Skip to main content

Full text of "Beatha Iain Bhuiniain"

See other formats


Digitized  by  the  Internet  Archive 
in  2013 


http://archive.org/details/beathaiainbhuiv21848doec 


lù 


BEATHA 


IAIN   BHUINIAIN 


EADAR-THEANGAICHTE 

Lb  DONNCHADH  MAC  DHUGHAILL. 


DUN-EDIN : 

Clo-bhuatlte  air  son  an  Eadar-theangair, 
LE    THORNTON    AGUS    COLLIE, 

AN    SRAID  DHAIBHIDB,  AN  NAOMH. 

1848. 


PREFACE. 


John  Bunyan  died  August  31st,  1688,  aged  60  years. 
He  wrote  sixty  different  works  between  1656,  and  the 
time  of  his  death.  Of  these  he  published  45  during 
his  lifetime ;  leaving  15  more  in  manuscript. 

In  the  year  1692,  his  friend  Charles  Doe  collected  a 
number  of  his  works  in  one  large  volume,  in  folio ; 
with  a  Life  of  Bunyan,  and  a  chronological  list  of  his 
various  works,  including  those  left  in  manuscript.  This 
volume  contains  twelve  of  the  posthumous  works  which 
he  obtained  from  the  Author's  family.  The  Heavenly 
Footman  was  not  printed  in  that  volume ;  but  Doe 
informs  us  that  he  purchased  the  copy  from  Bunyan's 
eldest  son,  John,  in  the  year  1691.  He  afterwards 
published  it,  with  the  life,  list,  &c,  in  the  year  1698. 

Doe  was  the  intimate  friend  of  Bunyan,  and  he  relates 
several  interesting  particulars  concerning  him  during  the 
time  of  his  imprisonment.  He  informs  us  that  he 
became  acquainted  with  Bunyan,  while  the  latter  was 


in  Bedford  Jail  ;  but  it  is  not  very  certain  whether  Doe 
was  a  prisoner  there,  or  not. 

In  speaking  of  the  long  and  cruel  imprisonment  ot 
twelve  years  and  a  half,  which  Bunyan  suffered,  under 
that  cruel  and  arbitrary  government,  we  find  many 
proofs  of  the  calmness  and  Christian  fortitude  which 
supported  his  mind  under  that  dispensation,  in  his 
"  Prison  Meditations"  He  felt  that  he  was  suffering 
in  a  good  cause ;  and  found  that  his  enemies  could  not 
deprive  him  of  that  peace  of  mind  that  he  enjoyed  in 
the  full  assurance  that  he  had  only  done  his  duty,  and 
that  he  was  suffering  for  the  Truth.  It  is  consoling  to 
see  how  the  good  man  bore  his  sufferings  with  that 
meekness  and  resignation,  which  his  persecutors  could 
not  take  away,  and  which  the  world  could  not  give. 

Our  Translator  has  used  the  second  edition  of  the 
Heavenly  Footman,  printed  at  Edinburgh,  in  the  year 
1702.  He  has  endeavoured  to  give  the  Author's  meaning 
as  nearly  as  the  various  idioms  of  the  two  languages 
would  admit,  without  following  the  exact  order  of  words, 
or  the  peculiar  phraseology  of  the  original. 

Glasgow,  October  1848. 


BEATHA  IAIN  BHUINIAIN. 


p  UGADH  Iain  Buinian  ann  an  Elstow,  an 
_Ll>  siorramachd  Bhedford,  dlùth  air  mile  o  'n 
bhaile  sin,  anns  a'  bhliadhna  1628  ;  bha  phàrantan 
onarach  ach  cha  robh  moran  do'n  t-saoghal  aca ; 
bha  shinnsearrachd  do'n  ghinealach  sin  a  bu  suar- 
aiche  na  bu  tàireile  do  theaghlaichean  na  tire.  'S 
e  bu  cheaird  da  athair  a  bhi  càramh  phoitean  agus 
choireachan,  agus  se  'n  ceard  a  theireadh  iad  ris. 
'Nis  cha'n  aithne  dhomh  cò  anns  an  robh  briathran 
abstoil  mòr  nan  cinneach  ni  bu  mhò  air  an  nochdadh 
na  ann  an  Iain  Buinian ;  'na  chèud  chaibidil  do'n 
cheudlitir  chum  nan  Corintianach,  'siad  so  nafacail : 
Oir  chi  sibh  fein  bhur  gairm,  a  bhraithre,  nach 
iomadh  iad  a  taglic  a  thaobh  na  feòla,  nach  ioniadh 
cumhachdach,  nach  iomadh  uasal  ataair  an  gairm  ; 
ach  ròghnaich  Dia  nitheamaideachant-s'aognail  so, 
chum  gun  cuireadh  e  nàire  air  na  daoine  glice  ; 
ionnus  nach  deanadh  feòil  'sam  bith  uaill'na  fhian- 
uis:  Agus  bha  esan  ullatnh  aig  gach  uile  am  air  so 
aideachadh,  chum  gu'm  biodh  aig  Dia  glòir  'naghràs 
fein;  oir  ged  nach  robh  a  shinnsearrachd  agus  a 
bhreith  ach  bochd  agus  suarach,  gidheadh  b'  e  toil 
an  Tighearna  esan  a   thaghadh  air  thoiseach  air 


9  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

mòran  eile  gu  bhi  na  mheadhon  chum  mòran 
anamaibh  a  thoirt  a  dh'ionnsaidh  Dhè\  Agus  gu'm 
biodh  gràs  Dè  bha  air  a  thoirt  dhàsan  mòran  ni  's 
mò  air  a  mheudachadh ;  bheir  sinn  beagan  do  chunn- 
tas  aith-ghearr  mu'n  t-seòrsa  duine  bha  ann  mu'n 
d'f  hoillsicheadh  gràs  Dè  dha. 

Thug  a  phàrantan  oidheirp  air  an  ionnsachadh 
sin  a  thoirt  dha  bha  comasach  dhoibh  a  thaobh  an 
staid,  ga  àrach  suas  ri  leughadh  agus  sgriobhadh  ; 
ach  bha  truaillidheachd  a  naduir  cho  mor,  agus  e 
toileach  dol  a  dh'ionnsuidh  gach  uile  olc,  agus  cha 
b'fhada  gu's  an  do  leig  e  as  a  chuimhne,  a  sgriobh- 
adh agus  a  leughadh,  cha  robh  e  ach  glic  amhàin 
chum  uilc ;  ach  a  dheanadh  na  dh'ionnsachadh  an 
ni  sin  a  ta  math,  cha  robh  an  cridhe  aige  idir  air  a 
shon ;  oir  thug  e  thairis  e  fern  direach  na  leanabachd 
gu  mionnachadh,  mallachadh,  breugan,  agus  toibh- 
eum,  's  bha  iad  tearc  a  bha  co-ionann  ris  ann  an 
aingidheachd ;  tha  cuimhne  agam  gu'n  cuala  mi  e  'g 
ràdh  le  cràdh  cridhe ;  gu'm  b'  e  peacach  a  bu  mho 
's  a'  bhaile,  's  e  sin  ra  ràdh,  neach  a  thugadh  an 
aire  dha,  agus  na  aon  a  bha  comharraichte  air  son 
aingidheachd,  leis  gach  uile  neach  a  bha  anns  a' 
bhaile  anns  an  robh  è:  Gidheadh  cha  robh  a 
choguis  air  a  losgadh. 

Ach  air  son  aingidheachdan  uile,  's  ged  a  bha  e 
na  pheacach  ro  mhòr,  cha  do  thrèig  an  Tighearna  e 
gu  tur,  ach  bhiodh  e  ga  leantuinn  air  uairibh  le 
dearbhaidhean,  agus  air  uairibh  le  breitheanais,  ach 
gidheadh,  iadsan  anns  an  robh  measgadh  do  throcair; 
thuit  e  uair  èigin  ann  an  geodha  creige  do'n  mhuir, 
agus  is  ann  air  èigin  a  thearnadh  e  o  bhi  air  a 
bhàthadh ;  agus  uair  eile  thuit  e  mach  à  bàta  do 
abhainn  Bhedford,  agus  bha  e  air  a  shàbhaladh  on 
bhàs  an  sin  mar  an  ceudna  :  Ach,  mo  thruaighe ! 
cha  deanadh  aon  chuid  tròcair  na  breitheanas  a 
dhusgadh  fathast,  oir  thug  esan  thairis  e  fem  do 
ghràdh  a  pheacaidh,  agus  bha  e  suidhichte  gu  dol  an 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  7 

deigh  a  pheacaidh  ciod  air  bith  an  cruadal  a  choinn- 
icheadh  e  na  shlighe. 

Gidheadh,  cha  d'fhàg  Dia  e  gu'n  fhianuis  a  bhi 
aige  na  anani,  bha  e  trie  ga  bhacadh  ann  an  aon 
doigh  na  doigh  eile.  Air  dhà  bhi  aon  latha  a  cluiche 
maUle  ra  chornpanaich,  ghlaodh  guth  gu  grad  bho 
neamh  ra  anam,  a'g  ràdh,  am  fàg  thu  do  pheacaidh- 
ean  agus  dol  do  neamh  ?  Na'n  e  's  fearr  leat  do 
pheacaidhean  a  bhi  maille  riut  agus  dol  do'ifrinn  ? 
Chuir  so  a  leithid  do  uabhas  air,  's  gu'n  d'fhalbh  e 
gu'n  dàil  o'  chluich,  agus  air  dha  amharc  suas  gu 
nèamh,  shaoil  e  gu'm  faca  e  an  Tighearna  Iosa  a'g 
amharc  a  nuas  air,  mar  aon  a  bhiodh  ann  an  teas 
fèirge  ris,  agus  e  bagairt  dioghaltais  chràiteach  air, 
air  son  a  chleachduinnean  mi-dhiadhaidh, 

Ach  faicibh  cuilbheartan  Shàtain !  cha  bu  luaithe 
rinn  so  ni  èigin  do  dhrùdhadh  air  'inntinn,  na  chuir 
an  diabhol  na  chuimhne  gu'n  robh  e  na  pheacach 
anabarrach  mòr,  agus  gu  bheil  e  nis  tuilleadh  is 
anmoch  air  do  shon  'sa  bhi  'g  amharc  air  son  nèamh, 
oir  nach  deanadh  Criosd  tròcair  air,  's  nach  mathadh 
e  dha  easantais. 

Agus  cha  bu  ni  's  am  bith  eile  bha  'n  so  ach 
cleachduinn  a  ghnathaicheas  an  droch  spiorad  gu 
trie ;  tha  e  's  a'  cheud  àite  air  son  peacaich  a  tharr- 
uing  gu  bhi  'cur  an  gniomh  gach  uile  aingidheachd, 
agus  a  stri  ra  thoirt  orra  dheanadh  le'n  uile  thoil, 
agus  an  sin  ga  'n  earalachadh  nach  ruig  iad  a  leas 
dòchas  a  bhi  aca  gu'n  deanar  tròcair  orra;  agus  leis 
a  sin  's  trie  a  bhuadhaicheas  e  air  peacaich  chum  's 
gu'n  rachadh  iad  air  an  aghaidh  ann  am  peacadh. 
Agus  be  so  an  toradh  a  thug  a'  chuid  so  do  obair 
Shàtain  a  mach  air  Iain  Buinian ;  gu'n  robh  e  'g 
amharc  air  fèin  mar  neach  a  pheacaich  an  taobh 
thall  do  thròcair;  smaointich  e  ann  fèin  gu'n 
gabhadh  e  dhiol  do'n  pheacadh,  's  gu'm  be  sin  an 
aon  toilinntinn  amhain,  a  rèir  coltais,  ris  an  robh  e 
toileach  gu  bràth  gabhail.    Ach  chi  sinn  fathast  na 


b  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

toilinntinnean  sin  a  pheacaidh,  tre  obair  iongantach 
an  spioraid  naoimh,  a  bha  gu  trie  o'n  am  sin  air  an 
deanamh  searbh  dhà,  gu  's  nach  b'urrain  e  ach  gle 
bheag  toilinntinn  a  ghabhail  annta. 

