach agus a shoiUeireachadh duinn ? Ach, mur eil mi gu mòr air mo mhealladh sa chùis, tha gnothach gu maith cudthromach eile a'tighinn am mach o'n sgrudadh sin, agus se sin, eisimeileachd an anma air glusadan eolais-nàdurra, inneal mòr an spioraid, a rèir coltais, mar res cogitans* Chunnaic sinn mar tha uach robh Des Cartes uile gu lèir aindeonach air eolas- nàdurra a leigeil a steach do'n rian-smuaineachaidh aige, ge is fior an ni nach eil na briathran a sgrìobh e

* Des Cartes.

166 An Ròsarnach

mu*n ghnothach cho soiUeir so-thuigseach sa dh* fhaodadh iad a bhi, agus, gun teagamh, a bhiodh iad ann an ceart da rìreadh, nan do chuir e uiread de shaothair is de dhragh air fèin agus a bha riatanach chum a bheachdan a dh' fhàgail soiUeir, agus saor is a h-uile coltas neo-chinnteachd.

Ach, se an ni sònruichte air an àiU leam trom leudachadh a dhèanamh gu'm b'fheudar do'n Fhrangach ainmeil eolas-nàdurra a leigeil a steach do'n rian aige mar phàirt nach suarach de'n bheartach- adh is de'n uigheamachadh leis an robh e miannach air an t-saoghal neo-fhaicsinneach a sgeadachadh; agus an ni sin a b' fheudar dha-san a shocrach- adh mar sud sàmhlaich agad fèin, a leughadair, cho ceart agus cho feumail sa bhiodh a' cheart rud a' sealltuinn an sùilean dhaoine a bha a* cur an uile mhuinghinn agus mheas anns a' phrìomh-fheall- sanachd, aig nach eil cuid no gnothach ri a leithid sin de ni ri nàdur-eolas. " Accessit mens," arsa Anaxagoras ; ach nan tigeadh e riamh fodha, an uair a labhair e mar sud, nach d' thàinig mens thun an t-saoghail gus an robh gach ni eile ach beag air a chur cruinn, an sin is mòr is eagal leam nach ion agus nach airidh esan gu bhi air a mheasadh mar bhall de'n aona chuideachd ainmeil ri Platon. Coma co dhiu, chan fhaodar leudachadh tuilleadh is trom a dhèanamh air an fhìrinn bhrìoghmhor so: gur e Des Cartes an ceangal is stàmhoire agus is treasa anns an t-slabhraidh fhada sin a tha sìneadh eadar na Platonaich air an dara taobh agus luchd an nàduir- eolais air an taobh eile.

Gun teagamh, is mòr am beud gu'm biodh aig mac-

lonad EolaiS' Nàdurra am Beartachadh an Annia 167

an-duine claonadh nàdurra leis an tric leis e a bhi a' mi-bhuileachadh agus a' cur gu droch chriòchan na thèid 'na chor an rathad eolais agus fèin-fhiosra- chaidh. A rèir coltais, tha taobh blàth aig an duine do gach seorsa aibhsichidh is f aoine na chèile ; agus na measarrachd agus stuamachd (gu h-àraid a thaobh cainnt), chan eil beus no subhailc is dorra dha ionnsachadh agus a chur an cleachdadh. Tha an fhàiUain so a th' annainn-ne gar fàgail car dìblidh suarach air uairean ; ach chan e so idir lànachd de'n chron a th'ann, oir saoiUdh mi gu'm bheil e tachairt gu tric gu'm bheil an ciorram a thuirt mi a' cheart cho nimheil docharrach do chùis an eolais sa tha e neo- eireachdail mi-chiatach ann fèin, agus neo-urramach do'n fheadhainn a bhios cionntach air. Gun teagamh, b'ann air tàiUe fàilUnn no ana-bheus de'n t-seorsa so a thuit do*n phrìomh-fheaUsanachd dol à fasan, agus is ann air a'cheart aobhar cuideachd a chaidh spèis agus muinghinn an t-saoghail fhòghluimte a bhuileachadh an tomhas tuiUeadh is trom paiUt air a' mheòir eile de'n ealain cheudna. Cuid de na buil mi-shealbhach a bha an cois an atharrachaidh mhi-chunbhalaich so, gabhaidh iad sin mineachadh gu ceart mar bheirear an aire cuid de na h-aobhair air bòiUch agus aibhseachadh agus air dol air faondra leis an robh an fheadhainn a ghabh pàirt ann nochdta tre amadanachd agus ròpaireachd nam Platonach iad fèin. Is maith a dh' fhaodadh neach, is e dèidheU air na daoine so a dhìonadh o gharbh ionnsaighean an nàimhdean rud-èiginn de'n t-seorsa a thuirt mi a thairgse mar lethsgeul air son a' ghiulain a bha air na Platonaich ; ach ge a rinneadh so, tha mi meas nach leor an

168 An Ròsarnach

t-aon rud sin a mhàin gus an gnothach uile a rèiteachadh mar is còir. Gun teagamh, feumar beachdachadh air claonadh nàdurra an duine gu bhi do ghnàth a* meudachadh chùisean tuiUeadh is còir mar cheann- aobhar air pàirt nach beag de'n tubaist a bha ann. Agus o'n a dh' èirich dhomh buntainn ris an rud mu dheireadh so, bidh cho maith duinn agus beagan bhriathran a chur an cèiU mu ghnothach àraid eile air am bheil mi a' coimhead mar aobhar làidir air cur an lughad is dol à fasan nam Platonach.

Chan eil cinnt nach robh a* phrìomh-fheallsan- achd a' cheart cho ciontach air peacachadh an aghaidh stuamachd agus measarachd sa bha a' mheur eile de'n aona ealain, an sheorsa, ag aonta- chadh a chèile car mu seach, a rèir coltais, gus cainnt mheudaichte a chleachdadh mu ghnothaichean as nach b'urrainn daibh a bhi idir cinnteach, agus na gnothaichean cudthromach sin fada os ceann an uile chomais air fuasgladh a thoirt daibh. Bha cuid nach beag de na cruaidh-chàsan a bhiodh na feallsanaich a'gabhail orra fèin a bhi fàghail rèidh soilleir so- thuigsinneach cho cruaidh deacair ri fuasgladh is gur laghail duinn a ràdh gur e saothair gun seadh gun f heum a bha ann oidhirpeachadh ri aobhar eolais gun mhearachd a dhèanamh dhiubh. Cha ghabh na nithean sin mìneachadh ceart gu bràth : do Dhia a mhàin tha iad rèidh soiUeir.

An nis, ciod iad na prionsapalan no na puincean- aidmheil bu bhò a bha comharrachadh am mach na feallsanachd, a rèir is mar a thuigeadh i sin le Platon agus a luchd-leanmhuinn ? Nach iad so iad, gu'm bheil comas aig an anam air eolas iomlan

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 169

fhaighinn air Dia, is air a bhi a' snàmh gu teann ris ann an ionad an àigh, ni a dh'fhaodadh neach a thoirt am mach le e a bhi ag èirigh o eolas air rudan talmhaidh gus aithne gun mhearachd gun cheann a chur air nithean neo-thalmhaidh 's e sin, Blagh agus Brìgh air nach tig crìoch no caochladh, agus an leithidean sin de as-tharruingean fìor-ghlan. Fòs, thubhairt Platon gu'm faodadh an t-anam siubhal air adhart agus faighinn air ais dha fèin an t-eolas iomlan sin air fior rudan {vere entium), a bha leis mu'n do thachair dha colann-daonna a ghabhail, agus, sgeadaichte mar so le foirbheachd gun choimeas, gur comasach dha èirigh suas troimh 'n fhailmhe a dh* ionnsaigh an ionaid-chomhnuidh bhith-bhuan sin a tha coisgrichte do spiorad glòrmhor na Fìrinne gun tùs gun chrìch, agus beathachadh is àrach nèamhaidh fhaighinn dha fèin an sin, le bhi meorachadh gun tàmh gun sguir bhuadhan iongantach na foirbheachd is stàth agus brìgh. Mar a thug mi fa near a cheana, b'ann le cur caithris ri traisg, le bhi toirt air a' cholann i fèin a chlaoidh 's a chìosachadh, agus le gnìomhan agus gnàthaichean eile spioradal mar iad sin a shaoil le Platon gu'n rachadh aig an anam air a bhi cuidhichte 's a' cholann, agus, fa dheoidh, snàmh gu teann ri Ceann- aobhar tuisgeach uile-chumhachdach a h-uile ni. Mar so, is lèir an gnothach, a rèir is mar a bha Platon a' beachdachadh air cùisean, nach robh mòran mùthaidh ann eadar Dia (prìomh-fhuaran agus ceann-aobhar gach anma), agus toradh spioradail a fhearta agus a mhòralachd gun cheann, se sin mac- an-duine, o nach eil comas an anma air a bhi snàmh ri

170 An Rdsamach

Dia cho dlùth teann is gur ionann spiorad dha-san is duinn-ne an eiseimeil ri ni sam bith ach a mhàin gluasad dìomhair ar toil 's ar miann fèin.

Gu'n robh a' bhuaidh a bh'aig Platon air an fheall- sanachd làidir foghainteach agus maireannach thar innseadh, sin againn f ìrinn a bhios eachdraidh uile na h-ealaine a' làn dhearbhadh duinn. Chan e mhàin gu'n robh a' bhuaidh a thuirt mi mòr agus èifeachdach ri a agus a Unn fèin, ach, fada 'na dhèidh sin, bha Platon air a mheas mar rogha is tagha nan sean fheallsanach uile. Is iomadh buidheann agus " sgoil " ainmeil a dh' èirich suas an dèidh do Phlaton bàs fhaighinn, agus a bha fo chomain nach beag dha air son cuid nach suarach de na beachdan anns am biodh na buiU aca a' làn chreidsinn, agus, fòs, a ghabh gu toileach ris mar am fear-suidheachaidh agus am prìomh-mhaighstir fèin. Am measg na feadhnach a ghèill mar so do eisimpleir agus sheoladh Phlatoin, tha r'an cunntadh luchd- leanmhuinn duine àraid d'an ainm Mani, feallsanach, a chaidh a cheusadh mu'n bhUadhna 276 B.T., agus a theagasg f ad mhòran bhhadhnachan gur e eolas agus fòghlum an t-aon ni a tha riatanach chum na sìorruidheachd a ruigsinn. Dlùth an lorg an ceum- san mhèars na Gnostaich, buidheann-cràbhaidh a tha am floreat ri shuidheachadh eadar an dara agus a' chòigeamh Unn B.T. Bha an dream so a' creidsinn agus a' teagasg gur e eolas a mhàin is murrach air an rathad gu flathanas a dhèanamh rèidh soiUeir do'n anam, a dh'fhaodas e fèin a chur an co-ionnanachd ri Dia àm air bith a thogras e, air chumhnant is nach bi feuchainn

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 171

ri ath-chruthachadh a thoirt am mach ach a mhàin air àilleas ghluasaid eolais-nàdurra air chor- èiginn. Bhiodh na Gnostaich a' gabhail orra fèin gur iad-san an dream aig an robh am fior eolas, agus air an aobhar sin shaoil leo nach robh aon chuid fìor eolas no fior chràbhadh r'am faotainn an taobh am mach d'an òrdagh is d'an sreathan fèin. Cho luatha sa chaidh co-chruinneachadh de bheachdan mar iad so a chur cruinn, agus a chraobh- sgaoil a' bharail nach robh a dhìth air an anam ach a mhàin dùrachd a dhèanamh gus co-sheanachas spioradail a chur air bonn eadar e f èin agus Dia, cha ruigear a leas ionghnadh a ghabhail ge a dh' èirich iomadh sgoil agus buidheann-cràbhaidh suas, deas gu lèir gu ùidh gun cheann a chur anns a leithid sin de bheachd, agus tuilleadh is bras gu uail a thoirt as. Ghabh na buidheannan so uile gu h-èibhinn toileach ris a' bheachd a thuirt mi, agus, mar is cleachdadh le daoine, leis cho mòr sa tha ar barail fèin oirnn fèin, chuir iad gu mòr ris ri tiine mar an ceudna. Coma co dhiu, tha so fior anns gach dòigh a thaobh nan sgoiltean is nam buidheannan lìonmhor ud a bhiodh a' nochdadh anns an rian-aoraidh aca lorg mòr no beag air buaidh na Bith-eolais air an teagasg aca. Bhiodh am muinntir so a' cùmail am mach gu'm bheil comas aig an anam air èirigh suas, agus le neirt a chuid bhuadhan fèin aithne choimh- lionta a chur air Dia troimh mheadhon eolais- nàdurra. B'ann de'n sgoil no de'n bhuidhinn- chràbhaidh so a bha na Beagardaich ^muinntir neonach leis an robh a' bharail gur comasach do'n duine Dia fhaicinn aghaidh ri aghaidh, beachd

