Skip to main content

Full text of "An camadh 's a' chrannchur, no, Gliocas agus ard-uachdranachd Dh air am foillseachadh ann an amhgharaibh dhaoine : maille ri Cunntas mu bheatha agus mu chlian ughdair"

See other formats


GAELIC  BOOES 


Published  by  Maclachlan  &  Stewart, 

64  SOUTH  BRIDGE,  EDINBURGH. 

;   s.  d.  i 

Alleine's  Alarm,  18mo,  cloth,    1  6  | 

Baxter's  Call  to  tlie  Unconverted,  18mo,  cloth,  1  6 

Blair's  Elegy  on  Mr  Kennedy  of  Redcastle,  sewed,  0  4 

Boston's  Fourfold  State,  12mo,  cloth,    4  0 

Buchannan  (Dugald)  of  Rannach's  Life  and  Con- 

version,  with  his  Hymns,  cloth,    2  0 

...    Hymns,  separately,  sewed,   0  3 

...    Do.  translated  by  a  Missionary,  sewed,    ...  0  6 

Bunyan's  Come  and  Welcome,  cìoth,    2  0 

...    World  to  Come,  or  Visions  from  Hell,  cìoth,  1  6 

...    Grace  Abounding,  cloth,    2  0 

...    Pilgrim's  Progress,  (three  Parts,)    2  6  | 

...    Water  of  Life,    1  0  j 

...    Sighs  from  Hell,  cloth,    2  0  i 

Dyer's  Christ's  Famous  Titles,  cloth.  •••  2  6 

Orant's  Hymns,  18mo,  cloth,   1  6  I 

Guthrie's  Saving  Interest,  cioth,    2  0  I 

M'Alpine'a  Gaelic  and  English  Dictionary,  12mo,  cl.  9  0  | 

...    English  and  Gaelic,  separately,    5  0  i 

...    Gaelic  Grammar,  12mo,  cloth,    1  6 

M4Callum's  History  of  the  Church  of  Christ,  8vo,  4  0 

...    The  Catholic,  or  Universal  Church,      ...  0  6 

...    Poems  and  Songs,  12mo,  sewed,      ...    ...  1  0 

M'Farlane's  Manual  of  Devotion,  12mo,  cl.  3s.  6d.  for  2  0 

...    Life  of  Joseph,  18mo,  sewed,    1  0 

Livingstone's  Gaelic  Poems,  cloth,    3  0 

M'Intyre's  Poems  and  Songs,  18mo,  cloth,         ...  2  0 

Macdonald's  (Dr.)  Gaelic  Poems,  18mo,  clotli,  2  6 

Mackenzie's  ( John)  Gaelic  Melodist,  32mo,        ...  0  4  j 

Muir's  (Dr.)  Sabbath  Lessons,  by  Forbes,  sewed,  0  4j 

Munro's  Treòiriche,  or  First  Book  for  Schools,      ...  0  6 

...    Gaelic  Grammar,  18mo,  bound,    4  0 

...    Gaclic  Primer,  and  Vocabulary,  12mo,     ...  2  0 
Ossian's  Poems,  ftn  the  press,J 

Ross' (William)  Gaelic  Poems,  cloth,  3s.  for       ...  2  0 

Stewart's  Grarnmar  of  the  Celtic  Language,  8vo,  3  0 

The  Doctrine  and  Manner  of  the  Church  of  Rome,  0  3 

Willison's  Sacramental  Catechism,  12mo,  sewed,  0  8 


GAELIC  BOOKS  SOLD  BY  MACLACHLAN  &  STEWART. 

s.  d. 

Bible  Stories,  with  24  Wood-Cuts,    0  4 

Boston's  Crook  in  the  Lot,    1  6 

Brook's  Apples  of  Gold,    1  6 

Bunyan's  Heavenly  Footman,  18mocloth,   ...    ...  I  0 

Holy  War,  18mo,  cloth  ..  2  ò' 

Burder's  Village  Sermong,  18mo,  cloth,    1  6 

Caird's  Sermon, — Religion  in  Comraon  Life,  12mo,  0  6 

Catechism,  Shorter,  Id.            Gaelic  and  English,  0  2 

Mother's,  Id.          Gàelic  and  EngìMi,  0  2 

Brown's  SUorter,  for  Young  Chiidren,  ...  0  1 

Confession  of  Faith,  fcap  8vo,  cloth,       ...    ...  2  6 

Connell's  (D.  M.)  Gaelic  Astronomy,  18mo,  cloth,  1  6 

Currie's  Spiritual  Hymns,  12mo,    0  2 

Doddridges  Rise  and  Progress,  12mo,  cìoth   3  0 

Earle's  Sacramental  Exercises,  1 8mo,  cloth,     ...  1  6  . 

Flavel's  Token  for  Mourners,  18mo,  cloth,    1  0  j 

Forbes'  Gaelic  and  Englieh  Grammar,  12mo,  ...  4  0 

Baptism  and  the  Lord's  Supper,    0  4 

History  of  Animals  Named  in  the  Bible,   0  6 

History  of  Prince  Charles,  fcap  8vo,  cl.,  3s;  12mo,  1  6 

Hibtory  of  Joseph,   0  4 

Innes'  Instructions  to  Young  Enquirers,  1 8mo,  0  6 

Jacobite  Songs,  with  Portrait  of  Prince  Charles,  ...  0  9 

James' Anxious  Inquirer,  12mo,      ....    ...    .,.  1  0 

Macdonald's  Hymns,  18mo,    0  2 

M'Leod  and  Dewar's  Gaelic  Dictionary,  8vo,  cl,  10  6 
MALauchlan's  (Rev.  Thos.)  Celtic  Gleanings,  or 
Notices  of  the  Hietory  and  Literature  of  the 

Scottish  Gael,                               ...    ...  3  6 

M4Gregor's  Hymns,   0  6 

Munro's  Selection  of  Gaelic  Songs,    0  4 

Peden's  Two  Sermons  and  Letters,  18mo,  sewed,  0  6 

Sum  of  Saving  Knowledge,  12mo,  sewed,    0  4 

Thomson's  (Dr)  Sacramental  Catechism,  18mo,  sewed,  0  6 

Shepherd's  Christian  Pocket  Book,  sewed,    0  1 1 

Watt's  Divine  Songs,  with  Cuts,   0  2 

Welsh's  Sermons,  vols.  1  and  3,  bound,          each,  2  6 


BIBLES,  TESTAMENTS,  AND  PSALM  BOOKS, 

VARIOUS  BINDINGS  AND  SIZES. 


AN 

CAMADH  'S  A'  CHRAMCHUR; 

NO 

GLIOCAS  AGUS  ARD-UACHDRANACHD  DHE, 
AIR  AM  FOILLSEACHADH 

ANN  AN 

AMHGHARAIBH  DHAOINE  ; 

AIAILLE  RI 

V 

CUNNTAS  MU  BHEATHA  AGUS  MU  CHLIU  AN  UGHDAIR. 
LEIS  AN  URRAMACH  FHOGHLUIMTE 

Mr  tomas  boston, 

Ministear  an  t-Soisgeil  a  bh'ann  an  Eteric. 
EADAR-THEANGAICHTE  GU  GAELIC 

Le  iain  rose. 


'*  Is  lionmhor  àmhgharan  an  fhìrein  ;  ach  asda,  air  fad,  saoraidh  an 
Tighearn  e." — SALM  xxxiv.  19. 


AN  DARA  CLÒ-BHUALADH. 

DUNEIDIN : 

Clo=M)uatIte  agus.  xi  'a  l&etc  le 
THORNTON  AGUS  COLLIE,  ST  DAVID  STREET. 

M.DCCC.XLV. 


19  72  * 


CUNNTAS  MU  BHEATHA 


AGUS  MU 

CHLIU    AN  UGHDAIR. 


ÌIugadh  Mr  Tomas  Boston  anns  a'  bhliadhna  1676, 
ann  an  Dunse  ;  thàinig  e  bho  phàrantaibh  measail. 
diadhaidh,  aig  an  robh  òighreachd  bheag  anns  a' 
bhaile  sin ;  b'esan  an  t-aon  a  b'òige  do  sheachdnar 
chloinne.  'Nuair  a  bha  e  mu'n  cuairt  do  sheachd 
bliadhna  dh'aois,  thòisich  e  ri  tlachd  chomharraichte 
a'  ghabhail  ann  a  bhi  leughadh  a'  Bhiobuill.  Fodh 
èisdeachd  searmoin  le  Mr  Eanraic  Erscine,  aon 
do  na  ministeirean  a  bh'air  an  geur-leanmhuinn 
ann  an  1687,  dhùisg  an  Tighearn  e  gu  mothachadh 
domhain  mu  staid  shiorruidh  anma.  Fhuair  e 
comas  searmoineachadh  ann  an  1697  ;  shuidhich- 
eadh  e'na  mhinisteir  ann  an  Simprin,  ann  an  1 699 ; 
ann  an  1700  phòs  e  Caitrine  Bhrùn,  do  theagh- 
lach  inbheach,  ann  an  Sgire  Chulross ;  bean  uasal 
a  bha  comhairaichte  a  thaobh  a  gliocais  agus  a  deagh 
bheusan,  ris  an  robh  teaghlach  mhòr  chloinne  aige. 
Bha  dithis  mhac  agus  dithis  nighean  dhiubh  beò 
'n  an  deigh  fèin.  Dh'atharraicheadh  e  gu  Eteric  ann 
an  1707.  Dh'èug  e  ann  an  1732,  dlùth  do  chuig 
bliadhna  roimh  a  mhnaoi,  'nuair  a  bha  e  56  bliadhna 
dh'aois. 

Bha  a  chruth  àrd,,  tlachdmhor,  aghaidh  tait- 
neach,  làn  do  gach  buaidh  a  bha  feumail  chum  ur- 
ram  a  chosnadh,  agus  smachd  a  sheasamh,  'fhalt 
dubh,  comasan  'inntinn  laidir  agus  torach,  a 
smuaintean  ealamh  (an  ni  ris  an  abrar  "gèur- 
f  hoclach,"  ach  an  àite  na  gibht  sin  àrach,  's  ann  a 
chum  e  i  fo  chruaidh  smachd),  aignidhean  tairis,  a 
bhreithneachadh  fallain  agus  soilleir;  a  nàdur 
treibhdhireach,  stuama,  faicilleach,  fialuidh,  coin- 
gheallach,  agus  caoimhneil.    Bha  fuath  iomlan  aige 


IV 


do  na  h-uile  ni  borb,  no  mi-mhodhail,  ann  am 
briathraibh  no  'n  gniomharaibh,  agus  bha  e  do 
mhothachadh  anmhunn  nam  bVs  gu'n  còmhluich- 
eadh  a  bheag  sam  bith  do'n  ghnè  sin  ris.  B'  ur- 
rainn  e  bhi  gàrg  agus  searbh  'n  a  bhriathraibh, 
'nuair  a  bhiodh  fior  aobhar  air  a  shon,  no  mheasadh 
e  sin  feumail. 

Ghairmeadh  e  gu  tràthail  le  gràs  Dhè ;  agus 
chaith  e  a  bheatha  riamh  an  deigh  sin  ann  an  oibre 
na  diadhachd.  Ghluais  e,  da  rìreadh,  maille  ri  Dia, 
'a  a  uile  shlighibh ;  'g  a  aideachadh  gach  latha  ;  gu 
tric  a'  tagradh  le  dian-dhùrachd  ris  na  fiaitheanas 
(air  gach  aobhar  dleasnais,  trioblaid,  no  deuchainn 
as  ùr,)  agus  leanadh  na  h-urnuighean  so  le  dearbhadh 
daingean,  sòlasach,  agus  soilleir  gu'n  ghabhadh  riu 
agus  gu'n  d'fhuair  iad  eisdeachd  o  Dhia.  Bha  e 
dichiollach,  eagnaidh,  gu  bhi  toirt  an  aire,  cumail  air 
chuimhne,  agus  a'  fòghlum  o  fhreasdal  Dè,  ann  an 
co-cheangai  ris  an  Fhocal,  ri  'fhaireachdainn,  agus 
ri  shuidheachadh  inntinn  fèin^  agus  uime  sin  bha  e 
do  dh'eòlas  mòr  anns  an  diadhachd.  Bha  e  gle 
thoigheach  agus  chùramach  mu  lagh  Dhè  a  choimh- 
ead,  anns  gach  uile  ghnè  chaithe-beatha  agus  chàinnt 
(eadhon  anns  na  nithibh  do  nach  ^eil  a  chuid  mhòr 
do  Chriosduidhean  a'  toirt  an  aire.)  Bha  e  do  cho- 
guis  anmhunn,  gu  cùramach  sl'  caithris  an  aghaidh 
peacaidh,  agus  a'  seachnadh  gach  uile  choslas  uilc ; 
truacanta  agus  co-mhothachail  ris  a  mhuinntir 
thrioblaideach ;  oircheasach  do'n  fheumach  (ann 
an  tomhas  co  mòr  's  gu'n  robh  e  gu  cràbhach  a'  cur 
air  leth  an  deicheamh  d'a  mhaoin  shaoghalta  gach 
bliadhna  chum  an  cobhair.)  Bha  e  'n  a  chèile  dleas- 
nach,  'n  a  athair  teò-chridheach,  na  charaid  trèibh- 
dhireach,  dìleas  agus  bàigheil ;  ni  chum  an  robh 
aomadh  sònruichte  'n  a  aigne,  a  bha  'n  a  mhor  bhean- 
nachd  dhoibh-san  a  cho'pairtich  d'a  chairdeas. 

Bha  e  na  sgoilear  taghta  anns  gach  earrann  do 
dh'fhoghlum  diadhaidh,  agus  bha  e  barraichte  ann 


V 


an  cuid  diubh.  Bha  e  mìn-eòlacb.  air  a  Ghreug- 
ais,  aguS)  gu  h-àraid,  air  an  Eabhra.  Thuigeadh  e'n 
Fhraingis ;  agus  chum  eadar-theangaichean  a  choi- 
ineasachadh,b'urrainn  e  am  Biobull  Duitseach  aleugh- 
adh.  B'ainmig  earrann  do  dh'fhoghlum  air  nach 
robh  ni-eiginn  do  dhèidh  aige  ;  ach  b'èiginn  d'a 
eòlas-san  a  bhi  air  fhoillseachadh  air  mhodh  eile, 
a  bhàrr  air  aideachadh  fèin.  Bha  e  na  sgoilear 
dian-dhichiollach,  agus  do  shaothair  neo-sgìthichte ; 
ionnas  ge  b'e  ni  ris  an  toisicheadh  e  aon  uair,  cha 
Vurrainn  dha  sgur  deth,  gus  an  cuireadh  e  crìoch 
air,  le  còmhnadh  bho  nèamh  agus  bith-dheanadas. 
Bha  eòlas  mòr  aige  air  nàdur  an  duine,  's  air 
na  doighean  bu  f hreagarraiche  gu  labhairt  ris,  agus 
air  na  meadhonnan  bu  ro  choslaiche  gu  greim  a 
dheanamh  air. 

Bha  tàlann  ionmholta  aige  chum  sgrìobhadh  a 
chuir  an  òrdugh,  ni  a  thug  air  fear-riaghlaidh/*  agus 
breitheainh  mòr,  a  ràdh  ('nuair  a  bha  Mr  Boston 
na  chleireach  aig  Seanadh  Mherse  agus  Thibhiot- 
dale,,)  gu'm  b'e  cleireach  a  b'fhearr  a  chunnaic  e 
riamh  ann  an  cùirt  air  bith,  aon  chuid  an  Stàta  no'n 
Eaglais.  Bha  mòr  mheas  aig  air  gibhtibh  agus  air 
comasaibh  muinntir  eile,  a'  toirt  dhoibh  gu  saor  an 
cliù  a  bhuineadh  dhoibh,  eadhon  ged  bhiodh  iad 
ann  an  cuid  do  nithibh  ag  eadar-dhealachadh  uaith- 
san  ann  am  beachd.  Bha  e  fada  bho  bhi  na  f hear- 
cronachaidh  an-dana,,  no  lughdachadh  cliù. 

Mar  mhinisteir  ghiùlan  e  air  a  spiorad  mothach- 
adh  cudthromach  agus  urramach  mu  nithibh  Dhè. 
Bha  e  cumhachdach  anns  na  sgriobtuiribh,  'na  eò- 
las  air  an  litir,  air  an  spiorad,  agus  air  am  brìgh, 
'n  an  co'chur  gu  buadhach  agus  gu  freagarrach,  chum 
an  teagasg  a  mhìneachadh  agus  a  dheanamh  so- 
thuigseach.  Bha  fhiosrachadh  agus  'eòlas  mòr  air 
dìomhaireachd  Chriosd,  's  ged  a  theab  am  mothach- 
adh  iriosal  a  bh'aige  do  bhi  dh'  easbhuidh  sin  a  leag- 

*  Mr  Baillie  of  Jerviswood. 


VI 


adh  sìos  gu  tur  le  dì-mhisneach,  an  deigh  dha  tois- 
eachadh  ri  searmoineachadh.  Bha  tàlann  sòn- 
ruichte  aige  chum  dol  domhain  ann  an  dìomh- 
aireachdaibh  an  t-soisgeil ;  agus,,  mar  an  ceudna ; 
chum  an  co'cheangal  ris  an  t-soisgeul,  agus  a  bhuaidh 
a  th'aca  air  naomhachd  an  t-soisgeil  a  dheanamh 
soilleir  agus  so-thuigseach.  Faodar  esimpleirean 
comharraichte  do  so  fhaicinn  'n  a  leabhar  ro  luach- 
mhor  air  a'  Chùmhnant,  agus  'n  a  shearmoinibh  mu 
Chriosd  ann  an  cruth  seirbhisich. 

Bha  comasan  inntinn  torach  agus  ciallach ;  a 
bheachdan  an  còmhnuidh  cothromach,  agus,  mar 
bu  trice,  nuadh  ; — a  chainnt  freagarrach  agus  iom- 
chuidh; — a  mhìneachadh  agus  a  chosamhlachdan 
gu  minig  neònach; — a  dhoigh  searmoineachaidh 
rèidh  agus  soilleir ; — a  liuthairt  socrach  agus  mais- 
each, — le  fiamhachd  do  dhùrachd,  do  chiùineachd^ 
do  dhearbh-bheachd_,  agus  do  dh'ughdarras,  coi- 
mheasgta  le  cheile.  Bu  bheag  an  t-iongantas 
ged  bha  an  t-iomlan  do  fhrithealadh  ann  an  nith- 
ibh  naomha,  taitneach,  agus  luachmhor  do  na 
naoimh. 

Bha  e  air  a  shocrachadh  agus  air  a  dhaingneach- 
adh,  ann  am  pòngaibh  a'  chreidimh  ath-leasaichte, 
air  stèigh  fhallain  agus  reusontach_,  a  ta  calg-dhìr- 
each  an  aghaidh  Pàpanachd^  Antinomianachd^  saobh- 
chràbhadh,  agus  geur-leanmhuinn.  Bha  e  tait- 
neach  agus  suilbheara  'n  a  chòmhradh,  ach  daon- 
nan  le  stuamachd  freagarrach  d'a  dhreuchd ; — glan- 
shaor  o'n  nàdur  fhrionasach  ghàrg  sin^  a  tha  gu  cu- 
manta  leantuinn  dhaoine  tha  caitheamh  beatha 
aonaranach. 

Bheathaich  e_,  agus  rinn  e  faire,  le  dichioll  thar 
an  treud  air  an  d'rinn  an  Spiorad  Naomh  e  'n  a 
fhear-coimhead ;  agus  ged  bha  e  co  dian-dhùrachd- 
ach  an  tòir  air  an  fhòghlum  sin  anns  an  robh  a 
mhòr  thlachd,  gidheadh,  cha  do  lughdaich  e  ni  sàm 
bith  d'a  ullachadh  air  son  na  Sàbaid^  no  d'a  obair 


VII 


air  feadh  na  Sgireachd ; — ni  mò  rinn  e  cleachdadh 
do'n  ghearr-làmh-sgrìobhaidh  air  an  robh  e  eòlach, 
ach  sgrìobh  e'n  còmhnuidh  a  shearmoinean  slàn? 
agus  mur  bu  tric  co  làn  's  a  shearmonaich  e  iad ; 
gun  bhi  idir  a'  deanamh  seirbhis  do  n  Tighearna 
leis  an  ni  sin  nach  do  shaothraich  e  air  a  shon.  B'e 
thoilinntinn  caitheamh  agus  a  bhi  air  a  chaitheamh 
ann  an  seirbhis  an  t-soisgeil ;  bha  e  na  f  hear-cron- 
achaidh  firinneach  air  a'  pheacadh,  ach  aig  a  cheart 
am  ciallach :  bha  tomhas  mòr  do  chiall  agus  do 
ghliocas  Criosduidh  aige,  as  eugais  ceilg  no  lùb,  ni 
a  rinn  anabarrach  feumail  e  ann  an  cùirtibh  ceart- 
ais,  agus  comharraichte  freagarrach  chum  comhairle 
thoirt  seachad  ann  an  cuisibh  aimhreiteach. 

Bha  èud  agus  eòlas  co-cheangailte  ann,  ann  an 
tomhas  co  mòr  's  gu'm  b'ainmig  a  leithid ;— -bha  e 
ro  chùramach  mu  ghlaine  agus  mu  shìth  na  h-eag- 
lais;-— cha  robh  neach  air  bith  ni  b'eudmhoire  air 
son  a'  cheud  aon,  agus  mar  an  ceudna  ni  bu  toigh- 
iche  mu'n  dara  h-aon ; — oir  chunnaic  agus  dh'fhair- 
ich  e  an  t-olc  mòr  a  bh'ann  an  eadar-sgarachdainn 
agus  ann  an  roinn.  Bha  e  anabarrach  faicilleach 
roimh  caochladh  as  ùr,  gus  am  faiceadh  e  gu  soilleir 
am  feum  agus  am  bònn  a  bha  air  a  shon. 

B'e  'bheachd  shuidhichte  gu'm  b'e  an  fhirinn  a 
chuir  an  cèill  gu  daingean  agus  gu  diongmhalta, 
ann  an  iomadh  cùis,  an  rathad  a  b'fhearr,  bu 
ghiorra,  agus  bu  ro  eifeachdaiche  gu  cuir  an  aghaidh 
mearachd,  gun  fhearg  dhaoine  dhusgadh  agus  a 
bhrosnachadh,  chum  an  cron  fèin  agus  cron  an  t- 
soisgeil :  uime  sin,  ann  am  mìneachadh  agus  an 
dìon  a'  chreidimh  ath-leasaichte,  ann  an  leabhar 
àraid,  fhreagair  e  an  t-iomlan  do  na  bha  'n  a 
aghaidh,  ach  cha  do  ghabh  e  sùim  fa  leth  do  neach 
air  bith.^  Bha  e  umhailte  do'n  ghuth,  1  Tim.  vi. 
11.,  "  Ach  thusa,  O  oglaich  Dhè,  teich  o  na 
nithibh  sin :  "  Bha  e  ann  an  tomhas  neo-chumanta 

♦  A'  ciallachadh  a'  mhìneachadh  air  Smior  na  Diadhachd  uire. 


VIII 


marbh  do'n  t-saoghal ;  "air  dhomh,"  ars'  esan,  ann 
an  eachdraidh  a  bheatha,  "  gnothaichean  an  t-saogh- 
ail  fhaotainn  'n  an  ribe  do  m'inntinn,  cha  robh  aon 
chuid  toil  no  tlachd  agam  dhiubh."  Air  son  a 
ghiùlan  ciatach  bha  mòr  mheas  air,  cha'n  e  a  mhain 
aig  a  bhraithribh_,  a  bha  ag  eadar-dhealachadh  uaithe 
ann  am  beachd,  ach  gu  cumanta  aig  gach  uile 
sheorsa  dhaoine. 

Gu  co-dhunadh ;  bu  sgrìobhaich  e  a  bha  gu  h- 
àraid  fòghlumta  chum  na  rioghachd  ;—ullamh  gu 
briathraibh  taitneach  f  haotuinn ; — 'n  a  shaothraiche 
nach  ruig  a  leas  nàir'  a  ghabhail,  a'  roinn  focal  na 
firinn  gu  ceart ; — 'n  a  lòchran  lasta  agus  dealrach. 
iC  Air  chuimhe  gu  brath  bithidh  am  fìrean." 

Ged  dh'fhaodadh  làimh  ealanta,  a  chliù  a  chur 
an  cèill  mòran  ni  b'fhearr,  ann  am  briathraibh  ni 
bu  teirce,  gidheadh  cha  'n  'eil  claon-bhreith  no 
iomadaidh  anns  na  chaidh  a  ràdh,  ma  ghabha 
cairdeas  mìn-eolach  rè  mòran  bhliadhnachan,  agus 
an  cùnntas  a  sgrìobh  e  fèin  mu  bheatha^,  mar  dhear- 
bhadh  cothromach.  Ach  chuireadh  aon  searmoin 
a  chluinntinn  uaithe  fèin  ni-eiginn  an  cèill  mu  thim- 
chioll  nach  gabh  cuir  sìos  an  so. 

Tha  cuid  làn-dearbhta^  gun  robh  an  tuilleadh  do 
dhiumadh  Dhèair  son  iomadh  aobhar  ris  an  Eag- 
lais  so,  anns  an  dearbh  àm  s  an  deachaidh  a  thoirt 
air  falbh^  na  tha  gu  cumanta  air  a  ghabhail  a 
steach. 

Dh'fhaodadh  e  bhi  ni  bu  ro  fheumaile,  nam 
biodh  àite  dha  ann  an  so,  cluinntinn  mu  thimchioll 
'n  a  bhriathraibh  fèin^  bho'n  chunntas  choitchionn 
a  sgrìobh  e  mu  'bheatha  chum  a  chloinne :  as  an 
ainmich  sinn  le  'n  ceadsan  beagan  nithe  bho  a  cho- 
dhunadh. 

"  Mar  so  bha  mòr  dhèigh  agam  air  sìth,  agus 
fuath  do  chonnsachadh ;  ged  thachair  dhomh  aon 
uair  tuiteam  ann,  chuir  mi  romham  dol  troimh. 
Cha  robh  e'na  mhòr  thrioblaid  dhomh  an  t-urram 


IX 


agus  an  gradh  bu  chubhaidh  dhoibh  a  bhi  agam 
do  m'  bhraithribhj  a  bha  'g  eadar-dhealachadh  uam 
ann  am  barail  agus  ann  an  cleachdadh :  ach  aig 
an  am  cheudna,  cha  robh  mi  ann  am  mòr  chunnart 
aon  chuid3  a  bhi  air  mo  thoirt  a  thaobh  leo_,  no  gu 
cùl  a  chur  ris  an  ni  a  mheas  mi  'n  a  f  hirinn  no  'n  a 
dhleasnas.  Mar  an  ceudna,  cha  robh  e  duilich 
dhomh  geilleadh  dhoibh  's  na  nithibh  anns  nach 
robh  mi  ceangailte  ann  an  cogais  gu  cuir  'n  an  agh- 
aidh.  Ge  b'e  ceuma  cabhagach  a  rinn  mi  ann  an 
cùrsa  mo  bheatha,  nithe  air  son  am  bheil  mi  'g  iar- 
raidh  a  bhi  air  m'  irioslachadh,  cha  b'e  braise  ann 
am  ghiùlan  m'  f  hailigeadh.  Ach  bho'n  àm  a  thug  an 
Tighearna  tre  ghràs  mi  gu  bhi  gabhail  beachd  air 
nithibh,  b'e  mòran  do  m'  chleachdadh  a  bhi  cur 
eadar-dhealachadh  eadar  peacadh  agus  dleasnas 
ann  an  cùisibh  àraid,  air  dhomh  eagal  a  bhi  orm 
toiseachadh  ri  ni  sam  bith,  gus  am  faicinn  mi  fèin 
air  mo  ghairm  da  ionnsuidh;  ach  'nuair  a  rinn- 
eadh  a  chùis  soilleir  dhomh,  chum  mi  dlù  ris  an 
còmhnuidh,  oir  bha  mòr  eagal  orm  cùl  a  chur  ris 
an  t-slighe  a  thuig  mi  bh'air  a  comharrachadh  a 
mach  dhomh.  Cha  d'fhuair  mi  riamh  an  doighfair 
fàs  beartach,  ni  mò  b'urrainn  mi  riamh  mi  fèin  a 
chleachdadh  le  mòr  chàil  ann  an  gnothaichibh  an 
t-saoghail  a  riaghladh: — bha  eadhon  doigh  riagh- 
laidh  saoghalta  gnothaichean  na  h-eaglais  co  neo- 
thaitneach  leam,  's  nach  robh  togradh  agam  gu 
gnothach  a'  ghabhail  ri  riaghladh  coitchionn  na  h- 
eaglais.  Ge  b'e  ni  anns  na  nochd  mise  mi  fèin, 
aig  àm  air  bith,  anns  na  cùisibh  so,  cha  banns  an 
rathad  sin  a  rinn  mi  e."  Cho-dhùin  e  air  a  mhodh 
so. 

"  Mur  so  thug  mi  dhuibh  ni-eiginn  do  chunntas 
mu  laithibh  mo  dhìomhanais.  Bheiream  buidh- 
eachas  do  m'  Dhia^  ann  an  Iosa,  gu'n  d'rinn  e  mi 
am  Chriosduidh,  's  gu'n  do  bhuin  e  gu  moch  ri  m' 
anam ;  gu'n  d'rinn  e  mi  am  mhinisteir  an  t-soisgeil, 


X 


agus  gu'n  d'thug  e  dhomh  ni-eigin  do  shealladh  a 
steach  ann  an  teagasg  a  ghràis ;  agus  gu'n  d'thug  e 
dhomh  am  Biobull  beannuichte,  agus  gu'n  d'rinn  e 
mi  eòlach  air  anns  na  ceud  chànainean,  agus  gu  h- 
àraid  's  an  Eabhradh.  Bha'n  saoghal  rè  ùine  fhada 
'n  a  mhuime  dhomh ;  agus  ge  b'e  àite  's  an  d'thug- 
ainns'  ionnsuidh  air  foiseachadh  ann ;  chuireadh 
dris  do  mhì-shuaimhneas  an  sin  air  mo  shon.  Rug- 
adh  an  duine  a'  caoineadh^  tha  e  beò  a'  gearan, 
agus  a'  bàsachadh  air  a  mhealladh  'n  a  earbsa  mu'n 
t-saoghal.  "  Is  diòmhanas  na  h-uile  nithe  agus 
buaireadh  spioraid.  Ri  d'shlàinte  dh'fheith  mise, 
O  Thighearna." 

Tha  ar  do-reidhteachas  gnàthaichte  an  aghaidh 
na  crois,  agus  ar  neo-iomlanachd  folaiseach  ann 
am  mòran  do  na  dleasnasaibh  a  tha  dh'fhiachan 
oirnne,  mar  bhùill  do  chorp  Chriosd,  gu  mòr  a'  bac- 
adh  ar  sòlas  Criosduidh,,  ar  n-oideachadh,  agus  ar 
tairbhe  :  agus,  ann  an  àite  bhi  'n  am  maise  dhuinn, 
's  ann  a  tha  iad  a'  cur  sgàile  dhorch  air  ar  n-aid- 
mheil  naomh.  Air  son  leigheis  anns  na  còirean  sin, 
tha'n  Tighearna  'n  a  chaomh  f  hreasdal^  a'  cur  cobh- 
air  as  ùr  d'ar  'n  ionnsuidh-ne  anns  an  leabhar  so. 
Tha'n  teagasg  air  a  chur  ann  an  solus  nuadh  agus 
taitneach.  B'e  an  Camadh  's  a9  Chrannchur  aon 
do  dh'oibribh  deireannach  an  ùghdair  bheannuichte, 
leis  a  pheann.  Gu'n  robh  am  beannachadh  ceudna 
bho  nèamh  sl'  leantuinn  an  leabhair  so,  bu  tric  a 
dhasluich  e-san  gu  ro  dhurachdach  a  bhi coimhead- 
achd  ni  sam  bìth  d'a  shaothair  a  dh'fhaodta  ghairm  a 
mach  chum  seirbhis  na  h-eaglais.  Amen. 

Alastar  Colden. 

Gab.  Wilson. 

H.  Davidson. 


GLIOCAS  AGUS  ARD-UACHDRANACHD  DHE 


AIR  AM  FOILLSEACHADH 
ANN  AN 

AMHGHAIRIBH  DHAOINE. 


"  Smuainich  air  obair  Dhe ;  oir  co  is  urrainn  an  ni  sin  a  dhean- 
amh  dìreach  a  rinn  e-san  càm  ?" — ECCL.  vii.  13. 

Tha  beachd  chothromach  a'  ghabhail  do  f  hreas- 
dalaibh  àmhgharach  ro  f  heumail  chum  neach  a  thoirt 
gu  giùlan  air  mhodh  Criosduidh  fodhpa ;  agus  is 
ann  a  mhàin  a  rèir  creidimh,  agus  cha'n  ann  a  rèir 
seallaidlx,  a  tha  a'  bheachd  sin  r'a  f  haotuinn.  Oir,  is 
e  solus  an  f  hocail  a  mhàin  a  tha  'g  am  foillseachadh 
gu  cothromach,  sl  nochdadh  obair  Dhè  annta,,  agus 
rùintean,  freagarrach  do'n  iomlanachd  neamhaidh. 
'Nuair  a  bheir  neach  fainear,  agus  a  ghabhas  e 
beachd  iomchuidh  do  na  nithe  so  le  sùil  a  chreid- 
imh,  tha  sealladh  cothromach  aige  do  na  freasdal- 
aibh  amhgharach,  a  tha  freagarrach  chum  gluasadan 
buaireasach  nan  aignidhean  truaillidh  a  chasg  fo 
choslasaibh  dubhach  bho'n  leth  a  mach. 

'S  ann  fo'n  bheachd  so  tha  Solamh  ann  an  tois- 
each  a'  chaibdeil  so,  aig  ainmeachadh  iomadh  ni 
eug-samhuil,  a  tha  'n  an  co-dhunaidhean  iongantach 
air  taobh  nithibh  àraid,  a  tha  'g  amharc  uamharr- 
aidh  agus  gruamach,  do  shuil  an  fhaireachaidh, 
agus  uime  sin  gu  coitchionn  air  am  meas  doil- 
ghiosach  agus  òillteil :  tha  e  cur  an  cèill  4  4  gur  fearr 
latha  bàis  no  latha  breith  neach ;"  eadhon,  latha 
bàis  neach^  a  thainig  gu  bhi  'n  a  charaid  do  Dhia 
tre  chreidimh,  agus  a  chaith  a  bheatha  chum  onoir 
Dhè,  agus  math  a  ghinealaich ;  agus  le  sin  a  thog 


12 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


e  fèin  suas  gus  an  deadh  ainm  taitneach  sin,,  "is 
fearr  na  ola  ungaidh  luachmhor,"  rann  1.  Air  an 
doigh  cheudna,  tha  e  cur  an  ceill  gur  fearr  rC  tigh 
sl  bhròin  na  tigh  na  cuirme,  doilgheas  na  gàire, 
agus  achmhasan  duine  glic  na  òran  amadana ;" 
oir  ged  is  e  'n  aon  mu  dheireadh  is  ro  thaitniche, 
gidheadh  's  e  a'  cheud  aon  is  ro  tharbhaiche,,  rann 
2 — 5.  Agus  thug  e  fainear  le  cùram_,  cionnas  a  tha 
daoine  ann  an  cunnart,  cha'n  e  a  mhàin  bho  ghruaim 
agus  bho  dhroch  làimhseachadh  an  t-saoghail 
<cgu'n  cuir  foirneart  duine  glic  air  a  chaothach/, 
ach  mar  an  ceudna  bho  fhaoilte  agus  bho  bhead- 
radh  an  t-saoghail,  "  gu'm  mìll  tìodhlacadh  an 
cridhe;"  uime  sin_,  a  chionn  gu  bheil  cunnart  air 
gach  làimh,  tha  e  cur  an  cèill  Ci  gur  feàrr  deireadh 
gach  ni"  saoghalta  tC  na  '^0^86^0^/'  rann  7,  8. 
Agus  bho'n  iomlan  tha  e  a'  co-dhunadh  gu  cothrom- 
ach3  gur  feàrr  a  bhi  iriosal  agus  foighidneach,  na  a 
bhi  àrdanach  agus  mi-fhoighidneach  fo  làimh 
smachdachaidh  Dhè  ;  a  chionn,  anns  a'  cheud  chor, 
gu  bheil  neach  gu  glic  umhal  do'n  ni  sin  da  ri- 
readh  a's  feàrr;  agus  anns  a  chor  mu  dheireadh, 
gu  bheil  e  cathachadh  'n  a  aghaidh,  rann  8.  Agus 
tha  e  'g  ar  comhairleachadh  gu'n  bhi  mi-thoilichte  le 
ar  crànnchur,  air  son  na  trioblaid  a  ta  ann,  rann  9 ; 
tha  e  a'  toirt  ràbhadh  gu'n  bhi  gu  mi-runach  a 
coimeasachadh  nan  àmanna  a  chaidh  seachad  ris 
na  h-àmannaibh  a  tha  làthair,  agus  mur  sin  a'  cur 
iomchair  mi-iomchuidh  as  leth  freasdal  Dè,  rann 
10.  Agus  an  aghaidh  na  càil  fhrionasaich  agus 
ghearanaich  sin,  tha  e  air  tùs  a'  seòladh  iocshlaint 
choitchionn,  eadhon  gliocas  naomh,  mar  an  ni  a 
ni  neach  comasach  gus  a  chuid  a  's  feàrr  a  dhean- 
amh  do  na  h-uile  ni,  agus  a  bheir  beatha  eadhon  ann 
an  cùisibh  claoidhteach,  rann  11,  12.  Agusarithist 
iocshlaint  shònruichte,  a  ta  a'  co-sheasamh  ann  an 
cleachdadh  iomchuidh  a  dheanamh  do'n  ghliocas 
sin  a  chum  beachd  chothromach  a'  ghabhail  do'n 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


13 


chùis,  u  Smuainich  air  obair  Dhè :  oir  co  is  urrainn 
an  ni  sin  a  dheanamh  dìreach  a  rinn  esan  càm  V 
Anns.  na  briathraibh  sin  tha  air  an  sònrachadh,  1 . 
An  iocshlaint  fèin.  2.  Iomchuidheachd  na  h-ioc- 
shlaint  sin.  Air  tùs.  Is  i  'n  iocshlaint  fèin,  a  bhi 
beachdachadh  gu  glic  air  làimh  Dhè  anns  gach 
ni  a  mhothaicheas  sinn  a'  teachd  cruaidh  oirnn ; 
<£  Smuainich  air  obair  Dhè,  no  am  bheil  thu  faic- 
inn  a  làmh-san,"  anns  a  chuid  is  caime,  is  gairbhe, 
agus  is  mi-thaitniche  do  d'  chrannchur,  eadhon, 
anns  na  trioblaidibh  a  tha  còmhlachadh  riut  ann. 
'S  math  a  tha  thu  a'faicinn  na  croisfèin;  seadh,  tha 
thu  'g  a  tionndadh  thairis  agus  thairis  ann  a'  d'  innt- 
inn,  agus  air  do  shocair  a'  beachdachadh  oirre 
air  gach  taobh ;  mar  an  ceudna,  tha  thu  'g 
amharc  air  an  ni  so  agus  air  an  ni  ud  eile  mar 
an  dara  aobhar  aice,  agus  mar  sin  tha  thu  ann 
an  corruich  agus  ann  an  mi-shuaimhneas  ;  ach, 
nam  b'àill  leasta  bhi  aig  fois  agus  air  do  riar- 
achadh  mun  chùis,  tog  suas  do  shùilean  ri 
nèamh,  agus  faic  gur  e  grìiomh  Idmh  Dhè  a  ta 
ann.  Amhairc  air  sin,  agus  thoir  fainear  e  gu 
ceart ;  beachdaich  air  mathair-aobhair  a  cham- 
aidh  a  th'ann  do  chrannchur,  agus  faic  gur  e 
obair  Dhè  a  ta  ann,  agus  gur  ann  uaithe-san  a  ta  e 
'S  an  dara  aite.  A  thaobh  iomchuidheachd  na  h- 
iocshlaint  so,  tha  a  bheachd  sin  do  na  chamadh 
'n  ar  crannchur  ro  f hreagarrach  chum  tograidhean 
mi-chiatach  a  chridhe  a  chuir  sàmhach  agus  gu 
sinne  dheanamh  tosdach  fodha:  <fOir  co  is  urr- 
ainn  (is  e  sin,  cha'n  urrainn  a  h-aon)  an  ni 
sin  a  dheanamh  dìreach  a  rinn  Dia  càm?  A 
thaobh  a  chamaidh  ann  do  chrannchur,  's  e  Dia 
a  rinn  e ;  agus  feumaidh  e  mairsinn  am  feadh  is 
àill  leis-san.  Ged  a  chleachdadh  tu  t-uile  neart 
chum  a  dheanamh  còmhnard^  no  dìireach,  bithidh 
t'oidheirp  diomhain;  cha  dìrich  e  a  dh'aindeoin 
na's  urrainn  thusa  dheanamh ;  oir  is  esan  a  mhàin 


14 


AN  CAMADH  JS  AJ  CHRANNCHtTR. 


a  rinn  e  is  urrainn  a  leasachadh  no  dheanamh  dìr* 
each.  Tha  a  bheachd  agus  an  sealladh  so  do'n 
chùis,  'n  a  mheadhon  iomchuidh,  chum  daoine  a 
riarachadh  agus  an  cuir  'n  an  tosd  còmhladh,  agus 
gu'n  toirt  chum  strìochdadh  gu  h-umhal  do  'n 
Cruithear  agus  do'n  Uachdaran  fo'n  camadh  crann- 
chuir.  A  nis,  gabhaidh  sinn  brìgh  a'  bhùinn  teag- 
aisg  anns  na  trì  cinn  theagaisg  so.  I.  Ciod  air 
bith  camadh  a  th'ann  an  crannchur  neach,  's  ann  do 
dheanamh  Dhè  a  tha  e.  II.  An  ni  a  tha  Dia  a' 
faicinn  iomchuidh  a  chamadh  ann  ar  crànnchur^ 
cha'n  urrainn  sinn  a  dhìreadh.  II I.  Tha  beachd 
a'  ghabhail  air  a'  chamadh  's  a'  chrannchur  mar  obair 
Dhè,  no  do  dheanamh-sa  'n  a  mheadhon  iomchuidh 
chum  neach  a  thoirt  gu  giulan  mar  Chriosduidh 
fodha. 

Teagasg,  I. — Ciod  air  biih  camadh  a  th'ann  an 
crannchur  neach,  's  ann  do  dheanamh  Dhè  a  tha  e. 

An  so  tha  dà  ni  ri  thoirt  fainear^  eadhon,  an 
camadh  fèin^  agus  gur  ann  do  dheanamh  Dhè  a  ta  e. 

I.  A  thaobh  a  chamaidh  fèin,  agus  chum  gur 
ann  is  fearr  a  thuigear  e,  tha  na  nithe  so  a  leanas 
air  an  toirt  fainear :  1.  Tha  cùrsa  àraid  do  fhreas- 
dalaibh  tre  riaghladh  Dhè  a'  tachairt  ann  am  beatha 
gach  aon  againne  's  an  t-saoghal :  Agus  is  e  sin  ar 
crannchur,  a  th'air  a  chur  air  leth  dhuinne  le  Dia, 
ar  Cruithear  agus  ar  n-Ard-uachdaran,  aig  am 
bheil  ar  n-anail  'n  a  làimh  agus  d'am  buin  ar 
n-uile  shlighe.  Tha  'n  cùrsa  so  do  fhreasdalaibh 
aig  eadar-dhealachadh  gu  mòr  ann  an  crannchur  an 
t-sluaigh,  a  rèir  toil  agus  gean-math  an  Ard-riaghl- 
air,  a  tha  'g  orduchadh  crannchuir  dhaoine  anns  an 
t-saoghal  air  iomadh  doigh,  ag  ardachadh  cuid, 
agus  ag  ìsleachadh  cuid  eile.  2.  Anns  a  chùrsa 
sin  do  fhreasdalaibh,  tha  cuid  dhiubh  a'  tionndadh 
a'  mach  an  aghaidh  ar  gnè  agus  ar  càil;  agus  is 
iad  sin  a  tha  deanamh  a'  chamaidh  'n  ar  crannchur. 
Am  feadh  a  tha  sinn  's  an  t-saoghal  bithidh  freasdal- 


AN  CAMADH  JS  A5  CHRANNCHÙR. 


15 


an  garbha,  co  math  ri  freasdalaibh  mìne  ann  ar  cor 
agus  ann  ar  crannchur.  Air  uairibh  tha  nithe 
a'  dol  air  an  aghaidh  gu  rèidh  taitneach ;  ach  an 
ùine  ghoirid,  tha  freasdal  eile  aig  atharrachadh  a' 
chùrsa  sin,  a  tha  'n  a  phian  agus  'n  a  chradh  dhuinn, 
mar  gu'n  toireamaid  ceum  docharrach  a  bheireadh 
oirnn  imeachd  bacach.  3.  Tha  camadh  air  chor- 
eiginn  ann  an  crannchur  gach  neach  a  th'aims 
an  t-saoghal  so.  Tha  luchd-gearain  ullamh  air  a 
bhi  a'  coimeas  gu  graineil  aon  ni  ri  ni  eile ;  oir  tha 
iad  ag  amharc  mu'n  cuairt  agus  ag  gabhail  beachd 
farsuing  do  chor  muinntir  eile,  's  cha  'n  'eil  iad  a' 
faicinn  ni  sam  bith  ann  ach  ni  a  tha  dìreach,  agus 
ceart  a  rèir  càil  neach :  mar  sin  tha  iad  ag  cur  an 
cèill  gu  bheil  crannchur  an  coimhearsnaich  gu 
h-iomlan  dìreach.  Ach  is  breith  mhearachdach 
sin ;  oir  cha'n  'eil  iomlaineachd  anns  a'  bheatha  so, 
no  chrannchur  fo  fhlaitheanas  gun  chrois.  Oir, 
"  na  h-uile  oibre  fo  'n  ghrein,  feuch,  is  dìomh- 
anas  iad  uile,  agus  buaireadh  spioraid.  An  ni  a  ta 
càm,  cha  ghabh  e  deanamh  dìreach/'  Eccl.  i.  14, 
15.  Co  shaoileadh  nach  robh  crannchur  Haman 
gle  dhìreach  am  feadh  a  bha  'theaghlach  a'  cinn- 
eachdainn,  agus  e  fèin  a'  soirbheachadh  ann  an 
saoibhreas,  agus  ann  an  urram,  air  dha  bhi  'n  a 
Phrìomh-uachdaran  ann  an  cùirt  Phersia,  agus 
mòr  ann  an  sealladh  an  Righ?  Gidheadh,  aig  a' 
cheart  àm,  bha  camadh  'n  a  chrannchur,  a  chràdh  e 
co  mòr,  "  's  nach  deanadh  so  uile  a  bheag  do  mhath 
dha."  Est.  v.  13.  Mothaichidh  gach  neach  c'àit' 
am  bheil  e  fèin  air  a  theannachadh,  ged  nach  tuig 
cach  e.  Cha'n  'eil  crannchur  neach  air  bith  s  an 
t-saoghal  so  gu  h-uile  càm ;  tha  an  còmhnuidh  ni- 
eiginn  còmhnard  agus  dìreach  ann.  Gu  cinnteach, 
an  uair  a  lasas  fearg  dhaoine,  's  a  bheir  i  ceò  air  an 
inntinn,  tha  iad  ullamh  gu  ràdh^  gu  bheil  na  h^uik 
in  clì  aca-san  's  nach  'eil  ni  sam  bith  ceart  maillo 
riu.    Ach  ged  tha  agus  ged  bhitheas  gu  sìorruidli, 


16 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


an  sgeula  sin  fior  ann  an  ifrinn,  gidheadh  cha'n  'eil 
e  fior  gu  brath  's  an  t-saoghal  so :  oir  gu  cinnteach, 
cha  'n  'eil  aon  bhoinne  do  shòlas  air  a  dheònach- 
adh  ann  an  "  ifrinn."  Luc.  xvi.  25.  Ach  's  an 
t-saoghal  so  tha  e  'n  còmhnuidh  'n  a  ni  cinnteach 
gur  "  ann  do  thròcairibh  an  Tighearna  nach  'eil 
sinn  air  ar  caitheadh."  Tuir.  iii.  22,  24.  Thàinig 
an  camadh  's  a'  chrannchur  chum  an  t-saoghail 
tre'n  pheacadh ;  's  e  an  tuiteam  a  rinn  an  camadh. 
Rom.  v.  12.  "  Thainig  peacadh  a  steach  do'n 
t-saoghal  tre  aon  duine,  agus  bàs  tre  'n  pheacadh, 
agus  tha  n  camadh  's  a'  chrannchur  air  a'  ghabhail 
a  steach  fo'n  bhàs  sin,  mar  a  ta  staid  shòlais  no 
shoirbheachaidh ;  air  a  cur  an  cèill  ann  an  cainnt 
an  sgriobtuir,  le  bhi  beò.  1  Sam.  xxv.  6. ;  Eoin  iv. 
50,  51.  Chròm  am  peacadh  cridheachan  agus  inn- 
tinne  dhaoine,  nuair  a  thàinig  iad  gu  bhi  càm  a 
thaobh  an  lagh  naomha ;  agus  ann  an  ceartas 
chròm  Dia  an  crannchur,  air  dhòigh  's  gu'n  d'thàin- 
ig  e  gu  bhi  cam  mar  an  ceudna.  Agus  tha'n  cam- 
adh  so  ann  ar  crannchur  gu  neo-sgarail  ag  lean- 
tuinn  ar  cor  peacach,  gus  an  cur  sinn  dhinn  corp  a 
pheacaidh  agus  a'  bhàis  so,  agus  gus  am  faigh  sin 
an  taobh  a  steach  do  gheata  nam  flaitheanais. 

Chum  na  nithe  so  a  mhìneachadh,  tha'n  camadh 
's  a'  chrannchur  gu  coitchionn  a'  cur  an  cèill  dà  ni. 
1,  Amhghar.  2.  Mairsinneachd.  A  rèir  sin  tha  e 
deanamh  Id  an  amhghair  fa  chomhair  Id  an  t-soir~ 
bheachaidh  's  an  rann  air  ball  an  deigh  a'  bhùinn 
theagaisg. 

Air  tus*  'S  e  an  camadh  's  a  chrannchur,  earrann 
air  chor-eiginn  do  thrioblaid.  Is  e  an  earrann  a  tha 
rèidh  agus  dìreach  do 'n  chrannchur  a'  chuid  sin  a 
tha  soirbheacbadh,  agus  a'  dol  air  aghaidh  a  rèir 
miann  neach ;  agus  is  e  am  mìr  a  tha  càm  dheth, 
a'  chuid  sin  a  tha  càlg-dhìreach  an  aghaidh  sin. 
Choimheasg  Dia  an  dà  ni  so  ann  an  crannchur 
dhaoine  's  an  t-saoghal  so ;  chum  mar  a  tha  ni~ 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


17 


eiginn  do  shoirbheachadh  ann,  a  tha  deanamh  a 
chùrsa  dhìrich,  mar  sin  gu  bheil  mar  an  ceudna 
ni-eiginn  do  thrioblaid  ann,  a  tha  deanamh  a' 
chamaidh,  Cha'n  e  a  mhàin  gu  bheil  an  coi- 
mheasg  so  ann  an  crannchur  nan  naomh,  d'am 
bheil  e  air  innse,  "  anns  an  t-saoghal  gu'm  bi 
àmhghar  aca/'  ach  mar  an  ceudna  tha  e  ann  an 
crannchur  nan  uile  dhaoine,  mar  chaidh  a  thoirt 
fainear  cheana.  'S  an  dara  àite.  Is  amhghar  e  a 
mhaireas  rè  seal.  Cha  mheas  sinne  mar  ni  càm, 
ni  sam  bith  a  rachadh  a  chromadh  's  a  lùbadh  ri 
cheile  le  ainneart,  ma's  e  's  gu'n  dìreadh  e  air  bàll 
mar  bha  e  roimhe.  Tha  sgiursaidhean  gèur  ann 
do'n  t-slait  smachdachaidh,  a  theid  mar  speach 
troimh  cliathaich  neach,  agus  air  bàll  tha  na  h-uile 
ni  ceart  a  rithist ;  feudaidh  crannchur  neach  a  bhi 
air  a  dhorchadh  gu  h-obann,  agus  a'  ghruaim  falbh 
mu'n  toir  e'n  aire.  Ach  fon  chamadh,  air  do  neach 
ùine  bhi  aige  chum  a  chràdh  a  mhothachadh,  tha  e 
ann  an  an-fhois  chum  an  camadh  fhaotuinn  air  a 
dhìreadh;  mar  sin  is  amhghar  an  camadh  crannchuir 
a  mhaireas  re  ùine  àraid. 

A  nis  tha  camadh  crannchuir  tri-nllte  buailteach 
do  chloinn  nan  daoine.  1 .  Tha  camadh  a  nithear 
le  freasdalaibh  tarsuing,  ge  b'e  co  goirid  's  a  mhair- 
eas  e,  a  dh'fhàgas  cràdh  buan  'n  a  dheigh.  Rinn  an- 
iochd  Heroid  a  leithid  sin  a  chamadh  ann  an  crann- 
chur  nam  mathraichean  ann  am  Betlehem^  dream 
a  dh'fhàgadh  leis  na  mortairibh  "  a'  caoineadh  an 
cloinne  chaidh  a  mharbhadh,  agus  cha  b'àill  leo 
sòlas  a'  ghabhail  a  chionn  nach  'eil  iad  beò Mata. 
ii.  18.  'S  goirid  a  bhitheas  neach  a'  toirt  cèum 
tuisleach,  a  bheir  air  imeachd  bacadh  fad  a  là  'n  a 
dheigh.  44  Mar  iasg  a  ghlacar  ann  an  droch  lion — 
is  ann  mar  sin  a  ribear  clann  nan  daoine  ann  an 
droch  àm;"  Ecl.  ix.  12.  Feudaidh  ni  tuiteam  a 
mach  ann  an  tiotadh  a  dh'fhàgas  neach  bacach  gus 
an  teid  e  do  n  uaigh. 

B 


18 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


2.  Tha  camadh  air  a  dheanamh  le  iomadh  cùrsa 
do  fhreasdalaibh  tarsuing,  a  ta  leantuinn  gu  dlù 
an  deigh  a  cheile,  co  dhiubh  a  tha  iad  do  'n  aon 
ghnè,  no  nach  'eil  a  dh'fhàgas  cràdh  buan  nan 
deigh.  Mar,  ann  an  cùis  Ioib,  an  uair  a  bha  aon 
teachdaire  le  droch  naigheachd  (i  fathast  a  labhairt 
thàinig  fear  eile/>  lob.  i.  16,  17,  18.  Ni  freasdal- 
an  tarsuing  a'  teachd  muin  air  mhuin,  "  doimhne 
8l  gairm  air  doimhne/'  camadh  ro  chràiteach. 
Anns  a  chor  sin,  tha  an  neach  a  tha  fo  àmhghair 
coslach  ri  neach  a  bheireadh  a  chos  deth  aon  mhir 
do  thalamh  fàs,  agus  a  chuireadh  i  air  mìr  eile 
cheart  co  fàs,  a  dh'fhailnieheadh  air  bàll  fodha 
mar  an  ceudna ;  no  coslach  ri  neach  a  bhitheadh 
air  aineol  ann  an  dùthaich  bheanntan,  agus  an 
deigh  dha,  le  mòr  spàirn,  dol  thar  aon  bheinn,  tha 
e  'n  duil  gu'm  faic  e  an  dùthaich  chòmhnard  air 
an  taobh  eile,  ach  an  àite  sin,  's  ann  a  tha  beinn  an 
deigh  beinne  a'  teachd  's  an  fhradharc  air  am  feum 
e  dol  thairis.  Theab  an  camadh  so  ann  an  crann- 
chur  Asaiph  a  thoirt  air  a  dhiadhachd  uile  a  leigeadh 
dheth, cc  gus  an  deachaidh  e  steachdo'nionad-naomh." 
far'n  do  mhìnicheadh  rùn-diomhair  so  freasdail  dha ; 
Salm  Ixxiii.  13—17.  Tha  Solamh  a' toirt  fainear 
"  Gu  bheil  fireana  ann  d'an  tachair  a  rèir  oibre  nan 
aingidh,"  Ecl.  viii.  14.  Tha  freasdal  a'  tionndadh 
'n  an  aghaidh,  mar  gu'm  biodh  iad  gu  bhi  air  an  tilg- 
eadh  sios  gu  tur ;  co  sam  bith  iad  do  nach  'eiì  cèum 
èiginn  do'm  beatha  a*  toirt  fiosrachaidh  air  an  ni  so, 
's  cinnteach  nach  do  sheachainn  Ioseph  eòlas  fhaot- 
uinn  air  ann  an  aois  òige,  no  Iacob  'n  a  aois  mheadh- 
onach ; — no  Peadar  'n  a  shean  aois,  Eoin  xxi.  18, 
no  ar  Slanuighear  rè  a  laithean  uile.  3.  Tha  camadh 
air  a  dheanamh  le  freasdal  tarsuing,  le  cràdh  mair- 
sinneach  'g  a  leantuinn  a'  teachd  an  àit  aon  eile  a 
thugadh  air  falbh.  Uime  sin,  ged  rachadh  aon 
chamadh  a  dhìreadh  tha  aon  eile  air  a  dheanamh 
'n  a  àite :  agus  mar  sin  tha'n  camadh  a  mairsinu 


AN  CAMÀDH  5S  a'  CHRANNCHUR. 


19 


an  comhnuidh.  B'ea  bhi  dh'easbhuidh  cloinne  an 
camadh  a  bha  rè  ùine  fhada  ann  an  crannchur 
Rachel,  Gen.  xxx.  I,  ach  mu  dheireadh  chaidh  an 
camadh  sin  a  dhìreadh  a  rèir  a  miann ;  gidheadh 
an  deigh  sin  f huair  i  aon  eile  'n  a  àite,  eadhon  cruaidh 
shaothair-chloinne,  caib.  xxxv.  16.  Is  fàsach  an 
saoghal  so  anns  am  feud  sinn  gu  cinnteach  ar  crann- 
chur  f haotuinn  air  atharrachadh  ;  ach  cha  bhi  anns 
an  imrich  ach  bho  aon  àite  fàsail  gu  àite  fàsail  eile. 
'Nuair  a  ta  aon  earrann  do'n  chrannchur  air  a  dhìr- 
eadh,  theagamh  gu'm  bi  earrann  air  chor-eiginn 
eile  dheth  càm. 

Ni  's  ro  shònruichte,  tha  ceithir  nithe  anns  a 
charnadh  crannchuir  a  tha  do  naduir  càm. 

1.  Neo-fhreagarrachd.  An  ni  a  tha  càm  tha  e 
fiar;  agus  an  uair  a  chuirear  riaghailte  ris,  cha 
fhreagair  e  dh'i.  A  thaobh  toil  agus  rùin  Dhè, 
cha  'n  'eil  a  leithid  a  ni  agus  camadh  ann  an  crann- 
chur  neach  air  bith.  Gabh  am  freasdal  is  reas- 
gaiche  agus  is  gruamaiche  a  th'ann  an  crannchur 
neach  agus  cuir  e  ris  an  òrdugh  shìorruidh  a  rinn- 
eadh  ann  an  doimhne  'ghliocais  neo-chrìochnaichte., 
mu'n  robh  an  saoghal  ann^  agus  freagaraidh  e  dha 
as  èugmhais  a  chlaonaidh  is  lugha,  "  oir  a  ta  e  'g 
oibreachadh  nan  uile  nitbe  rèir  comhairle  a  thoile 
fein/'  Eph.  i.  11.  Càirich  e  ri  toil  freasdal  Dè, 
ann  an  uachdranachd  an  t-saoghail,  agus  làn  chord- 
aidh  iad  ri  cheile.  Ma  bha  Pòl  gu  bhi  air  a 
cheangal  ann  an  Ierusalem,  agus  *f  gu  bhi  air  a 
thoirt  thairis  do  làmhaibh  nan  Cinneach,,,  b'e  *'  toil 
an  Tighearn"  a'  chùis  a  bhi  mar  sin,  Gnìomh,  xxi. 
11,  14.  Uime  sin,  tha  an  camadh  crannchuir  is 
mò  a  th'air  thalamh  dìreach  air  neàmh ;  cha'n  'eil 
neo-fhreagarrachd  air  bith  ann  an  sin.  Ach  tha 
camadh  ann  an  crannchur  nan  uile  a  thaobh  an 
càil  agus  an  tograidhean  nadurrach  fèin.  Tha  am 
freasdal  àmhgharach  calg-dhìreach  an  aghaidh  na 
riaghailte  sin,  agus  chafhreagair  e  dh'i,  's  cha  chòird  e 


20 


AN  CAMADH  's  A1  CHRANNCHUR. 


rithe  air  chor  sam  hith.  'Nuair  a  chaireas  freasdal 
Dè  an  dara  h-aon  ris  an  aon  eile,  tha  neo-f  hreagarr- 
achd  fholaiseach  eatorra.  Tha  toil  an  duine  a' 
dol  aon  rathad  agus  riaghailt  an  fhreasdail  a'  dol 
rathad  eile ;  tha  'n  toil  aig  aomadh  suas,  agus  na 
freasdalan  tarsuing  a'  cromadh  sìos ;  mar  sin  tha  iad 
calg-dhìreach  an  aghaidh  a  cheile ;  agus  's  ann  an 
sin,  agus  an  sin  a  mhàin,  a  tha  an  camadh  na  luidh. 
'S  e  an  neo-fhreagarrachd  so  a  tha  deanamh  a'  cham- 
aidh  's  a'  chrannchur  'n  a  mheadhon  iomchuidh  chum 
ar  dearhhadh  agus  ar  cronachadh,  rè  àm  ar  deuch- 
ainn.  Ma  's  aill  leat  a  bhi  taitneach  do  Dhia  's  an 
ni  so  ;  ag  imeachd  a  rèir  creidimh,  agus  cha'n  ann 
a  rèir  seallaidh,  feumaidh  tu  thu  fèin  a  dheanamh 
rèidh  ri  toil  agns  ri  rùn  Dè,  agus  gu'n  hhi  do'n  bha- 
rail  gu'm  bu  chòir  an  ni  a  bhi  a  rèir  do  thoil-sa, 
lob.  xxxiv.  23. 

2.  Duaichnidheachd.  Tha  nithe  cama  mi-thait- 
neach  do'n  t-sùil ;  agus  cha  mheasar  camadh  air 
bith  t  's  a'  chrannchur  sòlasach,  ach  doilgheasach, 
agus  gle  dhuaichnidh  do'n  t-sealladh,  Eabh.  xii.  11. 
Uime  sin,  cha  b'uilear  do  dhaoinibh  a  bhi  air  am 
faicill  chum  an  inntinnean  a  shuidheachadh  air  a' 
cliamadh  'n  an  crannchur,  agus  gu'n  a  chumail 
iomadaidh  'n  am  beachd.  Tha  Daibhidh  a'  nochdadh 
deuchainn  chronail  do'n  ghnè  so  bho  fhiosrachadh 
fèin,  Salm  xxxix.  3.  "  'Nuair  a  bha  mi  a'  beachd- 
smuaineachadh,  las  an  teine*"  Rinn  Iacob  a'  chuid 
bu  ghlice,  dh'ainmich  e  'mhac  a  b'oige  Beniamin, 
is  e  sin  ri  ràdh,  mac  na  deas-làimh.,  neach  a 
dh'ainmich  a  mhàthair,  'nuair  a  bha  h-anam  a'  deal- 
achadh  rithe  Ben-oni,  is  e  sin  ri  ràdh,  mac  mo 
dhoilgheis ;  chum  leis  a  so  dheanamh,  nach  biodh 
an  camadh  'n  a  chrannchur  air  a  thoirt  as  ùr  gu 
chuimhne,  na  h-uile  uair  a  ghairmeadh  e  ainm  a 
mhic.  Gu'n  amharus  feudaidh  an  Criosduidh  gu 
tearuinte  beachd  seasmhach  agus  socrach  a'  ghabh- 
ail  do'n  chamadh  'n  a  chrannchur  ann  an  solus 


AN  CAMADH  's  AJ  CHRANNCHUR. 


21 


an  fhocail  naoimh,  a  tha  'g  a  chur  an  cèill  mar 
smachdachadh  a'  chumhnaint.  Mar  sin  foillsich- 
idh  an  creidimh  taitneas  dìomhair  anns  a'  chamadh, 
fo  choslas  gle  dhuaichnidh  bho'n  leth  a  mach ;  a' 
taisheanadh  co  freagarrach  's  a  ta  e  do  mhaitheas, 
do  ghaol,  agus  do  ghliocas  neo-chrìochnach  Dhè,, 
agus  do  fhior  bhuannachd  an  neach  a  ta  fo'n  t-slait 
smachdachaidh ;  leis  a  so  tha  aon  a'  teachd  gu 
tlachd  a  ghabhail,  agus  sin  fior  thlachd  ann  an 
trioblaid,  2  Cor.  xii.  10.  Ach  ciod  air  bith  mar  a 
tha'n  camadh  's  a'  chrannchur  do  shuil  a'  chreidimh. 
cha'n  'eil  e  idir  taitneach  do  shuil  an  fhaireach- 
aidh. 

3.  Neo-chomas  irneachd.  Tha  Solamh  a'  toirt 
an  aire  do  'n  aobhar  a  tha  toirt  air  a'  bhacach  a 
bhi  co  cearbach  agus  co  an-shocrach  'n  a  thriall, 
Gnàth.  xxvi.  7.  <e  Cha'n  ionann  cosan  a  bhacaich.5" 
ladsan  a  tha  air  an  cleachdadh  ris  a'  chamadh  'n  an 
crannchur,  mhothaich  iad  an  an-shocair  so ;  tha 
spiorad  àrdanach  agus  crannchur  ìosal  trioblaideach., 
'n  a  dheuchainn  chruaidh  do'n  Chriosduidh  'n  a 
thriall,  cha'n  'eil  ni  sam  bith  is  luaithe  a  bheir  rathad 
do'n  bhuaireadh  no  an  camadh  's  a'  chrannchur;  no 
ni  sam  bith  ni's  ullamh  gu  neach  a  thionndadh  as 
an  t-slighe."  Uime  sin^  deir  an  t-Abstol,  Eabh. 
xii.  13.3  i(  Deanaibh  cos-cheuma  dìreach  do  'ur  cos- 
aibh,  air  eagal  gu'm  bi  an  ni  sin  a  ta  bacach  air  a 
thionndadh  as  an  t-slighe.,,  Air  an  aobhar  sin,  an 
àite  iadsan  a  th'ann  an  àmhghar  a  chronachadh  gu 
searbh,  's  ann  bu  chòir  dhuinn  truas  a  ghabhail 
diubh ;  gidheadh  is  tearc  iad  a  dli'fhòghlumas  an 
leasan  so,  gus  an  teagaisg  am  fèin-fhiosrachadh  iad. 
'S  fada  bho'n  thug  lob  an  aire,  anns  a  chùis  so,  do 
ni  a  ta  fior  gus  an  latha'n  diugh,  Iob  xii.  5.  £t  Mar 
lochran  fo  thàir  ann  an  smuaintibh  an  tì  a  ta  aig 
fois,  bithidh  esan  a  bhios  ullamh  gu  sleamhnachadh 
le  ,chois.,> 

4.  '*  Càil  gu  greim  a  ghlacadh  agus  gu  ribeadli, 


22 


AN  CAMADH  's  A'  CHRANNCHUR. 


mar  dhubhanaibh,  eadhon  mar  dhubhanaibh-iasg- 
aich,"  Amos  iv.  2.  Tha'n  camadh  's  a'  chrannchur 
co  ro  ullamh  gu  truailleachd  agus  mi-shuaimh- 
neas  inntinn  a  dhusgadh,  ann  an  spiorad  neach,  *s 
gu  bheil  Sàtan  'g  a  ghnàthachadh  gu  dìchiollach 
chum  na  criche  eunnartaich  sin  :  Agus  ma  bhuann- 
•  aicheas  am  buaireadar  aon  uair  a'  phùinc  sin ; 
gheibh  an  neach  a  bhuaireai%  mun  urrainn  dha  bhi 
air  fhaicill,  e  fèin  air  a  ribeadh  mar  ann  an  dris, 
as  nach  bi  fios  aige  cia  mar  lasaicheas  se  e  fèin. 
Fo  na  bhuaireadh  sin  tha'n  camadh  gu  tric  coslach 
ri  bata  càm  a'  cur  troimh  cheile  lochan  balbh ;  ni 
chan  e  a  mhàin  a  dhuisgeas  a  nios  lathach  'n  a 
mheasg  uile,  ach  mar  an  ceudna  a  bheir  a  nios  bho 
'n  ghrunnd  cuid  a  nithe  ro  ghrannda.  Mar  so  thog  e 
gnè  do  thoibheum  agus  do  mhi-chreideas  mu  Dhia 
ann  an  cor  Asaiph,  Salm  lxxiii.  13.  "  Da  rìreadh 
gu  dìomhain  ghlan  mi  mo  chridhe,  agus  nigh  mi  mo 
làinhan  an  neo-chionta."  Mar  gu'n  abradh  e^ 
Cha'n  'eil  ni  sam  bith  's  an  diadhachd,  is  ni  dìomh- 
ain  agus  folamh  i_,  anns  nach  'eil  tairbhe  sam  bith  ; 
bu  mhise  an  t-amadan  a  bh'aig  a  leithid  do  shaoth- 
air  mu  ghloine  agus  mu  naomhachd,  aon  chuid 
cridhe  no  bheatha.  Och  !  an  e  so  Asaph  diadhaidh  ? 
Cia  mar  thionndadh  e  co  tur  neo-choslach  ris  fèin  ? 
Ach  is  e  'n  camadh  's  a'  chrannchur  am  meadhon, 
leis  am  bheil  am  buaireadair  a'  leigeadh  ris  mòran 
do  thruailleachd  uaigneach ;  eadhon  anns  a'  mhuinn- 
tir  is  fearr. 

5S  e  so  nàdur  a'  chamaidh  's  a'  chrannchur.  Thug- 
amaid  a  nis  fainear  ciod  an  earrann  do'n  chrann- 
chur  anns  am  bheil  e  tachairt. 

Gu  coitchionn  feudaidh  tri  co'dhunaidhean  a  bhi 
air  an  suidheachadh  air  a'  cheann  so. 

