Skip to main content

Full text of "A' chomhairl fheumail, mu 'bhi beachd-smuainteachadh air siorruidheachd"

See other formats


M 


Digitized  by  the  Internet  Archive 
in  2013 


http://archive.org/details/achomhairlfheuma1810glas 


No.  62.] 

A?    CHOMHAIRL    FHEUMÀIL, 

MU  'BHI  BEACHD-SMUAINTJEACHADH 

[i 
Air  Siorruidheaehd. 


SEARMOIN.    2  COR.  ÌV.  18. 

ìir  dhuinn  bhi  ag  amharc  cha'n  ann  air  na  nithibh  a  thtt 
r'  amjaicinn,  ach  aìr  na  nithibh  nactièil  r  amjaicinn  : 
oir  tha  na  nithe  a  chithear  aimsireil,  ach  tha  na  nithe 
nach  faicear  siorneidh. 


JN  ithe  siorruidh! — Ciod  iad  na  briathra  sinf  Ciod 
an  fhuaim  a  tha  iad  a'  deanamh  ann  am  chluasaibh! 
Ciod  an  t'  oibreachadh  a  tha  iad  a'  brosnuchadh  ann  am 
uchd?  Tha  dian-iartus  aig  mo  chridhe  criodhnaichte 
gu  fios  fhaotainn  ciod  an  daimh  a  th'aca  ruim  fèin,  agus 
riùsan  a  tha  gam  èisdeachd  an  diugh,  an  uair  a  ghabhas 
iadsan  agus  mise  ar  cead  do  na  h-uile  seailadh  talmhaidh^ 
agus  a  theid  sinn  do  shaoghal  nan  spioraid.  Ciod  uime 
sin  a  ta  mi  ri  thuigsin  mu  na  nithe  sin'a  tan  so  air  an  our 
an  cèill  mar  nìthe  nach  faicear?  i  An  e  Diteadh,  diteadh 
Siorruidh?  Och!  am  feud  a'  chuis  a  bhi  mar  so,  an  deigh 
nan  ioma  degh  theairgs  a  fhuair  mi  do  Chriosd,  iomada*dh 
stri  an  spiorafS,  iomadaidh  gairm  omhinisteiribh,iomadaidh 
earail  o  chairdibh,  iomadaidh  sanus  o'm  choguis  fein? 
OI  briathra  uamhasach!  Tha  iad  gam  lionadh  le 
h-uamhas  tha  iad  a'  cur  crith  orra;  tha  iad  a*  cur  uamhuna 
air  mo  chruth  bàsmhor.  Ach,  mo  bhràithrean,  tha  sinn 
fathasd  ann  an  tir  nam  beo,  agus  ann  an  ionad  na  h^earbsa; 
cha'n  'eil  dorsa  na  tròcair  fathasd  air  an  druideadh  'nar 


n-aghaidh ;  tha  guth  na  slainte  fathasd  rfa  chluìnntin  'n  ar 
n-ionada-còmhnuidh.  Slainte,  slainte  Shiorruidh! 
O  focailriuachmhor!  Tha  iad  sjn  co  sòlasach  'sa  bha  na 
focail  eile  uamhasach;  co  milis  'sa  bha  iad  sud  searbh, 
A  bhràithrean,  'siad  na  nithe  a  ta  siorruidh  a  tha  'nan 
aoibhneas  do  na  h-ainglibh  agus  do'n  mhuinntir  shaorta 
ann  an  nearah;  agus  is  iad  a  tha  'nan  uamhunn  do  na 
diabhail  agus  do'n  t-sluagh  mhalluicht'  ann  an  ifrinn. 
Tha  e  lionadh  aon  chuideachd  le  h-aoibhneas  naomha, 
'nuair  a  smuainticheas  iad  nach  bi  crioch  air  an  sonas: 
tha  e  cur  uamhunn  an-dòchais  air  a  chuideachd  eile, 
'nuair  a  smuainticheas  iad  gu  mair  a'm  pianntan  gu 
saoghal  nan  saoghal.  Nach  mòr  an  cudthrom  bu  chòir 
a  bhi  aig  na  nithe  sin  oirne  a  ta'g-ullachadh  airson, 
agus  d'an  èigin  gu  h-aithghearr  imeachd  chum  nan 
seallaidhean  uamhasach  suidhichte  sin!  Tha'n  t-Abstol 
anns  an  earrainn  roimh  bhriathraibh  ar  teagaisg,  an 
toradh  sonadh  a  ta  sruthadh  o  bhi  beachd-smuainteachadh 
air  siorruidheachd  ann  a  bhi  toirt  air  "ar  n-àmhghar 
eutrom,  nach'eil  ach  re  tio*a  a  bhi' 'g-oibreachadh  dhuinn 
trom-chudthrom  gloire;  ach  anns  an  t-searmoin  so,  an 
àite  dhomh  bhi  labhairt  gu  h-àraid  air  a  cheann  so,  bheir 
mi  oidhirp  air  mineachadh  a  dheanamh  mu  fhèum  a 
chleachdaidh  so  air  ar  gnath  chaithe-beatha  'san 
t-saoghal.  > 

