EX-UBWS

Sinners in the Hands of an Angry GocL

PEACAICH

LAMHAIBH DHE 'NA FHEIRG.

SEARMOIN

URRAMACH lONATAN EDUARDS.

EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART,64 SOUTH BRIDGE.

1889.

32

fathast a mach à Criosd, agus an crochadh os ceaiin slochd ifrinn, ri àrd-ghlaodh focail agus freasdail Dhia, co dhiubh is seann daoine no seana mhnathan iad, no daoine ann an treun 'an neirt, no daoine òga, no clann bheag iad. Bidh bliadhna thaitneach so an Tighearn, a tha 'n a latha mòr-thròcair do chuid, gun teag- amh, 'n a latha dioghaltais cho mòr do chuid eile. Bidh cridheachan muinntir a cruadhach- adh, aig a leithid so do àm, anns an tomhas sam bi an ciont a' meudachadh, ma ni iad dearmad air an anamaibh. Agus cha robh a leithid so do mhuinntir riamh ann an cunnart cho mòr, a bhi air an tabhairt thairis do chruas cridhe agus do dhoille inntinn ; agus ma thachras so dhuibh- se, bidh sibh gu siorruidh a' mallachadh an latha so, agus a' mallachadh an latha an d'rug- adh sibh riamh, gus a leithid so do àm doirtidh a mach Spiorad Dhia fhaicinn, agus b' fhearr leibh gu 'n d' f huair sibh bàs, agus gu 'n deach- aidh sibh do dh' ifrinn mu 'm faca sibh e.

Air an aobhar sin, dùisgeadh gach neach a nis a tha mach à Criosd, agus teicheadh e o 'n f heirg a tha ri teachd. Tha corruich an Dia Uile-chumhachdaich 'nis an crochadh gun teag- amh os ceann na h-uile pheacach. Teicheadh gach neach a mach à Sòdom : " Teich air son t-anama ; na seall a' d' dheigh, agus na stad 's a' chòmhnard uile : teich do 'n t-sliabh, air eagal gu millear thu," G-en. xix. 17.

SLANUIGHEAR AIll DO SHON-SA.

FOCAL DO NA H-UILE.

LE

S. M. HAUGHTON.

EADARTHEANGAICHTE O'N BHEURLA.

EDINBURGH:

MAOLACHLAN & STEWART,

C4 SOUTH BEIDGE.

S. M. HAUGHTON, SOUTHBORO', TU^'BEIDGE AVELLS.

EDINBURGH :

PRINTED BY LORIMER AND GILLIE

CLYDE STRHET.

h'-l

1

KOIMH-RADH.

AiR feasgar ài'aidh mn tlioìseacli an t-samhraidh thàinig cuii'eadh orm gu dhol a dh' amharc air duine tinn. jSTuair a chaidh mi steach do 'n t-seomar 's an robh e, ghrad dh' amhairc e gu geur orm, agus is gann a tharr mi suidhe laimh ris, nuair a dh' eirich e 'na leth-shuidhe 's a' leabaidh, agus, le dùrachd nach di-chuimhnich mi gu bràth, labhair e briathran cosmhuil ris mar a leanas :

" Oh, bheil SlInuighear ann air mo shonsaI Innis dhomh na dean moiUe, oir 's e sin a tha uam fhaotainn a mach ! Cha 'n' urrainn domh bhi fada beo ! Tha mi 'n am pheacach mòr, agiis tha eagal orm nach 'eil tròcair ann air mo shon ! An urrainn Dia maitheanas a thoirt domhl OH BHEIL SLANUIGHEAR ANN AIR MO SHON-SA? '^S' e sin a tha uam fhaotainn a 7?iacA."

An deigh dhomh 'inntinn thrioblaideach a chiuineachadh beagan, dh' fheuch mi, an earbsadh, ri cuideachadh an Spioraid Naoimh, ri slighe na slàinte chomharrachadh a mach dha, agus ann am briathraibh Chriosd fhèin dh' innis mi dha, . gur '• Ann mar sin a ghràdliaicli Dia an saoghal

4 ROIMH-RADH.

gu 'n d' thug e aon-gliin Mhic fèin, chnm a 's ge b' e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu 'ra bi a bheatha shìorruidh aige. Oir cha do cuir Dia a Mhac do 'n t-saoghal, chum gu 'n dìteadh e an saoghal, ach a chum gu 'm biodh an saoghal air a shaoradh trìd-san" (Eoin iii. 16, 17). Thàinig fìrinnean an t-Soisgeil mar ioc-shlaint a dh' ionnsuidh an anma leointe. Ghabh e ris an naigheachd mhaith, chreid e ann an losa, agus bha e anabarrach sona. Bha e beo fada gu leor gu fianuis a thoirt mu 'n atharrachadh a thaìnig air a chridhe, agus cha mhòr nach iad so na briathran deireannach a labhair e, " Cha 'n' eil eagal orm roimh 'n bhàs. DN fhalhh an gath as a' bhas ! * Buidheachas do Dhia a tha 'toirt dhomh-sa na buadha tre ar Tighearn losa Criosd' (1 Cor. xv. 57). Tha fadachd orm gus am bi mi 'falbh gu bhi maille ri losa. Cha 'n fhada gus am bi mi ann an neamh."

Tha cheisd cheudna, " Am bheil Slànuighear ann air mo shon-sa % " gu tric air a' cur ris an sgrìobhadair nuair a tha e 'taoghal air a'mhuinnt- ir a tha bochd agus fo àmhghair, a tha tinn agus ri uchd bàis. Agus gu tric tha 'chridhe air a dheanamh aoibhinn le bhi 'faicinn neach eile, agus fhathasd neach eile, air an treorachadh gu bhi 'cur earbsa air son slàinte ann-san a mhàin a thaìnig " a shireadh agus a theamadh an ni sin a bha caillte" (Mata xviii. 11 ; Lucas xix. 10).

Air do 'n sgrìobhadair a bhi 'mothachadh gu 'm bheil a' cheisd so. " ^m hheil Slanuighear ann air mo shon-sa ? " na ceisd a tha ro chudthrom- ach, agus na ceisd d' am bu chòir do gach uile

ROIMH-RADH. 5

anam beò mbr shìlim a ghabhail, 's e ni tha 'na rùn 's na duilleagaibh so a bhi toirt freagairt seachad as an Fhocal sin a tha comasach air ar deanamh glic " a chum slaìnte tre 'n chreidimh a ta ann an losa Criosd" (2 Tim. iii. 15), agus an sin gu neo-sgàthach teagasgan an Fhocal air a chuspaii' so 'fhoillseachadh.

A leughadair ionmhuinn gu robh thusa 's mise air ar treorachadh leis an Spiorad Naomh a dh' ionnsuidh gach uile fhirinn agus gu faigh simi beatha shiorruidh tre 'n Tighearn losa Criosd !

S. M. Haughton.

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

** Is fìor an ràdh so, agics is airidh e air gach a/)n chor gabhail ris, gu 'w d^ thàinig losa Criosd do 'w t-saoghal a thearnadh pheacach.'" 1 Tim. i. 15.

'S ANN d' aii leithidibli so a tlia gacb sgeiil o neamh mu thimcliioll teaclidaireaclid Cliriosd do 'n t-saoghal so. " Is i so an fhianuis gii 'n d' thug Dia dhuinn a bheatha mhaireannach ; agus tha a' bheatha so 'na Mhac " (1 Eoin v. 11). Beatha mhaireannach ! Agus ma chreideas tu is leatsa a' bheatha so. " An ti a chreideas ann am Mac Dhe, tha 'n fhianuis aige ann fèin" (1 Eoin V. 10). Am bheil thu 'cur teagaimh ann am Tirinn an sgèil soì Cùimhnich, "An ti nach creid Dia rinn e breugaire dheth, do bhrìgh nach do chreid e an fhianuis a rinn Dia mu thimchioll a Mliic " (1 Eoin v. 10). Tha 'n ràdh so fìor ged tha e na aobhar-iongantais. Tha e air do shon-sa, charaid, dh'each mar nach biodh aon pheacach eile air an t-saoghal uile. Chreid na muilleanan e, 's rinn e sona iad, agus dh' ullaich e iad air son nèimh. Tha muilleanan aig an àm so a' cur an earbsa anii, agus tha iad air an lionadh le sìth agus aoibhneas. ** Is fìor an ràdh so agua is airidh e air gach aon chor

GABHAIL RIS."