1.  Feudaidh  e  tachairt  ann  an  earrann  air  bith 
do'n  chrannchur  ;  cha'n  'eil  earrann  air  bith  saor ; 
oir^  air  do'n  pheacadh  a  bhi  air  fhaotuinn  anns 
gach  earrann^  feudaidh  an  camadh  tachairt  ann  an 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


23 


earrainn  air  bith.  "  Tha  sinn  uile  mar  ni  truaillidh, 
agus  tha  sinn  uile  air  seargadh  mar  dhuilleach." 
Isa.  lxiv.  6.  Tha  prìomh  shruth  a'  pheacaidh,  a 
tha'n  camadh  gu  h-ealamh  a'  leantuinn,  a'  ruith 
ann  an  cladhanaibh  gle  eadar-dhealaichte.,  ann  an 
cor  muinntir  fa  leth.  Agus  a  thaobh  càil  eadar- 
dhealaichte  inntinnean  dhaoine,,  feudaidh  an  ni  fo'n 
siùbhail  neach  eile  gle  eutrom,  a  bhi  'n  a  eallach 
throm  dhomhsa. 

2.  Feudaidh  an  camadh  tachairt  ann  an  iomadh 
earrann  do'n  chrannchur  còmhladh,  an  Tighearna 
gairm,  mar  air  là  suidhichte,  uamhasan  neach  air 
gach  taobh,  Tuir.  ii.  22.  Air  uairibh  tha  Dia 
a'  deanamh  aon  chamadh  comharraichte  ann  an 
crannchur  neach :  ach  feudar  Gad  a  Ghairm  mar 
ainm  ah%  do  bhrìgh  nach  'eil  ann  ach  roimh-theachd- 
aire  air  buidheann  a  tha  teachd.  An  sin,  tha  na  ca- 
maidhean  air  an  lìonmhoireachadh,  ionnas  gu  bheil 
neach  air  a  dheanamh  bacach  air  gach  cois.  Am 
feadh  a  ta  aon  sruth  a'  teachd  air  gu  dian  bho  aon 
chearnaidh,  tha  sruth  eile  teachd  air  bho  chearnaidh 
eile,  gus  am  bheil  na  h-uisgeachan  a'  bristeadh  a 
steach  mu  dheireadh  air  gach  làimh. 

3.  Tha  an  camadh  a'  tachairt  gu  minig  anns 
an  earrainn  is  laige,  tha  mi  a'  ciallachadh  an  earrann 
sin  do'n  chrannchur  is  neo-chomasaiche  air  a  ghiù- 
lan,  no^  air  a  chuid  is  lugha,  a  mheasar  mar  sin 
le  neach,  Salm.  Iv.  12,  13.  "  Cha  bu  nàmhaid  a 
thug  masladh  dhomh,  no  dh'fhuilinginn  e.  Ach 
thusa !  fear  bu  choimpire  dhomh  fèin,  fear  m' 
iuil  agus  fear  m'  eòlais."  Ma  tha  aon  earrann  thar 
earrann  eile  do'n  chrannchur,  anns  am  bheil  neach 
a'rùnachadh  fois  a  ghabhail,  theid  an  dris  a  chur 
an  sin  air  ball,  gu  h-araid,  ma  bhuineas  e  do  Dhia  : 
feudaidh  e  bhi  cinnteach  gur  anns  an  earrann  sin 
's  an  tur  neo-fhulangach  e  air  beantuinn  ris,  a 
theid  a  theannachadh.  'S  ann  an  sin  a  theid 
deuchainn  a  chuir  air:  oir  's  ann  an  sin  a  tha 


24 


AN  CAMADH  's  A'  CHRANNCHUR. 


n  comh-stri  mhòr  ri  Criosd.  "Bheir  mi  uatha 
miann  an  sùl,  agus  an  ni  sin  air  an  suidhich  iad  an 
inntinn,"  Esec.  xxiv.  25.  A  chionn  gur  e  'n  cam- 
adh  's  a'  chrannchur  an  deuchainn  shònruichte  a 
tha  air  a  comharrachadh  air  son  gach  aon  fa  leth, 
tha  e  tur  reusontach  agus  freagarrach  ri  glioc- 
as  Dhè,  gun  tachradh  e  s  an  earrann  sin  is  mò 
tha  claonadh  ar  cridhe  uaithe  fèin.  Ach  ni's  ro 
shònruichte,  feudar  a  thoirt  fainear  gu'm  feud  an 
camadh  tachairt  's  na  ceithir  earrannaibh  so  do'n 
chrannchur. 

1.  Feudaidh  e  tachairt  ann  an  dealbh  corporra 
nan  crèutairean,  mar  an  cumadh  sin  a  chomharr- 
aicheadh  dhoibh  leis  an  Dia  mhòr  a  dheilbh  na 
h-uile  nithe.  Chruthaicheadh  ar  ceud  sinnseara, 
Adhamh  agus  Eubh,  iomlan,  slàn  agus  fallain,  as 
èugmhais  a'  chiorraim  bu  lugha,  aon  chuid  'n  an 
corp  no  'n  an  anam ;  gidheadh  ann  an  dealbh  an 
sliochd,  tha  gu  minig  eadar-dhealachadh  folaiseach 
ri  fhaicinn  bho  'n  cheud  dealbh.  Is  e  camadh 
crannchuir  cuid  mi-iomlanachd  chorporra,  aon 
chuid  a  thaobh  naduir  no  thaobh  tuiteamais,  mar  a 
ta  anmhuinneachd,  mi-chumaidheachd,  tuille  's  a' 
choir  no  easbhuidh  bhuill  a  bhi  air  an  cuirp.  Tha 
ni-eiginn  duaichnidh  no  craiteach  mu'n  timchioll. 
Tha  camaidhean  do'n  ghnè  so  ri'm  faicinn  ann  an 
tomhas  èiginn  gle  chumant  agus  gnàthaichte,  's 
cha'n  'eil  a'  mhuinntir  is  feàrr  saor  uatha :  agus  is 
ann  gu  h-ana-mheadhonach  do  fhìor  ghean  math 
Dhè  nach  'eil  iad  ni  's  liònmhoire.  B'e  suilean 
anmhunn  an  camadh  a  bh'ann  an  crannchur  Leah, 
Gen.  xxix.  17.  B'e  camadh  crannchuir  Racheil,  a 
maise  bhi  air  a  co'chothromachadh  le  aimrideachd_, 
caib.  xxx.  1.  Tha  e  coslach  nach  robh  Pol  Ab- 
stol  mòr  nan  Cinneach  'n  a  dhuine  foghainteach 
ann  am  pearsa,  ach  neo-inbheach  'n  a  làthaireachd 
chorporra,  ni  air  son  an  robh  amadana  ullamh  gu 
tàire  dheanamh  air,  2  Cor.  x.  10.   Cha  robh  ann 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


25 


an  Timoteus  ach  duine  anmhunn,  euslainteach, 
tinn,  1  Tim.  v.  23.  Agus  gidheadh  tha  camadh 
ni's  ro  mhò  ann  an  crannchur  nam  bacach,  nan  dàll, 
nam  bodhar,  agus  'nam  balbhan.  Tha  cuid  ann 
a  tha  lag  ann  an  tomhas  àraid  'n  an  tuigse  ;  agus  is 
e  camadh  crannchuir  iomadh  anam  urramach  a  bhi 
gu  sònruìchte  air  an  dorchachadh  agus  air  am  folach 
le  neoil,  a  thaobh  nan  cuirp  euslainteach  's  am  bheil 
iad  a  chòmhnuidh;  tha  eisempleir  chomharraichte 
againndo'n  ghnèso  ann  cor  loib,  chiallach,  ghlic,  agus 
fhoighidnich,,  "  a  dh'imich  ri  bròn  as  èugnihais  na 
grèine:  seadh  a  dh'èirich  anns  a'  chomhchruinn- 
eachadh  agus  a  dh'èigh,"  Iob  xxx.  28. 

2.  Feudaidh  an  camadh  tachairt  ann  an  cliù 
neach.  Buinidh  urram  do  na  h-uile  dhaoine  am 
beag  co  math  ris  a'  mhòr,  1  Pead.  ii.  1 7.,  air  bonn 
ceud  suidheachaidh  nàduir  an  duine,  mar  chaidh 
a  dhealbh  a  rèir  iomhaigh  Dhè.  Gidheadh,  ann 
an  suidheachadh  ard-uachdranachd  an  fhreasdail 
naoimh  tha  camadh  crannchuir  cuid  a*  tachairt  anns 
an  dearbh  earrainn  so.  Tha  dearmad  agus  tarchuis 
air  a  dheanamh  orra ;  tha'n  creideas  air  a  chumail 
iosal  an  còmhnuidh ;  tha  iad  a'  dol  troimh  'n  t- 
saoghal  fo  nèul,  air  dhoibh  a  bhi  air  an  cur  fo  dhroch 
ainm,  tha'n  cliù  air  a  chuir  fodha.  Air  uairibh 
is  e  so  toradh  nàdurrach  an  giùlain  amaideach  agus 
peacach  fèin;  coslach  ri  Dinah  a  chaidh  a  mach 
air  fadharsachd  air  feadh  na  tìre  chum  goraich  a 
h-oige  a  riarachadh^  a  thug  masladh  buan  air  a 
cliù,  do  bhrìgh  nach  d'f  heith  i  gu  furachar  ri  gairm 
bho  Dhia,  Gen.  xxxiv.  Gidheadh  feudar  a  thoirt 
fainear  far  an  suidhich  Dia  camadh  do  n  ghnè  so 
ann  an  crannchur  neach,  cha  dean  neo-chiontas  a 
mhaslaidh  a  ghlanadh  air  falbh  ann  an  saoghal  mi- 
runach.  Ni  mò  is  urrainn  deadh  airidheachd  cur 
'n  a  aghaidh,  chum  crannchur  neach  a  dheanamh 
dìreach  anns  an  earrainn  sin.  Tha  Daibhidh  a* 
cur  an  ceill  a  chòr  fèin  mar  so_,  Salm  xxxi.  11^ 


26  AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 

I2_,  13,  (<  Iadsan  a  chunnaie  mi  a  muigh,  theich  iad 
uam :  dhì-chuimhnicheadh  mi  mar  dhuine  marbh 
air  dol  à  cuimhne ;  tha  mi  mar  shoitheach  briste. 
Oir  chuala  mi  cul-chaineadh  mòrain  dhaoine." 

3.  Feudaidh  e  tachairt  ann  an  dreuchd  neach  

Ciod  air  bith  gairm  no  inbhe  anns  am  bheil 
daoine  's  an  t-saoghal,  bitheadh  i  diadhaidh  no 
daonda,*  feudaidh  an  camadh  crannchuir  tachairt 
innte.  Bha  Isaiah  'n  a  fhàidh  urramach,  gidheadh 
gle  neo-shoirbheachail,  Isa.  liii.  1.  Chòmhluich 
Ieremiah  ri  co  lion  mi-mhisneach  agus  droch  làimh- 
seachadh,  ann  an  cleachdadh  a  dhreuchd  naoimh, 
ionnas  gu'n  robh  e  gle  f  haisg  air  a  toirt  thairis,  ag 
ràdh,  "  Cha  toir  mi  iomradh  air,  ni  mo  labhras  mi 
tuilleadh  'n  a  ainm/'  Ier.  xx.  9.  Tha  an  Salmadair 
a*  toirt  fainear  gu  bheil  an  camadh  so  a'  tachairt 
gu  minig  ann  an  crannchur  cuid  do  dhaoine  tha  gle 
dhìchiollach  'n  an  gnothaichibh  saoghalta,  muinntir 
u  a  shiol — chuireas  achanna  agus  aig  amannaibh 
tha  Dia  'g  am  beannachadh — agus  cha  lughdaich  e 
an  spreidh:  Ach  a  rithist,  lughdaichear  agus 
leigear  sìos  iad  le  foirneart,  olc  agus  doilgheas/, 
Salm  cvii.  37,  38,  39.  Rinneadh  a  leithid  so  a 
chamadh  ann  an  crannchur  Ioib,  an  dèigh  dha 
mairsinn  dìreach  rè  ùine  fhada.  Tha  cuid  a' 
riaghladh  an  gnothaichean  leis  gach  uile  chùram 
agus  dhìchioll, — tha  'n  tuathanach  gu  cùramach  a' 
saoithreachadh  'fhearainn :  tha  'n  ciobear  a'  rann- 
sachadh  a  mach  le  dìchioll  staid  d  chaorach ;  agus 
a'  toirt  an  aire  mhath  da  'threudaibh  :  tha  'm  fear- 
ceaird  moch  agus  anmoch  air  ceann  a  ghnothaich : 
tha'n  ceannaiche  gu  dian  dìchiollach  a'  feitheamh 
gus  na  cothromaibh  is  ro  f  hearr  agus  is  gealltann- 
aiche  air  buannachd  a  ghlacadh ;  gidheadh  tha  an 
camadh  a  tha  's  an  earrainn  sin  oVn  crannchur  co 
mòr  's  nach  urrainn  an  uile  dhìchioll  a  dhìreadh. 
C'arson?   Tha,  do  bhrìgh  gu  bheil  na  meadhonan 

•  Saoghalta.  ; 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


27 


is  ro  shònruichte  a  ghnàthaichear  a  chum  na  crìche 
sin  gun  bhrìgh,  asèugmhais  gu'nd'  àithn  Dia  dhoibh 
soirbheachadh :  (e  Co  esan  a  their,  agus  gu'n  tig 
e  gu  crìch^  an  uair  nach  aithn  an  Tighearna  V — 
Tuir.  iii.  37.  Tha  muinntir  ag  obair  le  seòltachd 
agus  dìchioll  air  an  gnothach,  gidheadh  tha'n 
soirbheas  a'  tionndadh  'n  an  eudainn,  tha  freasdal 
a'  cur  an  aghaidh  an  ionnsuidhean,  tha  e  cur  troimh 
cheile  'n  dealbhan,  a'  mealladh  an  dùil  agus  an 
dòchais,  a'  toirt  an  oidheirpean  gu  neo-bhrìgh,  agus 
mar  sin  'g  an  cuir  agus  'g  an  cumail  an  còmhnaidh 
ann  an  cor  trioblaideach.  *cMar  sin  cha'n  ann 
do  na  daoinibh  luatha  tha  an  rèis^  no  do  na 
daoinibh  treuna  an  cath,  no  do  na  daoinibh  glic 
aran,  no  do  dhaoinibh  tuigseach  saoibhreas/'  Ecl. 
ix.  11.  Gidheadh  tha  freasdal  a'  teachd  's  an  ead- 
raiginn,  agus  a'  deanamh  càm  na  nithe  a  rinn  gliocas 
agus  dìchioll  dhaoine  dìreach  freagarrach  ri  'n  crìoch- 
aibh  fa  leth ;  mar  sin  tha  na  daoine  luatha  a'  càll 
na  rèis,  's  na  daoine  treuna  an  cath,  agus  na  daoine 
glice  arain  :  am  feadh,  aig  a  cheart  àm^,  a  tha  ni 
èiginn  ann  an  rathad  freasdail  b!  deanamh  'n  àirde 
na  h-uireasbhuidh  a  th'  ann  an  comas,  an  giùlan, 
agus  an  gliocas  dhaoine,  tha  na  daoine  màll  a' 
buannachd  na  rèis,  agus  a'  faotuinn  a'  ghìll,  's  tha 
na  daoine  lag  a'  cosnadh  a'  chath,  agus  'g  an  dean- 
amh  fèin  saoibhir  leis  a'  chreich ;  agus  tha  aran  a' 
tuiteam  ann  an  uchd  an  amadain. 

4.  Feudaidh  e  tachairt  ann  an  cdirdibh  neach.  Is 
iad  na  càirdean  uilt  gach  comuinn ;  agus  feudaidh 
an  camadh  's  a'  chrannchur  tachairt  an  sin3  mar  is 
tric  is  anns  na  h-uilt  sin  is  ro  ghèire  a  mhothaich- 
eas  neach  a  chràdh.  Is  iad  na  h-uilt  sin  'n  an 
nàdur  tobar  sòlais  an  duine ;  gidheadh  tha  iad 
gu  minig  a'  sruthadh  an  t-searbhais  is  mò  d'a 
ionnsuidh.  Air  uairibh  tha'n  camadh  so  a'  tachairt 
le  càirdibh  a  chàll.  Mar  sin  rinneadh  camadh  ann 
an  crannchur  Iacoib,  le  bàs  Racheil  a  chèilidh  gràdh- 


28 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


ach,  agus  theab  càll  Ioseiph,  a  mhic,  agus  aon 
ghràidh,  a  thoirt  le  bròn  do'n  uaigh.  Tha  lob  a' 
caoidh  a'  chamaidh  so  'n  a  chrannchur  fèin,  Iob  xvi. 
7.  "  Rinn  thu  aonarach  mo  chuideachd  uile a' 
ciallachadh  a  chlann  ghràdhach,  a  chairich  e  gu 
leir  anns  an  uaigh,  cha  d'fhàgadh  uiread  agus  aon 
mhac  no  nighean  aige.  A  rithist,  tha'n  camadh 
air  uairibh  air  a  dheanamh  le  làimh  smachdach- 
aidh  Dhè  bhi  luidh  tròm  air  ar  càirdibh ;  agus  a 
thaobh  an  dlù  dhàimh,  mothaichidh  sinne  gu  goirt 
an  cudthrom,  mar  a  tha  e  air  a  chur  an  ceill  gu 
faireachdail  leis  a'  mhnaoi  chreidmheach  sin. — 
Mata  xv.  22.  "  Dean  tròcair  orma  a  Thighearn, 
a  ta  mo  nighean  àir  a  buaireadh  gu  truagh." — 
Mhothaich  Èphraim  cùrsa  searbh  do  àmhghairibh 
teaghlaich,  "  'n  uair  a  thug  e  Beriah  mar  ainm  air 
a  mhac,  a  chionn  gu'n  d  eirich  gu  h-olc  le  ,thigh.,> 
1  Eachd.  vii.  23.  A  chionn  nach  e  a  mhàin  gur 
dìomhanas  na  h-uile  nithe,  ach  buaireadh  spioraid, 
's  gànn  is  urrainn  e  bhi,  nach  mothaich  an  duine 
àm  air  chor-eiginn^  mar  is  mo  dh'fhosglair  dha  do 
na  tobraichibh  sòlais  so,  nach  'eil  annta  ach  an 
tuille  thuil-dhorsa  doilgheis  chum  brùchdadh  a 
steach  air ;  am  bròn  an  comhnuidh  air  a  chothrom- 
achadh  ris  an  t-sòlas  a  gheibhear  annta,  no  dh'earbta 
uatha.  Agus^,  's  an  àite  mu  dheireadh,  tha'n  camadh 
air  uairibh  a'  tachairt  troimh  neorthairisneachd 
chàirdean  a  thaobh  mi-thaitneas  an  gnè,  an  càil, 
agus  an  doigh.  Bha  camadh  ann  an  crannchur 
Ioib,  trid  easumhlachd  agus  ascaoineachd  a  mhnà. 
Iob.  xix.  17.  Ann  an  crannchur  Abigail,  trid  mi- 
ghnè  agus  iargaltas  a  fìr-posda.  1  Sam.  xxv.  25. 
Ann  an  crannchur  Eli,  trid  ceannairc  agus  rag- 
inhuinealachd  a  chuid  cloinne.  Caib.  ii.  25. — 
Agus  ann  an  crannchur  Ionatain,  trid  nàdur  garg 
agus  feargach  athar.  Caib.  xx.  30,  33.  Mar  sin 
tha  daoine  mar  is  tric  a'  faotuinn  an  trioblaid  is  mò 
far  an  robh  iad  aig  earbs'  an  t-sòlas  bu  mhò.  Chuir 


AN  CAMADH  's  AJ  CHRANNCHUR. 


29 


am  peacadh  an  cruthachadh  gu  leir  air  aimhreidh, 
agus  dh'fhàg  e  gach  dàimh  fa  leth  huailteach  do'n 
chamadh.  Anns  an  teaghlach  gheibhear  maighstirean 
cruaidh  agus  mi-cheart,  agus  seirbhisich  do-cheann- 
saichte  agus  mi-dhìleas:  ann  an  coimhearsnachd 
gheibhear  daoine  fein-speiseil  agus  connspoideach ; 
anns  an  Eaglais  gheibhear  ministeirean  neo-tharbhach 
agus  mi-chiatach  'n  an  giùlan,  agus  pobull  tàireil 
agus  mi-riaghailteach  'n  an  eallach  do  spioradaibh 
mhinisteirean ;  anns  an  Stàda  gheibhear  luchd- 
riaghlaidh  an-iochdmhor  agus  caoin-shuarach  mu'n 
ni  sin  a  ta  math,  agus  iochdaranan  buaireasach 
agus  ceannairceach ;  tha  na  h-uile  dhiubh  so  a' 
deanamh  camaidh  ann  an  crannchur  an  càirdean. 
Agus  an  f had  so  mti'n  chamadh. 

II.  Air  dhuinn  beachd  a'  ghabhail  air  a'  chamadh 
fèin,  tha  sinn  anns  an  dara  àite  gu  thoirt  fainear 
gur  ann  do  dheanamh  Dhè  a  tha  e.  Agus  ann  an 
so  tha  gu  bhi  air  a  nochdadh — 1.  Gur  ann  do 
dheanamh  Dhè  a  tha  e. — 2.  Cionnas  a  tha  e  do 
dheanamh-sa — 3.  C'arson  a  tha  e  'g  a  dheanamh. 

An  tùs — Tha  e  soilleir  bho  na  tri  aobhairibh  so, 
gur  ann  do  dheanamh  Dhè  a  tha  'n  camadh  's  'a 
chrannchur3  ciod  air  bith  e. 

1.  Cha'n  fheudar  a'  chur  an  teagamh  nach 
smachdachadhair  son  uilcan  camadh's  a'  chrannchur, 
ciod  air  bith  aobhar  air  son  am  bheil  e  ;  is  e  sin,  co 
aca  a  tha  'n  camadh^  no  'n  t-aobhar  *s  a'  cheart  àm 
peacach,  no  nach  'eil,  gun  teagamh  is  peanas  no 
àmhghar  a  th'ann.  A  nis,  mar  a  dh'fheudas  e  a 
bhi  gu  naomh  agus  gu  ceart  air  a  leagadh  mar 
pheanas  oirnne,  le  ar  'n  Ard-uachdaran  ar  Tighearn 
agus  ar  Breitheamh ;  mar  sin  tha  e  gu  soilleir  a'  cur 
an  cèill  gur  ann  de  dheanamh  fèin  a  tha  e. — Amos, 
iii.  6.  "  Am  bi  dòrainn  ann  am  baile,  s  nach  e  'n 
Tighearn  a  chuir  ann  e  V  Uime  sin,  do  bhrìgh 
nach  urrainn  smachdachadh  air  son  uilc  ach  a  bhi 
do  dheanamh  Dhè,  agus  gur  smachdachadh  do'n 


30 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


hnè  sin  an  camadh  's  a'  chrannchur,  feumar  a  cho' 
hùnadh  gur  ann  do  dheanamh-sa  a  tha  e, 
2.  Tha  e  dearbhta,  bho  theagasg  an  sgriobtuir 
mu  f  hreasdal  Dè,  gu  bheil  Dia  sl'  toirt  air  adhairt 
crannchur  gach  neach,  'n  a  'uile  earrannaibh  fa  leth. 
Tha  e  'n  a  shuidh  air  stiuir  gnothaichean  dhaoine  ; 
agus  'g  an  tionndadh  mu'n  cuairt  ge  Ve  taobh  is  àill 
leis.  "  Ge  b'e  ni  bu  toil  leis  an  Tighearn  rinn  e 
air  nèamh  agus  air  talamh,  anns  na  cuantaibh, 
agus  anns  na  doimhneachdaibh  uile."  Salm 
cxxxv.  6.  Cha  tachair  ni  sam  bith  dhuinne  as 
èugmhais  riaghlaidh  a  fhreasdail-san.  Tha'n  dearbh 
f hreasdal  a  thug  sinn  a'  mach  as  a*  bhroinn,  'g  ar 
tabhairt  agus  'g  ar  suidheachadh  anns  an  ionad, 
agus  anns  an  staid  a  shònruicheadh  air  ar  son  leis- 
san  u  a  shuidhich  na  h-amanna  roimh-òrduichte, 
agus  crìochan  ar  'n  àite  còmhnuidh  "  Gnìomh. 
xvii.  26.  Tha  e  a'  riaghladh  nan  nithe  is  lugha 
tha  tachairt  mu'n  cuairt  dhuinn,  mar  a  ta  "  tuiteam 
fuilteine  ar  cinn  air  an  talanih."  Mata  x.  29,  30, 
C(  Anns  an  uchd  tilgear  an  crannchur."  Gnàth. 
xvi.  33.  Seadh,  saor  ghnìomharan  ar  toil  leis  am 
bheil  sinn  a'  ròghnachadh  air  ar  son  fèin,  oir 
"  mar  shruthaibh  uisgeacha  tha  cridhe  righ  ann  an 
làimh  an  Tighearna."  Gnàth.  xxi.  1.  Agus  gach 
ceum  a  ni  sinn,  agus  a  ni  muinntir  eile  air  ar  son ; 
oir  iC  cha'n  'eil  slighe  duine  'n  a  chomas  fèin:  cha'n 
'eil  e  'n  comas  duine  a  ta  'g  imeachd  a  cheum  a' 
stiùradh/'  Ier.  x.  23.  Uime  sin,  co  dhiubh  a  tha 
na  ceumanna  sin,  a  tha  deanamh  a'  chamaidh,  no 
na  ceumanna  a  tha  air  an  rùnachadh  roimh  làimh 
agus  peacach,  mur  bha  reic  Ioseiph  le  'bhrathraibh 
do'n  Eiphit :  no  co  dhiubh  a  tha  iad  neo-rùnaichte, 
mar  a  ta  mortadh  gun  droch  rùn  no  nach  'eil,  ach  a 
mhàin  a  thaobh  tuiteamais,  mar  a  ta  'nuair  a  bhios 
duine  gearradh  fiodha,  agus  a  mharbhas  e  'choimh- 
earsnach  le  te  ceann  na  tuaidh  a  leum  bhàrr  na 
coise."    Deut.  xix.  5.    Tha  freasdal  naomh  agus 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR.  31 

glic  a'  riaghaladh  gnìomhara  peacach  agus  neo- 
fhaicilleach  dhaoine.,  mar  a  stiuireas  marcach  each 
erùbach,  cha  'n  e  coire  a'  mharcaich  nach  siubhail  e 
còmhnard,  ach  crùbaichead  an  eich  fèin:  Uime 
sin,  anns  a'  cheud  chor  dhiubh  so,  tha  e  air  a' 
ràdh  gu'n  cuir  Dia  Ioseph  do'n  Eiphit.  Gen.  xlv. 
7.  Agus  anns  a'  chor  mu  dheireadh,  gu'n  d'thug 
e  thairis  neach  g'a  làimh  a  choimhearsnaich.  Ecsod. 
xxi.  13. 

3.  Dh'òrduich  Dia  le  rùn  sìorruidlr,  daingean 
mar  44  shleibhtibh  umha,,,  Sech.  vi.  1,  an  t-iomlan 
do  chrannchur  nan  uile  chreutairean,  na  h-earr- 
annan  a  tha  càm  co  math  ris  na  h-earrannaibh  a 
tha  dìreach.  Leis  an  òrdugh  bhith-bhuan  cheudna, 
leis  na  shuidhicheadh  ionada  àrd  agus  iochdrach 
na  talmhainn,  na  sleibhtean,  agus  na  glinn,  tha'n 
àirde  agus  an  doimhne^,  an  soirbheas  agus  an 
doirbheas  a  th'ann  an  crannchur  a  luchd-àiteach- 
aidh  air  an  òrduchadh;  agus  tha  iad  air  an  toirt 
mu'n  cuairt  'n  an  àm,  fior  fhreagarrach  ris  an  òrdugh 
sin.  'S  e  rùn-dìomhair  freasdail,  ann  an  uachd- 
ranachd  an  t-saoghail,  an  aitreabh  a  thogadh  le 
Dia,  'n  a  h-uile  earrannaibh  fa  leth,  a  rèir  an  dearbh 
shuidheachaidh  a  bh'ann  an  "rùn  an  Tì  a  ta  'g  oib- 
reachadh  nan  uile  nithe  a  rèir  comhairle  a  thoile 
fèin.,,  Eph.  i.  11.  Air  chor  as  nach  'eil  camadh 
air  bith  ann  an  crannchur  neach^  nach  fheudar  a 
lòrgachadh  chum  an  rùn  shìorruidh  sin.  Tha  Iob 
gu  cràbhach  a'  cur  eisimpleir  do'n  ghne  so  f '  ar 
comhair  'n  a  chor  fèin.  Iob  xxiii.  13,  14.  "  Tha 
e  's  an  aon  bheachd,  agus  co  a  thionndaidheas  e? 
agus  an  ni  is  miann  le  'anam,  sin  ni  e.  Oir 
coimhlionaidh  e  an  ni  a  dliòrduicheadh  dhomhsa ; 
agus  tha  mòran  d'an  leithidibh  sin  aige.,, 

'S  an  dara  dite — Chum's  gu'm  faic  sin  cionnas 
a  tha'n  camadh  's  a'  chrannchur  do  dheanamh  Dhè, 
feumaidh  sinn  eadar-dhealachadh  a'  chur  eadar 


32 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


camadh  fior-ghlan  neo-lochdach,  agus  camadh  neo- 
ghlan  peacach. 

1.  Tha  camaidhean  fior-ghlan  neo-lochdach  ann ; 
nithe  gu  n  amharus  a  tha  ro  chràiteach,  ged  nach 
'eil  annta  ach  a  mhain  trioblaidean^  agus  deuchainn- 
ean  neo-thruaillidh.  B'  ann  diubh  sin  bochdainn 
Lasaruis,  aimrideas  Racheil,  suilean  anmhunn  Leah, 
agus  doille'n  duine  a  bha  dàll  bho  rugadh  e.  Eoin  ix. 
1.  A  nis  's  ann  do  dheanamh  Dhè  a  tha  na  camaidh- 
ean  a  tha  do'n  ghnè  so,  g  an  òrduchadh,  agus  g  an 
toirt  gu  crìoch  gu  h-eifeachdach  le  buaidh  a  chumh- 
achd.  Is  esan  a  chruthaich  am  bochd.  Gnàth. 
xvii.  5.  "  An  tì  a  ni  fanoid  air  a'  bhochd,  bheir  e 
masladh  d'a  Chruithfhear is  e  sin,  bheir  e 
masladh  do  Dhia  a  rinn  bochd  e,  a  rèir  an  f  hocail  sin. 
1  Sam.  ii.  7.  ce  'S  e  'n  Tighearn  a  ni  bochd." — 
'S  esan  aig  am  bheil  iuchair  na  brònn,  agus  dùnaidh 
no  fosglaidh  e  i,  mar  is  àill  leis.  1  Sam.  i.  5 — 
Gen.  xxix.  31.  "  Agus  is  esan  a  dhealbh  an  t-sùil." 
Salm.  xciv.  9.  Agus  "rugadh  an  duine  dàll,  a 
chum  gu  'm  foillsichte  oibre  Dhè  ann/'  Eoin  ix, 
3.  Uime  sin,  thubhairt  an  Tighearna  ri  Maois. 
Ecsod.  iv.  11.  "  Co  a  rinn  bèul  an  duine ;  no  co  a 
rinn  am  balbh,  no  'm  bodhar,  no'n  tì  a  chi,  no*n 
dall?  Nach  mise  an  Tighearna?"  'S  e  Dia  a  tha 
deanamh  an  leithid  sin  a'  chamaidhean  's  a'  chrann- 
chur  anns  an  t-seadh  is  cothromaiche,  agus  'nuair 
a  ghabhar  làn  bheachd  orra,  is  iad  da  rìreadh 
gnìomh  a  làimhe-sa,  co  cinnteach  ris  na  neàmhaibh 
agus  ris  an  talamh. 

2.  Tha  camaidhean  neo-ghlan  peacach  ann,  nithe, 
a  thaobh  an  naduir  fèin,  a  tha  'n  am  peacaidhean  co 
math  's  a  tha  iad  n  an  àmhghairean,  truaillidh  co 
math  's  a  tha  iad  craiteach.  B'  ann  diubh  sin  an 
camadh  a  rinneadh  ann  an  crannchur  Dhaibhidh, 
trid  mi-riaghailt  a  theaghlaich,  mar  a  bha  truaill- 
eadh  Thamair,  mort  Amnoin,  agus  ceannairc 
Absaloim,  an  t-iomlan  diubh  mi-nadurrach.    B'  ann 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


33 


do  'n  glinè  cheudna  bha  'n  camadh  a  rinneadh  ann 
an  crannchur  Ioih,  'nuair  a  thugadh  air  falbh  a 
mhaoin,  agus  a  mharbhadh  a  sheirbhisich  leis  na 
Sabeanaich  agus  leis  na  Caldeanaich.  Mar  a  b'  iad 
sin  amhghairean  Dhaibhidh  agus  Ioib,  fa  leth,  mar 
sin  b*  iad  peacanna  na  muinntir  neo-shonadh,  a 
chuir  an  gnìomh  iad.  Mar  so  feudaidh  an  t-aon  ni 
a  bhi  'n  a  chionta,,  agus  'n  a  pheacadh  uamharra  do 
aon  neach,  agus  a  mhàin  'n  a  f  hulangas  agus  'n  a 
àmhghar  do  neach  eile.  A  nis,  cha  'eil  na  camaidh- 
ean  a  tha  do'n  ghnè  so  do  dheanamh  Dhè,  anns 
an  aon  tomhas  riusan  a  dh'ainmich  mi  's  a'  cheud 
àite ;  oir  ni  'n  cuir  e  olc  ann  an  cridhe  neach  air 
bith^  ni  mo  bhrosnuicheas  e  chum  uilc ;  cc  Oir  cha 
chomasach  Dia  a  bhuaireadh  le  h-olc,  ni  mo  bhuair- 
eas  e  neach  sam  bith."  Seum.  i.  13.  Gidheadh  's 
ann  do  dheanamh-san  a  tha  iad  do  bhrìgh  gu  bheil  e 
gu  naomh  'g  an  ceadachadh,  gu  cumhachdach  a'  cur 
crìochaibh  mu'n  cuairt  doibh^  agus  gu  glic  'g  an 
riaghladh  chum  crìoch  mhath  air  choir-eginn. 

1.  Tha  Dia  gu  naomh  'g  an  ceadachadh3  a'  fulang 
do  dhaoinibh  imeachd  'n  an  slighibh  fèin.  Gnìomh. 
xiv.  16.  Ged  nach  e  Dia  ughdair  nan  camaidhean 
peacach  sin,  'g  an  toirt  mu'n  cuairt  le  buaidh  a 
chumhachd ;  gidheadh  mar  ceadaicheadh  esan  iad, 
cha  b'urrainn  iad  a  bhi  idir  ann ;  oir  u  dunaidh 
esan^  agus  cha  'n  fhosgail  neach  air  bith."  Taisb. 
iii.  7.  Ach  tha  e  ann  an  ceartas  a'  cumail  a  ghràis 
bho'n  pheacach  nach  'eil  'g  a  iarraidh,  agus  a'  toirt 
dheth  na  cuibhrich  fo'm  bheil  e  neo-shocrach,  agus 
do  bhrìgh  gur  àill  leis  a'  pheacach  a  shaorsainn,  tha 
e  leigeadh  an  t-srian  mu  'mhuineal,  agus  'g  a  fhàg- 
ail  do  thoil  ana-mianna  fèin.  Hosea  iv.  17. 
cc  Tha  Ephraim  air  a  dhlù-cheangal  ri  iodholaibh, 
leig  leis,"  Salm  lxxxi.  11,  12,  cc  Cha  do  ghabh 
Israel  rium,— uime  sin  thug  mi  thairis  iad  do  ana- 
miann  an  cridhe  fèin."  Anns  a'  staid  neo-shonadh 
sin,  a  thaobh  aomaidh  sònruichte  a  pheacaich  fèin, 

c 


34 


AN  CAMADH  *S  A'  CHRANNCHUR. 


tha'n  camadh  mi-naomh  gu  nàdurrach  agus  gu  neo- 
mhearachdach  'g  a  leantuinn,  eadhon  mar  a  ruith- 
eas  uisge  le  bruthaich  ;  uime  sin,  anns  a'  staid  sin, 
"  dh'imich  Israel  'n  an  comhairle  fein/'  rann  12. 
Mar  sin  's  ann  do  dheanamh  Dhè,  mar  bhreith- 
eamh  ceart  a  tha'n  seòrsa  camaidh  sin,  a'  deanamh 
peanais  leis  air  an  neach  a  tha  fulang  fodha.  Chuir 
am  beachd  sin  do'n  chùis  Daibhidh  'n  a  thosd  nuair 
a  bha  Simei  'g  a  mhallachadh.  2  Sam.  xvi.  11. 
"  Leigibh  leis,  agus  mallaicheadh  e,  oir  dh'iarr  an 
Tighearn  air." 

2.  Tha  e  gu  cumhachdach  a'  cur  gàradh  rompa, 
Salm,  lxxvi.  10.  "  Fuigheall  na  feirge  (eadhon,, 
feirg  a'  chreutair)  coisgidh  tu."  Ge  b'e  co  cràiteach 
's  a  tha  cor  neach  air  bith  lcis  na  trioblaidibh  so, 
mar  cuireadh  Dia  crìoch  rompa  bhitheadh  iad  ni 
bu  ro  chràitiche  :  ach  tha  esan  ag  radh  ris  an  inn- 
eal  pheacach,  mar  a  thubhairt  e  ris  an  fhairge, 
"  Gu  ruig  so  thig  thu,  ach  cha  tig  ni's  faide,  agus 
an  so  coisgear  do  thonna  uaibhreach  V*  Tha  e  'cur 
bacadh  air  an  inneal,  air  chòr  's  nach  urrainn  e 
dol  aon  cheum  ni's  fhaide  air  adhairt  anns  an 
rathad  's  am  bheil  neart  ana-mianna  'g  a  iomain, 
ach  mar  chi  esan  iomchuidh  a  cheadachadh.  Air 
an  aobhar  sin  tha  e  tachairt^  nach  'eil  an  camadh 
a  tha  do'n  ghnè  so  aon  chuid  ni  's  mò  no  ni  's 
lugha,  ach  ceart  mar  is  àill  leis-san  a  cheadach- 
adh  le  'chumhachd.  Tha  eisimpleir  comharraichte 
againn  do'n  t-seorsa  so  ann  an  còr  Ioib,  aig  an 
d'rinneadh  a  chrannchur  càm  trid  ghnìomhachadh 
sònruichte  an  diabhoil ;  ach  chuir  Dia  gàradh 
roimh  na  pheacach  mhòr  sin  anns  a'  chùis.  '*  Agus 
thubhairt  an  Tighearna  ri  Sàtan,  Feuch,  tha  gach 
ni  a  ta  aige  a'  d'  làimh-sa :  a  mhàin  air  fèin,  na 
cuir  do  làmh."  Iob.  i.  12.  Nise  chaidh  Sàtan  co 
fada  's  a  leigeadh  an  gàradh  leis,  cha  dh'fhàg  e  ni 
sam  bith  a  bha'n  taobh  a  stigh  dha  gun  bheantuinn 
ris,  a  mheas  e  a  bhitheadh  freagarrach  chum  a  run 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR.  35 

a  thoirt  gu  crìoch,  rann  18,  19.  Gidheadh  cha'n 
fheudadh  e  air  chor  sam  bith  a'  dhol  aon  cheum 
thairis  air,  chum  a'phùinc  nach  b'urrainn  e  bhuann- 
achd  an  taobh  a  stigh  dha  dheanamh  a  mach. 
Uime  sin,  cha  d'fhàgadh  meadhon  air  bith  chum 
an  deuchainn  a  dheanamh  ni  bu  mhò,  agus  an 
camadh  ni  bu  ro  chràitiche,  ach  gu'n  tugta  an 
gàradh  a  chuireadh  uime  air  falbh,  agus  comas 
'oibreachaidh  a'  dheanamh  ni  b'  fharsuinge  ;  air 
an  aobhar  sin  a'  deir  e,  "  Ach  cuir  a  nis  a  mach 
do  làmh,  agus  bean  r'  a  chnàimh  agus  r'a  fheoil, 
agus  as  an  eudan  mallachaidh  e  thu/'  caib.  ii.  5. 
Agus  a  reir  sin  thugadh  air  falbh  an  gàradh,  gidh- 
eadh3  aig  a'  cheart  àm_,  chuireadh  gàradh  as  ùr  uime, 
rann  6.  "  Feuch  tha  e  a'  d'  làmh-sa,  ach  caomhain 
anam ;"  mar  sin  thugadh  an  camadh  air  adhairt 
gus  a'  chuid  a  b'fhaide  a  mach  a  cheadaicheadh  an 
gàradh  nuadh  dha,  a  rèir  an  rùin  a  bh'aige-san  gu 
thoirt  air  Iob  toibheum  a  labhairt ;  "  Bhuail 
Sàtan  e  le  neasgaidibh  cràiteach,  bho  bhònn  a 
choise  gu  mullach  a  chinn/'  rann  7.  'Nuair  a 
chunnaic  Sàtan  nach  do  shoirbhich  an  ionnsuidh  so, 
mharbhadh  e  Iob  gun  teagamh,  mar  biodh  an  gàr- 
adh  a  chuireadh  mu  bheatha. 

3.  Tha  e  gu  glic  'g  an  riaghladh  chum  crìoch 
mhath,  air  chor-eiginn,  freagarrach  do'n  iomlain- 
eachd  neàmhaidh.  Ged  is  ann  bho  dhroch  rùn  a 
tha'n  t-inneal  peacach  a'  deanamh  a'  chamaidh, 
tha  Dia  'g  a  stiùradh  chum  crìoch  naomh  agus 
mhath.  Anns  na  mi-riaghailtibh  a  thachair  ann 
an  teaghlach  Dhaibhidh,  b'  e  rùn  Amnoin,  ana- 
miann  brùideil  a  riarachadh;  agus  rùn  Absaloim 
e  fèin  a  shàsachadh  le  dioghaltas,  agus  a  ghloir- 
mhiann  agus  'ardan  a  thoilleachadh ;  ach  rùnaich 
Dia  leo  sin  peanas  a  dheanamh  air  Daibhidh  air 
son  a  pheacaidh  ann  an  cùis  Uriah.  Anns  a'  cha  m- 
adh  a  rinneadh  ann  an  crannchur  Ioib,  le  Sàtan, 
agus  le  innealaibh  na  Sabeanaich  agus  na  Caldean- 


36 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


aich,  b  'e  rùn  Shàtain  gu'n  d'thugadh  e  air  Iob 
toibheum  a  ]abhairt,  agus  an  rùn-san  an  sànnt  fèin 
a  riarachadh ;  ach  bha  rùn  eile  aig  Dia  anns  a' 
chùis  freagarrach  dha  fèin,  eadhon,  dearbhadh  a' 
chur  air  trèibhdhireas  agus  ionracas  Ioib.  Mar 
biodh  gu  bheil  Dia  a'  riaghladh  gu  glic  agus  gu 
cumhachdach  nan  camaidhean  so  th'ann  an  crann- 
chur  dhaoine,  cha  b'urrainn  math  air  bith  teachd 
asda ;  ach  tha  e  'n  comhnuidh  'g  an  riaghladh  air 
dhoigh,  's  gu  bheil  e  coilionadh  a  chomhairle  naoimh 
fein  leo,  (gidheadh  cha'n  e  sin  a  tha  'm  peacach  a' 
rùnachadh;)  oir  cha'n  urrainn  arùn-san  failneach- 
adh,  cc  seasaidh  a  chomhairle."  Isa.  xlvi.  10.  Mar 
sin  tha'n  camadh  peacach,  le  riaghladh  Dhè,  air  a 
thoirt  mu  'n  cuairt  chum  a  ghlòire  fèin,  agus  math 
a'  phobuill  mu  dheireadh ;  a  rèir  an  fhocail  sin, 
Gnàth.  xvi.  4.  "  Rinn  an  Tighearna  gach  ni  air  a 
shon  fèin."  Rom.  viii.  28.  Comh-oibrichidh  na 
li-uile  nithe  chum  maith,  do'n  dream  aig  am  bheil 
gràdh  do  Dhia."  Mar  so  chaidh  innleachd  Hamain 
chum  nan  ludhach  a  sgrios,  a  thionndadh  gu  ceart 
an  aghaidh  sin,  Ester.  ix.  1 .  Agus  an  camadh  a  rinn- 
eadh  ann  an  chrannchur  Ioseiph,  le  a  bhraitbribh 
'g  a  reic  do  'n  Eiphit,  ged  bha  e  do  'n  taobhsa  ro 
pheacach,  agus  'n  a  rùn  gle  chronail ;  gidheadh  do 
bhrìgh  gur  ann  do  dheanamh  Dhè  a  bha  e,  leis 
gu'n  do  cheadaich  se  e  gu  naomh,  's  gu'n  chuir  e  gu 
cumhachdach  gàradh  mu  thimchioll,  agus  gu'n 
riaghail  se  e  gu  glic,  thàinig  e  gu  crìch  fior  f hrea- 
garrach  do  ghliocas  agus  do  mhaitheas  Dè  :  nithe 
a  thug  Ioseph  gu'n  cuimhne.  Gen.  1.  20.  cc  Agus 
d*ar  taobh-sa,  shònraich  sibh  olc  sl  m'  aghaidh ; 
ach  shònraich  Dia  sin  a  chum  maith,  a  chum,  mar 
air  an  là  'n  diugh,  gu  'n  tearnadh  e  mòr  shluagh 
heò." 

'  S  an  treas  dite.  Tha  e  nise  ri  fharraid,  car 
son  a  tha  Dia  a'  deanamh  camaidh  ann  an  crann- 
chur  neach  ?    Tha  so  gu  bhi  air  a  shoilleireachadh 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRARNCHUR. 


37 


le  bhi  foillseachadh  rùn  an  fhreasdail  sin ;  gnoth- 
ach  air  am  bu  chòir  do  gach  neach  a  bhi  eòlach, 
agus  a  thoirt  fainear  gu  cùramach,  chum  feum  a 
dheanamh  mar  Chriosduidhean  do'n  chamadh  'n  an 
crannchur.  Bheiream  fainear  gu  sònruichte,  gu 
bheil  rùn  seachd-fillte  aig  an  f  hreasdal  sin. 

1.  A  chum  dearbhadh  a'  chur  air  staid  neach.  Am 
bheil  e  ann  an  staid  gràis_,  no  nach  'eil  ?  Am  bheil 
e  'n  a  fhior  Chriosduidh,  no  'n  a  chealgair  ?  Ged 
tha  gach  uile  àmhghair  'n  a  mheadhon  dearbhaidh. 
gidheadh  tha  mi  smuaineachadh  gur  e  so  am  fior 
dhearbhadh  a  tha  freasdal  a'  cur  air  neach,  a  thaobh 
a  staid,  do  bhrìgh  gur  trioblaid  an  camadh  crann- 
chuir,  a  mhaireas  rè  seal,  tha  cothrom  aig  neach  air 
e  fèin  a  leigeadh  ris  agus  a  thaisbeanadh  a  rithist  agus 
a  rithist  anns  an  aon  ni ;  uaithe  sin  tha  e  tachairt., 
gu  bheil  e  toirt  aobhair  chum  breith  a  thoirt,  anns  a 
phùinc  chudthromach  sin.  B'ann  gu  soilleir  air  a 
bhunait  so  chaidh  dearbhadh  a'  chur  air  staid  Ioib. 
B'  i  cheiste,  an  robh  Iob  na  fhior  sheirbhiseach  dìr- 
each  agus  ionnraic  do  Dhia,  mar  thug  Dia  fèin  fian- 
uis  mu  thimchioll;  no'n  robh  ann  ach  fear-tuar- 
asdail,  no  cealgair^,  mar  bha  Sàtan  a'  cumail  a 
mach?  Uime  sin^  chaidh  deuchainn  a'  chur  air 
anns  a'  chùis  sin  le  camadh  a'  dheanamh  'n  a 
chrannchur.  Iob  i.  8 — 12,  and  ii.  3 — 6.  A  rèir 
sin,  b'  e  'n  ni  sònruichte  air  an  robh  a  chàirdean 
uile  (ach  Elihu)  ag  dearcadh  'n  an  reusonachadh 
ris  fodh  dheuchainn,  a  dhearbhadh  nach  robh  ann 
ach  cealgair :  oir  ghnàthaich  Sàtan  na  daoine  math 
sin  chum  a  phùinc  a  dheanamh  a'  mach.  Mar  a  chur 
Dia  dearbhadh  air  cloinn  Israeil  anns  an  fhàsach, 
air  son  tìr  Chanaain,  le  cùrsa  do  fhreasdalaibh 
àmhgharach  a'  ghiùlain  (.aleb  agus  Iosua  gu  gais- 
geil,  mheasadh  iad  iomchuidh  air  dol  a  steach  do 
thìr  a'  gheallaidh,  do  bhrìgh  "  guJn  do  lean  iad  an 
Tighearna  gu  h-iomlan;,>  ach  air  do  mhuinntir 
eile  bhi  air  an  sgìtheachadh  leo,  thuit  an  coluinn- 


38 


AN  CAMADH  'S  'a  CHRANNCHUR. 


ean  anns  an  fhàsach;  mar  sin  tha  e  'cur  dearbh- 
aidh  air  daoinibh  air  son  flaitheanais,  leis  a'  cham- 
adh  'n  an  crannchur.  Ma  sheasas  neach  ris  an 
deuchainn  sin,  tha  e  foillseachadh  a  bhi  'n  a  Chriosd- 
uidh,  's  'n  a  sheirbhiseach  trèibhdhireach  do  Dhia, 
mar  a  dhearbh  Iob  a  bhi ;  mar  seas  cha'n  'eil  ann 
ach  cealgair :  cha  'n  urrainn  e  seasamh  ri  deuch- 
ainn  a'  chamaidh  'n  a  chrannchur,  ach  siùbhlaidh 
e  air  falbh  mar  shàl  ann  an  àmhuinn  Dhe'.  Tha 
eisempleir  brònach  againn  do  'n  ghnè  so  ann  an  cor 
an  duine  mhòir  shaoibhir  sin,  a  thàinig  a  dh'ionn- 
suidh  ar  Slanuighear  gu  h-andana  le  sgàil  do 
dhiadhachd,  a  bha  sruthadh  bho  ghiùlan  beusach, 
a  dh'fheoraich  dheth  "ciod  a  dheanadh  e  chum 
gu  sealbhaicheadh  e  a'  bheatha  mhaireannach." 
Marc  x.  17,  21.  Chum  an  duine  leigeadh  ris  dha 
fèin  rinn  ar  Slanuighear  camadh  'n  a  chrannchur, 
ann  an  earrainn  a  bha  dìreach  riamh  roimhe  sin, 
chum  a  dhearbhaidh,  dh'aithn  e  dha  na  bh'aige 
reic  agus  a  thabhairt  seachad,  agus  esan  a'  lean- 
tuinn,  rann  21,  ee  Reic  na  bheil  agad,  agus  tabhair 
do  na  bochdaibh,  agus  thig  tog  an  crann-ceusaidh, 
agus  lean  mise.>'  Leis  an  òrdugh  so  chaidh  a  rùsg- 
adh  ann  an  tiota  ann  an  cùirt  na  coguise  do'sheilbh- 
ibh  mòra  ;  air  choir  is  uaithe  sin  a  mach  nach 
Vurrainn  e  'n  cumail  ni  b'fhaide  le  deadh  choguis, 
mar  dh*fheudadh  e  dheanamh  roimhe  sin.  Mhoth- 
aich  an  duine  air  bàll  cràdh  a'  chamaidh  so  a 
rinneadh  n  a  chrannchur ;  tcbha  doilghios  air-san 
air-son  nam  briathra  sin,"  rann  22,  is  e  sin,  air 
bàll  air  dha  an  cluinntinn^  bhuaileadh  e  le  cràdh, 
mi-riaghailt,  agus  buaireas  inntinn,  chaochail  dreach 
a  ghnuis,  's  dh'fhàs  i  gruamach  agus  dòrcha,  mar 
a  ta  'm  focal  ceudna  air  a  ghnàthachadh  ann 
am  Mata  xvi.  3.  Cha  b'urrainn  e  seasamh  ri 
deuchainn  a'  chamaidh  sin ;  cha  b'urrainn  e  air 
sheòl  sam  bith  a  chrannchur  ùmhlachadh  do  Dhia 
's  an  staid  sin,  ach  bu  mhath  leis  air  na  h-uile 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


39 


chor  e  bhi  a  rèir  a  chàil  fèin.  Mar  sin  "  dh'f  halbh 
e  gu  tursach ;  oir  bha  mòran  saoibhris  aige." 
Dh'imich  e  air  falbh  bho  Chriosd  chum  'oighreachd 
phailt,  agus,  le  cridhe  cràiteach  agus  brònach, 
shuidh  e  sìos  a  rithist  'n  a  fochair,  'n  a  shealbhadair 
ceannairceach  an  làthair  an  Tighearn,  a'  cur  an 
aghaidh  na  h-àithne  naoimh.  Agus  cha'n  'eil  cos- 
las  air  bith  gu'n  d'atharraicheadh  an  t-òrdugh  so, 
no  gu'n  d'thàinig  e  riamh  gu  rùn  ni  b'fhearr  a 
thaobh  nan  nithe  sin. 

2.  A  chum  neach  a  bhrosnachadh  gu  'dhleasnas, 
agus  a  chuir  air  diol  bho  'n  t-saoghal  so,  agus  a 
dhùsgadh  gu  amharc  an  deigh  sonais  an  ath  shaogh- 
ail.  Is  iomadh  neach  a  bha'n  comain  a'  cham- 
aidh  'n  an  crannchur,  air  son  gun  d'  thàinig  iad 
riamh  dan  ionnsuidh  fèin,  agus  gu'n  d'fhàs  iad 
stòlda  ciallach.  Air  dhoibh  bhi  rè  tamuill  ag 
imeachd  "mar  asail  fhiadhaich  cleachdta  ri  fàs- 
ach/'  a'  diultadh  pilleadh,  thuislich  an  cos  ann 
an  àm  iomchuidh;  rinneadh  camadh  leis  a  siu 
n  an  crannchur,  thàinig  am  mios,  anns  an  deach- 
aidh  an  glacadh.  Ier.  ii.  24.  B  ann  mar  so  thug- 
adh  am  mac  stròghail  d'a  ionnsuidh  fèin  agus  a 
chuireadh  thuige  e  gu  smuaineachadh  air  pilltinn 
a  chum  athar.  Luc.  xv.  17.  Tha'n  camadh  's 
a'  chrannchur  a'  dearbhadh  dhoibh  mu  dheireadh 
nach  i  so  am  fois.  Tha  iad  an  còmhnuidh  a' 
mothachadhbioradh  do  dhroigheann  a'  mhi-shuaimh- 
neis_,  ge  b'e  uair  a  leigeas  iad  sìos  an  cinn  far  am 
bu  mhiann  leo  fois  a  ghabhail  's  a  chreutair,  air 
chor  's  gur  èiginn  dhoibh  a  thogail  a  rìs,  mar  sin 
tha  iad  air  an  toirt  gu  co'dhunadh,  nach  'eil  fois 
ri  fhaotuinn  an  sin,  agus  air  dhoibh  tòiseachadh  ri 
dol  mu'n  cuairt  air  son  fois  rathad  eile,  tha  sin  a' 
deanamh  gnothaich  dhoibh  chum  Dhè,  nach  robh 
aca  riamh  roimhe  :  do  bhrìgh  gu  bheil  iad  a  moth- 
achadh  am  feum  air  son  sòlais  an  ath  shaoghail,  air 
nach  robh  blas  air  bith  aig  am  beòil,  am  feadh  s  a 


40 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR 


bha'n  crannchur  dìreach  a  rèir  an  càil.  Uime  sin, 
ge  b'e  feum  a  ni  sinn  do'n  chamadh  'n  ar  crannchur, 
's  e  tha  e  'cur  an  cèiU;%?e  Eiribh,  agus  imichibh,  oir 
cha'n  i  so  '  ur  còmhnuidh."  Agus  gu  cinnteach  do 
gach  uile  ghnè  àmhghair  agus  meadhon  irioslach- 
aidh,  's  e  'n  camadh  is  mo  chlaoidheas  fior  Chriosd- 
uidh  do'n  bheatha  agus  do'n  t-saoghal  so. 

3.  Geur-mhothachadh  peacaidh.  Mar  dh'fhàs- 
as  neach  a  dh'imicheas  gu  neo-fhaicilleach,  crub- 
ach  gu  h-obann ;  dearbhaidh  a  bhacaichead  dha 
rè  &  chuid  eile  d'a  thurus  gu'n  d'  rinn  e  ceum  doch- 
arach ;  agus  bheir  gach  ceum  cràiteach  a  ni  e  as 
ur  gu  chuimhne  e  a  rithist ;  's  ann  mar  sin  a  tha  Dia 
a'  deanamh  camaidh  ann  an  crannchur  neach,  chum 
an  ceum  tuisleach  a  rinn  e,  no  an  cùrsa  clì  a  lean  e 
a  dhearbhadh  dha.  An  ni  bhiodh  am  peacach  air 
mhodh  eile  ullamh  gu  amharc  thairis  air,  agus  a 
dhì-chuimhneachadh,  no  mheas  mar  ni  eutrom, 
tha  e  leis  a  mheadhon  so  air  a  thoirt  gu  'chuimhne, 
's  air  a  chumail  'n  a  chuimhne,  agus  air  a  chuir  fa 
chomhair  mar  ni  olc  agus  searbh,  chum  gu'm  bi  a 
chridhe  air  a  lot  air  a  shon  as  ùr  an  dràsd  agus  a 
rithist.  Mar  so,  leis  a'  chamadh  tha  peacanna 
dhaoine  g  am  faotuinn  a  mach  chum  an  ciont  a 
leigeadh  ris  dhoibh,  "  mar  a  bhios  nàire  air  meirl- 
each  an  uair  a  ghlacar  e ;  "  Air.  xxxii*  23.  Ier.  ii. 
26.  Ni  tha  braithrean  Ioseiph  gu  faireachdail  a' 
cur  an  cèill  fo'n  chamadh  a  rinneadh  'n  an  crann- 
chur 's  an  Eiphit.  Gen.  xlii.  21.  "Tha  sinne  gu 
deimhin  ciontach  a  thaobh  ar  bràthar/'  caib.  xliv. 
16.  Fhuair  Dia  a  mach  aingidheachd  do  sheir- 
bhiseach."  Tha'n  camadh  crannchuir  gu  gnàth- 
aichte,  'n  a  ghnè  no  n  a  staid^  co  nadurrach  a'  co' 
f hreagradh  ris  a'  cheum  no  ris  a'  chursa  chlì_,  's 
gu  bheil  e  diongadh  cuimhneachan  freasdalach 
air,  a'  toirt  a  pheacaidh,  eadhon  an  t-sheann  pheac- 
aidh  as  ur  chum  na  cuimhne,  agus  mar  chomh- 
arradh  air  amaideachd  a'  pheacaich  ann  am  fo- 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


41 


cal  no  'n  gnìomh,  'g  a  chumail  a  ghnà  fa  chomh- 
air.  'N  uair  a  thugadh  an  càr  à  Iacob,  trid  ceilg 
Labain,  le  Leah  à  thabhairt  dha  ann  an  àite 
Racheil,  cionnus  a  b'urrainn  e  gu'n  bhi  'n  a  chuimh- 
neachan  goirt  dha  an  càr  a  thug  e  à  athair  fèin, 
seachd  bliadhna  roimhe  sin,  le  gabhail  air  gu'm 
b'  esan  Esau?  Gen.  xxvii.  19.  Cionnus  a  b' 
urrainn  e  gu  'n  bhi  searbh  dha  air  uairibh  an 
deigh  sim  fhad  's  a  bha  e  posda?  Mheall  esan 
'athair  leis  a'  bhràthair  a  b'òige  'n  riochd  a'  bhràth- 
ar  bu  shine ;  agus  mheall  Laban  esan  leis  a' 
phiuthair  bu  shine  an  àite  na  peathar  a  b'oige. 
Rinn  doille  suilean  Isaaic  còmhnadh  ris  a'  cheud 
chàr  ;  agus  dorchadas  an  f  heasgair  comhnadh  ris 
a  char  mu  dheireadh.  Mar  sin  dh'fheudadh  e  'g 
ràdh,  mar  a  thubhairt  Adonibesec  ann  an  cùis  eile,, 
Breith.  1.7.  "  Mar  a  rinn  mi,  mar  sin  dhìol  Dia 
orm."  Air  an  doigh  cheudna,  mu'n  d'eug.Rachel 
'n  a  leaba-shiùbhlaidh,  's  gànn  gu  'm  b'urrainn  i 
sheachnadh  gun  bhi  smuaineachadh  le  bròn  air  a 
chainnt  bhràs  agus  fheargach,  a  th'air  ainmeach- 
adh.  Gen.  xxx.  1.  "Thoir  dhomh  clann,  no 
gheibh  mi  bàs"  Leugh  eadhon  Iob  naomh  'n  a 
chamadh  crannchuir,  cuid  a'  cheuman  docharach  a 
rinn  e  'n  a  òige  iomadh  bliadhna  roimhe  sin,  Iob 
xiii.  26.  "Tha  thu  a'  sgrìobhadh  nithe  searbha 
sl  m'  aghaidh,  agus  a  toirt  orm  eu-cearta  m'  oige  a 
shealbhachadh." 

4.  Smachdachadh,  no  peanas  air  son  peacaidh 
Cha'n  'eil  am  focal  so  air  a  dhearbhadh  ann  an  ni 
sam  bith,  ni's  mò  na  tha  e  's  a'  chamadh  crannchuir. 
Ier.  ii.  19.  "  Smachdaichidh  d'  aingidheachd  fèin 
thUj  agus  ni  do  chul-sleamhnachadh  fèin  do  chron- 
achadh."  Feudaidh  Dia  peacadh  neach  a  chead- 
achadh,  rè  tamuill,  ris  an  taisbein  e'n  deigh  sin 
comharradh  'fhèirge  le  crannchur  a'  phcacaich  a 
dheanamh  càm,  mar  a  rinn  e  annan  còr  Iacoib  agus 
Racheil  a  dh'ainmich  mi  cheana.    Ged  nach  robh 


42 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


*s  a'  pheacadh  ach  gnìomh  aithgearr,  no  cùrsa  nach 
do  mhair  fada,  gidheadh  feudaidh  comharradh 
diomaidh  Dhè  ris  a'  pheacach  air  a  shon,  a  phianadh 
gu  cràiteach  re  ùine  f hada  'n  a  chamadh  crannchuir, 
chum  le  fèin-fhiosrachadh  minig  gu'm  hi  fios  aige 
ciod  an  ni  olc  agus  searbh  a  bh'ann.  Cha  b'fhada 
bha  Daibhidh  a'  marbhadh  Uriah  le  claidheamh 
chloinn  Amoin :  ach  air  son  an  aobhair  sin  cha  do 
dhealaich  an  claidheamh  ra  thigh  gu  brdth.  2  Sam. 
xii.  10.  Fhuair  Gehasi  gu  h-ealamh  dà  mhàla 
airgid  bho  Naaman,  le  ceilg  agus  breugaibh ;  ach 
mar  chomharradh  buan  air  feirg  Dhè  an  aghaidh 
na  cleas  mi-naomh  sin,  fhuair  e  luibhre  'n  a  lòrg  a 
lean  ris  fèin  agus  r'a  shliochd  gu  bràth.  2  Rìgh.  v. 
27.  Feudaidh  e  bhi  mar  so  far  a  bheil  am  peac- 
adh  air  a  mhaitheadh,  a  thaobh  cionta  na  corruich 
shìorruidh,  co  math  agus  far  nach  'eil.  Agus  feud- 
aidh  neach  am  peacadh  sin  aideachadh  agus  aith- 
Teachas  trèibhdhireach  a'  ghabhail  as,  a  bheir  air 
fathast  a'  dhol  bacach  do'n  uaigh,  ged  nach  ur- 
rainn  e  ghiùlan  do  dh'ifrinn.  Feudaidh  pearsa 
neach  deadh-ghean  fhaotuinn  's  an  aon  ghaoil^  air 
am  bheil  fathast  comharradh  sònruichte  do 
dhiomadh  Dhè,  le  'pheacadh  an  crochadh  ris  'n  a 
chamadh  crannchuir.  Salm  xcix.  8.  "Is  tu  an 
Dia  a  thug  maitheanas  dhoibh,  ge  d'  rinn  thu 
dìoghaltas  air  son  an  gnìomhara." 

5.  A  chum  peacadh  a  bhacadh.  Hosea.  ii.  6. 
cfDruididh  mise  suas  a  slighe  le  droighionn,  agus 
dùnaidh  mi  a  callaid_,  air  chor  as  nach  amais  i  air 
a  ceuma."  Gheibhear  an  camadh  crannchuir  gu 
h-ealamh  calg  dhìreach  an  aghaidh  claonadh  mear- 
achdach  air  chor-eiginn  a  th'anns  a'  chridhe,  a  tha 
gu  sònruichte  toirt  a'  chreutair  a  leth-taobh :  mar 
sin  tha  e  coslach  ri  callaid  dhroighionn  no  ri  balladh 
's  an  t-slighe  gus  am  bheil  an  claonadh  sin  'g  a 
aomadh.  Tha  na  cusbairean  truaillidh  a  th  anns 
an  t-saoghal  gu  h-àraid  a'  dearbhadh  a  bhi  'n  an 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR, 


43 


ribeadh  agus  'n  an  cip-thuislidh,  a  rèir  's  mar  tha 
iad  freagarrach  do  shuidheachadh  sònruichte 
aignidhean  dhaoine :  gidheadh  leis  a'  chamadh 
crannchuir,  tha'n  dath  agus  an  sgàil  air  a  chaith- 
eamh  dheth  'n  a  chusbair  neo-glan,  leis  am  bheil  e 
càll  a'  choslais  thaitnich  a  bh'air  roimhe  sin :  mar 
sin  air  do'n  chonnadh  a  bhi  air  atharrachadh,  tha 
faobhar  nan  aignidhean  truaillidh  air  am  maolach- 
adh,  am  buaireadh  air  a  lagachadlr,  agus  iomadh 
peacadh  air  a  bhacadh;  an  deigh  do'n  pheacach 
"  a  bhi  co  ro-luaineach  a'  caochladh  a  shlighe,  pill- 
idh  e  le  nàire."  Ier.  ii.  36,  37.  Mar  so  tha'n 
Tighearn  a'  deanamh  càm  crannchuir  neach,  chum 
"  gu'n  tarruing  e  duine  bho  'rùn,  agus  gu'm  folaich 
e  uabhar  bho  dhuine."  Agus,  mar  sin,  gu'n  cùm  e 
anam  bho'n  t-slochd.  Iob.  xxxiii.  17,  1 8.  'S  aithne 
do  gach  aon  ciod  is  ro  thaitniche  leis  fèin ;  ach 
's  ann  do  Dhia  a  mhàin  is  aithne  ciod  is  ro  thàr- 
bhaiche.  Mar  a  ta  na  h-uile  dhaoine  'n  am  breug- 
airibh,  mar  sin  tha  na  h-uile  dhaoine  'n  an  amadan- 
aibh  mar  an  ceudna :  ee  'S  esan  an  Dia  a  ta  mhàin 
glic/>  Iudas,  rann  25.  Tha  mòran  an  comain  an 
camaidh  crannchuir  mar  mheadhon,  gu  'n  cumail 
bho'n  ana-measarrachd  sin_,  chum  am  b'àill  le'n 
inntinnibh  dìomhain  agus  an  aignidhibh  truaillidh 
fèin  an  giùlan  fo  làn  sheòl ;  agus  nam  b'e  's  gu'n 
smuainicheadh  iad  gu  cudthromach  ciod  a'  chrìoch 
gus  am  feudadh  e  thighinn  nam  b'  e  's  gu'n  rachadh 
an  camadh  atharrachadh,  bheannaicheadh  iad  Dia 
bho'n  cridhibh  air  son  a  dheanamh.  'Nuair  a  tha 
neach  ann  an  cunnart  a  bhi  gearan  air  cruaidh-chas 
a  chamaidh,  is  math  bu  chòir  dha  smuaineachadh 
cionnas  a  bhiodh  e  freagarrach  air  a  shonsan,  mar 
Chriosduidh,  an  camadh  a  bhi  air  a  thoirt  air  falbh 
fathast. 

6.  A  chum  truaillidheachd  uaigneach  fhoillseach- 
adh  co  dhiubh  's  ann  an  naomhaibh  no  ann  am 
peacachaibh  a  ta  i.    Tha  cuid  a  thruaillidheachdan 


44 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


ann  an  cridhe  gach  duine,  a  tha  co  eu-domhain 
air  an  suidheachadh,  's  gu  bheil  iad  ullamh  gu 
teachd  am  folais  air  na  h-uile  hrosnachadh :  ach 
tha  cuid  eile  a  tha  co  ro  dhomhain,  's  gur  gànn  a 
bheirear  idir  fainear  iad.  Ach  mar  bheir  an  teine 
fo'n  phoit  air  a'  chobhar  èiridh  suas,  taisbeanadh  an 
uachdar,  agus  cuir  thairis ;  mar  sin  togaidh  an 
camadh  crannchuir  suas  bho'n  iochdar,  agus  bheir  e 
mach  a  leithid  a'  thruahTeachd,  is  gànn  a  smuain- 
icheadh  neach  a  bhi  stigh.  Cò  shaoileadh  gu'n 
robh  a  leithid  a'  neirt  feirge  ann  am  Maois  ciuin  's  a 
dh'fhoillsich  e  aig  uisgibh  na  co-'stri,  ni  air  son 
an  do  chumadh  a  mach  e  à  tìr  Chanaain.  Salm 
cvi.  32,  33.  Aìreamh  xx.  13.  Uiread  a  shear- 
bhadais  spioraid  ann  an  lob  foighidneach,  's  gu'n 
cuireadh  e  as  leth  Dhè  gu  n  d'fhàs  e  an-iochd- 
mhor  dha.  Iob  xxx.  21.  Uiread  a  dhroch  nadur 
ann  an  deadh  leremiah,  's  gu'm  mallaicheadh  e 
cha'n  e  mhàin  an  latha  air  an  d'  rugadh  e,  ach 
eadhon  an  neach  a  thug  fios  d*a  athair  mu  thim- 
chioll.  Ier.  xx.  14,  15.  No  leithid  a  mhì-chreid- 
eas  mu  Dhia  ann  an  Asaph,  's  gu'n  cuireadh  e 
'n  cèill  nach  robh  's  an  diadhachd  ach  ni  dìomh- 
ain.  Salm  lxxiii.  13.  Ach  air  do  'n  chamadh 
crannchuir  na  nithe  so  a  thoirt  a  mach,  dh'fheuch 
e  gu'n  robh  iad  a  stigh,  ge  b'e  sam  bith  co  fad  s  a' 
luidh  iad  am  folach  gun  an  aire  thoirt  dhoibh. 
Mar  nach  'eil  an  rùn  so,  (ge  b'e  co  mi-chiatach 
's  a  cheadaicheas  luchd-magaidh  àrdanach  dhoibh 
fèin  labhairt  uime)  ann  an  doigh  air  bith  neo- 
fhreagarrach  do  dh'iomlaineachd  Dhè ;  mar  sin  tha 
e  feumail  a  bhi  air  fhoillseachadh  chum  peacaich 
irioslachadh,  agus  gu  àrdan  an  uile  ghlòir  a  chron- 
achadh,  chum  's  gu'm  bi  aithne  aig  daoinibh  orra 
fèin.  Mar  an  ceudna  tha  e  ri  fhaicinn,  gur  ann 
air  son  an  dearbh-aobhair  so  a  rinn  Dia  an  cam- 
adh  sin  a  mhair  ùine  co  fada  ann  an  crannchur 
Israeil  's  an  fhàsach ;  eadhon  gu'n  irioslachadh  agus 


AN  CAMADH  'S  A1  CHRANNCHUR. 