An  tùs,  Bheir  a  bhi  beachdsmuainteachadh  air 
aiorruidheachd  oirnn  faire  dheanamh  an  aghaidh  pea- 
caidh.  rSan  am  so,  tha  nàdur  an  duine  co  truaillidh,  a's 
nach  sguir  e  do  pheacadh  am  feadh  a  tha  e  'san  t-saoghal 
bo.  Ach  gidheadh  tha  iomadaidh  smuaintìdh,  a  dh* 
fheudadh,  nam  biodh  iad  air  an  cleachda  gu  ceart,  a 
bhi  nan  leigheas  air  an  olc  so:  theagamh  nach  cuir  iad 
CQ$g  iomlan  air,  ach  chuireadh  iad  air  a  chuid  a  's  lugha 
bacadh  air  e  bhi  buadhachadh.  Am  measg  nan  smuain- 
tidh  sin  uile,  cha'n  aithne  dhomh  aon  a's  feumaile  no 
beachd  smuainteachadh  air  siorruidheachd.  Abhraithrean, 
cuireamaid  a  thaoìbh  an  sgail  a  tha  folach  saoghal  nan 
gpioraid  as  ar  sealladh.  Togaibh  a  nis  bhur  suilean  gu 
neamh,  agus  faicibh  sonas  an  t-sluaigh  shaorta  shuas*-— 
Feuch  tha  iad  sgeudaichte  le  culaidhibh  geala;  tha  crùin 


gloire  air  an  cipn,  agus  pailrae  buaidh  'nan  larnhaibh : — » 
Faicibh,  cha'n  'eil  bròn;  no  curara,  no  doilghios  aca. 
Eisd,  tha  iad  a  seinn  orain  Mhaois  agus  an.Uain:  Cia 
milis,  cia  binn,  cia  iomlan  aoibhneach!  Ach  cha'n  fheud 
sinn  dol  ni's  faide.  Sco  mòr  an  urram  agus  an  sonas,  a's 
gu  bheil  an  t-Abstol  a'  dearbhadh,  "  Nach  fhaca  suil, 
nach  cuala  cluas,  agus  nach  d'  thainig  ann  an  cridhe 
duine,  na  nithe  a  dh'  ulluich  Dia  dhoibhsan  aig  am  bheil 
gràdh  dha."  Tiondaidhemaid  uime  sin  ar  sùilean  o'n 
t-sealladh  aoibhneach  agus  sholasach  so:  amhairceamid 
sios  gu  h-ifrinn,  agus  faiceamaid  truaighe  na  muinntir 
mhalluichte  anns  an  t-slochd  iosal,  Och!  cionnus  a  tha 
iad  a'  giosganaich  an  teanga  le  pian;  tha  iad  a'  gul,  tha 
iad  a'  caoidh,  tha  iad  a'  casadh  am  fiacla.  "  Faic,  tha 
iad  ag  òl  do  fhion  feirge  Dhe,  a  tha  air  a  thaomadh  a 
mach  gun  choimeasg  ann  an  cupan  fheirge,  agus  tha  iad 
airam  pianadh  le  tein'  agus  pronnusc  ann  am  fianuis  nan 
ainglibh  naomha,  agus  am  fianuis  an  Uain,  agus  cha'n  'eil. 
fois  aca  la  no  oidhche,  ach  tha  deatach  a'm  piann— 
taibh  a'  dol  'suas  gu  saoghal  nan  saoghal."  Cia  neart- 
mhor,  cia  uamhasach  na  briathra  sin,  Gu  Saoghal 
nan  Saoghal,  Gu  Saoghal  nan  Saoghal!  Is  leòir  iad  a 
chur  eagail  air  a'  chridhe  a  's  treise;  a  thoirt  air  na  h-uilt 
fuasgladh  agus  air  ar  gluinibh  bualadh  air  a  cheile — A 
nis  le  creidimh  beachd  smuaineachibh  air  na  nithibh  a  ta 
siorruidh. — An  urradh  dhuibh  aoibhneis  neamh  agus 
pianntaibh  if'rinn  a  chumail  do  ghnàth  fa  chomhair  bhur 
sùl,  agus  aig  an  am  cheudna  i'ulang  dhuibh  fèin  a  bhi 
toirt  caidreadh  do'n  pheacadh  le  saorsa.  Gu  cinnteach 
cha'n  urradh.  Bheireadh  dlu' — bheachd  air  siorruidheachd 
oirbh  tre  ghrùs  diadhaiidh  buaidh  fhaotain  air  cumhachd 
a  bhuairidh;  mheasadh  sib^  mar  ne.o-nì  toilinntinean  a 
pheacaidh;  reusanaichibh  ruibh  fèin  air  andoigh  so,' 
t*  tha  mi  faicinn  neamh  agus  ifrinn  romham.  .  Ma  bheir 
mi  caidreadh  do  'n  pheacadh,  biaidh  mi  air  mo  dhruideadh 
a  mach  o'n  àite  ghlòirmhor  ud,  o  Dhia  agus  o  Chriosd, 
agusnah-uileaoibhneasatashuas;'biaidh  mi  air  mo  cheangal 
ann  an  slabhruidhean  dorchadais,  biaidh  mi  'n  am  chom- 
panach  do  spiorada  neo-ghlan  an  t-sluic  gun  iochdar, 
biaidh  mi  air  mo  phianadh  le  teine  agus  pronnusc  gu 


saoghal  nan  saoghal.  Am  bi  mi  uime  sin  co  amaideach 
a's  gu'n  caill  mi  glòir  shiorruidh,  air  son  an  toiiinntin 
ghoind  so?  Am  fàg  mi'mi-fein  buailteacli  do  thruaighe 
ehiorruidh  air  son  an  t-sòlais  ghearr  so?  Cha'n  fhàg, 
Deanadh  muinntir  an  t-saoghaiì  tàir  orm  mar  a's  àill  leo, 
uaith  so  a  mach,  teichidh  mi  o  pheacadh  mar  o  leòmhan 
no  o  mhath-gbamhuinn. 