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 7

"lOSACEIOSD ! " Mu 'n tèid siim air aghaidh gu bhi labhairt mu ciod a thàinig losa Criosd a dheanamh, feuchamaid ri freagairt ghoirid a thoirt do 'n cheisd, e losa Criosd'? Is e Mac sìorruidh an Athar e, a th' ann o shìorruidheachd agus co-ionnan ris an Athair. Is leis-san uile bhuaidhean agus uile iomlanachd na Diadhachd. Is E Mac Dhè, is E Dia. Tha Eoin a* labhairt uime agus ag ràdh, " Anns an toiseach bha am Focal, agus bha am Focal maille ri Dia, agus b' e am Focal Dia " (Eoin i 1). Agus tha Pol ag ràdh is E " Dia air fhoillseachadh 's an fheoil " (1 Tim. iii 16). Dia ! agus mar Dhia tha E sealbhachadh iomlanachd gliocais, cumhachd, eòlais, maitheis, agus fìrinn, Is E rinn an saoghal 's gach ni a th' ann. Is Esan a tha 'riaghladh, a' stiùireadh, agus a' cumail suas, gach ni le focal a chumhachd. Esan a thug dhuit beatha, agus anail, agus na h-uile nithean. Mar Dhia tha e 'deanamh gach ni mar is àill leis air nèamh agus air an talamh mu 'n cuairt, g' a h-àrd, gu h-iosal.

Ach tha " lOSA CKIOSD " 'NA DHUINE MAR AN CEXJDNA I Nuair a thàinig E dh' ionnsuidh an t-saoghail so, " Cha do ghabh e nàdur nan aingeal air ; ach ghabh e sìol Abra- haim air " (Eabh. ii. 16.) " Bha e air a bhuaii'- eadh 's na h-uile nithibh air an doìgh cheudna ruinne, ach as eugmhais peacaidh" (Eabh. iv. 15). B' Esan "an duine losa Criosd " (1 Tim. ii. 5). Duine aonaichte ri Dia. Fìor dhuine aig am bheil co-mhothuchadh ruinne ann ar n-uile bhròin agus fhulangasaibh ; agus Dia a tha neo-chrìoch-

a2

8 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

nach. ann an gràdh 's ann an tròcair, a chum cuideachaidh leinn anns gach uireasbhuidh agus dìth. Cha 'n' eil cràdh a dh' fhairicheas sinn, no trioblaid a dh' fhiosraicheas sinn, air nach 'eil Tosa làn èolach, agus tha E, air an aobhar siii, comasach air cuideachadh leinn, comh-f hurtachd a thoirt duinn, agus faireachadh air ar son. "Oir cha 'n' eil àrd-shagart againn nach 'eil comasach air comh-fhulaugas a bhi aige r' ar n-anmhuinneachdaibh" (Eabh. iv, 15). "Oira mheud gu 'n d' fhuiling e fèin, air dha bhi air a bhuaireadh, is comasach e air cabhair a dheanamh orrasan a ta air am buaireadh" (Eabh. ii. 18).

"THAINIGE!" COAS? O chathair Dhe, o uchd an Athar. O neamh. O ionadaibh- còmhnuidh soillseach na glòire 's an t-sonais. O chuideachd nan aingeal agus nan spiorad glòraichte.

"THÀmiG El" CllTE? A dh' ionn- suidh na talmhainn ; a dh' ionnsuidh an t- saoghail so ; saoghal a th' ann an naimhdeas 'na aghaidh; saoghal a bhris a laghannan gu leir; saoghal a tha deanamh ceannairce 'na aghaidh ; saoghal a rinn E naomli agus maiseach, ach a chaidh a thruailleadh agus a mhilleadh le peacadh agus bròn ; saoghal dhaoine aingidh, còmhdaichte le uaighibh, agus aìte-còmhnuidh nam marbh.

CIOD AN DÒIGHANNS AN D' THAINIG E ? Anns an t-suidheachadh a b' ìsle anns am b' urrainn duine bhi. Rugadh le òigh E, agus chuireadh 'na luidhe 'm prasaich E. Thàinig E ''air a dhìmeas agus air a chur air chùl ledaoinibh; 'na dhuine dhoilighiosan agus eòlach air bròn "

SLANUIGHKAK AIR DO SHOX-SA. \)

(Isa. liii. 3). Am feadh a bha tiiill aig na sionnaich, agus nid aig eunlaith an athair, cha robh Aige-san, Mac an duine, ionad anns an cuireadh E a cheann fodha. Bha E air a bheath- achadh aig bòrd neach eile, ghabh E còmhnuidh an tigh neach eile, dh' adhlaiceadh E an uaigh neach eile. " Ged bha E saoibhir, gidheadh aii bhur son-sa rinneadh bochd e, chum gu 'm biodh sibhsesaoibhirtreabhochdainn-san" (2 Cor.viii. 9.)

"THÀINIGE!" C'ARSON? "ATHEAR- NADH!" Dh' fhaodadh E bhi air tighinn a chum breth a thoirt air an t-saoghal, a chum a dhìteadh, a chum a sgrios. Ach cha b' i so a theachdaireachd : cha do chuir Dia a Mhac do 'n t-saoghal a chum gu 'n dìteadh E an saoghal, ach a chum gu 'm biodh an saoghal aii' a shaor- adh Trid-san" (Eoin iii. 17). Tha E fhèin ag ràdh, " Cha d' thàinig mi a dhìteadh an t-saoghail ach a shaoradh an t-saoghail" (Eoin xii. 47). Cha d' thàinig E a shaoradh a chàirdean ach a shaoradh a naimhdean. " An uair a bha sinn 'fathasd 'n ar peacaich dh' fhuiLLng Criosd bàs aii' ar son " (Rom. v. 8).

''THAINIG E SHAORADH!" Saorsa ! Ciod a th' ann an saorsa ? Faighnich de na saighdearaibh treuna 'bha 'dìon na Lùchairt an LiLcknow fad iomadh seachduin an aghaidh arm- ailt cheannairceach, fhuilteach na h-Innsean. 'n dèigh bha iad ag amharc air son fuasg laidh. Uair an dèigh uaire bha 'n neart 'g an treigsinn bha 'm biadli a' dol a lughad 's a highad bha 'n aìrneis-chogaidh gu bhi mach bha 'n companaich threuna 'tiiiteam air gach

10 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

laìmli dliiu-~-blia 'n cridheaclian air tliuar faìl- neacliadli an taobh a stigh dhiu : 'nuair a bha iad, gu beag-ni, an dèigh gach dòchas ri saorsa fhaotainn a thoirt suas gu buileach, ràinig sgeul iad gu 'n robh buidheann ghaisgeil de 'n luchd- dùthcha faisg air laìmh, agus ann am beagan uairibh gu 'm biodh fuasgladh aca. Nuair a chual' iad so bha iad làn gàirdeachais 'us taing- ealachd do Dhia. Fhuair iad neart as ùr leis an do sheas iad an aìte. 'S a cheart àm, 's am feasgar a' ciaradh chual' iad fuaim an luchd- saoraidh a' dlùthachadh riu ; agus mar a bha iad a' teannadh ni's fhaisge agus ni 's fhaisge orra bha 'n aoibhneas air tighinn gu leithid a dh' ah'de 's gu 'n do ghlaodh iad a mach, " Tha sinn air ar saoradh! Tha sinn air ar saoradh !

CO UAITHB THA lOSA 'SAORADHI Tha 'n t-saorsa' tha losa 'toii't seachad a' gabh- ail a steach na h-uile beannachd Tha E 'saoradh. o dhìteadh. " Air an aobhar sin cha 'n' eil a nis dìteadh sam bith do 'n dream sin a ta ann an losa Criosd, a tha 'gluasad, cha 'n ann a rèir na feola ach a rèir an Spioraid " (Kom. viii. 1 ; 2 Cor. V. 17). Tha E 'saoradh o eagal cionta. " Uime sin air dhuinne bhi air ar f ìreanachadh tre chreidimh, tha sìth againn ri Dia tre ar Tighearn losa Criosd " (Rom. v. 1 ; Gniomh xiii. 39 ; Job xxii. 21 ; 1 Phead. i. 8).

Bha duine òg an Eirinn a chaidh iompachadh, agus bha sonas anaraa cho mòr 's gu 'n robh e r' a fhaicinn gu soiUeir 'na ghnùis. Dh' fhaighnich neach dheth 'de bha 'ga fhàgail cho sona. Fhreag- air e, " EJiuair mi Criosd ; shaor E mi ; agus

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 1 1

miir 'eil sin gu leor gus neach a dlieanamh sona clia 'n aithne dhomh ciod a ni sona e." Seadh, bheir Criosd a bhi 's a' cridhe, agus dòchas na gloìre, aoibhneas do 'n spiorad a 's brònaiche, agus solus dealrach do na h-ionadaibh a 's doilleire air thalamh.

THA E SAORADH 0 PHEACADH. " Saoraidh E a shluagh feìn o 'm peacaibh " (Mata i. 21). Cha 'n e mhàin gu 'n toir e maith- eanas do gach aon a chreideas ann, ach mar an ceudna naomhaichaidh E iad mar a tha E-fhein naomh. " Glanaidh fuil losa Criosd a Mhic sinn o gach uile pheacadh " (1 Eoin i. 7 j 2 Cor. v. 17; Tit. ii. 14).