45 


gu'n  dearbhadh,  a  chum  gu'm  biodh  fios  ciod  a  bha 
'n  an  cridhibh.    Deut.  viii.  2. 

'jS  an  àite  mu  dheireadh — A  chum  gràs  a  chur  an 
cleachdadh  ann  an  cloinn  Dè.  Tha  na  creidmhich, 
trid  an  f  huigheal  do  thruaillidheachd  a  tha'n  taobh 
a  stigh  dhoibh,  buailteach  air  uairibh  do  lunndair- 
eachd  agus  do  leisg  spioradail,  anns  am  bheil  an 
gràsaibh  'n  a  luidh  an  codal  rè  na  h-ùine  sin.  A 
thuilleadh  air  sin,  tha  cuid  a'  ghràsa,  a  thaobh  an  na- 
duir  nach  'eil  ach  air  uairibh  ann  an  cleachdadh ;  do 
bhrìgh  nach  'eil  iad  ach  a  mhàin  air  an  gnàthachadh 
air  aobharaibh  àraid  ris  am  bheil  dlùth  dhàimh  aca ; 
mar  a  ta  foighidin  agus  fad-fhulangas.  Anis  tha'n 
camadh  's  a'  chrannchur  a'  dusgadh  a'  Chriosduidh 
gu  gnàthachadh  a  dheanamh  do  na  gràsaibh,  air  am 
bheil  truaillidheachd  aig  faotuinn  làmh  an  uachd- 
ar,  agus,  mar  an  ceudna,  a'  dearbhadh  mar  mheadhon 
sònruichte,  chum  nan  gràsa  àraid  sin  a'  chuir  an 
cleachdadh.  Gu  cinnteach,  's  e  'n  camadh  crann- 
chuir  an  t-inneal  mòr  a  th'aig  Freasdal  chum  dhaoine 
thaisbeanadh  'n  am  fior  dhreach  fèin,  a'  leigeadh  ris 
araon  an  olc  agus  am  math;  agus  ma  bhios  gràs 
Dhè  annta,  cuiridh  e  dearbhadh  air,,  agus  bheir  e 
am  folais  e.  Mar  so  tha  e  cur  a'  Chriosduidh  gus 
na  h-uile  lùim,  agus  ged  a  tha  e  a'  toirt  air  a  bhi 
ann  an  amharus  rè  tamuill,  gidheadh  bheir  e  fianuis 
mu  dheireadh  araon  air  cinnteachd  agus  air  neart 
gràis  ann.  "  Tha  sibh  a  nis  fo  thuirse  tre  iomadh 
buaireadh,  chum  gu  faighear  dearbhadh  bhur  creid- 
imh,  ni's  luachmhoire  gu  mòr  na  òr  a  theid  a  neo- 
ni, — chum  cliù."  1  Phead.  i.  6,  7.  Than  camadh 
crannchuir  a'  toirt  aobhair  cleachdaidh  do  dh'- 
iomadh  gnìomh  creidimh,  dòchais,  gràidh,  fèin-aich- 
eadh^  ùmhlachd  clo  Dhia  agus  do  chaochladh 
gràsaibh  eile ;  do  dh'iomadh  analachadh,  ciocras, 
ploscartaich,  agus  osnaich  nèamhaidh,  nach  biodh  air 
mhodh  eile  air  am  foillseachadh  mar  bhiodh  an  cam- 
adh.  Agus  cha'n  'eil  mi  a'  cur  an  teagamh  nach  'eil 


46 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


na  nithe  so,  ge  Ve  mar  tha  muinntir  fheòlmhor  a' 
deanamh  tàir  orra  mar  nithe  nach  fiù,  ni's  luach- 
mhoire  ann  an  sealladh  Dhè  na  tha  eadhon  na  creid- 
mhich  fe'in  a'  tuigsinn,  do  bhrìgh  gur  gnìomhara 
neo-mheadhonach  do  dh'aoradh  an  taohh  a  stigh  a 
thannta ;  agus  bithidh  aire  neònach  air  a  ghabhail 
dhiubh  mu  dheireadh,  gidheadh  mar  is  trice,  's 
gànn  is  urrainn  na  creidmhich  fèin  a  smuainteach- 
adh  gur  fiù  dhoibh  fèin  an  aire  idir  a  ghabhail 
dhiubh.  Is  aithne  dhuinn  co  thuirt  ris  an  anam 
ghràsmhor,  "  Leig  dhomh  amharc  ort,  oir  a  ta 
t'eugas  maiseach."  Dan.  ii.  14.  tC  Dh'èignich  thu 
mo  chridhe  le  aon  do  d'  shuilibh/'  caib.  iv.  9. — Tha 
trèun  ghnìomhara  àrmailt  do  choisichibh  agus  do 
mharc-shluagh,  a'  cur  ruaig  air  nàmhaid  air  a 
mhòr  chliùthachadh ;  gidheadh  tha  gnìomhachadh 
eagal  naomh  agus  dòchas  iriosal,  da  rìreadh,  ni's  ro 
luachmhoire,  do  bhrìgh  gu  bheil  e  mar  sin  ann  am 
fianuis  Dhè,  aig  am  bheil  a  bhreitheanas,  tha  sinne 
cinnteach,  a  rèir  na  firinn.  Tha'n  Salmadair  a' 
teagasg  so.  Salm  cxlvii.  10,  11.  "  Ann  an  neart 
an  eich  cha  bhi  a  dhùil;  ann  an  cosaibh  fir  cha 
ghabh  e  tlachd.  Gabhaidh  an  Tighearna  tlachd 
annta-san  d'an  eagal  e_,  a  chuireas  an  doigh  'n  a 
thròcair."  Agus  gu  cinnteach  tha  cleachdadh 
gràsan  a  spioraid  'n  a  phobu]l,  co  ro  luachmhor 
'n  a  shealladh,  agus  ciod  sam  bith  gràs  anns  am 
bheil  aon  air  bith  dhiubh  a'  toirt  barrachd,  gu 
h-ealamh  nithear  camadh  'n  an  chrannchur,  a  bhitheas 
n  a  dheuchainn  shònruichte  air  a  shon,  a  chuireas 
dearbhadh  air  a  làn  neart.  Thug  Abraham  barrachd 
ann  an  gràs  a  chreidimlx,  ann  an  earbsa  ri  focal 
lòm  geallaidh  Dhè,  an  aghaidh  reusan  feolmhor — 
Agus  air  do  Dhia  gealladh  a  thoirt  dha,  "  gu'n 
deanadh  e  cinneach  mòr  dheth,"  an  lorg  sin  rinn  e 
camadh  'n  a  chrannchur^  ris  an  robh  ni's  leòir  aige 
ri  dheanamh  le  uile  neart  a  chreidimh ;  'nuair  a 
beiginn  da  'dhuthaich  agus  a  dhìlsean  fhàgail  gu 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


47 


tur,  agus  a  bhi  air  chuairt  a'  measg  nan  Canaan- 
ach ;  a  bhean  mairsinn  neo-thorach  gus  an  deach- 
aidh  i  thar  aois  cloinne  :  agus  mu  dheireadh  'nuair 
a  rug  i  Isaac,  agus  a  dh'fhàs  e  suas,,  ghairmeadh  air 
a  thairgse  mar  thabhartas-loiste ;  b'e  'n  dearbhadh 
bu  ro  iomlaine  air  a  chreidimh,  gun  d'fhògradh 
air  falbh  Ishmael  as  a  theaghlach,  agus  gu'n  do 
chuireadh  an  cèill,  gur  "annan  Isaac  a  mhàin  a 
dh'ainmichear  a  shliochd."  Gen.  xxi.  12.  M  Bha 
Maois  ro  chiuin,  thar  na  h-uile  dhaoine  a  bha  air 
aghaidh  na  talmhainn."  Air.  xii.  3.  Agus  dh'- 
earbadh  ris  stiùradh  sluagh  ro  choirbte  do-cheann- 
saichte,  an  camadh  crannchuir  a  bha  gu  soilleir  air 
a  shònrachadh  chum  dearbhadh  a  chur  air  a 
chiuineas-san.  Thug  Iob  barrachd  ann  am  foigh- 
idin,  agus  leis  a'  chamadh  a  bha  'n  a  chrannchur- 
san,  fhuair  e  uiread  ri  dheanamh  leis.  Oir  cha 
'n  'eil  neach  sam  bith  do  phobull  Dè  air  am  bheil 
e  buileachadh  barrachd  thiodhlacan,  do  nach  'eil  e 
toirt,  uair  air  chor-eiginn,  feum  ni's  leòir  ri  dhean- 
amh  leo  uile. 

A  nis,  tha  feum  an  teagaisg  so  tri-fillte.  1.  Air 
son  cronachaidh.  2.  Air  son  sòlais.  Agus  3.  A 
chuni  earail. 

Feum  L  Tha  'm  feum  so  air  son  cronachaidh 
a'  còmhlachadh  ri  tri  seòrsa  muinntir  a  tha  airidh 
air  achmhasan. 

'S  a  cheud  àite.  A  mhuinntir  fheolmhor  agus 
thalmhaìdh,  nach  'eil  a'  toirt  fainear  le  eagal  agus  le 
cùram  gur  ann  do  dheanamh  Dhè  a  tha'n  camadh 
a  tha  'n  an  crannchur.  Gu  cinnteach  tha  comharr- 
adh  do  làimh  Dhè  ri  fhaicinn  air  a'  chamadh  leis 
an  dream  a  bheir  an  aire  gu  ceart ;  agus  tha  sin 
ag  agairt  gu'm  biodh  aire  urramach  air  a  thoirt 
dha,  oir  tha  dearmad  a  dheanamh  ah*  'n  a  roimh- 
chomharradh  air  sgrios.  Salm  xxviii.  5.  "  A 
chionn  nach  toir  iad  an  aire  do  ghniòmharaibh  an 
Tighearna,  no  do  obair  a  làmh,  sgriosaidh  e  iad, 


48  AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 

agus  cha  tog  e  suas  iad."  Agus  anns  an  ni  so  tha 
mhuinntir  sin  mòr-chiontach,  a  tha  'g  amharc  le 
iomaguin  air  dara-aobharan,  agus  nach  'eil  a' 
sealltuinn  ni  's  faide  na  'm  meadhon  neo-shonadh 
a  tha  deanamh  an  camaidh  crannchuir,  gun  bhi 
toirt  an  aire  do'n  mhathair-aobhair,  ach  mar  ni 
madadh  dranndan  ris  a'  chloich,  gun  bhi  sealltuinn 
ris  an  làimh  a  thilg  i.  'S  e  so,  ann  an  seadh_,  a  bhi 
deanamh  Dia  do'n  chreutair ;  'g  a  mheas  mar  gu'n 
b'urrainn  e  dheth  fèin  ni  sam  bith  a  dheanamh, 
'nuair,  aig  a'  cheart  àm^  nach  'eil  ann  ach  an  t-inneal 
ann  an  làimh  Dhè,  "  slat  a  chorruich."  Isa.  x.  5. 
"  A  dh'òrduich  e  air  son  breitheanais,  a  dhaingnich 
e  air  son  smachdachaidh,"  Hab.  i.  12.  O  !  c'ar  son 
a  dh'àrduicheadh  daoine  an  slatan  smachdachaidh 
le'm  beachd  a  shuidheachadh  air  meadhonaibh  a 
chamaidh  'n  an  crannchur  !  Gu  dearbh,,  fs  ann  a  tha 
iad  mar  is  trice  'n  an  aobhar  truais,  do  bhrìgh  nach 
'eil  aig  &  mhuinntir  sin  ach  oifig  gle  neo-thaitneach, 
a  tha  cur  ann  an  neo-bhrìgh,  's  a  deanamh  tàir'  air 
a'  chamadh  'n  an  crannchur,  chum  an  collaidheachd 
agus  an  aignidhean  fèin  a  thoileachadh,  ann  a  bhi 
toirt  air  camadh  crannchuir  muinntir  eile  pilltinn 
air  an  cinn  fèin  mu  dheireadh  le  dìoghaltas ;  mar 
thàinig  "fuil  Iesreel  air  tigh  Iehu."  Hos.  i.  4. — 
Agus  tha  e  gu  h-àraid  neo-thaitneach  a  bhi  mar  so 
air  do  chleachdadh  ann  an  cùis  na  muinntir  a  bhuineas 
do  Dhia ;  oir  is  ainmig  a  tha  aobhar  na  comh-stri 
co'ionann  air  taobh  an  innil  s  air  taobh  Dhè,,  ach 
gle  eadar-dhealaichte ;  mar  fhianuis  air  sin  mar 
bha  Simei  a'  mallachadh  Dhaibhidh,  mar  dhuine 
fuilteach,  a'  ciallachadh  fuil  tighe  Shauil,  do  nach 
robh  e  ciontach,  'nuair  a  bha  Dia  &  ciallachadh  fuil 
Uriah,  nach  b'urrainn  e  aicheadh.  2  Sam.  xvi.  7,  8. 
Os-barr,  sguiridh  a'  chomh-stri  eadar  Dia  agus  a 
phobull  mu  dheireadh ;  agus  an  sin  chi  an  luchd- 
sàruchaidh  nach  robh  aca-san  ach  obair  gun  tainig, 
Sechar.  i.  15,    "  Cha  robh  ormsa  ach  corruich 


AN  CAMADH  'S  AJ  CHRANNCHUR, 


49 


bheag,  agus  chuidich  iadsan  air  a  h-aghaidh  an 
dòrainn/'  arsa  Dia,  ann  am  mòr-choiruich  ris  na 
cinnich  a  chionn  a  bhi  camadh  crannchuir  a'  pho- 
buill.  Air  an  doigh  cheudna  tha  mhuinntir  sin 
ciontach,  a  tha  cur  an  camaidh  crannchuir  as  leth 
tuiteainas,  no  mi-shealbh,  nithe  anns  nach  'eil  ach 
faoin  smuaintean,  air  an  dealbh  mar  leithsgeilean 
meallta  chum  dhaoine  chumail  bho  làimh  Dhe'  aid- 
eachadh.  Mar  so,  an  ni  mu'n  robh  na  Philistich 
an  teagamh,  chomhdhuin  iad  ni  bu  ro  aingidh,  ag 
ràdh  ann  an  seadh,  "  Cha'n  i  a  làmh-san  a  bhuail 
sinn;  is  tuiteamas  a  thàinig  oirnn,',  1  Sam.  vi.  9. 

Agus  's  an  àite  mu  dheireadh,  tha  iadsan  mar  an 
ceudna,  a  tha  'g  an  toirt  fèin  suas  do  chollaidheachd 
agus  do  shùgradh  feolrnhor,  a'  deanamh  tàire  air  a 
chamadh  'n  an  crànnchur,  'ga  chur  ann  an  neo- 
bhrìgh,,  agus  'ga  dhì-chuimhneachadh.  Cha'n  'eil 
mi  cur  an  teagamh,  nach  'eil  e  ceadaichte  do 
neach  a  dh'earbas  a  chùis  ris  an  Tighearna,,  agus  a 
dh'amhairceas  ris  air  son  leigheis  anns  a'  cheud 
àite,  feum  measarra  a'  dheanamh  do  shochairibh 
na  beatha  so,  air  son  comhnadh  anns  an  dara  àite. 
Ach  a  thaobh  an  doigh  sin  a  tha  co  tric  air  a 
ghnàthachadh  a  measg  dhaoine  feolmhor  anns  a 
chor  so,  ma  s  ann  da  rìreadh  do  dheanamh  Dhè  a 
tha  camadh  a'  chrannchuir,  mar  gu  cinnteach  is 
ann,  feumaidh  e  bhi  gu  bheii  e  'n  a  dhoigh  ro  mhì 
chiatach  mhì-chubhaidh,  agus  gu  bhi  air  fhuathach- 
adh  leis  na  h-uile  dheadh  dhaoine,  Gnàth.  iii.  11. 
M  Air  cronachadh  an  Tighearna,  a  rnhic,  na  deansa 
tàir."  Gu  cinnteach  is  truagh  an  doigh  leighis  e, 
nach  urrainn  gun  chriochnachadh  ann  an  ni-èiginn 
is  miosa  nan  galar,,  ge  b'e  faochadh  a  dh'fheudas 
e  thoirt  rè  tamuill.  Isa.  xxii.  12,  14.  "Agusanns 
an  là  sin  ghairm  Iehohah  Tighearna  nan  sluagh 
gu  gul,  agus  gu  caoidh,  agus  gu  maoile,  agus  gu 
crioslachadh  le  eudach  saic,  agus  feuch  aoibhneas 
agus  aighear,  itheadh  feola  agus  61  rìona  :  Agus 


50 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


db/fhoillsicheadh  le  Tighearna  nan  sluagh  ann  rn© 
chluasaibh,  gu  deimhin  cha  ghlanar  an  aingidheachd 
so  air  falbh  uaibh  gus  am  faigh  sibh  bàs." 

'S  an  dara  dite.  A  mhuinntir  easiìmhal,  aig  am 
bheil  an  cridhe  cosmhuil  ris  a  mhuir  bhuairte,  ag 
at  agus  a'  goil,  a'  cànran,  agus  a'  gearan,  agus  nach 
urrainn  a  bhi  foisneach,  fo'n  camadh  crannchuir. 
Tba  so  'n  a  dhoigh  ro  chunnartach  agus  pheacach. 
Tha'n  t-Abstol  Iude  a'  deanamh  iomradh  air  cuid, 
"  d'am  bheil  duibhre  an  dorchadais  gu  sìorruidh  air 
a  thasgaidh,"  rann  13,  agus  tha  e  g  ràdh  mu'n  tim- 
choill,  rann  16,  "  Is  luchd-cànrain  agus  gearain  an 
droing  so  ;  "  eadhon  a  sior  ghearan  air  an  crannchur, 
ni  a  tha  'm  focal  a  th'air  a  chleachdadh  an  sin  leis  an 
Spiorad  Naomh  a'  ciallachadh.  Oir,  athaobh's  gur 
ann  do  dheanamh  Dhè  a  tha'n  camadh  crannchuir, 
do  nach  urrainn  an  spiorada  neo-cheannsuichte  strì- 
ochdadh  air  chor  sam  bith,  feumaidh  e  bhi  gu  bheil 
an  cleachdaidhean  'n  a  chogadh  an  aghaidh  Dhè  ; 
agus  gu  cinnteach  's  ann  'n  a  aghaidh-san  a  tha'n 
gearan  agus  an  talach,  ge  b'e  aogas  a  chuireas  iad 
orra.  Mar  so  'nuair  a  rinn  na  h-Israelich  gearan 
an  aghaidh  Mhaois.  Aireamh  xiv.  2,  chuir  Dia  as 
an  leth  gifn  d'rinn  iad  gearan  'n  a  aghaidh  fèin  : 
"  Cia  fhada  a  ghiulaineas  mi  leis  an  droch  chomh- 
chruinneach  so  a  tha  ri  gearan  a'm'  aghaidh  %"  rann 
27.  Mo  thruaighe  !  nach  fheudair  a  cheadachadh 
dhasan  a  rinn  agus  a  dhealbh  sinn,,  as  eùgais  ar 
comhairle.  ar  crannchur  a  dheanamh  mar  an  ceud- 
na,  as  eùgais  ar  'n  aonta,  gidheadh  feumaidh  sinn 
èiridh  suas  'n  a  aghaidh  air  son  a  chamaidh  a 
rinneadh  ann  ?  Ciod  a  tha  so  a'  cur  an  cèill,  ach 
nach  urrainn  na  creutairean  àrdanach  obair  Dhè 
fhulang,  no'n  ni  a  rinn  e  a'  ghiùlan  ?  Agus  cia 
dubh  agus  cunnartach  am  fònn  inntinn  sin  ?  Cia 
mar  's  urrainn  duinn  gun  bhi  air  ar  bristeadh 
n  ar  miribh  'n  a  leithid  sin  a  chursa  ?  "  Tha 
e  glic  an  cridhe,  agus  treun  an  neart,  co  a  chruaidh- 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


51 


ich  e  fein  'n  a  aghaidh,  agus  a  shoirbhich4?  lob 
ix.  4. 

'S  an  dite  mu  dheireadh.  A  mhuinntir  mhì-chù- 
ramach  agus  neo-tharbhach,  leis  nach  àill  strìochda 
gu  h-ùmhal  do  rùn  De  'n  an  camadh  crarmchuir. 
Cha'n  'eil  Dia  agus  nàdur  a'  deanamh  ni  sam  bith 
gu  diomhain.  A  chionn  gur  esan  a  tha  deanamh 
a'  chamaidh,  gun  teagamh,  tha  crìoch  fhreagarrach 
aig  ann  a  dheanamh,  dh'am  bheil  e  mar  dhleasnas 
fiachte  oirnn  an  aire  thoirt,  a  rèir  mar  a  ta  e  air  a 
chur  sios  ann  am  Micah  vi.  9,  "Eisdibhse  an  t- 
sìat."  Agus,  gu  cinnteach,  ma  bhios  neach  toil- 
each  air  foghìum,  mar  dùin  e  'shuilean,  feudaidh  e 
fhaicinn  gu  soilleir  gur  e  chrìoch  choitchionn  a 
th'aig  a'  chamadh,  neach  a  chuir  air  diol  bho'n  t- 
saoghal  so,  agus  a  ghluasad  gu  bhi  'g  iarraidh 
agus  a'  gabhail  fois  cridhe  ann  an  Dia.  'N  uair  a 
bheirear  nàdur  agus  suidheachadh  a'  chamaidh  fèin 
gu  h-iomchuidh  fainear,  cha  bhi  e  ro  dhuilich  an 
t-aobhar  mu  'n  d'rinneadh  e  fhaotuinn  a  mach  ni's 
ro  shònruichte.  Ach,  mo  thruaighe !  cha'n  'eiì 
iomagain  sam  bith  air  a'  pheacach  mhì-chùramach 
a  th'air  dol  fodha  ann  an  aineolas  agus  ann  an  leisg 
spioradail,  chuni  rùn  Freasdaii  anns  a'  chamadh 
fhaotuinn  a  mach ;  mar  sin  cha'n  urrainn  e  aonta 
chuir  ris^  ach  tha  e  fantuinn  neo — thorach ;  agus 
tha  gach  saothair  a  bh'air  a  ghabhail  air,  leis  an 
tuathanach  mhòr^,  anns  an  fhreasdal,  air  a  càll. 
"  Eighidh  iad  air  son  gairdean  nan  daoine  mòra," 
aig  osnaich  fo  chruachas  a1  chamaidh  fèin,  agus  fo 
chudthrom  laìmh  an  innil  a  tha  'g  a  dheanamh  : 
ce  Ach  cha'n  abair  aon  neach,  C'àit  am  bheil  Dia 
mo  chruith-fhear/'  cha'n  amhairc  iad,  's  cha  phill 
iad  ri  Dia  air  son  so  uile.    lob  xxxv.  ix.  10. 

Feum  2.  Air  son  Sòlais.  Tha  e  labhairt  co- 
fhurtachd  ri  cloinn  Dè  a  ta  fo  àmhghar.  Ge  bV 
camadh  a  tha'n  'ur  crannchur-sa,  's  ann  do  dhean- 
amh  Dhè  a  ta  e ;  agus,  uime  sin,  feudaidh  sibh 


52 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


amhairc  gu  caomhail  air.  Do  bhrìgh  gur  e  'ur  'n 
Athair  a  rinn  e  air  'ur  son,  na  cuiribh  an  teagamh 
nach  'eil  rùn  fabharach  ann  d'ar  taobhsa.  Gabh- 
aidh  leanabh  tuigseach  ri  smachdachadh  'athar  gu 
eairdeil,  a  chionn  gu  bheil  fhios  aige  gur  e  'athair, 
agus  gur  ann  air  son  a  mhath  a  tha  e  :  agus  nach 
gabh  clann  Dè  gu  cairdeil  ri  'n  camadh  crann- 
chuir,  mar  air  a  rùnachadh  le'n  Athair,  do  nach 
comasach  dol  mearachd  'n  a  riaghladh,  chum  am 
math,  a  rèir  a  gheallaidh.  Gu  cinnteach,  's  e  cam- 
adh  crannchuir  a'  chreidmhich,  ge  b'e  co  craiteach 
's  a  bhios  e,  earrann  do  smachdachadh  a  chumh- 
naint,  agus  an  lòn  a  th'air  a'  dheanamh  cinnteach  le 
gealladh  an  Athar  do  chlàinn  Chriosd.  Salm 
Ixxxix.  30,  32.  "  Ma  threigeas  a'  chlànn  mo  lagh, 
agus  nach  gluais  iad  ann  am  bhreitheanasaibh,  an 
sin  fiosraichidh  mi  le  slait  an  eusaontas."  Tuill- 
eadh  eile,  feudaidh  na  h-uile  neach  air  am  bheil  a 
rùn  teicheadh  a  dh'ionnsuidh  Dhè,  fo  n  camadh 
crannchuir,  eo'fhurtachd  a'  ghabhail  uaithe  so,  biodh 
fhios  aca  nach  'eil  camadh  air  bith  'n  an  crannchur, 
nach  fheud  a  bhi  air  a  dheanamh  dìreach,  bho'n  is 
e  Dia  a  rinn  e,  gu  cinnteach  s  urrainn  e  chàradh. 
PS  urrainn  e  fèin  an  ni  a  rinn  e  càm  a  dhìreadh,  ged 
nach  'eil  e'n  comas  neach  air  bith  eile.  Cha'n  'eil 
ni  sam  bith  ea-comasach  dha-san  a  dheanamh : 
u  Togaidh  e  am  bochd  bho'n  duslach ;  o'n  òtrach 
àrdaichidh  e  an  t-ainnis ;  chum  a  chur  'n  a  shuidhe 
le  àrd  uaislibh.  "  Bheir  e  air  a'  mhnaoi  a  ta  gun 
sliochd  còmhnuidh  a  ghabhail  ann  an  tigh,  n  a 
mathair  ait  cloinne/'  Salm  cxiii.  7—9.  Na  abair 
gu  bheil  do  chamadh  a'  mairsinn  co  fada,  's 
nach  gabh  e  càradh  am  feasd.  Cuir  e  ann  an 
laimh  Dhe',  a  rinn  e,  agus  feith  air,  chum  gu'n 
càraich  se  e:  agus  ma  bhios  a  chàradh  chum  do 
mhath,  bithidh  e  deanta  ;  oir,  "  cha  chum  e  ^  maith 
air  bith  uatha-san  a  ghluaiseas  gu  h-ionraic,"  Salm 
Ixxxiv.  11. 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


5S 


Am  feum  mu  dheireadh,  Chum  earail.  A  chionn 
gur  ann  do  dheanamh  Dhè  a  tha'n  camadh  crann- 
chuir,  uime  sin,  air  dhuit  làimh  Dhè  f  haicinn  ann 
do  chamadh,  bi  rèidh  ris,  agus  strìochd  thu  fèin 
fodha,  ciod  air  bith  e :  tha  mi  'g  ràdh,  mar  'eil  thu 
faicinn  làimh  Dhè  ann  an  camadh  do  chrannchuir,, 
cha'n  urrainn  t'umhlachd  fodha  bhi  na  h-ùmhlachd 
Chriosduidh,  taitneach  do  Dhia_,  do  bhrìgh  's  nach 
'eil  sùil  agad  ris-san  mar  an  Tì  a  ta  'ga  dheanamh. 

Leithsgeul,  1.  Ach  their  cuid  "  'S  ann  bho  làimh 
a  chreutair  a  tha  mo  chamadh  crannchuir-sa ;  agus 
sin,  mar  an  ceudna,  bho  làimh  aon  air  nach  do  thoill 
mi  a  leithid." 

Freagradh.  Tha  e  ri  fhaicinn  bho'n  chaidh  & 
radh  cheana,  ged  tha  do  chamadh  crannchuir  gu 
cinnteach  air  bàll  bho  làimh  a'  chreutair,  gidheadh 
tha  e  troimh  na  chreutair  bho  làimh  Dhè ;  cha'n 
'eil  ni  sam  bith  do'n  ghnè  sin,  no  peanas  air  son 
peacaidh,  nach  e  'n  Tighearn  a  rinn  e.  Uime  sin, 
gun  teagamh  air  bith,  se  Dia  fèin  an  ceud  aobhar 
ge  b'e  sam  bith  co  e  an  dara  aobhar.  Agus  ged 
nach  do  thòiJl  thu  do  chamadh  bho  làimh  a  mheadh- 
oin,  no  nam  meadhonan  a  tha  esan  ag  gnàthach- 
adh  chum  thusa  smachdachadh,,  thoill  thu  e  gu 
cinnteach  bho  làimh-san ;  agus  feudaidh  e  meadh- 
on  air  bith  is  àill  leis  a  ghnàthachadh  chum  na 
crìche  sin,  no  feudaidh  e  a  dheanamh  gu  neo- 
mheadhonach  leis  fèin,  eadhon  mar  chithear  math 
'n  a  shuilibh. 

Leithsgeul  2,  <e  Ach  dh'fheudadh  an  camadh  a 
thJ  ann  mo  chrannchur-sa  bhi  gu  h-ealamh  air  a 
dhireadh,  nam  b  aill  leis  a  mheadhon  no  na  meadh- 
onan  a  tha  'g  a  dheanamh ;  ach  cha'n  'eil  doigh  air 
còrdadh  riu,  no  dhearbhadh  orra  gur  iad  is  coir- 
each." 

Freagradh.  Ma's  ann  mar  sin  a  tha  chùis,  bi- 
sa  cinnteach  nach  d'thàinig  àm  Dhè  fathast,  chum 
an  camadh  a  dhìreadh;  oir,  nam  be  agus  gu'n 


54 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR* 


tigeadh,  ged  tha  iad  a  nis  a'  seasamh  mar  dhaing- 
neach  do-ghlacta,  dh'fhalbhadh  iad  mar  bhruach 
ghaineamh  fo  chos  neach;  "sleuchdaidh  iad  sios 
duit,  le'n  aghaidh  ris  an  làr,  agus  imlichidh  iad 
duslach  do  chos/'  Isa.  xlix.  23.  Aig  a'  cheart  àm, 
tha'n  sealladh  sin  do'n  chùis  co  fada  bho  neach 
nach  toir  fainear  làmh  Dhè  anns  a'  chamadh  fhir- 
inneachadh,  's  gur  ann  a  tha  e  deanamh  mìr 
deuchainn  anns  am  bheil  a'  làimh  gu  folaiseach  ri 
fhaicinn,  eadhon,  gu'm  biodh  daoine  gu  sònruichte 
?n  an  doilgheas  agus  'n  an  leth-trom  do  cheile,  agus 
gidheadh  nach  gabhadh  an  ciont  air  chor  sam  bith 
dearbhadh  orra.  B'e  so  deuchainn  na  h-eaglais 
bho  h-eascairdibh.  Ierem.  L.  7,  "  Iadsan  uile  a 
f  huair  iad,  shluig  iad  suas  iad ;  oir  thuirt  an 
naimhdean,  Cha'n  'eil  sinn  ri  cron  air  bith,  a 
chionn  gu'n  do  pheacaich  iad  an  aghaidh  an  Tigh- 
earna,  àite-tàimh  a  cheartais."  Bha  iad  ro  aingidh, 
agus  ghnàthaich  iad  i  gu  h-an-iochdmhor ;  gidh- 
eadh  cha  b'àill  leo  aideachadh  gu'n  robh  cionta 
sam  bith  anns  na  rinn  iad.  Cionnus  a  b'urrainn  iad 
a  choire  chuir  dhiubh  ?  An  robh  iad  gu  deimhinn 
neo-choireach  ann  a  bhi  slugadh  suas  caoraich 
sheachranach  an  Tighearna?  Cha  robh  gu  cinnt- 
each,  cha  robh  iad.  An  d'amhairc  iad  orra  fein 
mar  luchd-frithealaidh  ceartais  Dè  'n  a  h-aghaidh  ? 
Cha  d'amhairc  iad. 

Gun  teagamh  tha  cuid  leis  am  b'àill  ceist  f  harr- 
aid  an  so,  Cionnas  a  b'urrainn  eascairdean  na  h- 
eaglais  Dia  a'  chur  an  cèill  mar  "  àite-tàimh  a' 
cheartais  V  Ach  'nuair  bheirear  na  briathran  fain- 
ear  anns  a'  cheud  chainnt,  cha'n  'eil  aobhar  air  bith 
air  son  na  ceiste  sin  an  so,  agus  le  sin  tha'n  t-iom- 
lan  do'n  chùis  air  a  deanamh  soilleir.  (e  Iadsan 
uile  a  fhuair  iad,  shluig  iad  suas  iad ;  oir  thuirt  an 
naimhdean,  Cha'n  'eil  sinn  ri  cron  air  bith:  a  chionn 
gu'n  do  pheacaich  iad  an  aghaidh  an  Tighearna, 
àite-tàimh  a  cheartais."    Cha'n  iad  na  briathran 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


55 


deireannach  so  briathran  an  eascairdean,  ach  briath- 
i'm  an  fhàidh,  a'  nochdadh  cionnas  a  thachair  e 
gu'n  do  shluig  na  h-eascairdean  suas  na  h-uile  air 
an  d'amais  iad,  do  chaoraich  an  Tighearn,  agus,  mar 
an  ceudna,  mar  ghabh  iad  an  leithsgeul  'nuair  a 
rinn  iad  e,  gun  bhi  'g  aideachadh  gu'n  robh  olc  air 
bith  ann ;  is  ann  an  so  bha'n  t-aobhar  'n  a  luidh, 
pheacaich  na  caoraich  "  an  aghaidh  an  Tighearna 
àite-tàimh  a  cheartais;"  agus  mar  cheart  pheanas 
air  son  sin  bho  làimh-san^  cha  b'urrainn  doibh 
ceartas  f haotuinn  bho  làimh  an  eas-cairdibh. 

Uime  sin,  air  dhuit  na  leithsgeulan  faoine  so 
a'  chur  air  cul  agus  beachd  a'  ghabhail  air  làimh 
Dhè,  mar  am  meadhon  a  chàm  an  earrann  sin  do 
d'  chrannchur,  agus  a  tha  'g  a  chumail  càm,  bi 
rèidh  ris,  agus  strìochd  thu  fèin  fo'n  chamadh, 
ciod  air  bith  e,  ag  ràdh  bho  d'  chridhe,  "  Gu 
deimhin  is  deacair  so,  ach  is  èiginn  f  hulang."  Agus 
chum  do  ghluasad  gu  so  dheanamh,  thoir  fainear. 

1.  Gur  dleasnas  e  a  tha  dh'fhiacha  ort  do  Dhia 
mar  d'  Ard-uachdaran  agus  do  Dheadh-charaid. 
Tha  uachdaranachd  ag  agairt  ar  'n  umhailteas ;  agus 
eha'n  urrainn  e,  air  chor  sam  bith,  bhi  'n  a  thàire 
do  neach  strìochdadh  do'n  chamadh  a  rinn  a  làmh- 
san  ann  ar  crannchur,  agus  siubhal  gu  sìochail 
fo'n  chuing  a  chur  esan  oirnn ;  ach  's  mòr  an 
caothach  do  shligibh-chreadha  na  talmhainn  le'n 
giùlan  buaireasach  agus  ceann-laidir  fo'n  cham- 
adh,  strì  a  dheanamh  an  aghaidh  an  Cruithear. 
Agus  is  math  dh'fheudas  a  mhaitheas  d'ar  taobh- 
ne,  creutairibh  neo-airidh,  ar  beòil  a  dhunadh  bho 
bhi  gearan  n  a  aghaidh-san,  air  son  gun  d'rinn  e 
camadh  ann  ar  crannchur,  neach  nach  d'rinn  eucoir 
sam  bith  oirnn  ged  dheanadh  e'n  t-iomlan  dheth 
càm  ;  "An  gabh  sinn  maith  bho  làimh  Dhè,  agus 
nach  gabh  sinn  olc  V    Iob  ii.  10. 

2.  Gur  reachd  neo-chaochlaideach  e  rè  uile  aim- 
sir  na  beatha  so,  nach  bi  neach  air  bith  as  èugais 


m 


AN  CAMAI>H  ?S  A*  CHR  A.NNCH  UR. 


eamadh  *n  a  chrannchur ;  oir  "  rugadh  an  duine 
chum  carraid,  mar  dh  'èireas  na  srada  suas,"  Iob 
v.  7.  Agus  tha'n  dream  a  th'air  an  rùnachadh  air 
son  neimh,  air  dhoigh  àraid^  dearbh  chinnteach 
do  chamadh  a  bhi  'n  an  crannchur-sa,  ee  Anns  an 
t-saoghal  bithidh  àmhghar  aca/'  Eoin  xvi.  33.,  oir 
leisa  sintha'n  Tighearna  'g  an  uidheamachadh  air  son 
neimh.  Agus  cionnus  is  urrainn  duit-sa  smuain- 
eachadh  gu'n  teid  thu  as  bho  chrannchur  coitchionn 
a'  chinnne-daonna  ?  An  gluaisear  ar  charraig  as  a 
h-àite  air  do  shonsa  V  Agus  a  chionn  gu  bheil  Dia  a' 
deanamh  camadh  crannchuir  dhaoine,  a  rèir  feum 
eadar-dhealaichte  an  coirean,  uime  sin  feudaidh 
tusa  bhi  cinnteach  gu  bheil  do  chamadh-sa  feumail 
air  do  shon  fèin. 

3.  'Se  cor  neach  aig  am  bheil  camadh  'n  a  chrann- 
chur,  do  nach  urrainn  e  air  dhoigh  sam  bith 
strìochdadh,  cor  do  na  h-uile  cor  is  coslaich  ri 
ìfrinn.  Oir  tha  cùing  air  a  cur  mu  mhuinneal 
nan  truaghanan  a  ta  fulang,  nach  urrainn  iad  aon 
chuid  a*  ghiùlan  no  chrathadh  dhiubh ;  an  sin  tha 
gàirdean  an  Uile-chumhachdaich  air  a  tharruing 
^n  an  aghaidh,  agus  iadsan  'n  a  aghaidh-san ;  an  sin 
tha  iad  do  ghnàth  a'  fulang  agus  do  ghnàth  a' 
peacachadh ;  an  còmhnuidh  anns  an  àmhuinn, 
gun  an  sàl  a  bhi  air  a  chaitheamh,  no  iadsan  air 
an  glanadh.  *S  e  so  eadhon  cor  na  muinntir  sin 
nach  urrainn  a  nis  strìochdadh  fo'n  chamadh  'n  an 
crannchur. 

4.  Is  mòr  ann  càll  gun  strìochdadh  fodha.  *S 
minig  a  thionndadh  giùlan  gu  ceart  fo'n  chamadh 
crannchuir  gus  an  fheum  a  b'fhearr,  agus  a  dhearbh 
e  do  chuid  an  ùine  a  b'  fhearr  a  bh'  aca  riamh 
rè  uile  laithean  am  beatha^  mar  a  ta'n  Salmad- 
air  a'  dearbhadh  bho  fhaireachdainn  fèin.  Salm 
cxix.  67.  "  Mun  robh  mi  ann  an  àmhghar,  chaidh 
mi  air  seachran ;  ach  a  nis  tha  mi  a'  gleidheadh 
t'  fhocail."    Tha  mòran  a  nis  air  nèamh  a  tha 


AN  CAMADH  JS  A*  CHRANNCHUR. 


m 


beannachàdh  Dhè  air  son  a'  chamaidh  a  bh'aca 
'n  an  crannchur  anns  a'  bheatha  so.  Uime  sin,  nach 
uamhasach  an  ni  a  ghaoth-ghreasaidh  so  a  chàll 
gu  tir  Imanueil?  Ach  mar  dean  do  chamadh 
crannchuir  feum  air  bith  dhuit,  bi-sa  cinnteach 
nach  urrainn  e  gun  dolaidh  mòr  a  dheanamh  dhuit ; 
meudaichidh  e  do  chionta  gu  h-anabarrach3  agus 
antromaichidh  e  do  dhìteadh, — pianaidh  e  thu  gu 
bràth  ann  ad  chridhe,  a  bhi  smuaineachadh  air  an 
t-saothair  a  ghabhadh  ort,  leis  a'  chamadh  chrann- 
chuir,  chum  do  chuir  air  diol  bho'n  t-saoghal,  agus 
do  thoirt  a  dh'ionnsuidh  Dhè,  ach  an  t-iomlan  gu 
diomhain.  Uime  sin,  thoir  an  aire,  ciod  am  feum 
a  ni  thu  dheth,  "  Air  eagal  gu'n  dean  thu  caoidh 
ma  dheireadh, — agus  gu'n  abair  thu_,  Cionnus  a  thug 
mi  fuath  do  theagasg,  agus  a  rinn  mo  chridhe  tàir 
air  achmhasan?"  Gnàth.  v.  10,  11,  12. 

T^EAG.  II. — An  ni  a  tha  Dia  ay  faicinn  iom- 
chuidh  a  chamadh  ann  ar  crannchur  cha  'n  urr- 
ainn  sinn  a  dhìreadh.    Ann  an  so. 

L  Nochdaidh  sinn  mar  a  tha  Dia  a'  dheanamnh 
camaidh  ann  an  crannchur  neach  mar  chi  e  iom- 
chuidh. 

II.  Bheir  sinn  fainear  mar  a  tha  daoine  g  oidh- 
eirpeachadh  an  camadh  sin  a  tha  'n  an  crannchur 
a  dhireadh. 

III.  An  seadh  anns  an  tuigear  nach  urrainn  sinn 
an  camadh  sin  a  dhìreadh  no  chàradh. 

IV.  Bheir  sinn  fainear  cuid  do  dh'aobhairibh  an 

teagaisg. 

I.  A  thaobh  a'  cheud  cheann,  eadhon^  a  bhi 
Nochdadh  mar  a  tha  Dia  a'  deanamh  camaidh  ann 
an  crannchur  neach  mar  a  chi  e  iomchuidh. 

'S  a'  cheud  dite.  Tha  Dia  a'  cleachdadh  àrd 
uachdranachd  ann  a  bhi  taghadh  a'  chamaidh  air  son 
gach  neach.    Mat.  xx.  15.   Cha'n  fhagar  aig  ar 


58  AN  CAMADH  's  A'  CHRANNCHUR. 

roghainn-ne  ciod  an  camadh  no  'n  eallach  air  leth  a 
bhios  againn,  ach  mar  ni  'n  criadhadair  deth  'n  aon 
chriadh  soitheach  air  son  aon  fheum  agus  soitheach 
eile  air  son  feum  eile ;  mar  sin  ni  Dia  camadh  air 
son  aon  neach,  agus  camadh  eile  air  son  neach  eile, 
a  rèir  a  thoil  fèin.  Salm  cxxxv.  6.  "  Ge  b'e  m  bu 
toil  leis  an  Tighearn  rinn  e  air  nèamh  agus  air 
talamh,"  &c. 

'S  an  dara  àite.  Tha  e  faicinn  an  taobh  am 
bheil  togradh  gach  neach  ag  aomadh,  agus  ciod 
anns  am  bheil  e  gu  h-àraid  a'  claonadh  air  falbh 
uaithe  fèin,  agus  mar  sin  is  lèir  dha  c'àit  am  bheil 
'fheum  air  camadh  sònruichte,  mar  sin  rinn  e  do'n 
duine  sin.  Marc.  x.  21 ,  "  A  ta  aon  ni  dh'uireas- 
bhuidh  ort ;  imich,  reic  na  bheil  agad,,  agus  tabhair 
do  na  bochdaibh,"  &c.  Bha  togradh  cridhe  'n 
duine  so  g'  a  mhòir  shaoibhreas.  Tha  Dia  a'  toirt 
fainear  ciod  an  iodhal  is  ro  ullamh  gu  ar  cridhe 
chlaonadh  air  falbh  uaithe  fèin^  agus  a  chum  's  gu'n 
dean  e  an  ni  sin  n  a  eallach^  suidhichidh  e'n  camadh 
ann. 

'S  an  treas  àite.  Le  stiùradh  a  fhreasdail,  no 
beantuinn  a  làimhe  lubaidh  e  am  mìr  sin  do'n 
chrannchur  rathad  eile3  air  chor  agus  bho  sin  a' 
mach  gu  bheil  e  càlg-dhìreach  an  aghaidh  aomadh 
na  toil.  Esec.  xxiv.  25.  Agus  is  e  so  an  camadh, 
togradh  cridhe  'n  duine  dol  aon  rathad  agus  am 
mìr  sin  d'a  chrannchur  dol  rathad  eile,  air  chor  's 
nach  'eil  e  freagarrach  d'a  thoil,  ach  gu  buileach  'n  a 
h-aghaidh. 

'S  an  àite  mu  dheireadh.  Is  àill  leis  an  camadh 
sin  fhantuinn  's  a'  chrannchur  fhad  's  a  chì  e  iom- 
chuidh,  ma's  fada  no  goirid  sin,  ceart  freagarrach 
d'a  chrìochaibh  naomha  fèin  mu'n  d'òrduich  se  e. 
2  Sam.  xii.  10,  Hos.  v.  15.  Le  'thoil-san  tha  e  co 
daingean  's  nach  urrainn  an  cruthachadh  uile  atharr- 
achadh  no  dhìreadh. 

II.  Bheir  sinn  fainear  mar  a  tha  daoine  'g  oidh- 


AN  CAMADH  's  A5  CHRANNCHUR. 


59 


eirpeachadh  an  camadh  sin  a  tha  'n  an  crannchur 
a  dhireadh.  Tha  so  ann  an  aon  fhocal  a'  co'- 
sheasamh  anns  an  dichioll  spàirneil  a  tha  iad  a' 
cleachdadh  chum  a'  chuid  sin  do'n  crannchur  a 
thoirt  gu  bhi  rèir  an  toil  fèin,  gus  am  bi  'n  toil 
agus  an  crannchur  a'  freagairt  a  cheile ;  mar  sin  tha 
e  ciallachadh  tri  nithe. 

'S  a  cheud  àite.  An  shocair  àraid  fo'n  chamadh 
anns  a'  chrannchur;  is  cùing  i  a  tha  cruaidh  do 
neach  ri  giulan  gus  am  bi  a  spiorad  air  a  chiùin- 
eachadh  agus  air  a  cheannsachadh.  Ier.  xxxi.  18, 
"  Smachdaich  thu  mi,  agus  bha  mi  air  mo  smachd- 
achadh,  mar  dhamh  nach  do  chleachd  a'  chùing : 
pill  thusa  mi  agus  bithidh  mi  air  mo  philleadh/' 
&c.  Agus  is  ann  gu  bhi  briseadh  spiorad  an  duine 
tha  Dia  'g  a  cur  air ;  air  an  aobhar  sin  a  deirear  gu 
bheil  i  math  ri  giùlan.  Tuireadh  iii.  27,  a  thaobh  's 
gur  e  sin  an  rathad  gu  neach  a  dheanamh  mu 
dheireadh  mar  leanabh  chuireadh  bhàrr  na  cìche. 

'S  an  dara  àite.  Dian  iarrtus  gu'm  biodh  a' 
chrois  air  a  gluasad,  agus  gu'm  biodh  cùisean  anns 
an  earrainn  sin  do'n  chrannchur  a'  dol  mar  bu 
mhiannach  leinn.  Tha  so  gle  nàdurrach  a  bhi  'g 
iarruidh  saorsa  bho  gach  ni  tha  'n  a  eallach  d'ar 
nàdur ;  agus  mur  bi'n  iarrtus  so  ro  thul-chuiseach, 
ach  air  a  cumail  gu  dligheach  fo  ghèill  do  thoil 
De',  cha'n  'eil  i  peacach.  Mat.  xxvi.  39.  (i  Ma 
dh'fheudas  e  bhi  rachadh  an  cupan  so  seachad 
orm;  gidheadh,  na  biodh  e  mar  is  àill  leamsa, 
ach  mar  is  toil  leatsa."  Is  iomadh  ùrnuigh  a  fhuair 
eisdeachd  a  chuir  pobull  Dè  suas,  air  son  gu'm 
biodh  an  camadh  a  bha  'n  an  crannchur  air  a 
ghluasad. 

'S  an  àite  mu  dheireadh.  Gnàthachadh  dùrachd- 
ach  mheadhona  chum  na  crìche  sin.  Tha  so  gu  nàd- 
ùrrach  a'  leantuinn  an  iarrtuis  sin.  Air  do'n  duine 
bhì  air  a  theannadh  leis  a'  chrois  ni  is  e  chamadh, 
gnàthaichidh  e  gach  meadhon  a  tha  'n  a  chomas  gu 


60 


AN  CAMADH  JS  A9  CHRANNCHUR. 


bhi  cuiteas  i.  Agus  ma  ta  na  meadhona  a  chleachdar 
laghail,  agus  nach  earhar  asd',  ach  gu'n  leanar  iad  le 
sùil  ri  Dia  annta,  cha'n  'eil  an  oidhirp  peacach,  co 
dhiubh  a  shoirbhicheas  leis  na  gnàthachadh  no  nach 
soirbhich. 

III.  An  seadh  anns  an  tuigear  nach  urrainn  sinn 
an  camadh  a  tha  'n  ar  crannchur  a  dhìreadh  no 
chàradh. 

Cha  tuigear  e  mar  ni  a  tha  tur  eu-dòchasach 
agus  do-leighiste.  Oir  cha  'n  'eil  crannchur  neach 
air  bith  co  càm  's  nach  urrainn  Dia  a  dhìreadh. 
Gen.  xviii.  14.  "  Am  bheil  ni  air  bith  do-dheanta 
do'n  Tighearna  ?"  Nuair  a  tha  'n  camadh  a'  mar- 
sainn  fada  dh'  aindeoin  gach  meadhon  leighis  a 
chleachdar  ris_,  tha  neach  ullamh  gu  bhi  càll  gach 
uile  dhòchas  m'a  thimchioll ;  ach  's  iomadh  camadh 
a  thugadh  thairis  mar  ni  bha  gu  bràth  do-leasaichte, 
a  rinn  Dia  gu  h-iomlan  dìreach,  mar  ann  an  cor 
Ioib.  Ach  cha  bhi  sinn  gu  bràth  comasach  a  leas- 
achadh  dhinn  fèin ;  mur  gabh  an  Tighearna  os 
làimh  e  seasaidh  e  romhainn  gun  charachadh  mar 
bheinn  umha,  ged  dh'  fheudadh  e  bhi  gu'm  bheil  e 
ann  fèin  na  ni  gle  fhurasda  ri  ghluasad.  Labhraidh 
sinn  uime  anns  na  tri  nithibh  so. 

L  Cha  tig  an  là  ghabhas  e  dìreadh  le  neart  ar 
làimh-ne.  1  Sam.  ii.  9.  "  Oir  le  neart  cha  bhuadh- 
aich  duine  sam  bith/>  Na  dìchiollan  is  spàirneil 
is  urrainn  duinn  a  chleachdadh,  cha  dìrich  iad  an 
camadh  mur  cur  Dia  a  làmh  ris,  air  chor  's  gu'm 
bi  gach  uile  dhìchioll  gun  tairbhe  dh'easbhuidh  sùil 
ris  an  Tighearna,  agus  gu'm  bi  iad  co  dìomhan  ri 
bhi  treabhadh  air  a'  chraig.  Salm  cxxvii.  1,  2. 

2.  Bidh  gach  uile  mheadhon  ceadaicht'  a  ghnàth- 
aichear  mu  thimchioll  neo-eifeachdach  mur  beann- 
uich  an  Tighearn  iad  chum  na  crìche  sin.  Tuir.  iii. 
37.  Co  esan  a  their  agus  gu'n  tig  e  gu  crìch  an 
uair  nach  àithn  an  Tighearna?"  Mar  dh'fheudas  neach 
itheadh  agus  gun  bhi  sàsuichte,  mar  sin  feudaidh 


AN  CAMADH  'S  A1  CHRANNCHUR. 


61 


neach  meadhona  iomchuidh  a  ghnàthachadh  chum 
an  camadh  a  tha  'n  a  chrannchur  a  dhìreadh  gun 
bhuaidh  air  bith ;  oir  cha'n  urrainn  ni  no  neach  a 
bheag  a  dheanamh  dhuinn  ach  a  rèir  àithne  Dhè. 
Ecles.  ix.  11.—"  Cha'n  ann  do  na  daoinibh  luatha 
a  tha  'n  rèis,  no  do  na  daoinibh  trèuna  an  cath,  no 
do  na  daoinibh  glice  aran,  no  da  dhaoinibh  tuigseach 
saoibhreas,"  &c. 

3.  Cha  ghabh  e  dìreadh  gu  bràth  ann  ar  n-àm- 
ne  ach  ann  an  àm  Dhè,  ni  leis  nach  tric  a  bhi  co 
luath  r'  ar  n-àm-ne.  Eoin  vii.  6,  (<  Cha  d'  thàin- 
ig  m'  àmsa  fathasd,  ach  a  ta  bhur  n-àmsa  ghnàth 
deas."  Uime  sin,  fanaidh  an  camadh  air  uairibh 
neo-ghluasadach  mar  gu'n  cumar  e  le  làimh  neo- 
fhaicsinneach,  agus  air  uairibh  eile  falbhaidh  e  le 
beantuinn  ris  do  bhrìgh  's  gu'n  d'  thàinig  àm  Dhè 
gu  dhìreadh. 

IV.  Aobharan  an  teagaisg. 

A  cheud  aobhar.  Do  bhrìgh  gu  bheil  sinn  gu 
h-ìomlan  an  urradh  ri  Dia.  Gnìomh.  xvii.  28.  Mar 
tha'n  solus  an  eisiomal  na  grèine^  no  'm  faileas  an 
eisiomal  a'  chuirp,  mar  sin  tha  sinne  'n  eisiomal 
Dhè,  agus  as  eugais  cha'n  urrainn  sinn  ni  sam  bith 
a  dheanamh,  am  beag  no'm  mòr.  Agus  is  àill  le 
Dia  gu'm  faigh  sinn  mar  sin  e,  gus  an  tuig  sinn  gur 
ann  'n  a  eisiomail  a  tha  sinn. 

An  dara  aobhar.  Do  bhrìgh  nach  fheudar  cuir 
an  aghaidh  a  thoil-san  Isa.  xlvi.  10.  "  Seasaidh 
mo  chomhairle,  agus  gach  ni  is  àill  leam  ni  mi." 
'Nuair  is  àill  le  Dia  aon  ni,  agus  is  àill  leis  a  chrèu- 
tair  ni  eile,,  is  furasd  f haicinn  co  dhiubh  toil  is  èiginn 
a  bhi  deanta.  'Nuair  a  tha  'n  gairdean  Uile-chumh- 
achdach  a'  cumail^  is  dìomhan  do  'n  chreutair  a  bhi 
tarruing.  lob  ix.  4.  "  Cò  a  chruaidhich  e  fèin  'n 
a  aghaidh,,  agus  a  shoirbhich  V3 

Tha  e  soifleir  bho  na  chaidh  a  labhairt,, 

1.  Gur  èiginn  strìochdadh  fo  n'  chamadh  a  tha  'n 
ar  crannchur ;  oir  is  co  math  dhuinn  a  bhi  'm  barail 


62 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


gu  'n  atharraich  sinn  na  creagan  agus  na  beanntan 
a  shocraich  Dia,  agus  gu'n  dirich  sinn  an  earrainn 
sin  <Tar  crannchur  a  rinn  esan  càm. 

2.  Nach  'eil  's  an  direadh  a  ni  sinn  fèin  air  a' 
chamadh  a  th'arm  ar  crannchur  ach  a  bhi  g'ar 
mealladh  fèin,  oir  cosmhuil  ri  maide  càm  a  rachadh 
a  dhìreadh  le  aineart,  pillidh  e  air  bàll  gus  an  lagh- 
adh  's  an  robh  e  roimhe. 

3.  'S  e  'n  t-aon  rathad  is  docha  sinn  an  camadh 
fhaotainn  air  a  dhìreadh  a  dhol  a  dh/ionnsuidh 
Dhè  leis : 

Earail  1.  Uime  sin,  rachamaid  a  dh'ionnsuidh 
DM  air  son  camaidh  air  bith  a  th'ann  ar  crannchur, 
a  dh'fheudas  a  reir  òrdugh  suidhichte  nithe  bhi  air 
a  dhìreadh.  Cha'n  urrainn  an  duine  sgur  do  bhi 
miannachadh  gu'n  rachadh  a  chamadh  a  thoirt  air 
falbh,  nis  mo  na  ged  bu  sgolp  a  bhiodh  'n  a  f  heòil. 
Ach  do  bhrìgh  nach  urrainn  sinn  an  ni  sin  a  leas- 
achadh  a  tha  Dia  a'  faicinn  iomchuidh  a  mhilleadh, 
is  cinnteach  gur  ann  a  dh'ionnsuidh  an  Tì  a  rinn  e 
is  còir  a  dhol  g'a  leasachadh,  agus  gu'n  a  ghabhail 
'n  ar  làimh  fèin.  Agus  chum  ar  brosnuchadh  gu 
dol  g'a  ionnsuidh-sa. 

Bros.  1.  Bidh  gach  oidheirp  a  bheir  sinn  gu 
'ghluasad,  as  easbhuidh-sa,  diòmhan  agus  neo-thar- 
bhach.  Salm  cxxvii.  1.  Ge  b'e  co  dian  's  a  bhios 
ar  saothair  chum  a  dhìreadh,  mar  abair  Dia  e,  bidh 
i  dìomhan,  Tuir.  iii.  37.  Ge  b'e  co  gealìtannach 
's  a  bhios  na  meadhona  ghnàthaicheas  sinn^,  bidh  iad 
neo-eifeachdach  mar  àithn  esan  am  beannachadh. 
Ecles.  ix.  11. 

2.  Tha  leithid  sin  do  dh'oidheirpibh  am  bi- 
dheantas  'g  a  dheanamh  ni  's  miosa.  Cha'n  'eil  ni 
sam  bith  ni  's  dualaiche  do  spiorad  uabhrach  a 
tha  strì  r'a  chamadh  na  dheanamh  ni  's  caime. 

Ecles.  x.  8^  9  <e  An  tì  a  bhriseas  callaid,  tèum- 

aidh  nathair  e.  An  tì  a  dh'atharraicheas  clachan, 
goirtichear  e  leo/'  &c.    Tha  so  làn  shoilleir  bho 


AN  CAMADH  's  A'  CHRANNCHUR. 


63 


chor  na  dream  a  bha  gearan  's  an  fhàsach.  Agus 
tha  e  nàdurrach  do  n'  chùis  a  bhi  mar  sin,  a  thaobh 
's  mar  is  mò  nithear  strì  an  aghaidh  a'  chamaidh 
gur  ann  is  fhaide  tha'n  toil  sl  teicheadh  uaithe  ; 
Osbarr  tha  Dia  air  a  bhrosnuchadh  gu  bhi  fighe  na 
cuinge  ni's  tinne  mu  mhuineal  an  duine,  chum  's 
nach  luidh  i  idir  socrach  air. 

3.  Cha'n  'eil  camadh  air  bith  nach  f  heud  e  leigh- 
eas,  agus  a  dhìreadh  gu  h-iomlan.  Salm  cxlvi.  8. 
— ee  Togaidh  an  Tighearna  suas  iadsan  a  tha  air  an 
cromadh  sios,"  &c.  Is  urrainn  e  an  camadh  is 
sine  dhìreadh,  mu'n  do  chàill  sinne  gach  uile  dhò- 
chas,  Rom.  iv.  17. — ce  Eadhon  Dia  a  ta  beothach- 
adh  nam  màrbh,  agus  a  ta  gairm  na  nithe  sin  nach 
'eil  idir  ann  mar  gu'm  biodh  iad  ann."  Dhasan  'n  a 
aonar  bunaidh  mìorbhuilean  oibreachadh  agus  obair 
a  thoiseachadh  far  an  d'fhairtlich  air  an  t-saoghal 
gu  leir,  agus  a'  toirt  air  a  h-aghaidh  gu  foirfeachd. 
Gen.  xviii.  14. 

4.  Is  toil  leis  obair  a  thoirt  dha  ann  a  bhi  dìreadh 
chamaidhean,  agus  tha  e  'g  ar  gairm-ne  gus  an  obair 
sin  a  thoirt  dha.  Salm  l.  15 — 4<  Gairm  orm  ann  an 
latha  teanntachd,  agus  saoraidh  mise  thu,"  &c. 
Tha  e  g'an  deanamh  air  son  an  dearbh  aobhair  sin, 
chum  gu'm  bi  gnothach  againn  g'a  ionnsuidh,  agus 
chum  gum  foillsichear  a  chumhachd  agus  a  mhaith- 
eas  'n  an  dìreadh.  Hos.  v.  15.  Tha  teanntachdà 
chloinn  nan  daoine  'n  a  raon  farsuing  gu  bhi  soill- 
eireachadh  'iomlaineachd  ghlòrmhor-san,  nach  b'urr- 
ainn  air  dhoigh  eile  bhi  air  an  aithneachadh.  Escod. 
xv.  11. 

5.  Tha  camadh  mar  so  air  a  dhìreadh  'n  a  tkrò- 
cair  dà  fhillte.  Tha  cuid  do  chamaidhibh  a  dhìrear 
le  beantuinn  do  làimh  freasdail  cumannta,  'nuair 
aon  chuid,  nach  'eil  muinntir  a'  dol  a  dh'ionn- 
suidh  Dhe  leo,  no  tha  iad  gu  frionasach  mi- 
fhoighidneach  ag  iarraidh  an  toirt  air  falbh.  Ach 
ni  bheil  annta  sin  ach  tròcairibh  gearr-shaoghalacli 


u 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


neo-bhrighear.  Salm  xxviii.  30,  31.  Hos.  xiii.  11. 
Is  gànn  is  urrainn  an  toradh  a  theid  a  spìonadh  le 
iomadaidh  cabhaig  do  chraoibh  freasdail,  gun 
ghaoir  a'  chur  anns  na  naclaibh^  agus  gu  cinnteach 
bidh  e  searbh  do  anamaibh  gràsmhor.  Ach  O  ! 
milsead  a'  chamaidh  a  fhuaireadh  air  a  dhìreadh  le 
tagradh  iriosal  agus  feitheamh  fhoighidneach  ris 
an  Tighearna  !  Tha  iomhaigh  agus  sgriobhadh 
deadh-ghean  Dè  air,  ni  tha  g'a  fhàgail  tomadach 
agus  luachmhor,  Gen.  xxxiii.  10.  "  Oir  uime  sin 
chunnaic  mi  do  ghnùis  mar  gu'm  faicinn  gnùis  Dè." 
Caib.  xxi.  6. 

6.  Rinn  Dia  aithnichte  a  dheadh-ghean  d'a 
chlann  ro  ghràdhach  ann  a  bhi  deanamh  agus  a 
dìreadh  chamaidhean  sònruichte  'n  an  crannchur. 
Is  iad  a  chuid  ailleagain  ro  ionmhuinn,  mar  is  tric, 
is  mo  trioblaid  crannchuir,  Eabh.  xii.  6.  Ach 
tha  iad  sin  a'  deanamh  rathaid  do  na  fèin-fhios- 
rachaidhean  is  saoibhre  ann  an  toirt  air  falbh, 
'nuair  a  theid  iad  da  ionnsuidh-sa  leo.  Tha  so 
soilleir  bho  chor  Abrahaim,  Iacoib,  agus  Ioseiph. 
Cò  do  na  Prìomh-aithrichean  aig  an  robh  camaidh- 
ean  co  mòr  's  a  bh'acasan  ?  ach  air  an  làimh  eile,  cò 
aig  an  robh  a  leithid  do  chomharraidh  sònruichte 
air  deadh-ghean  an  Tighearna  ?  Bha  na  daoine  bu 
mhò,  mar  bha  Samson  agus  Eoin-Baiste,  air  am 
breith  le'm  mnathaibh  a  bha  aimrid  a  thaobh  nàduir; 
mar  sin  crìochnaichidh  na  camaidhean  is  mò  anns 
na  tròcairibh  is  saoibhre  dhoibh-san  a  tha  gu  dligh- 
each  'g  an  giulan  fèin  fodhpa. 

7.  'S  e  'n  rathad  is  giorra,  's  is  cinntiche  dol  dìr- 
each  a  dh'ionnsuidh  Dhè  leis  a'  chamadh  a  tha  'n  ar 
crannchur.  Ma  's  math  leinn  ar  dùrachd  fhaotuinn 
anns  a'  chùis  sin^  feumaidh  sinn  mar  an  iolair,  an 
toiseach  èiridh  gu  h-àrd,  agus  an  sin  tighinn  a 
nuas  air  a!  chreich.  Marc.  v.  36.  Cha  bhi  anns  na 
h-ionnsuidhibh  clì  mì-chreidmheach  a  tha  sinn  fein 
a'  cleachdadh  ach  cabhaig  an  amadain  leis  nach 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


soirbhich ;  mar  ann  an  cor  Abrahaim  dol  a  steach  gu 
Hagar.  'S  e  Dia  a  tha  cur  gach  cuibhle^ir  ghluasad 
chum  an  camadh  a  dhìreadh,  ni  as  easbhuidh-san  a 
dh'fhanas  neo-ghluasadach.    Hos.  ii.  21,  22. 

Leithsgeul.  1.  Ach  is  dìomhan  dhomhsa  dol  a 
dh'ionnsuidh  Dhè  leis  a'  chamadh  a  th'ann  mo 
chrannchur ;  oir  ged  ghabhadh  an  camadh  leasach- 
adh,  cha  gabh  mise  leasachadh  am  feasd.  A  thaobh 
a  naduir  ìeudar  a  chàradh,  ach  tha  e  soilleir  nach 
caraichear  e.    Tha  e  eu-dòchasach. 

Freag.  Is  e  sin  cainnt  na  cabhaig  mhi-chreid- 
mheach,  ni  bu  chòir  do  chreidimh  agus  do  fhoigh- 
idin  a  chronachadh.  Salm  cxvi.  11,  12.  Bha  'n 
camadh  a  bh'aig  Abraham  co  eu-dòchasach,  ach 
chaidh  e  chum  Dhè  leis  tre  chreidimh  gu  chàradh,, 
Romh.  iv.  19,  20.  Chaidh  Sarah  a  chronachadh  a 
chionn  a  mheas  eu-dòchasach.  Gen.  xviii.  13,  14. 
Cha  chòir  do  ni  sam  bith  do  bhacadh  bho  dhol  a 
dh'ionnsuidh  Dhè  anns  a  chòr  sin. 

Leithsgeul.  2.  Ach  chaidh  mi  g'a  ionnsuidh  leis 
a  rithist  's  a  rithist^  gidheadh,  cha  'n  'eil  e  fathasd 
air  a  chàradh. 

Freag.  Cha  diultadh  air  achanaich  dàil  a  chur 
'n  a  fveagradh  an  cuirt  nam  flaitheanais^  ach  dearbh- 
adh  air  creidimh  's  air  foighidinn  an  luchd-achan- 
aich.  Agus  ge  b'e  a  bhuanaicheas,  gheibh  e  freag- 
radh  gu  cinnteach  mu  dheireadh.  Luc.  xviii.  7,  8. 
"  Agus  nach  dean  Dia  dioghaltas  air  son  a  dhaoine 
taghta  fèin,  a  ta  'g  èigheach  ris  a  là  agus  a 
dh'oidhche,  ged  tha  e  fad-fhulangach  mu'n  tim- 
chioll?  A  deirim  ribh  gu'n  dean  e  dioghaltas  air 
an  son  gu  luath."  Air  uairibh,  fàsaidh  muinntir 
frionasach  a  thaobh  a'  chamaidh  a  tha  'n  an  crann- 
chur,  agus  do  bhrìgh  gu  bheil  iad  'g  sl  mheas  eu- 
dòchasach,  leigidh  iad  dhiubh  a  bhi  'g  ùrnuigh  air 
a  shon,  ged  robh  e  fad  an  àm  a  an-shocrach  dhoibh  ; 
ach  mas  toil  le  Dia  a  dhìreadh  ann  an  tròcair, 
bheir  e  orra  ghabhail  a  stigh  a  rìs  'n  an  ùrnuighibh, 


m 


AN  CAMADH  's  A*  CH RANNCH VR* 


Esec.  xxxvi.  37.  "  Bithidh  mise  fathast  air  m'iarr* 
aìdh  's  an  ni  so  le  tigh  Israeil  a  chum  a  dheanamh 
air  an  son."  Ma  bheirear  air  falbh  e  'm  feadh  's  a 
tha  e  air  a  dhearmad  's  an  ùrnuigh  cha  mhòr  sòlas 
a  gheibhear  ann ;  ged  nach  tugta  air  falbh  e  's  a' 
bheatha  so,,  cha  bu  chòir  dha  sin,  ar  bacadh  bho  bhi 
'g  urnuigh  ri  Dia  a  thoirt  air  falbh ;  oir  tha  iomadh 
ùrnuigh  nach  freagrar  gus  anruigear  an  ath-shaoghal,, 
agus  an  sin  bithidh  iad  uile  air  am  freagradh  còmh- 
ladh.  Romh.  vii.  24. 

Seolaidhean  a  chum's  gu'n  iarramaid  gu  ceart, 
an  camadh  a  tha  'n  ar  crannchur  a  thoirt  air  falbh* 

1.  Bithibh  ag  ùrnuigh  le  creidimh  air  a  shon. 
Esec.  xxxvi.  37,  a'  creidsinn  air  sgàth  Iosa  gu'm 
freagrar  sibh  mu  dheireadh,  agus  sin  anns  a 
bheatha  so  ma  bhios  e  chum  math  dhuibh,  ach 
gun  teagamh  sam  bith,,  's  a'  bheatha  ta  ri  teachd. 
Mat.  xxi.  22.  Iadsan  a  tha  cantainn  orain  Mhaois 
agus  an  Uain  cha  mheallar  an  dòchas.  Taisb.  xv.  3, 
Agus  ann  an  cuid  a  choirean  do'n  ghnè  so^,  tha  àm 
sònruichte  air  a  cur  air  leth  chum  ùrnuigh  agus 
trasgadh  ro  iomchuidh.  Mat.  xvii.  21. 