172 An Ròsamach

mearadach e so air an deachaidh trom dhìteadh na h-Eagiais a leigeadh anns a' bhliadhna 1311. Mar an ceudna, chan eil cinnt nach robh an '' Sgoil Albannach'* (Hutcheson, Reid, Dùghall Stiùbhart, Adhamh Mac Fhearghuis, etc.) fo bhuaidh làidir aig na beachdan ceudna ; oir, ceart mar a bha chùis a thaobh Daidhidh Hume agus nan " Co-chompanach " gu h-iomlan, bu ghràineil leis an sgoil eireachdail ud gach smuain agus beachd corporrach neo-spioradail d'an d'thug Bacon agus na feallsanaich Sasunnach uiread spèis agus muighinn . A dh'innseadh na f ìrinne, bhaan ''Sgoil Albannach" daonnan tograch dèidheil air àite agus inbhe gu sònruichte àrd a leigeil do eolas-nàdurra anns an rian-smuaineachaidh aca, ni anns an robh iad a' dlùth-leanail ri eiseimpleir agus seoladh nan sean Cheilteach, a bhiodh a' coimhead air an t-seorsa eolais so mar an inneal is motha blagh agus èifeachd gus ruigsfnn air an fhìor fhòghluim. Bhatar a' tighinn air an *' fhìor fhòghlum " mar thoradh eagnaidh air an tuigse air an f hìrinn, rud leis am bheil sinn uile air ar beartachadh, agus barrachd air an so bhàtar a' creidsinn gu 'm bheil am faireachdainn ceudna 'na toradh eagnuidh air co-bhualadh agus tighinn gu toradh na fior inntinn agus tuigse an duine air fìrinnteachd agus rianalachd f halaichte gach comh- arradh nàduir leis am bheil sinn air ar cuartachadh anns an t-saoghal so : am briathran eile, bhatar a' reusonachadh mar nach biodh ann ach an aon dòigh air a bhi a' ruigsinn air a' cheum is àirde de'n fhòghlum, agus b'e sin leigeil leis an inntinn làn ghèiUeadh a thoirt do gach gluasad eolais-nàdurra a dh* fhaodas sinn fhaireachdainn an taobh a staigh dhinn fèin.

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 173

Ach, is lèir an gnothach gu'm bheil diubhras nach beag ann eadar a bhi mothachail mar is còir air mòr luach eolais-nàdurra, mar phàirt de'n chulaidh a th'aig an anam, agus a bhi tighinn air an rud cheudna mar nach biodh meadhon eile againn ach esan gus dorus dùinte an fhìor fhòghluim a dh' fhosgladh duinn. Se so a'mhearachd anns an do thuit Bergson, Fichte, agus na Modernists air fad : tha na feallsanaich so uile tuilleadh is buailteach gu bhi a reusonachadh mar nach biodh againn ach an aon dòigh (eolas-nàdurra) air fior fhòghlum a ruigsinn. Tha iad a' breithneachadh 's a' reusonachadh do ghnàth mar a bhiodh iad a' creidsinn nach eil ach an aon dòigh (eolas-nàdurra) air a bhi a' ruigsinn air fìor thuigse air an fhìrinn. Ach, air cho ceart cubhaidh sa dh' fhaodas an glaodh mòr ud a bhi *' Air ar n-ais do'n Phlatonachd 1 " chan fhaodar gabhail ri beachdan nan daoine so gun sòradh is gun cheisteach- adh a chur orra, ge be air bith cho ceart iomchuidh sa dh'fhaodas e a bhi gu'm biodh ais-èirigh ann a thaobh cuid de na bheachdan a leig Platon seachad, air los spionaidh agus slàinte a dh'aisigeadh do'n fheall- sanachd.

An nis, tuigidh sinn air ball cho gann cuimte fàiUinneach sa tha comasan an fhearta so ris an abrar eolas-nàdurra an uair a chuimhneachas sinn nach eil ann ach gluasad anma a shiubhlas air falbh cho luatha ach beag sa dh'fhairicheas sinn e. Air an aobhar sin, chan fhaodar a ràdh gu'm bheil am faireachduinn so idir freagarrach air son modh no meadhoin eolais gun mhearachd a dhèanamh dheth : cha bheirt choimh- lionta e gus aithne gun cheann gun bheud air Dia a

174 An Rdsarnach

thoirt duinn. Is fior an ni gu'm bheil gluasadan dìomhair de'n t-seorsa comasach air uairean air ar n- inntinn a Honadh sa dh' fhiosrachadh, air sheol is gu'm bi tomhas mòr no beag de cho-fhreagarrachd ga stèidheachadh, car tamuill bhig, eadar i fèin agus an taisbeanadh nèamhaidh, ma's maith le Dia a leithid sin de shocair a leigeil duinn. Ach, mar a thuirt mi cheana, siubhlaidh am faireachduinn seachad oimn cho luatha ach beag sa dh' fhairicheas sinn e, agus, os bàrr so, o'n a tha gach gluasad de'n t-seorsa uile gu lèir an crochadh ri toil agus maitheas mòr Dhè, is chan ann idir an earbsa ri miann agus dùrachd an duine, is lèir an gnothach gu'm bheil a bhi a' cur earbsa asda, mar nach biodh annta ach meadhon cinnteach gus a cheum is àirde de'n fhòghlum a ruigsinn, rud cho faoin socharach sa ghabhas dèanamh leinn. An dòigh air an còir duinn coimhead air an fheart shònruichte so, chaidh sin a stèidheachadh air ar son iomadh Hnn air ais, agus do bhrìgh gu'm bheil am modh a tha am bheachd feumail agus reusonta anns gach rathad tha mi a' cur romham e a chur am mach an so, eagal gu'm bheil cuid ann nach eil cho eolach air sa dh* iarraidhinn iad a bhi.

Anns na sgrìobhaidhean a dh' fhàg lain Sgottach 'na dhèidh, cho maith is anns an fheadhainn a chuir Nh. Tòmas Aquinas ri chèile, gheibh sinn iomadh iomradh gu maith brìoghmhor puinceal air eolas- nàdurra ; agus, o'n a chaidh aig na daoine fòghluimte sin air cuid de na beachdan leis an robh iad an gluasad a legeil ris duinn bidh cho maith duinn agus sùil a thoirt air a' mheaU-eolais a dh' fhàg iad 'nan dèidh, a dh' fheuchainn coid e bha na *' Sgoiltean " a' smuaineachadh mu'n rud,

lonad EolaiS' Nàdurra am Beartachadh an Anma 175

Bhatar a' teagasg, mata, san dol am mach gur e saighdeadh cridhe no inntinn a tha ann an eolas- nàdurra, agus, gu bhi tighinn air an rud mar ghluasad no faireachdainn anma, nach eil fear eile ann a bheir bàrr air a' cheart inneal mar mheadhon gus cobhair a thoirt duinn gus fìor fhòghlum a ruigsinn. Chan eil cinnt nach eil eolas-nàdurra 'na mheadhon èifeachdach gus an t-anam a tharruing an co- phàirt na cinnteachd, se sin ri ràdh an co-phàirt na cinnteachd mar a bhios i sin ga riochdachadh fèin duinn anns na cruthan is coimhUonta bhios e a' caitheamh. Bhathar a* teagasg, cuideachd, gur e an duais is àirde tha feitheamh air an anam anns an t-saoghal a tha ri teachd taisbeanadh coimhUonta air Dia a mhealtuinn sochair phrìseil i sin a tha am mèinn agus an toil gach neach againn a chuireas a dhòchas à eolas-nàdurra. Bheir an t-eolas sin oirnn pàirt a ghabhail anns an " Taisbeanadh Neamhaidh/' agus mar sin bidh sinn air ar cur aghaidh ri aghaidh ri Dia, chan ann idir fad car ùine, ach, ann an ceart da rìreadh, per omnia saecula saeculorum.

Ach, cho fad sa bhios sinn anns an t-saoghal so, agus ar n-anam ceangailte gu teann ris a' cholainn a tha e ga bheo-fhiosrachadh, bhatar a' teagasg gu'm feum sinn gach gèill agus umhail a thoirt do iarrtasan reusonta an nàduir-daonna, agus, fòs, gu'm feum sinn deagh fheum a thoirt as ar beachdan agus as ar comas reusonachaidh fèin, gus suim ar n-eolais, eadar talamhaidh agus neamhaidh, a chur am farsaingeachd agus am meud.* Os bàrr so uile, cha rachadh

* " Is ann o'n reuson a tha gach uachdaras a th'ann a* sruthadh am mach, is chan ann reuson o uachdaras : chan eil

176 An Ròsarnach

againn am feasd air aithne choimhlionta a chur air Dia, no air a bhi a' faighinn gu bhi an dlùth dhàimh ri rudan neo-chorporra air fad, mur bi sinn deas ealamh gu deagh fheum a thoirt as ar comas reusonachaidh (Nh. Tòmas Aquinas). Agus ge tha e fìor gur comasach do'n inntinn againn, is i air a cur fo ghluasad is air a stiùradh ceart le eolas-nàdurra, fios agus tuigse f oirf e gun cheann fhaighinn air prìomh-phrionsapal a' chruinne-chè, gidheadh tha a bhi toirt deagh fheum as an inneal spioradail sin rud a tha uile gu lèir an earbsa ri laghannan aig am bheil am barantas gu tur an earbsa ri obair lughdachaidh agus reusonachaidh.

Mar an ceudna, bhatar a' teagasg nach eil am beachd a th'againn air Dia idir dìreach 'na nàdur, ach a mhàin samhlach neo-dhìreach, agus, a dh' aindeoin gach beo-smuaineachadh agus dian-mheorachadh a dh' fhaodas sinn a dhèanamh, nach urrainn do'n inntinn againn uiread de spàirn a dhèanamh agus a bhiodh riatannach gus fios cinnteach air fianuis Dhè a thoirt di. Thuirt iad, cuideachd, nan rachadh againn air a leithid sin de àrd-shochair a dh' fhiosrachadh, an cois spàirn anabarrach eolais-nàdurra, gur ann innte sin a gheibheadh sinn làn shàsachadh f a chomhair gach sàr- mhiann agus àrd-thogradh spioradail a dh'fhaodas neach a leigeil air adhart. An sin, bhiodh sinn a'cur aithne air Dia aghaidh ri aghaidh, agus cha bhiodh e comasach duinn ag no mearachd sam bith a bhi againn

fìor reusonachadh idir am feum uachdarais sam bith (taobh am mach bho a bhuadhan fèin), gus a dhaingneachadh." lain Sgottach. Tha so fìor, ach is ann a tha coltas car mi-cheutach air an ràdh so. Tha e leigeil gu tur am mach à cunntas an diubhras mòr a tha eadar Taisbeanadh agus Reuson.

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma \11

na's tuilleadh mu thimchioU Dhè, agus a nàdur diadhaidh fèin. SaoiHdh mi gu'm bheil a bhi toirt ruithchunntais air na caochladh ghnothaichean so ionnan agus a bhi a' trom dhiteadh nam beachdan brèagach o'm bheil iad a' sruthadh am mach ? Coma co dhiu, is ann mar so a bha a' chuideachd ainmeil ud (nà " Sgoiltean '') dJ reusonachadh.