SAORAIDH E O EAGAL BAIS. " Bheil fhios agaibh," arsa giullan bochd a bh 'ann an tigh-eiridinn 's na h-Innsibh ri mnaoi uasail a bha gach dol g' a fhaicinn, " Ciod air an robh mi 'smuaineachadh fad na maidne so ì " " Air cho goirid 's gus am faic thu losa," fhreagair a* bhean uasal. " 'S e," fhreagair e ; " bha mi 'smuaineachadh mar a bha mi aig toiseach an Sàbaid so a' m' ghiullan bochd ann an tigh- eiridinn air mo chuairteachadh le daoinibh aingidh 's le cainnt pheacaich, agus mu 'n tig an oidhche gu 'm bi mi aig mo dhachaidh bhuain. Tha mi 'smuaineachadh gu 'n do thoìsich mi air Sàbaid air nach tig crioch gu bràth. Cha chreid mi gu 'm faic mi seachduin eile." 'S an fheasg- ar chaidh i rìs g' a amharc, ^s fhuair i e 'na luidhe 's a shùilean dùinte, 's e sìoladh seachad gu sèimh. Chrom i os a chionn 's labhair i gu beag ris, " ' Seadh, ged shiubhlail mi troimh

12 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

ghlinn sgaile bhàis, cha bhi eagal orai ; oir tha thusa maiUe rium : bheir do shlat agus do lorg comh-fhurtachd dhomh ' (Salm xxiii. 4). UiUeam a chagair, am bheil losa maille riut ì " " Oh, tha." " Am bheil eagal sam bith ort ? " " Cha'n' eil dad, 's ann a tha mi fo ioghnadh air son iad a bhi 'g ràdh gleann dorcha ris. Tha mi 'faotainn an t-soluis a 'fàs ni 's soilleire na h-uile o chreid mi ; agus 's ann a tha e nis cho soilleir 's gu 'm feum mi mo shùilean a dhùnadh." An dèigh dha ùrnuigh a dheanamh thuirt e, " 'S i sid m' urnuigh dheireannach, bithidh mi gu sìorr- uidh tuilleadh a toirt molaidh seachad do Dhia." Nuair a bha Tomas Uard, fear-oibre aig an rathad-iaruinn, a 'dol a dh' ionnsuidh a' bhàis thuirt e, " Tha mi 'ga fhaicinn a nis ! Tha E 'n so. Tha E dlùth dhomh ; tha E maille rium ! Tha E mu 'n cuairt dhomh ; cha leig E uaith a chaoidh mi ; cia mar is urrainn mi gu bràth teagamh a chur ann. Is E Slànuighear nam peacach, is E mo Shlànuighear-sa ; is leam-sa losa, agus is leis-san mise. Cheannaich 'fhuil mi ; cha robh aithne riamh agam air gus a nis. Oh, iarr air na h-uile teachd d' a ionnsuidh eadhon a nis. Criosd airson na h-uile duine 1 Criosd air son na h-uile duine I "

THA E SAORADH O IFFRINN, AGUS A TREORACHADH GU NEAMH. Eiubha- san uile tha 'gà ghràdhachadh, agus a ghèilleas gubhi air an tearnadh leis, tha E 'gràdh, " Ann an tigh m' Athar-sa tha iomadh aìte-còmhnuidh, mur biodh e mar sin dh' innsinn-sa dhuibh. Tha mi 'dol a dh' ulhichadh aìte dhuibh. Agus

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 13

ina tlieìd mi agus gii 'n ulluicTi mi aìte dliuibh, tliig mi rìs agus gabhaidli mi sibh a' m' ionnsuidh fèin ; chum far am bheil mise gu 'm bi sibhse mar an ceudna " (Eoin xiv. 2, 3).

CIOD AN DOÌGH ANNS AN DO CHOIS- INN lOSA AN T-SAORSA-SO DHUINNE1 Le basachadh 'n ar n-aìte ; le paìgheadh nam fiach nach b' urrainn sinne phaigheadh. " Ghiùl- ain E ar peacanna 'na chorp fein air a' chrann " (1 Phead. ii. 24; 2 Cor. v. 21). " Tre ghràs Dhè bhlais E bàs air son gach uile dhuine " (Eabh. ii. 9). " Lotadh E air son ar peacaidh-ne, bhruthadh E air son ar n-aingidheachdan ; leagadh air-san smachdachadh ar sìth, agus le chreuchdaibh san shlànuicheadh sinne" (Isa. liii. 5). " Oir dh' fhuiling Criosd fèin aon uair air son pheacanna, am fìrean air son an neo- fhìrean, chum gu 'n tugadh E sinne gu Dia" (1 Phead. iii. 18). " Leag an Tighearn aii'- san aingidheach gach aoin dinn" (Isa. liii. 6). " A thug E-fhein air ar son, chum gu 'n saoradh E sinn o gach aingidheachd " (Tit. ii. 14; 1 Tim. iii 6). " Shaor thu sinn do Dhia le d' fhuil fein " (Taisb. v. 9). " Cha do chaomhain Dia a Mhac fèin ach thug E thairis E air ar son-ne uile." " Bhàsaich Criosd air son nan daoine neo-dhiadhaidh." " Thugadh thairis E air son ar ciontaidh " (Rom. viii. 32 ; v. 6 ; iv. 25).

Air do aon de mhinisteiribh Mhoràbhia an Greenland a bhi aon 'leughadh a' Bhìobuil do 'n t-sluagh, thachair dha tighinn a dh' ionnsuidh aon de na h-earannaibh a tha toirt cunntas mu dhòruinn losa air a' chrann. Stad

a3

14 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

e a leugliadh, agua air dha bhi air a ghhiasad leis an Spiorad JSTaomh thòisich e air labhairt mu ghràdh an t-Slànuighir do pheacaich, agus air iarraidh orra 'n earbsa 'chur ann an " Uan a thàinig a thoirt air falbh peacaidh an t-saogh- ail." Ghabh aon diu ris an sgeul. Bha 'shùilean a* dealradh le aoibhneas, agus ghlaodh e mach, " Cluinneam sid a rìs, oir hu mhiann leamsa bhi airmo shaoradhmar an ceudna." Cha d' fhuair e fois gus an robh a pheacanna air am maitheadh, agus b' urrainn dha fianuis a thoirt seachd gu 'n robh Criosd " cumhachdach gu tearnadh."

" A SH A OE ADH PHE ACACH ! " Tha na h-uile 'nam peacaich. Cha 'n' eil duine 's an t-saoghal as eugmhais peacaidh. Tha na h-uile ciontach am fianuis De. " Oir pheacaich na h-uile, agus thàinig iad gearr air gloìr Dhè" (Kom. iii. 23 ; 1 Kigh viii. 46). " Cha 'n' eil ionracan ann, cha 'n' eil fiu a h-aon " (Rom. iii. 10; 1 Eoin i. 8). "Chaidh sinn uile mar chaor- aich air seachran ; thionndaidh gach aon againn gu shlighe fèin " (Isa. liii, 6 ; Rom. viii. 7). " Feuch ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi 'na broinn " (Salm li. 5). " Uime sin mar a thàinig peacadh a steach do 'n t-saoghal tre aon duine, agus bàs tre 'n pheacadh ; mar sin rnar an ceudna thàinig bàs air na h-uile dhaoinibh, do bhrìgh gu 'n do pheacaich iad uile" (Roni. v. 12). " Tha 'n cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus tha e do-leigheas ; is urrainn a thuigsinn " (Ire xvii. 9). " An t-anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs " (Ese. xviii. 4). Is e peacadh a bhi, gu

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 15

toileacli, a' deanainh ceannairc an aghaidli Dhe, agus a bhi toirt dùlain do Dhia. Is e peacadh an ni gràineil a tha Dia a' fuathachadh. Tha 'm peacadh na ni cho uamhasach 's nach urrainn E gabhail thairis air. " Ged iadhadh làmh mu làimh cha bhi an droch dhuine gun pheanas" (Gnath-fh. xi. 21). " Is etuarasdal a pheacaidh am bàs" (Rom. vi. 23). Is e'm peacadh aobhar gach fulangais. Tha gach stoii^m a tha 'fasachadh na talmhainn; gach crith-thahnhainn a tha luaisgeadh a' chruinne-chè, agus a' slugadh suas an t-sluaigh ; an cogadh a tha còmhdachadh na talmhainn le fuil dhaoine ; a' ghorta, a' phlàigh, an tinneas, am bàs, agus ifrinn, a' sruthadh o 'n pheacadh. Tha na h-uile cràdh agus pian a tha thu faireachadh, na h-uile bròn a tha cur dragh air d' inntinn agus a' dorchnachadh do shlighe, a' sruthadh o 'n pLeacadh. Ach is ann a mhain am fulangasaibh 's am bàs Chriosd is urrainn sinn beachd ceart fhaotainn air uamhas a' pheac- aidh. Cha deanadh ìobairt bu lugha na bàs Mhic Dhè rèite air a shon. Is ann ah' a' chrann- cheusaidh a chithear e 'na làn ghraineileachd. 'Nuair a bha Criosd an crochadh air a' chrann 's E air a thrèigsinn leis na ti-uile, ghlaodh E mach o dhoimhneachd a chridhe leointe, " Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi ? " (Mar. xv. 34). Bha E 'nuair sin a' paìgheadh nam fiach a bha dligheach air pon peacanna an t-saoghail uile. Bha E fulang air son ar peacaidh-ne. Is Esan a " thugadh thaù^is air son ar ciontaidh, agus a thogadh suas a rìs air son ar f ìreanachaidh " (Rom. iv. 25 ; 1 Eoin iii 5). " Shaor Criosd

16 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

sinne o mhallachadh an lagha, air dha bhi air a dheanamh 'na mhallachadh air ar son " (Gal. iii. 13; ii. 20).