2.  Irioslaichibh  sibh  fèin  fodha^,  mar  aJ  chùing  a 
chuir  an  làmh  àrd-uachdranach  oirbh.  Mic.  vii.  94 
£i  Giùlainidh  mi  corruich  an  Tighearna,  a  chionn 
gu'n  do  pheacaich  mi  'n  a  aghaidh,"  &c.  Firinnich- 
ibh  Dia,  dìtibh  sibh  fèin^,  pogaibh  an  t-slat,  agus 
imichibh  gu  ciuin  foidhpe ;  's  e  so  an  rathad  's  an 
docha  i  bhi  air  a  toirt  air  falbh.  Seum.  iv.  10. — « 
'Nuair  a  tha'n  damh  air  a  thàladh  agus  air  a  bhri- 
seadh,  's  air  a  chleachdadh  ris  a  chùing,  an  sin 
bheirear  dheth  i^,  oir  tha,  chrìoch  air  a  toirt  mun 
cuairt.  Salm.  x.  17.  "  Deasaichidh  tu  an  cridhe  ; 
bheir  thu  air  do  chluais  eisdeachd/' 

3.  Feith  gu  foighidneach  gus  an  dean  an  làmh  a 
rinn  e  a  leigheas.  Salm  xxvii.  14.  Na  tugaibh 
thairis  a  chùis  mar  ni  eu-dochasach  do  bhrìgh  nach 
'eil  sibh  air  'ur  saoradh  co  luath  's  bu  math  leibh  ; 


A.N  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


67 


*f  ach  biodh  aig  an  fhoighidinn  a  h-obair  dhiong- 
mhalta  fèin  chum  gu'm  bi  sibh  diongmhalta  agus 
iomlan  gun  uireasbhuidh  ni  sam  bith.  Seum  i.  4« 
Fàgaibh  àm  an  t-saoraidh  d'an  Tighearna ;  aidich- 
idh  sibh  mu  dheireadh  gur  e  àmsan  gu  cinnteach  is 
feàrr,  agus  cha  tèid  e  thairis  air.  Isa.  lx.  22. 
"  Luathaichidh  mise  lehobhah  e  na  thràth ;"  cha 
tèid  as  d'ur  dòchas  le  blii  feitheamh  air — (C  oir  cha 
nàraichear  iadsan  a  dh'fheitheas  ormsa."  Isa. 
xlix.  23. 

Earail  2.  Ge  b'e  camadh,  nach  fheudair  a  rèir 
òrdugh  suidhichte  nithe  a  thoirt  air  falbh  no  dhìr- 
^adh  's  an  t-saoghal  so,  iarramaid  air  an  Tighearna 
cobhair  iomchuidh  gu  ghiùlan.  'S  e  'n  camadh 
coitchionn  a  th'ann  an  crannchur  nan  naomh,  am 
peacadh  a  tha  chòmhnuidh  's  an  taobh  stigh :  Agus 
ma  dh'òrduich  Dia  nach  rachadh  an  camadh  sin  a 
thoirt  air  falbh  's  a  bheatha  so,  's  urrainn  e  gu  cinn- 
teach  a  chothromachadh  agus  cobhair  a  thoirt  gu 
giùlan  fodha.  Feudar  so  a  ràdh  mu  chamadh  air 
bith,  fhad  sa  tha  e  làthair.  Anns  gach  cor  dhiubh 
sin  rachaibh  a  dh'ionnsuidh  Dhè  air  son  'ur  calld- 
ach  a  leasachadh.  Agus  tha  cùig  nithe  bu  chòir  a 
bhi  'n  ur  beachd  an  so. 

1.  Dia  ann  an  Criosd  a'  ghabhail  air  son  agus 
an  àite  na  chaidh  a  thoirt  uainn^,  no  na  tha  air  'a 
chumail  uainn.  Salm  cxlii.  5.  Cha  'n  eil  camadh 
a  ni  Dia  'n  ar  crannchur  nach  'eil  e  tairgse  dhuinn 

iomlaid  bheannaichte.    Marc.  x.  21  (i  Reic  na 

bheil  agad  agus  bithidh  ionmhas  agad  air  nèamh." 
An  tairgse  na  h-iomlaid  so,  tha  Dia  air  tùs  a'  cur 
a'  mach  a  làimh  agus  &  toirt  uainn  ni-eiginn  tal- 
mhaidh^  an  dùil  gu'n  cuir  sinne  mach  ar  làmh  a 
rìs^  agus  gun  toir  sinn  uaith-san  ni-eiginn  neàmh- 
aìdh  'n  a  àite ;  agus  gu  h-àraid  Criosd.  Uime  sin 
mu  d'  fhalamhaich  Dia  do  làmh  chlì  dheth  leithid 
so  no  sud  do  chomhfhurtachd  thalmhaidh?  Sìn 
thusa  a  mach  do  làmh  dheas  a  dh'ionnsuidh  Dhè 


68 


AN  CAMADH  *S  a'  CHEANNCHUK. 


ann  an  Criosd,  gabh  e  'n  a  àite,  agus  *s  e  do  bheatha^ 
Air  an  aobhar  sin,  tha  dùnadh  an  anma  ri  Criosd, 
air  a  ghairm  ceannachd,  anns  am  bheil  dealachadh 

ri  aon  ni  air  son  ni  eile.    Mat.  xiii.  45,  46  "  Is 

cosmhuil  rìoghachd  nèimh  ri  ceannaiche  àraidh  ag 
iarraidh  neamhnuide  mhaiseach :  agus  air  amas  da 
air  aon  neamhnuid  ro  luachmhoir,  dh'imich  e  agus 
reic  e  na  bh'  aige,  agus  cheannaich  e  i."  Deansa 
mar  so,  agus  bithidh  tuilleadh  agus  buannachd  agad 
dheth  do  chamadh  crannchuir. 

2.  Biodh  dùil  agad  ris  an  t-sruth  a'  ruith  co  làn 
uaith-san  's  a  b'urrainn  e  ruith  mun  do  thiormaich 
an  camadh  's  a  chrannchur  e.  'S  e  so  obair  a  chreid- 
imh,  a  bhi  gu  muinghinneach  a'  sealltuinn  ri  Dia 
air  son  an  ni  sin  a  tha  air  aicheadh  dhuinn  bho  na 
creutairibh.  "  'Nuair  a  threigeas  m'  athair  agus 
mo  mhàthair  mi,  an  sin  togaidh  an  Tighearna  suas 
mi,"  Salm  xxvii.  10. 

Tha  i  so  na  dùil  ro  reusanach :  Oir  is  cinnteach 
nach  'eil  math  air  bith  's  a'  ehreutair,  ach  an  ni  a 
tha  bho  Dhia,  air  an  aobhar  sin  cha  'n  'eil  math  ri 
fhaotuinn  's  a  chreutair,  an  sruthan,  nach  fheudar 
fhaighinn  gu  neo-mheadhonach  bho  Dhia,  an  tobar. 
Agus  O  !  'sedo  bheatha  teachd  leis  an  argumaid 
so  chum  Dhè,  agus  a  ràdh,  A  nis  a  Thighearna, 
thug  thu  uamsa  leithid  so  do  chomhfhurtachd 
chruthaichte,  feumaidh  mi  co  math  fhaotuinn  uait 
fèin. 

3.  Toraidhean  spioradail  a  chamaidh  anns  a 
chrannchur.  Eabh.  xii.  ll.  Tha  sinn  a'  faicinn  gur 
e  'n  doigh  a  th'  air  a  chleachdadh  's  an  t-saoghal, 
nuair  a  dh'fhailnicheas  aon  seòrsa  ceaird,  bualadh 
air  ceaird  eile ;  mar  so,  'nuair  a  tha  camadh  'n  ar 
crannchur  a'  deanamh  ar  co'-fhuartachd  thalmh- 
aidh  iosal,  bu  chòir  dhuinn  an  tuilleadh  dichill  a 
chleachdadh  air  son  buannachdan  spioradail.  Ma 
tha  ar  co-cheannachd  ris  an  t-saoghal  a'  dol  air  a 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRARNCHUR. 


h~ais  feuchamaid  gu'ni  bi  ar  co-cheannachd  ri 
flaitheanas  ni's  ro  bheothaile  a'  dol  air  a  h-aghaidh  : 
Feuchamaid  gu'm  bi  'n  camadh  'n  a  mheadhon  g' 
ar  gluasad  chum  ruigheachd  air  ni  's  mò  do  chreid- 
imh,  do  ghaol,  do  dh'inntinn  spioradail,  do  thar- 
cuis  air  an  t-saoghal,,  do  dh'irioslachd,  do  dh'fhèin- 
aicheadh,  &e.  2  Corint.  vi.  10.  Mar  sin,  gecl 
chailleamaid  air  an  darna  làimh,  coisnidh  sinn  air 
an  làimh  eile. 

4.  Grds  gu  ar  giùlan  fo'n  chamadh.  2  Cor. 
xii.  8,  9.  ee  Air  a  shon  so  ghuidh  mi  an  Tighearna 
tri  uairean, — Agus  thubhairt  e  rium>  Is  leòir  mo 
ghràs-sa  dhuit."  Ma  tha  duine  fànn,  lag,  a'  giù- 
ìan  eallach  eutrom,  no  ma  tha  e  air  urachadh  's 
air  a  neartachadh  sl  giùlan  eallach  thròm^,  cha  'n 
'eil  ann  ach  an  t-aon  chuid,  's  urrainn  e'n  eallach 
thròm  a  ghiùlan  co  furasd  ris  an  eallaich  èutrom. 
'S  e  gràs  a  rèir  ar  feum  agus  a  rèir  ar  n-eallacha  bu 
ehòir  dhuinne  iarraidh  ;  agus  ma  gheibh  sinn  so, 
eha  bhi  sinn  an  èis  ged  nach  rachadh  an  camadh  a 
dhìreadh. 

5.  Is  còir  dhuinn  an  fhois  shiorruidh  agus 
eudthrom  glòire  an  ath-shaoghail  a  bhi  'n  ar  beachd. 
2  Corint.  iv.  17,  18.  "  Oir  a  ta  ar  n-àmhghar  èu- 
trom  nach  'eil  ach  re  sealain,  ag  oibreachadh 
dhuinne  tròm  chudthrom  glòire  a  ta  ni  's  ro  ana- 
bharraiche  agus  sior-mhaireannach  ;  air  dhuinn  a 
bhi  ag  amharc  cha  'n  ann  air  na  nithibh  a  tha 
r'  am  faicinn,  ach  air  na  nithibh  nach  'eil  r'  am 
faicinn."  Cothromaichidh  so  an  camadh  a  tha  'n  'ur 
crannchur,  ciod  air  bith  e,  am  feadh  's  a  gheibli 
iadsan  aig  nach  'eil  dòchas  na  slàinte  air  deadh 
bhunait,  an  camadh  a  tha  'n  an  crannchur  's  an 
t-saoghal  so  co  tròm,  's  nach  'eil  ni  sam  bith  aca  a 
cho-chothromaicheas  e ;  gidheadh,  feudaidh  earb- 
sa  gu'n  sealbhaichear  fois  shìorruidh  giùlan  leis  gach 
trioblaid  ris  an  tarlar  an  so. 

Earail  3.  Suidhichmid  sinn  fèin  ma  ta,  gu'n  giù- 


70 


AN  CAMADH  >S  A*  CHRANNCHUR. 


lain  sinn  gu  ceart  an  camadh  a  th*  ann  ar  crann- 
chur,  fhad  sa  chì  Dia  iomchuidh  fhàgail  againn. 
Giùlainmid  air  mhodh  Criosduidh  an  ni  nach  ur- 
rainn  sinn  a  leasachadh,  agus  na  bitheamaid  &  cog- 
adh  an  aghaidh  Dhè,  agus  a*  breabadh  an  aghaidh 
nan  dealg. 

1.  Giùlainmid  e  gu  foighidneach  gun  fhrionas 
no  monmhur,  Seum.  v.  7.  Salm  xxxvii.  7.  Ged 
chaillimid  ar  comhfhurtachd  ?s  a'  chreutair,  tre  'n 
chamadh  a  tha  *n  ar  crannchur,  na  caillimid  ar 
seilbh  oirnn  fèin.  Luc.  xxi.  19.  Tha  an  camadh 
crannchuir  'g  ar  deanamh  cosmhuil  ri  neach  aig 
nach  biodh  ach  teine  beag  neo-shuilbhear  g*  a  gha- 
radh ;  ach  ni  mi-f  hoighidinn  a  sgapadh,  air  dhoigh 
s  gu'n  cur  e*n  tigh  na  theine  mun  cuairt  dhuinn, 
agus  ar  cuir  an  cunnart.  Gnàth.  xxv.  28.  "  Mar 
chathair  briste  sìos  gun  bhalladh,  tha  am  fear  aig 
nach  'eil  ceannsal  air  a  spiorad  fèin." 

2.  Giùlainmid  e  le  treubhantas  Chriosduidh,  gun 
bhi  neo-mhisneachail,  —  no  fannachadh  'nuair  a 
chronaichear  leis  sinn.  Eabh.  xii.  5.  'S  e  obair 
Shatain  a  bhi  lubadh  no  briseadh  spiorad  neach 
leis  a  chamadh,  agus  gu  tric  le  a  lubadh  tha  e  'g  a 
bhriseadh :  'S  e  ar  n-obair-ne  bhi  'g  a  ghiùlan  gu 
eòmhnard,  a'  stiùradh  cùrsa  meadhonach,  air  eagal 
gum  brisear  *n  ar  mìribh  sinn  air  na  creagaibh  air 
aon  làimh  no  làimh  eile.  Ni  bheil  ar  sonas  air 
fhilleadh  ann  an  co'-fhurtachd  thalmhaidh  sam 
bith,  ni  mo  dh'fhàgas  easbhuidh  aon  air  bith 
dhiubh  truagh  sinn.  Hab.  iii.  17,  18.  Mar  so 
tha  sinn  gu  dol  air  adhart  gu  diongmhalta,  a*  cur 
suarrach  gach  cruaidh-chas  le  dìmeas  naomh.  Iob 
xvii.  9.  "  Cumaidh  an  duine  cothromach  a  shlighe^ 
agus  gheibh  esan  a  ta  glan  'n  a  làmhaibh  tuilleadh 
neirt." 

Ceist.  C'  uin  a  mheasar  neach  a  bhi  air  tuiteam 
fo  thuilleadh  's  a  chòir  do  mhi-mhisneach  leis  a* 
chamadh  a  tha  n  a  chrannchur  ? 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


71 


Freag.  'Nuair  bheir  e  buaidh  air  co  mòr  agus 
gu'm  fàg  se  e  neo-iomchuidh  gu  bhi  comhlionadh 
dleasnais  a  ghairme  aon  chuid  mar  dhuine  no  mar 
Chriosduidh.  Feudaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  gu 
bheil  ar  doilghios  neo-measarradh,  ma  dh'f hàg  e  sinn 
neo-iomchuidh  air  son  gnothaichean  cumanta  na 
beatha  dh'ionnsuidh  am  bheil  an  Tighearna  'g  ar 
gairm.  1  Corint.  vii.  24.  Faic  ciod  a  th'air  iomradh 
chum  cliùth  Abrahaim,  Gen.  xxiii.  3,  4.  No  ma 
dh'fhàg  e  sinn  neo-iomchuidh  air  son  dleasnais  na 
diadhachd,  'g  am  bacadh  gu  tur.  1  Pead.  iii.  7 — 
"  Chum  nach  bacar  bhur  n-ùrnuighean no  dean- 
amh  neach  tur  eu-dochasach  annta.    Mal.  ii.  13. 

3.  Giùlainmid  e  gu  bunnachdail,  chum  's  gu'm 
faigh  sinn  tairbhe  deth.  Salm  cxix.  71.  "  ls 
maith  dhomhsa  gu'n  robh  mi  ann  an  àmhghar, 
chum  gu  foghlumainn  do  reachda."  Tha  buann- 
achd  ri  dheanamh  dheth,  Rom.  v.  3,  4,  5,  agus  gu 
cinnteach  tha  'n  camadh  a  tha  'n  ar  crannchur  air  a 
dhroch  riaghailteachadh  mar  faigh  sinn  math  spior- 
adail  air  chor-eiginn  dheth.  Eabh.  xii.  11.  Tha'n 
camadh  'n  a  sheòrsa  cungaidh-leighis  spioradaih 
agus  mar  is  diomhain  dhuinn  searbh-bhlas  agus 
goirteasan  na  purgaid  sin,  nach  glan  air  falbh  droch 
leànn-tath  air  bith ;  mar  sin  is  camadh  neo-f heum- 
ail,  agus  is  diomhain  a  shearbhalachd  leis  nach 
deanar  ni's  fearr  sin.  Isa.  xxvii.  9.  "  Uime  sin, 
leis  a  so  glanar  aingidheachd  Iacoib  air  falbh ; 
agus  is  e  so  an  toradh  uile  a  thabhairt  air  falbh  a 
pheacaidh." 

Chum  an  earail  so  f harrach.    Thoir  fainear. 

Argumaid.  1.  Cha  ghabh  e  dìreadh  fhad  sa  chì 
Dia  iomchuidh  fhàgail  càm.  Cia  Ve  mar  ghiù- 
lanas  sinn  e^  agus  cia  b'e  ionnsuidh  a  bheir  sinn 
air  a  dhìreadh  fanaidh  e  neo-ghluasadach  mar  air 
a  dhaingneachadh  le  cuibhreachaibh  umha  agus 
iaruinn.  lob  xxiii.  13,  14,  "  Ach  tha  e  ?s  an  aon 
bheachd,  agus  co  d'iompaicheas  e?  agus  an  ni  je 


72 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


miann  le  'anam,  sin  ni  e.  Oir  coimhlionaidh  e  an 
ni  a  dh'òrduicheadh  dhomhsa,  agus  tha  mòran  d'an 
leithidibh  sin  aige."  Nach  e  ar  gliocas,  ma  ta,  an 
ni  is  fearr  a  dh'fheudas  sinn  a  dheanamh  d'an  ni 
nach  urrainn  sinn  a  leasachadh  ?  uime  sin,  deana- 
maid  subhailc  dheth  ar  n-eiginn.  An  ni  nach  gabh 
leigheas  's  fheudar  fhulang,  agus  is  còir  a  ghiùlan  le 
strìochdadh  Criosduidh. 

2.  Ni  giùlan  mi-chuimear  fo'n  chamadh  am  pian 
gu  ro  mhòr  a  mheudachadh.  Ciod  a  tha  deanamh 
na  cùinge  co  goirt  d'ar  muineal,  ach  sinn  a  bhi  sìor 
strì  'n  a  h-aghaidh,  agus  nach  leig  sinn  leatha  luidhe 
socrach  oirnn.  Ier.  xxxi.  18.  Cia  tric  a  tha  sinne 
's  a  chor  sin  mar  dhaoine  bhiodh  a'  bualadh  an  cinn 
ri  creig  ?  Cha'n  urrainn  iad  le  so  a  chreag  a  ghlu- 
asad,  ach  tha  iad  fèin  air  an  lot,  agus  a'  faotainn 
mòr  chàll  le  bhistrì  rithe.  Tha  mi-ihoighidinn  fo'n 
chamadh  a'  deanamh  na  h-eallaich  ni's  ro  thrùime, 
agus  'g  ar  deanamh-ne  ni's  laige,  agus  ni's  neo- 
chomasaich  air  a  giùlan. 

3.  'S  e  'n  camadh  a  th'ann  do  chrannchur  an 
dearbhadh  àraid  a  ròghnaich  Dia  gu  do  thomhas  a 
ghabhail  leis.  1  Pead.  i.  6,  7.  Is  e  teine  Dhe'  e 
ieis  am  bheil  e  dearbhadh  ciod  a  mhèinn  dheth'm 
bheil  daoine ;  clach  dhearbhaidh  f  hlaitheanais  gu 
bhi  leigeadh  ris  nam  fìor  Chrioduidhean  agus  nan 
cealgairean.  Tha  cuid  a  sheasas  ri  iomadh  dear- 
bhadh  eile  nach  urrainn  so  idir  a  ghiùlan,  dear- 
bhaidh  an  camadh  's  a'  chrannchur  iad  a  bhi  mi- 
fhallain.  Marc  x.  21,  22.  Smuanaich  ma  ta  ort 
fèin,  fo  na  chamadh.  A  nis,  's  e  so  dearbhadh  mo 
chor :  feumaidh  mi  leis  a  so  bhi  air  mo  dhearbh- 
adh,  an  darna  cuid,  trèibhdhìreach  no  'n  am 
chealgair.  Oir  (1.)  An  urrainn  neach  a  bhi  'n  a 
sheirbhiseach  dìleas  do  Chriosd  mar  bi  e  comasach 
air  a  chrannchur  a  thoirt  tharais  dha  ?  Nach  'eil 
gach  aon  a  tha  teachd  gu  trèibhdhìreach  chum 
Chrìosd  a'  tighinn  le  làimh  f  holaimh.  Gnìomh.  ix.  6. 


AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 


73 


Salm  xlvii.  4.  Agus  nach  'eil  e  'g  innseadh  dhuinn, 
a  dh'easbhuidh  an  t-suidheachaidh  inntinn  so,  nach 
sinn  a  dheisciobul.  Luc.  xiv.  26.  "  Ma  thig  neach 
air  bith  do  m'  ionnsuidhse,  agus  nach  fuathaich  e 
'athair,  agus  a  mhàthair,  agus  a  bhean-phosda,  agus 
a  chlann,  agus  a  bhraithrean,  agus  a  pheathraich- 
ean,  seadh,  agus  a  bheatha  mar  an  ceudna,  cha'n 
'eil  e  'n  comas  da  bhi  'n  a  dheisciobul  dhomhsa." 
Theagamh  gu  bheil  thu  am  mothachadh  gur  urrainn 
thu  gèill  a  thoirt  anns  na  h-uile  nithibh  ach  sin : 
Ach  nach  mìll  an  t-aon  ni  sin  na  h-uile  nithe  eile  ? 
Marc  x.  21.  An  cualas  riamh  neach  a  rinn  dùnadh 
firinneach  ri  Criosd^  agus  aon  ni  bhi  dh'easbhuidh 
air ;  aon  ni  anns  an  robh  e  fèin  iomchuidh  a  bhi 
'n  a  uachdaran  air  fèin  ? 

Ceìst — Am  bheil  a  leithid  sin  a  dh'inntinn  no 
uidheamachadh  roimh  laimh,  a  dh'fheumas  a  bhi 
againn  m'an  creid  sinn?  Agus  ma  tha,  co  as  a 
gheibh  sinn  e  ?  Am  bheil  e  'n  comas  duinn  oibreach- 
adh  a  mach  le  ar  camhachd  nàdurrach  ? 

Freag. — Cha'n  'eil,  ach  feumaidh  e  bhi  còmhladh  ri 
creidimh  'n  a  cho'-chuideachd,  a'  sruthadh  bho'n  aon 
fhoillseachadh  slàinteil  ann  an  eòlas  air  Criosd,  leis 
am  bheil  an  t-anam  air  a  thoirt  gu  bhi  creidsinn  ann. 
Leis  a  so  tha'n  t-anam  'g  a  f  haicinn  'n  a  Shlànuigh- 
ear  foghainteach,  agus  mar  sin  ag  earbs  ann  air  son 
slàinte;  g  a  fhaicinn  'n  a  Thighearna  cothromach 
agus  na  riaglilear  uile  ghlic,  agus  mar  sin  a'  toirt 
thairis  a  chrannchur  'n  a  làimh.  Mat.  xiii.  45,  46. 
Air  d'an  anam  a  ghabhail  mar  Shlànuighear,  tha  e 

a  ghabhail  mar  an  ceudna  mar  cheann  agus  mar 
uàchdaran.  'S  e  Criosd  a  bhi  'g  a  thoirt  fèin  dhuinne 
agus  sinne  g  a  ghabhail  a  bheir  oirnn  dealachadh 
ri  nithibh  eile  air  a  shon,  ceart  mar  is  e'n  solus  a 
sgaoileas  air  falbh  an  dorchadas. 

Còr. — Mo  thruaighe  !  cha'n  urrainn  mise,  le  m' 
uile  chridhe,  mo  crannchur  a  chur  fa  ghèill  dha  's  a 
phùinc  sin. 


74 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


Freag. — Cha  bhi  n  strìochdadh  so  dh'easbhuidh 
gleachd;  cha  strìochd  an  seann  duine  gu  bràth  a 
chrannchur  dha,  agus  'nuair  a  tha'n  duine  nodha 
tre  ghràs  'g  a  strìochdadh,  bithidh  an  seann  duine  a' 
sior  chur  'n  a  aghaidh.  Gal.  v.  17,  "  Oir  a  ta  'n 
fheòil  a'  miannachadh  an  aghaidh  an  spioraid,  agus 
an  spiorad  an  aghaidh  na  feòla3  agus  a  ta  iad  sin 
an  aghaidh  a  cheile  ionnas  nach  faigh  sibh  na  nithe 
bu  mhiann  leibh  a  dheanamh."  Ach  am  bheil 
thu  gu  trèibhdhìreach  a'  miannachadh,  agus  gu 
gnàthaichte  'g  oidhearpachadh  strìochdadh  dha  's  sl' 
chrannchur  ?  Am  bheil  thu  tionndaidh  bho'n 
ghleachd  mhi-ghrasmhor  an  aghaidh  a'  chamaidh, 
gu  bhi  gleachd  ri  do  chridhe  fèin  chum  a  thoirt  gu 
ùmhlachd,  a'  creidsinn  a'  gheallaidh,  agus  a'  cleachd- 
adh  nam  meadhona  air  a  shon,  air  dhuit  a  bhi  air 
do  chràdh  bho  do  chridhe  nach  urrainn  thu  strìochd- 
adh  don  chamadh?  'S  e  so  a  bhi  strìochdadh 
do  thoil  Dhè  anns  a'  chrannchur  a  rèir  mìneachadh 
caomhail  an  t-soisgeil.  Rom.  vii.  17,  20;  2  Corint. 
viii.  12.  Nam  faigheadh  tu  do  roghainn,  nach 
b'f  hearr  leat  do  chridhe  bhi  strìochda  do'n  cham- 
adh  na  'n  camadh  a  bhi  air  a  dhìreadh  a  rèir 
miann  do  chridhe.  Rom.  vii.  22,  23.  Agus  nach 
'eil  thu  ann  am  firinn  ag  oidheirpeachadh  a  bhi  rèidh 
ris  a  dh'aindeoin  eas-aontachaidh  na  feòla.  Gal. 
v.  17. 

2.  C'àit  am  bheil  anfhein-aicheadh  Chriosduidh, 
agus  togail  a  chroinn-cheusaidh,  a  dh'  easbhuidh 
strìochdadh  do'n  chamadh  ?  'S  e  so  a'  cheud  leasan 
a  chuir  Criosd  an  làimh  a  dheisciobuil.  Mat.  xvi. 
24.  "  Ma  's  àill  le  neach  air  bith  teachd  a'  m' 
dheighse,  àicheadhadh  se  e  fèin  agus  togadh  e  air 
a  chrànn-ceusaidh,  agus  leanadh  e  mise."  Dhean- 
adh  fèin-aicheadh  neach  rèidh  ris  a'  chamadh  agus 
toilichte  leis  a'  chrànn-cheusaidh :  Aeh,  an  uair 
nach  f huiling  sinne  ni  sam  bith  a  bhi  air  aicheadh 
dar  fèin  thruaillidh,  agus  gu  sònruichte  ni  sam 


AN  CAMADH  's  A'  CHRANNCHUR. 


75 


bith  tha  Dia  a'  faicinn  iomchuidh  aicheadh  dhl  air 
doigh  àraid,  cha'n  urrainn  sinn  an  camadh  a  tha  'n 
ar  crannchur  a  ghiùlan^  ach  cogaidh  sinn  'n  a 
aghaidh  air  taobh  na  fèine. 

3.  C'àit  am  bheil  ar  co'-choslas  ri  Criosd  mar 
urrainn  sinn  strìochdadh  do'n  chamadh  \  Agus 
ciormus  a  dhearbhar  gur  Criosduidhean  sinn  a 
dh'easbhuidh  co'-choslas  ri  Criosd  ?  sC  An  tì  a 
their  gu  bheil  e  fantuinn  annsan,  is  còir  dhàsan 
mar  an  ceudna  gluasad,  eadhon  mar  a  ghluais 
esan."  1  Eoin  ii.  6.  Bha  camadh  bithchionta  an 
crannchur  Chriosd,  ach  strìochd  e  dha.  Phil.  ii.  &, 
"  Agus  air  dha  bhi  air  f  haotuinn  ann  an  cruth 
mar  dhuine,  dh'irioslaich  se  e  fèin  agus  bha  e 
ùmhal  gu  bàs,  eadhon  bàs  a  chroinn-cheusaidh.>' 
Rom.  xv.  3.  Ct  Oir  cha  do  thoilich  eadhon  Criosd 
e  fèin,"  &c.  Agus  mar  sin  feumaidh  sinne  dhean- 
amh  ma's  àill  leinn  sinn  f èin  a  dhearbhadh  'n  ar  fior 
Chriosduidhean.  Mat.  xi.  29 ;  2  Tim.  ii.  11,  12. 

4.  Cionnus  a  dhearbhar  gur  sinn  fior  chloinn 
chaomhail  Dhè  ma  bhios  sinn  a'  sior  chogadh  ris 
sl  chamadh  ?  Cha'n  urrainn  sinn  a  bhi  'g  ùrnuigh, 
u  Ar  n-Athair — Deanar  do  thoil  air  an  talamh/* 
&c.  Mata  vi.  Ni  h-eadh,  's  e  cainnt  a'  chleachd- 
aidh  sin,  Feumaidh  sinn  ar  toil  fèin  f haotuinn,  agus 
chan  urrainn  sinn  a  bhi  rèidh ri  toil  Dhè. 

Argumaid  4.  Cha'n  fhad  a  mhaireas  dèuchainn 
a'  chamaidh  an  so.  1  Cor.  vii.  31.  Ged  robh  'n 
obair  goirt,  's  ann  mar  is  giorra  mhaireas  i  is 
fhàsadh  a  giùlan.  Cuiridh  beagan  do  laithibh  no 
do  bhliadhnaibh  mar  is  faide  crìoch  air  an  dèuch- 
ainn  so.  Na  abair  nach  fhaigh  thu  lasachadh  gu 
bràth  uaipe,  oir  mur  faigh  thu  lasachadh  an 
taobhsa  dha  sin,  gheibh  thu  aig  a'  bhàs  e,  ge  b'e 
air  bith  na  thig  'n  a  àit  an  deigh  sin.  Dh'f  heudadh 
beachd  cudthromach  do'n  bhàs  agus  do'n  t-sior- 
ruidheachd  a  thoirt  oirnn  sinn  fèin  a  ghiùlan  gu 
cubhaidh  fo  bhur  camadh  air  son  f  had  's  a  mhair- 
eas  e. 


76  AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 

5.  Nan  suidhichmid  sinn  fèin  air  dhoigh  Chriosd- 
uidh,  chum  an  camadh  a  ghiùlan,  gheibheamaid  e 
mòran  ni  's  fhasadh  na  tha  sinn  a'  saoiisinn. — 
Mata  xi.  29,  30.  "  Gabhaibh  mo  chùing  oirbh, 
agus  fòghlumaibh  uam,  agus  gheibh  sibh  fois  d'ar 
n-anmaibh.  Oir  a  ta  mo  chùingse  so-iomchair, 
agus  a  ta  m'eallach  èutrom."  Cha  n  'eil  aig  Sàtan 
rathad  's  an  dòcha  e  buadhachadh,  na  bhi  toirt  a 
chreidsinn  air  daoinibh,  gu  bheil  e  do-dheanta 
dhoibh  an  inntinn  a  thoirt  gu  bràth  gu  strìochdadh 
do  'n  chamadh ;  's  gur  eallach  e  tha  tur  do-iom- 
chair.  Fhad  's  a  chreideas  tu  sin,  bi  cinnteach 
nach  tig  an  là  bhios  tu  'n  comas  a  ghiùlan.  Ach 
cha  'n  'eil  an  Tighearna  deanamh  camaidh  an  crann- 
chur  neach  air  bith,  nach  fheudar  a  ghiùlan  air 
dhoigh  a  bhios  taitneach  dhasan,  ged  nach  ann  gu 
foirfe.  Mata  xi.  30.  Oir  a  ta  neart  freagarrach 
dha  sin  air  a  dheanamh  cinnteach  anns  a'  chùmh- 
nant.  2  Corint.  iii.  5.  Philip.  iv.  13,  agus  an 
uair  a  theid  creidimh  a  dh'  iarraidh  nèirt  as  a' 
chùmhnant,  bheir  e  leis  e  gu  cinnteach.  Salm 
xxviii.  7. 

6.  Ma  ghiùlanas  sibh  air  dhoigh  Chriosduidh  fo 
'ur  camadh  an  so,  cha  chàill  sibh  'ur  saothair,  ach 
gheibh  sibh  tre  Chriosd  làn  duais  nan  gràs  's  an 
ath-shaoghal.  2  Tim.  ii.  12.  1  Corint.  xv.  58. 
Tha  beannachd  air  a  chur  an  ce'ill  air  an  neach  a 
ghiulaineas  e,  air  an  dearbh  bhònn  so,  Seum.  i.  12, 
'*  Is  beannaichte  an  duine  a  ghiùlaineas  buaireadh ; 
oir  'nuair  a  dhearbhar  e,  gheibh  e  crùn  na  beatha^ 
a  gheall  an  Tighearna  do  'n  droing  a  ghràdhaicheas 
e."  'S  e  flaitheanas  an  t-àite  do'n  gabhar  iadsan  a 
sheasas  ri  dearbhadh  a'  chamaidh.  Tais.  vii.  14, 
— "  Is  iad  so  iadsan  a  thàinig  à  trioblaid  mhòr ; 
agus  nigh  iad  an  trusgain,  agus  rinn  iad  geal  iad 
ann  am  fuil  an  Uain/'  'Nuair  a  ruigeas  sibh  sin,  cha 
bhi  comharradh  dheth  an  làthair  an  'ur  crannchur, 
ni  mo  bhios  an  ni  a  's  lugha  do  chuimhneachan  an- 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


77 


shocrach  agaibh  dheth ;  ach  meudaichidh  e  'ur  n- 
aoibhneas,  agus  gieusaidh  e  'ur  moladh. 

7.  Mar  giùlan  sibh  air  dhoigh  Chriosduidh  an 
camadh,  caillidh  sibh  'ur  n-anama  's  an  ath  shaoghal. 
Iudas  15^  16.  Iadsan  a  tha  cogadh  ri  Dia  'n  an 
crannchur  an  so,  bithidh  Dia  a'  cogadh  riu-san 
gu  siòrruidh.  Mar  strìochd  iad  d'  a  chùing  an  so, 
agus  mar  imich  iad  gu  siòchail  foidhpe,  fighidh 
esan  a'  chùing  gu  bràth  mu'ra  muineal,  le  cuibh- 
reachaibh  bith-bhuan,  nach  bi  gu  sìorruidh  air  am 
fuasgladh.  Iob  ix.  4. 

8.  Ge  b'e  camadh  a  tha  'n  crannchur  neach  air 
bith^tha  e  ro  choslach  gu  bheil  camadh  folaiseach 
a'  feitheamh  na  ginealaich  so,  a  bhios  ni  's  ro  dhèuch- 
ainniche. 

Tha  'n  là  so  'n  a  là  peacachaidh  os  ceann  làithean 
ar  n-aithrichean^  'n  a  là  's  am  bheil  Dia  a'  deanamh 
camaidhean  mòra  ann  an  crannchur  na  muinntir  is 
ro  ionmhuinne  leis  fein ;  ach  tha  iad  sin  cosmhuil 
ri  bhi  a'  roimh-innseadh  gu  bheil  a  leithid  a  charn- 
adh  coitchionn  &  feitheamh  na  ginealaich,  's  a  dh* 
fhàgas  ar  camaidhean  uaigneach  air  ro  bheag  cud- 
throm.  1  Pead.  iv.  17^  18.  Air  an  aobhar  sin 
suidhichmid  sinn  fèin  chum  an  camadh  a  th'  ann  ar 
crannchur  a  ghiùlan  gu  cùbhaidh. 

Ma  tha  sibh  &  feòrach  cionnas  a  ruigeas  neach  air 
a  sin,  bheir  sinn  air  son  seòlaidh. 

TEAG.  III  Tha  beachd  a  ghabhail  air  a  cham- 

adh  crannchuir  mar  obair  Dhè,  'n  a  mheadhon  iom- 
chuidh  chum  neach  a  thoirt  gu  giùlan  gu  ceart  fodha. 

1.  Bheir  sinn  fainear  ciod  e  sin  a  bhi  toirt  an  aire 
do'n  chamadh  mar  obair  Dhè,anns  na  cùig  nithibh  so. 

'$  a  cheud  àite.  A  bhi  fiosrachadh  ciod  an  tobar 
bho  bheil  e  'g  èiridh.  Gen.  xxv.  22.  Tha  mar- 
aon  rèusan  agus  diadhachd  ag  teagasg  dhuinn, 
cha  n  e  a  mhàin  beachd  a  ghabhail  air  a'  chamadh 


7» 


AN  CAMADH  'S  'a  CHRANNCHUR. 


nach  urrainn  dhuinn  a  sheachnadh,  ach  rannsach- 
adh  agus  fiosrachadh  mu  'n  aobhar  bho  bheil  e  a5 
sruthadh.  Gu  cinnteach  cha  'n  e  ar  roghainn-ne 
e,  ni  mò  cha  'n  'eil  sinn  a  dh'aon  obair  'g  a  dhean- 
amh  dhuinn  fèin;  agus  cha  *n  'eil  ach  faoineachd 
a  bhi  'g  ràdh  gur  tuiteamas  a  th'ann ;  cha 
d'fhàs  e  leis  fèin,  ach  air  a  chuìr  le  làimh  èiginn  air 
ar  son-ne.  Iob  v.  6.  Agus  tha  sinn  gu  beachd  a 
ghabhail  do'n  làimh  bho  bheil  e  a'  teachd. 

'S  an  dara  dite.  A  bhi  toirt  an  aire  do  làimh 
Dhè  ann.  Ge  b'e  làmh  a  th'aig  creutair  air  bith 
anns  a'  chamadh,  cha  bu  chòir  dhuinn  gu  h-iom- 
lan  ar  beachd  a  shuidheachadh  air,  ach  amharc 
os  ceann  agus  an  taobh  thàll  dha  ri  oibreach- 
adh  làimh  an  àrd  fhir-riaghlaidh.  Iob  i.  21, 
As  eugais  so  tha  sinn  a'  deanamh  Dia  do'n  chreu- 
tair  a  tha  'n  a  mheadhon  ann  a  bhi  deanamh  a'  cha- 
maidh,  ag  amharc  air  mar  gu'm  b'e  a'  mhàthar- 
aobhair,  ni  a  bhuineas  gu  sònruichte  do  Dhia, 
Rom.  xi.  36,  agus  mar  sin  bheir  sinn  sinn  fèin 
fo'n  bhìnn  sin.  Salm  xxviii.  5,  "  A  chionn  nach 
toir  iad  an  aire  do  ghnìomharaibh  an  Tighearna, 
no  do  obair  a  làmh,  sgriosaidh  e  iad_,  agus  cha  tog 
€  suas  iad/' 

'S  treas  àite.  A  bhi  'g  a  nochdadh  dhuinn  fèin 
mar  obair  Dhè,  a  dh'oibrich  e  'n  ar  'n  aghaidh-ne 
air  son  crìochan  naomh  agus  glic,  freagarrach  d'an 
iomlanachd  nèamhaibh.  5S  e  so  am  beachd  ceart 
a  ghabhail  do'n  chamadh,  agus  an  rathad  bho  'ni 
bheil  giùlan  gu  h-iomchuidh  fodha  teachd.  Cha 
'n  'eil  e  gu  bràth  tearuinte  gun  an  aire  ghabhail  do 
Dhia  anns  a'  chamadh,  ach  gle  thearuinte  gun  an  aire 
ghabhail  do'n  chreutair,  'g  a  chur  as  leth  Dhè,  mar 
nach  biodh  gnothach  aig  laimh  air  bith  eile  ris,  do 
bhrìgh  gur  e'  làmh-san  an  còmhnuidh  fior  aobhar 
na  cùis.  "  Is  e  'n  Tighearn  a  th'ann  :  an  ni  sin  a 
ta  maith  'n  a  shuilibh,  deanadh  e."  1  Sam.  iii.  18. 
Mar  so  cha  do  ghabh  Daibhidh  sùim  air  bith  do 


AN  CAMADH  ?S  A*  CHRANNCHUR. 


79 


Shimei,  ach  dh'amhairc  e  ri  Dia  a  thaobh  na  cùis 
mu'n  do  mhallaicheadh  e ;  coslach  ri  neach  nach 
gabhadh  aire  sam  bith  do  'n  tuaidh,  ach  a  bheachd- 
aicheadh  gu  gèir  air-san  a  bha  'g  a  làimhseachadh, 
An  so  tha  dà  ni  ri  thoirt  fainear. 

1.  Ordugh  Dè  a  rùnaich  an  camadh  sin  air  ar 
son-ne  bho  shiorruidheachd :  ee  oir  tha  e  'g  oib- 
reachadh  nan  uile  nithe  rèir  comhairle  a  thoile 
fèin."  Ephes.  i.  11,  an  leabhar  a  th'air  a  shèuladh 
anns  am  bheil  sgrìobhta  gach  riaghan  dubh  a  tha 
deanamh  a'  chamaidh.  Ge  b'e  gleann  do  dhorch- 
adas,  do  chràdh,  agus  do  bhròn  troimh  am  bheil 
sinne  air  ar  giùlan,  tha  sinn  gu  amharc  orra  mar 
air  an  deanamh  leis  na  beanntaibh  umha  sin, 
eadhon,  ruintean  Dhè  a  ta  neo-ghluasadach.  Saciu 
vi.  1.  Cha'n  urrainn  so  bhi  'n  a  an-danadas  air 
bith  anns  a  chùis  sin,  mar  giùlan  sinn  e  ni  's  faide  na 
tha'n  t-aobhar  a'  dol  ann  ar  sealladh  agus  ann  ar 
faireachadh  fèin ;  oir  an  f  had  sin  tha'n  leabhar  air 
f hosgladh  dhuinne  chum  amharc  a  steach  ann. 

2.  Tha  freasdal  Dè  a'  toirt  a'  chamaidh  mun 
cuairt  air  ar  son-ne  ann  an  àm.  ee  Am  bi  dòrainn 
ann  am  baile,  's  nach  e'n  Tighearn  a  chuir  ann 
e  V  Amos  iii.  6.  Cha'n  urrainn  ni  sam  bith 
tachairt  dhuinn  as  èugais-san  anns  am  bheil  sinn 
beò.  Ge  b'e  làmh  a  dh'fheudas  a  bhi  aig  na  creu- 
tairibh  ann  an  deanamh  ar  camaidh,  ciod  sam  bith 
a  rinn  no  nach  d'rinn  iad  da  thaobh,  is  esan  an  Tì 
a  ta  cur  gach  cuibhle  chruthaiehte  air  ghluasad,, 
agus  nan  sguireadh  esan  stadadh  iadsan  uile ;  ged 
tha  e  'n  còmhnuidh  neo-chrìochnach  fior-ghlan  'n  a 
ghnìomharaibh,  ge  b'e  co  neo-ghlan  's  a  tha  iadsan 
?n  an  ghìomhara  fèin.  Thug  lob  an  dà  ni  so  fain- 
ear,  caib.  xxiii.  14. 

'S  a  cheathramh  dite. — A  bhi  gnàth  smuaineach- 
adh  air  mar  obair  Dhè.  Cha'n  e  aon  phladha 
do'n  t-suil  a  thoirt  air,  an  doigh  cheart,  ach  meur- 


80 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


achadh  agus  heachdachadh  gu  socrach  air  mar 
obair-san. 

J.  Tha  sinn  gu  bhi  gnàth-smuaineachadh  air 
so:  do  bhrìgh  's  gur  ni-èiginn  do  chruaidh-chas 
mairsinneach  an  camadh,  air  an  aobhar  sin  bu 
chòir  do'n  smuain  so,  mar  an  leigheas,  a  bhi  an 
còmhnuidh  air  a  cumail  an  cleachdadh.  Tha 
smuaintean  eile  thuilleadh  air  so  a  dh'f  heumas  sinn 
a  ghabhail  a  stigh,  air  chor  's  nach  urrainn  dhuinn 
e  bhi  'n  còmhnuidh  a  dh'aon  obair  ann  ar  n-inntinn; 
ach  feumaidh  sinn  a  chur  sìos  mar  raighailt 
shuidhichte,  a  rèir  's  mar  tha  sinn  gus  an  camadh 
a  riaghladh,  agus  an  cridhe  chumail  ann  am  fònn, 
leis  an  tig  e  chum  air  cuimhne,  a  rèir  's  mar  bhios 
feum  àraid  air  a  shon. 

2.  Air  ar  cleachdadh  ann,  mar  bhios  aobhar  air, 
Co  luath  's  a  mhothaicheas  sinn  cràdh  a'  chamaidh, 
bu  chòir  dhuinn  an  leigheas  so  a  chleachdadh ; 
'nuair  a  thòisicheas  a  chùing  ris  a'  mhuinneal  a 
chiurradh,  bu  chòir  an  t-ungadh  spioradail  so  a 
cho'-chur.  Agus  ge  b'e  co  tric  's  a  mhothaicheas 
sinn  an  cràdh,  's  e  ar  giiocas  an  t-ùngadh  a  cleachd- 
adh  mar  an  leigheas  iomchuidh ;  mar  is  tric  a 
ghnàthaichear  e,  's  ann  is  f  hasadh  dhuinn  f  haotuinn, 
agus,  mar  an  ceudna,  's  ann  is  ro  eifeachdaich  e. 

'S  a  chuigeamh  dite  Ann  a  bhi  g  a  thoirt  fainear 

chum  na  crìche  air  son  an  do  rùnaicheadh  e  dhuinne, 
eadhon,  chum  ar  toirt  gu  giùlan  umhal  fodha. — 
Bheir  truailleachd  dhaoine  orra  smuaineachadh  air 
an  doigh  so  ;  agus  mar  a  ta  bharail  truaillidh,  mar 
sin  bithidh  a'  chrìoch  agus  a'  thoradh  truaillidh,  mar 
an  ceudna.  2  Righ.  vi.  33.  "  Feuch,  tha'n  t-olc 
so  o'n  Tighearna ;  c'ar  son  a  dh'fheithinnse  air  an 
Tighearna  ni  's  faide?"  Ach  feumaidh  sinn  a 
thoirt  fainear,  agus  a  ghnàthachadh  chum  crìche 
mhath,  ma's  àill  leinn  gu'm  faigh  sinn  math  dheth, 
'g  a  ghabhail  mar  bhrosnachadh  feumail  chum  ar 
giùlan  fo  n  chamadh  a  riaghailteachadh. 


AN  CAMADH  JS  A5  CHRANNCHUK. 


81 


II.  Cionnus  a  thuigear  e  bhi  'na  rnheadhon 
iomchuidh  chum  neach  a  thoirt  gu  giùlan  gu  ceart 
fo'n  chamadh. 

1.  Cha  'n  ann  mar  gu'm  biodh  e  foghainteach 
dheth  fèin,  agus  mar  a  ta  e  ann  fèin,  air  an  toradh 
sin  a  thoirt  a  mach.  Ach,, 

2.  Mar  a  ta  e  air  a  chleachdadh  ann  an  creid- 
imh,  ann  an  creidimh  an  t-soisgeil ;  is  e  sin  ri  ràdh, 
Cha'n  e  beachd  lòm  a  pheacaich  d'a  chamadh. 
erannchuir,  mar  obair  Dhè,  as  èugais  dàimh  thearn- 
aidh  air  bith  ris,  an  doigh  gu  giùlan  gu  ceart 
fodha;  ach  air  dha  creidsinn  ann  an  Iosa  Criosd, 
agus  Dia  a  ghabhail  mar  a  Dhia,  agus  mar  an 
ceudna  gur  ann  do  obair  Dhè  an  camadh,  is  e  sin. 
a  Dhia-san,  am  meadhon  iomchuidh  chum  a  thoirt 
gus  an  suidheachadh  iimtinn  agus  an  giùlan 
taitneach  sin.  Tha  mòran  do  luchd-eisdeachd  ani 
mearachd  an  so.  'Nuair  a  chluinneas  iad  a  leithid 
so  no  leithid  sud  a  chùmhnanta  lagha  air  an  ainm- 
eachadh  chum  an  toirt  gu  ùmhlachd,  air  bàll  tha 
iad  a'  smuineachadh,  gu'm  buannaich  iad  a'  chùis 
le  an  neart-san  a  mhain.  Mar  an  ceudna,  tha 
mòran  do  luchd-teagaisg  ann^  a  tha  dì-chuimhneach- 
adh  Chriosd  agus  an  t-soisgeil,  a  tha  le  neart 
rèusan  a'  gabhail  orra  Criosduidhean  a  dheanamh 
do  dhaoine ;  tha  an  sùilean  araon  air  an  cumail. 
air  chor  's  nach  "eil  iad  sl  faicinn  truaillidheachd 
nàduir  dhaoine^,  a  tha  co  mòr  's  gu'n  chuir  e  'm 
fior  leigheas  os  ceann  neirt  rèusain  ;  's  e  beagan  do 
dhroch  cleachdaidhean_,  an  t-iomlan  do'm  bheil  iad 
seadhail,  nithe  a  tha  iad  am  barail  a  dh'fheudas  a 
bhi  air  an  crathadh  dhiubh  le  dian  chleachdadh  a 
dheanamh  do  an  comasaibh  rèusantach  fèin.  Chum 
a'  chùis  so  a  shoilleireachadh,  thugaibh  fainear, 

'S  a  cheud  àite.  Am  bheil  e  rèusantach  a  smuain- 
eachadh  gu'n  cuirte  'n  duine  thuit,  le  nàdur  air  a 
thruailleadh  a  dh'obair  an  aon  rathad  ri  Adhamli 
neo-chiontach  ?    Is  e  sin  na  feumaich  a  chuir 


82 


AN  CAMADH  's  A9  CHRANNCHUR. 


coimeas  ris  a'  mhuinntir  shaoibhir,  na  bacaick  a 
cliuir  air  aon  turus  riu-san  aig  am  bheil  comas  am 
bùill.  Bha  stoc  do  chomasaibh  gràsmhor  aig  Adh- 
amh  neo-chiontach,  leis  am  feudadh  e,  le  neart 
breithneachadh  rèusantach,  gach  dleasnas  a  choi- 
ìionadh  gu  ceart.  Ach  c  'àit'  am  bheil  sin  againne  ? 
2  Cor.  iii.  5.  "  Cha'n  'eil  sinn  foghainteach 
uainn  fèin  chum  ni  sam  bith  a  smuainteachadh 
mar  uainn  fèin :  ach  is  ann  o  Dhia  a  ta  ar  fogh- 
ainteachd."  Ge  b'e  neart  a  ta  annta  do  anam  anns 
am  bheil  beatha  spioradail,  ciod  an  neart  a  ta  annta 
chum  na  màirbh^  mar  a  ta  sinne  thogail  ?  Ephes. 
ii.  1. 

'S  an  dara  àite.  Tha'n  sgriobtuir  gle  shoilleir 
air  a  cheann  so,  a'  nochdadh  feum  do-sheachaint' 
a'  chreidimh.  Eabh.  xi.  Agus  sin  an  creidimh 
a  dh'aonas  ri  Criosd.  Eoin  xv.  5.  C(  As  m'eug- 
mhais-sa,"  is  e  sin,  dealaichte  uamsa,  "  cha'n  ur- 
rainn  sibh  aon  ni  a  dheanamh;"  cha'n  urrainn 
eadhon  leis  gach  breithneachadh  reusantach  is  ur- 
rainn  sibh  a  ghnàthachadh.  Cionnas  a  thugadh  na 
deich  àitheanta  air  beinn  Shinai  ?  Cha'n  ann  mar 
aig  agairt  dleasnais  agus  ùmhlachd,  ach  a'  tois- 
eachadh  leis  an  t-soisgeul,  chum  a  bhi  air  a  chreid- 
sinn  's  a'  cheud  àite,  *4  Is  mi  an  Tighearna  do 
Dhia,"  &c-  Mar  an  ceudna  tha  Solamh,  neach  ris 
nach  'eil  mòran  a'  gabhail  mar  Sgrìobhadair  air  a 
dheachdadh  a  tha  treorachadh  chum  Chriosd^,  ach 
niar  fhealisanach  beusach,  a'  toiseachadh  a  sgrìobh- 
aidhean  ann  an  toiseach  a  Gnàth-fhocail,  ìe  fior 
shoisgeul.  Agus  feumaidh  sinn  e  bhi  gu  soilleir 
air  aithris  ann  ar  Bioballaibh  maille  ris  gach  àithne 
bheusach,  air  neo  ar  suilean  a  dhùnadh,  agus  na 
li-àitheanta  so  ghabhail  as  eugais  ;  is  e  sin  toradh 
ar  nàimhdeas  a  thaobh  nàduir  do  Chriosd.  Nam 
b'e  's  gu'n  gradhaichmid  e  ni  bu  mhò,  chitheamaid 
e  an  tuilleadh  anns  gach  taobh  duilleig,  agus  anns 
gaeh  àithne,  a'  gabhail  an  lagh  bho  'bheul-san. 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


an  treas  dite.    Thugaibh  fainear  ciod  e  a  bhi 
giùlan  gu  ceart  fo'n  chamadh  crannchuirj  ciod  an 
irioslachd  anma;  ciod  an  fhèin-aicheadh,  agus  an 
strìochdadh  iomlan  do  thoil  Dhè  a  dh'fheumas  a 
bhi  ann?  ciod  an  gràdh  do  Dhia  bho'm  feum  e 
sruthadh ;  cionnas  a  dh'fheumas  urram  d'a  ghlòir 
ar  n-aomadh  mar  a'  chrìoch  àraid ;  feuchaibh  agus 
faicibh  mar  'eil  e  do-dheanta  dhuibh  ruigheachd 
air  as  eugais  a'  chreidimh  sin  a  roimh-ainmicheadh. 
Tha  fios  agam  gu'm  feud  Criosduidh  ruigheachd  air 
as  eugais  làn  dearbhachd:  gidheadh  's  ann  a  rèir 
an  tomhais  's  am  bheil  iad  a'  creidsinn  gur  e  Dia 
an  Dia-san,  a  bbios  am  buanachadh  ann,  tha  iad 
so  araon  a'  cumail  co'ionann  ceum.    O  ciod  a'  ghnè 
chridheachan  a  tha  iad  am  barail  a  th'aca  fèin,  a 
tha  smuaineachadh  gur  urrainn  dhoibh  an  dean- 
amh  folamh  do'n  chreutair  aon  mhòmaint  ni's  faide 
na's  urrainn  dhoibh  an  lionadh  le  Dia.,  mar  an  Dia 
'n  a  àite  !    Gun  teagamh,  feudaidh  daoine.,  le  neart 
breithneachadh  reusantach  iad  fèin  a  thoirt  gu 
giùlan  ceart  fo'n  chamadh,  bho'n  leth  a  mach^  mar 
rinn  iomadh  Ana-criosduidh ;  ach  cha  ruigear  gu 
bràth  air  suidheachadh  spioraid  Criosduidh  fodha, 
as  eugais  creidimh  ann  an  Dia. 

Leithsgeul.  "  Ma's  ann  mar  sin  a  tha  chùis 
's  iad  na  naoimh  a  mhàin  a  ta  comasach  air  feum  a 
dheanamh  do'n  bheachd  sin. 

Freagradh.  \'S  iad  gu  cinnteach,  agus  do  gach 
beachd  reusantach  eile,  air-son  fìor  fheum  Criosdail. 
Agus  cha'n  'eil  sin  a'  ciallachadh,  ach  gur  ann  a 
mhàin  air  son  nam  beo,  aig  am  bheil  comas  am 
buill,  a  tha  na  seolaidhean  sin  chum  imeachd  gu 
ceart ;  agus  uime  sin  chum  gun  dean  sibh  feum 
iomchuidh  dheth,  rùnaichibh  creidsinn  anns  a' 
cheud  àite. 

III.  Daingnichidh  mi  gu  bheil  e  'n  a  mheadhon 
iomchuidh  chuin  neach  a  thoirt  gu  giulan  ceart  fo'n 


84 


AN  CAMADH  ?S  A9  CHRANNCHUR. 


chamadh.  Chithear  so,  ma  bheir  sinn  fainear  na 
ceithir  nithe  so. 

1.  Tha  e  ro  fheumail  chum  ar  'n  inntinn  a 
thoirt  bho  bhi  smuaineachadh  air  na  nithibh  so 
mu'n  chamadh,  a  tha  brosnachadh  ar  truaillidh- 
eachd ;  mar  a  ta,  a  bhi  cuir  bacadh  air  ar  toil  agus 
air  ar  'n  iarrtas,  an  taitneas  a  bhiodh  againn  anns 
a'  chùis  a  dhol  a  rèir  ar  càil  fèin,  cia  cronail,  cia 
mi-reusantach,  cia  reasgach,  &c,  a  tha  inneal  a 
ehamaidh  dhuinne.  Cha'n  'eil  ann  a  bhi  smuain- 
eachadh  air  na  nithibh  so  ach  seideadh  teine  9s  an 
taobh  a  stigh ;  ach  bhiodh  ar  suilibh  a  thionndadh 
air  mar  obair  Dhè  ?n  a  leigheas  air  ann  an  rathad 
togail  na  h-inntinn  dheth.  2  Sam.  vi.  9,  10. 
Agus  cha'n  e  a  mhàin  gu  bheil  a  leithid  sin  a  thog- 
ail  air  falbh  air  na  smuaintibh  ceadaichte,  ach  iom- 
chuidh  agusfeumail. 

2.  Tha  ullachadh  modhannail  ann  chum  an  tor- 
adh  math  so  thoirt  a  mach.  Ged  nach  'eil  sinn  air 
ar  leigheas  le  neart  reusain  a  mhàin ;  gidheadh  tha 
e  air  a  thoirt  air  aghaidh^  cha'n  ann  le  gluasad  bòrb 
ach  an  ann  rathad  reusantach.  Eph.  v.  14.  Tha 
buaidh  mhodhannail  aig  an  ni  so  air  ar  reusan,  a 
tha  comasach  eagal  a  chuir  oirnn  chum  gèill  a  thoirt 
dha,  agus  tha  e  toirt  mòran  argumaidean  chum 
gu'n  giùlanmaid  air  mhodh  Criosduidh  for  ar  cam- 
adh. 

8.  Tha  e  ri  chreidsinn  gu  bheil  e  air  òrduchadh 
le  Dia  chum  na  crìche  sin,  "  Ann  ad  uile  shìigh- 
ibh  aidich  e,  agus  seòlaidtt  esan  do  0^6^^^^^^." 
Gnàth.  iii.  6.  Oir  cha'n  'eil  anns  a'  chreutair  deth 
fein  ach  ni  gun  bhrìgh  gun  ghluasad,  agus  fior 
dhìomhanas.  Gnìomh.  xvii.  28.  e  òrdugh  Dhè 
a  ni  meadhon  air  bith  freagarrach  chum  na  crìche  sin. 
Mata  iv.  4.  Uime  sin^  cha  n  'eil  ann  an  ni  sam 
bith  a  ghnàthaichear  chum  na  crìche  sin_,  as  eugais 
so  a  chreidsinn,  ach  a  bhi  deanamh  Dia  do'n 
chreutair ;  uime  sin,  tha  e  gu  bhi  air  a  ghnathach- 


AN  CAMADH  ?S  a'  CHRANNCHUR. 


m 


adh  ann  an  urradh  ri  Dia,  a  rèir  focail  an  òrduigh 
sin,  1  Tim.  iv.  4,  5.  Agus  tha  gach  ni  freagarr- 
ach  do'n  chrìoch  chum  an  d'òrduicheadh  e  le  Dia. 
Dh'òrduicheadh  a  ni  so  chum  na  crìche  sin ;  agus 
uime  sin  tha  e  'n  a  mheadhon  freagarrach  air  a 
shon. 

4.  Feudar  a  bhi  'g  earbsa  gu'n  oibrich  an  Spiorad 
leis,  agus  tha  e  'g  oibreachadh  leis  annta-san  & 
ta  creidsinn,  agus  a  tha  'g  amharc  ris  air  a  shon, 
do  bhrìgh  gur  meadhon  e  a  dh'òrduich  e  fèin. 
Tha  Papanaich,  Laghalaich,  agus  gach  uile  neach 
shaobh-chràbhach,  a'  deilbhiomadh  meadhon  naomh- 
aichidh,  agus  cha'n  e  a  mhàin  aig  am  bheil 
coslas,  ach  aig  am  bheil  freagarrachd  mhodhannail 
chum  na  crìche  sin;  ach  tha  iad  buileach  neo- 
eifeachdach,  do  bhrìgh  gu  bheil  iad  coslach  ri  Abana 
agus  ri  Pharphar,  as  eugais  òrduigh  Dhè  chum  ar 
leigheas  do  ar  mùire  ;  uime  sin,  cha'n  'eil  an  Spior- 
ad  ag  oibreachadh  leo,  do  bhrìgh  's  nach  iad  a 
h-aon  d'a  mheadhonaibh-san,  ach  meadhonan  a 
dheilbh  an  cridheachan  fèin.  Agus  a  chionn  gu 
bheil  na  meadhonan  a  dh'òrduich  Dia  neo-eif- 
eachdach  as  eugais  an  Spioraid,  cha'n  urrainn  iad  so 
gu  bràth  a  bhi  eifeachdach.  Ach  air  do'n  ni  so  bhi 
air  òrduchadh  le  Dia,  tha'n  Spiorad  aig  oibreachadh 
leis. 

Feum.  Uime  sin,  gabhaibh  an  seòladh  so  chum 
?ur  toirt  gu  giùlan  ceart  fo'n  chamadh  'n  ur  crann- 
chur.  Cleachdaibh  sibh  fèin  ri  bhi  g  a  thoirt 
fainear  mar  obair  Dhè.  Agus  a  chum  'ur  cobh- 
air  gu  feum  'a  dheanamh  dheth,  air  dhoigh  's 
gu'm  bi  e  eifeachdach?  tairgeam  na  comhairlean  so  a 
leanas, 

1.  Thugaibh  fainear  e  mar  obair  ur  Dè  ann  an 
Criosd.  'S  e  so  an  rathad  gu  ùrachadh  le  gràs  an 
t-soisgeil,  agus  mar  sin  gu  dheanamh  ni's  so-ghiùl- 
ainte.  Salm  xxii.  1 — 3.  Bheir  a  bhi  faicinn  làimh 
Athar  anns  a'  chamadh  mòran  do'n  t-searbhadas  as, 


*6 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


agus  ni  e  'n  leigheas  ni's  mìlse.  Air  an  aobhar  so 
bithidh  e  feumail,  (1.)  Dia  a  ghabhail  gu  nrinneach 
mar  'ur  Dia  fo  'ur  camadh.  Salm  cxlii  4,  5.  (2.) 
Ann  'ur  'n  uile  chòmhrag  ris  a'  chamadh,  creidibh 
gu  seasmhach,  agus  tagraibh  'ur  còir  ann-san_,  1  Sam. 
xxx.  6. 

2.  Gabhaibh  beachd  ni's  farsuinge  air  a*  chamadh 
]e  bhi  sealltuinn  air  an  dàimh  anns  am  bheil  Dia 
agus  a  bhuadhan  a'  co'sheasamh  dhuibh.  Thugaibh 
fainear  gur  e  obair  'ur  Dè  e,  obair  'ur  'n  Athar,  'ur 
Brathar  is  seine,  'ur  Ceann,  'ur  Fear-posda,  &c.j 
agus  gu  bheil  e  gu  cinnteach  air  son  'ur  math. 
Thugaibh  fainear  a  naomhachd  agus  a  cheartas,  a 
tha  nochdadh  nach  'eil  e  deanamh  eucoir  oirbh  ;  a 
thròcair  agus  a  mhaitheas,  nach  'eil  'ur  cor  ni  's 
miosa ;  àrd-uachdranachd_,  a  dh'f  heudas  'ur  riarach- 
adh  anns  a'  chùis. 

3.  Thugaidh  faìnear  ciod  an  earrann  do  dh'ohair 
Dhè  a  ta  ann,  cionnus  a  ta  e  'n  a  obair  mhothach- 
aidh,  gu  peacadh  a  thoirt  chum  na  cùimhne ;  na 
obair  chronachaidh,  chum  'ur  smachdachadh  air 
son  'ur  'n  amaideachd  ;  no  obair  bhacaidh,  chum  'ur 
dùnadh  suas  bho  shlighibh  a'  pheacaidh,  ni  as  eugais 
chum  am  biodh  sibh  ullamh  gu  ruith ;  na  obair 
dhearbhaidh,  chum  'ur  staid,  'ur  gràsan,  agus  'ur 
truaillidheachd  f hoillseachadh ;  na  obair  chuir  air 
dial,  chum  'ur  cuir  air  dial  bho'n  t-saoghal,  agus  'ur 
'n  ullachadh  air  son  nèimh. 

4.  Ann  ar  *n  uile  smuaintibh  mu  thimchioll,  air 
a'  mhodh  so_,  amhaircibh  suas  air  son  a  Spioraid 
chum  an  deanamh  eifeachdach.  1  Cor.  iii.  6.  Gu 
ma  h-ann  a  ghiùlanas  sibh  mar  so  fodha  air  mhodh 
Criosduidh,  gus  an  dìrich  Dia  e  aon  chuid  an  so  no 
air  nèamh. 


AN  CAMADH  's  AJ  CHRANNCHUR. 


87 


Gnath.  xvi.  16. 

Is  feàrr  a  bhi  do  spiorad  iriosal  maitte  riu-san 
a  ta  ciùin,  na  a*  chreack  a  roinn  maille  ris  rta 
h-uaibhrich. 

Nani  b'urrainnear  daoine  a  thoirt  aon  uair  gu 
ehreidsinn,  gu'm  b'fhearr  dhoibh  an  inntinnean  a 
lùbadh  ri'n  camadh  crannchuir,  nan  camadh  a 
dhìreadh  a  rèir  an  càil,  an  sin  bhiodh  iad  air  an 
rathad  cheart  chum  an  cùisean  a  thoirt  gu  deadh 
bhuil.  Eisdibh  ma  ta  ri  breith  Dliè  anns 
chùis  sin.  "  Is  fearr  a  bhi  do  spiorad  iriosal 
maile  riu-san  a  ta  ciuin,  na  a'  chreach  a  roinn 
maille  ris  na  h-uaibhrich/>  Anns  na  briathraibh 
sin. 

'S  a'  cheud  àite.  Tha  coimeas  air  a  shuidheach- 
adh,  eadar  dà  phàirtidh,  agus  dà  phùinc  anns  ani 
bheil  iad  aig  eadar-dhealachadh  gu  mòr. 

1.  'S  iad  na  pàirtidhean  a'  mhuinntir  iriosal  agus 
a'  mhuinntir  àrdanach,  a  ta  'g  eadar-dhealachadh 
mar  a  ta  na  nèamha  agus  meadhon  na  talmhainn  : 
tha  mhuinntir  àrdanach  an  còmhnuidh  a'  streapadh 
suas,  agus  ag  èiridh  gu  h-àrd  ;  tha  mhuinntir  iriosai 
toilichte  le  bhi  màgaran  air  an  làr,  ma's  e  sin  toiì 
Dhè.  Gabhamaid  beachd  orra  ni's  ro  shònruichte 
mar  a  ta  'm  bònn  teagaisg  'g  an  nochdadh. 

1.  Air  an  darna  làimh  tha  mhuinntir  irìosaL 
An  so  tha  earrann  araon  air  a  leughadh,,  agus  air 
a  mìneachadh  leis  an  Spiorad  Naomh,  agus  cha  n 
'eil  iad  ag  eadar-dhealachadh  ach  a  mhàin  ann  an 
litir;  's  e  cheud  droing  a'  mhuinntir  bhochd  a  ta  fo 
amhghar,  a  tha  iosal  'n  an  cor ;  an  dream  aig  am 
bheil  camadh  comharraichte  'n  an  crannchur  a 
thaobh  trioblaid  a  leagadh  orra,  leis  am  bheil  an 
staid  air  a  deanamh  iosal  anns  an  t-saoghal.  *S 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


iad  an  dara  droing  a'  mhuinntir  mhacanta  no  chiuin 
agus  iriosal,  a  tha  iosal  'n  an  spiorad,  co  math  's  'n 
an  staid,  agus  aig  am  bheil  an  inntinnean  air  an 
toirt  a  mhàin  a  rèir  an  crannchuir.  Tha  'n  da 
chuid  so  a'  deanamh  suas  cliù  na  muinntir  iriosail  so. 

2.  Air  an  làimh  eile  tha  mhuinntir  àrdanach, 
ùallach,  agus  àrd-inntinneach.  Tha  e  air  a  smuain- 
eachadh  an  so  gu  bheil  trioblaidean,  agus  cam- 
aidhean  'n  an  crannchur-san  mar  an  ceudna ;  oir, 
is  comharradh  air  buaidh  a  bhi  roinn  na  creiche, 
agus  tha  buaidh  a'  cur  an  cèill  gu'n  robh  cath 
ann. 

2.  'S  iad  na  pùincean  anns  am  bheil  na  pàirtidh- 
ean  so  ag  eadar-dhealachadh,  eadhon,  a  bhi  do 
spiorad  iriosal,  agus  a'  roinn  na  creiche. 

Feudaidh  a'  mhuinntir  iriosal  agus  a  ta  fo  àmh- 
ghar  air  uairibh  an  cor  f  haotuinn  air  atharrachadh, 
feudaidh  iad  a  bhi  air  an  togail  suas  air  ionad  àrd, 
agus  a'  chreach  a  roinn,  mar  a  rinn  Hanna,  Iob,  &c. 
Feudaidh  na  h-uabhraich  air  uairibh  a  bhi  air  an 
tilgeadh  sios  agus  air  am  bruthadh,  mar  bha  Pha- 
raoh,  Nebuchadnesar,  &c.  Ach  cha*n  i  sin  a  cheist^ 
Co  dhiubh  is  feàrr  a  bhi  air  ar  togail  suas  maille  riu- 
san  a  ta  iriosal,  no  air  ar  tilgeadh  sios  maille  riu-san 
a  ta  àrdanach  ?  Cha  bhiodh  dragh  air  bith  anns  a 
cheist  sin  a  f hreagradh. 