Thuirt Malebranche gur e Dia àite-comhnuidh agus ionad-riarachaidh ar n-uile smuain agus beachd ; agus chuir e ri so le cantuinn nach eil anns an doìgh so air a bhi a' rianachadh chùisean ach samhladh eagnaidh air a h-uile ni a th'ann. " Is e Dia àite comhnuidh ar n-uile smuain, ceart mar a tha an fhailmhe àite-comhnuidh gach rud corporrach," ars esan. Gun teagamh, is e Dia mathair-aobhar ar n-uile bheachdan agus smuain, ach mar nach fhaod bùm a ruith air ais (gun chomhnadh Dhè), gus an fhuaran as an do shruth e mach an tùs, mar sin chan fhaod sinn-ne tiUeadh air falbh gu Dia (a chruthaich sinn, cho maith ris a' bhùrn), gun a chomhnadh agus a chead-san. Is faoin an ni a bhi a' tagradh, mar a bhios luchd na Bith-eolais tuiUeadh is deas gu dèanamh, gur e prionsapal-ealaine uile gu lèir spioradail diadhaidh na ghnè a tha againn ann an eolas-nàdurra, agus, air an aobhar sin, nach eil againn ach an t-eolas sin a leigeil air adhart, agus seolaidh e sinn gu luatha gun mhear- achd a dh' ionnsaigh àte-comhnuidh bith-bhuan nan iomadh àigh, far am bi a' feitheamh oirnn co- sheanachas neamhaidh gun stad gun tàmh ri Dia agus na h-ainglean. Tha gach eolas agus fiosrachadh is urrainn duinn a thional o eachdraidh-beatha nan f^aomh, o bhreitheanais na h-Eaglaise, agus o

9

178 An Ròsarnach

shaoraichean nan inntinnean a b' fhinealta agus a bu treasa thug riamh aire do'n chùis ; tha mi ag ràdh gu'm bheil gach fios agus dearbhadh de'n t-seorsa so a' toirt oimn creidsinn gu'm bheil an fhìrinn mu'n chùis a' dol calg-dhìreach an aghaidh a' bheachd nach eil againn ri dhèanamh ach gluasad eolas-nàdurra a chur air gleus gus an anam a tharruing an dlùth cho- aonadh ri Dia. Mar sin, is coltach an rud nach bi toileach no miannach air beachdan mearachdach de'n t-seorsa so a chur fo mheas ach a mhàin an fheadhainn leis an ionmhuinn, is leis an àbhaist ruith air f aondra a thoirt d'an inntinn, a bhi cur giulain neonaich oirnn fèin, no a bhi a' glacadh ri faoine no aibhsicheadh air chor-èiginn as leth na h-aire 's na h-umhail a bhios mi-riaghailteachd de'n t-seorsa 'na meadhon air a bhi a' tarruing daibh fèin.

Thug mi oidhirp a shuas air cuid de na beachdan aig na seann sgoiìearan a riochdachadh do'n leughad- air : mar cheann-sguir, theagamh gu'n leigear leam am f eadh a bhios mi a' cur an cèiU cuid de mo smuaintean fèin mu na ceart ghnothaichean.

Ar leam fèin gu'm bheil sheorsa eolais-nàdurra ann. Tha a' cheud sheorsa a' co-sheasamh air fios a bhios an t-anam a' tarruing dha fèin o fhuaran a fheartan agus a chomasan fèin ; agus, ann an seàdh àraid, tha am fios so a tha aige neo-eisimeileach air toil Dhè. Ach, a' ghnè eile dhith sin, oibrichidh ise air chochladh dòigh ri sud : is tiodhlac Dhè ise ; agus, do bhrìgh gu'm bheil, chan fhaodar dol am mach gu a-h-iarraidh no a sireadh, ach feumar feitheamh am faighidinn agus an sìth gus an tig an t-àm anns an tèid ar gairm gu dol a steach do fhianuis Dhè anns an dòigh sin.

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 179

'Nam bheachd f èin, mata, tha eolas-nàdurra coltach ri fuaran, o am bi na h-uisgeachan aige ag èirigh suas, chan ann idir do ghnàth agus gun sguir, ach car uair, agus o àm gu àm se sin cho tric sa bhios aobhar dìomhair nàduir ann a bhios fàbharach do a leithid sin de ghluasad agus de thaomadh mach. Is e eolas- nàdurra fuaran an anma, ach feumaidh an t-anam a bhi air a chur fo fhonn ceart roimh làimh mu'm bi comas aig an fhuaran air uisgeachan sìolmhorach an fhios gun mhearachd a chraobh-sgaoileadh feadh fhàsaichean tiorma ar n-inntinne.

Ge a tha e fìor nach comasach duinn aithne choimhUonta a chur gu dìreach air Dia, cha mhò is urrainn duinn Dia fhaicinn aghaidh ri aghaidh, na's lugha na bhios e toileach air a leithid de shochair a leigeil duinn, gidheadh chan eil an t-aobhar is lugha mu'm biodh sgàth no fiamh sam bith aig an anam roimh an èis a thuirt mi ; oir ge nach fhaod sinn earbsa a bhi againn gu'm faigh sinn aithne choimh- lionta air Dhia, gun a thoil agus a chead-san, a dh' aindeoin sin chan eil cinnt nach fosglar duinn le iuchair òraich eolais-nàdurra gach bealach agus dorus duinte a tha treorachadh gus na rùintean-dìomhair is doimhne agus is àirde brìgh ann an nàdur. A mheud sin, co dhiu, faodaidh sinn earbsa a bhi againn air cosnadh anns an dòigh is troimh 'n mheadhon a thuirt mi ; ach gu bràth chan fhaodar dùil a bhi againn ri snàmh gu teann ri Dia, na's lugha na bhios an Tì-is-àirde toileach air uiread de spèis agus de urram a leigeadh duinn. Faodaidh sinn (is sinn-ne bhos air thalamh) oibreachan maiseach uile an mhòir a chnuas- achadh, agus toil-inntinn còmhla ri mòr ionghnadh

180 An Ròsarnach

a ghabhail asda, ge nach fhaod sinn earbsa a bhi againn gu'm faic sinn Dia aghaidh ri aghaidh^ Anns a' cheart dòigh, fòs, faodaidh sinn (is sinn-ne air ar cur an dlùth dhàimh ri saoghal nan rudan neo- chorporra), gach ionghnadh is toil-inntinn a ghabhail an sin à maitheas mòr Dhè, ge nach fhaod sinn earbsa a bhi againn gu'm faic sinn Dia le ar sùilean spioradail fèin.

Tha an fheadhainn sin a tha de'n bheachd gur e a th' anns an anam '' suim agus brìgh nan àrd-bheach- dan uile '' a.' dol fada am mearachd : cha mhò a bhios toil againn (ma's daoine gUc tuigseach sinne-ne), air ràdh àraid eile a sheuladh sa dhaingneachadh, se sin gu'm bheil an t-anam ceangailte ris a' cholainn anns an dòigh chorparra a shamhlaich Des Cartes. Se rud no bith air leth a th'anns an anam, agus is ann daonnan troimh eolas-nàdurra a bhios e a' strì ri a fheartan iongantach a thoirt gu buil èifeach- dach : tha e a' cur na h-acuinn sin gu feum amhuil mar a ni fear-ciùil, is e dèidheil air a' cheol is binne tharruing as an inneal aige.

Chunnaic sinn mar tha nach e prionsapal-eolais fior cinnteach a tha againn ann an eolas-nàdurra : air an aobhar sin, chan fhaodar sireadh no feuchainn ri fuaran-fios gun mhearachd a dhèanamh dheth : cha mhò is urrainn duinn a ràdh gur ionann comas a tha aig gach fear againn air stàth agus buannachd spioradail duinn f ein a tharruing san aon tomhas as an aon tomhas eolais-nàdurra. Tha sinn a thaobh na cùise so ceart mar a tha sinn a thaobh a h-uile rud eile 'nar n-iochdaran agus'nar seirbhisichìosaldoDhia. Mar sin, tha sinn a' cur eadar-dhealachaidh gu mòr o chèile thaobh nam feartan, mar aon spioradail agus

lonad Eolais- Nàdurra am Beartachadh an Anma 181

corporrach, a chaidh a bhuileachadh oirnn le Dia, is leis am bheil sinn air ar gluasad anns an t-saoghal so.

Ach, ge nach fhaodar dùil a bhi againn ri prion- sapal-eolais stèidheil cinnteach a thogail duinn fèin an eolas-nàdurra, gidheadh faodaidh gach anam a fhonn, a dhèidh, agus a chlaonadh nàdurra fèin d*a ionnsaigh-san a leasachadh, agus a chur am meud le deagh fheum a thoirt as a h-uile aobhar agus meadhon spioradail a chuideacheas sinn gu sin a chosnadh. A dh'aon fhocal, gus an t-anam a chur an co-phàirt spioradail eolais-nàdurra, air chor is gu'm bi co-fhreagarrachd iomlan ga stèidheachadh eadar e f èin agus am fuaran no am prionsapal-eolais sin, tha e mar fhiachaibh oirnn caithe-beatha diadhaidh a leanail, gu bhi a* cleachdadh ùrnaigh agus meorachadh diadhaidh tric, a bhi cìosachadh nan ana-miannan agus nan leannan-peacaidh is a th'againn, agus is cruaidhe tha gar lèireadh, agus a bhi a' fosgladh gu farsaing fialaidh dorus duinte ar cridhe 's ar n-inntinne do gach mòr-thogradh agus àrd-smuain a bhuileas gnog air an sin ann an ainm Fòghluim agus Maise. B'ann air an dòigh fhoghaintich so a bhiodh na sean Cheiltich gan deasachadh is gan uigheamachadh fèin air son dol an ceann feallsanachaidh, agus, ma's maith leinn leantinn gu dlùth 'nan ceum-san, chan urrainn duinn seol no rathad is fheàrr a ghabhail. B'e crùn an glòir-san, meorachadh diadhaidh ; agus an iuchair a dh' fhosgail dorus nàduir daibh-san, agus a dh' fhosglas duinn fèin e mar an ceudna, b'e sin eòlas- nàdurra an acfhuinn is blagh ann am beart- achadh an anma.

RUARAIDH ArASCAIN IS MhAIRR.

An Dealan-De.

(Air fonn An t-Eilean Muileach) .

Tha'n dealan-dè 's e 'na èideadh àiUidh

Ri mùim ri grèin 's e leis fèin sa' ghàradh

Gun smaoin air uallach 's gun luaidh air àmhghair,

A' dùsgadh smaointean mu thùs ar nàduir.

Cia as a dh' èirich bith cho àghmhor, Tha seòladh luaineach air sgèith an àile ? Co shniomh an còmhdach is mìne fàitheam, *S a dheilbh am brata le dhathan àluinn ?

Co dhùisg sa' bhith ud dealas buadhmhor, 'S a dh' fhàg gu saor e bho dhaors' is uallach : Le tùr is eòlas co sheòl sa' ghluais e 'S a rinn an gàradh 'na àite buan da ?

Co dh' ullaich lòn do gach seòrs' sa' ghàradh 'S a Uon le bòidhchead gach pòr a dh' fhàs ann ? Co dhìon am maoth-bhith measg ùr-phreas àluinn, 'S a phaisg fa-dheòidh ann a' seòmar bàis e ?

Tha'n saoghal dhòmhsa 'nam smaoin mar ghàradh ; Gach neach 'na aonar 's a' gabhail tàmh ann. 'S e gràdh is dòchas, is còrdadh càirdeil Is cridh' neo-thùrsach na flùir tha fàs ann.

Air cùl gach aoin diubh tha bith neo-bhàsmhor, A ghluais le mheoir iad 'am chridhe 'n tràth so, 'S e 's dìon 's is tèarmunn domh fèin 's gach àite, 'S e sheol air sgèith dealan a' ghàraidh.

Seumas Mac Thomais.

fXmmmmm^ iiiiiiiwPIMIii?i i|i.i g m |ii«iiii

iiw"# '||.^- -^;^'!;:;.^ - ' ^ wjJWPPf « ■■ev" '^> *: ^ik^

nn sean Mhciighstir-sgoil.

An Sgoil a bha ann.

** Is taitneach sgeul air àm a dh*fhalbh Caoin mar bhalbh-dhrùchd maduinn sheimh.**

s tearc iad nach cuir an aonta ri athchuinge na Bana-Bhàird a dhòirt a mach cìocras a cridhe mu àm a h-òige anns no focail seo :

" Backward, turn backward, O Time, in your flight ; Make me a child again, just for to-night " !