CO NA PEACAICH A THA E SAOE- ADH 1 Phàigh Criosd fiachan nan iiile, rinn E làn rèite air son nan uile; air an aobhar sin faodaidh na h-uile bhi air an tearnadh. " Is airidh e air gach aon chor gabhail ris ; " agiis air do na briathraibh so a bhi fior tha iad a' gabhail a steach gu 'n deachaidh ulluchadh a dheanamh air son nan uile, agus gu 'n d' fhosgladh dorus tròcair do na h-uile. Ann an cainnt an Sgriob- tuir, "Leagadh air-san aingidheachd gach aoin againn" (Isa. liii. 6). " A thug E fein 'na èiric air son nan uile " (1 Tim. ii. 6). " Agus is esan an iòbairt-rèitich air son ar peacanna, agus cha 'n e air son ar peacanna a mhain, ach mar an ceudna air son peacanna an t-saoghail uile" (1 Eoin ii. 2). " Oir cha d' thàinig E dhìteadh an t-saoghail ach a shaoradh an t-saoghail" (Eoin xii. 47). Bhàsaich Criosd air do shon, agus tha E 'g aìthneadh dhuit aithreachas a ghabhail, creidsinn ann, agus a bhi air do thear- nadh. Tha Dia " a nis ag aìthneadh do na h-uile anns gach aìte aithreachas a dheanamh" (Grnidmh xvii. 30). " Mar is beò mise, deir an Tighearna, cha 'n' eil tlachd air bith agam-sa ann am bàs an aingidh, ach gu 'm pilleadh an t-aingidh o 'shlighe, agus gu 'm biodh e beò " (Esec. xxxiii. 11). Tha E gladhaich, " Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e m' ionnsuidh- sa, agus òladh e " (Eoin vii. 37). " Thigibh a' m' ionnsuidh-sa, sibhse uile a ta ri saothair,

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 17

agus fuidh throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh" (Mata xi. 28). " Is ami do 'ur n-ionnsuidh-sa a chuireadh focal na slaìnte eo " (Gniomh xiii. 26). '^ Uime sin biodh fhios agaibh-sa fheara agus a bhràithre, gur ann tre 'n duine so a ta maitheanas pheacanna air a shear- monachadh dhuibh" (Gniomh xiii. 38).

THA E SAORADH NA MUINNTIR OÌGE. Am bheil thu hgì Saoraidh E thu. Eisd r' a bhriathraibh grasmhor. " ladsan aig am bheil gràdh dhomh gi-àdhaichidh mi; agus iadsan a dh' iarras mi gu moch gheibh iad mi " (Gnathviii. 17). " Cuimhnich a nis do Chruith- fhear ann an laìthibh d' òige" (Ecle. xii. 1). " Le a ghàirdean cuairtichidh E na h-uain, agus gìulainidh E iad 'na uchd " (Isa. xl. 11). " Ach thubhairt losa, Fulaingibh do na leanabaibh, agus na bacaibh dhoibh teachd a' m' ionnsuidh ; oir is ann d' an leithidibh sin a ta riòghachd nèimh" (Mata xix. 14), Shaor E losiah, Solamh, Timoteus, 'nuair abha iad òg. Shaor E Wesleì/, Whitjiekl, Morrison, Doddridge, agus muinntir eile, nuair a bha iad òg, agus bha iad 'nam beannachd do 'n t-saoghal 's 'nam maise do 'n eaglais.

Thug caileag bheag a bha 's an aon sgoil- Shàbaid ris an sgrìobhadair a cridhe suas do Dhia, 's bha i air a saoradh leis. Aon thuit e mach gu 'n deachaidh a losgadh gu h-olc. Gun daìl sam bith thugadh do 'n Tigh-«ìridinn i far am faigheadh i aire na b' fhearr na gheibheadh i aig an dachaidh. Bha i 'fulang mòrain, 's ged a bha cha robh i 'gearan. Cràiteach 's mar a

18 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

bha i, bha i glè sliona, agus cha robli eagal sam bith aice roimh 'n bhàs. Air oidhche àraidh 's i 'na luidhe 'san t-seomar, càch uile tosdach, 's gun a' bhan-altrum a làtlviir, chualas a guth lag a' seinn :

" losa ! an t-ainm' tha prìseìl, caomh, 'S do pheacaich chlaon' bheir aoibhneas mòr, As gapas ciont' us geilt mar aon, 'San doruinn chaochlaidheas gu gloir."

An sin stad i 's cha chluinnte dad ach diog an uaireadair-cluig 's an talla, ach sheinn i rìs

" Sona, air ainm ma ni luaidh Le m' bhriathraibh f ann 's mi 'n suain a' bhh^is ; Glaodh ris na h-uile, 'Feuch an t-Uan A shaoras bràighdean truagh' tha 'n slis."

Sguir an t-seinn ; thàinig a' bhanaltrum air ais, 's chaidh i dh' ionnsuidh na leapa agus sheall i air a' chaileig ; ach bha i marbh bha a spiorad air neamh. Shaoradh i le caraid nam peacach, agus chaidh i gu bhi maille ris 'na dhachaidh ghlòrmhoir fhein gu siorruidh.

O chionn ochd bliadhna, bha giuUan beag 's an lar-mhinsteir a chaidh a ghearradh cho olc le cuthaich 's gu 'n do bhàsaich e. Bha e gun athair, air dhroch eudach, agus bochd an staid, ach air a shon sin ghradhaich e 'n Slànuighear agus bha e sona. Bha 'n lighiche 'thàinig g' a amharc 'na sheasarah aig cosaibh na leapa, 's thuirt e gu beag ri mathair a' ghiullain, " Tha eagal orm nach bi do mhac fada beo." Cho beag 's g' an robh na briathran chuala an giullan bochd iad 's ghrad thuirt e, *' Tha mi toilichte sin a chluinntinn." " C' arson, mo ghiullan

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 19

beag ì " ars' an lighiclie. Le fìamli gàire air a' glmùis fhreagair an giullan boclicl, "A chionn gu 'm bheil mi dol dhachaidh." Car ùine bha e còmhradh r' a fhear-teagaisg mu na h-aìtibh- còmhnuidh sìtheil a chaidh Criosd a dh' ulhichadh dhoibh-san a tha 'ga ghràdhachadh. Agus air dha le mòr chaoimhneas slàn fhàgail aig a chàirdibh thuit e 'na chodal ann an losa chaidh e dhachaidh.

Tha Dia a' gabhail tlachd ann a bhi saoradh na muinntii' oìge; agus tha aobhar eagail gur beag an aìreamh de 'n mhuinntir aosda tha air an iompachadh. Nuair a tha 'n aois a' tighinn tha 'n inntinn a' fàs dorcha, tha 'n cridhe 'fàs cruaidh, tha choguis air a losgadh, tha saorsa 'fàs duilich; ach cha 'n' eil a chùis mar so a thaobh na muinntir oìge. Am bheil thu òg ì Thàinig losa Criosd g' ad thearnadh.

Am bheil thu aosda? Thàinig E g' ad thearnadh. Tha E deonach agus comasach air do thearnadh, air bruaich na siorruidheachd, ma chuireas tu do dhòchas ann. Saoraidh E, cha' n e mhain a' mhuinntir òg, ach mar an ceudna mhuinntir aosda ; gheibh eadhon peacaich a chinn lèith ann-san làn shaorsa, " Tha E comasach air an dream a thig a dh' ionnsuidh Dhe trìd-san a theàmadh gu h-iomlan" (Eabh. vii. 25). "Ma dh' aidicheas tu le d' bheul an Tighearn losa, agus ma chreideas tu ann do chridhe, gu 'n do thog Dia o na marbhaibh e, gu 'n saorar thu ' (Rom. X. 9 ; Eom iii. 14, 15).

Am bheil thu saoibhir ì Gidheadh tha feum agad aii- a thròcaii'-san, agus tha E comasach air

20 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

clo tliearnadli. " Oir clia 'n' eil eadar-dhealacli- Adli eadar an t-Iudliacli agus an Greugach ; oir an t-aon Tighearn a ta os ceann nan uile, tha E saoithir do na h-uile a ghairmeas air. Oir ge b' 6 neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, tearnar e " (Rom. x. 1 2, 1 3).