Ach  's  i  cheist,  Co  dhiubh  is  feàrr  a  bhi  do 
spiorad  iosal  agus  iriosal,  ann  an  staid  iosal,  maille 
riu-san  a  ta  iriosal  agus  fo  àmhghar,  no  neach  a 
thoil  fèin  fhaotuinn_,  agus  a  chreach  a  roinn  maille 
ris  na  h-uabhraich?  Nan  labhradh  daoine  fior 
smuaintean  an  cridhe,  rachadh  a  cheist  sin  a  f  hreag- 
airt  calg-dhìreach  an  aghaidh  a'  bhùinn-teagaisg. 
Uime  sin^  is  iad  so  na  pùincean  a  th'  air  an  coim- 
easachadh,  agus  a  th'  air  an  cur  ri  aghaidh  a  cheile 
an  so.  (1.)  Air  an  darna  làimh,  a  bhi  do  spiorad 
iriosal  maille  ris  a*  mhuinntir  chiùin  a  ta  fo  àmh 
ghar,  (no  mar  tha  e  's  an  Eabhra,)  a  bhi  do  spior 


AN  CAMADH  'S  A9  CHRANNCHUR. 


89 


ad  iosal,  oir  tha  'm  focal  anns  a'  cheud  chainnt  a' 
ciallachadh  a  bhi  iosal  ann  an  crannchur  no  ann 
an  cor ;  mar  sin  's  i  phùinc  a  th'  air  a  sònruchadh 
an  so,  a  bhi  maille  riu,  no  ann  an  cor  na  muinntir 
iriosal  a  ta  fo  àmhghar,  aig  am  bheil  an  spiorad 
air  a  thoirt  a  mhàin  chum  a'  chrannchuir  iosail  sin ; 
isleachd  an  spioraid  a'  cothromachadh  isleachd  a' 
chrannchuir.  (2.)  Air  an  làimh  eiìe,  a  chreach 
a  roinn  maille  ris  na  h-uabhraich.  'S  i  phùinc  a 
tha  gu  bhi  air  a  toirt  fainear  an  so,  a  bhi  maille 
riu  no  ann  an  cor  nan  uaibhreach,  aig  am  bheil  an 
crannchur  air  a  thoirt  le  fior  ainneart  gu  bhi  rèir 
an  càil ;  mar  a  ta  'n  dream,  a  tha  meas  gu  bheil 
iad  fèin  a'  fulang  eucoir,  a'  strìgh  ann  an  cath  ri 
'n  naimhdibh,  a'  toirt  buaidh  agus  a'  roinn  na  creiche 
a  rèir  an  toile. 

'S  an  darna  dite,  A'  bhreith  a  thugadh,  anns  am 
bheil  a  cheud  aon  air  a  mheas  ni  's  feàrr  nan  aon 
mu  dheireadh :  iC  Is  feàrr  a  bhi  do  spiorad  iriosal 
maille  riu-san  a  ta  ciuin,  na  a'  chreach  a  roinn 
maille  ris  na  h-uaibhrich,"  &c.  Nam  biodh  an 
dà  phàirtidh  so  air  an  cur  fa'r  comhair-ne,  b'fhearr 
dhuinn  ar  crannchur  a'  ghabhail  maille  riu-san  a 
tha  do  staid  iosal,  aig  am  bheil  an  spioradan  air  an 
toirt  a  mhàin  co  iosal,  r'  an  crannchur^  na  bhi  maille 
riu-san  a  tha  do  spioradaibh  uaibhreach  àrdanach, 
aig  am  bheil  an  crannchur  air  a  thogail  suas  a  rèir 
an  càil.  Is  feàrr  spiorad  iriosal  na  staid  air  a  h- 
àrdachadh. 

TEAGASG. — Tha  ginealach  ann  do  mhuinntir 
iriosal  a  ta  fo  àmhghar,  aig  am  bheil  an  spiorad 
air  isleachadh  agus  air  a  thoirt  a  mhàin  a  rèir  an 
crannchuir,  aig  am  bheil  an  cor  anns  an  doigh  sin, 
ni's  feàrr  na  cor  na  muinntir  àrdanach  a  tha  faot- 
uinn  nan  uile  nithe  rèir  an  toile  agus  an  cdil. 

I.  Bheir  sinn  fainear  ginealach  na  muinntir  irios- 


90 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


ail  a  ta  fo  dmhghar,  aig  am  bheil  an  spiorad  air  a 
thoirt  a  mhàin  a  reir  an  crannchuir. 

Anns  a'  cheud  dite.  Cuiridh  sinn  sìos  beagan  do 
bheachdaibh  coitchionn  mu'n  timchioll. 

1 .  Tha  'n  leithid  a  ghinealach  anns  an  t-saoghal, 
olc  's  mar  ta  e.  Tha  'm  bònn  teagaisg  gu  soilleir 
'g  an  ainmeachadh,  agus  tha  'n  sgriobtuir  ag  dean- 
amh  luaidh  orra  ann  an  earrannaibh  eile  ;  mar  ann 
an  Salm  ix.  12,  agus  x.  12 ;  Mata  v.  3 ;  Luc.  vi. 
20.  C'àit'  an  iarr  sin  air  an  son  ?  Cha'n  ann  air 
nèamh,  oir  cha'n  'eil  a  h-aon  fo  àmhghar  an  sin ; 
no  ann  an  ifrinn, — cha'n  'eil  a  h-aon  chiuin  no 
iriosal  an  sin,  aig  am  bheil  an  spiorada  air  an  toirt  a 
mhàin  a  rèir  an  crannchuir.  Uime  sin,  feumaidh 
e  bhi  gur  anns  an  t-saoghal  so  tha  iad,  far  am 
bheil  staid  na  deuchainn. 

2.  Mar  biodh  a'  chuis  mar  sin,  cha  bhiodh  luchd- 
leanmhuinn  air  bith  aig  Criosd  mar  a  bha  e  s  an 
t-saoghal.  B'esan  ceann  na  ginealaich  sin,  agus 
tha  iad  uile  a'  leantuinn  'eiseimpleir.  4  *  Fòghlum- 
aibh  uain,  oir  3  ta  mise  macant'  agus  iriosal  an 
cridhe."  Mata  xi.  29.  Agus  air  son  onoir-san, 
agus  onoir  a'  chroinn-cheusaidh,  cha  bhi  'n  saoghaì 
gu  bràth  a  dh'easbhuidh  orra  am  feadh  a  mhaireas 
e.  Rom.  viii.  29.  "  An  dream  a  roimh-aithnich 
e,  roimh-òrduich  e  iad  mar  an  ceudna,  chum  bhi 
comh-chosmhuil  ri  dealbh  a  Mhic."  Tha  iomh- 
aighs'  a'  co'sheasamh  anns  an  dà  ni  so,  fulangas 
d'am  priòmh-earrainn  irioslachd. 

3.  Gidheadh  tha  iad  gu  cinnteach  gle  ainneamh 
anns  an  t-saoghal.  Tha  Agur  a'  toirt  fainear,  gu 
bheil  ginealach  eile  ann  (Gnàth.  xxx.  13.)  Ci  Tha  n 
sùilean  àrda_,  agus  fabhraidhean  an  sùl  air  an  tog- 
ail  suas")  a  tha  calg-dhìreach  'n  an  aghaidh  so^  agus 
is  iad  so  a'  chuideachd  is  mò  gu  mòr.  Cha'n  'eil 
an  crannchur  iosal  trioblaideach  co  ro  ainneamh^ 
ach  's  ainmig  a  tha  fònn  iriosal  spioraid  cùing- 
cheangailte  ris.    Is  iomadh  spiorad  àrdanach  a 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


n 


tha  fantuinn  àrdanach  a  dh/aindeoin  ilsead  an 
crannchuir. 

4.  Cha'n  urrainn  dhoibh  a  bhi  ni's  lionmhoire 
ann  an  àireamh  na  fìor  phobull  Dè ;  oir  cha  toir 
ni's  lugha  na  gràs  Dhè  inntinnean  dhaoin'  a  mhàin 
bho'n  àirde  nàdurrach,  agus  an  toil  a  dheanamh 
rèidh  ri  toil  Dhè.  2  Cor.  x.  4,  5.  Feudaidh 
daoine  bhi  gabhail  orra  bhi  umhailt  do  chrann- 
chur  iosal  àmhgharaclr,  do  bhrìgh  's  nach  urrainn 
dhoibh  a  leasachadh,,  agus  gu  bheil  iad  a'  faicinn 
gur  dìomhain  a  bhi  strì  'n  a  aghaidh ;  ach  's  e  gràs 
irioslachaidh,  a  dh'fheumas  an  spiorad  a  thoirt  gu 
fìrinneach  d'a  ionnsuidh. 

5.  Ged  is  ann  do'n  ghinealach  sin  a  tha  pobull 
Dè  uile,  gidheadh  tha  cuid  dhiubh  d'am  buin  an 
comhaìradh  sin  ni's  ro  shònruichte.  Tha'n  t-slighe 
gu  nèamh  tre  iomadh  àmhghar  do  na  h-uile, 
Gnìomh.  xiv.  22,  agus  gidheadh  tha  uile  luchd- 
leanmhuinn  Chriosd  air  an  deanamh  rèidh  ris,  Luc. 
xiv.  26,  ach  tha  cuid  dhiubh  ni  's  ro  chomharr- 
aichte  air  am  fòghlum  ris  na  cuid  eile,  aig  am 
bheil  an  spiorad  air  irioslachadh  leis,  agus  air  a 
thoirt  a  mhàin  a  rèir  an  crannchuir.  Salm  cxxxi. 
2.  "  Gu  deimhinn  shocraich  agus  chiuinich  mi 
m'  anam,  mar  leanabh  a  chuireadh  o  chìch  a 
mhàthar ;  mar  leanabh  a  chuireadh  o'n  chìch  tha 
m'  anamsa."  Phil.  iv.  11,  12.  "Oir  dh'fhògh- 
luim  mi,  ge  b'e  staid  am  bheil  mr,  bhi  toilichte. 
Is  aithne  dhomh  bhi  iosal,  agus  is  aithne  dhomh 
mar  an  ceudna  pailteas  a  mhealtuinn :  anns  gach 
àit,,  agus  anns  na  h-uile  nithibh  theagaisgeadh  mi, 
araon  pailteas  a  shealbhachadh  agus  uireasbhuidli 
fhulang." 

6.  Tha  sealladh  gle  fhàbharach  air  a  ghabhail 
anns  na  flaitheanas,  do  dh/fhònn  iriosal  anama, 
agus  do  rùn  agus  aomadh  gnàthaicht'  a'  chridhe 
s  an  t-suidheachadh  sin.  Nam  b'e  's  gun  amhairc- 
mid  air  son  ginealach  a  tha  gu  h-iomlan  air  m 


$2  AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 

glanadh  bho  àrdan  agus  bho  mhòrchuis  cridhe  an 
aghaidh  an  crannchur  àmhgharaich  anns  gach  àm, 
cha'n  fhaighmid  a  h-aon  dhiubh  anns  an  t-saoghal 
so  ;  ach  's  e  a'  ghinealach  a  tha  Dia  a'  meas  iriosal, 
an  dream  a  tha  gu  trèibhdhìreach  aig  oidheirp- 
eachadh  agus  a'  deanamh  an  dìchioll  chum  ruigh- 
eachd  air,  agus  a  tha  cumail  slighe  na  h-ùmhlachd 
so  riaraichte,  ged  tha  iad  air  uairibh  air  an  seideadh 
a  leth-taobh,  tha  iad  a'  pilltinn  d'a  ionnsuidh  a  rìs. 
2  Cor.  vii.  12;  Seum.  v.  11. 

'S  an  dara  àite.  Gabhaidh  sinn  beachd  shòn- 
ruichte  d'an  cliù,  anns  am  bheil  na  tii  nithe  so. 

'  S  a'  cheud  dite.  Tha  trioblaid  an  crannchur  na 
ginealaich  iriosail  sin,  a  tha  ni's  feàrr  na  ghinealach 
àrdanach  a  tha  soirbheachadh,  is  ginealach  i  do 
mhuinntir  fo  thrioblaid,  a  tha  Dia  a'  cumail  fo 
smachdachadh  a'  chùmhnaint.  Feudaidh  sinn  a' 
gabhail  anns  na  dha  so  : — 

1.  Tha  cùing  do  thrioblaid  a  dhaon  seòrsa  no 
do  sheòrsa  eile  gu  minig  orra,  Salm  lxxiii.  14. 
Ma  tha  "tosd  air  nèamh,"  cha'n  'eil  e  ach  rè 
"  leth-uaire."  Taisb.  viii.  1.  Tha  Dia  gu  tric  ag 
amharc  orra,  mar  tha  maighstir  ag  amharc  air  a 
sgoileiribh,  agus  mar  a  tha  'n  lighiche  air  a 
mhuinntir  euslainteach ;  'nuair  a  tha  e,  mar  gu'm 
b'ann,  a'  dearmad  dream  eile.  Taisb.  iii.  19.  Tha 
iad  air  an  cleachdadh  ris  a'  chùing,  bho  thàinig  iad 
a  steach  do  theaghlach  Dhè.  Salm  cxxix.  1,  2,  3. 
Tha  Dia  'g  a  faicinn  math  air  an  son.  Tuir.  iii. 
27,  28. 

2.  Tha  cùing  shònruichte  do  thrioblaid,  a 
chomharraich  Dia  air  an  son,  a'  leantuinn  riu, 
agus  is  ann  gle  ainmig,  ma  tha  iad  idir,  a'  faotuinn 
lasachaidh  uaipe.  Luc.  ix.  23.  'S  e  sin  an  deuch- 
ainn  àraid,  's  e  sin  camadh  an  crannchuir,  's  e  sin  & 
chùing  tha  na  luidh  orra  chum  an  cumail  ann  an 
gnàth  chleachdadh.  Feudaidh  an  deuchainnean 
eile  bhi  air  am  mùthadh,  ach  's  cudthrom  a'  chùing 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


sin  a  tha  'n  còmhnuidh  ceangailte  riu,  agus  'g  an 
cromadh  sìos. 

'S  an  dara  aite.  Tha  suidheachadh  iriosal  'n  an 
aigne  agus  'n  am  fònn  spioraid.  Is  ginealach  iad  do 
mhuinntir  chiuin  iriosal,,  a  thug  Dia  le  gràs  an 
spioraid  a  mhàin,  bho  'n  ardan  fèin.    Agus  mar 

SOj 

1.  Tha  barail  iosal  agus  shuarrach  aca  dhiubh 
fèin:  do  na  tha  iad  fèin :  2  Cor.  xii.  11.,  do  na  's 
urrainn  doibh  fèin  a  dheanamh;  2  Cor.  iii.  5.s 
d'am  fiùthalachd  fèin;  Gen.  xxxii.  10.,  agus  d'an 
toillteannas  fèin ;  Tuir.  iii.  22.  Air  dhoibh  beachd 
a'  ghabhail  orra  fèin  ann  an  sgathan  lagh  agus 
iomlanachd  Dhè,  tha  iad  g  am  faicinn  fèin  'n  am 
meall  do  neo-iomlanachd  agus  do  pheacadh.  Iob 
xlii.  5,  6. 

2.  Tha  barail  àrd  agus  urramach  aca  mu  Dhia. 
Salm  cxliv. 

3.  Tha  iad  air  an  teagasg  leis  an  Spiorad  ciod  e 
Dia;  agus  mar  sin  tha  iad  a'  gabhail  a  steach 
smuaintean  urramach  mu  thimchioll.  Tha  iad  'g  a 
mheas  mar  Ard-uachdaran  an  t-saoghail,  gu  bheil 
iomlanachd  neo-chrìochnaichte,  agus  'obair  comh- 
lionta.  Tha  iad  ag  amharc  air  mar  thobair  an  sonais^ 
mar  Dhia  ann  an  Criosd,  a'  deanamh  nan  uile  nithe 
gu  math ;  ag  earsba  ri  'ghliocas,  ri  'mhaitheas  agus 
ri  'ghaol,  eadhon  far  nach  urrainn  doibh  faicinn, 
Eabh.  xi.  8. 

3.  Tha  barail  fhàbharach  aca  mu  mhuinntir  eile, 
co  f  had  's  a  dh'fheudas  iad  ann  an  ceartas.  Phil,  ii. 
3.  Ged  nach  comasach  dhoibh  gun  bhi  toirt  fain- 
ear  an  cionta  folaiseach,  gidheadh,,  tha  iad  ullamh 
gu'n  oirdheirceas  aideachadh,  agus  meas  a  bhi  aca 
orra  d'an  rèir.  Agus  do  bhrìgh  gu  bheil  iad  a? 
faicinn  iad  fèin  a'  mealtuinn  ni  's  mò  do  thròcairibh 
agus  do  shocharaibh  chum  ruigheachd  air  naomh- 
achd,  na  tha  iad  a'  faicinn  muinntir  eile  a'  mealt- 
uinn,  agus  am  mi-fheum  a  tha  iad  a'  deanamh 


94  AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 

dhiubh,  tha  iad  ullamh  gu  amharc  air  muinntir  eile 
mar  ni's  feàrr  na  iad  fèin,  'nuair  a  shàmhluicheas 
iad  an  coirean, 

4.  Tha  iad  gu  h-iriosal  ag  aideachadh  a  bhi  umhal 
do  Dhia  agus  d'a  thoil.  Salm  cxxxi.  1,  2.  Tog- 
aidh  an  t-àrdan  neach  suas  an  aghaidh  Dhè,,  bheir 
irioslachd  e  air  ais  g'a  àite,  agus  cuiridh  e  sios  e  aig 
cosaibh  'ard  Thighearna,  ag  ràdh,  "  Gu  deanar  do 
thoil  air  talamh/'  &c.  Cha'n  'eil  iad  ag  iarraidh 
an  riaghlaidh  ni's  mò,  ach  tha  iad  toilichte  gu'n 
suidheadh  Dia  fèin  air  stiuir  an  gnothaichean,  agus 
gu'n  riaghladh  e  'n  t-iomlan  air  an  son.  Salm 
xlvii.  4. 

Cha'n  'eil  iad  ag  iarraidh  nithe  àrda,  ach  tha 
iad  a'  rùnachadh  a  bhi  toilichte  le  nithibh  iosal. 
Salm  cxxxi.  1.  Bheir  irioslachd  a  mhàin  na 
smuaintean  àrda_,  a  tha  'n  t-àrdan  a'  togail  suas  an 
aghaidh  nèimh ;  tarruingidh  e  sgàile  thar  gach 
oirdheirceas  agus  airidheachd  phearsonta  an  làthair 
an  Tighearna,  agus  bheir  e  thairis  an  t-iomlan  do'n 
bheil  aig  an  duine  do'n  Tighearna,,  chum  a  bhi  mar 
cheumaibh  gu  cathair  a  ghlòire.  2  Sam.  xv. 
25,  26. 

6.  Tha  iad  ullamh  gu  bhi  'g  àrdachadh  nan  tròc- 
airean  a  bhuilicheadh  orra,  Gen.  xxxii.  10.  Ni 
àrdan  cridhe  tàir  agus  dearmad  air  na  tròcairibh  a 
tha  neach  a'  sealbhachadh,  agus  suidhichidh  e  'n 
t-sùil  air  an  ni  a  tha  dh'uireasbhuidh  air  còr  neach, 
's  ni  e  neach  coslach  ris  na  cuileagaibh,  a  theid 
seachad  air  na  h-àitibh  slàn,,  agus  a  chruinnicheas 
nan  sgaoth  air  a'  chrèuchd.  Air  an  làimh  eile,  tha 
irioslachd  a'  teagasg  do  dhaoinibh  a  bhi  'g  ath-aith- 
ris  nan  tròcairean  a  tha  iad  a  mealtuinn  anns  a 
chor  is  isle,  agus  comharradh  a  chuir  air  na  nithibh 
math  a  sheilbhich  iad,  no  tha  iad  a'  seilbheachadh. 
Iob  ii.  10. 

'S  an  treas  àite.  An  spiorad  air  a  thoirt  a  mhàin 
a  rèir  an  crannchuir.    Is  iosal  agus  is  trioblaideach 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


9-? 


an  crannchur-san ;  ach  tha  'n  spiorad  cheart  co  iosai 
ris,  air  dha  bhi  troimh  ghràs,  air  a  thoirt  a  mhàin 
d'a  rèir.  Feudaidh  sinn  a  ghabhail  anns  na  cùig 
nithibh  so. 

1.  Tha  iad  ùmhal  dha  mar  ni  ceart.  Mic.  vii.  9. 
"Giùlainidh  mi  corruich  an  Tighearna,  a  chionn 
gu'n  do  pheacaich  mi  'n  a  aghaidh."  Cha  'n  'eil 
cruaidh-chas  air  bith  ann  ar  cor,  ach  sin  a  thug  sinn 
oirnn  fèin  ;  uime  sin,  is  ceart  gu'm  pògamaid  an 
t-slàt,  agus  gu'm  bitheamaid  'n  ar  tosd  foidhpe, 
agus  gu'n  islichmid  ar  spiorad  a  re'ir  ar  crannchuir. 
Ma  ghearanas  iad,  's  ann  orra  fèin  a  ghearanas  iad  ; 
cha'n  'eil  an  cridheachan  ag  èiridh  suas  an  aghaidh 
an  Tighearna,  's  ni  's  lugha  gu  mòr  a  dh'thosglas 
iad  am  beòil  an  aghaidh  nan  neàmha.  Tha  iad  a' 
firinneachadh  Dhè  agus  'g  an  dìteadh  fèin^  tlm  iad 
a'  cur  urraim  air  a  naomhachd  agus  air  fhireannt- 
achd  gun  smal  'n  a  ghnìomhachadh  'n  an  aghaidh- 
san. 

2.  Tha  iad  a'  siubhal  gu  tosdach  fodha  mar  ni 
so-fhulang.  Tuir,  iii.  26 — 29.  *'  Is  math  bhi  ann 
an  dòchas,  agus  feitheamh  gu  fòil  ri  slàinte  an 
Tighearna.  "  Is  maith  do  dhuine  chùing  a  ghiùlan 
'n  a  òige ;  suidhidh  e  'n  a  aonar,  agus  bithidh  e  'n  a 
thosd,  a  chionn  gu'n  d'rinn  e  a  giùlan.  Cuiridh 
e  'bheul  anns  an  duslach,  ma  's  teagamh  gu'm  bì 
dòchas  ann."  Am  feadh  a  tha'n  spiorad  neo- 
cheannsuichte  air  a  chaothach  fo'n  chùing,  coslach 
ri  damh  neo-chleachdta  rithe,  tha'n  spiorad  a  tha 
rèidh  r'a  chrannchur  a'  siubhal  gu  ciuin  foidhpe. 
Tha  iad  a'  faicinn  gur  ann  do  thròcairean  an 
Tighearna  nach  'eil  a'  chùis  ni's  miosa  ;  tha  iad  a? 
togail  na  crois  lomnochd,  mar  a  ta  Dia  'g  a  leagadh 
sìos,  as  eugais  nan  leth-troman  sin  a  tha  aignidh- 
ean  buaireasach  a'  cur  rithe  :  agus  mar  sin  tha  e 
da  rìreadh  a'  tighinn  gu  bhi  ni's  fhasadh  ghiùlan 
na  shaoil  leo  a  b'urrainn  e  bhi,  coslach  ri  eallach 
air  a  deanamh  ris  an  druiin. 


96 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


3.  Tha  iad  toilichte  leis,  a  thaobh  's  gur  ann  bho 
chearnaibh  eile  tha  iad  a  tarruing  an  sòlais  agus 
ni  h-ann  bho  'n  staid  as  an  leth  a  mach,  eadhon 
mar  a  ta  'n  tigh  a'  seasamh  gramail  an  deigh  do'n 
phrop  air  nach  robh  a  thaic  a  bhi  air  a  thoirt  air 
falbh.  "  Ged  nach  toir  an  crann-fìge  uaith  blàth, 
agus  ged  nach  fàs  air  an  f hìonain  cinneas ;  gidheadh 
ni  mise  gàirdeachas  anns  an  Tighearna."  Hab.  iii. 
17,  18.  Mar  so  rinn  Daibhidh  ann  an  là  theann- 
dachd,  "  Ghabh  e  misneach  dha  fèin  anns  an 
Tighearn  a  Dhia."  1  Sam.  xxx.  6.  Is  comharr- 
adh  air  spiorad  nach  deachaidh  a  thoirt  gu  bhi 
umhal  d'a  chrannchur,  neach  a  bhi  ann  an  dìth 
misnich  agus  air  cromadh  sìos  fo  chruaidh-chas  a' 
chamaidh,  mar  gu'm  b'e  ch8r  anns  an  t-saoghal  an 
t-aon  ni  ris  an  robh  a  shonas  an  urradh.  'S  e 
easbhuidh  irioslachd  a  tha  toirt  air  sòlasaibh  dhaoine 
fàs  agus  crìonadhj  lìonadh  agus  traoghadh  a  rèir 
coslais  iomadach  an  crannchuir  anns  an  t-saoghal. 

4.  Tha  iad  &  gabhail  tlachd  ann,  mar  ni  a  ta 
freagarrach  agus  math  air  an  son.  Isa.  xxxix.  8. 
2  Cor.  xii.  10.  Tha  daoine  gabhail  seòrsa  do 
thlachd  ann  an  oibreachadh  purgoid,  ged  tha  i  'g  an 
goirteachadh  gu  gèur ;  tha  iad  a'  smuaineachadh 
gu  reusantach  annta  fèin,  gur  e  is  feàrr  agus  is 
fallain  air  an  son  :  mar  sin  tha  na  h-anaman  iriosal 
so  a'  meas  an  crannchuir  trioblaideach  mar  leigheas 
spioradailj  feumail,  iomchuidh,  agus  math  air  an 
son ;  seadh_,  ni  's  feàrr  air  an  son  anns  an  àm,  do 
bhrìgh  gu  bheil  e  air  a  thoirt  le'n  Athair  neàmh- 
uidh :  agus  mar  sin  tha  iad  a'  ruigheachd  air  tlachd 
naomh  a  ghabhail  'n  an  crannchur  iosal  trioblaid- 
each. 

Tha'n  spiorad  iriosal  a'  tarruing  a  mhilseachd  so 
as  an  t-searbhadas  a  tha  'n  a  chrannchur,  a'  breith- 
neachadh  cionnas  a  tha'n  Tighearna,  leis  a'  chrann- 
chur  thrioblaideach  sin,  a  cumail  air  ais  an  lòin 
bho  na  h-ana-miannaibh  mi-riaghailteach,  chum 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


91 


s  gu  n  cuirear  bàs  iad  le  goirt :  cionnas  a  tha  e 
gearradh  air  falbh  nan  sruth-chlaisean  leth-taobh, 
chum  's  gun  ruith  an  t-iomlan  do  shruth  gràidh  an 
anama  d  a  ionnsuidh  fe'in ;  cionnas  a  tba  e  toirt 
dheth  agus  a'  cumail  dheth  'n  duine  eallach  agus 
a'  bacadh  nan  sòlasa  talmhaidh,  chum  gu'n  ruith  e 
nis  cabhagaich  an  t-shghe  gu  nèamh. 

5.  Tha  iad  a'  foisneachadh  ann,  mar  staid  as 
nach  'eil  iad  ag  iarraidh  teachd  à  mach,  gus  am 
faic  Dia  a  thug  iad  da  ionnsuidh,  iomchuidh  an 
toirt  as  do  'dheadh  thoil.  Isa.  xxviii.  16.  Ged 
tha  àm  saorsa  spioraid  neo-cheannsuichte  an  còmh- 
nuidh  ullamh,,  bithidh  eagal  air  an  anam  iriosal  guJn 
teid  a  thoirt  a'  mach  as  a'  chrannchur  thrioblaià- 
each  ro  luath.  Cha  bhi  e  air  son  atharrachadh  air 
a  staid,  gus  an  toir  na  flaitheanas  rau'n  cuairt  e  ; 
gidheadh  cha  'n  'eil  sin  a'  cur  bacadh  air  ùrnuigh, 
agus  cleachdadh  a  dheanamh  do  na  meadhonaibh 
a  th  air  an  òrduchadh,  ann  an  earbsa  ris  an  Tigh- 
earna;  ach  feumaidh  e  creidimh,  dòchas,  foighi- 
dinn,  agus  ùmhlachd.    2  Sam.  xv.  25,  26. 

II.  Bheir  sinn  fainear  ginealach  na  muinntir  àrd- 
anaich  a  tha  faotuinn  nan  uile  nithe  rèir  an  toil  agus 
an  càil.  Agus  'n  an  cliù-san  mar  an  ceudna  tha  tri 
nithe. 

S'  a  cheud  àite,  Tha  croisean  'n  an  crannchur.  Mar 
an  ceudna  tha'n  deuchainnean  air  an  comharrach- 
adh  air  an  son  le  riaghladh  freasdail,  agus  ge  b"e 
inbhe  anns  am  bheil  iad  anns  an  t-saoghal,  chaJn 
urrainn  doibh  an  t-iomlan  dhiubh  a  sheachnadh. 
Oir  thugaibh  fainear. 

1.  Gu'n  d'rinn  an  aimhreite  agus  an  dìomhana?. 
a  thugadh  a  steach  chum  an  t-saoghail  le  peacadh 
an  duine,  e  neo-chomasach  do  dhaoinibh  a  dhol 
troimh  an  t-saoghal  as  eugmhais  còmhlachadh  ris  a 
sin  a  chuireas  mì-shuaimhneas  orra.  Ecles.  i.  14. 
Thionnda  am  peacadh  an  saoghal  bho  bhi  'n  a 
phàrras  gu  bhi  'n  a  phreas  drise;  agus  cha'n  'eil 


AN  CAMADH  's  a'  CHItANNCHUR, 


rathad  air  dol  troimhe  as  eugais  a  bhi  air  ar 
rèubadh.  Mar  a  dh'itealaicheas  na  meanbh-chuileag- 
an  's  an  t-samhradh  mu'n  cuairt  dhoibh-san  a 
bhios  ag  imeachd  a  mach  ann  an  earradh  riomhach, 
co  math  's  raun  cuairt  dhoibh-san  ann  an  aodach 
suarrach;  mar  sin  còmhluichidh  croisean  anns  an 
t-saoghal  ris  a'  mhuinntir  àrdanach  co  math  's  ris  a' 
mhuinntir  iriosal. 

2.  Tha  àrdan  an  cridhe  gu  h-àraid  'g  am  fàgail 
fosgailte  do  chroisibh.  Ni  cridhe  àrdanach  crois 
dha  fèin,  far  nach  còmhluicheadh  a  h-aon  ri  anam 
iriosal,  Ester  v.  13.  Ni  e  fior  chrois  deich  uair- 
ean  ni's  truime  na  bhiodh  i  do'n  mhuinntir  iriosaL 
Tha  ginealach  na  muinntir  àrdanaich  coslach  ri 
ionntagach  agus  ri  callaidibh-droighinn,  ris  an 
gramaich  nithe  bhios  ag  itealaich  mu'n  cuairt,  'nuair 
a  theid  iad  seachad  air  nithibh  iosal  agus  rèidh  ; 
mar  sin  cha'n'eil  dream  sam  bith  ni's  fosgailte  do 
chroisibh  na  iadsan,  ged  is  iad  is  neo-chomasach  air 
an  giùlan. 

'*S  an  dara  àiie.  Mar  tha  e  soilleir,  bho'n  àrdan 
a  tha  riaghladh  'n  an  spioradaibh.  Cha  deachaidh 
an  spiorada  riamh  a  cheannsachadh  le  obair  fior 
irioslachaidh,  tha  iad  a'  fantuinn  aig  an  àirde  anns 
na  shuidhich  truaillidheachd  nàduir  iad ;  air  an 
aobhar  sin  cha'n  urrainn  dhoibh  air  sheol  sam  bith 
a'  chùing  a  chuireas  Dia  orra  ghiùlan.  Tha'm 
muineal  air  at  le  droch  ghalar  an  àrdain  agus  na 
feirge  ;  uime  sin^  aon  uair  's  gu'n  toisich  a'  chùing 
ri  beantuinn  ris,  cha  'n  urrainn  tuille  socair  a  bhi 
aca.  Feudaidh  sinn  beachd  a  ghabhail  an  so  air 
cor  na  ginealaich  àrdanaich  ann  an  trì  nithibh. 

h  Tha  iomadaidh  meas  ac'  orra  fèin :  agus 
m ar  sin  tha'n  inntinn  àrdanach  ag  ràdh,  Cha  bu 
chòir  do'n  duine  cromadh  sìos  do'n  chùing ;  tha  i 
ro  shuarrach  air  a  shon.  Ciod  an  dìomhanas  at- 
mhor  a  th'  ann  an  sin.  Escod.  v.  2.  "  Cò  e  an 
Ti^hearna,  gu'n  eisdinn-sa  r'a  ghuth  ?"    Air  an 


AN  CAMADH  5S  A*  CHRANNCHUR. 


99 


aobhar  sin  tha  obair  irioslachaidh  feumail  chum 
neach  a  thoirt  gus .  a'  chùing  a  ghabhail  air,  co 
dhiubh  is  i  cùing  àithntean  Chriosd  no  an  fhreas- 
dail.  'S  anns  an  tuigse  tha  a'  cheud  mhearachd  ; 
uaithe  sin  tha  Solamh  gu  gnathaichte  a'  gairm 
amadain  do'n  duine  aingidh  ;  a  rèir  sin  's  anns  an 
tuigse  a  tha  cheud  bhuille  do'n  iompachadh,,  ann  a 
bhi  dearbhadh  an  fheum  a  th*  air  irioslachd.  Tha 
daoine  ni's  mò  'n  am  barail  fèin,  na  da  rìreadh  a  tha 
iad,  uime  sin,  cha  taitinn  e  ruinne,  Dia  bhi  dean- 
amh  cùisean  freagarrach  ris  na  tha  sin  da  rìreadh. 

2.  Tha  fèin-thoil  neo-chlaodhte  annta,,  ag  eiridh 
bho'n  iomadaidh  meas  a  th'  aca  orra  fèin,  agus  tha  i 
'g  ràdh  nach  gèill  iad.  Ecsod.  v.  2.  'S  i  so  a' 
cheist  a  tha  eadar  neàmh  agus  sinne.  Cò  dhiubh 
is  i  toil  Dhè  no  ar  toil-ne  a  dh'  feumais  a  bhi  dean- 
ta  1  Tha  toil  Dhè  naomh,  ach  tha  ar  toil-ne  truailì- 
idh ;  uime  sin  cha'n  urrainn  doibh  cordadh  ann 
an  aon.  Tha  Dia  ag  ràdh  'n  a  fhreasdal  gu'm  feuni 
ar  toil-ne  geilleadh  d'a  thoil-san  ;  ach  sin  cha  dean 
i,  gus  am  bristear  an  fhèith  iaruinn  a  tha  innte. 
Rom.  vi.  7.  Isa.  xlviii.  4. 

Tha  dòmhlas  do  dh'aignidhibh  neo-cheannsuichte 
annta  tha  deanamh  còmhnadh  ris  an  fhèin-thoil  ; 
agus  tha  iad  ag  ràdh,  Cha  ghèill  i.  Rom.  vii.  8,  9. 
Mar  sin  tha'n  cogadh  a'  toiseachadh,  agus  tha  cath 
an  leth-stigh  agus  an  leth-muigh  do'n  duine.  Seum. 
iv.  1. 

(1.)  Tha  Dia  naomh  a'  cur  an  aghaidh  fèin-thoii 
nan  crèutairean  uaibhreach  le'  fhreasdal,  a'  riaghladh 
agus  a'  stiùradh  nithe  an  aghaidh  an  tograidh ;  air 
uairibh  le  làimh  neo-mheadhonach  fèin,  mar  ann 
an  cùis  Chàin.  Gen.  iv.  4,  5,  air  uairibh  le  làimh 
dhaoine  bhi  deanamh  nithe  an  aghaidh  an  càil, 
mar  ann  an  cùis  Ahaib,  dha  'n  do  dhiùlt  Nabotli 
'fhion-lios.    1  Righ  xxi.  4. 

(2.)  Tha'n  cridhe  agus  an  toil  àrdanach,  do  nacli 
comasach  strìochdadh  do'n  chvois,  's  nach  fhuiMng  ;t 


100 


AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 


bhi  air  an  ceannsachadh,  ag  èiridh  suas  na  h-agh- 
aidh,  agus  a'  cogadh  air  son  na  h-uachdranachd, 
le  uile  neart  aignidhean  neo-cheannsuichte.  'S  e 
tha  's  an  rùn  a'  chrois  atharrachadh,  eadhon  an  cam- 
adh,  agus  a  chuis  a  thoirt  gu  bhi  rèir  an  inntinn- 
ean  fèin ;  'seso  aobhar  a  chogaidh  mhì-naomha  so, 
anns  am  bheil, 

1.  Cuideachd  dhubh  do  dh'aignidhibh  ifrinneil 
a  tha  g  eiridh  suas,  agus  &  toirt  ionnsuidh  air 
nèamh  fèin,  eadhon,  mi-thoileachadh,  cion-foighid- 
inn,  gearan,  frionas,  agus  an  leithidean  sin. 
"  Claonaidh  amaideachd  duine  a  shlighe,  agus  an 
aghaidh  an  Tighearna  ni  a  chridhe  gearan."  Gnàth. 
xix.  3.  Tha  iad  so  a'  cur  feirg  anns  a'  chridhe, 
gruaim  anns  a'  ghnuis.  Gen.  iv.  6.  's  air  uairibh 
a'  tilgeadh  a  mach  lòd  do  ghearanaibh  feargach 
agus  mi-chiatach.  Iudas  rann  16,  agus  air  uairibh 
do  thoibheumaibh.    2  Righ  vi.  33. 

2.  Tha  cuideachd  eile  tha  dol  air  an  aghaidh, 
agus  a'  toirt  ionnsuidh  air  a*  mheadhon  no  air 
meadhonaibh  na  crois,  eadhon,  fearg,,  corruich, 
buaireas,  dioghaltas,  mi-run,  &c.  Gnàth.  xxvii.  4. 
Tha  iad  so  a'  cur  an  duine  bho  bhi  'g  a  sheilbh- 
eachadh  fèin.  Luc.  xxi.  19.  a'  lionadh  a  chridhe 
le  goil  theas.  Salm  xxxix.  3.  a  bhèul  le  gleadhraich 
agus  cainnt  shalach.  Eph.  iv.  31.  agus  a'  sèideadh 
bagraidh  a  mach.  Gnìomh.  ix.  1.  agus  air  uairibh 
a'  cur  nan  làmhan  air  obair,  ni  aig  am  bheil  crìoch 
ro  dhùbhailceach.  Mata  v.  21,  22.  mar  ann  an 
cor  Ahaib  agus  Naboith.  Mar  so  tha  mhuinntir 
àrdanach  a,'  toirt  air  aghaidh  a'  chogaidh,  agus  mar 
is  trice  a'  càll  a'  chath,  agus  tha  chrois  a'  fantuinn 
neo-ghluasadach  a  dh'aindeoin  na  's  urrainn  doibh 
a  dheanamh ;  seadh,  agus  tha  iad  fèin  air  uairibh  a' 
tuiteam  anns  a  cho'stri :  tha  e  crìochnachadh  'n  an 
sgrios.  Escod.  xv.  9,  10.  Ach  cha'n  ann  mar  sin  a 
tha  chùis  anns  a'  bhònn  teagaisg. 

'S  an  treas  àite.    Tha  sinn  gu'n  toirt  fainear,  mar 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHITR.  101 

a*  faotuinn  na  h-uile  ni  a  rèir  an  toil  agus  an  càil. 
Tha  so  a'  cur  an  cèill, 

1.  Gu  bheil  freasdal  naomh  a'  gèilleadh  do  fhèin- 
thoil  neo-cheannsuichte  an  duine,  agus  a'  leigeil 
leis  ruith  a  rèir  a  chàil.  Gen.  vi.  3,  tha  Dia  a'  faic- 
inn  iomchuidh  gu'n  tuiteadh  an  connsachadh  leis. 
oir  cha  soirbhich  e  chum  a  mhath.  Isa.  i.  5.  Mar 
sin  tha'n  t-srian  air  a  leigeadh  mu  mhuineal  an  duine 
àrdanaich,  agus  tha  na  bu  mhiann  leis  aige  :  "  Tha 
Ephraim  air  a  dhlù-cheangal  ri  iodholaibh,  leig 
leis."    Hos.  iv.  17- 

2.  Gu  bheil  am  miann  a'  fantuinn  'n  a  làn  neart. 
Salm  lxxviii.  30.  "  Cha  robh  iad  air  an  sgarachd- 
uinn  0  am  miann."  Tha  Dia  air  uairibh  ann  an 
suidheachadh  a'  chumhnaint,  a'  toirt  an  toil  fèin 
d'a  shluagh,  agus  tha  e  'g  an  suidheachadh  far  am 
b'àill  leo  bhi ;  ach  anns  a  chor  sin,  tha'm  miann 
sin  air  a  cheannsachadh,  agus  tha  iad  mar  chloinn  air 
an  cur  bhàrr  na  ciche.  Salm  x.  17.  Ach  an  so  tha'm 
miann  a'  fantuinn  neo-chlaoidhte ;  tha  na  h-uaibh- 
rich  aig  iarraidh  lòin  air  a  shon,  agus  'g  a  f  haotuinn. 

3.  Gu  bheil  a'  chrois  air  a  h-atharrachadh,  agus  a 
chuing  air  a  toirt  dhiubh.  Salm  lxxviii.  29.  Cha 
b'urrainn  doibh  smuaineachadh  air  an  inntinnean  a 
thoirt  gu  bhi  rèidh  ri'n  crannchur ;  ach  chath  agus 
ghleachd  iad  'n  a  aghaidh,  gus  am  bheil  e  air  a  thoirt 
gu  bhi  rèir  an  càil :  Mar  sinn  is  leo  fèin  an  là,  tha 
bhuaidh  air  an  taobh. 

4.  Tha'n  duine  toilichte  a  chionn  's  gu'n  bhuann- 
aich  e  'phùinc,  eadhon  mar  a  ta  neach  'nuair  a  ta  e 
roinn  na  creiche.  1  Righ  xxi.  18,  19. 

Mar  so  tha  cor  na  ginealaich  iriosail  a  ta  fo  àmh- 
ghar,  agus  cor  na  ginealaich  àrdanaich  a  ta  soirbh- 
eachadh,  air  an  cur  an  cèill. 

III.  A  nis  tha  mi  gus  an  teagasg,  no  breith  a 
bhùinn-teagaisg  a  dhaingneachadh.  Gur  feàrr  eor 
a'  cheud  dream  no  cor  na  dream  mu  dheireadh. 
'S  fearr  a  bhi  ann  an  cor  iosal  thrioblaideach,  leis  an 


102 


AN  CAMADH  *S  a'  CHRANNCHUR. 


spiorad  air  irioslachadh  agus  air  a  thoirt  a  mhàin 
gu  bhi  rèidh  ris  a'  chrannchur,  na  bhi  do  spiorad 
uaibhreach  àrdanach,  a'  faotuinn  a'  chrannehuir  ah 
a  thogail  suas  do  rèir,  agus  cùisean  a'  dhol  a  rèir 
toil,  dùrachd,  agus  càil  neach.  Bithidh  so  soilleir 
bho  na  nithibh  so  a  leanas, 

'S  a  cheud  àite.  Tha  barrachd  co  mòr  aig  irios- 
lachd  thar  àrdan,  's  nach  uarrainn  a  bharraidh- 
eachd  failingeadh  ann  an  cor  air  bith.  Ged  lean- 
adh  gach  trioblaid  a  th'anns  an  t-saoghal  an  spior- 
ad  iriosal,  agus  ged  leanadh  gach  soirbheachadh  a 
th'anns  an  t-saoghal  an  t-àrdan,  bithidh  a'  chuid  is 
feàrr  an  còmhnuidh  aig  an  irioslachd  ;  mar  a  ta  'n 
t-òr  ni's  ro  oirdheirc  air  an  otrach  na  uiread  a' 
luaidh  ann  an  cisde.  Oir, 

J .  Is  mìr  do  dh/ioinhaigh  Dhè  irioslachd.  'S  e 
'n  t-àrdan  mìr  is  barraichte  do  dh'iomhaigh  an 
diabhoil.  Gabhamaid  beachd  air-san,  neach  is  e 
fìor  iomhaigh  pearsadh  an  Athar,  agus  chì  sinn  e 
"  macant  agus  iriosal  an  cridhe."  Mata  xi.  29. 
Cha  d'fhuiling  neach  riamh  ni  bu  mhò  do  dh'àmh- 
ghair  na  esan,,  gidheadh  bha  a  spiorad  gu  h-iomlan 
rèidh  r'a  chrannchuir.  Isa.  liii.  7.  "  Shàruicheadh 
e,  agus  rinneadh  ainneart  air,  gidheadh  cha  d'fhosg- 
ail  e  a  bheul."  Is  mìr  dealreach  sin  do  dh/iomh- 
aigh  Dhè:  oir  ged  nach  urrainn  Dia  bhi  iosal  a 
thaobh  a  chor  agus  a  staid,  gidheadh  tha  e  do  dh'- 
irioslachd  neo-chrìochnach.  Isa.  lvii.  15.  Cha 
ghiùlain  neach  sam  bith  mar  ghiulanas  esan.  Rom. 
ii.  4,  cha'n  fhuiling  neach  sam  bith  gu  foighidneach 
uiread  a  strì  an  aghaidh  a  thoil  ris-san,  ni  a  th'air 
a  thairgse  dhuinne  chum  ar  misneachaidh  ann  an 
àmhghar  mar  dhealraich  e  ann  an  Criosd.  et  Uime 
sin  thugaibh  fainear  esan  a  dh/fhuiling  a  shamhuiì 
sin  do  ana-cainnt  o  pheacachaibh  'n  a  aghaidh  fèin, 
air  eagal  gu'm  bi  sibh  sgìth  agus  lag  ann  bhur  n- 
inntinnibh."    Eabh.  xii.  3. 

Air  an  làimh  eile,  's  e  'n  t-àrdan  dearbh  iomh- 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


103 


aigh  an  diabhoil.  1  Tim.  iii.  6.  Am  meas  sinne 
sinn  fèin  a  rèir  àirde  ar  spioradan  ?  Cuiridh  Sàtan 
geall  ris  an  neach  is  àirde  againn  anns  a  phùinc  sin  ; 
oir,  ged  is  e  is  ro  thruaighe,  gidheadh  's  e  is  ro 
àrdanaich  a  th/anns  a'  chruitheachd  gu  leir.  Tha 
uidhe  ro  mhor  eadar  a  spiorad  agus  a  chrannchur; 
tha  a  spiorad  co  arda  ri  cathair  Dhè,  agus  a  chrann- 
chur  co  iosal  ri  ifrinn ;  agus  mar  a  ta  e  do-dheanta 
gu'm  bi  a  chrannchuir  gu  bràth  air  a  thogail  suas  a 
rèir  a  spioraid ;  mar  sin  cha  tig  a  spiorad  gu  bràth 
a  nuas  gu  bhi  rèir  a  chrannchuir  :  uime  sin,  bith- 
idh  e  gu  sìorruidh  a'  cogadh  ri  'chrannchur.  Air 
an  aobhar  sin,  cha  'n  'eil  fois  air  bith  aige,  eadhon 
aig  an  àm  so,  ach  a'  dol  rau'n  cuairt.  aig  iarraidh 
fois^  ach  cha  Veil  e  a'  faotuinn  a  bheag. 

A  nis^  nach  feàrr  a  bhi  coslach  ri  Dia,  na  coslach 
ris  an  diabhol  ?  Coslach  ris-san  an  Tì  is  e  tobar 
nan  uile  mhath,  na  coslach  ris-san  am  bith  is  e  tobar 
agus  sruth-chlais  gach  uilc  ?  Am  bheil  e  so-dheanta 
gur  urrainn  ni  sam  bith  a  mheidh  a  thionndadh  an 
so,  agus  am  barrachd  a  thoirt  a  chum  an  taobh  eile  ? 
"  Uime  sin  is  feàrr  a  bhi  do  spiorad  iriosal  maille 
riu-san  a  ta  ciuin/'  &c. 

2.  Tha  irioslachd  agus  ciuineachd  spioraid  'g  ar 
'n  uidheamachadh  air  son  co'  chomuinn  agus  comh- 
luadair  ri  Dia  ann  an  Criosd.  Tha  'n  t-àrdan  a' 
deanamh  Dhè  'n  a  nàmhad  dhuinn.  1  Pead.  v.  5. 
Tha  ar  sonas  's  a'  bheatha  so  agus  anns  an  ath-bhea- 
tha  an  urradh  ri  ar  comhluadar  càirdeil  ri  neàmh. 
Mar  'eil  sin  againn,  cha'n  urrainn  ni  sam  bith  ar 
càll  a'  dheanamh  suas,  Salm  xxx.  5.  Ma  tha  sin 
againn,  cha'n  urrainn  ni  sam  bith  ar  deanamh 
truagh,  Rom.  viii.  31.  "  Ma  ta  Dia  leinn,  co 
dh'fheudas  bhi  'n  ar  n-aghaidh  V'  A  nis,  co  iadsan 
leis  am  bheil  Dia  ach  a'  mhuinntir  chiùin  agus 
iriosal  ?  Iadsan  a  th/ann  an  Criosd  tha  iad  air  an 
deanamh  coslach  ris.  Tha  e  'g  am  beannachadh, 
agus  a'  cur  an  cèill  gur  iad  oighreachan  crùin  na 


304  AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 

glòire.  u  Is  beannuicht'  iadsan  a  ta  bochd  n  an 
spiorad :  oir  is  leo  rìoghachd  neimh."  Mata  v.  3. 
'Nuair  a  theid  e  seachad  air  na  h-uabhraich,  amh- 
aircidh  e  orrasan  ge  b'e  co  iosal  Js  a  tha  an  cor.  Isa. 
Ixvi.  2.  Bithidh  meas  aig  orra,  ge  b'e  mar  tha  iad 
air  an  cur  suarrach:  "Ge  h-àrd  an  Tighearna, 
gidheadh  seallaidh  e  air  an  iriosal ;  ach  aithnichidh 
e  an  t'  uaibhreach  fad  as."  Salm  cxxxviii.  6.  Gabh- 
aidh  e  còmhnuidh  maille  riu,  ge  b'e  co  bochd  's  a 
tha  an  àite-còmhnuidh.  Isa.  lvii.  15.  Gu  cinnteach 
àrdaichidh  e  iad  ann  an  àm  iomchuidh,  ge  b'e  co 
iosal  's  a  tha  iad  'n  an  luidh  an  dràsd.  Isa.  xl.  4. 

Cò  iadsan  a  tha  Dia  a'  cur  'n  an  aghaidh  ?  Tha 
na  h-uaibhrich.  Iadsan  tha  e  a  mallachadh.  Ier. 
xvii.  5,  agus  tioramaichidh  &  mhallachd  sin  suas 
an  gàirdean  fadheoidh.  Tha  'n  duine  àrdanach  a* 
cur  an  aghaidh  Dhe' ;  tha  e  deanamh  a  dhè  dheth 
fèin,  agus  b'àill  leis  gu'n  deanadh  an  dream  a  tha 
mu'n  cuairt  air  an  dia-san  dheth  mar  an  ceudna ; 
tha  e  a*  beuchdaich  agus  ann  an  dian-chorruich,  mur 
tuit  iad  sìos  'n  a  làthair.  Ach  bheir  Dia  a  mhàin  e. 
Isa.  xl.  4.  Salm  xviii.  27. 

A  nis,  nach  feàrr  a  bhi  air  ar  'n  uidheamachadh 
air  son  co  'chomuinn  ri  Dia,  na  E  bhi  cath  'n  ar  n- 
aghaidh  a  dh*aon  char  ? 

3.  Is  dleasnas  irioslachd  a  tha  taitneach  do  Dhia_, 
is  peacadh  an  t-àrdan  a  tha  taitneach  do'n  diabhol. 
Isa.  lvii.  15.  1  Tim.  iii.  6.-  Tha  Dia  ag  iarraidh 
oirnne  bhi  iriosal,  gu  h-àraid  fo  àmhghar,  "agus 
bithibh  air  bhur  sgeadachadh  le  h-irioslachd, " 
1  Pead.  v.  5,  6.  Is  e  sin  ar  truscan  cubhaidh. 
Ghabhadh  ris  a*  Chìs-mhaor  iriosal,  agus  dhiùltadh 
am  Phairiseach  ardanach.  Feudaidh  sinn  a  ràdh 
mu'n  ghinealach  àrdanach,  mar  ann  1  Tesal.  ii.  16. 
<(  Oir  thàinig  an  fhearg  orra  gus  aJ  chuid  a  's  faide." 
Cha'n  'eil  iad  a*  toileachadh  aon  chuid  Dhia  no 
dhaoine,  ach  a  mhàin  iad  fèin  agus  an  Diabhol,  ris 
am  bheiliad  coslach  'n  an  àrdan.  A  nis,  is  e  dleasnas 
an  còmhnuidh  is  feàrr  na  peacadh  co  dhiubh. 


AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 


105 


'S  an  dara  dite.  Tha  niòran  fois  agus  sàmhchair 
inntinn  acasan  aig  am  bheil  an  spioradan  air  an 
toirt  a  mhàin  a  rèir  an  crannchuir  thrioblaidich,  am 
feadh  a  ta  na  h-uaibhrich,  a  dh'fheumas  an  crann- 
chur  fhaotuinn  air  a  thogail  suas  a  rèir  an  inntinn, 
ann  am  mi-shuaimhneas,  trioblaid  agus  cràdh. 
Thugaibh  fainear  an  so,  gu  bheil,  air  an  darna  làimh, 

1.  Suaimhneas  inntinu,  agus  socair  an  leth  stigh, 
'n  a  bheannachd  mhòr^  ris  am  bheil  sòlasa  na  beatha 
so  'n  urradh.  Cha'n  urrainn  ni  sam  bith  as  eugais 
so  beatha  neach  a'  dheanamh  sonadh.  Dan.  v.  6. 
— Agus  far  am  bheil  so  air  a  chumail  suas  cha'n 
urrainn  ni  sam  bith  a'  dheanamh  truagh.  Eoin  xvi. 
33.  Air  da  so  bhi  air  fhaotuinn  ann  an  Dia,  tha 
dùbhlan  air  a  thoirt  do  uile  thrioblaidibh  an  t-saogh- 
ail.  Salm  xlvi.  2 — 4.  Coslach  ris  an  leanabh  a' 
seoladh  ann  am  meadhon  nan  tonnan  atmhor. 

2.  Tha'n  spiorad  a  th'air  a  thoirt  a  mhàin  gu  bhi 
rèidh  ris  a'  chrannchur  a'  deanamh  agus  a'  cumail 
na  sith-chainnt  so  's  an  leth-stigh.  'S  ann  bho  eas- 
aonachd  ar  'n  inntinn  ri  ar  crannchur  a  tha  gach  uile 
thrioblaid  a  th'  ann  ar  crannchur  's  an  t-saoghal  ag 
e'iridh ;  nam  biodh  an  inntinn  airatoirt  gu  bhi  rèidh 
ris  a'  chrannchur  air  bàll  sguireadh  an  t-iomlan  do 
'n  bhuaireas ;  biodh  i  air  a  cumail  anns  an  f  hònn 
sin,  agus  bithidh  an  duine  aig  fois  'n  a  thrioblaid, 
coslach  ri  creag  nach  gluais  na  h-uisgeachan  a  ta 
bualadh  oirre.  Colos.  iii.  15.  "  Agus  biodh  sìth 
Dhè  a'  riaghladh  ann  bhur  cridhe,  chum  am  bheil 
sibh  mar  an  ceudna  air  bhur  gairm.,> 

Air  an  làimh  eile^  thugàibh  fainear, 

1.  Ciod  a  mhì-shuaimhneas  inntinn  a  tha  na 
h-uaibhrich  a'  fulang  mu'm  faigh  iad  an  crannchur 
a  thogail  suas  a  rèir  an  inntinn.  u  Chleachd  iad  an 
teanga  ri  labhairt  bhièug ;  sgithich  iad  iad  fein  a' 
cur  an  gnlomh  do-bheart/'  Ier.  ix.  5.  Seumas  iv. 
2.  ^Tha  sibh  a*  miannachadh,  agus  cha'n  'eil 
agaibh  :  tha  sibh  a'  màrbhadh,  agus  a'  dian-shànnt- 


106 


AN  CAMADH  'S  'a  CHRANNCHUR. 


achadh,  agus  ni  'n  comas  duibh  ni  fhaotainn :  tha 
sibh  a  cathachadh  agus  a  cogadh,,  gidheadh  cha'n 
'eil  agaibh." — Ciod  na  saighdean  do  chràdh-phianadh 
do  dh'iomaguin,  do  fhrionas,  agus  do  smuairean  a 
a  dh'f heumas  iad  fhulang  ?  Ciod  na  h-aignidhean 
mi.rianail  a  tha  cogadh  an  leth-stigh  dhoibh  ?  Agus 
ciod  am  mi-shuaimhneas  anabarrach  inntinn  a  tha 
iad  a'  bruchdach  a  mach  ?  Ciod  an  an-f  hois  anns  an 
robh  Haman,  mu'n  d'fhuair  e  àithne  'n  Righ  chum 
dìoghaltas  a*  dheanamh  air  Mordecai  ? 

2.  'Nuair  a  gheibh  iad  a  chùis  a  rèir  an  inntinn, 
cha  diol  e  'n  luach.  Cha  toir  a  mhealtuinn  uiread  a 
thaitneas  agus  a  thoilinntinn  dhoibh,  's  a  thug  a  bhi 
do  easbhuidh  a  chràdh  dhoibh.  Bha  so  soilleir  ann 
an  cor  Rachel,  a  thaobh  cloinne  bhi  aice  ;  agus  anns 
a  chor  sin.  Salm  lxxviii.  30,,  31.  Tha  cuileag 
mharbh  anns  an  oladh-ungaidh  a  tha  milleadh  a 
bholaidh  a  bha  iad  ag  earsba  fhaotuinn  uaithe. 
Toradh  a  spionar  do  chraoibh  an  f  hreasdail,  mu'm 
bi  e  abuich,  cuiridh  e  dèisinn  air  na  fiacalaibh  gu 
h-ealamh.  Dearbhaidh  e  bhi  coslach  ris  &  mhanna 
a  ghleidheadh  thar  oidhche.    Ecsod.  xvi.  20. 

3.  Cha'n  'eil  ach  greim  neo-chinnteach  aca  dheth  ; 
cha  mhair  e  maille  riu.  Tha  e  aon  chuid  air  a 
thoirt  uatha  gu  luath,  agus  tha  iad  ceart  far  an  robh 
iad  a  ris :  "  Thug  mise  righ  dhuit  ann  am  fheirg, 
agus  thug  mi  air  falbh  e  ann  am  chorruich/'  Hos. 
xiii.  1 1 .  Air  dhoibh  freumh  do  dh'àrdan  a  bhi  annta, 
tha  e  gu  h-ealamh  a'  seargadh  air  falbh ;  air  neo  tha 
iadsan  air  an  toirt  uaithe-san  air  chor  's  nach  'eil 
comas  aca  air  a  mhealtuinn.  Amhuil  a  fhuair 
Haman  an  àithne ;  ach  mu'n  d'thàinig  latha  cuir  an 
gnìomh  shiubhaìl  esan. 

'S  an  treas  àite.  Tha  iadsan  a  tha  faotuinn  an 
spioraid  air  a  thoirt  a  mhàin  a  rèir  an  crannchuir 
àmhgharaich^  a'  buannachd  pùinc  ni's  ro  luach- 
mhoire  na  ladsan  a  tha  'n  an  àrdan  o!  togail  suas  an 
crannchuir  gu  bhi  rèir  an  inntinn.    Gnàth.  xvi.  32. 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


107 


"  Is  fearr  an  tì  a  ta  màll  chum  feirge  na  gaisgeacbg 
agus  an  tì  a  riaghlas  a  spiorad  fèin  na  esan  a  ghlacas 
àrd  bhaile." 

L  Bithidh  so  soilleir,  ma  bheir  sinn  fainear^  nach 
'eil  an  aon  mu  dheireadh  a'  dheanamh  a  chor  ni's 
f 'eàrr  ach  a  thaobh  nithe  bho'n  leth  a  mach,  ach  ni 
cheud  aon  an  duine  ni's  feàrr,  "  Is  mò  bheatha  nam 
biadh." — Tha'n  duine  ni's  ro  luachmhoire  na  gach 
uile  goireas  saoghalt  a  tha  e  a'  mealtuinn.  Uime 
sin,  tba  barrachd  aig  an  ni  sin  a  ni  an  duine  ni's 
feàrr  air  an  ni  sin  nach  dean  ach  a  mhàin  a  chrann- 
chur  ni's  feàrr.  Abair  far  am  bheil  dithis  gu  tinn 
gu  bheil  a  h-aon  diubh  air  atharrachadh  bho  leaba 
neo-shocrach  gu  leaba  shocrach,  gidheadh  tha'n  tinn- 
ea9  a'  sior  mhairsinn ;  tha'n  aon  eile  dhiubh  an 
còmhnuidh  'n  a  luidh,  air  an  leaba  neo-shocrach,,  ach 
tha'n  tinneas  air  a  chùiteachadh,  co  chuireadh  an 
teagamh  nach  e  cor  an  aon  mu  dheireadh  is  feàrr  ? 
Amhluidh  'an  so,  &c. 

2.  'S  e  ar  'n  aignidhean  a  thoirt  fo  cheannsail  ni 
is  ro  oirdheirc  na  ged  gheibheamaid  an  saoghal  gu 
h-iomlan  a  cheannsachadh  a  rèir  ar  toil :  oir  anns  a' 
chor  sin  is  sinn  ar  'n  uachdaranan  fèin,  do  rèir  sin 
ann  an  Luc.  xxi.  19.  An  àite  sin  tha  sinn  anns  a 
chor  eile  'n  còmhnuidh  'n  ar  traillean  do'n  mhaighis- 
tir  is  miosa.  Rom.  vi.  16.  Anns  an  darna  cor  tha 
sinn  tearuinte,  ge  b'e  stòirm  a  shèideas ;  anns  a  chor 
eile  tha  sinn  fosgailte  do  mhìltibh  chunnartan. 
Gnàth.  xxv.  28.  "  Mar  chathair  briste  sìos,,  gun 
bhalladh,  tha  am  fear  aig  nach  'eil  ceannsal  air  a 
spiorad  fèin.,, 

3.  'Nuair  a  thig  iad  maraon  gu  breith  a  thoirt  orra, 
bithidh  e  soilleir  gu'n  mheudaich  an  dara  h-aon 
àireamh  an  deadh  oibre,  ann  an  toirt  an  spiorad  gu 
bhi  rèir  an  crannchuir ;  's  an  aon  eile,  àireamh  an 
droch  oibre  ann  an  toirt  an  crannchuir  gu  bhi  rèir 
an  spioraid.  Oir  tha  ar  gnothach  ri  Dia  a  ta  uile- 
f  hiosrach,  agus  tha  gach  gnìomh  an  taobh  a  stigh  'n 


108 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHtm. 


a  obair,  mhath  no  olc,  'n  a  shuilibh-san,  as  am  feum- 
ar  cunntas  a  thoirt.    Rom.  ii.  16. 

Tha  crannchur  trioblaideach  cràiteach,  ach  far  am 
bheil  e  air  a  riaghladh  gu  ceart,  tha  e  gle  thorach  ; 
tha  e  a'  cumail  gràsan  an  spioraid  an  cleachdadh 
annsa  Chriosduidh,  a  luidheadh  an  codal  air  mhodh 
eile.  Ach  cha'n  'eil  gnìomh  air  bith  do  ghèilleadh 
do  thoil  Dhè  fo'n  chrois,  no  gnìomh  do  dh'  earbsa 
ann  air  son  cobhair,  nach  bi  air  a  chur  air  chuimhne 
mar  dheadh  oibre  ann  an  clàr-cuimhne  nam  flaithean- 
ais.  Mal  iii.  16.  Agus  tha  iad  so  air  an  toirt  air 
an  aghaidh  le  trioblaid 

Air  an  làimh  eile,  cha'n  'eil  èiridh  air  bith  a  tha 
'n  cridhe  àrdanach  a'  deanamh  an  aghaidh  a  chrann- 
chuir,  no  ionnsuidh  chealgach  a  tha  e  toirt  chum  a 
dheanamh  a  rèir  ar  càil,  co  dhiubh  a  shoirbhicheas  e 
no  nach  soirbhich,  nach  'eil  air  a  mheas  mar  dhroch 
obair  an  làthair  Dhè.  Uime  sin,  cia  mar  bhitheas 
àireamh  an  leithide  sin  a  dh'  oibre  air  an  lionmhoir- 
eachadh  leis  a  chogadh  anns  am  bì  a'  chreach  air  a 
roinn ! 

Feum  1.  Air  son  Seòlaidh,  Uaithe  so  feudaidh 
sinn  f hòghlum,  1.  Cha'n  i  an  toil  fèin  fhaotuinn 
is  fèarr  air  son  muinntir  an  còmhnuidh.  Is  lion> 
mhoir  iad  nach  urrainn  a  bhi  rèidh  ri  toil  Dhè  d' 
an  taobh,  a  tha  faotuinn  an  toil  fèin  le  dioghaltas. 
Salm  lxxxi.  11,  12.  "  Cha  do  ghabh  Israelrium, 
uime  sin  thug  mi  thairis  iad  do  ana  miann  an  cridhe 
fèin  ;  dh'imich  iad  'n  an  comhairle  fèin."  Theag- 
amh  gur  e  is  toilichte  agus  is  tainich  's  an  àm, 
ach  cha'n  e  is  tearuinte-  Uime  sin,  na  deanadh 
rnuinntir  uaill  asda  fèin  ged  choisneadh  iad  nithe 
air  an  doigh  sin  leis  an  làimh  làidir;  na  deanadh 
iad  gàirdeachas  air  son  a  leithid  sin  a  bhuaidh ;  fos- 
glaidh  an  cunntas  a  ghabhar  dhiubh  mu  dheireadh 
an  suilean. 

2.  Tha'n  neach  a  tha  fo  thrioblaid  agus  a  tha 
giùlan  na  crois,  aig  am  bheil  a  chrannchur  air  a 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


109 


chumail  iosal,  co  fada  bho  bhi  'n  càll,  's  gur  ann  a 
tha  e  faotuinn  mòr  bhuannachd  leis^  ma  tha  spioracl 
air  a  thoirt  a  mhàin  do  rèir.  Agus  ma  chì  e  chor 
ann  an  solus  neo-mhearachdach  focal  Dè,  tha  e  ann 
an  còr  ni's  feàrr  na  ged  gheibheadh  e  'n  t-iomlan  a 
rèir  a  chàil.  Anns  an  darna  rathad  diubh  so  tha 
soithichean  na  feirge  air  an  deanamh  iomchuidh  air 
son  sgrios.  Salm  lxxviii.  29 — 31.  Anns  an  rathad. 
eile,  tha  soithichean  na  tròcair  air  an  deanamh  iom- 
chuidh  air  son  glòir,  agus  is  ann  mar  sin  a  tha  Dia 
a*  teagasg  a  chuid  fèin.  Tuir.  iii.  27. 

3.  Is  feàrr  gèilleadh  do  Fhreasdal  na  cogadh  'n  a 
aghaidh  ged  bhuadhaichdmid.  'S  e  geilleadh  do 
shuidheachadh  an  àrd  uachdarain  araon  ar  dleasnas 
cubhaidh  agus  ar  buannachd  is  mo.  Tha  sinn  a' 
deanamh  ni's  ro  urramaiche  agus  ni's  ro  ghlice  an 
rathad  so  ghabhail ;  oir  ciod  an  onoir  is  urrainn 
bhi  ann  do'n  chreutair  tagradh  an  aghaidh  a  Chruith- 
ear  ?  oir  ge  b'e  mar  dh'fheudas  cuid  a  bhaiteallan 
soirbheachadh  anns  a'  chùis  sin,  feudaidh  sinn  a  bhi 
cinnteach  gu'm  bì  a'  bhuaidh  air  taobh  nam  flaith- 
eanas  anns  a'  chogadh.  1  Sam.  ii.  9.  "  Oir  le 
neart  cha  bhuadhaich  duine  sam  bith." 

'S  an  dite  mu  dheireadh.  'S  mòr  is  feàrr  air  ar 
son-ne  ar  spiorad  fhaotuinn  air  a  thoirt  a  mhàin  na 
ar  crannchur  bho'n  leth  a  mach  fhaotuinn  air  a  tho- 
gail  suas.  Ach  cò  tha  creidsinn  so  ?  Tha  na  h-uile 
dhaoine  strì  ri'n  crannchur  bho'n  leth  a  mach  a 
thogail  suas  ;  tha  chuid  is  mò  do  dhaoinibh  caoin- 
shuarrach  mu  n  spiorad  a  thoirt  a  mhàin,  agus  tha 
iad  ro  thearc  a  tha  feuchainn  ris.  Agus  ciod  e  sin 
ach  a  bhi  fo  chùram  mu  dheoch  a  thoirt  dhoibh-san 
a  tha  gu  tìnn  agus  pàiteach_,  ach  ioma-chomadh 
mu  leigheas  iarraidh  air  an  son^  leis  am  bì  am 
pathadh  air  a  chasgadh. 

Fevm  2.  Air  son  earaiL  Mar  a  chòmhluicheas 
sibh  ri  croisibh  'n  ar  crannchur  anns  an  t-saoghal^  gu 
ma  feàrr  leibh  ur  spioradan  fhaotuinn  air  an  irios- 


110 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


lachadh  agus  air  an  toirt  a  mhàin,  no  chrois  fhaot- 
uinn  air  a  h-athari*achadh.  Gha'n  'eil  mi  ciallach- 
adh  nach  f  heud  sibh  gach  uile  mheadhon  laghail  a 
chleachdadh  chum  'ur  crois  athaiTachadh,  ann  an 
earbsa  ri  Dia :  ach  a  mhàin  gu  'm  bi  sibh  ni  's  mo 
fo  chùram  chum  'ur  spiorad  fliaotuirm  gu  cromadh 
agus  gu  lubadh,  na  'ur  camadh  crannchuir  fhaotuinn 
air  a  dhìreadh. 

