Ainmean-aite ann an Aird Chloich Siorrachd Narainn mar fhianais air cleachdadh
an fhearainn ré nan linn.
'S e paraiste gun chriochan an láimh ris a' mhuir a th' ann an Aird Chloich ged a
tha a' rmhuir ga fhaicinn bho rmóran áiteachan mu timchioll na sgire. Chan ann
ach beagan millean bhon talamh nas losail ri taobh na mara am faigh thu Aird
Chloich ge-tá. Gheibhear ionaltraidh, coilltean, boglaichean agus monadh agus
tha Uisge Éire a' ruith tarsainn Aird Chloich, gu tric ann an mór-ghilean creagach
domhain. 'S ann mu thimchioll cóig ceud troighean a tha an áirde meadhanach
den pharaiste agus 's e aonad rianachd de faisg air ceithir fhichead mile
ceárnagaichte a th' ann.
'S ann air iomall na Ghaidhealtachd a tha aon de na criochan Áird Chloich ach
cha chreid mi nach biodh duine sam bith le h-eólais air seallaidhean na
Gaidhealtachd a' faicinn diofar sam bith le moran sgirean eile den leithid ann an
áiteachan eile a tha nas ainmeil don luchd turais. Faodaidh tu faighinn ann an
greiseag ma tha car agad. Tha an rathad gu Baile nan Granndach agus Drochaid
Charr a' fágail Inbhir Narann suas gu Fer Nis far a bheil e a' dealachadh dhan dá
áite ud agus mur a bheil cabhag ort 's ann an sin a gheibh thu cothrom eile a
dhraibheadh gu deas gun a bhith a' dol rathad Inbhir Nis. 'S e aite iomallach
allainn a th'anns a' Mhonadh Dabha le seallaidhean sios gu Loch an Doirbh,
seann phriomh-oifis Alasdair Mór mac an righ, far an táinig moran olcas gu buil.
'S e slighe nas iongantach buileach ma chi thu e sa chiad turas a' siubhal gu
tuath le seallaidhean air beanntan Ros an lar, Caithibh agus Gaillimh fa do
chomhair, gu h-áraidh ma bhios an Linne Moireibh ga dhearrsadh sa ghréine.
Aon uair 's gun do dh'falbh an luchd siubhal a' mhonaidh Dabha saoil am bi
moran dhiubh mothachail gum bi iad a' teárnadh a' bhruthaich tro sgire a bha
cho Gaidhealach sa ghabhas agus far a bheil monmhar na h-aibhne cha mhór
fhathast a' seinn dualchais Aird Chloich. Seadh sgire a bha cho Ghaidhealach sa
ghabhas agus far a bheil ceangal le Gaidhealtachd Aird Chloich fhathast beó ann
an "cuimhne beo" leis an agallamh a rinn Fred MacAmhlaigh le a' Bh Fhriseil aig
an robh buinteannas don sgire ann an 1952 1 .
Chan urrainn dhut súil a chur air ainmean aite Aird Chloich gun a bhith tarraing
air an obair a rinn Raibeart MacThomais ann an 1861. B' ann an sin a chaidh an
leabhair aige The Natural History of a Highland Parish 2 ga fhoillseachadh. 'S e
lusaire a bh 'ann an MacThomais ged a bha e na mhaighstir sgoile gus teachd
an tir a dhéanamh. Anns an leabhar sin gheibhear boillsgeadh den sgire air fad
ann an dóigh a tha gu math 'holistic' ma chuirear abairt den linne fhéin air a chuid
obrach. Mus dh'imrich e gu h-Aird Chloich, bho sgire Chaladair, (paraiste eile
Siorrachd Narann dhan taobh an ear a bha aig an ám fhathast nas Gaidhealach
Ó Dochartaigh Cathair (fear-dheasaiche), Survey ofthe Gaelic Dialects of Scotland, Institiúid Ard-Léinn
Bhaile Átha Cliath
(1997),Vol 1 t.d. 93
2 MacThomais Raibeart, Natural History ofa Highland Parish, George Bain Nairn, (1901?)
na Aird Chloich) bha e a' cumail a-mach nach robh e a' tuigsinn ach aon fhacal
Gáidhlig agus b e sin 'maighstir-sgoile' 3 . Ach nuair a thig e gu h-aon agus gu
dha agus a leabhar ann an cló bha beagan a bharrachd eólais aige agus esan
cho dána a bhith a' toirt seachad beachd air facal tuiseil ginideach no dha.