Eccles.  x.  15 Sgithichidh  saothair  nan  amadan 

gach  aon  diubh,  do  bhrigh  nach  aithne  dha  cionnas 
a  thèid  e  do'n  chaithir.  Air  dha  aig  àm  àraidh  a 
bhi  dol  air  aghaidh  ann  an  làn  chursa  pheacaidh, 
agus  e  taomadh  a  mach  mhionnan  coltach  ris  an 
f  hear-chuthaich  a  tha  Solamh  labhairt  uime,  a  tha 
tilgeil  a  steach  culaidh  bhuairidh,  saighdean  agus 
bàs;  fhuair  e  achmhasan  geur  o  bhoirionnach  a  bha 
na  peacach  comharraichte  i  fern,  thuirt  i  ris,  gu'm 
be  'n  t-aon  duine  bu  ghràineile  mhionnachadh  a 
chuala  i  riamh  o'n  a  rugadh  i ;  agus,  ars  ise,  ma  's 
e  agus  gu'm  buanaich  thu  air  an  dòigh  so,  tha  thu 
comasach  air  òigridh  a' bhaile  gu  lèir  a  thruailleadh, 
ma's  e  's  gu'n  tèid  iad  ann  do  chuideachd :  Air 
do'n  achmhasan  so  teachd  o  a  leithid  sud  do 
bhoirionnach  agus  fios  gu  ro  mhath  aigesan  gu'n 
robh  i  anabarrach  aingidh  agus  mi-dhiadhaidh, 
lìonadh  e  le  nàire  dhiomhair ;  agus  dhrùidh  e  mòran 
ni  bu  truime  air,  na  rinn  mòran  a  bha  air  a  thoirt 
dha  roimhe  sin  leòsan  a  bhastuama  agus  diadhaidh. 
Agus  thug  e  air  a  bhi  guidhe  gu'n  b'fhearr  leis  nach 
robh  riamh  fios  aige  ciod  e  bhi  na  fhear-mionnach- 
aidh  ;  agus  o'n  am  sin  amach  chum  e  air  fèin  ann 
an  tomhas  mòr  uatha. 

Tha  e  fein  ag  innseadh,  agus  iongantas  air,  mar 
a  thachair,  gu'n  do  chuir  e  o'n  uair  sin  cùl  ra 
mhionnan,  air  dha  bhi  roimhe  sin  gach  uair  a  labh- 
radh  e  a  mionnachadh  sa  bòideachadh  aig  toiseach 
's  aig  deireadh  gach  facail,  chum  a  chainnt  ghràineil 
agus  uabhasach  a  dhaingneachadh. 

Ann  an  uine  ghèarr  an  deigh  sin,  thachair  dha 
bhi  ann  an  cuideachd  aon  duine  bochd  a  bha  'g 
aidmheil  na  diadhachd,  's  aig  an  robh  còmhradh 
diadhaidh  agus  o'  na  sgriobtuirean  a  dhruidh  gu 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  9 

mòr  air,  agus  le  mòr  spèis  do  na  labhair  e  thug 
Buinian  thairis  e  fein  gu  bhi  gabhail  mòr  thoil-inn- 
tinn  ann  a  bhi  leughadh  a  Bhiobaill,  gu  h-àraidh 
an  eachdraidh  dheth  ;  ach  bha  e  fathast  aineolach 
an  da  chuid  air  truailleachd  agus  aingidheachd  a 
nàduir,  agus  air  mòr-f heum  agus  luach  Iosa  Criosd 
a  chum  a  thearnadh. 

Gidheadh,  thoisich  ni-eigin  do  ath-leasachadh 
air  o'n  leth  a  muigh,  araon  na  chainnt  ?s  na  ghiulan, 
agus  an  sin  bha  e  air  teachd  a  dh'ionnsuidh  seòrsa 
creidimh  a  bha  laghail  ag  oibreachadh  air  son 
beatha,  agus  a  deanadh  suas  f  ireantachd  air  a  shon 
fein  leis  an  ni  sin,  agus  mar  sin  'n  uair  a  shaoileadh 
e  gu'n  robh  e  coimhead  nan  àitheantan,  bha  co- 
f  hurtachd  aige ;  ach  'n  uair  a  thachradh  air  uairibh 
gu'm  bristeadh  e  aon  diubh,  an  sin  bhiodh  a  choguis 
fo  dhoilghios  agus  fo  thrioblaid,  agus  le  bròn  agus 
aithreachas,  leigheisadh  se  e  fein  a  rithist,  agus 
smaointicheadh  e  'n  sin  gun  robh  e  toileachadh 
Dhè,  agus  gun  robh  gach  uile  ni  gu  math. 

Agus  lean  e  air  an  dòigh  so  gu  math  dlùth  air 
bliadhna,  agus  bha  'choimhearsnaich  rè  na  h-ùine 
so  ga  ghabhail  air  son  a  bhi  na  f  hior  dhuine  math, 
agus  ag  gabhail  iongantais,  ra  ath-leasachadh,  ged 
a  bha  e  re  na  h-ùine  cho  fada  o  shlighe  na  beatha, 
sa  bha  e  'n  uair  a  b'  esan  an  neach  a  bu  mhò  mi- 
naombachd,  oir  labhair  a  bheul  fein  na  briathran 
so  uime  fein ;  bha  chaithe-beatha  'nis  air  atharrach- 
adh  cho  mòr,  is  ged  a  dh'fhàsadh  Tòmas  Cuthaich 
na  dhuine  socair  ciallach.  Agus  a  nis  an  dream  a 
labhradh  gu  h-olc  uime  roi  'n  àm  so,  is  ann  a  thois- 
ich iad  air  toirt  cliu  dha,  agus  ga  mholadh ;  ach 
air  son  an  ath-leasachaidh  a  thainig  airsan,  is  ann 
a  sheid  an  t-ath-leasachadh,  ud  suas  e  le  uaill,  agus 
lìonadh  e  le  cealgaireachd. 

Ach,  mo  thruaighe  !  Cha  robh  anns  an  ni  ud  ach 
leum  bharr  meanglain  a  pheacaidh,  am  feadh  a  bha 
freumh  an  neo-ath-ghineamhuinn  gun  chaochladh. 


10  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

Cha  robh  e  fada  na  dheigh  sin,  mar  a  dh-òrduich 
freasdal  an  Tighearna  gun  rachadh  e  gu  Bedford 
chum  oibreachadh  air  a  cheaird,  (bha  e  dh'aon 
cheaird  ri  'athair  na  cheard)  agus  thachair  air  aon 
do  shràidean  a'  bhaile  sin  gun  tàinig  e  far  an  robh 
triùir  na  ceathrar  do  mhnathan  bochda  'nan  suidhe 
aig  dorus  anns  a'  ghrèin,  a  labhairt  ra  chèile  mu 
thimchioll  nithibh  a  bhuineas  do'n  Tighearna  ;  agus 
thug  so  air  tarruing  dlùth  dhoibh,  oir  bha  e  mu'n 
am  so  air  fàs  treun  air  labhairt  mu  chreideamh  agus 
mu  nithibh  diadhaidh,  ach  'n  uair  a  chuala  e  iad- 
san  car  beagan  uine,  mar  a  dh'aidich  e  fèin,  chuala 
e  gu  dearbh,  ach  cha  do  thuig  e,  oir  labhair  iad  air 
nithibh  os-ceann  a  thuigse.  Labhair  iad  mu  thim- 
chioll na  nuadh-bhreith,  obair  Dhè  air  an  cridheach- 
an,  agus  mar  a  bha  mothachadh  aca  air  an  staid  a 
thaobh  nàduir,  bha  iad  a  labhairt  mu  thimchioll 
mar  a  dh'fhiosraich  an  Tighearna  an  anamaibh  le 
a  ghràdh  troimh  an  Tighearna  Iosa  Criosd,  agus 
mu  thimchioll  nam  briathran  agus  nan  geallaidhean 
o'n  d'fhuair  iad  ùrachadh,  neart,  co-fhurtachd, 
agus  cuideachadh  an  aghaidh  buairidhean  Shàtain; 
bha  iad  mar  an  ceudna  'reusonachadh  air  na  sanuis 
agus  buairidhean  an  droch  aoin  gu  h-àraidh,  agus 
ag  innseadh  da  chèile  na  nithibh  a  chuir  doilghios 
orra,  agus  mar  a  bha  iad  air  an  cumail  suas  an 
aghaidh  a  dhroch  oidheirpean,  agus  chuala  e  mar 
an  ceudna  iad  a  co-labhairt  mu  thimchioll  truaigh- 
ean  an  cridheachan  fèin,  am  mi-chreideamh,  agus 
a  diteadh's  a  gèur-fhuathachadh  am  fireantachd 
f  èin,  mar  ni  salach  agus  neo-f  hoghainteach  chum 
math  sam  bith  a  dheanadh  dhoibh.  Agus  thaisb- 
ean  so  dhasan  a  bhi  air  a  labhairt  le  'leithid  do 
ghuth  gairdeachais,  agus  le  a  leithid  do  chainnt 
thaitneich  o  'n  sgriobtur,  agus  le  'leithid  do  choltas 
gràis  anns  gach  ni  a'  labhair  iad,  is  bha  iad  na 
bheachd  mar  gu'm  biodh  iad  an  deigh  saoghal 
nuadh  f  haotainn  ;  mar  gu'm  biodh  iad  'nan  sluagh 