Brosnachadh  1.  Tha  e  mòran  ni's  feumaile  air 
ar  son-ne  ar  spioradan  fhaotuinn  air  an  irioslachadh 
fo'n  chrois,,  na  chrois  f haotuinn  air  a  h-atharrachadh. 
Cha'n  'eil  a  h-atharrachadh  feumail  ach  a  mhàin 
air  son  socair  na  feòla,  ach  tha'n  spiorad  irioslachadh 
feumail  chum  buannachd  ar  'n  anaman,  chum  an 
glanadh  agus  an  toirt  gu  staid  slàinte  agus  leigheis. 

2.  Bithidh  buaidh  anabarrach  math  aig  irioslachd 
spioraid  air  crannchur  trioblaideach,  ach  cha  bhi 
buaidh  air  bith  aig  atharrachadh  a'  chamaidh  air 
spiorad  àrdanach.  Eutromaichidh  an  irioslachd  a 
chrois  gu  mòr  aig  an  àm,  Mata  xi.  30,  agus  ann  an 
àm  iomchuidh  giùlanaidh  e  gu  glan  air  falbh  i. 
1  Pead.  v.  6.  Ach  cha'n  e  an  camadh  a  thoirt  air 
falbh  an  meadhon  chum  a'  mhuinntir  àrdanach  ir- 
ioslachadh  ;  ged  dh'fheudadh  e  brosnachadh  a  bhac- 
adh^  gidheadh  tha  'n  galar  a  sior  mhairsinn. 

3.  Smuainichibh  annaibh  fèin  cia  cunnartach  agus 
eu-dòchasach  an  cor,  a'  chrois  a  bhi  air  a  togail  air 
falbh  mu'm  bì  an  spiorad  air  irioslachadh  ;  is  e  sin, 
mheadhonan  an  leighis  a  bhi  air  an  spiònadh  air 
falbh,  agus  air  an  dùnadh  suas  uainne,  am  feadh  a 
ta  cumhachd  a'  ghalair  fathast  a  mairsinn  ;  an  deuch- 
ainn  a  bhi  air  a  toirt  air  falbh  mu'n  d'  thug  sinn 
dearbhachd  mhath  air  bith  m'ar  timchioll  fe'in,,  agus 
mar  sin  a  bhi  air  ar  toirt  thairis  le  ar  leighiche  mar 
mhuinntir  chàillte.  Isa.  i.  5.  Hos.  iv.  17. 

Feum  3.  Air  son  seòlaidh.  Ann  an  creidsinn 
an  t'  soisgeil,  gabhaibh  Dia  mar  'ur  Dia  ann  an 
Criosd  chum  'ur  slàinte  shiòrruidh^  agus  buanaich- 


AN^HAMADH  *S  A}  CHRANNCUR.  111 

ibh  a  gnàth  smuaineachadh  air  mòrachd  agus  air 
naomhachd  Dhe,  agus  air  'ur  truaighe  fèin ;  mar  sin 
hithidh  sibh  air  'ur  'n  irioslachadh  fo  làimh  chumh- 
achdaich  Dhè ;  agus,  ann  an  àm  iomchuidh,  tog- 
aidh  e  suas  sibh. 

1  Peadar  v.  6. 

Uime  sin  islichìbh  sibh  fèin  fo  làimh  chumhachd- 
aich  Dhè,  chum  as  gun  drdaich  e  sibh  ann  an  dm 
ìomchuidh. 

Ann  an  toiseach  a'  chaibideil  so,,  tha'n  t-Abstol 
1  ag  earalachadh  seanairean  na  h-eaglais  'n  an  dleas- 
nasan  a  thaobh  an  t-sluaigh ;  agus  a  rithist  an 
t-sluaigh  'n  an  dleasnasan  araon  a  thaobh  an  seanair- 
ean  agus  eatorra  fèin_,  ni  a  tha  e  a'  gabhail  a  steach 
anns  an  aon  fhocal  sin,  Umhlachd-  Air  an  aobhar 
^  sin,  tha  e  a'  moladh  irioslachd  mar  an  t-àrd 
mheadhon  chum  nan  uile  thoirt  gu'n  caochladh 
dhleasnasaibh  fa  leth.  Tha  so  air  earalachadh  le 
argumaid  a  th'air  a  toirt  bho'n  làimhseachadh 
eadar-dhealaichte  a  tha'n  Tighearn  a'  toirt  do'n 
mhuinntir  àrdanach  agus  iriosal ;  arin  a  bhi  cur  an 
aghaidh  an  darna  h-aon  agus  a'  nochdadh  deadh- 
ghean  do'n  aon  eile.  Is  earail  ar  bònn-teagaisg  a 
th'air  a  tarruing  bho  na  bheaclid  sin. 

I.  Agus  annsan  tha  againn  an  dleasnas  a  tha 
sinn  gu  thòirt  fainear  :  *'  Air  an  aobhar  sin,  islich- 
ibh  sibh  fèin  fo  làimh  chumhachdaich  Dhè,  chum 
as  gu'n  àrdaich  e  sibh  ann  an  àm  iomchuidh." 
Agus  an  sin  feudaidh  sinn  fhaicinn. 

1.  Staid  na  muinntir  dh'am  bheil  e  air  a  thairgse. 
iadsan  a  ta  fo  làimh  chumhachdaich  Dhè}  a  dh'is- 
lich  a  làmh-san,  no  shuidhich  e  rathad  eiginn  iosal 
a  thaobh  an  crannchuir  anns  an  t-saoghal.  Agu§ 
leo  so,  tha  mi  saoilsinn,  gu  bheil  air  an  ciallachadh, 
cha'n  e  a  mhàin  iadsan  a  tha  fo  àmhghairibh  àraid 


112 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


coinharraichte,  ni  is  e  crannchur  cuid,  ach  niar  an 
ceudna  iadsan,  a  tha  le  freasdal  Dè  air  an  isleachadh 
air  sheol  sam  bith,  ni  is  e  crannchur  nan  uile. 

Tha  na  h-uile  ann  an  staid  umhailteas  no  ann  an 
eisiomail  aon  a  chèile.  Rinn  Dia  a  bheatha  so 
'n  a  staid  do  dheuchainn ;  agus,  air  an  aobhar  sin,, 
rinn  e  muinntir  'n  an  iochdrain  do  aon  a  chèile,  mar 
a  ta  mnathan^  d'am  feara'-posda,  clann  d'am  pàrant- 
aibh,  seirbhisich  d'am  maighistiribh ;  agus  iad  so^  a 
rìs,  do'n  mhuinntir  is  inbhiche  na  iad  fèin  ;  'n  am 
measg-san  a  rìs,  tha  mhuinntir  is  àirde  nan  eisio- 
mail-san  a  ta  fodhpa,  mar  a  ta  luchd-riaghlaidh 
agus  ministeirean  an  eisiomail  an  t-sluaigh,  ged  is  e 
'n  t-àrd  fhear  riaghlaidh  duine  's  mò  th'anns  an 
Usaoghal,  gidheadh  's  e  neach  is  lugha  th'ann.  Rinn 
Dia  doigh  an  t-saoghail  so  chum  dearbhadh  a  chur 
air  daoinibh  'n  an  caochladh  dhàimhibh  fa  leth,  mar 
a  ta  iad  an  eisiomail  aon  a  chèile  ;  uime  sin,  'nuair 
a  ta  àm  na  deuchainn  thairis  thig  sin  mar  an  ceud- 
na  gu  crìoch.  ec  An  sin  bithidh  a'  chrìoch  dheir- 
eannach — 'nuair  a  chuireas  e  as  do  gach  uile  ùachd- 
aranachd,  agus  gach  uile  ùghdarras,  agus  chumh- 
achd,"  1  Cor.  xv.  24,  25.  Aigacheart  àm,  am  feadh 
a  ta  e  mairsinn,  tha  irioslachd  feumail  do  na  h-uile, 
gu'm  brosnuchadh  chum  an  dleasnas  a  ta  dh'f  heich 
orra  dhoibh-san  a  th'ann  an  àrd  inbhe,  dh'an  d'rinn 
làimh  chumhachdaich  Dhè  iadsan  'n  an  iochdrain. 

2.  An  dleasnas  e  fèin,  eadhon.  Ar  spioradan 
irioslachadh  fo  na  staid  iosal  anns  na  shuidhich  an 
Tighearna  sinn.  i(  Uime  sin  islichibh  sibh  fèin  fo 
làimh  chumhachdaich  Dhè,  chum  as  gu'n  àrdaich 
e  sibh  ann  an  àm  iomchuidh."  Co  dhiubh  a  tha 
sinn  fo  àmhgharaibh  sònruichte,  a  thilg  sìos  sinn 
bho  'n  àirde  anns  an  robh  sinn  uair-eiginn,  no  co 
dhiubh  a  tha  sinn  ni's  isle  ann  an  inbhe  ann  an 
aon  daimh  no  dàimh  eile ;  no  co  dhiubh  is  iad  an  dà 
chor  so  ar  cor-ne,  ni  tha  ro  chumanta,  feumaidh 
sinn  amharc  air  làimh  chumhachdaich  Dhè  annta. 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


113 


mar  an  ni  a  shuidhich  sinn  ann  an  sin,  agus  a  tha  os 
ar  ceann  chum  ar  cumail  fodha  :  agus  mar  sin,  gu'n 
sleuchdamaid  sìos  fodha,  le  urram  agus  eagal  da,  ann 
an  gne  agus  ann  am  fònn  ar  spioradan,  &  deanamh 
ar  spioradan  freagarrach  do  ar  crannchur,  agus  cùr- 
amach  mu  dhleasnas  ar  staid  iosail  a  choimhlionadh. 

3.  Aobhar  àraid  an  dleasnais  so ;  uime  sin,  feum- 
aidh  sinne  thoirt  fainear,  iadsan  nach  urrainn  an  t-àit 
a  chomharraicheadh  le  Dia  dhoibh  'n  an  àmh- 
gharaibh  no  'n  an  dàimhibh  a  chumail  gu  sìochail, 
ach  a  tha'n  còmhnuidh  ag  èiridh  suas  an  aghaidh  na 
làimh  cùmhachdaich  a  tha  os  an  ceann,  gu  bheil  an 
lamh  chumhachdach  sin  a'  cur  'n  an  aghaidh,  'g  an 
tilgeadh  sìos,,  agus  mar  is  tric  'g  an  cuir  sìos  nfs  faide 
na  bha  iad  roimhe ;  'nuair  air  an  làmh  eile,  a  tha  e 
a'  buntuinnle  gràs  agus  tdeadh-ghean  riu-san  a  shòc- 
raicheas  iad  fein  foidhpe,  chum  an  dleasnas  a  choil- 
ionadh  gu  sìochail  n  an  staid,  uime  sin,  air  dhuinn 
beachdachadh  air  so  feumaidh  sinn  sinn  fèin  irios- 
lachadh. 

'S  an  dara  àite.  Toradh  neo-mhearachdach  a 
chùrsa  sin;  "chum  as  gu'n  àrdaich  e  sibh  ann  an 
àm  iomchuidh."  Cha'n  'eil  am  focal  chum,  gu  bhi 
gu  h-iomlan  air  a  thuigsinn,  mar  a'  ciallachadh  a' 
chrìoch  no'n  rùn  a  tha  'm  meadhon  a'  comharrach- 
adh  dha  fèin,  ach  air  uairibh  ann  an  rathad  freasd- 
ail,  mar  a'  ciallachadh  aobhair  no  toraidh  a' 
ghnìomhe.  Eoin  ix.  2.  Uime  sin,  cha'n  e  th'air  a 
chiallachadh  an  so.  Islichibh  sibh  fein,  le  rùn  gu'n 
àrdaich  esan  sibh ;  ach,  islichibh  sibh  fèin  agus  tarl- 
aidh  gu*n  àrdaich  esan  sibh.  Coimeasaibh  Seum. 
iv.  10. 

(1.)  An  so  tha  toradh  sonadh  an  irioslachaidh 
spioraid  air  a  dheanamh  cinnteach_,  agus  is  e  sin  àrd- 
achadh  no  togail  suas  air  ionad  àrd,  le  cùmhachd 
Dhè,  i(  chum  as  gu'n  àrdaich  e  sibh.,,  Leanaidh 
àrdachadh  an  irioslachd  spioraid  a  ta  freagarrach  do*n 
chrannchur  iosal,  co  cinnteach  's  a  leanas  a'  mhad- 

H 


114 


AN  CAMADH  *S  A*  CHKANNCHtJft. 


uin  an  oidhche,  no  co  cinnteach  s  a  dh'e'ireas  a' 
ghrian  an  deigh  na  camhanaich.  Tha  na  briathran 
so  freagarrach  chum  solus  a  chuir  air  an  leithsgeul  a 
tha'n  saoghal  agus  ar  cridhe  truaillidh  fèin  ullamh 
gu  ghabhail  an  aghaidh  an  spioraid  a  thoirt  a  mhàin 
chum  a  chrannchuir  iosail. 

Leìthsgeul  I . — Ma  leigeas  sinn  le  ar  spiorad  tuit- 
eam9  luidhidh  sinn  an  còmhnuidh fo  chosaibh  muinntir, 
agus  saltraidh  iad  oirnn. 

Freagradh.  Cha  saltair ;  bheir  àrdan  spioraid 
neo-  cheannsaichte,  daoine  gu  luidh  fo  chosaibh 
muinntir  eile  gu  bràth.  Isa.  lxvi.  24.  Ach  bheir 
irioslachd  spioraid,  gun  teagamh,  a'  mach  iad  bho 
bhi  fo'n  cosaibh.  Mal.  iv.  2,  3.  Bithidh  iadsan  a 
tha  'g  an  irioslachadh  fèin  a  nis  air  an  àrdachadh  gu 
brath ;  bithidh  iad  air  an  toirt  a'  mach  as  an  còr 
agus  an  staid  iosail.  Tilgibh  sibh  fèin  sìos  freagar- 
rach  ri  'ur  crannchur  iosal,  agus  bithibh  dearbh- 
chinnte  nach  luidh  sibh  an  sin. 

Leithsgeul  2.  Mar  tog  sinn  sinn  fe'in,  cha  tog 
ueach  eile  sinn  ;  agus  uime  sin  feumaìdh  sinn  cear- 
tas  a  chumail  ruinn  fèin. 

Freagradh.  Is  mearachd  sin.  Islichibh  sibh 
fèin  ann  'ur  spioradaibh  agus  togaidh  Dia  suas 
sibh  a  thaobh  'ur  crannchuir^  no  'ur  staid  iosail ; 
agus  cha'n  'eil  reusan  air  bith  aca-san,  aig  am 
bheil  Dia  ceangailte  chum  an  togail,  a  ràdh  nach 
'eil  neach  aca  gu  dheanamh  air  an  son.  'S  e  ar 
dleasnas-ne  an  spiorad  a  thoirt  a  mhàin^  ach  's  e 
obair  Dhè  ar  togail  suas :  na  cailleamaid  an  t-soch- 
air  shònruichte  so  Dia  'g  ar  togail  suas^  le  bhi  a 
gabhail  na  h-obair  sin  gu  h-andàna  dhuinn  fèin, 
'g  a  toirt  as  a  làimh-san. 

Leithsgeul  3.  Ach  'scinnteach  nachèirich  sinn  àrda 
gu  bràth9  ma  leigeas  sinn  le  ar  spioradaibh  tuiteam. 

Freagradh.  Is  mearachd  sin  mar  an  ceudna : 
cha'n  e  a  mhàin  gu'n  tog  Dia  a'  mhuinntir  iriosal, 
ach  togaidh  e  suas  iad  air  ionad  ard  ;  oir  is  e  sin  a 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR.  115 

tha  'm  focal  a'  ciallachadh.  Bithidh  iad  co  àrda 
inu  dheireadh  's  a  bha  iad  riarnh  co  iosal,  ge  b'e  co 
iosal  's  a  bha  iad  :  ni  h-eadh,  bithidh  an  t-àrdachadh 
co'ìonann  ris  an  irioslachadh. 

(2.)  Is  e  so  an  t-àm  anns  an  tachair  a'  chùis 
shona  sin,  eadhon.  Ann  an  dm  iomchuidh,  no 
anns  an  àm  is  freagarraich  air  a  shon.  Gal.  vi.  9. 
"  Ann  an  àm  iomchuidh  buainidh  sinn,  mar  fann- 
aich  sinn.,,  Tha  sinn  ullamh  gu  sgios  a'  ghabhail 
do  choran  irioslachaidh  agus  dearbhaidh,  agus  an 
còmhnuidh  b'aill  leinn  ar  cinn  a  bhi  'n  àirde. 
Eoin  vii.  6.  Ach  tha  Solamh  a'  toirt  fainear,  gu 
bheil  àm  anns  am  feàrr  am  freagair  na  h-uile 
nithe,  agus  feithidh  a'  mhuinntir  ghlice  ris.  Eccl. 
iii.  1 — 8.  Mar  an  ceudna  tha  àm  gu  bhi  'g  ard- 
achadh  an  dream  a  dh'irioslaicheas  iad  fèin ; 
shònruich  Dia  e,  agus  's  e  an  t-àm  iomchuidh  chum 
na  crìche  sin  e^  an  t-àm  anns  am  feàrr  am  freagair 
e,  eadhon  mar  is  e  an  t-earrach  is  iomchuidh  gu 
cur,  agus  am  fogharadh  chum  buain.  'Nuair  a 
thig  an  t-àm  sin^  cha  chuirear  dàil  ni's  faide  ann 
'ur  'n  àrdachadh,  agus  thigeadh  e  ro  luath  nam  b'e 
's  gu'n  tigeadh  e  roimh  'n  dearbh  àm  sin. 

TEAGASG  I. — Bu  chòir  do  dh'aomadh-suidhichte 
ar  cridhe-ne,  ann  an  staid  iosal,  a  bhi  'n  dian  thòir 
air  irioslachd  spioraid,  freagarrach  dar  staid  mar  fo 
làimh  chumhachdaich  Dhe  a  tha  'g  ar  suidheachadh 
anns  an  staid  sin. 

I.  Tha  so  a'  gabhail  a  steach  agus  a'  giùlan  ann, 
gu  bheil, 

1 .  Dia  a'  toirt  dhaoine  gu  staid  iosail,  Esec.  xvii. 
24.  "  Agus  aithnichidh  uile  chraobha  na  machrach 
gu'n  d'thug  mise  lehobhah  nuas  an  crann  àrd." 
Tha  freumh  do  dh'àrdan,  ann  an  cridhe  gach  duine 
th'air  thalamh ;  a  dh'fheumas  a  bhi  air  a  claoidh- 
eadh  mu'n  comasach  dhoibh  bhi  iomchuidh  air  son 


116' 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


nèimh ;  uime  sin^  cha'n  urrainn  duine  sam  bith,  a 
bhi  as  eugais  ni  eiginn  a  bheir  dearbhadh,  ann  an 
àm  so  na  deuchainn,  co  dhiubh  is  urrainn  e  strìochd- 
adh  no  nach  urrainn.  Agus  tha  Dia  'g  an  toirt  gu 
staid  irioslachaidh  chum  na  dearbh  chriche  sin. 
Deut.  viii.  2.  "  Threòraich  an  Tighearna  do  Dhia 
thu  re  an  dà  fhicheaa  bhliadhna  so  anns  an  fhàsach, 
gu  d'irioslachadh,  gu  d'  dhearbhadh,  a  chum  gu'm 
biodh  fios  ciod  a  bh'ann  ad  chridhe." 

2.  Tha  na  coirean  so  mar  eallaich  dhoilgheasach 
do'n  chridhe,  chum  a  leagadh  sìos.  Salm  cvii.  12. 
"  Uime  sin  leag  e  sìos  an  cridhe  le  saothair." — Tha 
iad  calg-dhìreach  &  bualadh  an  aghaidh  rùin  a 
chridhe,  agus  an  aghaidh  aomaidh  nadurraich ;  tha 
so  gu  nadurrach  aig  dearbhadh,  co  dhiubh,  is  urr- 
ainn  an  duine  striochdadh  fo  làimh  chùmhachdaich 
Dhè,,  no  nach  urrainn  :  agus  mar  sin,  co  dhiubh  a 
tha  e  iomchuidh  air  son  flaitheanais,,  no  nach  'eil. 

3.  Tha'n  cridhe  a  thaobh  naduir  ullamh  gu  eiridh 
suas  an  aghaidh  nan  aobharan  irioslachaidh  so,  agus, 
uime  sin,  an  aghaidh  na  làimhe  chùmhachdaich  a 
tha  'g  an  toirt  oirnn  agus  g  an  cumail  oirnn.  Tha'n 
duine  gu  nadurrach  sl'  cleachdadh  uile  neart  gus  an 
cudthrom  a  tilgeadh  dheth,  a  chum  's  gu'm  faigh  e 
'cheann  a  thogail  suas,  a'  sireadh  ni's  mò  e  fèin  a 
thoileachadh  na  Dhia.  lob  xxxv.  9^  10.  ee  Glaodh- 
aidh  iadsan  air  son  gàirdein  nan  daoine  mòra  :  Ach 
cha'n  abair  aon  neach,  C'àit  am  bheil  Dia  mo 
Chruith-fhear  ?"  5Se  so  an  ceud  gheata  chum  an 
ruith  an  cridhe  ann  an  staid  iosal,  agus  air  an  t- 
slighe  so  tha'n  spiorad  neo-cheannsuichte  a'  dol  air 
aghaidh. 

4.  Ach  's  e  tha  Dia  aig  iarraidhj  gu  mafeàrr  leibh 
saothaireachadh  chum  an  cridhe  thoirt  a  mhdin, 
na  'n  ceann  fhaotuinn  air  a  thogail  an  àirde.  Seum. 
iv.  10.  'Se  so  tha  dearbhadh  neach  a  bhi  uidheam- 
aichte  air  son  nèamh  ;  ma  tha  neach  anns  an  rathad 


AN  CAMADH  *S  a'  CHRANNCHUR. 


117 


gu  nèamh  is  mo  chùram  gu  chridhe  fhaotuinn  air 
a  thoirt  a  mhàin  na  a  cheann  air  a  thogail  an  àirde, 
siùbhal  gu  sàmhach  fo  'eallaich  na  a  faotuinn  air  a 
tilgeadh  dheth,,  sleuchdadh  fo'n  làimh  chumhaichd- 
aich  na  a  toirt  dheth. 

5.  Feumaidh  sinn  Dia  a  thoirt  fainear,  mar  an 
tì  ris  am  bheil  ar  gnothach,  ann  an  staid  iosail ; 
"  Eisdibhse  an  t-slat,  agus  an  Tì  a  dh'òrduich  i." 
Mica  vi.  9.  Tha  cuid,  a  thaobh  truaillidheachd 
an  spioraid^  'g  an  toirt  fein  thairis  do  thoil  muinntir 
eile,  anns  an  làimhseachadh  is  an-iochdmhoiv,  a 
mhàin  chum  an  toileachadh,  as  eugais  sùim  do 
dh'ughdarras  agus  do  dh'àithne  Dhè.  Is  fior 
dhiblidheachd  spioraid  so5  leis  am  bheil  neach  a' 
luidh  gu  sàmhach  gu  bhi  air  a  shaltairt  le  co* 
chnuimh,  bho  fhaoin-bharail  mu  chudthrom  ;  agus 
cha'n  'eil  a  h-aon  co  ullamh  gu  tuiteam  ann  ris  a' 
mhuinntir  àrdanach,  aig  amannaibh,  chum  an  rùn 
fèin  a  thoirt  air  aghaidh.  Gnìomh.  xii.  22.  Is  luchd- 
toileachaidh  dhaoine  iad  so.   Eph.  vi.  6.  Gal.  i.  1,0. 

II.  Ciod  i  an  staid  irioslachaidh  sin  chum  am 
bheil  làimh  chùmhachdaich  Dhe  'g  an  toirt?  A 
thuilleadh  air  na  chaidh  labhairt  cheana  mu  thiom- 
chiolJ  sl'  chamaidh  crannchuir  a  bhi  do  dheanamh 
Dhea  is  staid  i  so. 

1.  Do  neo-iomlaineachd.  Shuidhich  Dia  na 
h-uile  dhaoine  'n  a  leithid  sin  a  staid  fo  iomadh 
uireasbhuidh  agus  neo-iomlaineachd.  Phil.  iii.  12. 
Cha'n  urrainn  dhuinn  amharc  taobh  air  bith,  nach 
'eil  sinn  air  ar  cuairteachadh  leo.  Tha  mòran  do 
neo-iomlaineachd  nàdurrach  agus  mhodhannail 
mu'n  cùairt  dhuinn :  tha  ar  cuirp  agus  ar  'n  anama^ 
'n  an  uile  chomasaibh  ann  an  staid  neo-iomlan. 
Tha  àrdan  ar  'n  uile  ghlòir  air  a  shalachadh ;  agus 
is  nàire  dhuinn  gu'n  bhi  air  ar  'n  irioslachadh  fo 
leithid  a  dh'uireasbhuidhibh  's  a  tha  dh'easbhuidh 
oirnn ;  tha  so  coslach  ri  dìol-deirce  a'  siubhal  gu 
h-uallach  *n  a  luideagaibh. 


118 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


2.  Do  dh'isle-iribhe  ann  an  dàimh,  leis  am  bheil 
daoine  air  an  cur  anns  an  ionad  is  isle  an  dàimh 
agus  ann  an  comunn,  agus  air  an  toirt  gu  bhi  'n 
eisiomail  muinntir  eile.  1  Cor.  vii.  24.  Chum 
dearbhadh  a'  chur  air  ùmhlachd  dhaoine  dha  fèin, 
dh/fhàg  Dia  iad  fo  chìs  do  mhuinntir  eile  a  chuir 
e  os  an  ceann,  a  dh'fhaicinn  ciod  an  aire  bheireadh 
iad  d'a  ùghdarras  agus  d'a  àitheantaibh  bho  làimh 
eile.  'S  e  cumhachd  no  uachdranachd  roinn  do 
dh'iomhaigh  Dhè  a  tha  dealradh  annta.  1  Cor. 
xi.  7.  Uime  sin,  tha  urram  a  thoirt  dhoibh,  le 
bhi  toirt  an  aire  le  eagal  do'n  bhoilsgeadh  sin  dheth 
iomhaigh  Dhe  a  tha  dealradh  annta,  gu  neo-fhuas- 
gailte  air  iarraidh  oirnne.  Eph.  v.  33.  Eabh.  xii. 
9.  Coimeasaich  Salm  cxi.  9.  Tha'n  ni  ceudna  a' 
seasamh  anns  gach  dàimh  agus  inbhe  eile,  eadhon, 
gu  bheil  iad  ann  an  cèum  an  àite  Dhè  do'n  dislibh. 
Salm  lxxxii.  6.  Agus  ged  robh  an  dream  aig  am 
bheil  an  uachdranachd  neo-airidh  annta  fèin, 
cha'n  'eil  sin  sl  fuasgladh  a  h-aon  bho  'n  dlighe 
bhuineas  dhoibh.  Gnìomh.  xxiii.  4,  5.  Rom.  xiii. 
7.  'S  e  'n  t-aobhar,  do  bhrìgh  's  nach  e  am  maitheas, 
ach  an  dreuchd  is  bònn  do'n  urram  agus  do'n 
ùmhlachd  is  dligheach  dhoibh ;  agus  cha'n  ann  a 
thaobh  am  maitheis  ach  a  thaobh  an  dreuchd,  a  tha 
Dia  a'  cur  dearbhaidh  oirnn  anns  a'  chùis  sin. 

A  nis^  air  do  Dhia  ar  suidheachadh  anns  an 
staid  neo-inbheach  so,  tha  a  bhi  reasgach  ann  an 
ni  sam  bith  nach  'eil  an  aghaidh  àithne  Dhè,  no 
eiridh  suas  an  aghaidh  a  làimh  chùmhachdaich-san, 
Rom.  xiii.  2.  do  bhrigh  gur  i  a  tha  troimh  mheadhon 
oirnn  chum  na  crìche  sin,  ged  is  i  làimh  an  duine  a 
tha  oirnn  mar  gu  neo-mheadhonach. 

3.  Do  dh'amladh,  chum  sinne  bhacadh  bho  ar 
toil  fèin.  B'e  so  earrann  do  staid  irioslachaidh  ar 
Tighearna,  agus  tha'n  t-Abstol  a*  smuaineachadh 
gu'm  bi  e  'n  a  earrann  do  ar  'n  irioslachd-ne  mar  an 
ceudna.    Eabh.  xii.  3.     Tha  co'chordadh  iomlan 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


119 


air  neàm-h,  cha'n  'eil  a  h-aon  gu  cuir  an  aghaidh 
aon  eile  an  sin ;  oir  tha  iadsan  'n  an  staid  dhuais- 
eachaidh  agus  àrdachaidh  :  ach  tha  sinne  's  an 
t-saoghal  so  ann  ar  staid  dheuchainn  agus  irioslach- 
aidh,  agus  uime  sin  cha'n  urrainn  dhuinn  amaladh 
a  sheachnadh,  ge  b'e  co  àrd  's  a  tha  sinne  air  ar 
suidheachadh. 

Co  dhiubh  a  tha  na  h-àmalaidhean  so  ceart  no 
ana-ceart,  tha  Dia  a'  dearbhadh  dhaoine  leo  chum 
an  irioslachaidh,  's  gu'n  toirt  bho'n  dlùth-cheang- 
al  ri'n  toil  fèin,  agus  chum  ùmhlachd  agus  fe'in- 
aicheadh  a  theagasg  dhoibh.  A  thaobh  an  naduir 
tha  iad  ag  irioslachadlr,  agus  tha  iad  an  t-aoxi  ni 
dhuinne,  s  a  tha  fòghlum  na  cùing  do'n  dàmh  no  do'n 
each.  Tha  mi  creidsinn  gu  bheil  iomadh  cor  as  nach 
urrainnear  mìneachadh  air  bith  a  thoirt,  ach  le  ath- 
philleadh  chum  an  fheum  so  a  th'aig  Dia  dhoibh. 

4.  Do  dh'àmhghar.  Gnath.  xvi.  19.  "  Seid- 
idh  soirbheachadh  na  peacaich  suas  le  àrdan 
ach,  O  !  's  cruaidh  an  ni  an  spiorad  a  chumail  ios- 
al  maille  ri  crannchur  àrda  agus  soirbheachail. 
Ach  tha  Dia,  leis  an  trioblaid_,  &  toirt  dhaoine 
a  mhàin  bho'n  àirde  gu  suidh  anns  an  duslach,  's 
a'  spionadh  air  falbh  an  iteagan  breagha  as  an  robli 
iad  a'  deanamh  uaill,  agus  a'  toirt  an  dath  agus  a 
mhaise  dheth  'n  chreutair,  's  'g  a  nochdadh  ni's  mò 
na  mhx-chumaidheachd  nadurrach  fein.  Tha  caoch- 
ladh  gneithean  do  thrioblaidibh  ann  cuid  a  tha  'g 
irioslachadh  ni's  mò,  agus  cuid  ni's  lugha,  ach  iha  na 
h-uile  dhiubh  aig  irioslachadli. 

Uime  sin,  'sea  bhi  dh'easbhuidh  irioslachd  fo'n 
trioblaid,  a  bhi  rùnachadh-èxrxdh  suas  'nuair  a  tha 
Dia  a'  tilgeadh  sxos,  agus  a'  cumail  sxos  ;  agus  ma's 
e  's  gu'm  buanaichear  anns  a  chor  sin,  feumaidh  e 
bhi  gu'm  bx  an  Tighearn  air  a  bhrosnachadh  gu  ar 
briseadh  'n  ar  bloighdibh,  Esec  xxiv.  13.  Oir  tha 
làimh  an  Tx  a  ta  cur  fo  àmhghair  cùmhachdach. 

5,  Do  pheacadh,  mar    pheanas  a'  pheacajdh. 


120 


AN  CAMADH  *S  a'  CHRANNCHUR. 


Feudaidh  sinn  na  briathran  sin  a  ghabhail  mar 
dhearbadh.  Iob  xxx.  1 9.  Is  peanas  air  lorg  ceud 
pheacaidh  Adhaimh  gach  peacadh  a  th'anns  an 
t-saoghal.  Thilg  an  duine  e  fèin  anns  an  làthaich 
air  tùs,,  agus  a  nis  tha  e  gu  ceart  air  fhàgail  'g  a 
aornagan  fein  innte.  'Nuair  a  tha  daoine  d'an  deoin 
2l  toirt  aon  cbeum  mearachdach,  air  son  sin  tha  iad 
air  am  fàgail  gu  ceum  eile  ni's  miosa  thoirt ;  agus 
tha  peacadh  an  crochadh  mun  cuairt  do  na  h-uile, 
eadhon  mu'n  cuairt  do'n  chuid  is  feàrr.  Tha  Dia  a 
riaghladh  so  gu  ar  n-irioslachadh,  chum  gu'mbi  sinn 
air  ar  nàrachadh^  agus  nach  fosgail  sinn  ar  beul  ni's 
mò  gu  bràth.  Uime  sin,  's  e  bhi  dh'easbhuidh  irios- 
lachaidh  fo  ar  truaighe,  a  bhi  'g  èirigh  suas  an  agh- 
aidh  làimh  chùmhachdaich  Dhè,  agus  a  bhi  firinn- 
eachadh  ar  cùl-sleamhnachaidh  peacach  uaithe,  mar 
mhuinntir  a  tha  càillte  do  gach  uile  mothachadh 
dleasnais  agus  as  eugais  nàire, 

III.  Ciod  e  sin,  sinn  fèin  isleachadh  fo  làimh 
chùmhachdaich  Dhè  ann  an  staid  iosail.  'S  e  so  an  ni 
mòr  gu  bhi  dearcadh  air  ann  ar  staid  iosal.  Agus 
feudaidh  sinn  a'  ghabhail  anns  na  h-ochd  nithibh  so. 

1.  Ann  a  bhi  toirt  an  aire  do'n  laimh  chùmhachd- 
aich,  mar  air  a  cleachdadh  ann  an  toirt  mun  cuairt 
gach  ni  a  bhuineas  dhuinn,  aon  chuid  ann  an  rathad 
gnìomhachaidh  no  ceadachaidh.  1  Sam.  iii.  18. 
(i  Agus  thubhairt  esan,  ls  e  'n  Tighearna  th'  ann  : 
an  ni  sin  a  ta  maith  'n  a  shuilibh  ni  e."  2  Sam.  xvi. 
10.  "  Agus  thubhairt  an  righ^  Thubhairt  an  Tigh- 
earna  ris,  Mallaich  Daibhidh ;  agus  cò  a  their,  C'ar 
son  a  rinn  thu  mar  so  ?"  'S  esan  tobar  gach  uile 
iomlaineachd^  ach  feumaidh  sinne  ar  neo-iomlain- 
eachd  a  lòrgachadh  chum  àrd-uachdranachd  a  thoil- 
san.  'S  esan  a  shuidhich  gach  aon  'n  an  caochladh 
dhàimhibh  le  'fhreasdal ;  as  eugais-san  cha  b'  urrainn 
dhuinn  còmhlachadh  ri  leithid  a  dh'amlaidhibh ;  oir 
"mar  shruthaibh  uisgeacha  tha  cridhe  righ  ann  an 
làimh  an  Tighearna :  ge  b  e  taobh  is  àill  leis,  txonnd- 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


121 


aidhidh  se  e."  Gnàth.  xxi.  1.  Tha  e  a'  cur  àmhgh- 
airibh  air  daonibh,  agus  tha  e  gu  ceart  a'  deanamh 
peanais  air  aon  pheacadh  le  peacadh  eile.  Isa.  vi.  10. 

2.  Ann  am  mothachadh  do  ar  neo-fhiuthalachd 
agus  do  ar  neo-nitheachd  fein  'na  làthair-san.  Salm 
cxhv.  3.  Ann  an  amharc  ri  mòrachd  neo-chrìoch- 
nach  na  làimhe  cùmhachdaich  ann  am  buntainn 
ruinne,  bu  chòir  dhuinn  a  ràdh,  maille  ri  Abraham, 
Gen.  xviii.  27.  et  Feuch  cha'n  'eil  annam  ach  duslach 
agus  luaithre agus  abramaid  Amen  ris  a  ghlaodh, 
Isa.  xl.  6.  "  Is  fèur  gach  uile  fheoil,"  &c.  'S  e  bhi 
cumail  suas  gnà  smuaintean  do  ar'n  òirdheirceas  fèin, 
fo  smachdachadh  na  làimhe  cùmhachdaich,  an  dearbh 
ni  a  tha  'g  at  a  chridhe  ann  an  àrdan,  agus  a'  toirt 
air  èiridh  suas  'n  a  h-aghaidh.  Agus  is  e  cùl  a  chuir 
ris  gach  beachd  do'n  ghnè  so  mu  ar  timchioll  fèin  fa 
chomhair  suilibh  a  ghlòire,  an  t-irioslachadh  a  th'air 
agradh. 

3.  Ann  am  mothachadh  do  ar  cionta  agus  do  ar 
neo-ghloine.  Rom.  iii.  10.  Isa.  lxiv.  6.  Cha'n  'eil 
an  làmh  chùmhachdach  'g  ar  cumail  fodha,  ach  mar 
pheacaich ;  uime  sin,  tha  e  iomchuidh  gu  faiceamaid 
ar  truaighe  'nuair  a  ta  sinne  foidhpe ;  ar  cionta,  leis 
an  taisbeanar  sinn  mar  chiontaich  a  tha  gu  ceart  a' 
fulang ;  ar  neo-ghloine,  leis  am  bitheamaid  air  ar 
toirt  gu  gràin  a'  ghabhail  dhinn  fèin ;  agus  an  sin 
mheasamaid  nach  cuir  ni  sam  bith  sìos  sinn  ni's  isle 
na  tha  sinn  a'  toilltinn.  'S  e  cion  seallaidh  do  ar 
peacaidhibh  a  tha  ceadachadh  do'n  chridhe  àrdanach 
èiridh  suas. 

4.  Ann  an  striochdadh  tosdach  fo  làimh  Dhè. 
Tha  'àrd  uachdranachd  ag  agradh  so  uainn.  Rom. 
ix.  20.  "  Ni  h-eadh,  ach,  O  a  dhuine,  co  thusa  a  ta 
tagradh  an  aghaidh  Dhè  V  Agus  cha'n  'eil  ni  ach 
àirde  agus  uabhar  spioraid  neo-cheannsuichte  a 
cheadaicheas  dhuinn  freagradh  a  thoirt  air  ais  fo'n 
làimh  chùmhachdaich.  Dh'  irioslaich  sealladh  do 
làimh  Dhè  an  Salmadair  gu  strìochdadh  le  eagal, 


122  AN  CAMADH  's  A'  CHRANNCHUR. 

agus  balbh  thosd.  ,c  Bha  mi  a'  m'  thosd,  cha  cF 
fhosgail  mi  mo  bheul,  a  chionn  gur  tusa  rinn  e.,> 
Salm  xxxix.  9.  "  Thug  an  Tighearna  uaith^  agus 
thug  an  Tighearna  leis :  beannuichte  gu  robh  ainm 
an  Tighearna."  "  Ciod  a  fhreagras  mi  dhuit  ?  cuir- 
idh  mi  mo  làmh  air  mo  bheul.  Aon  uairlabhairmi, 
ach  cha  f hreagair  mi ;  seadh,  da  uair,  ach  cha'n 
abair  mi  tuilleadh.,,  Iob  i.  21;  xl.  45.  Agus  Eli. 
1  Sam.  iii.  18.  "  Is  e  'n  Tighearn  a  th'ann :  an  ni 
sin  a  ta  maith  na  shuilibh  ni  e.,> 

5.  Ann  an  àrdachadh  a  thròcairean  d*ar  taobhann 
am  meadhon  uile  oibreachadh  'n  ar  'n  aghaidh. 
Salm  cxliv.  3.  An  do  leig  e  iosal  sinne  ?  Ma's  e  's 
gu  bheil  sinn  gu  h-iomchuidh  air  ar  n-irioslachadh 
bithidh  iongantas  oirnn  nach  do  leig  e  ni  b'isle  sinn. 
Esra  ix.  13.  Oir,  ge  b'e  co  iosal  's  a  leigear  a' 
mhuinntir  iriosal,  chì  iad  nach  'eil  iad  fathast  co 
iosal  's  a  tha  'm  peacaidhean  a*  toilltinn.  Tuir.  iii.  22. 

6.  Ann  an  iongantas  naonih  agus  tosdach  mu 
'shlighibh  agus  mu  chomhairlibh  Dhè,  nachfheudar 
a  rànnsuchadh  leinne,  Rom.  xi.  33.  Cha  shaoil 
àrdan  cridhe  ni  sam  bith  tuille  's  àrd  air  son  an 
duine,  agus  bheir  e  gnìomhachadh  Dhè  an  làthair 
cathair  a'  bhreitheanais  fèin,  a  gabhail  air  a  bhi 
faicinn  tròmpa,  a'  faotuinn  coire  dhoibh  agus  'g  an 
dìteadh;  ach  bheir  irioslachd  spioraid  air  neach 
smuaineachadh  gu  h-urramach  agus  gu  cliuiteach 
mu  dhìomhaireachd  Freasdail  troimh  nach  comasach 
dha  faicinn. 

7.  Ann  an  dì-chuimhneachadh  ar  'n  uile  urram 
leis  am  bheil  sinn  a'  toirt  barrachd  air  muinntir  eile, 
agus  ann  an  càl  a  chuir  ris  fa  chomhair  an  Tighearna. 
Taisb.  iv.  10.  Beathaichidh  'n  t-àrdan  e  fèin  air 
òirdheirceas  agus  urram  cinnteach  no  faoin  bharail- 
each  phearsannta  an  duine,  agus,  air  dha  bhi  co 
cleachdta  ris  fa  chomhair  muinntir  eile,  cha'n  urrainn 
e  dhì-chuimhneachadh  an  làthair  Dhè.  Lucas  xviii. 
11.    "  A  Dhè^  tha  mi  toirt  buidheachais  duit  nach 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR.  123 

'eil  mi  mar  a  ta  daoin'  eile"  Ach  bheir  irioslaehadh 
spioraid  air  uile  dol  as  an  t-sealladh  fa  chomhair  mar 
am  faileas  roimh  dhealradh  na  grèine,  agus  ni  e  'n 
duine  'na  shuilibh  fèin,  ni's  isle  na  neach  air  bith. 
<4  Gu  deimhin  tha  mi  ni's  brùideile  naduine  air  bith, 
agus  cha'n  'eil  tuigse  duine  agam.    Gnàth.  xxx.  2. 

8.  Ann  an  strìochdadh  gu  h-ullamh  do'n  drèuchd 
is  suarraiche  a  tha  feumail,  no  freagarrach  do  ar 
staid.  Anns  gach  suidheachadh  còmhluichidh  'n  t- 
àrdan  ri  ni-eiginn  a  tha  tuille  is  suarrach  air  son  an 
duine  gu  strìochdadh  no  cromadh  dha,  air  dha  bhi 
tomhas  le  'inntinn  agus  le  'thoil  fèin,  agus  ni-h-ann 
leis  an  staid  anns  na  shuidhich  Dia  e.  Ach  tomh- 
aisidh  irioslachd  leis  an  staid  anns  am  bheil  neach  air 
a  shuidheachadh,  agus  gu  h-ullamh  tha  e  rèidh  ris 
an  ni  a  tha  i  ag  iarraidh.  Thug  ar  Slànuighear 
eisimpleir  dhuinn  do'n  ni  so_,  (Phil.  ii.  8.  "  Dh'ir- 
ioslaich  se  e  fèin,  agus  bha  e  ùmhal  gu  bàs/')  chum 
a  bhi  air  a  leantuinn.  Eoin  xiii.  14.  "  Uime  sin  ma 
dh'ionnlaid  mise,,  bhur  Tighearn  agus  blmr  Maigh- 
stii%  bhur  cosan-sa,  is  còir  dhuibhse  mar  an  ceudna 
cosan  a  cheile  ionnlad." 

Feum  Air  son  Earail.    Uime  sin  biodh  dian- 

thogradh  'ur  cridhe,  ann  'ur  n-uile  chòirean  iosal, 
chum  ar  spiorad  irioslachadh,  mar  fo  laimh  chum- 
hachdaich  Dhè.    Tha  so  air  fhilleadh  ann  an  dà  ni 

I-  Thugaibh  gu  cùramach  fainear  'ur  n-uile 
choirean  irioslachaidh,  agus  na  dì-chuimhnichibh 
a  h-aon  diubh,  Thugaibh  an  aire  do  'ur  neo-iom- 
laineachd  ;  'ur  isle  inbhe  a  thaobh  chàirdean  ;  na 
h-àmlaidhean  ris  am  bheil  sibh  a'  còmhlachadh ; 
'ur  n-àmhgairean ;  neo-chinnteachd  gach  uile  ni 
tha  mun  cùairt  dhuibh ;  agus  'ur  n-aingidheachd 
Amhaircibh  trompa  le  rùn  sònruichte,  agus  thug- 
aibh  fainear  do  ghnìomhachadh  's  do  riaghladh 
Freasdail  do  'ur  taobhannta  so,  chum  's  gu'm  bì  aithne 
agaibh  oirbhfèin,  agus  nach  bì  sibh  'n  ar  coigrich  mu'r 
timchioll  fèin,,  dàll  a  thaobh  'ur  fior  chor  agus  'ur  staid. 


124 


AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 


2.  A  bhi  toirt  fainear  ciod  a  tha  na  còirean  so 
ag  iarraidh  oirbh,  mar  nithibh  iomchuidh  air  an 
son ;  cleachdaibh  'ur  dìchioll,  chum  'ur  spioradan 
a  thoirt  gu  fònn  iriosal,  amhuil,  mar  a  ta  'ur  crann- 
chur,  da  rìreadlr,  iosal  anns  gach  cùis  dhiubh  so^ 
gu'm  bì  'ur  spiorada  mar  sin  mar  an  ceudna,  mar 
fo  làimh  chùmhachdaich  Dhè.  Gu  ma  h-e  so  an  ni 
mòr  air  am  bì  sibh  a  dearcadh  rè  an  iomlain  d'  'ur 
beatha,  agus  'ur  cleachda  gach  là. 

Brosnuchadh  1.  Tha  Dia  gu  cinnteach  'ag  oibh- 
reachadh  chum  gach  aon  againn  irioslachadh.  Ge 
b'e  co  àrda  's  a  tha  neach  air  bith  air  a  thogail  suas 
anns  an  t-saoghal  so,  cheangail  Freasdal  comharraidh- 
ean  àraid  riu  chum  an  irioslachadh,,  co  dhiubh  a  bheir 
iad  an  aire  dhoibh  no  nach  toir.  Isa.  xl.  6.  A  nis,,  is 
e  ar  dleasnas  ar  n-aonta  chuir  ri  rùn  FreasdaiL,  chum, 
'nuair  a  ta  Dia  'g  ar  n-irioslachadh,  gum  bì  sinn  fèin 
'g  ar  irioslachadh  mar  an  ceudna,  agus  nach  gabh- 
amaid  ri  freasdalaibh  irioslachaidh  ann  an  dìomhain. 

2.  Cha  bhi  eifeachd  air  bith  ann  an  irioslachadh 
ar  spioraid  as  eugais  ar  gnìomhachadh  fèin ;  am 
feadh  a  tha  Dia  ag  oibreachadh  oirnn  air  an  dòigh 
sin,  feumaidh  sinn  co-oibreachadh  maille  ris,  oir 
tha  e  'g  oibreachadh  oirnne  mar  luchd-oibre  reuson- 
tach,  dream  air  dhoibh  bhi  air  an  gluasad,  a  ghluais- 
eas  iad  fèin.  Philip.  ii.  12^  13.  Feudaidh  Dia  le 
'f hreasdal  ar  cor  agus  ar  crannchur  a  thoirt  a  mhàin 
le  ainneart  as  ar  'n  eugais  fèin,  ach  feumaidh  an 
spiorad  a  thighinn  a  mhàin  do  ar  saor  thoil_,  no 
cha  tig  e  mhàin  idir;  uime  sin^  strìochdaibh  do 
fhreasdalaibh  irioslachaidh  'ann  an  sibh  fèin  irios- 
lachadh,  mar  a  sgaoileas  na  maraiche  na  siuil  'nuair 
a  thòisicheas  sl'  ghaoth  ri  sèideadh,  chum  's  gu'n 
giùlainear  iad  air  falbh  roimpe. 

3.  Mar  dean  sibh  sin,  tha  sibh  &  cur  an  aghaidh 
làimh  chumhachdaich  Dhè.  Gnìomh.  vii.  51.  Tha 
sibh  a'  cur  na  h-aghaidh  am  feadh's  nach  'eil 
sibh  a'  strìochdadh,  ach  a'  seasamh  mar  chreig  an 


AN  CAMADH    's  A*  CHRANNCHUR. 


125 


aghaidh  'ur  Cruithear  ann  am  freasdalaibh  irios- 
lachaidh.  Ier.  v.  3.  (i  Bhuail  thu  iad,  ach  cha 
d'rinn  iad  bròn ;  chaith  thu  iad,  ach  dhiùlt  iad 
gabhail  ri  smachdachadh ;  rinn  iad  an  aghaidh 
ni's  cruaidhe  na  creag,  dhiùlt  iad  pilìeadh."  Ni's 
mò  gu  mòr  'nuair  a  tha  sibh  a'  strì  'n  a  aghaidh 
chum  'ur  cor  a  thogail  suas  a  d'h  aindeoin,  am  feadh 
a  dh'fheudas  sinn  Dia  fhaicinn  a'  rùnachadh  a  chum- 
ail  sìos.   Agus  mu'n  strì  so  thugaibh  fainear. 

1 .  Co  aingidh  's  a  tha  i ;  ciod  an  ni  olc  a  tha  innte. 
Is  cath  calg-dhìreach  i  an  aghaidh  Dhè,  a'  tilgeadh 
dhinn  ar  n'-ùmhlachd  à'  ar  Righ  agus  d'  ar  Tighearna, 
agus  èiridh  ann  an  ceannairc  'n  a  aghaidh.  Isa.  xlv.  9. 

2.  Co  amaideach  's  a  tha  i.  Cia  neo-ionann  's  a 
tha'n  strì  ?  Cionnas  is  urrainn  an  connsachadh 
crìochnachadh  gu  math  ?  Iob  ix.  4.  Ciod  tuille  a 
chrìoch  gus  'rn  bu  chomasach  do  shligibh-chreadha 
na  talmhainn  teachd  a  chionn  a  bhi  bualadh  an 
aghaidh  carraig  nan  àl,  ach  gu'm  briste  iad  'n  am, 
bloighdibh  ?  Feudaidh  sinn  a  ràdh,  marathuirt  Iob 
xli.  8.  Gu  cinnteach  feumaidh  na  h-uile  dhaoine 
lubadh  no  briseadh  fo'n  làimh  chùmhachdaich. 

3.  Is  e  so  àm  an  irioslachaidh3  eadhon  àm  na 
beatha  so.    ee  Tha  gach  ni  maiseach  'n  a  tliràth 
agus  tha  toirt  a  mhàin  an  spioraid  an  dràsda  mais- 
each^  mar  ^n  a  àm,  eadhon  mar  a  tha  treabhadh 
agus  cur  anns  an  earrach.    Thugaibh  fainear^, 

1 .  Gu  bheil  irioslachd  spioraid  ro  luachmhor  ann 
an  sealladh  Dhè.  1  Pead.  iii.  4.  Mar  a  ta  fuath 
sònruicht'  aige  do  dh'àrdan  cridhe,  mar  sin  tha 
spèis  shonruichte  aige  do  dh'irioslachd.  Caib.  v.  5. 
'S  e  peacaich  irioslachadh  agus  a  thoirt  a  mhàin  bho'n 
àirde,  anns  an  do  shuidhich  truaillidheachd  an 
nàduir  iad,  àrd  chrìoch  'fhocail,  agus  a  f hreasdail. 

2.  Cha  ni  furasd  spioradan  dhaoine  irioslachadh  ; 
cha  ni  beag  a  ni  e ;  cha'n  obair  e  a  nìthear  gu  h- 
eallamh.  Tha  feum  air  cladhachadh  domhainn  air 
son  irioslachaidh  iomlain  ann  an  obair  na  h-ath- 


126  AN  CAMADH  's  a'  CHRA.NNCHUR. 

bhreith.  Lucas  vi.  48.  'S  iomadh  buille  dh'fheum- 
as  a  bhi  air  a  toirt  do  fhreumh  craoibhe  àrdain 
nadurraich  a'  chridhe  raun  tuit i ;  gu  minig saoilear 
gu'n  tuit  ì,  agus  gidheadh  èiridh  i  a  rìs. — Agus, 
eadhon  'nuair  a  bheirear  am  buille  leagaidh  dh'i  anns 
na  creidmhich,  thig  slat  an  àrdain  a  rìs  fo  bhlàth., 
ionnas  gu  bheil  gnàth  fheum  air  son  obair  irioslach- 
aidh  as  ùr. 

3.  Tha  'n  t-iomlan  do  dh'  àm  na  beatha  so  air 
òrduchadh  chum  irioslachaidh.  Bha  so  air  a  chiall- 
achadh  leis  an  dà  fhichead  bhliadhna  bha  cloinn 
Israeil  anns  an  fhàsach.  Deut.  viii.  2.  Bha  e 
mar  sin  do  Chriosd,  agus  uime  sin  feumaidh  e  bhi 
mar  sin  do  dhaoinibh.  Eabh.  xii.  2.  Agus  anns 
an  àm  sin  feumaidh  iad  aon  chuid  a  bhi  air  an  co' 
chumadh  a  rèir  iomhaigh-san,  no  bhi  coslach  ri 
droch  airgiod  air  nach  gabh  iomhaigh  cuir  air  sheòl 
sam  bith.  Rom.  viii.  29.  Uime  sin  ge  b'e,  togail 
suas  a  gheibh  daoine  an  dràsd  agus  a  rìs  anns  a' 
bheatha  so.,  gidheadh  's  e  rathad  gnàthaichte  bhi  'g 
irioslachadh. 

4.  Cha'n  'eil  irioslachd  r'a  faotuinn  an  taobh 
thàll  do'nbhàs.  Taisb  .xxii.  11.  Mar  bì  àrdan  a' 
chridhe  air  a  thoirfc  a  mhàin  anns  a'  bheatha  so, 
cha  bhi  e  gu  bràth  air  a  thoirt  a  mhàin ;  cha'n  'eil 
irioslachd  bhaigheil  ri  earsba  's  an  ath-bheatha — 
Bithidh  na  h-uabhraich  air  am  briseadh  'n  am 
bloighdibh  an  sin,  ach  cha  taisichear  iad ;  bithidh  an 
cor  agus  an  crannchur  air  a  thoirt  gus  an  inbhe  is 
isle,  ach  fanaidh  an  àrdan  a  ghnàth  maille  riu,  uime 
sin,  bithidh  iad  ann  an  cruaidh-ghleachd  sìorruidh, 
a  thaobh  an  t-strì  a  bhios  eadar  an  spiorad  agus  an 
crannchur.    Taisb.  xvi.  21. 

Uime  sin,  bithibh  air  ar  faicill  air  eagai  gu'n  dean 
sibh  dearmad  air  àm  'ur  n-irioslachaidh :  feumaidh 
sinn  a  bhi  air  ar  'n  irioslachadh,  no  theid  sinn  a 
dhìth  gu  sìorruidh  ;  agus  is  e  so  an  t-àm,  an  t-aon 
àm  chum  ruigheachd  oirre ;  uime  sin,  deanaibh  'ur 


AN  CAMADH  'S  A9  CHRANNCHUR. 


127 


connadh  's  an  t-samhradh ;  strìochdaibh  do  fhreasd- 
alaibh  irioslachaidh,  agus  na  cogaibh  'n  an  aghaidh 
am  feadh  a  tha  sibh  'g  am  mealtuinn.  Gnìomh. 
xiii.  41.  Cha  mhair  àm  nan  gràs ;  ma  choidleas 
sibh  an  àm  cuir  an  t-sìl,  bithidh  sibh  air  an  deirce  an 
àm  buain  an  f  hogharaidh. 

5.  'S  e  so  an  rathad  chum  amanna  irioslachaidh 
a  thionndadh  gu  deadh  bhuil ;  air  chor  an  àite  bhi'n 
càll,  's  ann  a  bhios  sibh  ann  am  buannachd  leo. — 
Salm  cxix.  71.  "  Is  maith  dhomhsa  gu'n  robh  mi 
ann  an  àmhghar."  Nam  b'àill  leibh  dearcan  fiona 
thional  do  na  drisibh  agus  do  na  cluaranaibh  so, 
feuchaibh  ri  ar  spioradaibh  fhaotuinn  air  an  irios- 
lachadh  leo. 

1.  Tha  irioslachadh  spioraid  'n  a  ni  ro  luachmhor 
ann  fèin.  Gnàth.  xvi.  32.  Cha'n  urrainn  e  bhi  air 
a  cheannach  tuille  's  daor.  Ge  b'e  ni  a  tha  neach  a' 
fulang,  ma  tha  'spiorad  air  a  thoirt  gu  h-iomchuidh 
a  mhàin  leis,  tha  aige  na  's  math  is  f  hiach  giùlan 
leis  gach  cruaidh-chas  air  a  shon. — 1  Pead.  iii.  4. 

2.  Bheir  irioslachd  spioraid  iomadh  sochair  leatha 
'n  a  cois.  Is  geug  thorach  i,  a  tha  gu  math  air  a 
luchdachadh,  ge  b'e  àit  am  bheil  i.  Ni  i  còmh- 
nadh  ri  cor  neach  a'  dheanamh  ni  's  socraiche  fo'n 
chrois.  Mata  xi.  30.  Tuir.  iii.  27—29.  Is  iobairt 
i  a  tha  gu  sònruichte  taitneach  do  Dhia. — Salm  li. 
17.  Tha  sùil  Dhè  gu  h-àraid  air  a  leithid  sin  chum 
math.  Isa.  lxvi.  2.  *f  Air  an  fhear  so  amhaircidh 
mi ;  eadhon  air-son  a  ta  bochd  agus  leòinte  'n  a 
spiorad^  agus  a  chriothnaicheas  roimh  m'  fhocal." 
Seadh,  tha  e  gabhail  còmhnuidh  maille  riu.  Isa. 
lvii.  15.  Agus  tha  e  toirt  riaghailt  do  ghliocas  troimh 
'n  iomlan  do  ghiùlan  neach.  Gnàth.  xi.  2.  "  Aig 
na  h-iriosail  tha  gliocas." 

'S  an  dite  mu  dheireadh.  Thugaibh  fainear,  is 
làmh  chùmhachdach  a  tha  g  oibreachadh  oirnne ; 
làmh  an  Dè  chùmhachdaich ;  uime  sin,  lùbamaid  ar 


128 


AN  CAMADH  JS  a'  CHRANNCHUR. 


spiorada  chum  strìochdadh  foidhpe,  agus  nagleachd- 
amaid  'n  a  h-aghaidh.    Thugaibh  fainear, 

1.  Feumaidh  sinn  sleuchdadh  foidhpe.  A  chionn 
gur  e  'rùn  sinne  thoirt  a  mhàin,  cha'n  urrainn  sinn 
seasamh  roimpe  ;  no  cuir  an  aghaidh  a  rùin.  Isa. 
xlvi.  10.  "  Seasaidh  mo  chomhairle."  Mar  sin, 
feumaidh  sinn  tuiteam  roimpe,  aon  chuid  ann  an 
rathad  dleasnais  no  breitheinis.  Salm  xlv.  5.  "  Is 
gèur  mo  shaighdean  (tuitidh  na  sloigh  fodhad)  is 
gèur  iad  ann  an  cridhe  nàimhdean  an  Righ." 

2.  Iadsan  a  tha  co  glic  agus  strìochdadh  gu 
h-iriosal  fo'n  làimh  chumhachdaich,  ge  b'e  co  iosal 
's  a  tha  iad,  togaidh  an  làmh  cheudna  suas  iad  a  rìs. 
Seum.  iv.  10.  Ann  an  aon  fhocal,  ge  b'e  co  àrda  's 
a  tha  na  h-uabhraich,  bheir  Dia  sìos  iad :  'S  ge  b'e  co 
iosal  's  a  tha  mhuinntir  iriosal,  togaidh  Dia  suas  iad. 


SEOLAIDHEAN  CHUM  RUIGHEACHD  AIR  AN  IRIOS- 
LACHADH  SO. 

I.  Seòlaidhean  coitchionn. 

Seòladh  l .  Rùnaichibh  ann  'ur  cridhe  ni-eiginn  do 
dh'eòlas  spioradail  iarraidh  mu  ghiùlan  Freasdail 
d'  ar  taobh.  Mica  vi.  9.  Gus  an  aomar  'ur  cridhe 
n  rathad  sin,  cha'n  'eil  earsba  n-'ur  'n  irioslachadh. 
Hos.  xvi.  9.  Cha'n  'eil  ni  sam  bith  ni's  reusantaiche 
nam  b'e  's  gu'n  cleachdamaid  sinn  fèin,  aon  chuid 
mar  dhaoine,,  no  mar  Chriosduidhean,  na  gu'n  dearc- 
amaid  air  an  ni  sin  a  tha  co  cràiteach  do'n  fheòil  a 
thionndadh  gu  buannachd  an  spioraid;  chum,  ma 
tha  sinn  an  càll  air  an  darna  làimh,  gu'm  buann- 
aichmid  air  an  làimh  eile. 

2.  Deanaibh  'ur  slàinte  shiòrruidh  cinnteach, 
anns  a'  cheud  àite,  le  bhi  teicheadh  a  dh'ionnsuidh 
Chriosd,  agus  le  bhi  gabhail  Dhe  mar  'ur  Dia  ann- 


AN  CAMADH  's  A*  CHEANNCHUR. 


129 


san,  a  reir  tairgse  'n  t-soisgeil.  Hosea  ii.  19. 
Eabh.  viii.  10.  Gluaiseadh  'ur  staid  irioslachaidh 
sibh  gu  so,  chum  'nuair  a  tha  na  sruthain  air  tior- 
machadh  suas,  gu  m  feud  sibh  dol  a  chum  an  Tob- 
air:  oir  tha  e  neo-chomasach  ruigheachd  air  fior 
irioslachadh  fo'n  làimh  chumhachdaich,  as  eugais 
fior  chreidimh  annsan  mar  'ur  Dia  agus  'ur  caraid. 
Eabh.  xi.  6.    1  Eoin  iv.  19. 

3.  Cleachdaibh  meadhonan  irioslachaidh  'n  an- 
ma  ann  an  creidimh  a  gheallaidh.  Salm  xxviii.  7. 
Air  do  Mhaois  a'  chreag  a*  bhualadh  ann  an  creid- 
imh  a'  gheallaidh,  thug  e  air  an  uisge  brùcMadh  a 
mach,  ni  nach  b'urrainn  tachairt  idir  air  mhodh 
eile.  Deanamaid-ne  air  an  dòigh  cheudna  ann  am 
buntuinn  ri  ar  cridhibh  cruaidh.  Feumaidh  iad 
a  bhi  air  an  leagadh  sìos  air  leabaidh  thais  an  t-soisg~ 
eil,  agus  a  bhi  air  am  bualadh  an  sin,  mar  chì  sibh 
ann  an  Ioel,  ii.  13.  *'  Pillibh  ris  an  Tighearna  bhur 
Dia :  oir  tha  e  tròcaireach  agus  iochdmhor :  "  No 
cha  toirear  buaidh  orra  gu  bràth  le'n  deòin  chum 
strìochdadh  gu  h-iriosal. 


II.  Seòlaidhean  sònruichte* 

1.  Bithibh  dearbh-chinnteach  nach  'eil  staid  air 
bith  anns  am  bheil  sibh  co  iosal,  's  nach  fheud  sibh 
*ur  cridheachan  fhaotuinn  air  an  toirt  sìos  gu  bhi 
freagarrach  dhi.  1  Cor.  x.  13.  ^Ach  tha  Dia 
dìleas,  nach  leig  dhuibh  bhi  air  bhur  feuchainn  thar 
bhur  comas  ;  ach  a  ni  maille  ris  an  deuchainn  slighe 
dol  as  mar  an  ceudna,  chum  gù'm  bì  sibh  comasach 
air  a  giùlan.  Tha  so  fior.  2  Cor.  xii.  9.  "  Is  leòir 
mo  ghràs-sa  dhuit  :  oir  a  ta  mo  chùmhachd  air  a 
dheanamh  foirfe  ann  an  ànmhuinneachd."  Bithidh 
sibh  dearbhta  do'n  ni  so,  a  thaobh  'ur  cor  fèin,  ma 
's  e  's  gu'n  ruig  sibh  gu  bràth  a'  cheann.  Philip.  iv. 
13.    ( 4  Is  urradh  mi  na  h-uile  nithe  a  dheanamh  tre 


130 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


Chriosd,  a  neartaicheas  mi."  Tha  Dia  a  ceadaeh- 
adh  dhuibh  a  bhi  dearbhta  dheth,  ciod  air  bith  'ur 
n.anmhuinneachd  agus  'ur  trioblaid  ann  an  coilion- 
adh  na  h-obair.  "  Air  ar  son-ne  tha  e  sgrìobhta, 
chum  gur  ann  an  dòchas  is  còir  do'n  treabhaiche 
treabhadh  ;  agus  a  chum  an  neach  a  bhuaileas  ann 
an  dhòchas,  gu'm  bì  e  n  a  fhear  comhpàirt  d'a 
dhòchas."  1  Cor.  ix.  10.  Agus  is  e  creideas  a  thoirt 
do  ni  so  earrann  do  bheatha  chreidimh.  2  Tim.  ii. 
1.  Mar  'eil  dòchas  agaibh  gu  'n  soirbhich  leibh., 
bithidh  'ur  dìchiollan  co  mì-mhisneachail,  's  a  bhios 
iad  co  $omhain.  cs  Uime  sin,  togaibh  suas  na  làmh- 
an  a  ta  air  tuiteam  sìos,  agus  neartaichibh  na  glùine 
laga."    Eabh.  xii.  12. 

2.  Co  dhiubh  a  tha  làmh,  no  nach  'eil,  na 
meadhon  ann  'ur  staid  isleachaidh,,  gabhaibh  Dia 
mar  an  T\  ris  am  bheil  'ur  gnothach,  agus  measaibh 
sibh  fèin  anns  an  staid  sin  mar  fo  làimh  chumhachd- 
aich-san.  Mica  vi.  9.  Cha'n  'eil  daoine  'n  an  staid 
iosail  a'  toirt  an  aire  do  Dhia ;  mar  sin  cha  n  'eil 
iad  'g  am  faotuinn  fèin  air  an  gairm  gu  bhi  iriosal 
foidhpe ;  tha  iad  a'  suidheachadh  an  sùilean  air  a 
chreutair  a  tha  'n  a  mheadhon,  agus,  an  àite  iad  fèin 
irioslachadh,  's  ann  a  tha  'n  cridhe  ag  èiridh  suas. 
Ach  gabhaibh  esan  mar  an  Tì  ris  am  bheil  'ur 
gnothach,  chum  gu'n  cuimhnich  sibh  an  cath,  agus 
nach  clean  sibh  tuilleadh.    lob  xli.  8. 

3.  Bithibh  tric  a*  smuaineachadh  air  cumhachd 
neo-chrìochnach  Dhè :  thugaibh  fainear  a  naomh- 
achd  agus  a  mhòrachd,  a  tha  ni's  leòir  chum  'ur  'n 
irioslachadh  anns  an  tomhas  is  ro  mhò.  Isa.  vi. 
3 — 5.  Chòmhluich  lob  ri  iomadh  freasdal  irios- 
lachaidh  'n  a  chor,  ach  cha  robh  e  riamh  air  irios- 
lachadh  gu  leòir  fodhpa,  gus  an  d'fhoillsich  an 
Tighearn  e  fèin  dha  as  ùr,  'n  a  chumhachd  agus  'n 
a  mhòrachd  neo-chrìochnach.  Chum  e  r'a  bharail 
an  aghaidh  a  chairdean,  agus  sheas  e  r'a  phùinc-, 
gus  na  bhuin  Dia  ris  air  an  doigh  sin.    Thòisich  e 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


131 


le  tairneanach.  Iob  xxxvii.  1,  2.  An  sin  fhreagair 
an  Tighearn  as  a  chuairt-ghaoith,  caib.  xxxviii.  1, 
mar  sin  dh'irioslaicheadh  Iob,  caib.  xl.  4,  5.  Tha'n 
ni  air  ath-nuadhachadh  gus  am  bheil  e  ni's  mò  air 
irioslachadh,  Caib.  xlii.  5,  6.  "  Uime  sin  gabh- 
aidh  mi  gràin  diom  fein,  agus  ni  mi  aithreachas  ann 
an  duslach  agus  an  luaith." 

4.  Cleachdaibh  sibh  fèin  gu  tosdach  ri  bhi  cead- 
achadh  diomhaireachdan  ann  an  giùlan  Freasdail 
d'ar  taobh,  nach  urrainn  duibh  a  thuigsinn,  ach 
gidheadh  dhan  toir  sibh  urram.  Rom.  xi.  33. 
u  O  doimhne  saoibhris  araon  gliocais  agus  eòlais 
Dè!  Cia  do-rannsachaidh  a  bhreitheanais,  agus 
do-lorgachaidh  a  shlighean ! "  B'e  sin  an  ceud 
fhocal  à  labhair  Dia  ri  Iob.  Caib.  xxxviii.  2.  ee  Cò 
e  so  a  tha  dorchachadh  comhairle  le  briathraibh  gun 
eòlas?  Rinn  e  greim  air  chridhe  air,  dhlùth-lean 
e  ris,  agus  tha  ega  ainmeachadh  a  rìs,  caib.  xlii.  3«, 
mar  an  ni  sònruichte  a  thug  gu  'ghlùinibh,  agus  gus 
an  duslach.  e.  Eadhon  anns  na  ceumaibh  sin  do 
Fhreasdail,  troimh  an  fhaide  'm  bheil  sinn  a  rèir 
barail  a'  faicinn,  's  math  a  dh'fheudas  sinn  a  chead- 
achadh  gu  bheil  cuid  do  dhìomhaireachdan  an  taobh 
thàll  do'n  bheil  sinn  a'  faicinn.  Agus  anns  na 
freasdalaibh  sin  is  deacair  ri  thuigsinn,  bu  chòir  d'a 
àrd-uachdranachd  sinne  chuir  Jn  ar  tosd ;  agus  d'a 
ghliocas  neo-chrìochnach  ar  riarachadh,  ged  nach 
urrainn  duinn  am  faicinn. 