Am bheil thu bochd ì Is urrainn E do thear- nadh. Cha chuir do bhocdainn bacadh sam bith air do shaorsa, ach 's ann is dòcha i chuideachadh leatha. Tha 'n soisgeul, ann an dòigh ro shòn- raichte air a shearmonachadh do na bochdaibh.

Am bheil thu beusach? Tha feum agad air saorsa cho maith ris an neach a 's gràineile 's an t-saoghal. " Cha 'n' eil neach a tha deanamh maith, cha 'n' eil fiu a h-aon" (Rom. iii. 12; 1 Righ viii. 46). Tha thu smuaineachadh gu 'm bheil fìreantachd agad, ach cha seas i am fìanuis Dhe, cha 'n' eil innte ach luideagan salach. A mach o cln-eideamh ann an Criosd, cha dean a bhi dol gu riaghailteach do 'n tigh-aoraidh, no bhi 'cur an gniomh oibre beusach, stà sam bith, agus cha saor iad d' anam gu bràth. " Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearn losa Criosd, biodh e 'na Anatema Maranata" (1 Cor. xvi. 22). Is e Criosd 'na aonar is urrainn do shaoradh.

" Ann an aìte boidheach an aon de na Staidibh an lar, an America, bha caileag bheag a chòmh- nuidh d 'am b' ainm Anna Gale. O chionn ùine nach 'eil fada, bha i air a treorachadh gu gabhail ri losa mar a Slànuighear. Chualas 's an aìte gu lèir gu 'n deachaidh a h-iompachadh. Air àraidh thàinig caraid a dh' amharc air a h-athair

SLANUIGHEAE AIR DO SHON-SA. 21

's thuirt e, ' Clia 'n' eil ann ach gnothuch gnn dòigh a dh' Anna agad-sa bhi smiiaineachadh gu 'n deachaidh a h-iompachadh. Bha i 'n cbmh- nuidh mar aingeal beag. Cha chreid mi gu 'n deanadh iompachadh i dad na b' f hearr ; bha i roimhe maith gu leor. Chreidinn gu 'n teagamh gu 'n tugadh iompachadh atharrachadh air Dan Hunter.* Chuala Anna 'n còmhradh so, agus bha a cridhe gu mòr air a ghluasad leis an truas a bh' aice ri Dan bochd. Bha fhios aice gu 'n robh e air aon de 'n f heaghainn bu mhiosa 's bu ghràineile a b' urrainn a bhi. Air dhi a bhi air a' gluasad le gràdh d' a anam chaidh i dh' ionnsuidh a' bhothain bhochd anns an robh e fuir- each 's thbisich i air labhaii't risgu ciùin, caoimh- neil, mu losa agus mu ghràdh Dhè do cheann- feadhna nam peacach. An dèigh dhi beagan a ràdh mu 'n atharrachadh a thàinig oirre an lorg a h-iompachaidh, dh' f heoraich i dheth an robh, no nach robh, esan mar an ceudna 'na pheacach, agus an robh, no nach robh, feum aige air an t-Slànuighear tre 'n d' fhuair i fhèin saorsa. Ràinig na briathran so cridhe Dhain bhochd ; ghuil e, thuit e air a ghlùinibh, agus ghlaodh e mach, ' A Thighearna bi trbcaireach do 'n pheac- ach a 's mìosa.' Chuala Dia aghlaodh durachdach, aithreachail ; agus dh' fhàg Anna e 'moladh na trbcair a bha comasach air creutair cho gràineil risa n a thearnadh. Bha nis mbr thlachd aig Dan ann a bhi 'g innseadh do na h-uile an naigheachd so mu ghràdh Dhe. Bu tric leis a bhi g ràdh, ' Is e cheart shoisgeul a bheannaich mise, a bheannaich Anna Gale. Is gann n.

22 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

gliablias e creidsinn a leithid a pheacach gràineil 's a tha mi ann ach 's e cheart Thighearna maith a ghabhas a' chlann bheag 'na ghairdeanaibh agus a bheannaicheas iad, a shaoras ceannfeadha nam peacach mar an ceudna. Tha e fìor. *' An ti a thig a' m' ionnsuidh cha tilg mi air chor sam bith a mach e." '

Am bheil thu am,aharrach truaillidh, agus ^na d' aon de chinn-feadhna nam peacach? Tha trbc- air ann eadhon air do shonsa. Tha Criosd araon deonach agus comasach air do thearnadh, a mhain ma chreideas tu ann. Cha ruig neach sam bith a leas a bhi 'n eu-dòchas, o 'n tha 'n cuireadh mar so, " Agus a ta an Spiorad agus a' bhean nuadh- phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an ti a chluinneas, Thig. Agus an neach air am bheil tart, thigeadh e. Agus ge b' e neach leis an àiU, gabhadh e uisge na beatha gu saor" (Taisb. xxii. 17); agus, " Treigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuainte ; agus pilleadh e ris an Tighearna, agus nochd- aidh e tròcair dha ; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt" (Isa. Iv. 7; Gniomh X. 43). Mo charaid ionmhuinn na bi fo mhì- mhisnich ; tha fathast dòchas ann air do shon, oir " glanaidh fuil losa Criosd a Mhic sinn o gach uile pheacadh " (1 Eoin i. 7). Am bheil thu ri strìopachas, ri mionnaibh, ri breugaibh, ri misg, ri briseadh na Sabaid, ri struidhealachd, agus, ma dh' fhaodte, a' d' meadhon air cridhe do mhàthar a bhriseadh 's air ceann liath d' athar a thoirt le bròn sìos do 'n uaigh ] An dèigh so gu lèir faodaidh tu maitheanas f haotainn. Faod-

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 23

aidh gu 'b. robli thii 'na d' clireutair clio truagh 's a bha riamh aii' thalamh, gu 'n do chùl- shleamhnaich thu agus gu 'n do pheacaich thu anns an doìgh ro an-tromaichte, ach an deigh sin gu leir, cha 'n' eil na briathran a leanas 'gad chumail air falbh " An ti a thig a' m' ionnsuidh cha tilg mi air chor sam bith a mach e" (Eoin vi. 37). Tha mòran de 'n mhuinntir bu mhiosa bha riamh air an talamh a nis air neamh, air dhoibh a bhi air an nigheadh anns an " tobar a dh' f hosgladh do thigh Dhaibhidh air son peac- aidh agus air son neò-ghloine" (Sec. xiii. 1) mòran a bha, an cuairt air an talamh, a' seinn òrain a' mhisgeir, agus a' toirt dùlain do Dhia le 'm mionnaibh gràineil s le 'n toibheum, ach, aii' dhoibh creidsinn ann an Criosd, tha nis a seinn maille r' an companaich air neamh òran na muinntir shaorta, " Dhasan a ghràdhaich sinn, agus a dh' ionnlaid sìnn o ar peacaibh 'na fhuiì fèin, agus a rinn rìghre dhinn agus sagairt do Dhia agus d' a Athair-san ; dhasan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal " (Taisb. i. 5, 6). Tha aìte ann an neamh, a pheacaich bhochd, air do shon. Tha gràdh ann an cridhe d' Athar dhuit. Cha till E air falbh thu.

Tlia toil aige do shaoradh a nis. Cha 'n e mhain gu 'm faod thu bhi air do thearnadh, ach is miannach leis thu bhi air do thearnadh. " Tha 'n Tighearn fad-fhulangach do ar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhi caillte ach na h-uile dhaoine theachd gu h-aithreachas" (2 Phead. iii. 9). "Neach leis an aìll na h-uile dhaoiue bhi aii* an tearnadh, agus iad a theachd chnm

24 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA,

eolais na firinn" (1 Tim. ii. 4). " Feuch tlia mi a' m' sheasamh. aig an dorus, agus a' bualadh ; ma dh' èisdeas neach sam bith ri m' ghuth, agus gu 'm fosgail e 'n dorus, thig mi a steach d' a ionnsuidh, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris agus esan maiUe riumsa" (Taisb. iii. 20). " Tha mi saoilsinn," arsa giuUan beag ri mnaoi uasail a chaidh g' a amharc do 'n tigh-eiridinn, " ma bhàsaich Criosd air ar son gur eiginn gu 'n robh toil aige ar tearnadh." Tha toil aige ar tearnadh. Is ann air a shon so a thug e dhuinn 'fhocal, an t-Sabaid Chriosduidh, gleachd a Spioraid, agus ma dh' fhaodte, caìrdean Criosd- uidh, pàrantan diadhaidh, agus gach meadhon tròcair eile. Ann an caochladh dhoìghean tha E' bualadh a rìs agus a rìs aig do chridhe air son faighinn a steach. Fad bhliadhnaichean tha E air a bhi bualadh ; agus a nis air a cheart mhionaid so tha E feitheamh fosglaidh. An urrainn dhuit a dhiultadh ni 's fhaide ì