'San  dara  aite,  Bheir  a  bhi  beachd-smuainteachadh  air 
aiorruidheachd  oirnn  beag  meas  a  bhi  againn  air  an 
t-saoghal  a  ta  làthair,  'Se'n  saoghal  air  aon  dòigh  no  doigh 
eile,  an  t-iodhol  a  ta  chuid  a's  mo  do  dhaoine  ag  aoradh. 
Ah!  cia  mòr  ann  ar  meas-ne  a  tha  'shaibhreis,  'urrama, 
agus  a  thoilinntine!  Tha  iad  sin  a'  togail  'suas  ar  smu- 
aintean  agus  ar  n-aigneidhan,  is  iad  sin  ar  cuspairean 
àraid  anns  a'  bheatha  so.  A  nis,  mo  bhraithrean,  am  bheil 
sibh  ag  iarruidh  casg  a  chur  air  an  spiorad  shaoghalta 
mi-riàghailteach  so?  Am  bheil  sibh  ag  iarruidh  faotainn 
oscionn  nithibh  talmhaidh,  agus  ag  iarruidh  bhi  'g  èiridh 
'fiuas  gu  neamh?  Imichibh  agus  smuaintichibh  air  an 
t-saoghal  eile.  Cumarbh  na  nithe  a  ta  siorruidh  fa 
chomhair  bhur  sùilean.  Smuainticheamaid  air  duine  aig 
am  bheil  saibhreas  ro-mhòr,  oighreachd  fharsuing,  bail- 
tcah,  lùchairtean  riomhach,  agus  liosan  taitneach  mar 
pharras;  ach  am  feadh  a  tha  na  h-uile  nithe  talmhaidh 
aige  dh'  fheudsa  chridhe  mhiannachadh,  gu'm  bheil  e'na 
Choigreach  do  dhiadhachd,  agus  mu  dheireadh  gum 
bàsaicb  e  mar  chaith  e  bheatha,  Smuaintich  ge  do 
labhradh  tu  ris  an  duine  thruagh  so  an  ceann  aon  mhios 
a  mhain  an  deigh  dha  dol  do  ifrinn;  agus  gu'rn  feoràich- 
eadh  tu  dheth,  ciod  a  tha  e  'nis  a'  smuainteachadh  mu'n 
t-saòghal  so,  agus  mu  na  nithfbh  air  an  robh  a  chridhe 
co-mor  air  a  shocrachadh  am  feadh  a  bha  e  bhos  air  an 
talamfi:^-Ah,  mo  bràithrrean,  cia  gèur  an  freagairt  a 
bheireadh  e  dhuibh!  _"  Diomhanas  nan  diomhanas, 
ghlaodhadh  e,  is  diomhanas  na  h-uìle  nithe,"  Ciod  am 
fèum  a  tha  'nis  am  sheilbhan  mòr  anns  an  t-saoghal?  Ciof 
am  feum  atha  dhomh  do'm  luchairtean  mòraJach  a  thog 
mi,  agus  rau'n  robh  mi  co  uaibhreach;  ciod  am  feum 
th'  anns  na  liosan  ud  anns  an  do  ghabh  mi  na  h-urrad 
thoilinntin,  agus  a  mhol  mo'lucftd-cUimh  co  mòr?     Ah! 


cha'n  fhaic  mi  ni  'smoìad!  Tha  mi  'nis  air  mo  phianaàV 
anns  na  lasraichean  so;  agus  ann  an  so,  mo  thruaighe! 
is  èigin  dhomh  buanachadh  gu  saoghal  nan  saoghal." — 
Ach  faicibh  e  ni's  faide.  An  uair  a  smuainticheas  gu'm  b'e'n 
saoghal  so  a  sgrios  è;  gu'm  b'e  a  spèis  dà,  agus  a  dhian- 
leanmhuin  na  dhèigh,  a  thug  -e  gu  ionad  na  dòruinn  so: 
— tha  e'  gul  a'  donnalaich,  agus  ag  eighach;  tha  e  gla- 
odhaich  cha  n  e'mhain  an  aghaidh  diomhanas  agus 
faoineachd  an  t-saoghail  a  ta  làthair,  ach  tha  e  briseadh 
a  mach  leis  a  mhaliachadh  a's  seirbhe  'na  aghaidh,  tha 
e'ga  mhallachadh  mar  aobhar  asgrios  siorruidh.  Mo 
braithrean,  nach  d'thugadh  beachd-smuainteachadh  air 
na  nithe  6Ìn  mothachadh  dhuibh  air  diomhanas  agus 
faoineachd  nithe  talmhaidh?  Cha'n  urradh  sibh  gun 
amharus  comhluadar  ris  na  h-aingidh  ann  an  ifrinn;  ach 
gu  cinnteach,  tha  aobhar  againn  bhi  smuainteachadh  gur 
iad  sin  n'an  leithide  sin,  na  smuaintidh  a  th'.  aca  mu'a^ 
t-saoghal  sin  d'an  do  ghabh  iad  an  cead  siorruidh,,. 