5.  Bithibh  gu  tric  a'  smuaineachadh  air  'ur  n-ain~ 
gìdheachd  fèin.  lob  xl.  4.  tf  Feuch  tha  mi  gràin- 
eil ;  ciod  a  f  hreagras  mi  dhuit  ?  cuiridh  mi  mo  làmh 
air  mo  bheul."  Is  e  bhi  sealltuinn  thairis  air  a' 
pheacadh  a  tha  toirt  uiread  a  gnothaich  dhuinn  ri 
freasdalaibh  irioslachaidh.  Am  feadh  's  a  tha  na 
sùilean  air  an  cumail  air  dhoigh  's  nach  urrainn 
doibh  peacadh  f  haicinn,  tha  'n  cridhe  'g  eiridh  suas 
'n  an  aghaidh  ;  ach  'nuair  dh'fhosgailear  iad,  tuitidh 
e.    Uime  sin^  'nuair  a  tha  Dia  a'  buintuinn  ribh  le 


132  AN  CAMADH  *S  a'  CHRANNCHUR. 

freasdalaibh  irioslachaidh,  tionndaibh  'ur  suilean; 
air  aingidheachd  'ur  nàduir,  'ur  cridhe,  agus  'ur 
beatha,  agus  cuidichidh  sin  air  aghaidh  'ur  n-iriosl- 
achadh. 

6.  Socraichibh  ann  'ur  cridhe,  gu  bheil  feum  air 
gach  uile  staid  irioslachaidh  anns  am  bheil  sibh 
air  'ur  cur.  Is  firinn  so.  1  Pead.  i.  6.  "  Ge  do 
tha  sibh  a  nis  rè  ùine  bhig  (raa's  feumail  e)  fo 
thuirse  tre  iomadh  buaireadh."  Cha'n  'eil  Dia 
a'  cur  deuchainn  neo-fheumail  air  bith  oirnn, 
*s  chan  'eil  e  a'  cur  a  h-aon  fo  àmhghar  ach  mar  a 
ta  'm  feum  ag  iarraidh.  Tuir.  iii.  33.  U  Oir  cha 
chlaoidh  e  d'a  dheoin^  ni  mo  chràidheas  e  clann 
nan  daoine."  Is  eadar-dhealachadh  comharraichte 
sin  a  tha  eadar  smachdachadh  ar  n-Athar  tal- 
mhaidh  agus  nèamhaidh.  Eabh.  xii.  10.  "  Iadsan 
— a  rèir  an  toile  fèin ;  ach  esan  chum  ar  leas,  ionnas 
gu'm  bitheamaid  'n  ar  luchd-comhpàirt  d'a  naomh- 
achd."  Amhaircibh  air  gne  'ur  cridhe  agus  'ur 
nàduir,  cia  ullamh  's  a  tha  e  air  èiridh  suas,  agus 
Dia  a  dhì-chuimhneachadh,  's  a  bhi  air  a  ghiùlan 
air  falbh  le  dìomhanas  a  t-saoghail;  clod  an  am- 
aideachd  a  tha  ceangailte  suas  ann  'ur  cridhe. 
Mar  so  tha  sibh  a'  faicinn  an  fheum  a  th'air  freasd- 
alaibh  irioslachaidh  chum  'ur  cumail  còmhnard, 
agus  air  an  t-slat  air  son  druim  an  amadain ;  agus 
ma's  e  's  aig  àm  air  bith  nach  urrainn  duibh  am 
feum  sin  fhaicinn,  creidibh  e  air  steigh  neo-chrìoch- 
nach  gliocas  Dè,  nach  eil  a'  deanamh  ni  air  bith  gu 
dìomhain. 

7.  Creidibh  gu  bheil  rùn  caoimhneil  aig  Freasdal 
annta  d  ar  taobh.  Tha  Dia  'g  ar  gairm-ne  gus  a  so, 
mar  an  iuchair  a  dh'fhosgaileas  an  cridhe  fodhpa. 
Taisb.  iii.  19.  Tha  Sàtan  'g  ar  buaireadh  gu  bhi 
cur  an  teagamh  rùn  caomhneil  an  fhreasdail,  mar 
chrànn  a  chumail  a'  chridhe  duinte.  2  Righ.  vi. 
33.  Tha  n  t-olc  so  o'n  Tighearna ;  c'ar  son  a 
dh'fheithinnse  air  an  Tighearna  ni's  fhaide  %*'  Cò 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


133 


fhad  's  a  tha  amharusan  gu  bheil  droch  rùn  annta 
'n  ar  n-aghaidh  a'  riaghladh,  cuiridh  an  creutair^ 
mar  a'  chnuimh  aig  cosaibh  an  duine,  e  fèin  anns  an 
rathad  dionaidh  is  feàrr  is  urrainn  e,  agus  cruadhaich- 
idh  se  e  fèin  ann  am  bròn  ;  ach  le  bhi  creidsinn  gu 
bheil  rùn  cairdeach  annta_,  fosglaidh  se  e  fèin  ann  an 
irioslachadh  'n  a  làthair. 

Cor.  "  O  !  nan  tuiginn  gu  bheil  rùn  càirdeach 
ann,  ghiùlanainn  leis  gu  toileach,  ged  bhiodh 
tuilleadh  an  deth  ;  ach  's  ann  a  tha  eagal  orm  gur 
e  th'ann  an  rùn  Freasdail  cuir  as  domh  leis." 

Freag.  A  nis,  ciod  an  earrann  do  f  hocal  Dè,  no 
*m  foillseachadh  bho  neàmh,  a  fhuair  thu  chum 
nan  eagala  so  a  bhònntachadh  orra  ?  Cha  d'fhuair 
a  h-aon,  ach  bho  ifrinn.  1  Cor.  x.  13.  Ciod  an 
rùn  a  tha  thu  a'  saoilsinn  a  th'anns  an  t-soisgeul 
do  d'  thaobh?  Nach  urrainn  thu  chreidsinn  gu 
bheil  rùn  cairdeach  do  d'  thaobh  ann  an  uile 
bhriathraibh  a  ghràis  a  th  'air  an  carnadh  suas  an 
sin  ?  Ciod  e  sin,  guidheam  o\%  ach  an  dubh  eu- 
creidimh  'n  a  fhior  dhreach  ifrinneil — Isa.  lv.  1.— aig 
itealaich  an  aghaidh  firinn  Dhè^  agus  a'  deanamh 
breugair  dheth.  1  Eoin  v.  10,  11.  Is  analachadh 
gaoil  agus  deadh-ghean  an  soisgeul  do  shaoghal  do 
dhaoinibh  peacach.  Tit.  ii.  11.  iii.  4. ;  Eoin  iv.  14. 
Eoin  iii.  17.  Ach  cha  'n  'eil  sibh  'g  a  chreidsinn,  anns 
a  chor  sin,  ni's  mò  na  tha  na  deamhna  fèin  'g  a  chreid- 
sinn.  Ach  mas  urrainn  sibh  chreidsinn  gu  bheil 
rùn  cairdeach  an  sin,  feumaidh  sibh  chreidsinn  gu 
bheil  e  ann  'ur  staid  irioslachaidh  mar  an  ceudna ; 
oir  cha  'n  urrainn  rùn  Freasdail  a  bhi  'n  aghaidh 
rùn  an  t-soisgeil ;  ach  air  an  làimh  eile  's  ann  a 
tha  'n  dara  h-aon  gus  an  aon  eile  a'  chobhair  air 
aghaidh. 

8.  Smuainichibh  annaibh  fèin,  gur  i  bheatha  so 
àm  na  deuchainn  air  son  nèimh.  Seumas  i.  12. 
tf  <  Is  beannuichte  an  duine  a  ghiùlaineas  buaireadh : 
oir  'nuair  a  dhearbhare,  gheibh  e  crùn  na  beatha 


134 


AN  CAMADH  53  A'  CHRANNCHUR. 


a  gheall  an  Tighearna  do'n  droing  a  ghràdhaicheas 
e.**  Uime  sin^  bu  chòir  altachadh-beatha  thoirt  do 
fhreasdalaibh  irioslachaidh  anns  a  bheachd  sin. 
rann  2.  "  Measaibh  mar  an  uile  ghàirdeachas 
'nuair  a  thuiteas  sibh  ann  an  iomadh  gnè  dheuch- 
ainnibh.,,  Ma  tha  dreuchd  urramach,  no  gnothach 
buannachdail  gu  bhi  air  a  bhuileachadh,  ni  daoine 
strì  gu  bhi  air  an  gabhail  air  deuchainn  air  a  shon, 
ann  an  dòchas  gu  'm  bì  iad  air  an  gabhail  a  steach 
d  'a.  ionnsuidh.  A  nis,  tha  Dia  a'  cur  deuchainn 
air  daoinibh  air  son  flaitheanais  le  freasdalaibh 
irioslachaidh,  mar  tha  'm  Biobull  gu  h-iomlan  a' 
teagasg ;  agus  am  bì  daoine  co  neo-thoileach  gèill 
a  thoirt  doibh  ?    B'  àill  leam  fheòraich  dhibh. 

(1.)  Am  measar  leibhs'  e  mar  ni  faoin  a  bhi  'n  ar 
luchd-iarraidh  gu  glòir,  agus  deuchainn  a  bhi  air  a 
chur  oirbh  air  son  nèimh  ?  Nach  'eil  urram  ann,  ur- 
ram  a  bh'aig  na  h-uile  do  na  naomhaibh?  Seum.  v.  1 1 . 
"  Feuch,  measar  sona  leinn  iadsan  a  dh'fhuiling- 
eas,"  &c.  Agus  nach  'eil  sealladh  taitneach  ann. 
2  Cor.  iv.  1 7.  cc  Oir  a  ta  ar  n-àmhghar  eutrom,  nach 
'eil  ach  rè  sealahr,  ag  oibreachadh  dhuinne,  tròm 
chudthrom  glòire  a  ta  ni  's  ro  anabharraich  agus 
sìor-mhaireannach.,,  Ach  abair  gur  e  so  do  staid, 
gu'n  dhearmad  Dia  thu  anns  a  chor  sin_,  mar  neach 
air  am  bu  dìomhain  deuchainn  a  chur  gu  bràth  air 
a  mhodh  sin;  gu'n  d'òrduich  e  do  chuibhroinn 
dhuit  anns  a  bheatha  so  le  làn  shocair,  mar  neach 
nach  biodh  gu  tuilleadh  fhaotuinn  dheth ;  ciod  a 
bhiodh  an  sin  ? 

(2.)  Ciod  an  t-eadar-dhealachadh  mòr  a  th' 
eadar  'ur  deuchainnean  agus  an  glòir  ?  Cia  eutrom 
'ur  'n  àmhghairean  is  ro  mhò,  ann  an  coimeas  ri 
cudthrom  an  glòire  ?  Cha  'n  'eil  an  aon  is  f  haide 
mhaireas  diubh  ach  rè  tiota,  ann  an  coimeas  ris  a' 
chudthrom  shìorruidh.  Mo  thruaighe  !  tha  mòran 
mi-chreidimh  aig  freumh  ar  n-uile  mhi-shuaimhneas- 
an  fo  ar  freasdalaibh  irioslachaidh.    Nam  biodh 


AN  CAMADH  JS  A5  CHRANNCHUR. 


135 


sealìadh  ni  bu  shoilleire  againn  do'n  t-saoghal  eile^ 
cha  chuireadh  sinn  uiread  a  shùim  aon  chuid  air 
faoilte  no  air  gruaim  an  t-saoghail  so. 

(3.)  Ciod  i  'ur  barail  mu  theachd  neo-ghlan  bho 
dheuchainn  'ur  freasdalan  irioslachaidh  ?  Ier.  vi. 
29,  30.  "  Chaitheadh  an  luaidhe  leis  an  teine ; 
leagh  am  fear  leaghaidh  gu  dìomhain ;  oir  cha'n 
'eil  iadsan  a  ta  olc  air  an  sgaradh  air  falbh : — 
Airgiod  nach  fiù  theirear  riu-san,  a  chionn  gu'n  do 
chuir  an  Tighearna  cùl  riu."  Gur  e  a  mhàin  crìoch 
na  cùis,  gu  bheil  'ur  cridhe  a'  taisbeanadh  a  bhi  do 
leithid  a  ghnè  's  nach  bì  e  air  sheòl  air  bith  air 
irioslachadh ;  agus  uime  sin  gu'm  feum  sibh  agus 
gu'm  bì  sibh  air  'ur  fuasgladh  uatha,  'nuair  nach 
'eil  fathast  coslach  irioslachaidh  air  bith  ri  fhaicinn. 
Tha  mi  saoilsinn  gu'm  bu  ehòir  do  dh'uamhas  a 
leithid  so  a  shaorsainn^  sinne  chuir  gu  ar  glunaibh 
a  ghuidh  gu'n  bhi  air  ar  togail  suas  bho  ar  staid 
iosail, mum  bì  ar  cridhe  air irioslachadh.  Isa.  l.  4. 
Esec.  xxiv.  13. 

9.  Smuainichibh  annaibh  fèin,  cionnus  a  tha  'n 
Tighearna  le  freasdalaibh  irioslachaidh  'g  ar  n-ull- 
achadh-ne  air  son  nèimh.  Colos.  i.  12.  u  A' 
tabhairt  buidheachais  do  'n  Athair,  a  rinn  sinne 
iomchuidh  chum  bhi  'n  ar  luchd-comhpàirt  do 
oighreachd  nan  naomh  's  an  t-solus" — maille  ri— 
2  Cor.  v.  5.  Tha  na  clachan  agus  am  fiodh  air 
an  cur  sìos,  's  air  an  tionnda  thairis  agus  thairis,  agus 
air  an  snaitheadh  mu'm  bì  iad  air  an  cur  suas  anns 
an  togail ;  or  cha  chuirear  suas  iad  mar  thàinig  iad 
as  a  chàrn  agus  as  a  choille ;  's  nam  bu  chomasach 
dhoibh  ròghainn  a  dheanamh,  rachadh  àite  dhiùlt- 
adh  anns  an  togail  do  mheud  dhiubhsan  's  a  dhiùlt- 
adh  an  t-inneal  iaruinn.  Guidheam  oirbh,  cionnus 
a  tha  sibh  a'  smuaineachadh  a  bhios  sibh  air  'ur 
deanamh  iomchuidh  air  son  nèimh,  le  blàth  dheal- 
radh  grèine  socair  an  t-saoghail  so,  agus  an  t-iom- 
kn  do  'ur  toil  f haotuinn  an  so  ?    Ni  h-eadh,  a 


136 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


rnhuinntir,  's  ann  a  dh'fhàgadh  e  ur  heoil  gun 
hhlas  air  aoihhneas  an  ath  shaoghail.  Tha  soithich- 
ean  na  h-eas-onoir  air  an  deanamh  freagarrach  air 
an  doigh  sin  air  son  sgrios ;  ach  tha  soithichean 
na  h-onoir  air  an  deanamh  freagarrach  air  son  glòir 
le  freasdalaibh  irioslachaidh.    Theirinn  an  so, 

(1.)  Nach  toilich  ni  sam  bith  sibh  ach  dà 
fhlaitheanas,  aon  anns  a  bheatha  so,  's  aon  eile  *s 
an  ath-bheatha  ?  Dh'ullaich  Dia  aon  f hlaitheanas 
air  son  nan  naomh_,  aon  àite  far  am  faigh  iad  an  uile 
thoil,  an  uile  dhùrachd,  agus  an  uile  iarrtais ;  far 
nach  bì  cudthrom  air  bith  orra  gu  'n  cumail  fodha ; 
agus  is  ann  's  an  ath  shaoghal  tha  sin. — Ach 
feumaidh  sibhse  f  haotuinn  an  so  agus  an  sin,  no  cha 
'n  urrainn  duibh  a'  ghabhail.  C'  ar  son  nach  'eil 
sibh  a'  faotuinn  coire  mar  an  ceudna,  nach  'eil  dà 
shàmhradh  's  an  aon  bhliadhna ;  dà  là  ann  an 
ceithir  uaire  'ar-f  hichead  ?  Tha  òrdugh  an  aoin 
nèimh  co  daingean  ri  òrdugh  nan  laithean  agus  nam 
bliadhnachan,  agus  cha  'n  atharraich  sibhs'  e ;  uime 
sin,  ròghnaichibhs,  co  dhiubh  a  ghabhas  sibh  'ur  'n 
oidhche  no  'ur  là  an  toiseach,  'ur  geamhradh  no  'ur 
sàmhradh,  'ur  flaithneas  's  an  t-saoghal  so  no  's  an 
t-saoghal  ri  teachd. 

(2.)  As  eugais  a  bhi  air  'ur  'n  irioslachadh  le 
freasdalaibh  irioslachaidh  's  &  bheatha  so_,  cha  bhi 
sibh  iomchuidh  air  son  nèimh.  2  Cor.  v.  5.  "  A  nis 
an  Tì  a  dh'oibhrich  sinne  chum  so  fèin,  is  e  Dia  e." 
Gun  amharus  feudaidh  sibh  luidh  gu  foisneach  anns 
a  bheatha  so  air  leabaidh  do  neo-chùram,  agus  a  bhi 
bruadar  mu  nèamh,  làn  do  dhòchas  gu  meal  sibh 
phàrras  an  amadain,  a'  dùrachadh  sibh  fèin  a 
thilgeadh  à  uchd  Dhelilah  gu  uchd  Abrahaim ;  ach 
as  eugais  gu'm  bì  sibh  air  'ur  'n  irioslachadh  cha  bhi 
sibh  uidheamaichte  air  son, 

(1.)  Nèamh  a  Bhiobuill,  an  nèamh  sin  a  th'air 
innse  anns  an  t-seann  Tiomnadh  agus  's  an  Tiom- 
nadh  Nuadh.    Nach  'eil  an  nèamh  sin  na  togail 


AN  CAMADH  's  A'  CHRANNCHUR. 


137 


suas  ann  an  àm  iomchuidh  ?  Ach,  cionnus  a  bhitheas 
sibhs'  air  'ur  togail  suas  nach  deachaidh  riamh  a 
leagadh  sìos  gu  ceart  ?  C'àit  am  bì  bhur  deòir  gu  bhi 
air  an  siabadh  air  falbh  ?  Ciod  an  t-aobhar  uaill  a 
bhios  agaibhs'  nach  cog  an  deadh  chogadh  ?  Cioimus 
a  bhios  e  na  fhois  dhuibhse  nach  duraichd  obair  a 
dheanamh  ? 

(2.)  Nèamh  nan  naomh.  Taisb.  vii.  14.  "  Agus 
thubhairt  mi  ris,  A  Thighearn,  tha  fhios  agadsa. 
Agus  thubhairt  e  rium^  Is  iad  so  iadsan  a  thàinig  à 
àmhghar  mòr ;  agus  nigh  iad  an  truscain  agus  rinn 
iad  geal  iad  ann  am  fuil  an  Uain."  Tha  so  a'freag- 
airt  na  ceiste  mu  thimchioll  Abrahaim,  Isaaic,  agus 
Iacoib,,  agus  na  h-uile  do  na  naomhaibh  a  tha  maille 
riu  an  sin :  thugadh  sìos  iad  chum  an  duslaich  le 
freasdalaibh  irioslachaidh,  agus  a  mach  asda  sin 
thàinig  iad  gu  bhi  fa  chomhair  na  cathrach.  Cionnus 
a  tha  sibh  am  barail  a  bhi  gu  bràth  air  'ur  togail 
suas  maille  riu-san,  ris  nach  aontaich  sibh  a  bhi  air 
'ur  toirt  sìos  ? 

(3.)  Neàmh  Chriosd.  Eabh.  xii.  2.  "  Neach  air 
son  an  aoibhneis  a  chuireadh  roimhe,  a  dh'fhuiling 
an  crànn-ceusaidh,  a'  cur  na  nàire  an  neo-shuim, 
agus  a  shuidh  air  deis  righ-chaithreach  Dè."  O  ! 
thugaibh  fainear  cionnus  a  rinn  an  Roimh-ruithear 
a  shlighe.  Luc.  xxiv.  26.  "  Nach  b'eigin  do  Chriosd 
na  nithe  so  f hulang,  agus  dol  a  steach  da  ghlòir ?" 
Agus  bithibhse  cinnteach  ma  gheibh  sibh  far  am 
bheil  esan,  gu'm  feum  sibh  dol  an  sin  mar  chaidh 
esan.  Luc.  ix.  23.  "  Agus  thubhairt  e  riu  uile^ 
Mas  àill  le  neach  air  bith  teachd  a'  m'  dheighse, 
aicheadhadh  se  e  fèin,  agus  togadh  e  chrànn-ceusaidh 
gach  là  agus  leanadh  e  mise." 

10.  Mu  dheireadh  thugaibh  thairis  an  earbs' 
àrd  a  th'agaibh  mu  'n  t-saoghal  so^  agus  cleachd- 
aibh  i  ris  an  t-saoghal  ri  teachd.  Bithibh  mar 
choigrich  agus  mar  luchd-cuairt  's  a  bheath  so,  ag 
amharc  air  son  ur  fois  ann  an  nèamh,  agus  gun  bhi 


138 


AN  CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUR. 


"g  a  h-earbsa  gus  an  ruig  sibh  sin.  Tha  olc 
buadhach  ann.  Isa.  lvii.  10.  "Ann  am  buanas 
do  shlighe  sgìthicheadh  thu ;  ach  cha  dubhairt  thu 
cha'n  'eil  dòchas  ann."  Mar  sin  tha  togail  Bhabeil 
a'  sìor  dhol  air  adhairt,  ged  thuit  e  thairis  agus 
thairis  :  Oir  a  deir  daoine,  Ci  Tha  na  clachan 
creadha  air  tuiteam^  ach  togaidh  sinn  le  clachaibh 
snaidhte ;  tha  na  craobhan  sicamoir  air  an  gearr- 
eadh  sìos,  ach  cuiridh  sinn  craobhan  seudair  'n  an 
àit."  Isa.  ix.  10.  Tha  so  a'  deanamh  obair  an 
irioslachaidh  ro  fhadalach ;  tha  sinn  co  doilich  ri 
ar  greim  do'n  chreutair  a  chuibhteachadh,  agus  a 
bhi  air  ar  cur  air  dial  a  bhàrr  na  cìche. — Deanaibh 
greim  daingean  air  an  ath-shaoghal,  agus  leigibh  a 
chead  do  'ur  greim  do'n  t-saoghal  so ;  mar  sin 
bithidh  sibh  air  'ur  'n  irioslachadh  fo  'n  làimh  chùmh- 
aehdaich.  Mar  is  daighne  ghramaicheas  sibh  ri 
sonas  an  t-saoghail  sin,  's  ann  is  f  hasa  dhuibh  sibh 
fèin  a  chordadh  ri  'ur  freasdalaibh  irioslachadh  's  an 
t-saoghal  so. 

11.  Deanaibh  feum  do  Chriosd  'n  a  uile  oifigibh, 
chum  'ur  n-irioslachadh  fo  'ur  freasdalaibh  irios- 
lachaidh.  'S  i  'n  irioslachd  chàirdeach  a  mhàin  a 
tha  teachd  anns  an  rathad  sin.  Sech.  xii.  10.  **  Agus 
amhaircidh  iad  air-san  a  lot  iad,  agus  ni  iad  bròn^" 
&c.  Feumaidh  sibh  sin  a  dheanamh  le  bhi  'g  earbsa 
annsan  chum  na  crìche  sin. 

1.  Mar  Shagairt  air  'ur  son.  Tha  coguis  agaibh 
a  tha  làn  do  chionta,  agus  fagaidh  sin  neach  neo- 
shocrach  ann  an  staid  air  bith,  agus  ni's  mò  gu  mòr 
ann  an  staid  irioslachaidh ;  bithidh  i  mar  dhris  ann 
an  gualainn  air  am  biodh  eallach  thròm  air  a'  cur. 
Ach  glanaidh  fuil  Chriosd  a'  choguis^  spìonaidh  i 
an  dris  aiste,  bheir  i  socair^  Isa.  xxxiii.  24^  agus  ni 
i  neach  freagarrach  gu  aon  chuid  seirbhis  a'  dhean- 
amh^  no  fulang.  Eabh.  ix.  14.  Ci  Cia  mor  is  mò 
ni  fuil  Chriosd  bhur  coguis-se  ghlanadh  o  oibribh 
màrbha  chum  seirbhis  a  dheanamh  do'n  Dia  bheò  ?" 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR.  139 

2.  Mar  'ur  Fdidh  chum  'ur  teagasg.  Tha  feum 
againn  a  bhi  air  ar  teagasg  gu  ceart  chum  ar 
freasdalaibh  irioslachaidh  a  thoirt  fainear ;  oir,  gu 
tric,  cha'n  'eil  sinn  a'  toirt  an  aire  dhoibh^  air  chor 
s  gu  bheil  iad  a'  fàs  'n  an  eire  chlaoidhteach ;  ach 
nam  burrainn  duinn  am  faicinn  gu  ceart,  dìreach 
mar  a  ta  Dia  'g  an  cur  do  ar  'n  ionnsuidh-ne,  's  ann 
a  dh'irioslaicheadh  iad  sinn,  's  cha  b'e  ar  claoidh. 
Gu  firinneach  tha  feum  againn  air  Criosd,  agus  air 
solus  'f  hocail  agus  a  spioraid,  chum  ar  trioblaid  agus 
ar  deuchainn  f  hoillseachadh  dhuinn,  co  math  ri  ar 
dleasnas.  Salm  xxv.  9,  10. 

3.  Mar  'ur  Righ.  Tha  cridhe  reasgach  agaibh,  a 
tha  neo-thoileach  air  lubadh,  eadhon  ann  am  freasdal- 
aibh  irioslachaidh  ;  fòghlumaibh  bho  Maois  ciod  a  nì 
sibh  'n  a  leithid  sin  a  chor.  Ecsod.  xxxiv.  9.  ce  Agus 
thubhairt  e, — rachadh  mo  Thighearna  guidheam 
ort,  'n  ar  measg,  (oir  is  sluagh  rag-mhuinealach 
iad,)  agus  math  dhuinn  ar  n-aingidheachd  agus  ar 
peacadn.,,  Cuir  e  'n  a  làimh-san  a  tha  làidir  agus 
cumhachdach.  Salm  xxiv.  8.  Tha  e  comasach  gu 
toirt  air  leaghadh,  agus,  mar  a'  chèir  fa  chomhair 
an  teine,  gabhail  ris  an  t-sèula. 

Smuainichibh  air  na  seòladhnaibh  so,  chum  an 
cuir  an  cleachdadh,  a'  cuimhneachadh,  "  MaV'  e 
's  gur  "  aithne  dhuibh  na  nithe  so,  is  beannuichte 
sibh  ma  ni  sibh  iad."  Cuimhnichibh,  is  obair  an 
t'irioslachadh  a  lionas  'ur  làmh,  am  feadh  a  bhios 
sibh  beò  's  an  t-saoghal,  agus  cha'n  urrainn  duibh 
teachd  gu  ceann  gus  an  tig  am  bàs ;  agus  leanaidh 
freasdalan  irioslachaidh  sibh_,  am  feadh  a  bhios 
sibh  anns  an  t-saoghal  ìochdrach  so.  Feudaidh 
sibh  am  faotuinn  air  an  atharrachadh ;  ach  cha'n 
urrainn  duibh  saorsuinn  fhaotuinn  uatha,,  gus  an 
ruig  sibh  nèamh.  Mar  sin  bithidh  freasdalan 
irioslachaidh,  ar  ciorraman,  ar  càirdean,  ar  'n 
amlaidhean,  ar  'n  àmhghairean,  ar  neo-chinnteachd, 
agus  ar  peacaidhean  n  an  aobhar  dearbhaidh  dhuinn 


140  AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 

am  feadh  a  bhios  sinn  annsan  t-saoghalso. — An  còrr 
do  na  rùnaich  mi  air  a  cheann  teagaisg  so,  gabhaidh 
mi  steach  ann. 

TEAGASG  II.  Tha  àm  iomchuidh,  anns  am  bì 
iadsan  a  tha  nis  'g  an  irioslachadh  fèin  fo  làimh 
chumhaohdaich  Dhè  gu  cinnteach  air  an  togail  suas. 
Gabhaidh  sinn, 

I.  Beachd  choitchionn  do'n  teagasg  so.  Agus  bheir 
sinn  fainear, 

'S  a'  cheud  àite,  Cuid  a  nithe  a  th'air  an  ciattach- 
adh  agus  air  am  filleadh  ann. 

1.  Tha  e  a'  gabhail  a  steach  gu'm  feum  iadsan 
a  chomh-pàirticheas  do'n  togail  suas  so,  sùil  a  bhi 
aca,  's  sl  cheud  àite,  gu'n  còmhluich  iad  ri  tilgeadh 
sìos.  Taisb.  vii.  14.  Eoin  xvi.  33.  (i  Anns  an  t- 
saoghal  bithidh  àmhghar  agaibh."  Cha  n  'eil  rathad 
air  teachd  gu  tìr  a'  gheallaidh,  a  rèir  doigh  suidhichte 
a'  ghràis,  ach  troimh  an  f  hàsach ;  na  dol  a  steach 
do'n  àrdachadh  so,  ach  troimh  gheata  cumhann.  Mar 
urrainn  duinn  giùlan  le  tilgeadh  sìos,  cha  bhlais  sinn 
do  mhilseachd  an  togail  suas. 

2.  Air  dhuinn  bhi  air  ar  tilgeadh  sìos  fo  làimh 
chumhachdaich  Dhe',  feumaidh  sinn  fòghlum  iuidh 
gu  ciùin  agus  tosdach  foidhpe,  gus  an  dean  an 
làmh  cheudna  a  thilg  sìos  sinn  ar  togail  suas^  ma's 
àill  leinn  comhpàirteachadh  do'n  togail  suas  so  a 
th'air  a  gealltuinn.  Tuir.  iii.  27.  Cha'n  e  bhi  air 
ar  tilgeadh  sìos  ann  an  staid  iosail  le  freasdal  Dè, 
ach  ar  spioradan  a  bhi  air  an  toirt  a  mhàin  foidhpe 
le  gràs  t>è,  a  bheir  sinn  an  taobh  a  stigh  do  chrìoch 
a'  gheallaidh  so. 

3.  Ma's  e  's  nach  bi  sinn  gu  bràth  air  ar  n-irios- 
lachadh  ann  an  staid  iosail^  cha  bhi  sinn  gu  brdth 
air  ar  togail  suas  ann  an  rathad  a'  gheallaidh  so. 
Feudaidh  daoine  an  spioradan  a  chumail  an  àirde 
n  an  staid  iosail,  agus  a  bhi  air  an  togail  suas  mar 


AN  CAMDH  'S  A'  CHRANNCHtJR.  141 

sin.  Gnàth.  xvi.  19.  Ach  thugaibh  fainear,  cha'n 
'eil  an  so  ach  togail  suas,,  chum  gu'm  bì  an  tuiteam 
ni's  ro  chràitiche.  "  Gu  deimhin  ann  an  àitibh 
sleamhna  chuir  thu  iad :  thilg  thu  sìos  iad  ann  an 
tiota  gu  sgrios."  Salm  lxxiii.  18.  Ach  iadsan  nach 
irioslaich  iad  fèin  ann  an  staid  iosail,  chì  iad  gu'm 
bì  an  eas-ùmhlachd  na  tarrang  theannachaidh,  a 
chumas  an  truaighe  gu  bràth  ceangailte  orra  as 
eugais  leigheis. 

4.  Tha  irioslachadh  spioraid,  ann  an  staid  iosail, 
n  a  chinnteas  air  gu'm  bi  iad  air  an  togail  suas 
uair-eiginn,  le  deadh-ghean  agus  fabhor  nèimh. 
Lucas  xviii.  14.  "  A  deiream  ribh  gu'n  deach- 
aidh  am  fear  so  sìos  d'a  thigh  air  fhirinneachadh 
ni's  mò  na'm  fear  ud  eile :  oir  ge  b'e  neach  a  dh' 
àrdaicheas  e  fèin,  islichear  e ;  agus  ge  b'e  a  dh' 
islicheas  e  fèin  àrdaichear  e."  Tha  Solamh  a'  toirt 
fainear,  Gnàth.  xv.  1.  gu'm  pill  freagradh  mìn 
corruich ;  ach  duisgidh  briathra  garg  fearg."  Agus 
is  ann  mar  sin  a  tha  e  tachairt,  'nuair  a  tha  muinn- 
tir  àrdanach,  a  thaobh  an  ceannairc,  a'  toinneamh 
na  cùing  ni's  daingne  mum  muinealaibh  fèin,  ach 
a'  mhuinntir  iriosal  a  strìochdas,  ni  iad  an  lasach- 
adh  fèin  cinnteach,  le'n  strìochdadh.  1  Sam.  ii.  8, 
9,  10.  "  Togaidh  e  'm  bochd  o'n  duslach ;  o'n 
otrach  togaidh  e  suas  am  feumach,  g'an  cur  n  an 
suidhe  maille  ri  uachdranaibh,  agus  a  thoirt  orra 
cathair  glòire  a  shealbhachadh.  Oosan  a  naoimh 
gleidhidh  e,  agus  bithidh  na  h-aingidh  tosdach  ann 
an  dorchadas ;  oir  le  neart  cha  bhuadhaich  duine 
sam  bith.  Brisear  'n  am  bloighdibh  eas-cairdean 
an  Tighearna."  Amhuil  a  bhriseas  peileir  gunna 
mòr  sìos  balla  cloich,  'nuair  a  bhàthas  an  olainn 
bhog  a  neart. 

5.  Tha  dm  shuidhichte  chum  an  dream  a  tha  g  an 
irioslachadh  fèin^  'n  an  staid  iriosail  a  thogail  suas. 
Hab.  ii.  3.  "Oir  tha'n  fhàisneachd  fathasd  air 
son  aimsir  shònruichte,  ach  air  a'  cheann  mu  dheire 


142 


AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHUR. 


labhraidh  i,  agus  cha  dean  i  breug :  ged  dhean  i 
moille  feith  rithe ;  oir  gu  deimhin  thig  i,  cha  bhi 
i  air  dheireadh."  Aig  gach  ni  tha  km,  mar  a  ta  àm 
gu  irioslachadh,  is  amhuil  sin  tha  àm  gu  togail  suas. 
Ecles.  iii.  3.  Cha'n  aithne  dhuinne  an  t-àm  so, 
ach's  athne  do  Dhia  e,  an  Tì  a  shuidhich  e.  Na 
abradh  an  neach  iriosal,  cha  togair  suas  gu  bràth 
mi ;  oir  tha  àm  air  a  shuidheachadh  air  a  shon,  co 
riaghailteach  's  a  th'  air  son  èiridh  na  greine,  an 
deigh  na  h-oidhche  f  hada  dhorch,  no  ath  philltinn 
an  earraich  an  deigh  a'  gheamhraidh  fhada  f  huair. 

6.  Air  do  neach  e  fèin  irioslachadh,  cha'n  'eil  e 
ri  earbsa,  gu'n  togair  mas  e  air  bàll.  Cha'n  'eil ; 
eha'n  e  a  mhàin  gu  bheil  neach  gu  luidh  sìos  fo'n 
làimh  chumhachdaich,  ach  tha  e  gu  luidh  gu  tos- 
dach  a'  feitheamh  an  àm  iomchuidh ;  is  obair  fha- 
dalach  obair  an  irioslachaidh ;  bha  dà  f  hichead 
bliadhna  aig  cloinn  Israeil  dh'i  anns  an  fhàsach. 
Feumaidh  pobull  Dè  bhi  air  an  toirt  gus  an  t-àm 
fhàgail  aig  a  thoil-san ;  agus  am  feadh  a  tha  oidhche 
fhad  aca  do  shiubhal  ann  an  dorchadas,  feumaidh 
iad  earbsa  annsan.  Isa.  l.  10.  "  Cò  e  'n  'ur  measg 
air  am  bheil  eagal  an  Tighearna,  a  ta  'g  eisdeachd  ri 
guth  a  sheirbhisich,  a  ta  siubhal  ann  an  dorchadas, 
agus  aig  nach  'eil  solus ;  earbadh  e  as  ainm  an  Tigh- 
earna^  agus  leigeadh  e  a  thaice  r'a  Dhia." 

7.  'S  e  'n  t-àm  suidhichte  chum  togail  suas^  an 
t-dm  iomchuidh,  an  t-àm  is  freagarraich  air  a  shon^, 
anns  an  ro  fhreagarraiche  an  tig  e.  "  Agus  na 
sgithicheamaid  do  mhaith  a  dheanamh  :  oir  ann 
an  àm  iomchuidh  buainidh  sinn,  mur  fannaich  sinn. 
Galat.  vi.  9.  Oir  is  e  sin  an  t'àm  a  ròghnaich  Dia 
air  a  shon  ;  agus  bithibh  cinnteach  gur  i  roghainn-sa 
roghainn  is  feàrr^  do  bhrìgh  gur  i  roghainn  a  ghliocais 
neo-chrìochnach  i,  agus  uime  sin,  than  creidimh 
suidhicht  air  feithidh  ris.  Isa.  xxviii.  16.  "  An  tì 
a  chreideas  cha  dean  e  cabhaig."  Tha  mòran  do 
mhaise  ni_,  an  earbsa  ris  an  àm  anns  an  deanar  e, 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


143 


agus  shuidhich  esan  àm  freagarrach  do  gach  ni  a  tha 
e  deanamh.  Ecles.  iii.  11.  "  Rinn  e  gach  ni  mais- 
each  na  àm  fèin." 

8.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  bi  'mhuinntir  iriosal 
air  an  togail  suas  aig  an  àm  shuidhichte  agus  iom- 
chuidh.  Haba.  ii.  3.  Tha  ùine  a'  ruidh,  cha  'n 
'eil  i  stad  a  là  no  dh'oidhche  ;  mar  sin  tha  'n  t-àm 
iomchuidh  sl  tighinn  gu  dlù,  agus  'nuair  a  thig  e, 
bheir  e  'n  togail  suas  maille  ris.  Ciod  air  bith  co 
iosal  's  a  bhios  an  staid  isleachaidh,  ciod  air  bith  co 
eu-dochasach,  feumaidh  e  bhi  gun  tig  an  togail 
suas  anns  an  àm  iomchuidh. 

II.  Labhraidh  mi  focal,  gu  coitchionn,  mu'n 
togail  suas,  a  tha  feitheamh  na  muinntir  a  tha  'g  an 
isleachadh  fèin.    Tha  togail  suas  dhà-fhillte  ann. 

1.  Togail  suas  ann  an  cuid,  freagarrach  do'n 
mhuinntir  iriosal  rè  àm  na  beatha  so.  Salm  xxx.  1. 
"  Molaidh  mi  thu,  a  Thighearna;  oir  thog  thu 
suas  mi,  agus  cha  d'  thug  thu  air  m'  eascairdibh 
gàirdeachas  a  dheanamh  os  mo  chionn."  Cha 
togail  suas  iomlan  so,  ach  ann  an  cuid  :  agus  is  i 
a  leithid  sin  a  thogail  suas  a  dh'f  heudas  &  mhuinn- 
tir  iriosal  earbsa,  am  feadh  a  bhios  iad  anns  an 
t-saoghal  so,  agns  gun  tuille.  Tha  so  a'  toirt  an 
anail,  agus  atharrachadh  eallaich  do'n  mhuinntir 
sgìth,  ach  cha  'n  'eil  e  a'  toirt  fois  iomlain  doibh. — 
Mar  sin  bha  aig  cloimi  Israeil  anns  an  f  hàsach,  cuid 
a  dh'amanna  seinn,  ann  am  meadhon  an  iomadh  àm 
broin.    Exod.  xv.  1.    Aireamh  xxi.  17- 

2.  Togail  suas  iomlan  freagarrach  air  an  son  aig 
a'  bhàs.  Lucas  xvi.  22.  "Agus  tharladh  guJn 
d'fhuair  an  duine  bochd  bàs,  agus  gu'n  do  ghiùl- 
aineadh  leis  na  h-ainglibh  e  gu  uchd  Abrahaim." 
An  sin  eha'n  'eil  an  Tighearna  buntuinn  riu  ni  's 
mò  a  chuid  agus  a  chuid,  ach  tha  e  'g  an  làn  shaor- 
adh.  Eabh.  xii.  23.  An  sin  tha  e  toirt  air  falbh 
an  uile  eallachan,  's  a'  toirt  fois  dhoibh  o'n  uile 
chudthrom^  agus  cha  leig  e  àmhghar  air  bith  orra 


Ì44  AN  CAMADH  *S  a'  CHRANNCHUR. 

gu  bràth  tuilleadh.  An  sin  tha  e  'g  an  togail  suas 
gu  àirde  aig  nach  robh  iad  riamh  roimhe;  cha 
robh,  eadhon  'nuair  a  b'àirde  iad.  Tha  e  g  an  cur 
gu  h-iomlan  suas  os  ceann  gach  ni  ta  iosal,  agus  g 
an  suidheachadh  an  sin,  chum  's  nach  toirear  sios  gu 
bràth  iad.  A  nis3  tha  àm  iomchuidh  air  an  son  so 
maraon. 

(1.)  Air  son  an  togail  suas  ann  an  cuid.  Cha  'n 
'eil  gach  uile  àm  feargarrach  air  a  shon  ;  cha  'n  'eil 
sinn  an  còmhnuidh  freagarrach  air  son  sòlais,  fois 
no  atharrachadh  bho  ar  'n  eallachaibh  fhaotuinn. 
Tha  Dia  a'  faicinn  gu  bheil  amanna  anns  am  bheil 
e  feumail  air  son  a'  phobuill  a  bhi  fo  thuirse — 
1  Pead.  i.  6. — chum  an  <c  cridhe  leagadhsios  lebròn." 
Salm  cvii.  12.  Ach  an  sin  tha  àm  da  rìreadh  air 
a  shuidheachadh  air  a  shon  ann  an  gliocas  Dè  'nuair 
a  mheasas  e  co  feumail  an  sòlasachadh,  's  a  mheas 
e  roimhe  an  toirt  a  mhàin.  2  Cor.  ii.  7.  "  lonnus 
air  an  làimh  eile,  gur  mò  is  còir  dhuibh  maitheanas 
agus  comfhurtachd  a  thoirt  dhà,  air  eagal  gu'm 
biodh  a  leithid  so  do  dhuine  air  a  shlugadh  suas  le 
anabarra  doilgheis.,,  Tha  sinn  anns  a  chor  sin, 
ann  an  làimh  Dhè,  mar  ann  an  làimh  ar  lighiche, 
a  tha  comharrachad  a  mach  an  ùine  a  theid  am 
plasd-tarruing  f hàgail  ris,  agus  c'uin'  a  chleachdar 
am  plasd-leighis^,  agus  nach  fhàg  idir  e  gu  toil  an 
neach  euslaintich  fèin. 

(2.)  Air  son  an  togail  suas  gu  h-iomlan.  'Nuair 
a  tha  sinne  gu  goirt  air  ar  sàrachadh  le  ar  *n 
eallachaibh,  tha  sinn  ullamh  gu  smuaineachadh, 
O  gu  bhi  air  falbh,  agus  a  bhi  an  taobh  thàll  dhoibh 
uile.  lob  vii.  2,  3.  Mar  a  mhiannaicheas  an 
seirbhiseach  an  sgàile^,  agus  mar  bhios  sùil  aig  an 
fhear-tuarasdail  ri  duais  'oibre ;  mar  sin  fhuair 
mise  dhomh  fèin  mìosan  dìomhanais,  agus  àirmh- 
ear  dhomh  oidhchean  cràidh/'  Ach  air  son  sin 
uile^,  theagamh  gur  e  is  freagarraich,  sinn  a  dh'- 
fhantuinn  rè  sealain^  agus  gleachd  ri  ar  'n  eallach- 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR.  145 

aibh  Philip.  i.  24,  25.     "  Gidheadh,  's  e  mi 

dh'fhantuinn  's  an  fheoil,  a's  feumaile  dhuibhse. 
Agus  air  dhomh  hhi  cinnteach  dheth  so,  tha  fios 
a,gam  gu'm  fuirich  mi  agus  gu'n  còmhnuich  mi 
maille  ribh  uile,  chum  bhur  cursa  air  bhur  'n 
aghaidh,  agus  chum  gàirdeachas  a'  chreidimh.'' 
Dh'fheudadh  beagan  laithean  Israel  a  thoirt  a  mach 
a,s  an  Eiphit  do  thìr  Chanaain ;  ach  nam  b'e  's  gu'n 
deanadh  iad  a  leithid  sin  a  chabhag,  bhitheadh  iad 
an  sin  ro  luath ;  mar  sin  b'  eiginn  dhoibh  dà-fhich- 
ead  bliadhna  chaitheamh  anns  an  fhàsach,  gus  an 
d'thigeadh  an  t-àm  iomchuidh  dhoibh  dol  a  steach 
do  thìr  Chanaain.  Bithibh-sa  cinnteach,  gu'm  bì  e 
air  a  shoilleireachadh  do  na  naomha,  gur  e'n  t-àm  is 
feàrr  do'n  d'rinneadh  ròghainn  chum  an  tabhairt  do 
ne'auih,  agus  bithidh  maise  ann  an  so  nach  d'thug- 
adh  ann  iad  ni  bu  luaithe.  Mar  so  tha  togail  suas  air 
a  dheanamh  cinnteach  do'n  mhuinntir  iriosal. 

III.  An  dearbh-chinnteaehd  gu'n  togair  suas  iad- 
san  a  tha  'g  an  irioslachadh  fèin  fo  staid  iosail.  Nan 
d'thugadh  neach  dearbhadh  dhuibh,  'nuair  a  bhith- 
eadh  sibh  air  teachd  gu  bochdainn,  gu'n  d'  thigeadh 
an  t-àm  fathast,  gun  teagamh,  anns  am  bitheadh 
sibh  beartach ;  'nuair  a  bhitheadh  sibh  gu  tinn,  nach 
bàsaicheadh  sibh  leis  an  tinneas  sin;  ach  gu'm  fàs- 
adh  sibh  gu  math  gu  cinnteach,  dheanadh  sin 
còmhnadh  ribh  gu  giùlan  ni  b'fhearr  le  'ur  bochd-  * 
ainn  agus  le  'ur  tinneas,  agus  bheireadh  sibh  co'- 
fhurtachd  dhuibh  fèin  leis  a'  bheachd  sin.  Gidh- 
eadh,  feudaidh  neach  fantuinn  bochd,,  agus  gu'n  bhi 
gu  bràth  beartach,  gu  tinn  agus  bàsachadh  leis  an 
tinneas  sin  ;  ach  ge  b'e  dh'irioslaicheas  iad  fèin  fo'n 
staid  iosailj  's  urrainn  duinn  a  làn  dhearbhadh  dhoibh 
bho  fhocal  an  Tighearna,  gu'm  bi  iad  gu  cinnteach, 
air  an  togail  suas  agus  air  am  fuasgladh  bho'n  staid 
iosail:  chì  iad  gu  cinnteach  là  am  fois  agus  am 
fuasglaidh,  'nuair  a  chuimhnicheas  iad  an  eallachan 
inar  uisgeachan  a  dh'fhailnich.  Agus  feudaidh  sibh 
bhi  cinnteach  dheth  sin  bho  na  nithibh  so  a  leanas. 

K 


146 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


1 .  Tha  nàdur  Dhè,  air  a  thoirt  fainear  gu  ceart, 
'g  a  dhaingneachadh.  Salm  ciii.  8,  9.  "  Is  tròcair- 
each  agus  is  gràsmhor  an  Tighearna,  màll  chum 
feirge  agus  paiit  ann  an  caoimhneas  gràidh.  Cha 
chronuich  e  gu  sìorruidh,  agus  cha  ghleidh  e  'fhearg 
gu  bràth."  Feudaidh  a  t-anam  gràsmhor,  a  dh'amh- 
airceas  ri  Dia  ann  an  Criosd,  tri  nithe  fhaicinn 
co'cheangailte  'n  a  nàdur  a  tha  'g  a  dhaingneachadh  , 

(1.)  Chumhachd  neo-chrìochnach,  a  tha  comasach 
na  h-uile  nithe  a  dheanamh.  Cha  'n  'eil  coirean 
air  bith  co  iosal,  's  nach  comasach  dhasan  an  togail 
suas  ;  co  aimhreiteach  agus  deachdair,  's  nach  com- 
asach  dhasan  an  reiteachadh ;  co  eu-dòchasach,  's 
nach  comasach  dhasan  an  leigheas.  Gen.  xviii.  14. 
"  Am  bheilni  air  bith  do-dheanta  do*n  Tighearna?*' 
Ciod  air  bith  ar  cor,  cha  'n  'eil  e  gu  bràth  do-dheanta 
dhasan  a  leigheas  ;  ach  's  e  'n  t-àm  is  ro  iomchuidh 
leis-san  a  ghabhail  os  laimh,  'nuair  a  bheir  càch  uile 
thairis  e.  Deut.  xxxii.  36.  "  Oir  bheir  an  Tigh- 
earna  breith  air  a  shluagh,  agus  gabhaidh  e  aithre- 
achas  a  thaobh  a  sheirbhiseach  ;  'nuair  a  chì  e  gu'n 
d'fhalbh  an  neart,  agus  nach  'eil  neach  dhiubh  air  a 
dhruideadh  suas,  no  air  fhàgaiL,, 

(2.)  Maitheas  neo-chrìochnach  deònach  gu  co- 
bhar.  Tha  e  maith  agus  gràsmhor  'n  a  nàdur.— 
Exod.  xxxiv,  6 — 9.  Agus  uime  sin,  is  tobar  com- 
f  hurtachd  a  chumhachd  dhoibh-san.  Rom.  xiv.  4. 
Feudaidh  daoine  bhi  deònach  nach  'eil  comasach ; 
no  comasach  nach  'eil  deonach ;  achfeudaidh  maith- 
eas  neo-chiìochnaclr,  co'cheangailte  ri  cumhachd 
neo-chrìoclinach  ann  an  Dia,  a'  mhuinntir  iriosal  a 
dheanamh  cinnteach  do  thogail  suas  ann  an  àm 
iomchuidh.  Is  focal  so  a  tha  do  mhilseachd  do- 
bharalachaidh.  1  Eoin  iv.  16.  u  Agus  dh'aithnich 
sinne  agus  chreid  sinn  an  gràdh  a  tha  aig  Dia  dhuinn. 
Js  gràdh  Dia ;  agus  an  tì  a  tha  fantuinn  ann  an 
gràdh,  tha  e  'n  a  chòmhnuidh  ann  an  Dia,  agus  Dia 
annsan.,,  Tha  innigh  Athar  aige  thaobh  na  muinn- 
tir  iriosal.    Salm  ciii.  13. — "  Mar  a  ghabhas  athair 


AiN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR.  147 

truas  d'a  chloinn,  gabhaidh  an  Tighearna  truas 
dhiubhsan  d'an  eagal  e." — Seadh^  innigh  do  thròcair 
ni's  ro  chaoimhneiie  na  innigh  Mathar  do  ieanabh  a 
cìche.  Isa.  xlix.  15.  Uime  sin,  ge  b'e  mar  tha 
'ghliocas  'g  a  f  haicinn  feumail  an  cuir  ann  an  staid 
iosail,  agus  an  cumail  ann  rè  tamuill,  cha'n  urrainn 
e  bhi  gu'm  fàg  e  ann  iad  gu  tur. 

(3.)  Gliocas  neo-chrìochnach_,  nach  'eil  a'  deanamh 
ni  sam  bith  gu  dìomhain,  agus  uime  sin,  cha  chum 
e  neach  air  bith  ann  an  staid  iosail  gun  aobhar. 
Tuir.  iii.  32 ,  33.  "  Ach  ged  a  bheir  e  aobhar  broin, 
gidheadh  ni  e  iochd  do  rèir  lionmhoireachd  a  thròe- 
airean.  Oir  cha  chlaoidh  e  d'a  dheoin,  ni  mo 
chràidheas  e  clann  nan  daoine."  'S  e  'chrìoch  agus 
an  rùn  a  th'aig  Dia  ann  an  daoinibh  a  chuir  an  staid 
iosail  chum  an  irioslachadh ;  'nuair  a  tha  sin  air  a 
choilionadh,  agus  nach  'eil  feum  tuille  air  a  son  anns 
an  dòigh  sin,  reudaidh  sinne  bhi  cinnteach  gu'm  bì  i 
air  a  toirt  air  falbh. 

2.  Tha  freasdal  Dè,  'nuair  a  ghabhair  beachd  air 
'n  a  dhoigh  suidhichte  gnìomhachaidh  ri  ehreutair- 
iblx,  a'  dearbhadh  sin.  Tionndaibh  'ur  sìdlean  ge 
b'e  taobh  is  àill  leibh  air  freasdal  Dè,  's  feudaidh 
sibh  a  cho'dhunadh  uaithe  sin,  gu'm  bì  mhuinntir 
iriosal  air  an  togail  suas  an  àm  iomchuidh. 

(1.)  Thugaibh  fainear  freasdal  De,,  ann  an  riagh- 
ladh  an  iomlan  do  chùrsa  nadùir,  tha  là  teachd  an 
deigh  na  h-òidhche  is  fhaide,  sàmhradh  an  deigh  a' 
gheamhraidh^,  fàs  na  gealaich  an  deigh  crìonadh  na 
gealaich,  iionadh  na  mara  an  deigh  traoghadh  na 
mara,  &c.  Na  biodh  muinntir  iriosal  an  Tigh- 
earna  'n  an  luchd-coimhead  dìomhain  air  na  nith- 
ibh  so ;  oir  tha  iad  chum  ar  fòghlum.  ler.  xxxi. 
35—37.  "  Mar  so  deir  an  Tighearn,  tha  toirt  na 
gre'ine  air  son  soluis  anns  an  la,  òrduighean  na 
gealaiche  agus  na'n  reultan  air  son  soluis  anns  an 
oidhche^  tha  deanamh  na  fairge  ciùin,  tra  bhios 
a  tùinn  a'  beucaich;  Tighearna  nan  sluagh  is  e 
ainm.    Ma  dh'imicheas  na  h-orduighean  so  as  mo 


148  AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 

shealladh-sa,  deir  an  Tighearna,  an  sin  cuideachd 
sguiridh  sliochd  Israeil  bho  bhi  'n  an  cinneach 
am  feasd  ann  am  làthair."  An  cum  an  Tighearn  a 
leithid  a  chùrsa  seasmhach  anns  an  talamh,  anns 
an  fhairge,  agus  anns  na  nèamha  faicsinneach, 
ann  a  bhi  'g  an  togail  suas  an  deigh  an  tilgeadh 
sìos,  agus  an  dì-chuimhnich  e  a  mhàin  a'  mhuinnt- 
ir  iriosal  ?  Cha  dì-chuimhnich  e,,  air  sheoil  air  bith. 

(2.)  Thugaibh  fainear  freasdal  Dè,  a  thaobh  an 
duine  Criosd,  an  cusbair  ro  naomh  agus  urramach 
sin.,  ni's  ro  luachmhoire  na  mìle  saoghal.  Colos. 
ii.  9.  Nach  do  ghabh  Freasdal  an  rathad  so  dhasan 
le  irioslachadh  an  toiseach_,  an  deigh  sin  àrdachadh, 
agus  a  thogail  suas  ?  thug  e  sìos  e  'n  toiseach  gu 
duslach  a'  bhàis,  le  cùrsa  do  fhulangasaibh  rè  thiì 
bliadhna  deug  thar  f  hichead,  an  deigh  sin  dh'àrdaich 
se  e  gu  deas-làimh  an  Athar  ann  an  sìorruidheachd 
do  ghlòir  ?  Eabh.  xii.  2.  "  Neach  air  son  an 
aoibhneis  a  chuireadh  roimhe,  a  dh'fhuiling  an 
crann-ceusaidh,  a'  cur  na  naire  an  neo-shuim,  agus 
a.  shuidh  air  deis  righ-chaithreach  Dè."  Philip.  ii. 
8,  9.  (C  Agus  air  dha  bhi  air  f  haghail  ann  an  cruth 
mar  dhuine,  dhnioslaich  se  e  fèin,  agus  bha  e  ùmhal 
gu  bàs,  eadhon  bàs  a'  chroinn-cheusaidh  :  Air  an 
aobhar  sin  dh'àrdaich  Dia  e  gu  ro  àrd  mar  an 
ceudna."  Dh'fheumadh  e  bhi  gu'n  tigeadh  àrdach- 
adh  an  deigh'  irioslachaidh.  Luc.  xxiv.  26.  "  Nach 
b'eigin  do  Chriosd  na  nithe  so  f  hulang,  agus  dol  a 
steach  d'a  ghlòir  ?'  Agus  churmaic  esan  agus  chreid 
e  gu'n  tigeadh  e,  mar  a  dh'fhàsas  an  sìol  an  deigh  a 
chuir.  Eoin  xii.  24.  Tha  gnothach  dlù  aig  a 
mhuinntir  iriosal  a  th'ann  an  staid  iosail  ri  so. 

(I.)  'Seso  an  sàmhladh  a  tha  Freasdal  a'  lean- 
tuinn  'n  a  ghiùlan  d'ar  taobhsa.  Bha  an  t-Athair 
co  lan-toilichte  leis  an  dòigh  so,  ann  an  cor  a  Mhic 
fèin,  's  gu'n  do  rùnaich  e  gu'm  biodh  e  air  a  lean- 
tuinn,  ann  an  cor  uile  oighreachan  na  glòire.  Rom. 
viii.  29.  (t  Oir  an  dream  a  roimh-aithnich  e,  roimh- 
òrduich  e  iad  mar  an  ceudna  chum  a  bhi  comh- 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


149 


ehosmhuil  ri  dealbh  a  Mhic,  chum  gu'ni  biodh  esan 
n  a  cheud-ghin  am  measg  mòrain  bhraithre."  Agus 
cò  nach  biodh  toileach  siubhal  troimh  na  ghleann  is 
dùirche  a'  saltairt  a  chos-cheumansan  ? 

(2.)  Is  geall  cinnteach  so  air  gu'n  togair  sua^ 
sibh.  Bha  Criosd  'n  a  staid  irioslachaidh,  air  a 
mheas  an  Ceann  agus  am  fear-ionaid,  agus  tha  e 
mar  sin  'n  a  staid  àrdachaidh.  Mar  sin  tha  àrdach- 
adh  Chriosd  'n  a  dhearbhadh  air  gu'n  àrdaichear 
sibhse  as  'ur  staid  iosail.  Isa.  xxvi.  19.  "  T hig  do 
mhairbh  beò ;  maille  ri  mo  chorp  marbh-sa  èirigh 
iad.  Duisgibh  agus  seinnibh,  sibhse  tha  chòmh- 
nuidh  anns  an  duslach."  Hosea  vi.  1,  2.  "  Thig- 
ibh  agus  pilleamaid  ris  an  Tighearn :  oir  is  esan  a 
reub,  agus  is  e  ni  ar  leigheas ;  is  e  bhuail,  agus 
ceanglaidh  e  suas  sinn.  An  ceann  dà  latha  ni  e  ar 
n-ath-bheothachadh;  air  an  treas  là  duisgidh  e  suas 
sinn,  agus  bithidh  sinn  beò  'n  a  shealladh.,,  Eph. 
ii.  6.  '  Agus  chomh-thog,  agus  chomh-shuidhich  e 
sinn  ann  an  ionadaibh  nèambaidh  ann  an  losa 
Criosd/'  Seadh,  chaidh  e  steach  do  staid  na  glòire 
air  ar  son-ne  mar  ar  roimh-ruith-fhear,  Eabh.  vi.  20. 
"  Far  an  deachaidh  an  roimh-ruith-fhear  a  steach 
air  ar  son-ne,  eadhon  Iosa,  a  rinneadh  'n  a  ard-sha^'- 
art  gu  sìorruidh." 

(3.)  B'e  irioslachd-san  luach  'ur  'n  àrdachadh-ne. 
agus  tha  'àrdachadh  'n  a  làn-dearbhadh  gunghabh- 
adh  ris  mar  làn-dioladh,  Cha'n  'eil  staid  iosail  air 
bith  anns  am  bheil  sibh,  anns  nach  rachadh  sibh  a 
dhìth,  mar  bith  gu'n  cheannaich  esan  'ur  togail  sua.- 
asda  le  irioslachadh  fe'in.  Isa.  xxvi.  19.  A  nis,  tha 
a  ghràs  irioslachaidh-san  annaibhs'  na  dhearbhadh 
air  gu'n  ghabhadh  r'a  irioslachadhs'  chum  sibhse 
thogail  suas. 

4.  Thugaibh  fainear  freasdal  Dè  a  thaobh  na 
h-eaglais  anns  gach  linn.  'S  e  so  an  rathad  a 
chleachd  an  Tighearna  dh'i.  Salm  cxxix.  1 — 4. 
Chaidh  Abel  a  mharbhadh  le  Cain  aingidh,  gu  mòr 
chràdh  Adhaimh  agus  Eubha,  agus  a  chuid  eile  fta 'i, 


150 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


cloinn  chràbhach :  ach  an  deigh  sin  thogadh  suas 
sliochd  eile  an  àit  Abel.  Gen.  iv.  25.  Bha  Noah 
agus  a  mhic  air  am  beò  adhlacadh  anns  an  airc 
còrr  agus  bliadhna ;  ach  an  deigh  sin  thugadh  a  mach 
iad  chum  saoghal  nuadh  agus  bheannaicheadh  iad. 
Bha  Abraham  rè  iomadh  bliadhna  as  eugais  clòinne  ; 
ach  mu  dheireadh  rugadh  Isaac.  Bha  Israel  re 
ùine  fhada  ann  an  daorsa  thruaigh  's  an  Eiphit ;  ach 
fadheoidh  shuidhicheadh  iad  ann  an  tir  a'  gheallaidh, 
&c.  Feumaidh  sinn  a  bhi  toilichte  siubhal  ann  an 
cos-cheumaibh  na  treud  ;  agus  ma  leanas  sinn  iad 
'n  an  irioslachadh,  leanaidh  sinn  iad  gu  cinnteach  'n 
an  àrdachadh  mar  an  ceudna. 

5.  Thugaibh  fainear  freasdal  Dè  ann  am  frith- 
ealadh  a  gìiràis  a  thaobh  a  chloinne.  'S  i'n  riaghailte 
choitchionn.  1  Pead.  v.  5.  "  Oir  tha  Dia  sl  cur 
an  aghaidh  nan  uaibhreach,  ach  a'  toirt  grais  dhoibh- 
san  a  tha  iriosal."  Cionnas  a  tha  iad  air  an  toirt 
gu  staid  gràis  ?  Nach  ann  le  obair  fhallain  irios- 
lachaidh  a  dhol  air  thoiseach  ?  Lucas  vi.  48.  Agus 
gu  gnàthaichte  mar  is  mò  an  tomhas  do  ghràs  a 
th'air  a  rùnachadh  air  son  neach,  's  ann  is  mò  an 
irioslachadh  an  toiseach^  mar  ann  an  cor  Phòil.  Ma 
tha  iad  gu  bhi  air  an  aiseag  bho  staid  cùl-sleamh- 
nachaidh,  tha  'n  dòigh  ceudna  air  a  chleachdadh  ; 
mar  sin  tha  'n  irioslachadh  is  mò  gu  gnàthaichte  a' 
deanamh  rathaid  air  son  an  t-sòlais  is  mò,  agus  tha'n 
uair  is  dùirche  a'  dol  roimh  èirigh  Grein  an  Ion- 
racais  orra.    Isa.  lxvi.  5 — 13. 

6.  Thugaibh  fainear  freasdal  Dè  a'  tilgeadh  sìos 
dhaoine  aingidh  mu  dheireadh  ge  b'e  co  fad  's  a 
sheasas  agus  a  shoirbhicheas  iad.  Salm  xxxvii.  35, 
36.  '*  Chunnaic  mi  an  duine  aingidh  am  mòr  chumh- 
achd,  agus  e  ga  sgaoileadh  fèin  a  mach  mar  ur 
chraoibh  uaine  ;  ach  chaidh  e  seachad^  agus  feuch, 
cha  robh  e  ann  ;  agus  dh'iarr  mi  e  ach  cha  d'fhuaras 
e."  Tha  iad  re  ùine  fhada  uaine  fa  chomhair  na 
grèine,  ach  mu  dheireadh  buailear  iad  gu  h-obann 
leis  a'  ghaoith  an  ear,  agus  seargaidh  iad  air  falbh  ; 


AN  CAJrìADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


151 


theid  an  lochran  as  le  droch  bholadh,  agus  tilgear  a 
mach  iad  gu  dubh  dhorchadas.  A  nis,  tha e  neo-threag- 
arrach  ri  caomhalachd  nàduir  Dhè3  gun  dì-chuimh- 
nicheadh  e  'mhuinntir  iriosal  a  thogail  suas,  nuair  a 
tha  cuimhne  aig  air  a  mhuinntir  àrdanach  isleachadh. 

Tha  focal  Dè  Jg  a  chur  an  taobh  thall  do  gach 
uile  theagamh,  oir,  bho  thoiseach  gu  chrìch,  is  e 
bònn-dòchais  na  muinntir  iriosail  gun  togair  suas 
iad.  Salm  cxix.  49,  50.  "  Cuimhnich  am  foeal 
do  t'oglach,  as  an  d'  thug  thu  orm  earbsadh.  Is  e 
so  mo  chomhfhurtachd  ann  am  àmhghar ;  oir 
bheothaich  t'  fhocal  mi."  'S  e  'fhocal  litir  mhòr 
'ainme,  ni  air  an  toir  e  gu  cinnteach  dealrachadh. 
Salm  cxxxviii.  2.  <c  Oir  dh'àrdaich  thu  t'fhocal  os 
cionn  t'àinme  uile;"  ris  an  d'  earbadh  gu  tearuinte 
anns  gach  lìnn,  Salm  xii.  6.    Thugaibh  fainear, 

(1.)  Do  theagasgaibh  an  fhocaiL,  a  tha  teagasg 
creidimh  agus  dòchais  ann  an  àm  na  trioblaid,  agus  a' 
chrìoch  shonadh  a  bhios  aig  cleachdadh  nan  gràsan 
so.  Tha  n  sgriobtuir  gu  leir  a*  cur  an  ceill  dhoibh- 
san  a  th'ann  an  staid  iosail,  Gu  n  am  muinghinn  a 
thilgeadh  uatha,  ach  dòchas  a  bhi  aca  gus  a'  chrìch ; 
agus  sin  air  son  an  deagh  aobhair  so,  nach  bi  e  an 
dìomhanas.  Faic  Salm  xxvii.  14.  4  4  Feith  air  an 
Tighearna,  glac  misneach^  agus  neartaichidh  esan 
do  chridhe  :  feith,  tha  mi  'g  ràdh,  air  an  Tighearna." 
Agus  coimeasaich,  Rom.  ix.  33,  Isa.  xlix.  23.  "  Cha'n 
nàraichear  iadsan  a  chuireas  an  dòchas  annam-sa." 

(2.)  Do  gheallaidhibh  an  fhocail,  leis  am  bheil 
ilaitheanas  ceangaìlt  chum  a'  mhuinntir  a  tha  'g  an 
irioslachadh  fèin  ann  an  staid  iosail  a  thogail  suas, 
Seumas  iv.  10.  f<  Irioslaichibh  sibh  fèin  am 
nanuis  an  Tighearna,  agus  àrdaichidh  e  sibh." 
Mata  xxiii.  12.  "  Agus  ge  b'e  neach  a  dh'  islich- 
eas  e  fèin  àrdaichear  e."  Feudaidh  e  ùine  a 
ghabhail  mu'm  bì  iad  ullamh  air  son  an  togail  suas, 
ach  air  dha  sin  a  bhi  ullamh,  tha  e  air  a  dheanamh 
cinnteach,  Salm  x.  1?.  <f  A  Thighearna,  chuala 
tu  miann  nan  daoine  iriosal ;  deasaichidh  tu  an 


152 


AN  CAMADH  ?S  a'  CHRANNCHUR. 


cridhe ;  bheir  tu  air  do  chluais  eisdeachd/'  Tha 
Thocal  aca  air  a  shon  gu'n  saoir  e  iad.  Salm  l.  15. 
Agus  ged  dh'fheudadh  iad  a  bhi  a  thaobh  coslais 
air  an  dì-chuimhneachadh.,  gidheadh  cha  bhi  iad 
mar  sin  gu  bràth ;  oir  thig  àm  an  saoraidh,  Salm 
ix.  18.  "Oircha  dì-chuimhnichear  an  t-ainnis  gu 
bràth  ;  cha  teid  as  do  dhòchas  nam  bochd  gu  sìorr- 
uidh/'  Salm  cii.  17.  "  Bheir  e  'n  aire  do  ùrnuigh 
nan  diobarach,  agus  cha  dean  e  tàir  air  an  achanaich/' 

(3.)  The  eisimpleirean  an  fhocail  a'  làn  daing- 
neachadh  fìrinn  nan  teagasgan  agus  nan  geall- 
aidhean,  Rom.  xv.  4.  "  Oir  ge  b'iad  nithe  air  bith 
a  sgrìobhadh  roimhe  so,,  is  ann  chum  ar  teagaisg-ne 
a  sgrìobhadh  iad ;  chum  trìd  f  hoighidinn  agus 
comhfhurtachd  nan  sgriobtuir  gusm  biodh  dòchas 
againne/'  Anns  na  teagasgaibh  agus  anns  na  geall- 
aidhibh  tha  'n  togail  suas  air  a  chur  fa  chomhair  ar 
creidimh,  gu  bhi  air  a  mheas  air  creideas  focail  Dè ; 
ach,  anns  na  h-eisimpleiribh,  tha  e  air  a  chur  fa 
chomhair  ar  sùilean,  gu  bhi  air  f  haicinn  ann  an  cor 
muinntir  eile,  Seum.  v.  11.  "  Feuch  measar  sona 
leinn  iadsan  a  dh'fhuilingeas.  Chuala  sibh  iomradh 
air  foighidinn  loih,  agus  chunnaic  sibh  crìoch  an 
Tighearna ;  gu  bheil  an  Tighearna  ro  thiom- 
chridheach  agus  tròcaireach*  Feudaidh  sinn  sin 
fhaicinn  ann  an  cor  Abrahaim,  Ioib,  Dhaibhidh^ 
Phoii,  agus  naoimh  eile ;  ach  os  ceànn  nan  uile,  ann 
an  cor  an  duine  Criosd. 