BEATHA   IAIN  BUINIAN.  11 

a  bha  gabhail  còrahnuidh  air  leth.,  's  nach  robh  air 
a'  meas  am  measg  an  coimhearsnach.  Air.  xxiii.  9. 
B'  ann  o  'n  cho-labhairt  so  bh'  acasan,  a  thòisich 
e  air  faireachduinn  crith,  agus  gluasad  neo-àbhaist- 
each  na  chridhe  fèin,  agus  is  ann  an  sin  a  thoisich 
e  ribhi  gafhèin-cheasnachadh  fèin;  leisa  sinfhuair 
e  amacb  nach  robh  a  staid  idir  co  math  sa  bha  duil 
aige ;  do  bhrigh  na  uile  smaointean  timchioll  air 
diadhachd  agus  slàinte.,  cha  tàinig  an  nuadh-bhreith 
riamh  na  inntinn,  is  mar  sin  fhuair  e  amach  gu'm 
bu  ni  sin  air  an  robh  e  gu  tur  na  choigreach  agus 
gun  robh  e  aineolach  air,  ni  mò  bha  eòlas  aige  air 
comhfhurtachd  o  'n  f  hocal  rao'n  a  geallaidhean, 
na  air  cealgaireachd  agus  foilleileachd  a  dhroch 
cridhe  fe'in.  Air  son  smaointean  diomhair  cha  tug 
e  riamh  an  aire  dhoibh,  ni  mò  thuig  e  idir  ciod  bu 
chiall  do  bhuairidhean  Shàtain,  na  cia  mar  a  thuig- 
eadh  e  iad,  na  chuireadh  e  nan  aghaidh.  Ach  gidh- 
eadh,  bha  'n  conaltradh  so  bha  aig  na  mnathan 
udairdrudhadh  air  gu  trom,  agus  bha  e  ro  thoileach 
gun  cluinneadh  e  tuilleadh  mu na nithibh so  ;  agus 
uime  sin,  chleachd  e  gu  trie  a  bhi  dol  an  cuideachd 
na  muinntir  ud,  oir  bhuin  an  Tighearna  ra  chridhe 
leis  a'  chonaltradh  sin  ;  oir  bha  e  air  aomadh  gu 
bhi  dol  maille  riu.  Agus  bha  inntinn  cho  durach- 
dach  chum  eolas  f  haotainn  air  na  nithe  so,  gus  an 
robh  a  chridhe  coltach  ri  deal-each  air  a  chuisle, 
"agèigheach,  Tabhair,  Tabhair,"  Gnàth.  xxx.  15. 
cho  dian  's  nach  robh  ni  sam  bith  a  thoilicheadh  e 
ach  diomhaireachd  a  chreidimh  a  bhi  air  a  thaisb- 
eanadh  na  chridhe  fèin  ;  ionnus  gun  robh  anam 
cho  suidhichte  air  siorruidheachd,  agus  airnanithibh 
a  bhuineas  do  rioghachd  Dhe,  co  fada  sa  bha  fios 
aig  air,  air  chor  's  nach  deanadh  toilinntinn,  buan- 
nachd,  comhairlean,  na  bagraidhean  toirt  air  a 
ghrèim  a  leigeil  as  ;  a  mheud  as  gun  cuala  mi  e  'g 
radh,  gu'm  biodh  e  aig  an  àm  sin  cho  deacair  'inn- 
tinn a  thoirt  o'  neamh  gu  talamh,  mar  a  mhothaich 


1  2  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

e  iomadh  uair  o  'n  àm  sin  a  thoirt  o  'n  talamh  gu 
nearah.  Ach  an  deigh  do  ghràs  diadhaidh  mar  so 
a  bhi  air  'f  hadadh  na  chridhe,  dh'  f  heuchan  diabhol 
gu  cruaidh  le  iomadh  gaoth  bhuaireasach  chum  an 
gràs  a  sheideadh  amacli  a  rithist ;  a  toirt  air  iomadh 
fàth-gearain  a  bhi  aige  na  aghaidh  fein,  gun  robh  e 
air  a  thilgeil  air  falbh,  agus  na  neach  aig  nach  robh 
creideamh  idir,  agus  aig  nach  b'  urrainn  gu  bràth  a 
bhi,  do  brigh  's  nach  robh  e  air  a  thaghadh. 

Bha  e  ùine  f'hada  fo  thrioblaid  le  buairidhean  a 
bha  ro  ghoirt,  mar  a  thubhairt  mi  roimhe  so ;  agus 
bha  tri  nithe  a  ghnathaich  am  buaireadair  chum 
esan  f heuchainn ;  bha  aon  ni  mòr  ann,  a  bhi  ga 
cheasnachadh  fein  dh'fheuch  an  robh  creideamh 
aige;  bha  'leithid  so  do  do  smaointean  a  teachd 
trie  na  inntinn ;  cia  mar  a  tha  thu  dh'easbhuidh 
creidimh  ?  Agus  cia  mar  is  urrainn  duit  innseadh 
nach  eil  creideamh  agad  ?  Bha  so  ga  chur  gu  mòr 
ioma-chomhairle ;  seadh,  cha  robh  fios  aige  gun 
robh  creideamh  aige  ;  gidheadh  bha  e  faicinn  le  bhi 
as  eugmhais  gun  robh  e  coltach  ris  gu'm  biodh  e 
marbh  gu  siorruidh.  Ged  a  bha  e  mar  so  an  toiseach, 
toileach  amharc  thairis  air,  gidheadh  bhiodh  e 
smaointeachadh  gu'm  bu  mhòr  an  toradh  a  bhiodh 
aige  nam  biodh  e  cinnteach  as  an  ni  so;  uime  sin, 
bha  e  toileach  e  fein  f heuchainn  co-dhiùbh  a  bha 
creideamh  aige  no  nach  robh.  Ach  am  feadh  a  bha 
e  smaointeachadh  cia  mar  a  bheireadh  e  deuchainn 
a  bhiodh  taitneach  do'n  ni  so,  rinn  am  buaireadair 
stri  dh'  f  heuch  am  faigheadh  e  an  làmh  an  uachdar 
air,  a  teachd  a  steach  le  chealgaireachd,  nach  robh 
dòigh  sam  bith  aige  leis  am  feuchadh  e  co-dhiù  bha 
creideamh  aige  no  nach  robh,  ach  e  thoirt  deuchainn 
an  oibricheadh  e  ni-eigin  do  mhiorbhuile ;  agus  cha 
robh  sgriobtur  a  dh'  easbhuidh  air  chum  a  chuid- 
eachadh  ;  oir  mar  a  bha  e  fiaradh  nan  sgriobturean, 
'n  uair  a  dh'  f  heuch  e  ri  ar  Tighearna  beannaichte 
bhuaireadh,  ghabh  e  mar  an  ceudna  briathran  an 
t-Slanuighear  bheannaichte  chum  a  sheirbhiseach  a 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  13 

bhuaireadh  'g  a  bhrosnachadh,  (Mat.  xvii.  20.) 
Nam  biodh  agaibh  creideamh  mar  ghràinne 
mustaird,  theireadh  sibh  ris  a'  bheinn  so,  atharraicli 
à  so  an  sud,  agus  dh'  atharraicheadh  i ;  agus  cha 
bhiodh  ni  sam  bith  eu-comasach  dhuibh.  Chaidh 
am  buaireadh  so  air  aghaidh  cho  fada  ann  air 
dha  bhi  air  latha  àraid  eadar  Elstov;  agus  Bed- 
ford, bha  am  buaireadh  dian  air  's  an  am  sin,  a  dh' 
fheuchainn  an  robh  creideamh  aige  le  cuid  do 
mhiorbhuillean  a  dheanamh ;  bha  e  dol  a  ràdh  ri 
clàbar,  agus  ri  lodain  bheaga  do  uisge  a  bha  na 
laidhe  ann  an  lorgan  chasan  nan  each,  bithibh 
tioram ;  agus  direach  mar  a  bha  e  dol  a  labhairt, 
thàinig  na  smaointinn  so  steach  na  inntinn,  dean 
urnuigh  an  toiseach,  gun  deanadh  an  Tighearna 
thu  comasach ;  agus  'n  uair  a  bha  e  dol  a  dheanamh 
mar  so,  bha  ni-eigin  do  bhrosnachadh  diomhair  a 
bha  cuideachadh  leis  's  ag  ràdh  ris  gun  a  chreideamh 
a  chur  gus  an  deuchainn  ud.  Agus  bhuanaich  e 
mar  sin  car  beagan  ùine  fo  chall  mòr,  nach  robh  fios 
aige  co-dhiu  bha  creideamh  aige  no  nach  robh. 

Air  am  àraidh  nochdadh  staid  shona  an  t-sluaigh 
bhochd  ann  an  Bedford  dha  ann  an  seorsa  do  thais- 
beanadh  mar  a  leanas;  air  leis  gu'm  faca  e  iad  air 
slios  grianach  a  bha  anabarrach  boidheach  air  taobh 
beinne  ro  àrd,  mar  gu'm  biodh  iad  ga'n  grianadh  's 
ga'n  neartachadh  fèin  fo  ghathan  blàth  na  grèine ; 
air  leis  gun  robh  e  fèin  na  chreutair  truagh,  air 
chrith,  agus  na  chruban  leis  an  f  huachd,  ga  chràdh 
le  reodbadh  's  le  cloich  shneachda,  agus  le  neoil  a 
bha  oillteil  dorcha;  air  leis  mar  an  ceudna  gu'm 
faca  e  balla  mòr  àrd  eadar  e  fèin  agus  iadsan,  agus 
bha  'm  balla  so  dol  timchioll  na  beinne  gu  leir ;  bha 
e  ag  amharc  orra  agus  bha  mòr  dhèidh  aig  anam  air 
faotainn  a  steach  thar  a'  bhalla  so,  chum  's  gu'm 
biodh  e  sealbhachadh  solus  agus  blàthas  o'n  ghrèin 
mar  an  ceudna. 

Chaidh  e  uair  agus  uair  timchioll  a'  bhalla  a 


1  4  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

deanamh  urnuigh  do  ghnàth  mar  a  bha  e  dol  air 
aghaidh,  agus  e  sior  amharc  dh'  f  heuch  am  faiceadh 
e  dorus  na  slighe  'sam  bith  fosgailte  air  am  faodadh 
e  dol  a  steach.  Cha  d'  f  huair  e  dorus  na  fosgladh 
's  am  bith  rè  uine  mhòir ;  ach  fa  dheireadh  air  leis 
gu'm  faca  e  mar  gu'm  b'eadh  beam  chumhan  mar 
gu'm  biodh  dorus  beag  air  a'  bhalla,  agus  thug  e 
oidheirp  air  dol  a  steach  air ;  bha  'n  dorus  cumhan, 
agus  thug  e  iomadh  ionnsuidh  dh'  f  heuch  am  faigh- 
eadh  e  steach ;  ach  bha  uile  shaothair  an  diomhanas: 
fa  dheireadh,,  le  cruaidh  ghleachd,  air  leis  gu'n 
d'fhuair  e  *n  toiseach  a  cheann  a  steach,  agus  an 
deigh  sin  le  spàirn  mhòir  agus  co-stri  dhian,  gu'n 
d'fhuair  e  air  a  leth-taobh  a  ghuailnean  a  steach, 
agus  an  sin  ann  an  tiota  bha'  chorp  gu  h-iomlan  a 
steach;  an  sin  bha  e  fo  mhòr  shubhachas  agus  bha 
aoibhneas  anabarrach  air ;  agus  an  sin  air  leis  gu'n 
d'  imich  e  agus  gu'n  do  shuidh  e  sios  'nam  meadhon, 
agus  gu'n  d'  f  huair  e  solus  agus  solas  do-labhairt  o 
theas  na  grèine. 

A  nis  's  ann  mar  so  a  mhinich  e  dhomh  a  ni  bha 
bheinn  agus  am  balla  mòr  a  bha  timchioll  oirre  a 
ciallachadh,  thuirt  e  gu'n  robh  a'  bheinn  a  samhlach- 
adh  eaglais  an  Dè  bheò,  agus  gu'm  b'  esan  a'  ghrian  a 
dhealraich  oirre,  agus  be  gnùis  ghlòrmhor  agus 
ghràsmhor  an  Dè  bheò  a  dhealraich  orrasan  a  bha 
chòmhnuidh  air  a'  bheinn;  agus  b'e  'm  balla  an 
saoghal  a  tha  cur  dealachaidh  eadar  Criosduidhean 
agus  sluagh  an  t-saoghail  so;  shaoil  e  gu'm  b'i 
bhearn  a  bha  anns  a'  bhalla,  losa  Criosd,  a  ta'  na 
shlighe  chum  an  Athar,  {Eoin.  xvi.  6.  Mat.  vii.  14.) 
A  nis  air  do'n  dorus  a  bhi  anabarrach  cumhan  air 
chor  is  nach  b'  urrainn  neach  dol  a  steach  air  ach 
le  cruaidh  spàirn,  leigeadh  ris  dha  nach  robh  e 
comasach  gun  rachadh  aon  neach  a  chum  beatha, 
ach  iadsan  a  bha  air  an  co-chumadh  ris  an  dorus, 
agus  a  dh'f  hàg  an  saoghal  aingidh  air  an  cùl ;  do 
bhrigh  nach  gabhadh  an  dorus  a  steach  ach  corp 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  15 

agus  anam  a  mhain,  oir  cha  robh  àite  ann  no  rum 
do  chorp  do  anam,  agus  do  'n  pheacadh. 