Ach  ma's  aill  leibh  tuilleadh  dearbhaidh  f haotainn  mm 
dhiomhanas  an  t-saoghal,.  rachaibh  agus  feoraichaibh 
do  aon  do  luchd-aiteachaidh.neamh«  Dearbhaidh . esan 
gur  firinneach  teisteas  a'  pheacaich:  'na  shuilibhsan,  chaill 
an  saoghal  na  h-uile  thaitneas;  tha  e  'na  bheachd-san  mar 
dhùnòtraich*  An  sin  tha  e  chòmhnuidh  ann  an  lùchart- 
aibh  moralach;— tba  na  bunaitean  do  chlacha  riomhach,  na 
geatacha  do  neamhnada,  agus  an  t-sraid  do  or  fior-ghlan. 
An  sin,  tha  e  ann  an  cuideachd  a'  chomuinn  a's  urram- 
aiche; — "  thainig,  e  gu  làn-chomhthional  agus  eaglais  nan 
ceud-ghin,  agus.  cuideachd  do-àireamh  do  ainglibh,  gu 
spiorada  nam .  firean  air  an  deanamh  foirfe;  gu  h-Iosa  . 
eadarmheadhonair  a  chomhcheangail  nuaidh,  agus  gu 
Dia  breitheamh  nan  uile."  Ann  an  sin,  tha  e  air  àrdu. 
chadh.  gus  an  inbhe  is  mo; — fhuair  e  "  rioghachd 
nach  fheudar  a  ghluasad,  crùn  gloire  nach  sear^gu  bràth 
H  oighreachd  a  taneo-thruaillidh,  agus  neo-shaiacn,  agus 
nach  caith  as."  An  sin,  ann  an  aon  t'hocal,  thatoilmn- 
tioe  taghta  'nan  nàdur,  agus  siorruidh  'nam.buanachadh* . 
A_  bhràithrean,  nach  mor,  nach  ro-àrd  ,  ua  beannacncta 
sjn!  Ann  an  coimeas  riu  sin,  cia;Suarrach,  cia  faoi% 
cia ..  neo-f  hiachaiì   uile  thoilmntme  aa  beama  sol     Xhs^ 


iad  air  an  tilgeadh  anns  an  sgàile;  tha  iad  gu  l'eir  air  an 
dorchachadh;  cha  'o  'eil  gloir  aca  "  do  thaobh  na  gloir  a 
tha  toirt  barrachd."  Srauaintiche-mid,  uime  sin,  air 
aoibhneaS  neamh,  le  sùil  a  chreidimh;  cumamaid  sior- 
ruidheachd  do  ghnàth  'nar  beachd;  bheir  so  air  ar  cridhe- 
diomhanas  na  beatha  threigsin;  bheh*  so  oirnn,  "  ar  n- 
aignei«lhean  a  chur  air  n.a  ni.thibh  a  ta  shuas,  cha  'n  ann 
3,ir  nithibh  talmhaidh." 

'Sa?i  treas  aite,  Bheir  beachd-smuainteachadh  air  sior- 
ruidheachd  oirnn  a  bhi  curamach  gu  feum  ceart  a  dhean- 
amh  d'ar  n-aimsir.      Tha  'n  aimsir  'na   cudthrom  neo- 
chriochnach  do  thaobh  na  daimh  à  ta  aice  re  siorruidh- 
eachd;    oir  do  reir  an  fhèum  a  ni  sinn    d'ar   n-aimshv 
biaidh  sinn  gu  bràth  sonadhj  no  gu  bràth  truagh,     Giod 
am  meas  uime  sin  a  bu  choir  dhuinn  a  chur  air  an  aimsir 
a  ta  liàthairl;    cia  lauchmhor  a  bu  choir  do  gach  mionaid 
a  bhi 'nar  beachd-ne!     Tha  gliocas  ni's  luachmhoire  no 
Q.r  na  h-Ophir,  no  an  Onics  luachmhor,  no  an  saphire,. 
tha  luach  gliocais  fad  oscionn  nan  clach  a's  uaisle,''     Ach 
gidheadh  ge  mor  a  luach  gun  ehoimeas,  tba  moran  'nar 
measgne  struitbeach  air  ar  n-aimsir;  tha  gu  tric  tuilleadh 
dhith  agamn  no  's  aithne  dbuinn  a  bhuiieachadh  gu  ceart; 
cha  'n  'eil  iad  ach  tearc  'riar  measg,  a  thug  seachad  ach- 
cuibhriorin  ro  bheag  dhith  do   na   criochaibh  àrd   agusi 
©irdhearc  sin  airson  am  bheìl  i    air  a    tabbaìrt   dhuinn«j 
Mo  bhràithrean,  is  mearachd-  so  nach  feudar  a  thomhas, 
agus  a  tha  toilltm  grad  chronachadh.    *Ach  cionnus  a  ni; 
sinn  o  so  'mach  faire  an  àghaidh  an  uile  ro  rnhor  so!j 
Gionnus  a  bhrosnaicheas  sinn  ar  n-ariama  leasg  gu  bhij 
«aoradh   na   h-aimsir   a  dh'  fheudas    fathast   marsuinn?; 
Imichibh  agus  .sm'uaintichibh  air  siorruidheachd:  cumaibh 
aoibhneas  siorruidh  agus  truaighe  shiorruidh  do  ghnàthi 
mu  choinnedh  bhur  sùJ,  agus  an  sin,  cha  mhi-bhuillich 
sibh  bhur -n-ajmsir-..    Is  ràdh  coitchcionn,  ach  gle  chearfc, 
riach  'eil  fios  againn  air  luach  nithibh  gus  an  caiìi  sinn 
iad:  Uait'h  so  tha  feum  na  h-aimsir  air  a  rnhineachadh  gu 
soilìeir  le  staid  na  muinntir   mhalluicht'  ;ann   an  ifrinn 
Ah!    cia  geirt-  a  tha  iad  a*  nis  a'  caoidh  an  amaideachd 
agus  an  cuthach  le  bhi  dichuimhneaclmdh  feum  a  dhean* 
amhdp  aimsir  na,  beatha,  agus  na  cothroma  slainte  thu* 