Ath-phiUeadh, ged nach biodh ann ach aon oidhche, gu staid na h-òige ! Na'n gabhadh e dèanamh, nach tugamaid air a shon '' an t-òr, no a mhil a shileas as na ciribh meala/' Ach, cha'n urrainn òr a cheannach air margadh. Na'm b' iirrainn, bhiodh mòran 'nar measg as èis. Ach, ni macmeanmna rud nach tèid aig òr air a dhèanamh. Mar sin, faodaidh sinn a bhi ag ath-chruthachadh an àma a thrèig, agus an dorus a dhùnadh air spiorad tiamhaidh na h-aoise tamuil. Maduinn ait saoghal na h-òige ! an cothrom nach tachair ach aig aon àm 'sa bheatha seo. Grian na h-òige ! C'ait' an do theich a blàths ? Mire agus neo-chùram na h-òige ! Nach bu neo-chiontach a gnè. Bha i 'na làn neirt anns an sgoil a bha ann mire agus fòghlum an làimh a chèile ! B'iongantach a' chàraid, ars' thusa. Ni h-eadh, arsa mise, oir mar a thuirt am Bàrd Ròmanach, cha tèid agad air Nàdur a sgiùrsadh

184 An Ròsarnach

a mach le bir gun dochann a dhèanamh. Tha a cumhachd 'gad choinneachadh air gach taobh, agus 'se tùs a ghUocais a bhi còrdadh rithe. An neach a chaiU ath-chuimhne na h-òige, ma's e gu'n gabh sin dèanamh, gu deimhinn chaill e faireachadh fior luachmhor, agus faodar a ràdh gu bheil falluinn na h-aiose 'ga suaineadh fèin uime cheana. Cha b' ionghnadh ged bha na sean Ghaidheil an dèidh air Tìr-nan-Og. nach bitheadh ? Bu chiatach an smuain e, agus bu chiatach a ghnè inntinn anns an do chinn a leithid de mhiann. Teagaisg domh an dòigh air a bhi a' di-chuimhneachadh : sin ràdh a sgriobh sean ùghdar Grèugach. Math dh' fhaoidte' gu'n robh e fo shiaradh inntinn mu nithean a bha a' cur dragh air. Gun teagamh, dh' fhaodamaid mòran de na rinn sinn o thùs ar n-òige a thilgeadh an slochd na di-chuimhne, na'm b'urramaid. Ach, laithean grianach na h-òige na sean chompanaich na seann sgoile ! dh' iarradh iadsan a dhi- chuimhneachadh ? 'Se bha sud ach saoghal eile, làn de'n t-sòlas a chaidh air chall, agus ris nach bi dùil ri ath-nuadhachadh.

An do mhothuich thu riamh gu'm biodh na cnuic, 's na slèibhtean mu do choinneamh ag amharc na b'fhaisge ort air feasgar ciùin àraidh ? Bha fios is cinnt agad gu'n robh iad cho fada bhuat 'sa bha iad riamh, ach air an fheasgar seo thàinig iad na bu dluithe, mar gu'n robh thu ag amharc orra troimh ghloine-mheudachaidh. Bha sin ann, ach de sheòrs' eile sgàilean neo-fhaicsinneach air an àileadh mu'n cuairt dut, ach làn de bhoinnean beaga cruinn, cuairsgte eadar thu 's aghadh nam beantan gorma.

An Sgoil a bha ann 185

'Se sud an rud a bha 'meadachadh an t-seallaidh an deathach thana sgàileanach a bha 'feitheamh gus an tuiteadh i 'na fras uisge. Nach faod mi a ràdh gur seo nàdur de shamhladh air faireachduinn dhaoine a ruigeas ìre na h-aoise, no co-dhiùbh ceum no dhà seachad air a' mheadhon latha. Aig sàmhchair na h-uarach dùisgidh an cìocras a bhios an lùib na h-ionndrain anns an inntinn a tha gleusta air a shon, agus cruthaichidh macmeanmna tuar grinn timcheall air seann rudan. An uair a dhùnas mi mo shùilean aig taobh a' ghealbhain 's mi 'meòrachadh air na thach- air, *s na chaidh seachad, maìUe ri na dh' fhaodadh a bhith, nach ruith an inntinn air ais mar an dealanach thairis air na bUadhnachan a thrèig, agus nach riochdaich i nithean a thachair, a chionn gu bheil iad sgrìobhte cho daingean air a' chlàr, agus nach gabh an cruth dubhadh às le tìm. Mar sin tha'n t-àm a thrèig a' fàs na's àdhmhoire a rèir 's mar tha tìm a' dol seachad. Ni a' ghloine-amhairc a h-obair fèin. Tha bheag no mhòr de'n fheart seo suainte umainn uile ; cha'n ann an droch inntinn a tha e a' cinntinn ; 'se th'ann beagan de ath-shoiUse an àma nach tiU nàdur de bhruadar grinn, ma thogras tu. Ged dh' fhaodadh faoineas a bhi 'na luib, cha mhùch sin spiorad na h-ionndrain nach gabh tilgeadh a thaobh.

An uair a thèid againn làmh-an-uachdar fhao- tainn air a' chuid as motha de'n t-sàrachadh nach gabh seachnadh 'nar crannchur, thig faochadh le bhi ag amharc air ais air làithean sona na h-òige, an uair a bha'n t-adhar (thar leinn) na bu ghuirme, na Uanagan na b'uaine an dreach, am fraoch na bu

186 An Ròsamach

deirge am blàth, na h-uillt na bu cheòlmhoire 'nan crònan, torman nan sruthanan na bu chiùine, agus na h-eòin na bu bhinne 'nan ceileireadh. againn nach do thionndaidh duiUeag no dhà de'n rola fo bhuaidh an fhaireachaidh seo ? Cha'n abair mi nach bi a leithid de shuidheachadh buailteach air an dorus fhosgladh do'n chianalas, agus leigeadh leis snàgadh a steach. Thèid iomadh rud a sgaradh as a* chuimhne le iorghuil an t-saoghail, agus gach uspairn a tha'n crochadh ri ar caithe-beatha, ach mairidh cuimhne air aoibhneas is feala-dhà na h-òige, mar gu'm biodhmaid fo gheasaibh leo. Am mair seo gu deireadh na rèise ? aig tha fios.

Cha'n ionnan sgoilean ar là-ne agus na sgoilean a bha ann o cheann trì fichead bhadhna ; mo chiad chuimhne. Tha'n t'eadar-dhealachadh tur. Tha tuar eile ann, oir tha spiorad an àma a' riaghladh gach linn, agus cha fhreagair an t-sean fhalluinn do nòsan nuadh, no do'n inntinn a tha 'g aomadh do nithean annasach. A bheil sinn an diugh 'nar sgoilearan na's feàrr se sin anns an t-seadh as àirde ? Le teachd barrachd eòlais, a bheil gliocas ag imeachd ach mall ? Cha ghabh mi orm a' cheist a fhreagradh. Gidheadh cluinnear grunnan an sud 's an seo a' feachainn ri dhearbhadh gu'm b'e na seann sgoilean a b'fheàrr, a chionn gu'n deach àrach annta clann anns an do chinn feartan a rinn ainmeil iad an uair a dh' fhàs iad suas gu ìre duine. Cha ruigear a leas an argumaid a' leantuinn, oir a thaobh a' chuspair seo, gheibh sinn cuid de dhaoine a* tuiteam an claon- bhreith. ghabhadh air fèin modh aon Hnn a chàradh ri linn eile gun atharrachadh air choireigin ?

An Sgoil a bha ann 187

Bu mhòr am masladh e do'n rioghachd cho beag 'sa rinneadh a thaobh comhfhurtachd nan sean mhaighis- tirean sgoile a chaith an lùs ag uidheamachadh chloinne airson na slighe a tha 'treòrachadh gu soirbheachadh saoghalta gun duil ri soirbheachadh dhaibh fèin. Dh' fhalbh iad gun an duais air an robh iad airidh fhaotainn. 'Se facal math is cubhaidhe a labhairt mu na mairbh. Mar a thuirt an t-OUa Mac Fhionghain nach maireann, " 's ann le urram agus le seirc a b'airidh sean mhaighistirean- sgoile na h-Alba a bhi air an cuimhneachadh.'* Shaothraich iad fo chruaidh-chas is fo theanntachd. Ach ma bheirear fainear nach robh an àireamh a bha fior uidheamaichte 'nan dreuchd ach tearc, agus nach robh an duais ach spiocach, na tighean-sgoile air dhroch càradh, gann de àimeis, uachdairean gu tric a' teachd geàrr air an dleasanas, c'iamar a bhiodh dùil ri fòghlum a bhiodh gu tairbhe na cloinne ? Rinn iad na b'urrainn iad 'nan dòigh fèin, agus a rèir an t-soluis a bh'aca. Mar sin, is ann le meas a bu chòr a bhi cuimhneachadh orra. Sinne a tha saothrachadh anns a' cheart dhreuchd, thugamaid an aire nach bi sinn a' luchdachadh inntinn chloinne le eòlas gun fheum an àite a bhi cosnadh nan nithean bu chòr dhuinn a bhi sireadh air an son.

Seann sgoil a chlachain. Le cuideachadh boisge o ghreine na h-òige thoiream oidhirp air a dealbh a tharruing. B'e aitreamh neònach a bh'ann. Bha a ballachan air an togail le sgrathan gun chloich ri fhaicinn, ach am beagan a bha 'cumail ursannan an doruis 'nan àite ; an tubhadh ceangailte gu greimeil le sioman fraoich ; toll na mhuUach, agus baraiUe

188 An Ròsarnach

air a dhinneadh ann a chum gu'm faigheadh an toit a mach ; teine mòr mòna an teis-meadhoin ùrlar creadha, agus na suidheachain ceithir thimcheall ris na ballachan. Bha gu leòr aig a' bharaiUe ri dhèanamh leis an toit a bha 'brùchdadh troimhe toit a bu ghuirme dath a' dol suas 'na camagan, 'na cuaileanan, na roUagan, 's a' cuir car-a-mhuiltein dhi mu'n ruigeadh i am baraiUe. Cha b'ionghnadh ged bhiodh i 'ga toinneamh fèin mu na spàrran, 's mu na cabair, agus a' fàgail as a dèidh snàthnainean dubha cho mìn ri Uan an damhain-alluidh. Fhad 'sa a bhiodh an sìde tioram, bha'n fhàrdach blàth, eadhoin ged bhiodh e fuar a muigh, ach an uair a thigeadh fras throm uisge chluinneadh tu brag an sud 'san seo air sgleat, no air leabhar, leis an t-snithe- dhubh a' siUeadh. Ach cha chuireadh sin mòran dragh air na brogaich. Nach b' èibhinn a bhi 'bogadh meòir 'anns a' bhoinne, agus 'ga suathadh air bàrr sròine a' bhalaich a b* fhaisge ort !

a b'aobhar a leithid de aitreamh a thogail ? Dealachadh na h-Eaglais (1843). An còrr cha ruigear a leas a ràdh. Ach, cha do mhair an " sgoil- cheap," mar a theirteadh rithe, fada, oir thog an Eaglais Shaor an uine ghoirid tigh-sgoile cho grinn 'sa chiteadh 'san Eilean, agus cha'n èil làrach na sean aitreamh ri fhaicinn an diugh, ged tha dealbh 'sa cumadh riochdaichte an inntinn nan sgoilearan a tha fhathast 'san fheòil. Ma bha i neònach 'na broinn, bha'n sealladh an taobh a muigh fior mhais- each, làn de dhiomhaireachd nan nithean a bha folaichte oirnne aig an àm. Air gach taobh bha 'mhòinteach sgeadaichte le còinneach mhaoth, canach

An Sgoil a bha ann 189

agus bàrr-guc an fhraoich srann aig na seiUeanan 'ga dhiogladh. A thuilleadh air seo, boladh cùbh- raidh na roide air sgiathan gach osaig. Fad ar seallaidh, bideanan, is glaic, is coireachan a' Chuil- fhinn mar gu'n robh iad air an dath le purpuir ; an t-adhar mar mhuir, agus neòil bheaga mhìne a' snàmh air. An lar-Thuath an cuan agus na h- eileanan siar far am biodh a' ghrian a' dol a laighe, agus le 'gathan a* cur dath an òir air an speur, mar gu'm biodh i a' boillsgeadh air ais Flathinnis nan sean Ghaidheal Tir-nan-Og. Ach, am measg nam balach 'san àm ud aig an robh mothuchadh air àiUeachd an t-seallaidh? Bha sruth beothail na h-òige a' ruith ro bhras, agus cha d'thàinig e a stigh air a' mhaighistear chòir inntinn a thrèid a dhùsgadh a chum an grinneas a thoirt fainear. Ach nach ann aige a bha'n cothrom ? Nach iomadh sreath o sgrìobhaidhean nan sean bhàrd a fhreagradh do'n aobhar ? Bha a' Ghàidhig deiseil air a shon, ach bha i air a' toirmeasg ; cha'n fhaigheadh i na b' fhaisge na taobh a muigh na còmhla far an robh i a' feitheamh air a' chloinn 'nuair a gheibheadh iad an cead mu mheadhoin là. Cha robh i 'na ban-choi- greach air an raon-chluiche, bha i siùbhlach gu leòr an sud, ged bha dorus an tighe sgoile 'ga dhìmadh oirre. 'Sann a nise a tha mi 'tuigsinn rudeigin mu'n oighreachd air nach d' fhuair mi seilbh. Ach, math dh' fhaoidte' gu'n do dhrùigh beagan orm gun fhiosda, agus ma dh' fhairicheas mi nàdur de bhuiUe 'nam chuisle an diugh troimh a bhi a' cnuasachadh air àm nach tig, agus ag aomadh do bhuaidh, their gur dìomhanas a th'ann. 'S fheàirrde daoine air amannan an tosd a thig leis an ionndrain,