Ghabh  an  samhladh  ud  còmhnuidh  air  inntinn 

fad  iomadh  latha,  agus  re  mòran  ùine  bha  e  ga 

f  haicinn  fèin  ann  an  cor  truagh,  agus  caillte,  agus 

bha  e  air  a  bhrosnachadh  le  mòr  mhiann  agus  dèidh 

gu  bhi  do'n  àireamh  ud  a  bha  'nan  suidhe  gu  sòlas- 

ach  fo  ghathaibh  blàth  na  grèine ;  thoisich  e  o  'n 

am  so  air  a  bhi  deanamh  ùrnuigh  ge  b'  e  aite  anus 

am  biodh  e,    cò-dhiù.  a  b'  ann  *s  an   tigh  na  'sa 

mhachair,  agus  bu  ghnàth  leis  mar  an  ceudna  'n 

uair  a  dh'  èireadh  a  chridhe'  suas  a'  chuid  so  do'n 

aon  salm   deug  thar  an  da-fhichead  a  sheinn: — 

"  Dean  tròcair  orm  a  Dhè  nan  gràs,"  oir  dh'  innis 

a  bheul  mu'n  am  ud  nach  robh  fios  aige  c'àit'  an 

ròbh  e.     Cha  d'  f  huair  e  fathast  ni  sam  bith  a  bha 

toirt  dearbhaidh  dha  gun  robh  creideamh  aige  ann 

an  Criosd ;    ach  an  àite  dearbhaidh  f  haotainn  an 

robh  creideamh  aige  ann  an  Criosd.     'S  ann  a  bha 

anam  air  a  bhualadh  le  teagamhan  as  ùr  cò-dhiù 

bhiodh  e  sona  gu  siorruidh  no  nach  biodh,   gu 

sònruichte  a  smaointeachadh   air  an  dòigh  so — 

"  Cò-dhiù  bha  no  nach  robh  e  air  a  thaghadh ;  agus 

ciod  a  dheanadh  e  ma  bha  latha  nan  gràs  a  nis  air 

dol  seachad  ?"    Bha  e  gu  trie  air  a  bhualadh  le  bhi 

cur  an  teagamh  nach  robh  e  air  a  thaghadh  ;  agus 

bha  'n  Sgriobtur  so  do  ghnàth  'tighinn  na  bheachd 

mar  an  ceudna,  agus  a  saltairt  sios  air  uile  mhiann ; 

M  Chan  ann  o'n  ti  leis  an  àill,  no  o'n  ti  a  ruitheas 

ach  o  Dhia  a  ni  tròcair."     Rom.  ix.  16.     Bha  e  'g 

ràdh  leis  an  sgriobtur,  so  nach  b'urrainn  e  innseadh 

ciod  a  dheanadh  e  :  air  dha  bhi  faicinn  gu  soilleir, 

mar  a  deanadh  Dia  o  a  shaor-thoil  fèin  a  thaghadh 

gu  bhi  na  shoitheach  tròcair,  bha  e  faicinn  ged  a 

bhiodh  e  'g  iarraidh  sa'  miannachadh  s'agoibreachadh 

gus  am  bristeadh  a  chridhe  nach  robh  ann  dha  ach 

neo-ni ;  ghlaodh  e  'n  sin,  O  Thighearna,  ciod  a  ni 

mi  mur  am  beil  mi  da-rireadh  air  mo  thaghadh  ? 


16  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

Theagamh  nach  eil  arsa  Satan?  Thubhairt  esan 
faodaidh  e  bhith  gu'm  bheil  a'  chuis  mar  sin.  Ma 
ta,  arsa  Satan,  is  co  math  dhuit  stad  dheth,  gun  a 
bhi  stri  nis  faide  ris ;  oir  mu'r  a  bheil  thu  gu  cinnt- 
each  air  do  thaghadh  le  Dia,  cha'n  eil  dòchas 
gu'm  bi  thu  air  do  thearnadh,  "  Oir,  cha  'n  ann  o 
'n  ti  leis  an  àill,  no  o'n  ti  a  ruitheas,  ach  o  Dhia  a 
ni  tròcair." 

Agus  a  chum  a  thrioblaid  an-tromachadh,  thug 
Satan  a  chuideachd  mhath  so  ann  am  Bedford  na 
chuimhne,  agus  chagair  e  ris  mar  so,  a  thaobh  gu'n 
robh  iad  sud  air  an  iompachadh  cheana,  cha  tearuinn 
Dia  tuilleadh  as  an  àite  so ;  agus  bha  thusa  tuilleadh 
is  fada  gu'n  tighinn  ann,  oir  fhuair  iadsan  am 
beannachadh  mu'n  tàinig  thusa.  Chuir  sud  e  fo 
àmhghar  mòr,  gu'm  faodadh  a'  chuis  a  bhi  nor; 
thug  sud  air  a  bhi  glaodhaich  a  mach !  O  nach 
robh  mi  air  mo  thionndadh  ni  bu  luaithe  !  O  nach 
robh  mi  air  tionndadh  seachd  bliadhna  roimhe  so  ! 
Bha  e  mar  so  ann  am  fearg  ris  fèin,  is  e  do  ghnàth 
a  smaointeachadh  gu'm  bu  truagh  e  bhi  cho  gòrach 
's  gu'n  do  chaith  e  aimsir  air  falbh  an  diomhanas, 
gus  an  do  chaill  e  fa  dheireadh  'anam  agus  neamh. 
Ach  thug  an  Tighearna  co-fhurtachd  dha  'n  uair  a 
bha  e  ga  shàrachadh,  thugadh  misneach  dha  o'na 
focail  so :  "A  Thighearna  rinneadh  mar  a  dh' 
òrduich  thu,  gidheadh,  tha  àite  falamh  ann  fathast, 
co-eignich  iad  gu  teach d  a  steach,  chum  gu'm  bi 
mo  thigh  air  a  lionadh,"  Luc.  xiv.  22,  23.  Thug 
na  briathran  ud  misneach  mhòr  dha,  agus  chaidh  e 
air  aghaidh  le  mòr  cho-fhurtachd,  n  uair  a 
smaointicheadh  e  gu'n  do  labhair  an  Tighearna  Iosa 
iad  a  dh'  aon  ghnothach  air  a  sgàth-san,  oir  shaoil 
e  da-rireadh  gu'n  do  labhair  e  iad  chum  misneach  a 
thoirt  dha  leo.  Cha  robh  e  dh'  easbhuidh  bhuair- 
idhean  a  chum  dol  air  ais;  seadh,  buairidhean 
mar  a  thuirt  e  fèin :  "  Bha  araon  Satan,  mo  chridhe 
fe*in,  agus  mo  luchd-eolais  feòlmhor  ag  oibreachadh 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  17 

le  chèile  agus  ga  m'  lionadh  làn  do  bhuairidhean;" 
ach  tha  e  toirt  buidheachais  do  Dhia,  gu'n  tugadh 
buaidh  orra  sin  leis  a'  bheo-mhothachadh  a  bha  aige 
air  a'  bhàs,  agus  air  latha  'bhreitheanais,  a  dh'  f han 
do  ghnàth  fa  chomhair  a  shùl.  Bhiodh  e  smaoint- 
eachadh  gu  trie  air  Nebuchadnesar,  mu'n  dubhradh : 
"  Thug  an  Dia  is  àirde  dha  rìoghachd,  mòrachd, 
glòir,  agus  onair,  agus  air  son  na  mòrachd  a 
thugadh  dha  bha  crith  air  na  h-ui]e  shluagh, " 
(Dan.  v.  18,  19.)  Bha  e  smaointeachadh  ma  f  huair 
an  duine  mòr  ud  a  chuibhrionn  gu  leir  anns  an 
t-saoghal  so,  chuireadh  aon  uair  ann  an  tein'-ifrinn 
gach  ni  dhiu  sud  as  a  chuimhne.  Bha  na  smaointean 
ud  'nam  mòr  bhuannachd  dha. 

Mu'n  am  so  bha  e  gu  math  dlùth  air  a  bhi  faicinn 
ni-èigin  mu  thimchioll  nan  ainmhidhean  a  mheas 
Maois  glan  agus  neo-ghlan;  shaoil  e  gu'm  bu 
shamhlachan  air  daoine  na  h-ainmhidean  glan  's 
gu'n  robh  iad  nan  samhlachan  air  pobull  Dhe; 
agus  na  h-ainmhidhean  neo-ghlan  nan  samhlachan 
air  clann  an  droch  spioraid.  Bha  e  leughadh,  "  gun 
cnàmhadh  na  h-ainmhidhean  glan  an  cir,"  se  sin, 
ars'  esan,  a  tha  so  a  nochdadh  dhuinn,  gu'm  feum 
sinn  beathachadh  air  focal  Dhè;  "roinn  iad  an 
iongha"  mar  an  ceudna,  shaoil  e  gu'n  robh  sin  a 
leigeil  ris  dhuinn  gu'm  feum  sin  dealachadh  ri 
sligheachan  dhaoine  ain-diadhaidh  mas  àill  leinn  a 
bhi  air  ar  tearnadh.  Agus  air  a'  mhodh  cheudna 
air  dha  leughadh  ni  b'  fhaide  air  aghaidh  mu'n 
timchioll,  chunnaic  e,  ged  a  chnàmhamaid  a'  chir 
mar  ni  mhaigheach,  nan  siùbhlamaid  le  spàg  a' 
mhadaidh,  na  ged  do  roinneadhmaid  an  iongha 
mar  a  ni  mhuc ;  gidheadh,  mar  a  cnàmhamaid  a' 
chir  mar  ni  chaora,  gu'n  robh  sinn  fathast  'n  ar 
creutairean  neo-ghlan:  shaoil  e  gu'n  robh  a' 
mhaigheach  'na  samhla  orrasan  a  bhios  a  labhairt 
mu'n  fhacal,  gidheadh,  a  bha  siubhal  ann  an  cas- 
cheumaibh  a'  pheacaich;  agus  chunnaic  e  gu'n  robh 