gadh  dhoibh.  Feudaidh  sinn  a  smuainteachadh,  giirn 
.  abair  iad,  "  'nuair  a  bha  Dia  againn  re  sheirbhiseachadh, 
agus  anama  're  'n  tearnadh,  agus  staid  shiorruidh  re 
ullachadh  air  a  son,  thubhairt  sinn,  mar  amadain,  cion- 
nus  a  chaitheas  sinn  ar  n-aimsir?  Ach  a  nis,  tha  ar 
B-aimsir  air  a  caitheadh,  air  dol  seachad,  agus  air  ime- 
achd:  Anis,  si  'cheist  diiuinne,  cionnus  a  chaitheas  sinn 
siorruidheachd?'  Mo  thruaighe!  cha'n  urradh  an  t-sior- 
ruidhea^hd  a  bhi  gu  bràth  air  a  caitheadh.  An  dc'-igh 
,  dhuinn  na  piannca  ua-mhasach  sin  fhulang  fad  deich 
j  mile  do  mhiltibh  linn,  biaidh  ar  truaighe  do  ghnàth  ur: 
I  cha  bhi'n  t-siorruidheachd  ni  's  dluithe  do  chrich,  no 
an  uair  a  thoisich  i.  Biaidh  gu  bràth  air  thoiseach  oirn 
I  sealladh  do  thruaighe  shiorruidh.''— Smuainichibh  cia 
i  durachdach,  cia  dian — thogarrach  a  ghuidheadh  SpknV 
I  ada  na  muinntir  mhalluicht'  air  son  beagan  aimsir,  a  chum 
dol  as  bho  ionad  na  doruinn,  nam  biodh  an  coslas  bu 
lugha  gu'm  biodh  an  urnuigh  air  a  h-èisdeachd.  "  O! 
gu'm  biodh  againn  bliadhn'  eile,  mios  eile,  seachduin  eile, 
no  eadhon  aon  là  eile.  O!  gu'm  feuchadh  Dia  sinn  aon. 
uair  eile;  gu 'n  d'thugadh  e  dhuinn  aon  tair^s'  eile  do 
Cliriosd;  gu  n  d'  thugadh  e  'ris  aon  chuireadh  eile  dhuinn 
gu  aithreachas;  gu'n  d'thugadh  e  dhuinn  ach  aon  cho- 
throm  eile  gu  tionndadh  ga  ioxinsuidh.  Fadheoidh, 
smuainichibh,  cionnas  a  dheanadh  peacach  bochd  air  a 
thoirt  air  ais  a  h-ifrinn  do'n  uine  ghairid  a-dh'  fheudadh 
efhaotain  a  chum  ullachadh  air  son  siorruidheachd.  'Na 
shuilìbhsan  thaisbeanadh  .latha  no  uair,  no  mionaid  do 
luach  do-Jabhairt.  Cha  bhiadh  uairean  air  an  caitheadh 
leis  ann  an  codal  neo-fheumail,  ann  an  sraideamachd 
dhiomhain  no  ann  sugradh  faoin:  cha  bhiodh  aimsir  air  a 
buileachadh,  eadhon  air  gnothaichean  cumanta  na  beatha, 
ach  na  bhiodh  bhiodh  ro-fhèumail.  Bhuiìichaadh  e  chuid 
as  mo  do  gachlatha  ann  am  frithealadh  air  curam  anama.. 
A'  bhrkithrean.  cha  blii  peacach  gubrath.  air  a  thoirt  air  ais 
a  h-ifrinn  gu  talamh  gus  leithid  -in  doc  Iiothrom  fhaotain. 
Ach  tha  sinne  air  ar  cur  'san.  staid  a  bìia  mi  'nis  a'  hara- 
lachadh,  Cumamaid  air  an  aobhai-  sia  suorruidheachd  do 
ghnath  'nar  beachd;  builich  eamaid  aimsir  na  beàtha  mar 
gub.ltheamaid  cheana  ann  an  saoghaì,  nan  spioraid. 