" Fosgail dlia, oir riamh cha d' thàinig Aoidh cho caoimhneil 'ghabhail taimh leat ; Cha 'n aithris teang' am mile cuid de 'n Aoibhneas a th'aig sluagh 'na chuideachd,"

Cuimhnich, mur bi thu air do shaoradh, 's i do choire fliein a hhitheas ann. Cha 'n e beairt- innleachd a th' annad ; ach tlia thu 'n d' chreutair modhannail, agus saor. Tha Dia 'ga ìsleachadh fhèin gu bhi reusonachadh riut. '' Thigibh a nis agus tagramaid r' a chèile, deir an Tighearn ; ged robh 'ur peacanna mar an scàrlaid bithidh iad geal mar an sneachdadh; ged robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 25

olainn" (Isa. i. 18). Tha E cur fad' cliomhair beatha agus bàis, beannachaidh, agus mallachaidh; agiis tha agad ri aon diu a roghnachadh air do shon fèin. " Roghnaichibh an diugh d' an dean sibh seirbhis" (losua xxiv. 15). " Cia fhad a bhitheas sibh san iom-chomairr eadar dhà bharain" (1 Righ xviii. 21). " An diugh ma chluinneas sibh a ghuth na cruaidhichibh bhur cridhe" (Eabh. iii. 7, 8). An t-Urr. I. Hunt, a bha na mheadhon an laimh an Tigheam air mòr fheum a dheanamh am measg nan doine fiadliaich am Fiji, nuair a bha e mu shia bliadhna deug, thachair dha bhi ro thinn le fiabhrus a chaidh teann air a bheatha thoirt air falbh. Thainig am bàs fa chomhair' inntinn, agus maille ris a so bha mothachadh trom aige air cho neo-iomchuidh 's a bha e air son na siorruidheachd. Bliadhnaichean na dheigh so, air dha bhi labhairt mu 'n chùis thuirt e, " Smuainich mi nach biodh e chum feim sam bith dhomh gealladh a thoirt do 'n Tighearn gu 'n deanainn seirbhis dha nam b' e 's gu 'n caomhnadh E mi, a chionn gu 'n d' rinn mi geallaidh dhe 'n t-seòrsa uair 'us uair, agus gu 'n do bhris mi iad. 'S i' n doìgh a chunnaic mi freagarrach toìseachadh gun tuilleadh dàlach ri seirbhis a dheanamh do Dhia, a reir an t-soluis a bh' a agam. Mar so thuit mi air mo ghlùinibh 's thoìsich mi ri ùrnuigh. An dèigh na h-ùrnuigh, leugh mi mo Bhìobul gu dùrachd- ach, ach thòisich mi ann an leabhar an Taisbein, a dhrùigh gu h-anabarrach orm ged nach do thuig mi ach beagan de na leugh mi, do bhrìgh

26 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

nach robh neach agam a stiùireadh mi. Dh' abuich am mothachadh a dhùisgeadh annam, agus do 'n do ghèiU mi gu h-ealamh, gu fìor iompacliadh, agus thàinig atharrachadh buan air mo chridhe."

C'arson a rachadh tu dhìth? C'arson nach biodh tu air do thearnadh ì Na dean geallaidh- nean air son an ama ri teachd ; ach toìsich a nis, toìsich air a' mhionaid so, dean seirbhis do Dhia a reir an t-soluis a th' agad ; guidh gu dùrachd- ach gu 'm faigheadh tu 'n Spiorad Naomh, agus bithidh tu gu siorruidh taingeil air son gu 'n do ghèiU thu do dhearbhaidhean do chridhe.

Am miann leat a hhi air do thearnadhì Faodaidh tu ràdh, cha 'n urrainn mi mi-fliein a shaoradh. Tha e fior nach urrainn ; ach' tha Criosd araon deonach agus comasach : a mhain earb ann. Chuala mi muinntir ag ràdh, " Oh nach saoradh Criosd mi!" mar so a' labhairt mar nach biodh E deonach air an saoradh. 'S mòr am mearchd so ! Tha E nis ag ràdh, " Oh nach bu mhiam leibh a bhi aii' bhur tearnadh ! Is sibh fhèin a tha ain-deonach 's cha mhise." 'Cha 'n aìll leibh teachd am ionnsuidh-sa chum gu 'm faigheadli sibh beatha" (Eoin v. 40). " Feuch Uan De, a ta toirt air falbh peacaidh an an t-saoghail" (Eoin i. 29). Am bheil thu 'g ràdh, Is e creideamh tiodhlac Dhe ? Tha e fìor gur e. Ach bheir E dhuitse e ma dh' iarras tu e. Ann a bhi 'g iarraidh air, agus gu dùrachdach a' deanamh oidhirp bheir Dia dhuit comas air creidsinn. " Agus is i so 'aìthne-san, gu 'n creideamaid ann an ainm a Mhic losa Criosd "

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 27

(1 Eoin iii 23 ; Eoin viii. 24). " Creid anns an Tighearn losa Criosd agus teàrnar thu" (Gniomli xvi. 31 ; Eoin viii. 24; 1 Eoin v. 10). Clia 'n' eil E toirt aìthne sam bith do 'm bheil e neo-chomasach dhuinn umhlachd a thoirt, ni dh' iarras E oirnn ni sam bith a dheanamh a tha neo-chomasach dhuinn a dheanamh tha 'n smuain aingidh. Mur bi thu air do thearnadh bithidh na briathran so fad na siorruidheachd a bioradh do choguis, Cia minic a b' aìll leam ach cha b' aìll leìbh " (Lucas xiii. 34). " A chionn gu 'n do ghairm mi, agus gu *n do dhìult sibhse, gu 'n do shìn mi mach mo làmh, agus nach d' thug duine sam bith an aire ; ach gu 'n do chuir sibh an neo-bhrìgh m' uile chomhairle, agus nach b' aìU leibh a bheag do m' achmhasan ; ni mise mar an ceudna gaìre ri 'r sgrios-sa ; ni mi fanoid 'nuair a thig bhur n-eagal " (Gnath. i. 24-26).

CUIN A THA E TEAKNADH ì 'S na h- uile aimsir, agus 's na h-uile àm. Tha dorus tì'ocaire fosgailte gu farsuinn a agus a dh* oidhche. Chaidh sluagh mòr nach urrainn duine aìreamh a steach mar tha, agus aig an àm so tha na mìltean a' dlùthachadh a steach. 'S i do k)heatha-sa tighinn ; tha cuireadh agad gu dhol a steach a nis.

Chaidh nighean bàntraìch bhochd air seachran ann an slighibh a pheacaidh agus dh' fhàg i bothan a màthar. Cha robh aig a màthair ach a bhi 'g ùrnuigh le mòr dhùrachd agus le creid- eamh ; 's cha robh a saothair an diomhain Chuala Esan a chluinneas glaodh na muinntir

28 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

sliàruichte glaodh na bàntraich bhochd. Air do 'n nighinn a bhi air a gluasad le mothuchadh air a peacadh, agus air dhi a bhi mi-fhoisneach gus am faigheadli i air ais an t-sìth sin air an robh i nis na coigreach, anamoch oidhche àraidh }Dhill i dhachaidh. Bha e faisge air meadhon-oidhche, agus bha ioghnadh oirre an dorus fhaotainn gun ghlasadh. " Mo leanahh,^' ars' am màthair, " cha deachaidh an dorus a ghlasadh a no dN oidh- che o 'n dh' fhalhh thu. Bha fhios agam gu 'n tigeadh tu là-eigin dhachaidh, s cha rohh toil agam do chicmail a' feitheamh aon mhionaicV Cia cho mòr 's tha 'n sgeul beag so a' cur fa 'r comhair caomh thrbcair agus gràdh ar n-Athar air neamh, agus air cho deonach 's a tha E air sinne 'chaidh air seachran a ghabhail air ais d' a ionnsuidh ! " Tha thusa, Thighearn, maith agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhoibhsan uile a ghairmeas ort" (Salm Ixxxvi. 5). A leughadair, cuimhnicli gu 'm bheil Dia a nis a' cur doruis fhosgaiUe romhad (Taisb. iii, 8). Tha e farsuinn fosgailte a agus a dh' oidhche. Cha chum E mionaid a' feitheamh thu. Gun dàil sam bith rach a steach le bhi 'g earbsadh mhain ann an Criosd. Na dean dàil gus an tèid nan gràs seachad agus am bi dorus tròcaire air a dhùnadh gu bràth. Bithidh e iuilleadh 'us an- amoch an uair sin.