B 


18  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

a5  mhuc  coltach  ris  an  ti  a  bha  cur  cù.1  ri  truailleachd 
o  'n  leth  a  muigh,  ach  a  bha  as  eugmhais  focail  a' 
chreidimh,  's  le  bhi  as  eugmhais  nach  robh  seol  air 
slàint'  f  haotainn,  ciod  air  bith  cho  cràbhach  sa  bhios 
duine.  (Deut.  xiv.)  Fhuair  e  a  mach  an  deigh  so 
le  bhi  leughadh  an  f  hocail  gu'm  feumadh  iadsan  a 
bhiodh  air  an  glorachadh  maille  ri  Criosd  ann  an 
saoghal  eile,  "  bhi  air  an  gairm  leis  anns  an  t-saoghal 
so,"  seadh  air  an  gairm  chum  a  bhi  nan  luchd- 
comhpairt  do  roinn  do  f  hocal  agus  do  f  hireantachd, 
do  eho-fhurtachd,  agus  ceud  thoradh  an  spioraid, 
ni  a  ta  deanamh  an  anama  deas  fa  chomhair 
suaiinhneis,  agus  na  dachaidh  glòrmhoir  a  ta 
anns  na  neamhaibh  shuas.  Air  uairibh  eile  dh'inn- 
seadh  e  'chor  do  phobull  an  Tighearna;  agus  'n 
uair  a  chluinneadh  iad  an  staid  anns  am  biodh  e, 
ghabhadh  iad  truas  dheth,  agus  bhiodh  iad  ag 
innseadh  dha  mu  thimchioll  nan  geallaidhean ;  ach 
bha  e  ag  ràdh  gu'n  robh  e  cho  math  dhoibh  a  ràdh 
ris  gu'n  ruigeadh  e  air  a  mheòir  a  chur  air  a'  ghrein, 
sa  ràdh  ris  gabhail  ris  na  geallaidhean,  no  'dhochas 
a  chur  annta  ;  agus  chunnaic  e  nach  robh  aige  ach 
cridhe  gu  peacachadh,  agus  a  bha  fo  lagh  a  dhiteadh 
e.  Thug  na  nithe  so  air  a  bhi  smaointeachadh  gu 
trie  air  an  leanabh,  a  thug  athair  a  dh'  ionnsuidh 
Chriosd  :  "  Agus  am  feadh  a  bha  e  fathast  a  teachd, 
thilg  an  deamhan  sios  e,  agus  reub  se  e,  agus  thuit 
e  air  an  talamh,  agus  bha  e  ga  aoirneagan  fèin  agus 
a'  cur  cobhair  as  a  bheul."    Marc.  ix.  20. 

Bha  'n  t-as-creideamh  a  bha  ann  a  cur  a 
ghuailnean  ris  an  dorus  a  chum  a  chumail  a  mach, 
agus  bheireadh  sin  air  èigheach  a  mach  maille  ri 
osnaidhean  goirt: — "A  dheadh  Thighearna  bris 
fosgailte  e,  a  Thighearna  bris  na  geatachan  umha, 
agus  gearr  sios  na  croinn  iaruinn  I"  (Salm  cvii. 
16.)  Chuireadh  na  focail  ud  lasadh  sith  na  chridhe ; 
— "  Crioslaichidh  mi  thu  agus  tha  thu  aineolach 
orm!"    Isa.  xlv.   5.     Cha  robh  e  riamh  na  b' 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  19 

anmhuinne  ann  a  bhi  cur  an  gniomh  peacaidh  na 
bha  e  's  an  am  sin ;  bha  'nis  a  choguis  air  fàs  goirt, 
cba  robh  fios  aige  cia  mar  a  labhradh  e  le  eagal 
gun  cuireadh  e  bhriathran  as  an  àite  fèin ;  air  leis 
gu'n  d'f  huair  se  e  fein  an  sin  mar  ann  an  suil-chrith, 
agus  mar  gu'm  biodh  e  air  f  hàgail  ann  le  Dia,  le 
Criosd,  agus  leis  an  Spiorad  naomh*  Thoisich  e 
goirid  an  deigh  sin  air  beachdachadh  air  truaill- 
eachd  a  naduir  o'n  leth  a  steach,  ni  a  chuir 
àmhghar  agus  doilghios  morair;  bha  e  'g  a  f  haicinn 
cho  gràineil  'na  shealladh  fèin  ri  losgun  dubh, 
agus  air  leis  gu'n  robh  e  an  ni  ceudna  an  làthair 
Dhè;  (ars  esan)  sputadh  peacadh  agus  truailleachd 
as  mo  chridhe  cho  nadurra  sa  bhruchdas  uisg'  a 
nios  à  fuaran. 

Air  dha  mar  sin  sealladh  f  haotainn  air  a  thruaill- 
eachd,  thuit  e  ann  an  eu-dochas,  agus  bha  'chor  ro 
thrioblaideach.  Am  feadh  a  bha  e  mar  so,  fo 
amhghar  le  eagal  gu'm  biodh  e  air  a  dhamnadh, 
bha  dà  ni  a  bha  cur  mòr  iongantais  air,  b'  e  aon 
diù  'n  uair  a  chitheadh  e  muinntir  aosda  'ruith  gu 
dian  an  tòir  air  nithe  nabeatha  so,  mar  gu'm  biodh 
iad  a  dol  a  bhi  beo  gu  bràth,  b'  e  'n  ni  eile  'n  uair 
a  chitheadh  e  luchd-aidmheil  diadhachd  fo  thriob- 
laid  agus  air  an  leagadh  sios,  'n  uair  a  thigeadh 
calldachd  nan  caramh  o'n  leth  a  muigh,  seadh  mar 
tha  call  companaich,  bean-phosda,  na  leanabh,  agus 
mar  sin  sios.  Thubhairt  esan  ann  fèin  air  a'  mhodh 
so,  a  Thighearna,  nach  b'  e  'n  othail  e  air  son  nithe 
feòlmhor ;  ma  tha  iadsan  a'  deanamh  uibhir  so  do 
shaothair  an  deigh  nithibh  na  beatha  so  a  ta  làthair, 
agus  a  sileadh  a  choimhlion  deur  air  an  son,  ciod,  ars 
esan,  an  truas  a  bu  choir  a  ghabhail  riumsa  le  guidhe 
as  mo  leth?  Tha  m'  anam  a'  bàsachadh,  tha 
m'anam  'ga  dhìteadh.  "  Nam  biodh  m'  anam,  ars 
esan,  ann  an  cor  ceart,  agus  nam  biodh  agam-sa 
fios  air  a  sin  le  dearbhadh.  O  cia  saibhir  a  mheasàinn 
mi  fèin,  ged  nach  biodh  agam  ach  aran  is  uisge, 


20  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

agus  ghiùlainainn  iad  sud  mar  uallaiche  beaga : 
'*  Ach  cò  is  urrainn  spiorad  briste  a  ghiùlan  !" 

Mu'n  cuairt  air  mios  an  deigh  sin,  air  leis  gu' 
tàinig  stoirm  ro  mhòr  a  nuas  air,  agus  bha  e  fichead 
uair  ni  bu  ghoirt'  air  na  gach  ni  a  thachair  air 
roimhe  sin;  thàinig  an  ni  so  air  gu'n  fhios,  an 
toiseach  le  aon  chuid,  agus  a  rithist  le  cuid  eile. 
Air  tus  bha  gach  uile  cho-f  hurtachd  a  f  huair  e  air 
a  thoirt  air  falbh  uaith  gu  buileach,  an  sin  laidh 
dorchadas  eagalach  air,  beagan  an  deigh  sin,  air 
leis  gun  deachaidh  dile,  na  tuil  uamhasach  do 
thoibheuman,  an  aghaidh  Dhè,  Chriosd,  agus  nan 
Scriobturean,  a  dhortadh  a  steach  na  inntinn,  ni  a 
chuir  trioblaid  agus  doilghios  mòr  air.  B'e  toradh 
nan  smaointean  toibheumach  so,  a  bhi  dusgadh  suas 
inntinn  an  aghaidh  bith  Dhè,  agus  an  aghaidh  aon 
Mhic  a  ghràidh;  cò-dhiù  bha  no  nach  robh  le 
dearbh  chinnt'  da-rireadh  Dia  na  Criosd  ann  ?  agus 
cò-dhiù  b'  e  'n  Sgriobtur  facal  an  Dè  naomha,  na 
an  robh  e  na  sgeula  meallta ! 

A  nis  thòisich  e  air  a  bhi  smaointeachadh,  gu'n 
robh  deamhan  ann  fèin,  agus  air  uairibh  shaoileadh 
e  gu'n  rachadh  e  ion'  's  as  a  che'ill,  oir  an  àit'  a  bhi 
inoladh  an  Tighearna,  agus  ga  ghlòrachadh  maille 
ri  muinntir  eile;  'n  uair  a  chluinneadh  e  iad  a 
labhairt  mu  thimchioll  Dhè,  is  ann  a  dh'  èireadh 
gu  grad  toibheum  uabhasach  suas  na  chridhe  'na 
aghaidh ;  ionnus  gu'n  d'  e'irich  na  smaointeann  so 
'na  chridhe,  nach  robh  leithid  Dhia  ann  idir ;  mar 
sin  cha  b'urrainn  e  gràdh  na  sith  no  aigneadh 
gràsmhor  's  am  bith  f  haireachduinn  's  an  leth  a 
steach.  Mhair  am  buaireadh  so  air  dlùth  air 
bliadhna,  cha  b'  urrainn  e  'feitheamh  air  aon  do 
Òrduighean  an  Tighearna,  ach  le  mòr  chàs  agus 
àmhghar  goirt ;  agus  'n  uair  abhiodh  e  ag  eisdeachd 
an  f  hocail,  bhiodh  e  ni  bu  mhò  air  èigneachadh  le 
neo-ghloine,  toibheum,  agus  an-dòchas.  An  sin 
thigeadh  am  buaireadair   da  ionnsuidh   mar   so, 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  21 

"  Tha  thu  gu  ro  dhian  ag  iarraidh  tròcair,  ach 
fuarachaidh  mise  thu ;  cha  mhair  thu  do  ghnàth 
mar  so  ;  bha  iomadh  neach  cho  dian  riutsa  ann  an 
spiorad  ach  chuir  mise  as  an  eud  (agus  leis  a  so 
bhiodh  an  neach  ud  san  neach  so  a  thuit  air  falbh 
a'  teachd  na  aire.)  An  sin  bhiodh  eagal  air  gu  n 
claonadh  e  air  falbh  air  a'  mhodh  cheudna ; 
agus  theireadh,  e gum  bu  mhath  leis  gu'n  tàinig  so 
'n  a  aire  ;  oir  gu'n  deanadh  e  faire  's  gu'm  biodh  e 
gluasad  cho  tearuinte  *s  a  dh'  f  heudadh  e,  "  Ged  a 
bhios  sin  mar  sin/'  arsa  Satan,  "  bithidh  mise 
tuilleadh  is  seòlta  air  do  shon,  fuaraichidh  mi  thu 
gu'n  f  hios  duit,  air  mo  shocair  fèin,  a  lion  beagan 
is  beagan,  ciod  is  mo  ormsa,  ge'd'  a  bhitheas  mi 
seachd  bliadhna'  fuarachadh  do  chridhe,  ma  gheibh 
mi  làmh  an  uachdar  ort  fa  dheireadh  ?"  Cuiridh 
gnà-thulgan  leanabh  ciorcanach  a  chadal.  Ged  a 
tha  thu  dian-losgadh  aig  an  am  so,  gidheadh  mas 
urrainn  mise  spionaidh  mi  as  an  teine  so  thu,  agus 
fàgaidh  mi  fuar  thu  an  dine  ghearr." 