A-nis cuirear súil mionaideach air caibideil ainmean-áite den leabhar aig
MacThómais, Place names of Ardclach. Faodaidh a rádh gur e an fhacal
"achadh" no "ach" a tha aon de na h-ainmean a tha a' toirt seachad fianais glan
dhuinn gu robh áiteachas a' gabhail aite san t-seann aimsir agus tha
MacThómais a' toirt dhuinn: Achagour, Achamore, Achavelgin, Achavrate, Ach
na beochan agus Achnatone. Tha mi gan sgriobhadh an seo sa Bheurla mar a
thog mi iad as an leabhar ach am faod cuideigin argamaid a chur nach eil iad
gan sgriobhadh sa Bheurla ach direach gu bheil iad fhathast gan droch
litreachadh sa Gháidhlig? Mar mhinicheadh orra tha MacThómais a' toirt dhuinn,
Ach a gobhar, Achadh Mor, Ach nan tarbh, Ach a mheallagan/ Ach a
bhealachan, Ach a beathaichean agus Ach na toin. 'S docha dh'fhaodadh
beagan deasbad sgoilearachd a bhith ann a thaobh an soilleireachadh aig
MacThómais ach cuir nad chuimhne gun robh e a' cleachdadh litreachdh den ám
air ainmean a chaidh a cláradh ann an dual-chainnt na sgire. Bhiodh e air a bhith
a' bruidhinn le Gaidheal Aird Chloich ach gun teagamh sam bith bhiodh e a'
deasbad a chuid rannsachaidh le ballrachd eile den Nairn Literary Institute agus
maighstirean-sgoile eile. Dhan latha an-diugh chan eil an Nairn Literary Institute
a' gabhail moran uidh ann an dualchas Ghaidhealach Siorrachd Nárainn ach aig
an am a bha sin s' docha gun robh fear no dha na lúib a bha eólach air a'
Gháidhlig no fiú 's fileanta.
'S ann le Airdrie, Alt a airidh (the burn ofthe sheiling mar a chuir Mac Thomais e)
a gheibhear fianais cudromach de transhumance agus san leabhar aige tha
MacThómais ag innse dhuinn mu bheul-aithris an sgire cuideachd agus
eachdraidh áiteachas na sgire mar dhearbhadh eile den dóigh bheatha a bha sin.
Ma dh'fhaoidte bhiodh Airdrie, Ard ruith na fhianais den leithid cuideachd. Gun
teagamh sam bith gheibhear fianais a bharrachd de transhumance ann an
Rehuarie, Ruith Samhair (a-rithist mar a tha MacThómais ga litreachadh).
Am measg na h-ainmean a chaidh a chláradh le MacThómais gheibhear
feadhainn eile a tha iomchaidh don chuspair a tha seo agus chithear iad ann an
Earr-rádh 1. San fharsaingneach ge-tá tha na h-ainmean ud aig MacThomais
nam fior fhianais do dhoigh bheatha gu tur Gaidhealach agus bhiodh
transhumance na pháirt rmhor dheth. Feumaidh sinn a bhith faiceallach le
MacThómais ge-tá: bha e den bheachd gur e Baile an deoradh a bha aig culaibh
Balintore agus saoil de bha a' cur air an soilleireachd ábhaisteach a
sheachnadh? Leis mar a lean e air le rudeigin neulach co-cheangailte leis an t-
seann eaglais Ceilteach, an robh e faicinn a h-uile ca.il tro speuclairean a bha
caran romansach? A dh'aindeoin sin 's e sár obair a rinn e a thaobh eachdraidh-
3 Raibeart agus Elsie MacThomais, A Salmon for the Schoolhouse, a Nairnshire Parish in the nineteenth
century, deasaichte le John Love agus Brenda McMullen. CanonGate Acedmic Edinburgh, (1994), td 25.