CAÌTE AM BHEIL E TEARNADH] Air muir no air tìr, aig an tig no o 'n tigh, a' seasamh no a' suidhe, anns an eaglais no as an eaglais ; anns na h-uile aìte gach ama. Cia b' e aite air bith anns am bheil anam a' glaodh-

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 29

aicli airson tròcaire thu E làthair gu èisdeachd, agus tearnaidh E. Tha E tearnadh a nis. Is e so an t-àm sònraichte. Dìreach far am bheil thu ; cha ruig thu leas do shuidheachadh atharr- achadh, no feuchainn ri do staid atharrachadh, chum gu 'm biodh tu air do thearnadh. Cha ruig thu leas feitheamh mionaid ni 's fhaide. Dh'each gabh Dia aig fhocah Cha 'n' eil agad ach innis a dli' losa 'de tha thu, 's 'd e tha dhìth ort. Earb ann agus is leat saorsa.

Ann am baile beag, air taobh na h-aird a tuath de Lunnain, bha bean bhochd dhiadhaidh a' fuir- each. Coltach ris a' chuid eile de 'n chinnedaona, tliachair iomadh trioblaid rithe ; ach an còmh- nuidh bha Caraid aice aig an robh comh-fhair- eachadh rithe agus a dheanadh cuideachadh leatha. Nuair a bha i air a leagadh sìos le tinneas agus a dlùthachadh ris a' bhàs cha robh i troimh a chèile, 's cha mhò bha eagal oirre ; oir cheana rinn i uHuchadh airson an ama, agus cha d' thàinig a cliùis gu h-obann oirre. Mar a thàinig solus na grèine d' a seomar-cadail bha' gathan a' tuiteam air aghaidh a bha air a lasadh suas le aoibhneas. Bha i' faothachadh a chràidh agus a' cur seachad na h-ùine le brain mholaidh. Air feasgar grianach, thaoghail ministeir an aìte ga faicinn agus a dh' fhaighneachde 'de mar a bha i " Tha 'n lighiche ag innseadh dhomh," ars' am ministear, " nach urrainn dhuit a bhi fada beo, agus gu 'm faod am bàs tighinn ort ann tiotadh." " Mata," ars' a' bhean, "tha mi deas gu falbh. Cha 'n' eil eagal orm." " 'D e ! 'n e nach 'eil eagal ort a dhol an làthair an De

30 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

naoimli?" dh' fhaighnich am ministear. "Cha 'n' eil, buidheachas do 'n Tighearna, cha 'n' eil eagal orm," fhreagair a bhean bhochd thinn. " 'D e ! nach 'eil eagal ort a dhol 'na làthair 'n ad neart fhèin," ars' am ministear. '' Tha eagal orm," ars' ise, " dhol 'na làthair 'nam neart fhein ; ach cha deanainn, 's cha dean mi, dhol 'na làthair 'n am neart f hein

*' Luach a' m' laimli cha toir mi leam, Dhe d' chrann-ceusaidh ni mi grein,"

Nach uasal an f hianuis so air an dòigh anns an tabhair creideamh ann an losa neart agus comh- f hurtachd seachad. Cha robh ni a dh' fhein- fhìreantachd an so ach Criosd a mhain a bhàs agus a thoillteanas. Am blieil thu 'g earbsadh ann an Criosd, a' greimeachadh ris a' chranu, a leigeadh do thaic air losa air son saorsa ! Eìsd ma tha r' a ghuth gràidh. Biodh deadh mhisneach agad, a ta do pheacanna air am maitheadh dhuit " (Mata ix. 2). " Is mise, mise fein, csan a dhubhas d' euceartan as, air mo sgàth fèin ; agus do lochdan cha chum mi air chuimhne " (Isa. xliii. 25; Eabh. viii. 12).

Is e Criosd 's cha neach sam hith eile is urrainn tearnadh. " Agus cha 'n' eil slàinte ann an neach air bith eile ; oir cha 'n' eil ainm air bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine, tre am feud sinn a bhi air ar tearnadh " (Gniomh iv. 12; 1 Cor. iii. 11). Tha cuid a' feuchainn ri iad fhèin a thearnadh le trasgadh, le peanas, le ernuighibh, le bhi dol do 'n eaglais 's le nithibh uile ; ach is ni dìomhain so gu lèir ; Is e Criosd, agus Criosd a mhàin, ìs urrainn tearnadh.

SLANUIGHEAK AIR DO SHONSA. 31

! Ri linn Eanriùg YITI., bha oileanacli òg ann

! an Camhridge, d' am b' ainm Bilney. Tliàinig e

gu bhi fo mhòr chùram mu dheidhinn anma.

Bha na sagairt ag iarraidh air a bhi ri trasgadh,

ri peanas, s ri nithibh de 'n t-seorsa, ach 's ann

' a dh' f hàs e ni bu mhiosa 's ni bu mhiosa. Mu

i dheireadh thachair gu 'n d' fliuair e greim air

1 an Tiomnadh Nuadh, agus dhùin e e-fhèin suas

': 'na sheomar a chum 's gu 'n leughadh se e. Mar

a bha e* leughadh thàinig e dh' ionnsuidh nam

! briathran, " Is fìor an ràdh so, agus is airidh e

1 air gach aon chor gabhail ris, gu 'n d' thàinig

losa Criosd do 'n t-saoghal a thearnadh pheac-

I ach." Leig e sios an leabhar gu smuaineachadh

I air ciod e leugh e. Tha e 'g innseadh mu 'n

i òoradh a thug na briathran so a mach : " Tre

theagasg Dhe an taobh a stigh dhiom, rinn an

aon rann so mo chridhe cho aoibhinn, s gu 'n d'

fhuair mi sith an ùine ghearr, ged a bha mi

roimhe sin an eu-dochas. Tha Criosd a' tearnadh !

Tha Criosd a' tearnadh !" 0 'n àm sin thòisich

e air searmonachadh an '' deadh sgèil," agus mu

dheireadh dh' fhuiling e 'm bàs mar fhianuis

i dhìleis.

CIA MAR A THA E TEARNADH1 Gu caoimhneil, gu caomhail, gun chronachadh ; gu cridheil, le sòlas, le gràdh ; cha 'n ann mar gu 'm biodh E paigheadh felch nach robh toil aige phàigheadh; Cha 'n ann ag innseadli dhuit a mheud 's a chosg e dha do shaorsa chosnadh ; Cha 'n ann ag innseadh dhuit gur maith an airidh thu dh' fhulang. Oh, Cha 'n ann ; tha E tearnadh le a làn thoil. Grad rach d' a ionn-

32 SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA.

suidli. Ni-h-eadh, tlia E ri do thaobh, a' feith- eamh gus an leig thu dha dhol a steach do d* chridhe. Tha E gabhail tlachd ann an tròcair (Micah vii. 18, 19). Tha E feitheamh gu bhi gràsmhor (Isa. xxx. 18, 19). Tha E gabhail fadachd gus am pill thu d' a ionnsuidh. Is iad a bhriathran, " Cionnus a bheir mi thairis thu" (Hpsea xi. 8). Ge b' e air bith a tha 'g amharc gu suarach air do phiUeadh, Cha 'n' eil losa mar sin. Cha 'n' eil an-earbsa no amhrus 'na chridhe. Bithidh E deas gu failte chridheil a chur ort, g3,bhaidh d' a ionnsuidh thu le sòlas, Coinnichidh E thu air an t-slighe, bheir E pòg ghràidh dhuit, glacaidh E thu 'n a uchd, agus leigidh E dhuit fhaireachadh mar tha 'chridhe a' bualadh le blàths dhuit. Nuair tha thu 'n a ghlacaibh leigidh E dhuit fhaireachadh gu 'm bheil gach ni ceart a nis.

Tha cuid ann a tha rùnachadh a bhi air an tearnadh ; ach thu iad a' smuaineachadh gu 'm feuch iad ri iad fhein a dheanamh ni 's ftiearr mu 'n tìg iad gu Criosd, gu 'n sguir iad de 'n pheacadh, agus an sin, gu 'n tig iad. A charaid ionmhuinn, an e so do shuidheachadh-sa ? Cha 'n urrainn thuthu-fhein a dheanamh ni'sfhearr. Nam b' urrainn thu thu-fhèin a thearnadh cha bhiodh feum agad air Slànuighear. Ma 's urrainn thu ni sam bith a dheanamh a chum thu-fhein a thearnadh feumaidh pairt a chliù Chriosd a bhi agad. Ach cha 'n urrainn thu ; is iad do pheacanna agus do laigse tha 'g ad dheanamh freagarrach air son Chriosd. Thàinig E shaoradh na muinntir chaillte. Ma tha thu

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 33

caillte 's e sin do bharrantas air son a blii 'g earbs' ann airson slàinte. Tha cuid ann nach 'eil a' faotainn comh-fhurtachd d' an anmaibh, do bhrìgh gu 'm bheil iad a toirt trioblaid orra fhein le teagasgaibh 's le beachdaibh mu dhiadhachd a tha buailteach air a bhi fàgail an inntinnean dorcha agus troimh a chèile ; tha iad ann an teagamh co dhiu ghabh iad aithreachas fior co dhiù tha e a reir an lagha 's cha 'n ann a rèir an t-soisgeil ; co dhiù. tha 'n creideamh de ghne cheirt, agus co dhiù is e eagal tràilleil a th' orra 's cha 'n e fior eagal De. Mo charaid ionmhuinn, cha 'n' eil dad agad r' a dheanamh mu 'n chaoch- ladh bharailean 's mu 'n doìgh anns am bheil cuid a' feuchainn ri solus a chur air creideamh, gràdh, eagal, agus iomadh ni eile. 'S e tha agad-sa gu lèir ri hi smuaineachadh air, gu 'm bheil thu 'n ad pheacach bochd, caillte, agus gu'm bheil feum agad air Slànuighear ; agus tha Aon an so a tha anns na h-uile doìgh freagarrach dha d' chor tha E comasach, deas, agus deonach air maitheanas a thoirt duit agus do bheannachadh air a' mhionaid so ; agus tha 'n sgeul aoibhneach so air a chur thugad le Dia, a chum comh-fhurt- achd, solas, agus sonas, a thoirt duit.