8 

'Sa'  cheathramh  aite,  Bheir  beachd-sonuainteachadh 
air  siorruidheachd  oirn  a  bhi  beothail  ann  an  cleachda  'na 
diaghachd.  'Seigin  do'n  chuid  a's  mo  dhinn  a  bhi  fiosrach 
gu  bheil  sinn  a'  saothreachadh  gu  muladach  as  eugas 
beatha  'nar  n-aidmheil  air  dleasnais  na  diaghachd:  feu- 
daidh  sinn  coslas  na  diaghachd  a  chumail  suas,  ach  mo 
thruaighe!  cha'n'  eil  againn  ach  beagan  do'n  chumhachd. 
Theagamh  gu  bheil  cuid  anns  a'  choithional  so,  nach 
fosgaii  am  Biobal  ach  ro  thearc;  agus  ge  do  dh'  fheudas 
cuid  eile  dhinn  cleachdadh  a  dheanadh  air  a  leughadh 
gach  la,  gidheadh  cia  cabhagach  a  ruitheas  sinn  san 
t-seirbhis;  cia  beag  aire  tha  sinn  a'  tabhairt  do  na  tha  air 
a  chiailachadh  Jeis  na  nithibh  a  tha  sinn  a'  leughadh;  cia 
beag  dheth  a  tha  sinn  a'  caradh  re  r  cor  agus  staid  fèin! 
Ann  an  èisdeachd  an  t-soisgeil,  cia  tric  a  tha  sinn  ni's  mo 
gu  mor  air  ar  glacadh  leis  an  fhuaim  a  thoilicheas  a 
chluas,  no  tha  sinn  leis  na  firinne  a  dh'  fheudadh  buan- 
nachd  a  thoirt  d'ar  n-anama!  Cia  neo-chùramach,  cia 
caoin-shuarach  a  tha  sinn  gu  minic,  am  feadh  a  ta  na 
nithibh  a's  cudthromache  air  an  cur  f'ar  comhair!  Ann 
an  urnaigh  mar  an  ceudna,  cia  marèh  a  tha  sinn  gu  tric 
anns  an  dleasnas  sin!  tha  ar  n-iartuis  mar  gum  biodh  iad 
a  reothadh  a'  teachd  o'r  beòil.  Theagarah  gu  bheil  ar 
smuaintean  eadhon  a'  dol  air  seacharan  air  cnuic  agus 
beanntaibh  an  diomhanais:  tha  sinn  a'  di-chuimhneachadh 
gu  bheil  sinn  am  fianuis  Dhè,  agus  gu  bheil  sinn  ann  an 
dleasnas  na  h-umaigh.  Ach  cha  leudaich  mi  ni  's  faide 
air  na  nithibh  fa  leith  sin:.  bheir  bhur  cogaisean  fein 
fianuis  air  cia  marbh  agus,  neo  bheothail  a  tha  bhur  staid, 
Anis  am  bheil  dochas?  Am  bheil  cungaidh  gus  am  feud 
sinn  dol  chum  an  galar  coitchienn  so  leigheas. .  Tha 
mo  bhràithrean,  jrachaibh  agus  smuaintichibh .  air  sior- 
ruidheachd..  An  uair  abhios  bhur  cridheachan  marbh^ 
agus  trom,  agus  a  fonn  mu  nithibh  spioradaU,  tionnd- 
aibh  bhur  suilean  ro  saoghal  nan  spioraid;  Gabhaibh.. 
sealladh  a  chreidimh  do  na  h-aoibhneis  shiorruidh,  agus 
do  na  pianntaibh  siorruidh:  Ni  sin  bhur  n-anama  ath- 
bheothachadh;  beothaichidh  so  ann  bhur  n-uchd  lasair 
naomha  ann  an  obair  na  daighachd  'Nuair,  a  leughas. 
sibh   bhur   Biobal,   smuainwchibh  air   siorruidheacbds  - 


agus  O  cìocl  an  dùrachd  leis  am  brosnuich  so  sibh! 
An  uair  a  dh'  amhaircear  siòs,  agus  a  sheallas  sibh  air 
ifrinn  a  losgadh  fuidh  'r  cosaìbh,  agus  a  chi  sibh  doruinn 
na  muinnter  rahalluichte;  an  uair  a  thionndaidheas  sibh 
o'n  t-sealìadh  uamhasach  sin,  agus  a  thogas  sibh  bhur 
suiìean  gu  neamh,  agus  a  ghabhas  sibh  beachd  air  gloir 
agus  beannachd  na  muinntir  shaorta  shuas — an  leugh 
fiibh  an  sin  *«  na  Scriobtuir,  a  ta  comasach  air  bhur  dean- 
amh  glic  a  chum  slàinte,"  leis  an  neo-churam  ghnàthach 
a  chleachd  sibh  roimhe?  Cha  leugh,  rannsaichidh  sibh 
iad  mar  ionmhus  folaichte,"  rannsaichidh  sibh  iad  le 
tuilleadh  dùrachd  no  rannsaicheadh  sibh  eachdraidh  bhur 
ducha  fein,  gu  còir  a  thoirt  dhuibh  air  staid  mhòr,  no 
eadhon  gu  rioghachd  no  crùn. — An  uair  achluinneas  sibh 
an  soisgeul,  smuaintichibh  air  siorruidhtachd.  A  bhrài- 
ihren,  nach  bu  bheothail  na  coi'  thionail  a  bhiodh  againn, 
no  'n  eisdeadh  sibh  uile  mar  ann  am  fianuis  Dhè,  agus  le 
saoghal  nan  spioraid  fa  chomhairbhursùl!  Cha'nfhaiceadh 
fiinn  an  a  h-aon  'nan  codal,  cha'n  fhaicemaid  a  h-aon 
neo-churamach  agus  caoin-shuarach:  bhiodh  gach  sùil  a' 
feitheamh  air  an  fhear-labhairt;  bhiodh  gach  cridhe  fos- 
gailte  ghabhail  re  briathraibh  na  beatha  shiorruidh.  Ciod 
an  dùrachd  a  bhiodh  'sa'  choi'thional  uile!  Ciod  an  stold- 
achd  anns  na  h-uile  gnuis!  bhiodh  a  leithid  do  shàmh 
chair;  a  leithid  do  chiuine:  dh'  fheudadh  eadhon  cagar  a 
bhi  air  a  chliunntin — Anuair  ani  thu  urnaigh  re  Dia  smua- 
intich  air  siorruidheachd.  Fograidh  sin  na  h-uile  smuain 
fhaoin  agus  dhiomhain;  beo  haichaidh  so  thu  le  teas 
naomha;  bheir  so  ort  a  bhi  tagar  airson  tròcair  a  chum 
maitheanas  agus  airson  gras  an  naomhachaidh,  agus  air- 
son  slainte  shiorruidh,  le  tuilleadh  liosdachd,  nachunnaic 
thu  riamh  dèirceach  bochd  ag  iarruidh  arain,  no  cionntach 
dìte  a'  tagar  airson  a  bheatha.  Fadhèoidh,  'nuair  a 
smuainticheas  tu  air  bàs  Chriosd,  smuaintich  air  sior- 
ruidheachd.  An  uair,  O  Chriostaigh,  a  chi  thu  na  piann- 
taibh  o'ra  bheil  thu  air  do  shaoradh,  agus  na  beannachdan 
giorruidh  air  am  bheil  thu  a'  t-oighre;  agus  gu'  h-àraid' 
nuair  a  smuainticheas  tu  guJm  b'ann  Je  bhi  aii  a  dhean- 
amh  'na  mhallachd  air  do  shonsa,"  a  shaor  "Losa  Criosd 
tliu  o  mhallachd  an  lagha;', — Lionaidh  so  thu  le  taing  a- 