190 An Rdsarnach

A nise, facal no dhà mu obair-làtha na sgoile. An riochdaich thu 'nad inntinn cnapaich ghioUain, casruisgte, an luirgnean air am breacadh leis a' ghrìosaich, cuid diubh air an eideadh le feileadh beag is peitein, cuid eile le briogais ghoirid nach deach riamh a chumadh air an son. Cha robh iomagain no cùram air fàire. SaoiUdh mi gu bheil mi 'gam faicinn fhathast a nuair a dhùnas mi mo shùilean 's mi ri taobh a' ghealbhain. Mar bu ghnàth, thoisicheadh am maighistear obair an làtha le ùrnuigh, agus dh' fheumadh a h-uile sùil a bhi dùinte. Chiteadh brogach a b'aite na chèile le seòrsa de dhrèin air aodann, 's e feachainn a leth- shùil fhosgladh, ged bha e air chrith eagal 's gu'm faighteadh a mach e. As dèidh seo, thigeadh leasan a' BhìobuiU, agus '' Leabhar Aithghearr nan Ceist. B' fhortanach am fear a dh' aithriseadh na ceistean gun a dhol iomrall anns na bha na h-àithntean ag iarruidh 's a toirmeasg. Agus bha'n deuchainn na bu chruaidhe a chionn gur h'ann 'sa' Bheurla Shas- unnaich a bhatar 'gan ionnsachadh. Ged bhiteadh 'gan aithris an Laidinn cha bhiodh ann ach an aon rud, oir 'se glè bheag a bha tuigsinn hdidh. Bithear gu tric a' cluinntinn gu robh òigridh na Gaidhealtachd air an teagasg gu coimhhonta an eòlas air na Sgriob- tuirean, ach cha'n'eil aon neach a leugh an t-iomradh a chuir an Siorram Mac Neacail, nach maireann, a mach mu staid sgoilean nan eileanan siar, fo ordugh Bord an Fhòghluim an Lunnainn anns a' bhhadhna 1866, nach atharraich a bheachd.

Cha ruig mi a leas mòran a chur sios mu na leas- anan eile— leughadh, cunntas is sgrìobhadh agus

An Sgoil a bha ann 191

na tha fillte annta. Bha triùir ag ionnsachadh Laidinn ; a leughadh na h-eachdraidh a' sgrìobh Caesar ! An robh eachdraidh an Ròmanaich ain- meil a riamh 'ga leughadh an sgoil-cheap ? Bha 'maighistear a' dèanamh a dhìchill leis fèin am measg treud nach robh soirbh a chumail fo cheannsal air uairibh, agus dh' fheumteadh an t-slat a tharruing an dràsda 'sa rithist. chuireadh coire air, agus na bha aige ri dhèanamh ? Bha fios againn uile nach robh an duine còir an duil ri a bheatha a chaitheamh anns an dreuchd ud. Bha dreuchd a b'àirde 'na amharc, agus b'i seo a cheud cheum chun na cùpaid. Mheal e a mhiann, agus b' airidh e air an eaglais anns an deach a shuidheachadh.

Mar an robh an dòigh-ionnsachaidh na aobhar toileachaidh do na sgoilearan, bha'n deuchainn nach gabhadh seachnadh a' faotainn faochaidh, an tomhas, aig cheann an làtha an rathad gus an sgoil, agus àm tilleadh dhachaidh. An uair a bhiodh sìde niath ann, is beag dragh a chuireadh an mhìle eadar dachaidh agus sgoil oirnn. Air an rathad, a' snàgail air an socair, chiteadh grunnan de bhrogaich 'le caman 'san làimh dheis, fhàd mhòna fo'n achlais chlì, aon phòca tomadach le leabhraichean an eile le breacaig arain coirce a rachadh gu tric as an t-sealladh mu'n tigeadh àm dinnearach. Ged tha lit is bainne 'na thràth-maidne fìor fhallain, cha bhi stamag giollain òig fada 'ga chnàmh, agus an uair a dh' fhairicheas e an taobh a stigh a sìoladh sios, agus bunait na stamaig, mar gu'm b'eadh, 'ga fhàgail, bheir e làmh air a' bhonnach a tha 'na phòca. 'Se beul an anmoich a bheireadh dhachaidh e, 's e air a thoUadh leis an acras,

192 An Rdsarnach

Bhiodh cridhealas is feala-dhà a' dol air adhart aìr an t-slighe gus an sgoil. Bha'n caman 's a' bhall 'na bhuaireadh nach robh soirbh a sheachnadh. Bha'n fhàd mhòna 'na dhradh, agus feumar aideachadh gu'n do dhi-chuimhnicheadh, air uairean, an ochdamh àithne a dh' aindeoin teagasg nan ceistean. B'e na foidean mòna a bu choireach ; co-dhiùbh na cruachan ab' fhaisge air an sgoil, eadhoin cruachan a' mhinistear fèin ! B'e sud cruachan a bhuairidh, 'na seasamh ri taobh an rathaid mar gu'm biodh iad a ràdh : " Amadain, c'arson a bhios tu 'gad phianadh ag giùlan fòidean agus sinne an so cho goireasadh?" Cha'n abair mi an còrr. Am fear nach tuig seo, cha robh e riamh òg !

An uair a leigteadh an sgoil a mach gu cluich mu mheadhoin là, sin far am biodh an othail. An àm an t-Shamhraidh chiteadh cròilean de'n chloinn a b'òige a' ruith a chèile air Uanaig, no am measg an fhraoich, no a' buain nan dìthean, no a' ruagadh nan seiUeanan ; grunnan eile a' snàmh 's an abhainn, no a glacadh chaifeanach, a chuid 'bu shine a' cur dhiùbh leis a chaman, no 'feuchainn b'fhaide a leumadh. Ann an sgoilean mòra ar là-ne tha sinn air ar bòdhradh a cluinntinn mu Physical Exercises leis na daoine ealanta ud a bhios a' teagasg an dòigh a bu chòr dhut seasamh no crùbadh, is mar sin air adhart. 'San àm mu bheil mi a' sgrìobhadh, cha robh feum air a leithid fhad 's a bha caman is ball ri fhaotainn is Uanag faisg, no Unne air am faigh- teadh cothrom gu snàmh. An uair a thigeadh dùbhlachd a gheamhraidh, 's a reothadh an loch, sin far am biodh an toil-inntinn a' ruagadh a chèile

An Sgoil a bha ann 193

air an deighe. Ciod e a nise am feum a bhiodh air fear a dh' ionnsaicheadh Physical Exercises dhuinn ? Nach robh Nàdur fein 'gar n-ionnsachadh ? Agus dh' fhàs sinn suas làidir, calma fo'n teagasg. Cha chuir an t-seana mhathair, Nàdur, air iomrall sinn a thaobh nithean corporra, ma ghluaiseas sinn a rèir a riaghailtean. Tha'n t-aomadh nàdurra gu cluich an gnè a' bhrogaich fhallain, agus is math is aithne dha an dòigh a fhreagras, ma gheibh e coth- rom.

Cha robh an t-slighe dhachaidh 'san fheasgar cho fiòr thaitneach, air amannan, 'sa shaoileadh tu. An dràsda 'sa rithist, bhiodh an sgoil fada gun tighinn a mach, agus bhiodh an t-anmoch a' ciaradh mu'n ruigeamaid an clachan. B'e seo tràth nach bu toigh leam fhìn riamh, an uair a bha mi 'nam ghiollan eadar-dha-sholus, no beul na h-oidhche. Bha brogaich 'san àm ud a' làn chreidsinn gu'n robh a' Ghruagach 's a bhean-shìthe am folach an glaic air choireigin, no fo bhruaich na h-aibhne. Bithear a' fàgail air gillean 's air caileagan gur e beul na h-oidhche an t-àm as taitniche air son a bhi a' snàgaireachd 'san dubhar a' suiridh. Faodaidh an tràth seo a bhi cubhaidh do mhac-meanmna nam bàrd, no freagarrach do na suirichean, ach bidh an giollan òg 'ga mheas air mhodh eile, 'se 'na throtan a' gabhail aithghearra na moìnteich ; e air chrith gu'n tachair e ris a' Ghruagaich, no gu faic e taibhse. Bheir an t-eagal a chreidsinn air nach eil an srann nam meanbh-bhiastagan mu'n cuairt da ach na sìthichean a' dèanamh deiseil airson ruidhle dannsa am measg na rainich !

194 An Ròsarnach

Dh' fhàsadh cnith eile air gaisde mòr fraoich 'san dubhar air muUach fàire ; dh' fhàsadh clach bhàn air cUathach cnuic 'na samhla. Bhiodh a h-uile dad fo sgleò. Nach h-iomadh cUsgeadh a chuir an teine-biorach fèin oirnn, agus ged nach faca sinn a' Ghruagach, no na sithichean, riamh, chunnaic càch iad, co dhiùbh 'sa sin a bha iad ag ràdh. Ach am brogach a ghabhadh air teis- teanas nan inbheach a chuir an teagamh? Abraidh daoine gUc ar latha : '' ùrsgeulan faoin gun fheum." Gun teagamh, an aon seadh, ach cha'n ann an seadh eile. Ma bha iad faoin, bha iad taitneach ri'n cluinntinn, agus cha'n aithne dhomhsa gu bheil àbhacas ar là-ne na's feàrr. Dh' fhalbh iad mar a dh' fhalbh an sgoil a bha ann, agus thàinig nòs ùr saoghal eile. An àite na sean mhaighistearan sgoile, tha luchd-teagaisg againn an diugh uidh- eamaichte air gach dòigh, agus tha na tighean- sgoile mar lùchartean an coimeas ris an t-sean fheadhainn. Tha sochairean aig cloinn an diugh nach d' thàinig a stigh air muinntir nan làithean a dh' fhalbh. Ach, bha rud againne an uair ud nach eil acasan, agus an rud a neadaich ann ar cridhe san àm ud, cha deach e as fhathast. Cha leigeamaid leis a dhol as air son mòran. Tha cumhachd dhìomhair fiUte ann an nithean beaga. Mar sin, tha cruth agus subhachas na sgoile a bha ri taobh na mòinteich cho soiUeir air clàr na h-inntinn ri nithean a thachair an uiridh.

DOMHNULL MaC-A-PhI.

^■^^;<^^^-""::i

iiìiiiiiiiiWiifiiiiiiiiìiM

Cecicl deifeanncich ncim beann.

Tir Nam Beann.

FoNN :

Hi ri hi lu hi lò, Bheir mi sgriob do thìr a* cheò, Far am hheil na diùlaich chdir, Bu deoin leam bhi 'nan taice.

Ged a tha mi anns an àm, Sràidearachd am measg nan Gall, B' fheàrr leam bhi an tìr nam beann, A' falbh feadh ghleann is ghlacan.

B' fheàrr leam bhi an tìr an fhraoich, Far na dh' àraicheadh na laoich Sud na suinn 's an dèanainn uaiU, Bha riamh toirt buaidh 's na batail.

Anns a' mhaduinn Cheitein chiuin, 'Ghrian 's i 'g èirigh suas le mùirn, Dealradh air gach lus is flùr, Tha fàs fo dhriuchd na maidne.

Anns a' choiU' is bòidhche fiamh, Chluinninn ceilearadh nan eun, Spreidh ri'g ionaltradh air sliabh, 'S an àl le miann 'gan leantuinn.

Bho'n tha'n Cèitein ri tighinn oimn, 'S fiamh an t-samhraidh air gach pòr, Bheir mi sgriob far 'n robh mi òg, Ri buain nan ròs 's nan dearcag.

DOMHNULL MaC RaTH,

Eachann Cleireach.

^HA mi creidsinn gur gann a tha neach beo an diugh aig am bheil cuimhne air Eachann Moireastan, Clèireach sgìreachd Bhràcadail anns an csiSito Eilean Sgiathanach, oir tha mu

chuairt air ceithir fichead bUadhna o'n dh' eug e. Ach, an dèidh sin uile, tha a chuimhne gu maith gorm fathast sa' cheàm ud de'n eilean, oir bu tearc iad a bha cho gleusda, èibhinn, agus inn- leachdach ris 'na nàdur agus 'na dhòighean. Bu bhochd an ni mata mur biodh iomradh uime air a chur an cruth na bu mhaireannaiche na beul-aithris a mhàin. Tha an eachdraidh ghoirid so leanas air a tional bho urra d'am b'aithne e gu maith.