Air àraidh chaidh leth-linn d' am b' ainm loseph, a dh' eaglais an Olla Chalamy, agus chuala e air son na ceud uaire gu 'n *' thainig losa Criosd do 'n t-saoghail a thearnadli pheac- ach," eadhon an ceann-feadhna. Ghabh an ràdh so greim air a chridhe, agus 'nuair a bha o dol dliachaidh le 'eallach air a dhruim, bha e sìor ràdh ris fhein, " Cha chuala loseph a leithid sid

34 SLANUIOTIEAR ATR DO SIION-SA.

a naigheachd riamh roimhe ; thàinig losa Criosd, , an Dia a rinn na h-iiile nithe do 'n t-saoghal thearnadh pheacach mar a tha loseph ; agus tha i so f ìor is ràdh iiòr e ! " So gu leir na bh 'aige 5 dhe 'n t-soisgenl, ach bu leor e airson beatha agus t bàis. Ach bha a choimhearsnaich, air dhoibh > a bhi 'ga chluinntinn ag aithris nam briathran so > an còmhnuidh, fo eagal, mar a tha aobhar againn a bhi creidsinn a tha mòran fathast, gu robh e na ni cunnartach a bhi tarruing ar comh- fhurtachd o losa mhain, agus bhiodh iad ag ràdh ris an duine, bhochd aig àm a bhàis. " Ach de th' agad, loseiph, ri ràdh mu d' chridhe fhèin ì An e nach 'eil comharra maith air an e nach d' thàinig atharrachadh air ì an do dhùin thu ri Criosd le creideamh gniomhach ann ? " Air do loseph a bhi air a theagasg le Spiorad Dhe, fhreagair e, " Ali, cha 'n' eil, cha 'n urrainn loseph ni a dheanamh ; cha 'n' eil aig loseph ri ràdh mu thimchioll fhèin ach gur h-e ceann- feadhna nam peacach; gidheadh o'n is ràdh fior e, gu 'n d' thàinig losa, a rinn na h-uile nithean, a chum an t-saoghail a thearnadh pheacach, carson nach feud loseph, an dèigh na h-uile rud, a bhi air a thearnadh." Duine sona ! a fhuair a shonas gu lèir ann an so ; agus is sona iadsan nach 'eil, mar nach robh esan, ag iarraidh no 'gabhail comh-fhurtachd ach na bheil a tighinn o Chrìosd !

" Feumaidh creideamh a bhi ann, cha 'n ann

gu sìth a cheannach, no thoilltinn, no fhaotainn,

ach a mhain gu a leigeadh a stigh ; dìreach raar

a dh' fheumas fosgladh a bhi air an t-sùil a chum

SLANUIGHEAR AIR DO SHON-SA. 35

an solus a tha cheana dearita a leigeadh a steach. Is e creideamh fosgladli na sul' ud. Is e creideamh a bhi 'g amharc ris an t-Slànuighear a tha toirt comh-fhurtachd dhuinn. Tha bhi faicinn losa toirt air falbh ar peacanna, 'gar lionadh le sìth, agus aoibhneas, agus dochas, agus gràdh."

'A leughadair ionmhuinn, na cuir dragh ort fhein mu thimchioll do chridhe chruaidh no ni sam bith eile. Ma tha thu 'n ad pheacach, agus feum agad air tròcair, tha an so sgeul aoibh- neach air do shon. Thàinig criosd g'ad thearnadh. ÌNach maith an naigheachd sin % Ciod tuilleadh a tha dhìth ort 1 Leigidh an naigheachd mhaith jso, ach a mhain creid i, neamh a steach do d' chridhe. Oh, cho faisge, cho saor, cho simplidh 's a tha 'n gràs so ! Cha 'n' eil neach sam bith air a dhùnadh amach o bhi gabhail pàirt ann ; cha 'n' eil neach sam bith air a bhacadh ach iadsan a bhacas iad fhein. Tha e ann am Imeadhon nan uile ; tha e air son feim nan uile ; Itha e saor do na h-uile ; is i so an doìgh air son fhaotainn, " Amhaircibh riumsa agus bithibh air bhur tearnadh" (Isa. xlv. 22). " Eisdibh, agus mairidh 'ur n-anma beo" (Isa. Iv. 3).

Charaid ionmhuinn aon fhocal eile. Am ìmiann leat a bhi air do thearnadh 1 Feumaidh tu bhi air do thearnadh an uine ghearr, air neo ;cha blii thu air do thearnadli idir. Cha mhair nan gràs gu bràth. Cha bhi Spiorad Dhe a strì ris an duine an còmhnuidh. Air a' mhionaid 80 tha Dia a' feitheamh gu bhi gràsmhor. Oh, am niianii leat a hhi air do tJiearnadh ì

Am bi thu air do thearnadh'? Tha dòchas

36 SLANUIGriEAR AIR DO SHON-SA.

agam gu 'm bi. Tlia iomadh a' guidlie gii 'm biodli. Tha Dia a' cuireadh; tha tròcair a gairm ; tha ifrinn a' bagairt. Tha do shuidh- eachadh ro chud-thromach. Cha 'n urrainn staici neach sam bith a bhi ni 's cudthromaiche. Ma bhàsaicheas tu ann ad pheacannaibh ni thu bròr mu dhekeadh. Tha Cecil ag ràdh, '^ Is e ifrinri an fhìrinn fhaicinn nuair a tha e ro anamoch An e nach f haic thu 'n f hìrinn ann an àm gu bhi air do thearnadh leatha % Tha mi faighneachd a rìs agus faodaidh e bhi gur h-i so an uair mu dheireadh a chuireas duine cheisd ort Am bi

THU AIR DO TIIEARNADH ]

" IS FIOR AN RÀDH SO, AGUS IS AIRIDH E AIR GACH AON CHOR GABHAIL RIS, GU 'n d' THÀINIG losA Criosd DO 'n T-SAOGHAL A THEARNADH pheacach" (1 Tim. i. 15).

" A TA MI 'g innseadh dhuibh deadh sgeil

MHÒR-AOIBHNEIS. . . . OlR RUGADH DHUIBH AN DIUGH SlInUIGHEAR . . . NEACH A'S E CrIOSD

AN Tighearna" (Lucas ii. 10, 11).

" Chuala sinn fein E, agus a ta fhios

AGAINN GUR E SO DA EIREADH CrIOSD, SlÀNUIGH-

EAR AN t-saoghail" (Eoin iv. 42).

" Agus chunnaic sinn agus tha sinn a dean- amh fanuis, gu ^n do chuir an t-Athair am Mac uaith mar Shlànuighear an domhain^^ (1 Eoin iv. U).

" Cionnus a thèid sinne as, ma ni sinn dimeas air slàinte co mòrV^ (Eabh. ii. 3).

A' CHRIOCH.

l^^f.-(t,S

THIS m lOSI!

<^ i' 6 IHÌDil

LE NEWMAN HALL.

EAD. LE AONGHAS MAC-AN-T-SAOIR,

MIKISTEAH CHEANN-LOCHSPEILBH.

EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART, 64 SOUTH BRIDGE.

1883.

Salm C,

Gach slògli do 'n cònuidli 'n crunne-c«) Togaibli gu leir àrd cliliu do 'n Triath Le gàirdeaclias 'n ur cruith-f hear treun Le' r binn-cheol eireadh cliù do 'r Dia

Biodh fìos gu 'r Dia E, Triath an àigh, 0 'ni bheil gach àl ar dealbh 's ar deo ; A threud sinn 's biadhaidh e gach trà ; 'S dìon a 's àrach dhuinn ri 'r beò.

Air dorsaibh 'arois dòirtibh 'steach, 'Na chùirtibh ait, dha thigibh dlù ; 'Sguth molaidh 's gàirdeachais gach neach A' luaidh air feartaibh Dhe nan dùl.

C' arson 1 gu 'r maith ar Triath ar Dia, Mu thròcair chinntich 's maith 'bhi seiiiii, 'S f hìrinn a sheas gu daingean riabh (tu niair feadh linnte sìorruidh leinn.

A. M-

5r