w 


■bl 
I 


10 

gus  raoladh  dhasan  a  nochd  a  leithid  do  ghràdh  iongan- 
tach  dhuit;  dùisgidh  so  thu  le  fuath  naomha  do  'n  phea 
cadh,  a  thug  do  Dhia  do  shlànuighear  gu  duslach  aJ 
bhàis;  beothaichidh  so  thu  Ie  èud  laiste  gu  ghlòir  a  chur 
air  aghaidh  anns  an  t-saoghal.     'Siad  sin  na  h-eifeachda 
sona  bhios  a*  sruthadh  o  smuainteachadh  air  siorruidh 
eachd,    gu    *r  dearamh  beothail    ann   an   dleasnais   na 
diaghachd. 

'San  àite  mu  dheireadh,  Bheir  beachd-smuainteachadh 
air  siorruidheachd  oirnn  a  bhi  eudmhor  airson  slainte  an- 
amana.  An  uair  a  dh' amhairceas  sinn  a  mach  air  an 
t-saoghal,  cia  bronach  an  sealladh  achi  sinn!  Mòr-chuid 
eachdan  do  chreutairean  air  àn  leigeadh  ris  do  fhearg 
agus  mallachdan  De  Uile-chumhachdaich.  Tha  beatha  sa 
mhairreannach  agus  bàs  siorruidh  m'an  comhair;  tha 
aoibhneas  siorruidh  no  truaighe  shiorruidh  aig  laimh,  ach 
cha'n  'eil  curam  orra/  tha  iad  a'  caitheamh  am  beatha 
gun  Dia,  gun  Chriosd,  agus  gun  dòchas  anns  an  t-saogh- 
al.  "  O  Thighearna  maith  cruas  mo  chridhe,  a  chionn  rsc 
gur  urradh  mi  amharc  air  a  leithid  a  dh'  amaideachd  agus 
a  chuthach  a'  measg  mo  cno'-chreutairean,  agus  gun  a  ref 
bhi  deanamh  tuilleadh  broin  air  a  shon.  Maith  guidheamj 
ort,  neo-mhothachadh  uanihasach  m'  anama  ann  a  bhi 
faicinn  a  chuid  mhor  do'm  '  bhraithreah  mu'n  cuairt  orm 
a'  caitheamh  am  beatha  mar  gu'm  biodh  iad  as  an  cèill, 
agus  gun  tuilleadh  tiomach  aidh  air  mo  chridhe  le  truas 
d'an  taobh; — gur  urradh  mì  bhi  gam  faicinn  ann  an  cun 
nart  truarghe  shiorruidh,  agus  gun  tuilleadh  dichill  a 
ghnàthachadh  airson  an  slainte."  An  uair  a  dh'  amh 
airceas  tu,  O  Chriosdaidh,  nu'n  cuairt  duit,  agus  i 
bheach  daicheas  tu  neamh  agus  a  h-uile  aoibhneis  air  ara'  ìi 
masluchadh  le  d'  cho' — chreùtairean,  mar  nach  biodh  aci 
annta  ach  nithe  suarrach;  an  uair  a  ta  ifrinn  agus  gach  n 
uamhas  air  an  cur  ahn  an  neo-brigh,  mar  nach  biodh!  bt 
annt'  amhain  ach  eagal  meallta,  gu  cinnteach  bheireadh  so  aua 
©rt  deòir-fhola  shileadh  os  an  cionn;  b'u  choir  dha  so  thoirtp  U 
ort  briseadh  a  mach  agus  glaodhaich,  "  O!  gu  robh  mo 
cheann  na  uisgeacha,  agus  mo  shuilean  'nan  tobar  dheòir 
chum  a's  gu  guilinn  a  la  agus  a  dh'  oidhche  airson  mo 
choimhearnaich,  air  sgàth  mo  bhràithrean."    Gu  h-araid, 


iii! 


11 


1  smuainticheadh  pàranta  criosduidh,  do  thaobh  an  cloinne, 
mi-dhiadhaidh.  An  urradh  sibh  a  bhi'  gam  iaicinn  a' 
ruidh  gu  cabhagach  gu  truaighe  shiorruidh  agus  gun  bhur 
cridheachan  a  bki  air  an  gluasad!  An  urradh  dliuibh  am 
faicinn  air  fiòr-bhrUaich  na  h-ifrinn,  agus  gun  bhur  crid- 
heachan  a  bhi  air  am  maothachadh  le  truas  dhiubh!  Ciod, 
ge  do  bhitheadh  iad  a*  soirbheachadh  anns  an  t-saoghal! 
Ciod,  ge  do  chitheadh  sihh  fod  ag  èiridh  gu  socair  agus 
saibhreas,  agus  urram.  Àh!  ciod  am  feum  a  ni  iad  sin 
dhoibh  ann  an  ifrinn.     Togaibh  suas  uime  sin,  eaoidh  air 

Jìlan  son,  ag  radh,  Ciod!  a  mhic  an  d'  thug  mi  chum  an 
j.  t-saoghail  thu,  gu  bhi  mu  dheireadh  air  do  thilgeadh  air 
j  falbh?  An  d'  àraich  mi  thu  le  co-mòr  do  churam  chum 
j.  gu  biodh  tu  mu  dheireadh  ann  ad'  chonnadh  do  na 
.f  basraichean?  An  do  chuir  mi  thu  air  t=aghaidh  anns  an 
.j  t-saoghal,  gu  bhi  ad'  chreich  do'n  diabhol,  tfgus  gu  bhi 

2  air  do  chràdh  leis  gu  saoghal  nan  saoghal.     "  O  mhic,  a 
\  mhic,  ciod  a  ni  mì  air  do  shon?  Dhia  nach  ann  a  bhas— 
|  aichinn  air  do  shon,  a'  mhic,  O  a'  mhic." 