Rugadh Eachann Moireastan, Clèireach, san aon bhUadhna ris an treas rìgh Deorsa, ni a bu mhoit leis fèin a bhi ag innseadh. Bha e de stoc a bha sònruichte airson gleustachd agus ceanaltais, agus a thuinich fad iomadh ginealach san aon ghabhaltas fagus do Bhaile-ghobhainn, far an robh eaglais agus cladh na sgìreachd.

Cha d'fhuair Eachann còir smid fòghluim riamh, is cha robh facal de bheurla nan Sasunnach 'na cheann. Ach, ciod e dheth sin ? Bu bheag feum oirre ann am Bràcadal an ud. Air fàs gu ìre duine dha rinn an seisein clèireach dheth. Ach, na saoilteadh so iongantach duine gun fhocal sgoile 'na chlèireach. Bha sin 'na ni coitcheann gu leor feadh ar Gàidhealtachd agus eileanan an iar. Ge

r

Eachann Cleireach 197

be ni a bha ri sgrìobhadh co-cheangailte ri dleasnas an t-seisein, agus gnothaichean na h-eaglaise, bha iad air an dèanamh leis a' mhinisteir, agus se bha an earbsa ris a' chlèireach e a bhi cumail cùisean an òrdagh an taobh-a-steach agus an taobh-a-mach de bhallachan na h-eaglaise, gu h-àraidh an t-àite- adhlaic (a bha am bitheantas co-làmh ris an eaglais), agus aon dhleasnas cudthromach eile èigheach pòsaidh na sgìreachd. Agus, gu dearbh, a rèir gach iomraidh is iomadh seasamh ceolmhor san do chuir sin Eachann.

Nuair a bha e 'na leth-sheann dhuine, chaidh èigheach a chur a steach chuige airson pòsaidh eadar duine òg eireachdail a bha air ùr chur suas ann an ceann gnothaich ann am baile Phortrigh agus ma- ighdeann mhaiseach d'am b'ainm Mòr Nic-Neacail, nighean tuathanaich chothromaich san sgìreachd rud a dh'aobharaich iad a bhi air an èigheach le Eachann. B'e ainm an duine òig " Làraidh Mac- Coinnich.'* Bha a' cheud chuid dheth Làraidh ro chaimdealach draghail do'n chlèireach. Bha a mheobhar air dol gu mòr air ais : bha'n t-ainm neonach dheth fèin, agus, a dh'aindeoin gach oidhirp, bha fairtleachadh air a chumail 'na chuimhne. Thuit e mu dheireadh air innleachd a dh'fheuch iomadh aon roimhe is as a dhèidh iorram a dhèanamh dheth comhla ri cuspair le fuaim coltach ris, agus air an robh e mion-eolach eadhon'' Blàrag/' mar so :

Làraidh, Làrag,

Blàrag, Blàrag,

Làrag, Làraidh,

198 An Rdsarnach

Air dha bhi san iomairt so air an roimh 'n èigheach, e a thàinig air gun fhàth gun fhaireachadh ach nàbaidh d'am b'ainm lain Mac Rath, aon de fhoir- bheach a' cho-thionail, agus duine ro àbhachdach cuireadach.

" Eachainn, a chaomhainn, ciod e ta cur ruit ? Ciod e bhoil so ta ort leat fèin ? *' ars lain.

" Mata, nàbaidh, 's mòr sin a ta cur ruim, agus is beag e cuideachd,*' ars Eachann. " Tha e ag èirigh uile o'n èigheach am màireach.*'

" Ach, carson a chuireadh sin smuairein ort, is tu cho eolach air a dhèanamh ? "

"O, gun teagamh tha, ach cha d'èigh mi riamh duine le ainàm cho neonach ri Blàrag.''

'* Blarag ! An d' fhàg do thoinisg thu, a laochainn. Co riamh a chuala sin 'na ainm air duine ? Gu dearbh fèin nani b'e a bh'ann.''

'* Stad ! Stad ! Tha thu dìreach aig a' chùis, lain. Bhuail thu 'n tarag air a ceann ! Chan e Blàrag ainm an duine ach 0 ! fhuair mi thu, sheoid, mu dheireadh, neo-ar-thaing duit (is e bualadh a bhasan le moit) Làrag ! Ud ! Mo mhearachd a rithist. Làraidh, sin agad ainm an duine, lain."

'* Ach, Eachainn, fhir-mo-chridhe, cha dèan e an gnothach dol tre'n bhrionglaid cheudna mu'n ainm am màireach. Creid mise, nuair a sheasas tu fa chomhair a' cho-thionail 's e 's coltaiche gu'm bi thu'm breisUch na's mò.''

" Saoil thu fèin sin, lain. O ! gu idir a ni mi ? Saoil, a charaid, nan suidhinn làmh riut fèin agus gu'm putainn do chas, mur tig an t-ainm chugam nach cagradh tu e, *s mi leth-chromte riut ? "

Eachann Cleireach 199

*' 'N da, ni mise sin gu deonach, Eachainn, oir bu doiUch leam gu'n tigeadh tubaist sam bith ort/'

" Tapadh leat, 'iUe chòir ! Thug thu faothachadh nach beag dhomh. maith leat ! "

Gus mo naidheachd a chur an giorrad, thàinig an Dòmhnach. Shuidh Eachann làmh ri charaid. Thàinig an t-àm airson èigheach a' phòsaidh. Sheas an clèireach suas, agus an guth mall stolda labhair e mar so :

" Cumhnantan-pòsaidh eadar ! *' Le sin,

phut e sail an fhoirfeaich, ach am foirfeach cha do leig e air gu'n cuala se e. An dara uair, thoisich Eachann an duan cheudna. '' Cumhnantan-pòsaidh eadar !"

Agus an sin, chan e mhàin gu'n tug e brùthadh maith do chas Mhic-Rath ach le uilneig 'na chUathaich dh'fheoraich e le leth-chagar borb a chuala mòran de 'n fheadhainn a bha timchioU air,

''Adh ! lain ! "

Ach, bu diomhain gach oidhirp, oir shuidh a nàbaidh cho balbh neo-mhothachail ri iomhaigh chloiche. Agus air do Eachann sin a thoirt fa near, gun tuiUeadh dàlach thòisich e an treas uair :

''Cumhantan-pòsaidh, a dhaoine coire, eadar duin' òg à Portrigh sin thaU a tha de ainm nach urra mi chuimhneachadh aig an àm, agus 's mòr na chosd e d'am chadal is d'am dhùsgadh fad na seachdainn a chaidh. Ach, se rud is coltaiche chuala sibh riamh ri ainm na aig a' mhaighstir-sgoile Blàrag, Blàrag Mac Coinnich agus Mòr : ah ! Mòrag laghach ! Cha dhi-chuimhnich mi a h-ainm-se, agus cha bu chòir gu'n di-chuimhneachadh nighean ar caraid chòir, Mòr Nic-NeacaU."

200 An Ròsamach

Faodaidh mo luchd-leughaidh a bhi cinnteach gu'n robh cuimhne na b'fhaide aig na bha an làthair air èigheach cho neonach na air searmon a' mhinisteir.

Cha robh ach aon uair a chaidh Eachann riamh air turus na b'fhaide na fèill Phortrigh, ge do chaidh e an uair sin fada gu leor, am beachd dhaoine san ud, nuair nach robh rathaidean-iaruinn no bà- taichean-smuide a' ruith nar ceàman tuathach. Oir ciod e agaibh air chaidh e cho fada ri baile lonbhar-nis ? agus air aithris 'na bhriathran fèin cho dlùth agus is urrainn dhomh a chur sios, so mar abha.

" Struidhleas an là'n diugh, a Thormaid ! Mata, 's tu dh* fhaodadh a ràdh ! Neo-'r-thaing mur eil airgead gu leor a' dol mu'n cuairt nar measg, ach leth na bochdainn ! 'S ann gus na làmhan ceàrr a ta e teachd, eadhon ar n-oigridh bhaoth leis nach foghainn dòigh-beo-shlàinte agus èideadh am pàrantan ach grinneas agus àiUeas leis am bheil an t-airgead a ta iad gu goirt a' cosnadh air a luath shlugadh suas air dhòigh 's nach beir làmh an aon phàigheadh air earbul an ath aoin. Co ach iad- san I Na giUean le'n leintean geala air an iar- nachadh cho cruaidh ri leathair agus cho dearrsach ri màs trinnseir le'n deiseachan poileat, 's le'm brògan Gallda. 'S chan fheàrr na caileagan dad. Na h-oinsichean bochda ! lad fèin 's an cuid chrionaloin, 's ' glug nam broinn leis an acras ' mar a thuirt lain TaiUear. Ma's iad sud na fasanan cùl mo làimhe riu! Chan eil iad aon chuid nàdurra no cneasda. Air an t-Sabaid so chaidh, bha prasgan diubh air thoiseach orm, a' dol do'n eaglais, agus

Eachann Cleireach 201

se thug iad am chuimhne na toitean arbhair a thog an tuil mhòr a bh'ann o chionn bhliadhna a' seoladh sios gus an loch. Cha b'iongantach idir mar a dh'èirich do'n bhan-tighearn òg a bha air a glunaibh san eaglais Shasunnaich aig àm na h-ùrnaigh. Ag èirigh thar a glunaibh dhith, ghlac cearcal a' chrionaloin a sàil, agus thuit i 'n comhair a cùil coltach ri othaisg a ghlacadh tu air a cas dheiridh le cromag a' bhata. Ach, a thuiUeadh air sin faic aimeadas ar n-òigridh nuair dh' fhàgas iad an dùthaich, an struidh air an t-slìghe. Chan fhoghainn ach dol air bàta-smuide no traine dh' aindeoin cho geàrr sa tha'n turus. Gabh Calum, mo mhac, a nise. An uiridh, bha e leth-bhUadhna 'na sgalaig aig a* mhinisteir airson ceithir punnd Shasunnaich agus bolla mìne, agus b'e mhìn an aon ni a b'fheumaile de'n iomlan de thuarsdal, oir chaidh an t-airgead uile chur ann an deise-chlo cho sgàireach 's gu'm faiceadh tu'n troimhe ; ach dh' earbadh tu o cheannaiche siubhail, agus paidhir de bhotainn aig an robh uachdair cho tana agus gu'n do shrac iad cho dona a' cheud uair a chuir e uim' iad agus nach gabhadh iad càradh an t-urram aig mo bhrògan iallach ! Phaisgeadh an deise ghrinn, agus chaidh a cur seachad an cìste, ach a' cheud uair a thug e mach i gu dol do'n eaglais Di-dòmhnuich bha i air a toUadh leis na lèomannan cho dona 's nach duraicheadh e a cur uime ! O, Chaluim, cha bu dual duit a bhi cho amadanach ! Tha e nis ann an gàradh-iaruinn air Cluaidh, agus a* faotainn duais tri fiUte air na bha aige mar sgalaig. 'Bheil e na's fheàrr le sin ? Mata, *s e nach eil. Nuair bha e

202 An Ròsarnach

aig an tigh aig an fhèill thàinig orm fèin coingheall phunnd Shasunnach a thoirt dha gus a thoirt air ais, 's chan e sin a mhàin, ach bha de làdamas aige innseadh dhomh na cheud lìtir gu'm b'èiginn da deich tasdain iarraidh an iasaid air DòmhnuU Tois- each, a thuilleadh air na thug mise dha. Se mo bheachd nach eil 's na bàtaichean-smuide ach tighean-ceapaidh air airgead nan gloichdean a ghin sin a thàladh uatha ! Ni-Maith a chumail faighidinn rium ! Leth-cheud tasdan a chur a mach air faradh gu Glaschu ! Agus gu'n deachaidh mi-fèin gu lonbhar-nis agus air ais dhachaidh air tri ! An d'innis mi riamh duit mu'n turus ud, a nàbaidh ? Chuala tu uime, ach chan ann bhuam fèin. Mata, cha mhisde sgeula maith a chluintinn ùair ; agus so mar a chaidh dhomh.