Thug  na  nithe  ud  e  gu  teanndachd  mhòr,  ach 
bha  e  toirt  buidheachas  do  Iosa  Criosd,  nach  tug 
na  nithe  ud  air  stad  do  ghlaodhaich,  ach  's  ann  a 
chuir  se  e  gu  glaodhaich  mòran  ni  bu  mhò,  coltach 
ris  an  tè  a  thachair  air  an  adhaltranach  'sa'  mhach- 
air,  Deut.  xxii.  27.  Bha  mòran  do  chùl-taic  aige 
fo  na  buairidhean  ud,  anns  an  treas  caibidil  do  dh' 
Ieremiah,  anns  a'  chòigeamh  rami  do'n  chaibidil 
sin,  thuirt  e  fein  mar  so,  ged  a  labhair  mi,  agus  ge 
do  rinn  mi  nithe  cho  olc  's  a  b'urrainn  mi,  gidheadh 
glaodhaidh  mi  ri  Dia, — "  M'Athair  is  tu  treòir  m' 
òige;"  agus  pillidh  mi  'ga  ionnsuidh.  "  Ma  tha 
Dia  leinn  cò  dh'fheudas  a  bhi  n-ar  n-aghaidh  ?" 

Air  latha  àraidh  thàinig  an  Scriobtur  so  'n  a 
bheachd, — (i  Gu'm  biodh  na  h-uile  air  an  deanamh 
rèidh  risfe'in  trid-san  air  dha  sith  dheanamh  tre 
fhuil  a'  chroinn-cheusaidh-san,"  Col.  i.  20.  A  nis 
bha  anam  air  a  threòrachadh  le  Dia  o  f  hirinn  gu 


22  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

fìrinn!  Eadhon  o  bhreith  agus  creathall  Mhic 
Dhè*,  gu's  an  deachaidh  e  suas,  agus  ath-theachd  o 
nèamh  a  thoirt  breith  air  an  t-saoghal. 

Ach  an  deigh  dha  mòran  laithean  a  chur  seachad 
ann  an  staid  thùrsaich,  b'e  toil  an  Athar  thròcair- 
aich  dealradh  a  steach  air  'anam,  leis  an  f  hocal 
bheannaichte  so,  Luc.  xiv.  22,  23.  "  Agus  co 
èignich  iad  gu  teachd  a  steach,  chum  gu'm  bi  mo 
thigh  air  a  lìonadh.  Gidheadh  tha  àite  falamh  ann 
fathast."  Thug  na  focail  ma  dheireadh  so  làn 
shòlas  dha,  agus  bha  iad  'nan  làn  fhreagairt  do 
chagarsaich  Shàtain,  nach  robh  latha  nan  gràs  air 
dol  seachad.  Bha  mòran  do  bhuairidhean  eile  air 
iomadh  uair,  agus  air  iomadh  caochladh  aobhair ; 
ach  shaor  Dia  a  mach  uapa  sin  uile  e,  agus  fa 
dheireadh,  shuidhich  e  'chosan  ann  an  ionad  far- 
suing,  agus  lion  e  anam  le  aoibhneas  agus  subh- 
achas. 

Anns  a'  bhliadhna  1653,  bha  e  air  a  bhaisteadh, 
agus  air  a  ghabhail  a  steach  na  bhall  do  eaglais 
Bhedford;  oir  bha  làn  dearbhadh  aca  gu'n  robh 
gràs  an  De  bheo  anns-an,  agus  gu'n  do  rinn  Dia 
esan  urramach  agus  iomchuidh  air  son  obair  na 
ministreileachd ;  bha  e  air  iarraidh  air  gu  dùrach- 
dach  leis  a*  cho-thional  gun  cuireadh  e  'n  cèill 
dhoibh  na  tiodhlacan  spioradail  leis  an  do  bhean- 
naich  Dia  e ;  ghabh  e  'n  toiseach  a  lethsgeul  gu 
ro  mhodhail,  a  leigeil  ris  dhoibh,  le  mòr  thuigse, 
'anmhuinneachd  agus  a  neo-iomlanachd ;  ach  air 
dha  bhi  air  a  cho-èigneachadh  leo-san  ni  b'  f  haide 
chum  a  dheanamh,  dh'aontaich  e  ris ;  ach  leis  co 
nàrach'sabha  e  sheachainne  an  toiseach  coinneimhan 
follaiseach,  ach  fhritheil  e  gu  h-urramach  dhoibh 
ann  an  uaigneas  a  measg  chàirdean ;  agus  bha  e  ro 
anabarrach  chum  an  teagasg,  gu's  nach  b'urrainn  iad 
gun  a  bhi  toirt  moladh  do'n  Athair  thròcaireach 
air  son  a'  mhòr  ghràis  a  bhuilich  e  air. 

Beagan  an  deigh  so  bha  cuid  do'n  cho-thional  air 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  23 

an  cur  a  mach  a  dh'ionnsuidh  na  duthcha  chum 
teagasg,  dh'iarr  iad  gu'n  rachadh  Buinian  maille 
riù,  ni  a  rinn  e  gu  toileach;  agus  le  dian-iarrtas 
agus  ga  chomhairleachadh  chuir  e'n  cèill  dhoibh  na 
tiodhlacan  a  f  huair  e,  (ach  do  ghnath  gu  h-uaig- 
neach,)  a  measg  nan  daoine  matha  far  am  biodh  e ; 
agus  bha  iadsan,  •  mar  an  ceudna,  gabhail  ris  le 
gairdeachas  air  son  na  tròcair  a  nochd  Dia  dha, 
agus  ag  aideacheadh  an  anamaibh  a  bhi  air  an 
teagasg  leis.  Bha  e  air  a  dhiteadh  aig  mod  beagan 
an  dèigh  sin  air  son  a  bhi  na  f  hear-tionail  agus  na 
fhear  cumail  suas  cho-thionalan  neo-laghail  agus 
coinneamhan  aoraidh  diomhair,  agus  air  son  nach 
gèilleadh  e  do'n  dòigh  aoraidh  a  bha  aig  an  Eaglais 
Shasunnaich ;  bha  Buinian  'na  dhuine  aig  an  robh 
inntinn  f  hosgailte  agus  neo-chuibhrichte,  agus  nach 
folaicheadh  e  fein  chum  's  gu'm  biodh  e  air  a 
chaomhnadh,  gu  h-àraidh  air  son  aobhar  a  mhaigh- 
istir,  agus  uime  sin  dh'aidich  e  gu  saor,  soilleir,  air 
dha  bhi  aig  coinneamh,  agus  a  searmonachadh  do'n 
t-sluagh,  nach  robh  esan  a  dol  a  ghèilleadh  do'n 
dòigh  aoraidh  a  bha  air  a  shuidheachadh  anns  an 
Eaglais  Shasunnaich,  ag  aideachadh  (mar  a  rinn  an 
t-abstol  Pòl  air  thoiseach  air)  gu'r  h-ann  air  an 
dòigh  ris  an  abair  iadsan  saobh-chreideamh,  a  ni 
mise  aoradh  do  Dhia  m'  athraichean.  Ghabh  na 
breitheamhna  a  bhriathran  treibhdhireach  gu 
bhi  aca  mar  chuis  ditidh  na  aghaidh,  agus  dhit  iad 
e  gu  bhi  air  f  hògradh  rè  a  bheatha'  a  chionn  gu'n 
do  dhiùlt  e  gèilleadh  do'n  reachd  a  rinneadh  leis  a 
Phàrlamaid  'san  am  sin,  ni  air  son  an  do  chuireadh 
e  ann  am  priosan  a  ris ;  ged  nach  robh  binn  an 
fhògraidh  riamh  air  a  cur  an  gniomh,  gidheadh, 
bha  e  air  a  chumail  ann  am  priosan  fad  dà  bhliadhna 
dhèug ;  a  giùlan  a'  pheanais  sin,  ann  am  priosan 
duinte,  agus  neo-cho-f  hurtachail,  agus  air  uairibh 
afulang  o  luchd-coimhead  a'phriosain  a  bha  cruaidh- 
chridheach  agus  an-iochdmhor    'g  a  ghiùlan  le 


24  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

foighidinn  chriosduidh,  agus  irioslachd  inntinn,  agus 
a  fòs  na  mhinistir  do  Iosa  Criosd  ;  oir  'sea  leithid 
so  do  aobhar  a  ghabh  e  os-làimh,  agus  air  son  an 
robh  e  'fulang. 

Ach  ge  do  bha  naimhdean  lionmhor  a  bha  air  am 
buaireadh  thuige  sin,  gidheadh,  bha  iad  air  an 
cumail  air  an  ais  le  cumhachd  na  diadhachd  o  chur 
na  binne  an  gniomh ;  oir  bha  obair  eile  aig  Dia  fa 
chomhair  ra  dheanamh  an  Sasunn.  Agus  an  uair  a 
bha  a  cheanglaichean  agus  a  phriosnachadh  air  am 
fuasgladh  agus  an  cur  fo  smachd  le  freasdal  an  Dia 
sin  a  tha  an  dà  chuid  iongantach  an  comhairle, 
agus  a  tha  oirdheirc  an  oibre,  a  tha  toirt  mòr  aire 
chum  an  soisgeul  a  chumail  air  aghaidh ;  oir  tre 
'{ hulangsan  'sa'  phriosan,  dhaingnich  agus  sheulaich 
en  f  hirinn  a  shearmonaich  e  roimhe  sin.  Is  ann 
air  dhomh  taghal  air  anns  a'  phriosan  a  chunnaic 
mise  an  toiseach  e,  agus  a  f  huair  mi  eòlas  air ;  agus 
feumaidh  mi  aideachadh,  nach  b'urrainn  mi  gun  a 
bhi  ag  amharc  air  mar  dhuine  aig  an  robh  deadh 
spiorad,  eudmhor  air  son  onair  a  mhaighstir,  agus 
le  mòr  aoibhueas  ag  earbsa  uile  chuistan  fèin  ri 
ordugh  Dhè\  'Nuair  a  bha  mise  an  sin,  bha  tri- 
fichead  ann  a  thuillidh  air  san  a  dhealaich  o'n 
Eglais  Shasunnaich,  a  bha  air  an  glacadh  beagan 
roimhe  sin  aig  coinneimh  ùirnuigh  ann  an  baile  da'n 
goirear  Kaistoe,  ann  an  siorramachd  Bhedford, 
a  thuillidh  air  dà  mhinistir  a  dhealaich  o'n  Eaglais 
Shasunnaich,  's  e  sin  ri  ràdh,  Mr  Wheeler  agus 
Mr  Dunn,  (oir  bha  sluagh  siorramachd  Bhedford 
gu  math  eolach  air  an  dithis,  ged  a  tha  iad  o  cheann 
fada  maille  ri  Dia,  a  bha  na  'meadhon  am  priosan 
a  bhi  air  a  dhòmhlachadh  gu  mòr ;  gidheadh,  ann 
am  meadhon  gach  uile  bhuaireas  a  bha  'n  sin, 
chuala  mi  Buinian  a'  searmonachadh  agus  a'  dean- 
amh  ùrnuigh  le  cumhachd  spioraid  a'  chreideimh, 
agus  mar  gu'm  biodh  e  air  a  chuideachadh  le  àrd 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  25 

iomlanachd  a'  chreidimh  dhiadhaidh,  ni  thug  orm 
seasamh  agus  amharc  air  le  mòr  iongnadh. 