J  Air  an  dòigh  cheudna,  deanadh  clann  dhiaghaidh  bròn 
jj  airson  am  paranta  bochd  neo-dhiaghaidh,  O!  tha  m'athair, 
jj  o'n  d'  fhuair  mi  bith;  air  an  t-slighe  gu  sgrios ;  tha  e 
j  greasad  co  luath  's  a's  urradh  sgiathan  na  h-aimsir  a 
ffl  ghiùlan  gu  truaighe  shiorruidh.  Mo  thruiaighe!  mo^ 
mhathair,  mo  mhathair  ghràdhach,  a  ghiùlain  mi  'na 
broinn,  a  dh'  altruim  mi  air  a  glùinibh,  a  dh'  araich  mi 
air  a  h-uchd,  a  thìormaich  mo  shùil  'n  uair  a  ghuil  mi. 
Ah!  bha  i  ni's  mo  do  churam  air  no  shon,  'n  uair  a 
shaoil  i  mi  bhi  dluth  do  'n  bhas,  no  bha  i  air  a  son  fein, 
ge  do  bha  i  dluth  a  dh'  ifrinn.  Mo  thruaighe!  an  uine 
ghairid  bithidh  i  marbh,  agus  mur  gabh  i  aithreachas 
gu  grad,  agus  mur  pill  i  gu  Dia>  caillear  i  gu  eior- 
rùidh.  O!  cia  neo-thoiìeach  a  tha  mi  so  a  chreidsin  mu 
neach  a  tha  co  dluth  agus  co  ionmhuinn  leam !  Tha  e 
'gam  ghearradh  mar  sgian  gu'm  chridhe ;  tha  e  mar  shear- 
bhas  do'm  anam."  Sann  mar  so  a  bhrosnuicheas  beachd- 
smuainteachadh  air  siorruidheachd  mothachadh  'nar  n* 
uchd  do  thaobh  anama  ar  co-chrèutaircan  peacach.  Bros- 
naicheamid  sinn  fèin  uime  sin;  deanamaid  tuilleadh 
dichiil  no  rinn  sinn  naroo  a  chum  rioghachd  Chnosd  s 


n 

mheudachadh  anns  an  t*sàoghal,  agus  gu  h-àraid  -airsort 
slainte  ar  coimhearsnaich  agus  luchd-eòlais,  ar  càirdean, 
agus  luchd-daimh.  'Sann  mar  so  trid  beannachaidh  Dhè 
a  bhitheadh  gnàth  smuainteachadh  air  siorruidheachd. 

Cha'n  'eil  sinn  idir  re  smuainteachadh,  gu'n  dean  so,- 
no  saothair  sam  bith  eile  drùthadh  air  ar  cridheachan,  no 
'n  t-aomadh  a's  lugha  air.  ar  caithe-beatha,  mur  bt 
oibreachadh  an  spioraid  naoimh  'na  cho-chuideachd.  Ani 
feadh  uime  sin,  a  bhios  sibh  an  sàs  anns  an  ni  so,  biodh 
bhur  n-urniugh  dhurachdach  a  '  dol  suas,  chum  gu'n 
seòladh  agus  gu'n  cuidicheadh,  agus  gu'm  beannaicheadh 
e  sibh.  'Sann  an  sin  agus  an  sin  a  mhain,  a  chi  sinn  toradh 
na  cleachda  naomh  so,  ann  an  iompachadh  pheacach  do'n 
t-Slanuighear,  agus  annancaithe-beatha  naemha  shluaigh. 
Mu'n  criochnaich  mi,  fuilingibh  dhomh  aon  iarrtus 
eile  ghuidhe  oirbh,  agus  do  bhri  nach  'eil  e  ach  beag, 
feudaidh  sibh  gu  h-ealamh  a  ghabhail:  'Se  so  ann  an  aon 
fhocal,  gu'n  cuireadh  sibh  air  leith  ceithreamh  ha  h-uaire 
na  h-uile  maduinn,  gu  smuainteachadh  gu  durachdach 
air  siorruidheachd.  Feudaidh,  gu'm  bi  eiseachd  slain- 
teil  aige  chum  bhur  coimhead  o'n  olc  feadh  an  là;  feud- 
aidh  so  bhi  'na  mheadhan  sona  gu'r  cumail  ann  an  eagal 
Dè,  ciod  sam  bith  cor  'sam  bi  sibh  air  bhur  suidheachadh, 
feudaidh  so  bhur  sonas  siorruidh  a  chur  air  aghaidh.  O 
Shiorruidheachd,  a  Shiorruidheachd,  a  Siiior- 
ruidheachd,  cia  domhain  bu  chèir  dhuit  drùthadh  air 
ar  n-inntine! 


GLASGOW: 

PRINTED,     AND    SOLD    FOR    THE 
GLASGOW   RELIGIOUS    TRACT   SOCIETY, 

At  the  Bible   Society,    Tract,    and    Sabbath    School 
Bepository,   No.  10,  Wilson-Street. 

Pricc  4s.   per  hundred. 


J.  NIVEN,  Printer. 


SSBHBI 


>3fB&u9i5KH. 

HH 
Hf 

BBflfflf 

HBH 


rih 


iBh 


Slffissll 


iifi 


BflH 


fcSaSSf