" Thàinig maor-siorram à Portrigh le sanas chugam anns ari robh mi air mo ghairm gu cùirt na' morairean dearga an lonbhar-nis, gu bhi air mo cheasnachadh mar shùil-fhianuis air corp naoidh- eachain a fhuaireadh ann an càrn aig a' Chadha- ruadh turus a bha mi glè aindeonach gu a dhol air, ach cha robh diùltadh no doichioll ri bhi ann. Ciod tha agad air mata ach gu'n d'fhàg mi'n tigh aig dara gairm nan coileach. Rinn Màiri gu leor de bhiadh-siubhail a ghiùlain mi ann am poca beag air mo chUathaich. Gun stad aig SUgeachan ràinig mi aisig mu dhà ùair san fheasgar, agus bha mi air taobh thall Caol-Reithe aig a cuig. Chaidil mi air an oidhche sin an tigh caraid dhomh ann an Clachan GhUnn-Eilgin. Roimh ghlasadh nan neul an ath shìn mi mach tre 'n ghleann Mhòr, agus cha do lasaich

Eachann Cleireach 203

mi ach airson leth-ùair an uaireadair gu greim bidhe a ghabhail gus an do ràinig mi'm baile-mòr mu chuairt air meadhon-oidhche gun sgiUinn a chur a mach ach sia airson aiseig Caol-Reithe ; oir tha fhios agad nach eil port an nasgaidh ann ach Port-na- Banrigh, agus tha e sia sgiUinn. Air an ath shuidh a' chùirt. Aig aon-ùair-deug thoisich cluig a' bhaile air bualadh, agus thog mi orm a mach gus na sràide. Agus 0 ! 's ann an sin a bha'n sealladh 's an iomairt ! Na morairean 'nan cleocan sgàrlaid 's iad 'nan suidhe ann an carbadaibh fosgailte, tarruingte le ceithir eich gach aon diubh le buidh- inn shaighdearan rompa agus 'nan dèidh ; prothaist agus bailidhean a' bhaile agus na maoir ann an car- badan eile ; Fear-tagraidh a' chrùin agus a bhràithrean san lagh a' marcachd air dheireadh; fa dheoidh truimleach de luchd-àiteachaidh a' bhaile a* lionadh gach taobh de na sràidean tre 'n deachaidh an comhlan mòr-chùiseach ud ! Lean mise gu h- aitheasach 'nan dèidh gus an d' thàinig sinn gu Tigh-na-Cuirte aig Clach-na-Cudain. Le mòr shaoth- air dh' fhaisg mi mo rathad gus an dorus. Dh' oidhirp mi dol a steach, ach shìn gach aon de'n mhaor air an taobh so 's air an taobh ud de'n dorus an cuaiUbh tarsuinn romhann, agus dh' fheòraich an dorsair am Beurla an robh gnothach agam a steach.

" ' Mata, sheoid, tha sin agam,' fhreagair mi an Gàidhhg, ' air neo cha bhithinn an so.'

" ' Foillsich e ! * ars esan sa' chainnt cheudna.

'* ' Ni mi sin cuideachd,' thubhairt mise, is mi a* toirt as mo phoc'-achlais an t-sanais ni a leugh e agus an sin, ' Ceart gu leor ' ars esan. ' Lean am fear so agus treorachaidh e gu t'àite thu.'

204 An Ròsarnach

" Agus ciod tha agad air, a nàbaidh, aeh, gus mo sgeula chur an giorrad, an dèidh ùine mhaith chuala mi m'ainm air a ghlaodh le Maor-na-Cùirte, agus thàinig maor eile, agus theoraich e mi gu stòl nam fianuisean. B' èiginn daibh eadar-theangar a mhion- nachadh a steach air mo shon. Thugadh a' cheud ionnsaigh orm le Fear-tagradh an Rìgh.

'' 'An robh thusa, Eachainn Mhoireastain, 'nad shùil-fhianuis air an ni ud ? ' ('s e ga ainmeachadh).

' Bha,' arsa mise.

' Am bheil cuimhne agad air an ? '

' Tha, gu ro mhaith.' ' ' dh' fhàg do chuimhne air cho ro mhaith ? '

' Mata, innsidh mi sin duibh. 'S ann air san luchar-shamhraidh a bha ann. blàth le smugar ceo, nuair thàinig mi dhachaidh an dèidh comhlaiche cho mi-shealbhach aig a* Chadh-Ruadh. Co bha staigh romhann ach Fionn à Roag, agus bh'againn air ar suipear ach buntata pronn, agus sinn a dh' fhaodadh : bu mhaith mo dhà mhart-bainne.* " Bha barrachd GàidhUg am baile lonbhar-nis aig an àm ud na tha an diugh, agus thuig mòran de na bha stigh mo bhriathran fèin, agus mu'n do sguir mi bha iad uile a' gàireachdaich, ni a thug air an Ard-bhreitheamh tionndadh le frionas, agus maoidh- eadh an tighe fhalamhachadh mur cumadh iad orra fèin rian na bu nòsdaile. Ach, mu'n robh an t-eadar- theangar uUamh do eadar-theangachadh, bha'n dearbh bhreitheamh ud fèin agus a bhràithrean air a' bheinge- sgàrlaid agus an luchd-lagha agus na h-uile bha'n taobh-a-stigh de na ballachan gan sniomh fèin le lachdadaich. Cha do chum iad air an stòl ro fhada mi'n dèidh sud. Agus an uair a bha mi dol

Eachann Cleireach 205

a mach chuala mi am breitheamh ag ràdh ris an ionmhasair ; ' Feuch gu'm pàigh thu an duine còir ud, agus gu'm pàigh thu gu maith e/ Agus gu dearbh 's esan a rinn sin. Fhuair mi ceithir ghinidh òir bhuaithe, agus thug mi sin uile dhachaidh ach tri tasdain suim airson an do chuir Calum mo mhac iomadh falus dheth fad leth-bhUadhna am Baile- ghobhainn. Agus cha dèanadh e riamh an tùrn a dhèanainn fèin. Bheirinn làn cleibh-thabhaistich de bhuntata coig mile air mo dhruim gun anail a leigeil, agus bheirinn mart à poU leam f èin ach, 0 ! struidh is gòraiche an la'n diugh ! "

Is ann air leabaidh a bhàis a rinn Eachann còir an èigheach-pòsaidh mu dheireadh. Air maduinn Di-dòmhnuich dh' aithneachadh gu'n robh faileas an teachdaire dheireannaich a' tuiteam air a ghnùis. Ach, bha'n èigheach fathast 'na chùram air. Ghairm e a steach tiomchioU a leapach muinntir a theagh- laich. Thug e air aon de na mic caibdeal a leughadh, agus salm a sheinn. An guth bristeach chuir e fèin suas focal ùmaigh, agus an sin am briathran fann caol oir bha an còrd airgid dlùth gu bhi brìste, agus nigheanna a chiùil a bhi dol 'nan tosd rinn Eachann cumhnantan a' phòsaidh èigheach. Agus, gus a' chùis a dhèanamh foUaiseach, thug e air aon eile de a mhic dol gus an rathad mòr, agus, nuair bha comhlan de'n cho-thional a' dol seachad, an èigheach an sin a rithist. Mo laochan ort fèin, Eachainn ! Cha robh thu-sa gu bhi air do bheatadh gus an diog mu dheire- adh ! Chan fhaic sinn do shamhuil tuiUeadh Oisean an dèidh na Fèinne ! Ach, a' chlach bheag so air do chàrn, agus do chuimhne a bhi fada gorm !

AONGHAS MaC PhARLAIN,

Aisling.

Bhruadair mise bhò-raoir, Bhi còmhnuidh an Snidheasort, Far an robh mi 'm òige, Gu sòlasach cuireadach ; Aotrom cridheil, spòrsail, Gun bhròn no gun uireasbhuidh, Mànran feadh nam bruachan, Gu h-uallach 's a' chuideachd ud.

Tha'n samhradh ri tighinn teann oimn',

B'e m' annsachd bhi fuireach ann,

B' ait leam a bhi 'g èirigh,

Air maduinn Cheitein chùirteineach,

Spreidh is iad air reidhlean.

Air bhàrr an t-slèibh ag ionaltradh,

An t-àl ri ruith mu'n cuairt dhiubh,

Gu meanmnach luathmhor mireagach.

'S e sealladh e cho glòir-mhor, Ri m' bheò air na dhearcadh leam, Bhi faicinn obair nàduir, Is àiUeachd nan dachaidhean, Na raointean air an còmhdach, Le neoinean bhòidheach bhileagach, Gach ròs a' fàs fo'n driuchd ann, 'S beath, ùr anns na lùsanan.

Grian na speur ri dealradh, *S gathan blàth 'g a beathachadh, Gach ni cho snuadhmhor blàthmhor, Am pòr a' fàs 's a' cinneachadh,

Aisling 207

An t-sòbhrach fhineal ùrail,

Gach cùil 's i cho duiUeagach,

Seillean air gach bàrr dhiubh,

Gun fhios gun tàmh ri cruinneachadh.

Chuthag cur na smùid dhith,

Aig bonn nan stùc cho caithreamach,

Smeorach 's i cho sùrdail,

Le òran sunndach aighearach,

An uiseag air a' mhòintich,

Ri ceòl is ri ceilearadh.

Bu mhùirneach leam 's an àm sin,

Bhi tàmh 's a' ghleann 's an d' rugadh mi.

Gheibh thu caoimhneas 's càirdeas,

Ciuine bàigh is faireachadh,

Tha còrdadh ri fhaotainn,

Measg siol nam daoine ceanalta,

Tha' d truacanta le fìrinn,

Is sitheil modhail onarach,

Le iomadh cUù a bhàrr air,

Nach bi mi'n dràsd' ag aithris dhuibh.

'S e so an t-àit' tha àluinn, Seach ceàrnaidh a shiubhail mi, 'S e so an t-àit' tha priseil, Le cinnte tha urramach. Thug uaislean agus ìslean, Bho Unn gu Unn an t-urram dha, Bu mhiann leam fèin bhi tàmh ann An tìr mo ghràidh an Snidheasort.

Calum Mac Rath,

Meirleach-nan-Slad.

HA robh meirleach na b'ainmeil an Siorra- machd Pheirt na bha Alasdair Bàn 'na fèin, is bha iomradh air fada an dèidh dha bhi air a chrochadh.

A rèir beul-aithris, thàinig Alasdair nuair a bha e 'na ghiullan gu Baile Chraoibh maille ri cuideachd de dhaoine a bha toirt giubhas air a sgoltadh o choille dhubh Raineach chun na machrach, is ga reiceadh ri luchd dèanamh nan criathar.

Dh' fhuirich Alasdair mu'n mhachair, is dh' fhàs e 'na dhuine mòr làidir aig an robh spionnadh neo- chummanta. An sin, thoisich e air a bhi ag iomain cruidh dh' ionnsaigh faidhir Amul-ruidhe, dh' ionn- saigh fèiU na h-Eaglais-brice, is a dh' ionnsaigh faidh- richean eile, fad is am fagus.

A' chuid is a' chuid, chinn e eolach air Gàidheil bhorba a bha gnàthachadh a cheart ceudna ; ach cha robh am companas gu feabhas Alasdair mu dheireadh. '' TruaiUidh droch chonaltradh deagh- bheusan " thuirt an sean-fhacal, is b' fhìor e thaobh Alasdair.

Rinn na ceatharnaich comh-bhann is chaidh Alasdair a chur os ceann na buidhne. Is coltach gu'n robh leth cheud no tri fichead fear anns a' chuideachd.

Thuinich na h-eucoraich sin an uaimh no uamhan an creagan Chaoil-ghUnn-amain ; ach gu dearbh

/

/

:L^s.'A

TV dol gu margadh.

Meirleach-nan-Slad 209

b'aobhar eagail is fuath iad do na Gàidheil is do na Goill a bha anns a' choimhearsnachd. Chan e beag a chumadh àireamh cho mòr de chreach- adairean am beo-shlainte, is bha caoraich, uain, is meinn, laoigh is gamhna gach oidhche air chall, is bha amharus aig an tuath a thachair dhaibh. Aig àmanna sònruichte, is san oidhche, rachadh na meirhch a thogail nam bo o na h-àitean a bha comharraichte mach roimh làimh leis na beachdairean aca. A' chuid de'n chrodh nach do mharbh iad airson iad fèin a bheathachadh, bha dòighean aca troimh an robh iad comasach air a' chrodh a reiceadh, is airgiod fhaotainn air an son.

Cha robh frith-rathad, no àite uaigneach feadh nam beann no nan gleann nach robh aithne aig na gaduiche orra, is bha an t-eolas sin fèumail dhaibh nuair a b'e an rùn crodh a ghoideadh no an cumail folaichte gus am biodh cothrom aca an cur gu mar- gadh. Nuair a bhiodh mine no goireasan eile a dhìth air na spuinneadairean rachadh feadhainn dhiubh do Bhaile Chraoibh, no do Bhaile Pheirt a cheannachadh nan sin, ach 's ann san fheasgar a ruigeadh iad na buthan. Cha robh mòran dhiubh aithnichte do na marsantan, ge rachadh iad gu follaiseach do na bailtean ; ach cha b'e am miann gu'm faiceadh daoine eile iad a' tighinn air ais do'n àitean comhnuidh anns na h-uamhan, is anns na sluichd am measg nan creag.