Ni  mò  a  rinn  e  am  feadh  's  a  bha  e  'sa  phriosan, 
ùine  chur  seachad  air  mhodh  leisg  agus  mi  chur- 
amach,  ni  mò  dh-ith  e  aran  an  diomhanais;  oir  bha 
mise  ann  am  fhianuis  an  sin,  gu'n  d'rinn  a  làmhan 
seirbhis  air  a  shon  fèin,  agus  air  son  a  theaghlaich ; 
oir  's  iomadh  cèud  dusan  do  stioman  fada  a  rinn  e 
's  a  dh'fhuaigh  e  ra  chèile,  chum  an  ùine  chur 
seachad ;  dh'ionnsuich  e  so  's  a'  phriosan,  ni  leis  an 
robh  e'ga  bheathachadh  fèin  s  a  theaghlach. 

An  sin  mar  an  ceudna  ghabh  mi  beachd  air  a 
leabhar  lann,  an  t-aon  is  lugha,  agus  a  mhàin  an 
t-aon  a  b'  fhearr  a  chunnaic  mi  riamh  ;  bha  e  air 
a  dheanamh  suas  le  dà  leabhar,  am  Bioball,  agus 
leabhar  mam  martarach.  Agus  co  fada  sa  bha  e's 
a'  phriosan,  (o  na  labhair  mi  mu  'leabhar  lann) 
sgriobh  e  iomadh  leabhar  luachmhor  agus  feumail ; 
gu  h-araidh  am  Baile  naomh,  Turus  a'  Chriosd- 
uidh,  agus  Gràs  am  pailteas  do  cheann-feadhna 
nam  peacach ;  maille  ri  iomadh  aon  eile.  Cha'n 
fheud  mi  an  ceann  so  fhàgail,  s  e  sin  a  phriosnach- 
adh,gus  an  leig  mi  ris  do'n  leughadair  cuid  da  fhèin- 
f  hiosrachadh  an  sin ;  chuir  e  'n  cèill  nach  robh  inn- 
tinn  riamh  cho  fosgailte,  fad  a  bheatha,  gu  bhi 
lèirsinn  agus  a  tuigsinn  focal  Dhè,  's  a'  bha  e  aig 
an  am  sin.  Na  sgriobturean  anns  nach  robh  e  faicinn 
ni  'sam  bith  roimhe  sin,  air  leis  'n  uair  a  bha 
e  's  a'  phriosan  gu'n  robh  iad  a  dealradh  air.  Cha 
robh  Iosa  Criosd,  mar  an  ceudna,  riamh  cho  cinnt- 
each  agus  cho  soilleir  dha  's  a  bha  e  aig  an  am  ud ; 
oir  an  sin,  ars'  esan,  chunnaic  mi  e,  agus  mhothaich 
mi  e  gu  f  irinneach. 

Pead.  ii.  16.  Oir  cha  do  lean  sinne  faoin-sgeulach- 
dan  a  dhealbhadh  gu  h-innleachdach,  agus  bha  am 
focal  sin  na  f  hocal  beannaichte  dhàsan  an  sin  ;  bha 
e  air  uairibh  air  a  ghiùlan  co  àrd  osceaun  gach  uile 
eagal  agus  buaire  gu  's  an  robh  e  air  a  dheanamh 


26  BEATHA  IAIN  BCiftlAiw 

comasach  air  gàire  dheanadh  ri  sgrios,  agus  gu'n 
eagal  air  aon  chuid  roi  'n  each  na  mharcaiche. 
Is  ann  an  sin,  a  thug  Dia  dha  na  seallaidhean  caoimh- 
neil  agus  luachmhor  air  maitheanas  air  son  a  pheac- 
aidhean,  agus  gu'm  biodh  e  le  Iosa  ann  an  saoghal 
eile.  Seadh,  is  ann  an  sin,  a  mhothaich  e,  gu'n 
robh  Dia  a  seasamh  dlùth  dha,  aig  gach  uile  buair- 
eadh,  agus  a'  cronachadh  a*  bhuaireadair.  Ach  air 
son  sin  uile  dheth,  bha  fios  aige  gu'n  robh  e  na 
dhuine  a  bha  air  a  chuartachadh  le  anmhuinneachd- 
an,  agus  gu'n  robh  curam  air,  air  son  a  mhnaoi- 
phòsta  agus  a  chuid  cloinne,  agus  bhiodh  so  an 
drast  's  a  rithist  a  tighinn  fainear  dha,  ni  nan  deal- 
aichte  uatha  e  a  bhiodh  dha  mar  gu'm  biodh  fheoil 
air  a  reubadh  bharr  a  chnamhaibh ;  (oir  bha  e  na 
f  hear  a  bha  gràdhach  agus  caoimhneil,  agus  na  athair 
bàigheil ;  math  a  dh'  f  heudte  a  bha  na  ni-èigin,  do 
choire,)  agus  gach  iomadh  cruaidh  chàs  agusuireas- 
bhuidh,  a  bha  coltach  ri  tachairt  air  a  theaghlach 
bochd,  nam  biodh  e  air  a  thoirt  air  falbh  uapa ; 
bha  so  a  tighinn  gu  trie  na  inntinn,  gu  h-àraidh  a 
nighean  a  bha  dall  a  bha  ni  b'  f  haisge  d'a  chridhe 
na  each  gu  leir.  "  A  leinibh  bhochd,  ars'  esan,  ciod 
am  bròn  a  tha  coltach  a  bhi  agad  mar  chrannchur 
anns  an  t-saoghal  so !  feumaidh  tu  a  bhi  air  do  bhual- 
adh,  deirc  iarruidh,  acras,  fuachd,  a  bhi  lom-nochd, 
agus  mile  truaighe  fhulang,  ged  nach  fuiling  mis' 
an  dràst  do  'n  ghaoith  sèideadh  ort.  Ach  air  dhomh 
mo  smaointean  a  ghairm  air  an  ais,  thuirt  mi, 
feumaidh  mi  'ur  n-earbsa  gu  leir  ri  Dia,  ged  a 
bhitheasa  bhi  g'  ar  fàgail  mar  shaighead  a  doltroimh 
m'  fheòil.  O  !  chunnaic  mi  ann's  a'  chor  ud,  gu'n 
robh  mi  mar  dhuine  a  bhaspionadh  anuasathighe 
air  ceann  a  mhnà  agus  a  chloinne,  gidheadh,  arsa 
mise,  feumaidh  mi  dheanamh,  agus  an  sin  chuimh- 
nich  mi  air  an  dà  mhart  bainne  a  bha  gu  aire  Dhè 
a'  ghiùlan  gu  duthaich  eile,  agus  a  bha  ra  'n  laoigh 
fhàgail  as  an  deigh,  1  Sam.  vi.  10. 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  27 

Ach  mhothaich  e  gu  'n  robh  Dia  gràsmhor  dha, 
eadhon  anns  an  ni  so  gu  h-àraidh,  'g  a  chuideachadh 
gu  mòr  leis  an  dà  sgriobtur  so.  ler.  xlix.  1 1 ,  agus 
caib.  xv.  11.  "Fàg  do  dhilleachdain,  gleidhidh 
mise  beò  iad ;  agus  cuireadh  do  bhantraichean  an 
dòchas  annam-sa.  Thubhairt  an  Tighearna,  gu 
cinnteach  èiridh  gu  maith  do  t-iarmad ;  gu  cinn- 
teach  bheir  mi  air  an  nàmhaid  bhi  bàigheil  riut  ann 
an  am  na  h-airc',  agus  ann  an  am  a'  chruaidh- 
chàis."  An  deigh  do  'n  duine  so  bhi  dà  bhliadhna 
dheug  gu  leth  'na  phriosanach  air  son  a  bhi  dearbh- 
adh  deadh  choguis,  agus  a  cur  a  naimhdean  nan 
tosd  le  a  naomhachd  neo-choireach,  agus  a  shean- 
achas  neo-lochdach ;  bha  e,  r&r  toil  Dè  a  chuir  ann 
an  cridbe  Dhoctair  Barlo,  Easbuig  Lincoln,  a  bhi 
na  mheadhon  a  chur  fa-sgaoil. 

An  deigh  dha  faotainn  fa-sgaoil,  bha  e  gu  trie 
ag  amharc  air  ais  air  gach  tearnadh  a  chaidh 
seachad,  agus  a  moladh  Dhè ;  'na  measg  bha  cuid 
a  bha  anabarrach  comharraichte ;  agus  cha  robh  a 
h-aon  diù  ni  bu  mhò  nan  t-aon  so  a  tha  mi  dòl  a 
chur  an  cèill ;  air  dha  bhi  na  shaighdear  anns  an 
arm  aig  seisdeadh  Leicester,  anns  a  bhliadhna  1645, 
bha  e  air  a  ghairm  a  mach  gu  seasamh  air  freicead- 
an  ach  bha  òganach  anns  a'  chuideachd,  agus  dh' 
asluich  e  air  leigeil  leis  fein  dol  a  chum  an  f  hreic- 
eadain  air  a  shon,  dh-aontaich  Buinian  ri  so,  agus 
dh'  f  halbh  am  fear  eile  gu  toilichte  ;  agus  air  seas- 
amh dha  air  freiceadan  an  sin,  chaidh  a  thilgeil 
troi'n  cheann  le  peilleir  o  ghunna,  agus  dh'eug  e. 

Bha  an  gniomh  ma  dheireadh  a  rinn  e  anns  a 
'bheatha  so  na  obair  ghràdhaich,  chaoimhneil;  bha 
duin-uasal  òg  ann  a  chuir  fearg  air  'athair,  agus 
bha'n  t-òganach  fo  mhòr  thrioblaid  air  a  shon,  do 
bhrigh  gun  cuala  e  gun  robh  'athair  dol  a  thoirt 
seachad  nah-oighreachd  bu  dligheach  dha  do  neach 
eile,  air  son  an  easaontais  a  thàinig  eatorra ;  shòn- 
ruich  an  t-òganach  Iain  Buinian,  chum  gu'n  rach- 


BEATHA    IAIN  BUINIAN. 


adh  e  chum  reite  dheanamh  ra  athair,  agus  ghabh 
Buinian  sin  os-laimh  gu  toileach,  agus  dh'  f  halbh  e 
far  an  robh  athair  an  òganaich,  agus  ghnàthaich  e 
a  leithid  do  reusonachadh  druidhteach  an  aghaidh 
feirg  agus  corruich,  agus  a  sparradh  air  an  duine 
a  bhi  bàigheil  agus  seirceil  ra  mhac  fèin,  agus  reite 
dheanamh  ris,  ionnus  gu'n  d'rinn  an  t-athair  reite 
ris  a  mhac  gu  seirceil,  gràdhach. 