nádarra agus mar a thuirt mi roimhe 's e goireas air leth inntinneach gu h-áraidh
nar linne far am biodh sinn a' toirt barrachd suim don árainneachd. Sgriobh
MacThomais an leabhar chan e a-mháin aig ám a bha Gáidhlig a' crionadh gu
mor san sgire ach aig ám nuair a thoisich a' coimhearsnachd air feadh a'
crionadh. 'S e sin proiseas a bha fhathast a dhol suas gu nar linne (faic Earr-rádh
2). Ach chan fhaodar a sheachnadh de cho chudromach 's a bha Gaidhealtachd
Siorrachd Narann do h-eachdraidh agus dualchas na sgire agus aig teas
meadhan a h-uile cáil a bha sin gheibhte áiteachas. Chaidh na criomagan mu
dheireadh den t-saoghal ud as an rathad na bu fhadalach na tha moran a
smaoineachadh. Chan eil sin ri h-aithneachadh mar a bu choir dha a bhith san
choimhearsnachd an-diugh agus 's docha fiu 's ann an saoghal na Gáidhlig.
Gheibhear ann an ainmean-aite Aird Chloich agus san t-siorrachd air feadh
goireas air leth cudromach chan e a-mháin do lomhaigh dhualchas na sgire ach
cuideachd rudeigin priseil a dh'fhaodadh ruith an cois na ceumannan beaga
iomairtean Gáidhlig sa bhaile an-diugh
Leabhar-chlár
Leabhraichean
MacThomais, Raibeart, The Natural History of a Highland Parish, Bain, Nairn
(1900)
Raibeart agus Elsie MacThomais, A Salmon for the Schoolhouse, a Nairnshire
Parish in the nineteenth century, deasaichte le John Love agus Brenda
McMullen. Canongate Acedemic Edinburgh, (1994)
Ó Dochartaigh Cathair (fear-dheasaiche), Survey ofthe Gaelic Dialects of
Scotland, Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath (1997)
Láraich-lin
Vision of Britain
http://www.visionofbritain.orq.uk/place/place paqe.jsp?p id-16717 (aig
14/11/11)
Earr-radh 1 Ainmean-aite sgire Aird Chloich le buinteannas do dh'aiteachas
Chuir mi na h-ainmean aite san earr radh seo direach ma a bha iad gan
litricheadh le MacTomhais san leabhar aige an da chuid sa Bheurla agus sa
Gháidhlig
Achagour - Achagobhar
Achamore - Ach a mor
Achandar - Ach nan tarbh
Achavelgin Ach a mheallagan/ Ach a bhealachan
Achavrate - Ach a bhradhaid
Achnabeochan - Ach nam beathaichean
Achnatone - Ach na toin
Airdrie - Ard ruith
AltLuidh-AltLaogh
Alt an airidh - The burn of the shieling
Balintore - Baile an deoradh
Balmore - Bal mor
The Bart - Bard or Braghad
Belivat - Buaile lchid
Blair na Tow - Blar na daimh
Cairn of Achagour - Car na Ach a Gobhar
Carnach - Carn an nach (tha MacThomas feuchainn ri rudeigin mar Carn nan
each a litricheadh air sgath 's gun do sgriobh e The Cairn of the horses a
bharrach air sin).
Clashgour - Clais gobhar
Dalbuie - Dail buidhe
Ferness - Fearn Innis (chunnaic mi Fer Nis ann an larach air loidhne, saoil gum
biodh sin tighinn as an fhachal feur? "S ann leis an t-soillearachadh bheurla The
flat Alder covered Pasture a tha MacThomais).
Fleenas - fluich innis
Fleenasmore - fluich innis mor
Fleenas na Gall
Glenferness - Gleann fearna innis
Laken Prae - The birth hollow of the Calves
Lynechork - Loin a coirc
Rearple - Reurth Earball
Rebanchor - Reuth bein a Charr
Refouble - Reuth Pobul
Rehaurie - Reuth Samhair (Samhradh air an droch litricheadh?)
Relaing - Reuth Leathan
Rermore - Reuth Mor
Shenval - Seann Baile
Straneorn - Sron Corn
Tom an Uan - The knoll of the larmb
Tom nam Mean - The Hill of the Kids
Earr-radh 2 Crionadh sluaigh sgire Aird Chloich 1800 - 1940
Historieal statistics / Popiilation /
Chart view Table view Definition & source inforrnation
Total Population
o
o
1200
1000
800
600
400
200
vj /\l
^vj
—-4
\ + j -pss^-.- j j.
^^
1800 1820 1840 1860 1880 1900 1920 1940
Voar
Bhon lárach-lin Vision of Britain.org