Cha b'ann chum maith na dùthcha a bhiodh e nam maireadh sin uine fhada. Gu fortanach, thàinig crìoch eallamh air a' chomh-bhann a bha eadar na

b-eucoraich,

9

210 An Rdsarnach

Thug na beachdairean fios gu'n robh àireamh mhòr de chrodh air baile fearainn tha air an t-sUabh eadar Buidhantidh is Faolais, is nach biodh a' chreach doirbh r'a thogail.

Chuir na creachadairean an gleus gach inn- leachd a b' aithne dhaibh chum crodh an tuathanaich a sguabadh air falbh gun fhios da, no an toirt air falbh mu'n b'urrainn dha comhnadh fhaighinn à Faolais, is o'n tuath mu'n cuairt. Thachair gach a rèir toil nan eucorach, is chaidh spreidh an tuath- anaich bhochd a ghreas air falbh gun upraid sam bith, is cha robh fios aige air a chall gus an ath- mhadainn, is cha robh dòigh aige air a chuid fhaotainn air ais. Is i sin a' chreach mhòr mu dheireadh a thog a' bhuidheann sin de mheirHch. Gu maith na dùthcha, dh' eirich easaontas nam measg thairis air roinneadh na creiche, is an dèidh cònnsachaidh garg dh' fhàg iad uile an Caol-ghleann ach Alasdair 'na aonar. Bithidh mi an dochas gu'n do threig mòran dhiubh an droch shhghean, is gu'n robh an caith- beatha na b'fheàrr, is na bu chHuitiche, o sin suas. Co dhiubh, tha e na cinnteach nach robh e an dàn dhaibh uile cead a ghabhail de'n t-saoghail so air croich oiUteil Pheirt.

Bha seann daoine anns a' bheachd gu'n robh ceithir àitean sònruichte airson falachaidh aig Alas- dair Bàn : am braigh Chaol-bhealaich, an Gleann- cuaich, an Creig-uchdaig a tha 'na crìch eadar Gleann- Hadnaig is Dail Aird-eonaig, am Braid-albann, agus anns a' Chaol-ghleann ; ach b'i an uamh tha an Creig-na-h-iolair an Coire-choiUtearan an Coineachan an t-ionad comhnuidh bu tearuinte is bu dìomhaire

Meirleach-nan-Slad 211

a bha aige. Bha an uamh mu theis-mheadhon na creige, is bha àirde mhòr de chreig os ceann is foipe, is cha robh e an comas do dhuine beo dol stigh d'a h-ionnsaigh ach air frith-rathad cumhann o thaobh an iar de'n chreig. Dh' fhaodadh an uamh seathnar dhaoine a chumail nuair a bha Alasdair a' gabhail comhnuidh innte ; ach, an dèidh àm a' mheirUch, chaidh beul na h-uamha fhosgladh gu farsuing, is an talamh a thilgeadh stigh do'n uaimh, oir b' àbhaist do chaoraich a leum stigh innte, is cha b' urrainn dhaibh tighinn am mach aisde rithist.

Is coltach gu'n do rinn Alasdair an t-òran *' Meirleach-nan-Slad " nuair a bha e anns a' Chaol- ghleann.

Aig an àm sin, bha mòran de thuath ag aiteachadh GhUnn-amain o'n Bhaile-nodha gu Leac-rèidh am fìor bhraigh a' ghHnne, is bha crodh, caoraich, is gabhar aca.

Nuair a bha fear an sud is an so a' caU laogh, mult reamhar, uan maith, no deagh mheann is ann le seaUadh amharusach a bha gach duine ag amharc air a choimhearsnaich ; is laidh an-earbsa mar neul dubh dorcha air inntinnean na tuath gu leir. Air madainn an drasda is a rithist theireadh fear r'a choimhearsnaich, '' Dh' fhalbh mo laogh an raoir," no " dh' fhalbh mult, uan, no meann orm 'san oidhche."

Is ann air na beathaichean a chaidh a ghoideadh orra bha comhradh sluaigh a' ghUnne car iomadh seachduin, is cha robh neach sona no toiUchte 'nam measg.

Mu dheireadh, bha faochadh air an curam is

212 An Ròsarnach

air an trioblaid inntinn, oir fhuair iad comharan dearbhte nach b'e meirleach coitchionn no duine gun eagnaidheachd a thachair orra ; ach duine teoma, is cha robh e doirbh dhaibh a thuigsinn nach biodh e *na furasd am meirleach a chur an làimh.

Chaidh an samhradh seachad, is bha mhios de'n fhogharadh air dol seachad mar an ceudna ; ach cha deachaidh greim a dhèanamh air an fhear- reubainn, is bha corruich air an t-sluagh, oir bha mheirle dol air adhart mar a b' àbhaist.

Thàinig toiseach an treas mhios, is 'na chois bha an Fhèill-Mhicheil.

Air mòr na fèiUe, chruinnich na ceudan de dhaoine is de mhnathan as gach àird, is bha sraidean Chraoibh air an Honadh leo.

Choinnich Gàidheil is Goill is bhruidhinn iad r'a chèile mar a b' fheàrr a dh' fhaodadh iad. Bha feath-ghàire air aghaidh gach marsanta, is air aghaidh gach osdair, oir bha iarrtus mòr air bathar, goireasan, uisge-beatha, is lionn. Ach, chiaradh am feasgar, is dh' fhèum an sluagh a bhi triall dhachaidh. Chuir a' mhòr chuid de na Gàidheil an aghaidh ris a.' Chaol-ghleann, is chaidh iad gu sunndach seachad air uaigh mhòir an fhamhair Mhiosachain, is seachad air Cloich Oisein. Nuair a rainig iad am Baile- nodha, dhealaich sluagh GhHnne-cuaich ri sluagh GhUnn-amain, is dhirich iad am bruthach, is chaidh sluagh GhHnn-amain suas ri taobh Uisg-amain. Dh' fhuirich roinn dhiubh aig tighean Chreig-na- faire, is aig an Dail-mhòir.

Bha an oidhche ann ; ach bha a' ghealach gu buidhe boidheach a' toirt soluis do'n luchd-imeachd.

Meirleach-nan-Slad 213

Thachair gu*n robh triur no ceathrar de ghiUean làidir eireachdail leo fèin nuair a rainig iad earrann de'n rathad mu leth-mhile o thighean Choineachain, far am faiceadh iad aghaidh Creige-na-h-iolair air taobh dheas na h-aibhne. Am measg nìthe eile, bha an comhradh mu mheirleach-nan-slad, is iad gu dian ga mhallachadh. Thog fear dhiubh a shùilean ri Coire-choilltearan no chouldrain, is thuirt e : " Tha solus a' dealrachadh an teis-mheadhon Creige-na- h-iolair.'*

" Air m' anam gu bheil/* thuirt fear eile.

" Faicibh nach e dearsadh na gealaich a th'ann,*' fhreagair an treas fear.

" Chan eil a' ghealach cho iosal ri sin, a dhuine ! " thuirt an ceathramh fear.

" Feuchaibh nach ann an sud a tha am meir- leach," ghlaodh fear dhiubh.

" Theagamh gu bheil thu ceart," fhreagair an còrr dhiubh : " rachamaid a dh' amharc ! "

Chaidh iad uile gu togarach thar Uisg-amain, is lean iad seann rathad na moine gus an robh iad aig iochdar Creige-na-h-iolair. An sin, ghabh iad gu samhach suas ri taobh no ceann iar na creige, is iad a' cagarsaich gu ciuin r'a chèile. Bha an solus a' dearsadh à aite sònruichte sa' chreig, is thuig iad an dòigh air am b' fhaigse a gheibheadh iad air gun a bhi air an cluinntinn. Nuair a ràinig iad am frith-rathad a bha ruith dh' ionnsaigh an t- soluis, shnag iad air adhart air am magan, is chual iad ceol binn na truimb a' tighinn am mach o'n chreig. An sin stad ceol na truimb, is chual 'iad guth làidir a' seinn

214 An Ròsarnach

** Tha Meirleach-nan-Slad, Ann an Caol-ghlinn-amain ; Is eolach tha cheum Mu bhruachaibh na h-abhann, 'S iomadh bo tha gun laogh, 'S iomadh caor tha gun uan ; Is bronach an gaoir Da thaobh, Ghlinn-amain."

Nuair a chriochnaich an t-òran, bha iad aig beul uamha nach fhac iad riamh roimh sin, is chunn- aic iad ceatharnach mòr feusagach, 'na shuidhe, is e a' cluicheadh gu h-ealanta air an tromb. Bha aghaidh ri teine ris an robh e rostadh spag muilt a bha crochadh mu choinneamh na lasair, is bha bior iaruinn troimh 'n fheoil. Bheireadh e put le chois chuaranaich do'n bhior airson na spag a thionndadh mu'n cuairt. Chunnaic mi am bior an tigh Eoghainn Chaimbeul an Coineachan fada fada an dèidh Alasdair Bhàin. Bha am bior mu ochd-oirlich- dheug air fad, is cha robh e ach air a dhroch thàthadh r'a chèile. Chan e òrd gobhainn a dheasaich an t-iaruinn sin ; oir cha robh e cho inealta is a bhiodh obair gobhainn.

Gu fortanach, bha druim a' mheirhch riu, is leum dithis dhiubh air mu'n robh cothrom aige biodag no dag a tharruing orra ; ach bha e coltach ri droch laimhseachadh a thoirt dhaibh, is dh' fhèum an fhear eile an comhnadh.

Mu dheireadh, an dèidh spairn chruaidh chaidh lamh a* cheatharnaich a cheangal gu teann air a chulaobh, is e fèin a thoirt am mach o'n chreig. Nam biodh fios aige gu'n robh iad a' tighinn rathad

Meirleach-nan-Slad 215

na h-uamha bhiodh e 'na furasda dha fear mu seach dhiubh a thilg thar na creige, is a mharbhadh, ach cha chual e iad a' tighinn, is chan fhac. Dhi- chuimhnich Alasdair an leac mhòr a chur air beul na h-uamha an oidhche sin, is rinn an dearmad sin dochann dha nach do ghabh a leasachadh gu bràth ; oir thug solus an teine na giUean air a thòir.

An aghaidh a thoil, chaidh a thoirt as an uaimh, is sios an coire gu h-aon de thighean Choineachain, far an do ghlèidh iad e gu tearuinte na h-oidhche. Gu moch an ath mhadainn, dh' fhalbh buidheann de dhaoine leis gu ruig Baile Pheirt. Gun dail, chaidh a chur anns a' phriosan mhòr, is an uine glè ghoirid bha Alasdair air a tharruing roimh 'n chuirt is bha a chiont air làn dhearbhadh na aghaidh. Thug am breitheamh am mach a bhinn is bha Alasdair gu bhi air a chrochadh an no dhà air croich air sliabh Pheirt.

Thàinig an muladach, is chruinnich sluagh lìonmhor a dh' fhaicinn a' mheirUch ainmeil, Alasdair Bàn, dol gu bàs. Cha bu chladhaire esan, is bha a cheann àrd, is a cheum uallach, ag imeachd a dh' ionnsaigh na croich. An àite òraid a dhèan- amh, mar a b'àbhaist do chiontaich air an dìteadh a dhèanamh is ann a rìnn e faisneachd an cuma bàrdachd, mar a leanas

*' Fhad's a ruitheas Uisg-amain. Le farum 'na chuideachd, Bidh neach air a bhath ann Gach bhliadhna gun sguireachd."

An dèidh sin, chaidh crioch obann a chur air a

216 An Ròsarnach

bheatha ; ach bha iomradh air " Meirleach-nan- Slad '' fad iomadh Hnn, is cha robh a rainn air an di-chuimhneachadh.

Chunnaic an Ni-Math iomchuidh nach rachadh uiread de shluagh a bhathadh is a thuirt Alasdair Bàn, ge tha cunntas againn air seathnar a chaiU am beatha an Uisg-amain an taobh stigh de cheithir- fichead bUadhna air ais.

Seumas Mac Dhiarmaid.

BINDING SECT. MAY 2 W4

PB An Ròsarnach

1501

R6

lbhr.2

PLEASE DO NOT REMOVE CARDS OR SLIPS FROM THIS POCKET

UNIVERSITY OF TORONTO LIBRARY

1

(

1

1

i

!