'Nuair  a  shocruich  Buinian  gach  ni  a  ghabh  e 
os-laimh ;  agus  air  dha  bhi  dol  air  ais  do  Lunnuinn, 
bha  'n  aimsir  ro  fhliuch,  le  frasan  troma  fad  an 
rathaid,  agus  thàinig  e  gu  chairtealan  anabarrach 
fliuch,  fuar,  agus  dh'  f  has  e  gu  tinn  le  fiabhrus  trom 
agus  ainneartach  fo'n  d'  f  huiling  e  le  mòr  f  hoighid- 
inn,  'g  a  thoirt  fèin  suas  gu  toill  an  Tighearna,  a' 
Jabhairt  mar  nach  biodh  e  'g  iarraidh  ni  s  am  bith 
ach  caochladh,  agus  a  bhi  maille  ri  Criosd ;  agus 
air  dha  bhi  faicinn  gu'n  robh  aneart  'g  a  threigsinn, 
shocruich  e  inntinn  agus  a  ghnothaichean  cho 
math  's  a  cheadaich  an  ùine  dha,  le  foighidinn 
Chriosduidh,  agus  liubhair  e  suas  'anam  ann  an 
làmhan  Fhir-saoraidh  ghrasmhoir,  a'  buanachadh 
air  aghaidh'  na  eilthireach  o  Bhaile  an  lèir-sgrios, 
chum  an  Ierusaleim  neamhaidh;  bha  'anam  do 
ghnàth,  ri  naomh  smaointeachadh,  agus  a  'plosgart- 
aich  an  dèidh  air  a'  mhana  fholaichte,  agus  air 
uisge  na  beatha.  Dh'eug  e  ann  an  Lunnuinn  air 
an  latha  ma  dheireadh  do  cheud  mhios  an  fhogh- 
araidh  's  a  bhliadhna  1688,  an  deigh  tinneas 
dheich  làithean;  aig  aois  thri  fichead  bliadhna; 
agus  chaidh  a  thiodhlacadh  's  a'  bhaile  sin,  far  am 
bi  e  na  chadal  gu  maduinn  na  h-aiseiridh,  a  'feith- 
eamh  ri  dùsgadh  glòrmhor,  chum  neo-bhàsmhorachd 
neo-thruaillidh ;  far  nach  cuir  trioblaid  no  bròn 
doilghios  air  ni  's  mo,  agus  far  am  bi  na  h-uile 
deur  air  an  siabadh  air  falbh  o  'shùilean,  'n  uair  a 
bhitheas  na  f  ireanaich  air  an  aonadh  ra  chèile  mar 
bhuill  do   Chriosd  an  t-àrd  cheannard,    agus    a 


BEATHA  IAIN  BUINIAN.  29 

rioghaicheas  iad  maille  ris  mar  rigliribh  agus  maT 
shagartaibh,  gu  siorruidh. 


GEARR  CHUNNTAS  AIR  MR  BUINIAN 
AGUS  A  MHINISTREILEACHD. 

Mar  mhinisteir  an  t-soisgeil,  bha  e  araon  cumh- 
achdach,  agus  urramach,  agus  b'  urrainn  da  labhairt 
air  sheol  ro  dhruidhteach  ris  an  luchd-eisdeachd  a 
bh'  aige.  Chaidh  cuibhrionn  mhòr  do  ghràs  an 
t-soisgeil  a  bhuileachadh  air  anaui  fèin,  agus  tha  e 
coltach  gur  h-ann  chum  an  aobhair  sin  a  ghairm 
Dia  e,  o  bhi  na  pheacach  gràineil,  agus  na  dhuine 
bochd  neo-fhoghluimte,  chum  tuigsinn  nor  sheadh 
agus  diomhaireachd  an  t-soisgeil,  air  chor  's  gu'm 
b'  urrainn  da  labhairt  ri  anamaibh  dhaoine  eile  le 
cumhachd  agus  gràs,  chum  an  soisgeul  a  mhineach- 
adh  mar  rinn  na  h-abstoil  o  shean.  Mar  sin  bhuilich 
Dia  mòr  ghràs  air  a5  pheacach  mhòr  so,  agus  thionn- 
daidh  Dia  e  gu  bhi  na  sheirbhiseach  urramach 
ann  an  obair  an  t-soisgeil,  agus  a  sparradh  a  dh 
ionnsuidh  an  fhogharaidh,  a  bha  cho  feumail ; 
agus  mar  sin,  gu  n  cheist,  bu  choir  dhuinn  a  bhi 
curamach  chum  a  shaothair  a  chumail  air  chuimhne. 

Air  do  Dhia  an  duine  so  chur  a  dh'ionnsuidh  an 
fhogharaidh,  tha  so  ag  innseadh  dhuinn  gu  soilleir 
nach  eil  Dia  do  ghnàth  ag  iarruidh  gum  biodh  a 
mhinisteirean  air  an  cumadh  's  air  an  ulluchadh  le 
foghlum  is  freasdal  dhaoine  an  t-saoghail,  ach  gu 
bheil  e  fèin  comasach  le  a  ghràs  air  ministeirean 
cumhachdach  a  thogail  suas  mar  a  bha  na  h-abstoil 
iomadh  ceud  bliadhna  roimhe  so. 

Is  iomadh  mile  a  fhuair  buannachd  anama,  agus 
co-fhurtachd  o  a  theagasg,  mar  gu'm  beanadh 
aingeal  na  abstol  ra'n  anamaibh  le  eibhleig  do 
theine  naomh  o'n  altair.    Bha  na  tiodhlac  luach- 


30  BEATHA  IAIN  BUINIAN. 

mhor  so  do  ghràs  Dhè*  bha  anns-an,  agus  an  labh- 
airt  a  bh'  aige  cur  iongantais  air  a  naiinhdean  a 
chluinneadh  uime,  (mar  a  tha  air  a  ràdb  gu  coit- 
chionn)  gun  robb  e  gun  fhoghlum,  is  nach  robh 
sgoil  aige.  Air  son  gach  uile  ni  a  chaidh  ainmeach- 
adh  roimhe  so,  air  co  spioradail  sa  theagaisgeadb  e, 
is  airidh  oibribh  a  tha  sgriobhte  'bhi  air  an  gleidh- 
eadh,  co  math  ri  sgriobhadh  aon  duine  eile  a  sgriobh 
o  linn  nan  abstoil. 

Os  barr,  bha  e  na  Chriosduidh  a  dh'fhuiling  os- 
ceann  da  bhliadhna  dheug  ann  am  priosan,  ni  leis 
an  do  chuir  e  seula  ris  an  fhirinn  a  chuir  e  'n  cèill. 

Gidheadh,  ged'  a  bha  e  air  a  chumail  ùine  mhòr 
ann  am  priosan,  shearmonaich  e  an  iomadh  àite  an 
deigh  sin  air  feadh  na  duthcha.,  mar  sheirbhiseach 
dileas  do  Chriosd,  agus  air  son  slàinte  do  anamaibh. 

Agus  cha  robh  e  na  dhuine  a  shearmonaich  air 
son  airgid,  oir  dhiult  e  teachd  a  steach  a  bu  mhò, 
agus  roghnaich  e  fuireach  far  an  robh  e. 

Agus  bha  stuamachd  (na  iarrtas  air  son  airgid) 
mar  a  bha  cleachduinn  an  abstoil  Phoil,  ni  b'  isle 
na  bha  cead  aige,  is  mar  sin  'n  uair  a  dh'eug  e  cha 
d'  fhàg  e  moran  stòrais  aig  a  theaghlach. 

Agus  ma  dheireadh,  gach  ni  a  tha  ri  bhi  air  a 
thoirt  fainear,  se  sin  a  mhi-naomhachd  air  tùs,  a 
bhochduinn,  a  neo-f  hoghluimteachd,  mailleramhòr 
ghnothuichean  nadurra,  an  t-atharrachadh  mòr  a 
rinneadh  air  le  gràs,  agus  co  fada  's  a  bha  e  's  a' 
phriosan,  agus  an  fhoirfeachd  mhòr  air  an  d' 
rainig  e,  tha  mise  ag  ràdh  nach  d'  fhàg  Buinian 
nach  maireann  an  Sasunn,  no  anns  an  t-saoghal  a 
leithid  eile  as  a  dhèigh  f  had  is  aithne  dhomh-sa ; 
agus  is  e  so  barail  neo-chealgach, 

Bhur  Brathar  Criosduidh, 

TEARLACH  DOE. 


BEATHA   IAIN  BUINIAN.  31 


COLTAS  IAIN  BHUINIAN. 


Shaoilte  o  choltas  a  ghrmise  gun  robh  e  do  nadur 
gruamach  neo-chaoimhneil,  ach  bha  e  ciùin  agus 
suairce  na  chòmhradh,  gun  a  bhi  buailteach  do 
mhòran  bruidhnena  conaltraidh  am  measg  dhaoine; 
mur  biodh  fior  aobhar  aige  air  a  shon ;  a  toirt  en 
aire  do  ghnàth  nach  deanadh  e  uaill  as  fein,  agus 
ag  amharc  iosal  'na  shealladh  fein,  ga  leigeil  fein  fo 
bhreitheanas  dhaoine  eile,  a  seachnadh  bhreug  agus 
mhionnan  le  mòr  ghràin;  a  cumail  ra  fhocal  cho 
dlùth  's  a  b'urrainn  e,  dèidheil  air  reite,  agus  air 
sith ;  agus  a  bhi  ann  an  càirdeas  ris  gach  uile  dhaoine. 
Bha  'shuil  geur  furachair,  's  bha  bhreithneachadh 
ro  thuigseach,  agus  ullamh  na  f  hreagairt ;  agus  air 
uairaibh,  na  dheadh  f  hear-cuideachd.  Bha  e  àrd 
na  phearsa,  ged  nach  robh  e  dòmhail,  bha  rud  eigin 
do  ruiteachd  'na  ghnùis,  's  bha  shuilean  dealrach, 
le  teusag  fhada  air  a  bheul  uachdair,  mar  bu  nòs 
do  na  seana  Bhreatannaich,  bha  f  halt  ruadh,  ach 
na  laithean  deireannach  bha  e  air  a  mheasgadh  le 
ròineagan  Hatha ;  bha  a  shron  direach  gu'n  a  bhi  àrd 
na  crom,  a  bheul  rud-èigin  mòr^  a  bhathais  rud-èigin 
àrd,  agus  a  thrusgan  do  sheorsa  neo-riomhach. 
Mar  so  thug  sinn  seachad  sgeul  gu  neo-chlaon- 
bhreitheach  air  a  leth-a-steach,  agus  air  a  leth-a- 
mach ;  bu  duine  e  bha  air  ionndrainn  gu  mòr,  agus 
air  a  chaoidh  aig  am  a  bhàis,  duine  nach  robh  air  a 
sheideadh  suas  le  saoibhreas,  na  air  thilgeil  sios  le 
bochduinn  ach,  do  ghnàth  a  gabhail  an  t-saoghail 
mar  a  thigeadh  e,  gu  taingeil  toilichte. 


32  BEATIIA    IAIN  BUINIAN. 

Dh'fhàgBuinian  bean  agus  teaghlach  'n  a  dheigh ; 
bha  ise  beo  gus  a'  bhliadhna  1692.  Bha  cuignear 
chloinne  aige,  chaochail  Mairi,  an  nigheann  dall 
roimhe  fèin:  bha  cearar  eile  aim,  Iain,  Ioseph, 
Tomas,  agus  Mòr.  Reic  Iain,  am  mac  bu  shine,  an 
leabhran  beag,  feumail  so,  ris  an  duine  a  chuir  an 
clòdh  e  a'  cheud  uair,  anns  a'  bhliadhna  1698. 

Bha  Buinian  beo  tri  fichead  bliadhna,  agus 
sgriobh  e  tri  fichead  leabhar ;  bha  mòran  diubh  sin 
nach  robh  air  an  clòdh-bhualadh  aig  am  a  bhàis ; 
ach  an  dèigh  sin  chaidh  an  cruinneachadh  r'a'  chèile, 
's  an  cur  an  clòdh,  ann  an  dà  leabhar  mòr. 

Tha  iad  sin  measail,  priseil,  anns  a'  Bheurla. 
Tha,  a  nis,  deich,  no  dusan  do  leabhraichean 
Bhuinian  anns  a'  Ghaelig;  agus  tha  meas  mor  orra 
aig  na  daoine  a  thuigeas  a*  chanain  sin.