(4.)  Tha  eadar-ghuidh  Chriosd,  ag  aonadh  ri 
ùrnuighibh  agus  ri  glaodhaich  a  mhuinntir  iriosail, 
'n  an  staid  iosail,  'n  a  chinnteas  air  gu'n  togair  suas 
iad  mu  dheireadh.  Ged  nach  glaodh  na  h-uabh- 
raich  'nuair  a  cheanglas  e  iad,  gidheadh  glaodhaidh 
a  mhuinntir  iriosal  fèin.  Salm  xlii.  7,  8.  "  Tha 
doimhne  a'  gairm  air  doimhne  le  fuaim  t'fheadan 
uisge ;  chaidh  do  stuaidhean  agus  do  thonnan  uile 
tharum.  Anns  an  là  àithnidh  an  Tighearn  a 
thròcair,  agus  's  an  oidhche  bithidh  a  laoidh  maille 
rium,  agus  m'  ùrnuigh  ri  Dia  mo  bheatha."  Ged 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


153 


dh'fheudadh  na  h-ana-creidmhich  a  bhi  air  an 
sgìtheachadh  gu  h-ealamh,  agus  an  t-iomlan  a 
thoirt  thairis,  's  cinnteach  nach  dean  na  creidmhich 
sin  ;  ged  dh'f  heudadh  iad  ann  am  braise  do  bhuair- 
eadh,  a  leigeadh  dhiubh  mar  ni  eu-dòchasach,  chì 
iad  gu'm  feum  iad  teannadh  ris  a  rìs.  Ier.  xx.  9. 
"  An  uair  a  their  mi,  Cha  toir  mi  iomradh  air,  ni 
mò  labhras  mi  tuilleadh  'n  a  ainm  ;  an  sin  tha 
fhocal  ann  am  chridhe,  mar  gu'm  b'e  teine  loisg- 
each,,  air  a  dhruideadh  suas  ann  am  chnàmhan ; 
agus  ged  sgìthich  mi  mi  fèin  'g  a  chumail  a  steach, 
cha'n  urrainn  mi."  Agus  buanaichidh  iad  ag 
eigheach  a  là  agus  a  dh'oidhche.  Lucas  xviii.  7, 
gu'n  fhios  aca  c'uin'  a  sguireas  iad  gus  an  togair 
suas  iad.  Tuir  iii.  49,  50.  "  Tha  mo  shùil  & 
sileadh  sìos  gun  chasgadh  agus  gun  sgur:  gus  an 
seall  an  Tighearn  a  nuas,  agus  gu'n  amhairc  e  o 
nèamh."  A  nis,  air  do  eadar-ghuidhe  Chriosd  a 
bhi  air  aonadh  ris  a  ghlaodhaich  so,  cha'n  urrainn 
e  bhi  nach  togair  suas  iad. 

(].)  Thugaibh  fainear,  gu  bheil  eadar-ghuidh 
Chriosd,  gun  teagamh,  air  aonadh  ri  glaodhaich 
agus  ri  ùrnuighibh  na  muinntir  iriosail  'n  an  staid 
iosail.  Taisb.  viii.  3.  "  Agus  thàinig  aingeal  eile^ 
agus  sheas  e  aig  an  altair,  agus  tùiseir  òir  aige ; 
agus  thugadh  dha  mòran  tùise,  chum  gu'n  tugadh  se 
e  maille  ri  ùrnuighibh  nan  uile  naomh  air  an  altair 
òir,  a  bha  'n  làthair  na  righ-chaithreach."  Tha  iad 
air  an  còmhnadh  leis  an  Spiorad  gu  osnaich  a* 
dheanamh  air  son  cobhair. — Rom.  viii.  26. — agus 
tha  na  h-ùrnuighean  agus  na  h-osnan,  a  tha  troimh 
'n  Spiorad_,  gu  cinnteach  gu  bhi  air  an  deanamh 
eifeachdach  le  eadar-ghuidhe  a  Mhic.  Seumas  v. 
16.  Agus  feudaidh  sibh  aithneachadh  gur  ann 
leis  an  spiorad  a  tha  iad,  ma's  e  's  gu  bheil  sibhs' 
air  'ur  còmhnadh  gu  buanachadh  ann  an  ùrnuigh, 
ann  an  earbsa  gu  'm  faigh  sibh  'ur  n-iarrtas  mu 
dheireadh  air  barantas  focal  geallaidh  Dhè ;  oir 
cha  'n  'èil  ann  an  ùrnuighibh  nàduir  ach  lochan  a 


154 


AN  CAMADH  's  A*  CHRANNCHUR. 


thiormaicheas  suas  ri  àm  tart  fada.  'S  e  Spiorad 
na  h-ùrnuigh  an  tobair  mairsinneach.  Eoin  iv.  14. 
Salm  cxxxviii.  3.  "  'S  an  là  air  an  do  ghlaodh  mi 
riut,  fhreagair  thu  mi ;  neartaich  thu  mi  a'  m' 
anam  le  treòir."  Gu  firinneaeh  tha  'eadar-ghuidhe 
air  nèamh,  air  son  staid  iosail  na  muinntir  iriosal. 
"  An  sin  fhreagair  aingeal  an  Tighearna,  agus 
thubhairt  e  ;  O  Thighearna  nan  sluagh,  cia  fhad  a 
bhios  tu  gun  tròcair  a  dheanamh  air  Ierusalem, 
agus  air  bailtibh  Iudah,  ris  am  bheil  thu  ann  an 
corruich  a  nis  deich  agus  trì-fichead  bliadhna  ?" — 
Sachar.  i.  12.  Cionnus  ma  ta  is  urrainn  doibh  gu'n 
bhi  air  an  togail  suas  ann  an  àm  iomchuidh  ? 

(2)  Tha  e  dian  dhùrachdach  na  eadar-ghuidh 
air  son  a'  phobuill  'n  an  staid  iosail.  Tha  cuid  a 
labhras  focal  math  as  leth  diol-deirce,,  air  nach  bì 
ach  beag  curam  co  dhiubh  a  shoirbhicheas  leo  no 
nach  soirbhich ;  ach  tha  ar  Fear-eadar-ghuidh-ne 
da  rìreadh  as  leth  a  mhuinntir  iriosal ;  oir  tha  e  air 
a  ghluasad  le  co'  mhothachadh  a  thaobh  an  cor. — 
Isa.  lxiii.  9.  "  'N  an  uile  àmhghar  bha  esan  fo 
amhghar."  Co'mhothachadhro  iochdmhor. — Sechar. 
ii.  8.  "  Oir  an  tì  a  bheanas  ribhse  beanaidh  e  ri 
cloich  a  shùla-san."  Tha  'n  cor  aige-san  air  a 
chridhe,  far  am  bheil  e,  's  an  ionad  naomh  anns  na 
nèamha  is  àirde — Exod.  xxviii.  29. — agus  tha  e 
cumail  mìn-chunntas  air  ùine  an  staid  irioslachaidh, 
ge  b'e  co  fada  sa  mhaireas  i.  Sech.  i.  12.  Osbarr, 
's  e  'ghnothaich  fèin  a  th'ann  ;  oir  tha'n  togail  suas 
a  tha  iad  gu  fhaotuinn  air  a  dheanamh  cinnteach 
dhasan,  anns  na  geallaibh  a  rinneadh  dha  air  son 
fhola  a  dhoirt  e  air  an  son.  Salm  lxxxix.  33,  36. 
Mar  sin  cha'n  e  a  mhàin  gu  bheil  iadsan  a  th'  air  an 
talamh,  ach  tha  'n  Duine  Criosd  air  nèamh,  a 
sealltuinn  àir  son  coilionaidJi  nan  geallaidhean  so. 
Eabh.  x.  12,  13.  "  Ach  an  duine  so,  an  deigh  dha 
aon  ìobairt  a  thoirt  suas  air  son  peacaidh,  shuidh  e 
a  choidh  tuilleadh  air  deas  làimh  Dhè ;  a'  feitheamh 
o  sin  suas  gus  an  cuirear  a  naimhde  ?n  an  stol-chos 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR.  155 

fo  chosaibh."  Uime  sin,  cionnus  a  b'  urrainn  a 
leithid  sin  a  dhùil  a  bhi  air  a  mealladh  ?  Tuilleadh 
eile,  's  iad  na  coirean  irioslachaidh  so  'f hulangas  fèin 
fathast,  ged  nach  'eil  e  fulang  'n  a  Phearsa,  gidheadh 
tha  e^fulang  'n  a  bhallaibh. — Colos.  i.  24.  "  Tha  mi 
nis  a'  deanamh  gàirdeachais  ann  am  f  hulangasaibh  air 
bhur  sonsa,  agus  a'  coimhlionadh  mheud  's  a  ta  dhèidh- 
làimh  do  àmhgharaibh  Chriosd  ann  am  fheòil,  air  son 
a  chuirp-san,  eadhon  na  h-eaglais."  Uime  sin,  tha 
gachjuile  aobhar  air  co'dhunadh  gu  bheil  e  a  rìreadh. 

(3)  Tha  eadar-ghuidhe-san  an  còmhnuidh 
eifeachdach.  Eoin  xi.  42.  "  Agus  tha  fios  agam 
gu  bheil  thu  'g  èisdeachd  rium  a  ghnàth."  Cha  'n 
urrainn  e  gu'n  bhi  mar  sin,  do  bhrìgh  gur  e  Mac 
gràdhach  an  Athar ;  tha  e  mar  bhònn  do  eadar- 
ghuidhe  gur  ann  a'  tagraidh  ceartais  a  tha  e.  1  Eoin 
ii.  1 .  "Tha  Fear-tagraidh  againn  maille  ris  an  Athair, 
Iosa  Criosda  am  firean."  Tuilleadh  eile  tha  gach 
cumhachd  air  nèamh  agus  air  talamh  ag  gabhail  comh- 
nuidh  annsan.  1  Eoin  v.  22.  Agus,  fadheoidh,  esan  agus 
'Athair  is  aon  iad,  agus  is  aon  an  toil.  Mar  sin,  tha 
maraon  Criosdagus'Athairtoileach  amhuinntiririosal 
a  thogailsuas,  gidheadh  a  mhàinann  an  àm  iomchuidh. 

'S  an  dara  àite.  Theid  mi  air  m'aghaidh  gu  heachd 
ni  s'  ro  shònruichte  a'  ghabhail  do'n  teagasg.  Agus, 

'S  a  cheud  dite.  Bheir  sinn  fainear  an  togail  suas 
a  th'air  a  thoirt  mu'n  cuairt  anns  an  t-saoghal  ni  is 
e  'n  togail  suas  ann  an  cuid.  Agus, 

(1.)  Cuid  a  bheachdan  chum  nàdur  na  togail  suas 
so  shoilleireachadli. 

1.  Cha'n  'eil  leanabh  Dhè  gu  co'pàirteachadh 
do'n  togail  suas  so  anns  na  h-uile  cor.  Feudaidh 
neach  a  bhi  air  irioslachadh  ann  an  staid  iosail  as 
nach  togair  suas  e  ann  an  tìm.  Air  dhuinn  a  bhi 
air  ar  'n  irioslachadh  fo  ar  staid  iosail,  cha  bu  chòir 
dhuinn  air  bàll  a  cho'dhùnadh  bho  na  ghealladh, 
gu'm  bì  sinn  gu  cinnteach  air  ar  togail  suas,  agus  air 
ar  saoradh  as  mu  'n  ruig  sinn  ceann  ar  turuis  ;  oir 
tha  e  dearbhta,  gu  bheil  cuid  do'n  leithid  sin  ann. 


156 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


mar  a  ta  ar  neo-iomlanachdan,  ar  peacaidhean,  agus 
ar  bàsmhoireachd,  nach  urrainn  duinn  air  sheòl  air 
bith  a  chuiteachadh  am  feadh  a  bhios  sinn  's  an  t- 
saoghal  so.  Agus  tha  cuid  do  choirean  irioslachaidh 
sònruichte  ann  a  dh'fheudas  an  Tighearn  a  chroch- 
adh  mu'n  cuairt  do  neach,  agus  a  chumail  mun 
cuairt  dà,  gus  an  teid  e  sìos  do'n  uaigh,  'nuair  aig  a 
cheart  àm  a  dh'fheudas  e  neach  eile  thogail  suas 
bho'n  ni  cheudna.  Bha  Heman  air  a  chràdh  bho  oige, 
Salm  lxxxviii.  15,  agus  dream  eile  rè  am  beatha  uile. 

LeithsgeuL  Ci  Ma's  ann  mar  sin  a  tha  chùis,  ciod 
a  thig  do'n  ghealladh  gu'n  togair  suas  iad  ?  C'àit' 
am  bheil  an  togail  suas,  ma  s  e  's  gu'm  feud  neach 
a  dhol  do'n  uaigh  fo'n  chudthrom  ?" 

Freagradh.  Mar  biodh  beatha  eile  ann  an  deigh 
na  beatha  so,  bhiodh  meud-eiginn  do  chudthrom 
anns  an  leithsgeul  sin;  ach  do  bhrìgh  gu  bheil 
beàtha  eile  ann,  cha  'n  'eil  cudthrom  air  bith  ann. 
'S  an  ath-bheatha  bithidh  na  geallaidhean  air  an 
coilionadh  do'n  mhuinntir  iriosal,  mar  bha  e, 
Lucas  xvi.  22.  Thugaibh  fainear  gur  anns  an 
ath-bheatha  gu  sònruichte  a  bhios  na  geallaidhean 
air  an  coilionadh.  "  Fhuair  iad  so  uile  bàs  ann  an 
creidimh  gun  na  geallaidhean  fhaotainn,  ach  air 
dhoibh  am  faicinn  fad  o  làimh,  (agus  an  creidsinn) 
ghabh  iad  riu."  Eabh.  xi.  13.  Agus  ciod  air  bith 
coilionadh  a  nìthear  air  a'  ghealladh  's  a'  bheatha  so, 
cha'n  e  an  stoc  a  th'ann,  ach  deuchainn  no  geall  dheth. 

Ceisd.  Ach  nach  fheud  sinn  sgur  do  bhi  'g 
ùrnuigh  ar  togail  suas  anns  a  chor  sin  ? 

Frèag.  Cha'n  aithne  dhuinne  c,uin,  is  e  sin  ar 
cor ;  oir  feudaidh  cor  a  bhi  eu-dòchasach  'n  ar 
suilibh-ne,  agus  ann  an  suilibh  muinntir  eile,  a  tha 
Dia  a'  rùnachadh  a  thogail  suas  ann  an  ùine,  mar 
ann  an  cor  Ioib,  caib.  vi.  11.  '*  Ciod  e  moneart, 
gu'm  biodh  dòchas  agam  ?  agus  ciod  i  mo  chrìoch, 
gu'n  sìninn  mo  bheatha?"  Ach  ciod  air  bith  ar 
cor,  cha  bu  chòir  dhuinn  sgur  gu  bràth  do  bhi 
*g  ùrnuigh  gu'n  togta  suas  sinn,  do  bhrìgh  gu'm 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


157 


faigh  na  h-uile  e  gu  cinnteach  a  bhios  ag  ùrnuigh  air 
a  shon  tre  chreidimh ;  mar  f  haigh  iad  e  's  a'  bheatha 
so,,  gheibb  iad  e  's  an  ath-bheatha.  Tha'n  gealladh 
cinnteach,  agus  is  e  sin  an  àithne ;  mar  sin  cha'n 
urrainn  a  leithid  sin  do  dh'ùrnuighean  gu'n  tighinn 
gu  crìoch  shona  mu  dheireadh.  Salm  L.  15.  "  Agus 
gairm  orm  ann  an  latha  teanntachd :  saoraidh 
mise  thu,  agus  bheir  thusa  glòir  dhomhsa."  Tha'n 
t-iomlan  do  bheatha  a  Chriosduidh  'n  a  beatha  do 
dh'ùrnuigh  agus  do  dh'fheitheamh,  agus  's  ann  mar 
ghìll  gu  mhisneachadh  chum  sin,  a  tha  gach  saorsuinn 
aimseireil  air  an  toirt.  Rom.  viii.  23.  "  Agus  cha'n  e 
so  a  mhàin,  ach  sinn  fèin  mar  an  ceudna,  aig  am  bheil 
ceud  thoradh  an  Spioraid,  tha  eadhon  sinne  ag  osnaich 
annainn  fèin,  a'  feitheamh  ris  an  uchd-mhacachd, 
eadhon,  saorsa  ar  cuirp."  Agus  ge  b'e  ghabhas  beachd 
air  gu'm  bheil  an  togail  suas  iomlan  aig  a  bhàs  aig 
làimh,  feumaidh  e  èiridh  gu  cinnteach,  ged  robh  e 
air  toirt  thairis  a  chor  mar  chor  eu-dòchasach. 

2.  Gidheadh_,  tha  cuid  a  chòirean  ann,  nach 
co'pàirtich  do  'n  togail  suas  so.  Tha  Dia  ag  toirt 
cuid  a  thogailean  suas  chomharraichte  d'a  phobull, 
eadhon  anns  an  t-saoghal  so,  tha  e  'gan  togail  suas 
bho  fhreasdalaibh  irioslachaidh  comharraichte. — 
Tha'n  stoìrm  air  a  caochladh  gu  fèith,  agus  cha'n  'eil 
cuimhne  ac'  air  ach  mar  uisge  a  shiùbhlas.  Salm  xL 
1 — 4.   Feudair  dà  ni  a  thoirt  fainear  air  a  cheann  so. 

(1.)  Feudaidh  neach  a  bhi  ann  an  staid  iosail, 
chràiteach,  agus  eu-dòchasach  ùine  fhada,  agus 
gidheadh  feudaidh  togail  suas  a  bhi  feitheamh  air, 
a  mhaireas  ùine  ni's  ro  fhaide.  'S  e  so  cor  cloinn 
Dè,  a  th'air  an  cur  air  leth  air  uairibh  chum  a'  chùiug 
a  ghiùlan  'n  an  òige,  mar  bha  Ioseph  agus  Daibhidh  ; 
agus  cor  an  dream  sin  air  an  cuirear  i  n  an  aois  mhe- 
adhonach,  mar  bha  Iob,  neach  nach  b'urrainn  a  bhi 
'fo  dha  f hichead  bliadhna  'nuair  a  thàinig  a  thrioblaid 
air,  ach  a  bha  beò  an  deigh  sinceud  agus  dafhichead 
bliadhna.  Iob  xlii.  16.  Tha  Dia  air  a  leithid  so 
a  dhoigh  ag  ullachadh  dhaoine  air  son  feum  àraid. 


158 


AN  CAMADH  *S  A'  CHRANNCHUR. 


(2.)  Feudaidh  neach  a  bhi  ann  an  staid  iosail^ 
chràiteach,  agus  tur  eu-dòchasach,  ann  an  cùrsa 
gnàthaichte  an  f  hreasdail,  re  ùine  f  hada,  gidheadh, 
feudaidh  iad  platha  soilleir  agus  blàth  do  thogail 
suas  fhaotuinn.,  mun  tig  iad  gu  ceann  an  turuis. 
Tha  beatha  cuid  do  chloinn  De  coslach  ri  là  gruam- 
ach  uisge,  anns  an  soillsicheadh  a  ghrian  a  mach 
as  na  neòil,  gu  maiseach  soilleir  re  ùine  bhig  's  an 
fheasgair,  agus  an  sin  a  rachadh  fodha.  "  Agus 
taiiaidh  anns  an  là  sin,  nach  bì  solus  soilleir  agus 
dorchadas  ann  ;  ach  tarlaidh  air  trà  feasgair  gu'm  bi 
solus  ann/'  Sech.  xiv,  6,  7.  B'e  sin  cor  Iacoib  'n 
a  shean  aois,  a  thugadh  sìos  do'n  Eiphit  ann  an  onoir 
agus  sòlas  chum  a  mhic,,  agus  a  f  huair  bàs  an  sin. 

(3.)  Ge  be  togail  suas  a  gheibh  iad  'è  sl'  bheatha 
so,  gidlieadh  cha  bhi  iad  gu  bràth  as  eugais  cud- 
throm  air  chor-eiginn  an  crochadh  mu'n  cuairt  doibh 
chum  an  irioslachaidh.  Feudaidh  iad  an  àm  seinn 
a  bhi  aca,  ach  bithidh  an  òranan  am  feadh  a  bhios 
iad  's  an  t-saoghal  so,  air  am  measgadli  le  osnaibh. 
2  Cor.  v.  4.  "  Oir  tha  sinne  a  tha  anns  a'  phail- 
liun  so  ri  osnaich,  air  dhuinn  bhi  fo  eallach." 
Tha'n  t-saorsuinn  neo-mheasgta  air  a  gleidheadh  fa 
chomhair  an  ath-shaoghail ;  ach  bithidh  an  saoghal 
so  'n  a  fhàsach  gu  chrìch,  far  am  bi  ulfhartaich 
maille  ris  a  cheol  is  ro  aoibhniche. 

'S  an  àite  mu  dheireadh.  Cha'n  'eil  anns  gach 
togail  suas  ris  an  còmhluich  a'  mhuinntir  iriosai  an 
so_,  ach  gìll,  deuchainn,  agus  eaiias,  do'n  togail  suas 
mhòr,  a  tha  feitheamh  orra  air  an  taobh  eile ;  agus 
bu  chòir  dhoibh  amharc  orra  mar  sin. 

(L.)  Tha  iad  da  rìreadh  mar  sin.  Hosea  ii.  15. 
"  Agus  as  a  sin  bheir  mi  dh'i  a  fion-liosan,  agus 
gleann  Achoir  mar  dhorus  dòchais,,  agus  seinnidh 
i  an  sin,  mar  ann  an  laithibh  a  h-òige,  agus  mar 
anns  an  là  's  an  d'thàinig  i  nios  à  tìr  na  h-Eiphit.,> 
Tha  ar  Tighearn  Iosa  an  dràsd  a'  treòrachadh  a 
shluaigh  troimh  an  fhasach,  agus  is  earlas  am  man- 
na  agus  uisge  na  carraig,  's  an  àm,  air  na  sruthaibh 


ÀH  camadh  ;s  a'  chranschur. 


159 


meala  agus  bainne  ann  an  tìr  a'  gheallaidh.  Cha 
d'  thàinig  iad  fathast  dhachaidh  gu  tigh  an  Athar, 
ach  tha  iad  a'  coiseachd  air  an  rathad,  agus  Criosd 
aru  Brathair  is  seine  roaille  riu,  Dan.  iv.  8,  neach  a 
tha  'g  iocadh  an  cosdais  'gan  toirt  (mar  gu'm  b'eadh) 
a  steach  gu  tighibh-osda  air  an  t-slighe,  agus  'g  an 
ùrachadh  le  togail  suas  ann  an  cuid ;  an  deigh  sin 
feumaidh  iad  an  rathad  a'  ghabhail  a  rìs.  Ach  's  geall 
an  aoidheachd  sin  air  an  t-shghe  air  an  làn  aoidheachd 
a  bheir  e  dhoibh  'nuair  a  ruigeas  iad  dhachaidh. 

Leithsgeul.  "  Ach  feudaidh  muinntir  togail  suas 
f  haotuinn  'a  a'  bheatha  so,  nach  'eil  'n  a  gheall  air 
gu'n  togair  suas  iad  air  an  taobh  eile :  Cionnus  ma 
ta  a  thuigeas  mi  e  bhi  'n  a  gheall?" 

Freagradh.  Tha'n  togail  suas  sin^  a  thig  leis  na 
geallaibh,  gu  cinnteach  'n  a  geall  air  an  togail  suas 
iomlan  sin  's  an  ath-shaoghal ;  oir,  mar  is  i  an  ath- 
bheatha  an  t-àm  iomchuidh  chum  coilionadh  nan 
geallaidhean,  mar  sin  feudaidh  sinn  a  bhi  cinn- 
teach,  'nuaù'  a  thòisicheas  Dia  ri  gheailadh  a  choi- 
lionadh^,  gu'n  lean  e  air  aghaidh  gu  cinnteach  gus 
an  làn-choihon  se  e.  "  Coimhlionaidh  an  Tigh- 
earn  air  mo  shon  an  ni  bhuineas  domh."  Saim 
cxxxviii.  8.  Mar  sinn  feudaidh  sinn  a'  ràdh  mar 
thuirt  Naomi  ri  Rut,  'nuaii*  a  fhuair  i  na  se 
toimhsean  eòma  bho  Bhoas,  Rut  iii.  18.  (i  Cha 
bhi  an  duine  aig  fois  gus  an  crìochnaich  e'n  gnoth- 
ach  an  diugh."  Tha  togailean  suas  ann  a  tha 
teachd  a  thaobh  freasdalan  cumanta,  agus  cha'n 
'eil  iad  so  gu  cinnteach  ach  aon-fhillte,  agus  m 
h-ann  mar  ghìll  air  tuilleadh;  ach  tha'n  gealladh 
a'  ceangal  tròcairean  ri  cheile,  air  chor's  gu  bheil  a 
h-aon  a  gheibhear  mar  gheall  air  aon  eile  ri  teachd. 
seadh,  air  an  iomlan  diubh.    2  Sam.  v.  12. 

CeM.  "  Ach  cia  mar  dh'aithnicheas  mi  an  ann 
rathad  a'  gheallaidh  a  thig  an  togail?" 

Freag.  An  togail  suas  sin  a  thig  rathad  a'  gheall- 
aidh  thig  e  còmhladh  rathad  iosal  an  irioslachaidh, 
's  rathad  àrd  a  chreidimh;  no  creidsinn  a'  gheall- 


160 


AN  CAMADH  's  A'CHRANNCHUR. 


aidh,  agus  rathad  fada  feitheamh  le  dòchas,  agus 
buanachadh  gu  foighidneach.  Seumas  v.  7.  "  Uime 
sin,  a  bhràithre,  bithibh  foighidneach  gu  teachd  an 
Tighearna.  Feuch,  feithidh  an  tuathanach  ri  toradh 
ìuachmhor  na  talmhainn,  agus  fanaidh  e  gu  foighid- 
neach  ris,  gus  am  faigh  e  an  ceud  uisge  agus  an  t-uisge 
deireannach."  Uidheamaichidh  irioslachadh  neach 
air  son  coilionaidh  a'  gheallaidh,  deòghlaidh  an  creid- 
imh  a  bhroilleach,  agus  dlùthaichidh  feithidh  f  hoigh- 
idneach  ris  a*  bhroilleach  gus  an  tig  am  bainne  gu  pailt. 

(2.)  Cha'n  'eil  ann  an  togail  suas  air  bith  a  tha 
cloinn  Dè  a'  faotuinn  's  an  t-saoghal  so  ach  geall  do 
thogail  suas  ni's  mo.  Tha  Dia  sl  toirt  an  cuibh- 
roinn  do  dhaoinibh  saoghalta  's  a'  bheatha  so,  ach 
cha'n  fhaigh  cloinn  Dè  ach  deuchainn  do'n 
cuibhrionn  's  a'  bheatha  so.  Salm  xvii,  14.  Eadhon 
mar  gheibh  na  seirbhiseach  an  làn  thuarasdal, 
'nuair  nach  fhaigh  an  t-oighre  òg  ni  san  bith  ach 
beagan  sgillinnean  air  son  airgid  pòcaid.  Gu 
dearbh,  's  e'n  t-airgiod  pòcaid  sin  is  ro  luachmhoire 
na  maoin  an  t-saoghail  uile.  Salm  iv.  7.  "  Chuir 
thu  aoibhneas  ann  am  chridhe,  ni's  mò  na  'nuair 
is  pailte  an  arbhar  agus  am  fìon-san."  Ach  ged  tha 
e  ni  s  feàrr  na  sin,  agus  mar  an  ceudna  ni's  feàrr  na'n 
seirbhis_,  agus  ni's  ro  luachmhoire  n  an  uile  fheith- 
eamh,  gidlieadh  cha'n  àill  le  mòrachd  an  Dè  an 
cuir  air  falbh  leis.  Eabh.  xi.  16.  "  Ach  a  nis  tha 
dèidh  aca  air  duthaich  a's  feàrr,  eadhon  duthaich 
nèamhaidh  :  uime  sin  cha  nàir  le  Dia,  gu'n  goirear 
an  Dia-san  dheth  :  oir  dh'ulluich  e  dhoibh  baile." 

II.  An  togail  suas  ann  an  cuid,  a  gheibh  iadsan 
a  gheibh  an  togail  suas  so  a  thair  a  gealltuinn 
do'n  mhuinntir  iriosal. 

1.  Gheibh  iad  an  staid  iosail  air  a  h-atharrach- 
adh.  Air  do  Dhia  an  dearbhadh  rè  tamuill,  agus  an 
irioslachadh,  agus  an  cridheachan  a  thoirt  sìos, 
bheir  e  mu  dheireadh  air  falbh  an  eallach,  atharr- 
aichidh  e  'n  cudthrom  a  bha  co  fada  'n  crochadh  mu'n 
cuairt  doibh,  agus  bheir  e  air  falbh  an  earrann  sin 


ÀN  CAMADH  's  A?  CHItANNCHUK.  161 

do'n  deuchainn  gu  h-aoibhneach,  agus  leigidh  e  leo 
an  druim  a  bha  rè  ùine  fhada  air  a  cromadh  sìos  a 
dhìreadh;  agus  ni  e  sin  air  aon  do  na  ràthaidibh  so. 

(1.)  Aon  chuid  ann  an  gnè,  ag  atharrachadh  na 
h-ealJaich  gu  h-iomlan.  Fhuair  lob  a  leithid  so  a 
thogail  suas^  'nuair  a  phill  Dia  air  ais  a  bhraighdeanas, 
s  a  mheudaich  e  rithist  a  theaghlaich  agus  a  mhaoin, 
a  chaidh  araon  a  leir-sgrios.— Agus  Daibhidh,  'nuair 
a  thuit  Saul,  'fhear-geurleanmhuinn  anns  a  chath, 
agus  a  thugadh  esan  chum  na  rioghachd  an  deigh 
iomadh  ]a  sgìth,  an  dùil  là  eiginn  gu'n  tuiteadh  e  le 
làimh-san.  Is  furasd  do  ar  Dia-ne  a  leithid  so  a 
thionndadh  thoirt  mu'n  cuairt  anns  &  staid  is  ro  isle. 

(2.)  No  co'ionann,  no  co  math^  ag  toirt  air  falbh 
cudthrom  na  h-eallaich,  air  chor  's  ged  bhuanaich- 
eadh  i,  nach  sàraich  i  iad  ni's  mò.  2  Cor.  xii.  9, 
10.  "  Agus  thubhairt  e  rium,  Is  leòir  mo  ghràs-sa 
dhuit ;  oir  a  ta  mo  chumhachd  air  a  dheanamh 
foirfe  ann  an  anmhuinneachd.  Uime  sin,,  is  ro 
thoiliche  a  nì  mi  uaill  a  m'  anmhuinneachdaibh, 
chum  gu'n  gabh  cumhachd  Chriosd  còmhnuidh 
orm.  Uime  sin  tha  mi  gabhail  tlachd  ann  an 
anmhuinneachdaibh/,  Ged  nach  d'thàinig  iad  gu 
traigh,  gidheadh  cha'n  'eil  an  cìnn  ni's  mò  fo  'n 
uisge,  ach  tha  iad  ar  an  togail  suas..  Tha  Daibhidh 
a'  labhairt  gu  mothachail  mu  leithid  so  a  thogail 
suas.  Salm  xxvii.  5,  6.  "  Oir  folaichidh  e  mi  'n  a 
sgàth-thigh  ann  an  latha  an  uilc ;  folaichidh  e  mi  ann 
an  dìomhaireachd  a  phailliuin ;  air  carraig  togaidh 
e  suas  mi.  Agùs  a  nis  togar  suas  mo  cheann  os 
cionn  mo  naimhdean  mu'n  cuairt  orm;  agus  iobraidh, 
mi  'n  a  phailliun  ìobairtean  aoibhneis ;  seinnidh  mi, 
agus  canaibh  mi  cliù  do'n  Tighearn."  Fhuair an  triuir 
chloinne  a  leithid  so  a  thogail  suas  anns  an  àmhuinn 
theinntich ;  loisg  an  teine^  ach  cha  b'urrainn  e  ni  a 
losgadh  dhiubhsan  ach  an  ceanglaichean ;  bha  a 
bhlàths  agus  a  sholus  aca,  gidheadh  cha  d'rinn  a 
theas  loisgeach  cron  ar  bith  orra.  Air  uairibh  tha 
Dia  a'  togail  suas  a'  phobuill  mar  so  bho'n  staid  iosail. 

L 


162  AN  CAMADH  *S  A*  CHRANNCHtFR. 

2.  Sealladh  sòlasach  dhe  mar  ghabhadh  ri'n 
ùrnuighibh,  a  chur  iad  suas  'n  an  staid  iosail :  Am 
feadh  a  tha  'n  ùrnuighean  gun  fhreagairt  agus  an 
trioblaid  a'  mairsinn,  tha  iadsan  a  tha  feitheamh 
air  an  Tighearn  ullamh  gu  smuaineachadh  nach 
do  ghabhadh  riu  air  nèamh,  do  bhrìgh  nach  'eil 
atharrachadh  air  bith  'n  an  cor.  Iob  ix.  16,  17. 
(e  Nan  gairminn,  agus  gu'm  freagaireadh  e  mi,  cha 
chreidinn  gu'n  d'eisd  e  ri  m'  ghuth :  Oir  le 
doinionn  tha  e  'g  am  bhruthadh."  Ach  's  mear- 
achd  sin ;  oir  ghabhadh  riu  air  bàll,  ged  nach 
d'fhuair  iad  freagradh.  1  Eoin  v.  14.  "  Agus  is  e 
so  an  dòchas  a  ta  againn  annsan,  ma  dh'iarras  sinn 
ni  sam  bith  a  rèir  a  thoile,  gu'n  eisd  e  ruinn." 
Tha  'n  Tighearn  a'  deanamh  riu  mar  ni  Athair, 
ris  na  litrichibh  a  thigeadh  bho  'mhac  a  tìr  chèin, 
leughaidh  e  iad  aon  an  deigh  aon  eile  le  taitneas, 
agus  taisgidh  e  iad  gu  cùramach  chum  am  freagairt 
'nuair  bhios  e  cothromach  dha ;  agus  'nuair  gheibh 
a'  mac  am  fios  freagradh,  tuigidh  e  co  taitncach  's  a 
bha  iad  d'a  Athair.  Mata  xv.  28.   Amhuilan  so,  &c. 

3.  Freagradh.  A  shàsuicheas  an  cridhe  air  son  nan 
urnuighean  so,  a  roi'ainmich  mi,  air  chor  cha'n  e  a 
mhain  gu'm  faigh  iad  an  ni  a  bha  iad  ag  iarraidh, 
ach  chì  iad  gu'n  d'fhuair  iad  è  mar  fhreagairt  do'n 
ùrnuigh ;  agtis  cuiridh  iad  meas  dà-fhillte  air  an 
trocair.  I  Sam.  ii.  1 .  Feudaidh  ùrnuighean  ris  an 
gabhair  a  bhi  gle  fhada,  seadh,  iomadh  bliaduna  gun 
f  hreagradh,  mar  ann  an  cor  Abrahaim  agus  Dhaibh- 
idh,  ach  cha  bhi  iad  gun  f  hreagradh  mu  dheireadh. 
Salm  ix.  18.  Thig  an  t-àm  anns  an  co'pàirtich  Dia 
ritìjj  a  rèir  a  gheallaidh,  's  anns  an  caochail  iad  an  ceòl, 
agus  's  an  abair  iad,  Salm  cxvi.  1.  "  Is  toigh  leam 
an  Tighearna,  oir  dh'eisd  e  ri  guth  m'athchuingean." 
Amhaircidh  iad  air  an  togail  suas  mar  ni  air  am  bheil 
iàimh  sgrìobhaidh  Dhè  a  ta  'g  eisdeachd  ùrnuighean. 

4.  Làn  thoileachadh,  a  thaobh  giùlain  Freasdail 
d  an  taobh,  anns  gach  ceum  d'an  staid  iosail,  agus 
mar  an  ceudna  a  thaobh  a  mhaille  rinn  e  'n  an 


AN  CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR.  163 

togail  suas,  ge  b'e  co  cràiteach  's  a  bha  iad  so  roimhe. 
Taisb.  xv.  3.  'Nuair  a  sheasas  iad  air  an  traigh,  ag 
amharc  air  ais  air  na  chaidh  iad  troimhe,  bheirear 
iad  gu  ràdh,  "  Rinn  e  na  h-uile  ni  gu  math."  Na 
nithe  so  a  tha  searbh  do  Chriosduidhean  an  àm  an 
dol  trompa,  tha  iad  gle  mhilis  dhoibh  ann  an  àm  a  bhi 
g  ath-smuaineachadh  orra ;  mar  sin  tha  toimhseachan 
Shamsoin  air  a  dhearbhadh  'n  am  fèin  fhiosrachadh. 

5.  Gheibh  iad  an  togail  suas,  le  'riadh  rè  na 
h-ùine  bha  iad  as  easbhuidh.  'Nuair  a  dh'ìocas 
Dia  a  ghealladh,  iocaidh  e  maraon  an  riadh  's  an 
càlpa ;  tha  'n  tròcair  air  am  meudachadh  a  rèir  na 
h-ùine  a  dh'fheith  iad  oirre,  agus  an  cosdas  agus 
an  cruaidh-chas  a  dh'fhuiling  iad,  rè  na  h-uine 
bha  iad  a'  tagradh.  Abuichidh  toraidhean  an 
fhreasdail  chumanta  gle  luath,  agus  grodaidh  iad 
gu  h-ealamh :  ach  tha  toradh  a'  gheallaidh  fada 
ag  abuchadh,  's  uime  sin  tha  e  mairsinneach ;  agus 
mar  is  fhaide  tha  e  'g  abuchadh^  's  ann  is  ro  luach- 
mhoire  e  'nuair  a  thig  e.  Dh'fheith  Abraham 
agus  Sarah  air  a'  ghealladh  mu'n  cuairt  do  dheich 
bliadhna,  mu  dheireadh  smuainich  iad  air  rathad 
chum  a  luathachadh.  Gen.  xvi.  1—6.  Thug  so  gu 
luath  air  aghaidh  breith  Ismaeil,  ach  chab'esan  mac  a' 
gheallaidh.  Thainig  iad  gu  fìor  shean  aois  mu'n  do 
choilionadh  an  gealladh.  Gen.  xviii.  11.  Ach  'nuair 
thàinig  e,  f  huair  iad  e  mailie  ri  'n  aois  air  a  h-ath- 
nuadhachadh.  Gen.  xxi.  7. ;  xxv.  1.  'Sen  aon  bu 
ro  luachmhoire  do  na  geallaibh  uile  a  b'fhaide  bha 
gun  choilionadh,  eadhon,  gealladh  teachd  Chriosd.  a 
bha  ceithir  mìle  bliadhna  gun  choilionadh. 

6.  Bithidh  na  naimhdean  spioradail,  a  bha  gu 
pailte  rnu'n  cuairt  doibh  ann  an  àm  dorchadais  na 
staid  iosail,  air  an  sgapadh  roimh  an  togail  suas  so 
a  th'  anns  a'  ghealladh.  1  Sam.  ii.  1,  5.  tk  Agus 
rinn  Hanah  ùrnuigh^,  agus  thubhairt  i,  Tha  mo 
chridhe  a'  deanamh  gàirdeachais  anns  an  Tighearna, 
rinneadh  mo  bheul  farsuing  os  cionn  mo  naimhde. 
Iadsan  a  bha  làn,  air  son  arain  thuarasdalaich  siad 


164 


AN  CAMADH  'S  A1  CHRANNCHUR. 


iad  fèin ;  agus  iadsan  a  bha  ocrach,  sguir  iad  do 
bhi  mar  sin."  B'uamhasach  an  sealladh  do  chloinn 
Israeil  'nuair  a  bha  armailt  Pharaoih  air  an  culaobh, 
agus  a  Mhuir  Ruadh  rompa  ;  ach,  air  dhoibh  bhi 
thar  an  f hairge,  chunnaic  iad  na  h-Eiphitich  màrbh 
air  an  traigh,  Exod.  xiv.  30.  Gheibh  iadsan  a  tha 
g  an  irioslachadh  fèin  fo  f hreasdalaibh  isleachaidh  a 
leithid  so  a  shcalladh  do'n  naimhdibh  spioradail, 
'nuair  a  thig  àm  an  togail  suas-san. 

III.  Am  iomchuidh  na  togail  suas  so.  Tha  sin  na 
ceist  gle  nadurrach  dhoibh-san  a  th'  ann  an  staid 
iosail.  "Fhirna  faire,  ciod  o'n  oidhche?,,  Agus 
cha'n  urrainn  duinne  a  freagairt  do'n  anam  iriosal, 
ach  gu  coitchionn.  Isa.  xxi.  11,  12.  Uime  sin 
gabhaibh  na  beachdan  coitchionn  so  mu  timchioll. 

1.  Cha  bhi  togail  suas  na  muinntir  iriosal  fadal- 
aeh,  ma's  e  's  gu'n  toirear  fainear  cudthrom  na 
cùis ;  's  e  sin  ri  ràdh,  ma  's  e  's  gu'n  toirear  fainear 
do  luach  agus  brìgh  togail  suas  na  muinntir  iriosal ; 
'nuair  a  thig  e  cha'n  f  heudar  a  mheas  fadalach  a 
thaobh  àm.  'Nuair  a  chuireas  sibh  'im  sìol  anns  na 
raontaibh,  ged  nach  abaich  e  co  luath  ri  cuid  a 
mheasaibh  gàraidh,,  na  measaibh  gu  bheil  am 
fogharaidh  tuilleadh  is  fadalach,  ged  fheith  sibh 
ris  mun  cuairt  do  thrì  miosan  'nuair  bheir  sibh 
fainear  luach  a*  bharra.  Tha  *n  t-Abstol  a'  gabhail 
an  t-seallaidh  so  do  n'  togail  suas  ann  an  staid 
iosail.  2  Cor.  iv.  17.  "Oir  a  ta  ar  n-àmhghar 
eutrom  nach  'eil  ach  rè  sealain,  ag  oibreachdh 
dhuinne  tròm  chudthrom  glòire  a  ta  ni's  ro  anabh- 
arraich  agus  sìor-mhaireannaeh."  Mar  sin  feud- 
aidh  an  creidmheach,  a  dh'amhairceas  air  a'  gheall- 
adh,  le  sùil  a4  chreidimh,,  agus  a  bheir  fainear  a 
choilionadh,  agus  a  luach  'nuair  choilionar  e, 
iongantas  a'  ghabhail  gu'n  d'thàinig  e  ann  an  ùine 
co  goirid.  Uime  sin,  is  àm  e  a  th'  air  a  rùnachadh 
a  thig  gu  grad,  Lucas  xviii.  1,  gu  grad  /nuair 
feheirear  fainear  a  chudthrom  agus  a  luach. 
2.  'Nuair  a  thig  an  t-àm,  chithear  gur  e  sin  agus 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


165 


sìn  a  mhàin  an  t-dm  iomchuidh.  Aig  gach  ni  tha 
tràth,  agus  tha  mòr  ghliocas  'n  a  aithneachadh,  agus 
ann  an  nithibh  a'  dheanamh  'n  an  tràth.  Agus 
feudaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  nach  urrainn  gliocas 
neo-chrìochnach  a'  dhol  mearachd  'n  an  t-àm  a 
dhearmad.  Deut.  xxxii.  4.  "  Is  esan  a'  charraig, 
tha  'obair  iomlan  oir  is  breitheanas  a  shlighean 
uile."  Ach  ciod  air  bith  ni  a  ni  Dia  seasaidh  e  ris 
an  sgrùdadh  is  ro  theinne  ann  an  sin,  co  math  's 
anns  gach  uile  ni  eile.  Ecles.  iii.  14.  "  Tha  fhios 
agam  gach  ni  a  ni  Dia,  gu'm  bì  e  gu  bràth ;  cha 
ghabh  aon  ni  cur  ris,  no  aon  ni  toirt  uaith ;  agus 
ni  Dia  so,  chum  gu'm  biodh  eagal  air  daoinibh 
roimhe."  Tha  e  fior,  gu  bheil  iomadh  àm  ag 
tighinn  an  àirde  dhuinne  mar  an  t-  àm  iomchuidh 
churn  togail  suas,  nach  'eil  da  rìreadh  mar  sin 
fathast,  do  bhrìgh  gu  bheil  cuid  a  nithe  am  folach 
oirnne,  a  tha  fàgaii  an  àm  neo-iomchuidh  air  a 
shon.  Eoin  vii.  6.  "  Cha  d'  thàinig  m'  àmsa 
fathast ;  ach  a  ta  bhur  n-àmsa  ghnàth  deas."  Aeh 
'nuair  thig  na  h-uile  nithe,  a  tha  'n  còmhnuidh  roi' 
aithnichte  do  Dhia,  gu  bhi  air  am  fosgladh  suas,,  agus 
air  an  cur  còmhladh  far  comhair-ne,  an  sin  chì  sinn 
gu'n  d'thàinig  an  togail  suas  dìreach  anns  an  àm,  is 
mò  a  tha  chum  onoir  Dhè  agus  ar  math  fèin,  agus 
nach  biodh  e  co  math  nan  tigeadh  e  ni  bu  luaithe. 

3.  'Nuair  a  thig  an  t-àm  is  e  da  rìreadh  an  t-àm 
iomchuidh,,  chum  aon  do  chloinn  Dhè  a  thogail 
suas  bho  staid  iosail,,  cha  chuirear  dàil  ann  mionaid 
ni's  fhaide,,  Habac.  ii.  3.  "  Ach  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  labhraidh  i,  oir  gu  deimhin  thig  i,  cha 
bhi  i  air  dheireadh.,,  Ged  dhean  e  maille,  cha 
stad  e  's  cha  chuirear  dàil  ann  gu  h-àm  eile.  O  ciod 
an  fhois  cridhe  bheireadh  a  bhi  creidsinn  sin  gu 
daingean  dhuinn !  cha  'n  'eil  a  h-aon  do  chloinn 
Dhè,  nach  cuireadh  leis  an  ro  chùram,,  an  aghaidh 
an  togail  suas  roimh  an  àm  iomchuidh,  mar  an 
aghaidh  toraidh  an-abuich  a  thilgte  d'an  ionnsuidh 
ìe  athair  feargach,  a  chuireadh  deisinn  air  am 


106 


AN  CAMADH  *S  a'  CHRANNCHUR. 


lìaclaibh.  Uime  sin,  do  bhrìgh  gur  ann  mar  sin 
a  tha  chùis,  nam  b'e  's  gu'm  b'urramaid  a'  phùinc 
so  chreidsinn,  gu'n  tigeadh  i  gun  teagamh  's  an 
àm  iomchuidh,  gun  dkil  mionaid,  bheireadh  e  fior 
fhois  dhuinn.  Feumaidh  e  bhi  mar  sin,  do  bhrìgh 
gu'n  d'  thubhairt  Dia  e ;  ged  robh  an  cor  anabarrach 
eu-dòchasach,  's  ged  robh  beanntan  do  thrioblaidibh 
s  an  rathad,  aig  an  am  iomchuidh  sèididh  i,  (mar 
tha  e'sa  cheud  chainnt)  Habac.  ii.  3.  Sàmhladh  a 
th'  air  a  thoirt  bho  'n  ghaoith  'nuair  a  dh'èireas  i  'n 
deigh  bàlbh  chiùineas. 

4.  Tha'n  staid  iosail  gu  gnàthaichte  air  a  toirt 
air  a  h-aghaidh  gus  a  cheum  is  fhaide  mach  do  dh' 
eug-dòchas  roimh  an  togail  suas.  Bha'n  sgian  ri 
sgòrnan  Isaaic  mu'n  cualas  an  guth.  2  Cor.  i.  8,  9. 
(i  Oir  cha  b'àill  leinn,  a  bhràithre,  sibhse  bhi  ain- 
fhiosrach  mu  thimchioll  ar  n-àmhghair  a  thachair 
dhuinne  's  an  Asia,  gu'n  do  bhruthadh  sinn  gu  ro 
mhòr  thar  ar  neart,  ionnas  gu  robh  sinn  fo  amharus 
eadhon  mu'r  beatha  ;  ach  bha  againn  bìnn  ar  bàis 
annainn  fèin,  chum  nach  biodh  againn  doigh  annainn 
fein,  ach  ann  an  Dia  a  dhuisgeas  na  màirbh."  Tha 
ar  spiorada  co  cabhagach ;  'sgu'm  measar  leinn  gu'n 
tig  nithe  chum  a'  cheum  sin  gu  h-ealamh.  Ach 
feudaidh  astar  fada  bhi  aig  nithibh  ri  dhol  sìos,  an 
deigh  dhuinne  bhi  saoilsinn  gu  bheil  iad  aig  bun  a' 
chnuic.  Agus  cha  mhòr  nach  'eil  sinne  'n  ar 
breitheamhnan  co  neo-iomchuidh  mu'n  cheum  so  do 
dh'  eu-dòchas  gus  an  toirear  iad,  's  a  tha  sinn  air  an 
togail  suas.  Agus  bheir  Dia  staid  iosail  a'  phobuill 
sìos,  fathast  agus  fathast,  gus  an  tig  iad  chum  a' 
cheum  sin.  Tha  dà  aobhar  a  th'  air  son  so  ri  bhi  air 
an  toirt  fainear. 

1.  An  ceud  aon,  aobhar  niìneachaidh.  An  so  tha 
Dia  a'  gabhail  an  t-aon  rathad  a  ghabh  e  ann  an  cor 
an  duine  Criosd,  an  sàmhladh  ionmhuinn  a  tha  e  & 
leantuinn  ann  an  uile  fhrithealadh  a  Fhreasdail,  a 
thaobh  na  h-Eaglais,  agus  gach  creidmheach  air  leth, 
llom.  viii.  29.    Bha  e  rè  a  bheatha  uile  n  a  dhuine 


JLN  CAMADH  's  CHRANNCHUR. 


167 


ferònach;  agus  mar  thàinig  e  air  aghaidh  ann  an 
aimsir,  dh'  atadh  na  h-uisgeachan  ni  bu  mhò,  gus  an 
d'  thugadh  e  chum  duslach  a'  bhàis ;  an  sin  dh' 
adhlacadh  e,  agus  shèuladh  an  leaclithidh,  ni  air 
dhoibh  so  a'  dheanamh,  shaoil  leis  an  t-saoghal  gu'n 
robh  iad  glan  cuiteas  e,  agus  nach  cuireadh  e  tuille 
dragh  orra.  Ach  cha  do  thuig  iad  a'  chùis  ;  oir  b'e 
'n  t-àm  sin  an  t-àm  iomchuidh  chum  esan  a  thogail 
suas.  Agus  chan  eil  's  na  togailibh  suas  is  ro 
chomharraichte  a  tha  phobull  a'  faotuinn,  ach  a 
mhàin  mìrean  beaga  air  an  cumadh  a  reir  an  t-samh- 
laidh  urramaich  so. 

2.  An  aon  eile,  aobhar  cQ'dhunaidh,  eadhon  a 
chrìoch  agus  an  rùn  air  am  bheil  Freasdal  a'  dearc- 
adh  ann,  agus  is  e  sin  an  creidmheach  a  thoirt  gu 
glan  deth  bhònn  fèin,  agus  do  gach  bònn  cruthaichte 
chum  earbs'  agus  a  dhòchas  a  bhònntachadh  anns  an 
Tighearn  a  mhàin^,  2  Cor.  i.  9.  C(  Chum  nach  biodh 
againn  doigh  annainn  fe'in,  ach  ann  an  Dia  a 
dhùisgeas  na  màirbh."  Tha  beatha  Chrìosduidh 
anns  an  t-saoghal  so  air  arùnachdhgu  bhi  na  beatha 
do  chreidimh ;  agus  ged  f heud  an  creidimh  gnìomh- 
achadh  ni's  fhasadh  'nuair  a  tha  ni-eiginn  do  chobh- 
air  aige  bho  'n  t-sealladh,  gidheadh  's  cinnteach  gur 
ann  an  uair  a  ghnìomhaicheas  e  an  ceart  aghaidh  an 
t-seallaidh,  is  ro  oirdheirc  a  ghnìomhachadh.  Oir 
is  fior  chreidimh  e,  'nuair  a  sheasas  e  air  a  chosaibh 
nàdurrach  fèin  a  mhàin,  eadhon,  cumhachd  agus 
focal  Dè.  Rom.  iv.  19,  20.  "Agus  air  dha  gun 
bhi  anmhunn  an  creidimh,  cha  do  chuir  e  an  sùim 
gu  robh  a  chorp  fèin  a  nis  marbh — no  mairbhe 
brònn  Shàrah.  Agus  cha  do  chuir  e  an  amharus 
gealladh  Dhe'  le  mì-chreidimh ;  ach  bha  e  làidir  an 
creidimh,  &  tabhairt  glòire  do  Dhia.,,  Agus  feum- 
aidh  e  so  a  dheanamh^  'nuair  tha  cùisean  air  an  giùlan 
gus  a'  cheum  is  fhaide  mach  do  dh'eu-dòchas. 

5.  Theid  ullachadh  iomchuidh  cridhe^  chuin  an 
togail  suas  a  staid  iosail,  air  thoiseach  air  àm  iom- 
.chuidh  na  togail  suas  sin3  a  rèir  a'  gheallaidh — 


168  AN  CAMADU  'S  A*  CHRANNCHUR. 

Cha  'n  'eil  a  chùis  mar  sin  anns  na  h-uile  togaiì 
suas ;  cha  'n  'eil  togalaichean  suas  an  f  hreasdail 
chumanta  co  heachdaidh  air  an  riaghladh  ;  's  àill  le 
daoinibh  am  faotuinn,  cha  mhath  leo  hhi  as  an 
easbhuidh  ni  *s  faide,  agus  tha  Dia  'g  an  tilgeadh 
g'an  ionnsuidh  ann  am  fearg,  mas  'eil  iad  air  an 
ullachadh  air  an  son.  Hoseaxiii.il.  "  Thug  mi 
Righ  dhuibh  ann  am  f hearg/*  Cha  *n  urrainn  doibh 
seasamh  ris  an  deuehainn  air  sheòl  sam  bith,  agus  tha 
Dia  g'an  toirt  air  falbh  mar  airgiod  nach  fìù,  nach 
'eil  comasach  air  seasamh  ris.    ler.  vi.  29,  30. 

Tha  'n  t-ullachadh  iomchuidh  so  ag  co'sheasamh 
ann  an  irioslachd  iomchuidh.  Salm  x.  17.  Agus 
mar  is  tric  gabhaidh  e  mòr  shaothair  chum  so  thoirt 
mun  cuairt,  ni  is  e  pùinc  eile  do  'm  bheil  sinne  'n 
ar  breitheamhna  gle  neo-iomchuidh. — Shaoileamaid 
gu'n  deachaidh  Iob  a  thoirt  gu  bhi  gle  iosal  'n  a 
spiorad  re  ùine  f  hada,  le  freasdal  Dè  bhi  g  a  bhruth- 
adh  air  an  dara  làimh,  agus  le  chàirdibh  fèin  air  an 
ìàimh  eile.  Gidheadlx,  an  deigh  na  dh'fhuiling  e  *n 
dà  rathad,  chunnaic  Dia  feumail  labhairt  ris  fèin^  a 
chum  irioslachadh.  Caib.  xxxviii.  1 .  Leis  a  chainnt 
sin  a  labhair  Dia  fèin  ris,  thugadh  e  gu  'ghlùnaibh. 
Caib.  xl.  4,  5.  Agus  shaoileamaid  an  sin  gu'n  robh 
e  air  irioslachadh  nfs  leòir  agus  math  dh'fheudta 
gu'n  shaoil  leis  fèin  sin  mar  an  ceudna.  Ach 
chunnaic  Dia  ceum  irioslachaidh  ni  b'f  haide  feumail 
air  a  shou,  agus  uime  sin  thòisich  e  ri  labhairt  ris  a 
rithist  as  ùr  chum  irioslachaidh,  ni  a  leag  e  mu 
dheireadh  anns  an  duslach.  Caib.  xlii.  5,  6.  Agus 
'nuair  dh'ullaicheadh  e  mar  so  air  son  an  togail  suas, 
fhuair  se  e. 

Tha  sè  nithe,  a  tha  mi  smuaineachadh,  a  bhuin- 
eas  do'n  irioslachadh  so,  mu'n  togair  suas  iad. 

1 .  Mothachadh  domhain  air  am  peacadh  agus  air 
an  neo-airidheachd  a  bhi  air  an  togail  suas  idir  - — 
lob  xl.  4.  "  Feuch  tha  mi  gràineil ;  ciod  a  fhreagras 
mi  dhuit?  cuiridh  mi  mo  làimh  air  mo  bheul." — 

Feudaidh  muinntir  a  bhi  ùine  fhada  ann  an  staid 


AN  CAMADH  'S  A*  CIIRANNCHUR. 


169 


iosail,  raun  toirear  iad  gus a*  cheum  so  ;  tha  eadhon 
deadh  dhaoine  gle  chlaon-bhreitheach  air  an  taobh 
fèin,  agus  feudaidh  iad  iad  fèin  a  dhì-chuimhneach- 
adh  ann  an  tomhas  co  mòr  's  a  bhi  smuaineachadh 
gu  bheil  Dia  a'  roinn  a  dheadh-ghean  neo-chothrom- 
ach,  agus  gu  bheil  e  ni  *s  ro  chruaidhe  orra-san  na 
tha  e  air  muinntir  eile,  Tha  Elihu  ag  comharrach- 
adh  a'  mhearrachd  so  ann  an  Iob,  'n  a  'staid  iosail. 
Iob  xxxiii.  10 — 12.  Agus  tha  mi  creidsinn  gu'mbì 
e  ri  f  haicinn,  gu  bheil  sinn  ni  's  ro  dhùrachdaich 
chum  ar  'n  onoir  f ein  Ihirinneachadh  bho'n  mhasladh 
a  tha  sinn  a'  meas  a  tha  'n  staid  iosail  a'  cur  oirre,  na 
tha  sinn  gu  onoir  Dhè  f  hirinneachadh  ann  an  ceartas 
agus  ann  an  ionracas  riaghlaidh  a  fhreasdail.  Tha 
doille  'n  t-saoghail  dhroch-mhuinte,  a  tha'n  còmh- 
nuidh  ullamh  gu  bhi  baralachadh  nan  aobharan  is 
miosa  air  son  staid  iosail,  mar  gu'm  b'iad  gu  cinnt- 
each  an  dream  is  mò  a  tha  fulang  na  peacaich  is  mò, 
Lueas  xiii.  4,  a'  toirt  rathad  oibreachaidh  do'n  tog- 
radh  so  do'n  nàdur  thruaillidh.  Ach  tha  Dia  'n  a 
Dhia  eudmhor,  agus  'nuair  a'  dh'irioslaicheas  e 
sinne  ni's  leòir  bheir  e  air  aobhar  ar  n-onoir  teich- 
eadh  air  falbh,  mar  bhruach  ghaineamh  fo  ar 
cosaibh,  am  feadh  a  dh'f  heumas  sinne  gramachadh 
gu  cabhagach  chum  'onoir-san  fhirinneachadh. 

2  Strìochdadh  do  thoil  Dhè  a  thaobh  àm  an 
togail  suas.  Tha  Dia  a'  toirt  a  gheallaidhj  's  a' 
fàgail  an  àm  am  folach  oirnn.  Tha  ar  'n  àm-ne 
'n  còmhnuidh  ullamh,  agus  tha  sinn  gn  h-obann  'g  a 
lionadh  suas  le  ar  làimh  fèin.  Cha  'n  'eil  Dia  a' 
seasamh  ri  ar  'n  àm-ne,  do  bhrìgh  nach  e  an  t-àm 
iomchuidh  e.  Uime  sin,  tha  sinn  ullamh  gu  smuain- 
eachadh  gu'n  d'fhailnich  'fhocal ;  'nuair  is  e  ar  co- 
dhunadh  bràis  fèin  uaith  a  tha  fàilneachadh. — Salm 
cxvi.  11.  C(  Thubhairtmi  a'm  'dheifir,  thagachduine 
breugach."  Fhuair  mòran  do  na  naoimh  ansmachd- 
achadh  air  son  an  ni  so,  agus  leis  a  sin  dh'fhòghlum 
iad  àm  an  togail  suas  f  hàgail  do  Dhia.  Ghnàthaich- 
eadh  an  ceud  ghealladh  mar  so  le  Eubha  chreidmh- 


170 


AN  CAMADH  's  a'  CIIRANNCHUR. 


each.  Gen.  iv.  1.  Ghnàthaicli  Abraham  creidmheach 
gealladh  eile  mar  so,  an  deigh  feitheamh  air  mu'n 
cuairt  do  dheich  bliadhna.  Gen.xvi.  Agus  aon  eile  le 
Daibhidh,  mar  roimh  ainmich  mi.  Salm  cxvi.  1 1 . 

Ma  's  e  bhi  smuaineachadh  gu'n  robh  iad  ro 
bhrais  ann  a  bhi  co'chur  a'  gheallaidh  riu  fèin,,  cor 
aon  do  chloinn  Dhè  na  biodh  iad  ann  am  mi-mhisn- 
each  air  a  shon ;  cha  robh  iad  mar  sin  ach  a 
mhàin  ann  an  co'chur  an  àm  ris  a'  ghealladh ; — 
braisead  do'n  robh  na  naoimh  anns  gach  lìnn  ciont- 
ach_,  ni  as  na  ghabh  iad  aithreachas  'nuair  a  chunnaic 
iad  an  amaideachd,  agus  cha  do  ghabh  iad  gnothaich 
risa'phàincsin'san  àm  riteachd;  uime  sin,choilionadh 
an  gealladh  'n  a  àm iomchuidh  f èin.  Rachadh iadsan  a 
tha  'n  a  leithid  sin  a  staid  agus  deanadhiad  air  a  mhodh 
cheudna,  a'  fàgail  anama  gu  h-iomlan  do'nTighearna. 

3.  Strìochdudh  iomlan  a  thaobh  an  rathaid  agus 
an  doigh  's  an  toirear  mu'n  cuairt  e.  Tha  sinn 
uilamh,  a  thaobh  doigh  coilionaidh  a'  gheallaidh,  air 
rathad  sònruichte  a  chomharrachadh  a  mach  do'n 
Tighearna  chum  a  thoirt  mun  cuairt,  ceart  mar 
a  rinn  sinn  a  thaobh  àm  coilionaidh  a'  gheallaidh : 
agus  mar  cùm  e  an  rathad  sin,  gheibh  an  cridhe 
àrdanach  tuisleadh.  2  Righ  v.  11.  ec  Ach  bha 
fearg  air  Naaman,  agus  dh'fhalbh  e  roimhe,  agus 
thubhairt  e, — Feuch,  shaoil  mi,  gu  cinnteach  gu'n 
tigeadh  e  mach  a'm  ionnsuidh,  agus  gu'n  seasadh 
e,  agus  gu'n  gairmeadh  e  air  ainm  an  Tighearn  a 
Dhè,  agus  gu'n  cuireadh  e  a  làimh  air  an  àite."  Ach 
*s  àill  leis  an  Tighearna  gu'n  cuireadh  a  phobull 
cùl  ris  an  ni  sin  mar  an  ceudna^  agus  nach  comh- 
arraicheadh  iad  rathad  air  bith  dhasan,  ach  gu'm 
fàgadh  iad  an  t-iomlan  d'a  sin  dhà  fèin,  mar  anns  a 
chor  a  roi'ainmich  mi.  Rann.  14.  **  An  sin  chaidh 
e  sìos,  agus  thum  se  e  fèin  ann  an  Iordan  seachd 
uairean,  a  rèir  focail  an  duine  le  Dia, — agus 
ghlanadh  e."  Tha  ar  n-eolas  air  raidhibh  agus  air 
meadhonaibh  gle  chumhann,  oir  ma  tha  aon  rathad 
air  a  dhùnadh  suas^  cha  n  f haic  sinn  gu  tric  rathad 


AN    CAMADH  's  a'  CHRANNCHUR. 


171 


eile  gu  dol  as ;  ach  's  aithne  do  ar  Dia  iomadh 
rathad  cobhair,  far  nach  aithne  dhuinne  ach  a  h-aon, 
no  'nuair  nach  aithne  dhuinn  aon  air  bith :  agus  is 
gle  thrice  leis  an  Tighearn  àrdachadh  a  phobuill  a 
thoirt  ann  an  rathad  nach  robh  sùil  aca  ris,  an  deigh 
bhi  air  am  mealladh  gu  tric  a  thaobh  nan  raithidean 
sin  bho  'n  robh  mòr  dhùil  aca  fèin  ris. 

4.  Strìochdadh  a  thaobh  tomhais  an  togail  suas> 
seadh,  agus  a  thaobh  co  dhiubh  a  bhitheas  e  anns 
a'  bheatha  so  no  nach  bì.  Is  àill  leis  an  Tighearn 
a  phobull  a'  chur  air  diol,  air  chor  's  ge  b'e  cabhag  a 
bh'orra  uair-eiginn,  chum  bhi  air  an  togail  suas,  do 
bhrìgh  's  nach  b'urrainn  doibh  giùlan  ni  b'fhaide 
leis,  gu'n  toirear  iad  mu  dheireadh  gu  bhi  rèidh  ri 
àm-san^  agus  gu  bhi  toileach  a  dhol  do'n  uaigh  fo'n 
cudthrom,  ma  mheasar  math  e  ann  am  suilibh  an 
Tighearna ;  agus  anns  a'  chor  sin  bheirear  iad  gu 
bhi  toilichte  le  tomhas  air  bith  do'n  togail  suas  anns 
a'  bheatha  so_,  gun  bhi  comharrachadh  ciod  e  uiread. 
2  Sam.  xv.  25,  26.  "  Ma  gheibh  mi  deadh-ghean  ann 
an  suilibh  an  Tighearna,,  bheir  e  air  m'ais  mi  a  rìs. — 
Ach  ma  their  e  mar  so,  cha'n  'eil  tlachd  agam  annad  ; 
feuch^thamiseanso^deanadh  e  rium  maris  maithleis." 

5.  Buanachadh  ag  ùrnuigh  agus  a'  feitheamh 
air  an  Tighearn  anns  a'  chor  sin.  Ephes.  vi.  18. 
"  A'  deanamh  ùrnuigh  a  ghnàth  leis  gach  uile  ghnè 
ùrnuigh  agus  asluchaidh  's  an  spiorad,  agus  a'  dean- 
amh  faire  chum  an  ni  so  fèin  maille  ris  gach  uile 
^^^^^0^^^^."  'S  e  àrdan  cridhe,  agusneo-cheanns- 
achd  spioraid^  a  tha  toirt  air  muinntir  sgur  a  dh'ùr- 
nuigh  agus  a  dh'fheitheamh  a  chionn  gu  bheil  an 
staid  iosail  a'  mairsinn  àm  an  deigh  àm.  2  Righ. 
vi.  33.  Ach  *nuair  theid  fior  irioslachd,  air  thois- 
each  air  an  togail  suas,  bheir  e  daoine  gus  an  fhònn 
inntinn  sin,  a  bhi  'g  ùrnuigh,  agus  a'  feitheamh  gu 
misneachail,  gun  bhi  cur  ùine  rompa  gu  thoirt 
thairis,  gus  an  tig  an  togail  suas,  aon  chuid  ann  an 
tìm  no  n  siorruidheachd.    Tuir.  iii.  49,  50. 

6.  Bròn  fo  dhroch-riaghladh  anns  an  deuchainn. 


172 


AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 


lob  xlii.  3.  "  Uime  sin  chuir  mi  'n  cèill  nithe 
nach  do  thuig  mi;  nithe  tuilleadh  's  iongantach 
air  mo  shon-sa,  nach  b'aithne  dhomh."  Labhraidh 
agus  leudaichibh  cridhe  àrdanach  gu  mòr  air  ful- 
angasaibh  duine  anns  an  deuchainn,  agus  tilgidh 
e  mach  gach  filleadh  a  th'anns  a'  chamadh  air  an 
taobh  sin,  agus  gabhaidh  e  beachd  orra  thairis 
agus  thairis.  Ach  'nuair  thig  Spiorad  De  a  dh'irios- 
lachadh^  a  chum  gu'n  togair  suas  iad,  bheir  e  air  a' 
chreutair,  ann  an  seadh,  taobh  fulangais  a'  chamadh 
a  dhearmad,  agus  a  shuile  thionnda  air  a  ghiùlan  fèin 
fodha,  rànnsuichidh  e  chùis,  bheir  e  breith  air  fèin 
gu  neo-chlaon,  agus  dìtidh  se  e  fèin  ;  air  chor  's  gun 
dùinear  a  bheul.  'S  e  so  an  irioslachd  sin  a  tha  dol 
air  thoisich  air  an  togail  suas  anns  a'  bheatha  so:  ann 
an  rathad  a'  gheallaidh. 

II.  Theid  sinn  air  ar  n-aghaidh  chum  an  togail 
suas  a  thoirt  fainear  mar  bheirear  mu'n  cuairt  i  aig 
crìoch  na  beatha  so,  anns  an  ath  shaoghal. 

Agus,  'S  a'  cheud  dite.  Labhraidh  sinn  focal  a 
thaobh  nàduir  an  togail  suas  so.  Their  sinn  na 
cuig  nithe  so  mu  thimchioll : 

1.  Tha  dearbh-chinnteas  air  gu'n  togair  suas  & 
mhuinntir  iriosal,  as  gach  cor  anns  am  bì  iad  fo 
staid  iosail. — Ged  nach  urrainn  neach  an  deanamh 
cinnteach  gu'n  togair  suas  iad  anns  an  t-saoghal  so, 
as  gach  uile  chor,  gidheadh,  feudaidh  iad  a  bhi  cinn- 
teach^  ge  b'e  mar  tha'n  cor,  gun  teagamh  air  bith, 
gu'n  togair  suas  iad  air  an  taobh  thàll  do'n  bhàs. 
2  Cor.  v.  1.  "  Oir  a  ta  fios  againn,  n'an  sgaoilteadh 
o  cheile  ar  tigh  talmhaidh  a'  phailliuin  so,  gu  bheil 
againn  aitreabh  o  Dhia,  tigh  nach  do  thogadh  le 
làmhaibh,  sìorruidh  anns  na  nèamhaibh."  Ged  f heud 
clann  iriosal  Dhè  maraon  am  baidh-maidne  agus 
nòin  a'  ghabhail  do  dh'aran  na  h-àmghair,  agus  do 
dh'uisge  na  trioblaid_,  gidheadh,  bithidh  iad  cinnteach 
do'n  suipeir  a'  ghabhail  gu  blasda  pailt.  Agusfeud- 
aidh  an  dùil  chreidmheach  a  bh'aca  ris  an  aon  mu 


AN  CAMADH  5S  a'  CHRANNCHUR. 


173 


dheireadh  an  uidheamachadh  fa  chomair  sl  cheud 
aoin,  agus  an  deanamh  socrach  fodha. 

2.  Is  togail  suas  iotnlan  a  bhios  ann.  Eabh.  xii. 
23.  Bithidh  iad  gu  h-iomlan  air  an  saoradh  bho'n 
deuchainnibh  sònruicht,  agus  bho  gach  uiie  ni  eile 
ciod  sam  bith  iad,  a  dh'fhàg  iadsan  iomadh  là  sgìth, 
An  sin  bha  Lasarus  air  a  lan-shaoradh  bho  bhochd- 
ainn  agus  bho  'chreuehdaibh  agus  bho  bhi  'n  a  luidhe 
aig  dorus  an  duine  shaoibhir.  Luc.  xvi.  22.  Seadh^ 
togair  suas  iad  bho'n  uile  fhreasdalaibh  irioslachaidh 
còmhladh.  An  sin  bithidh  crìoch  air  an  uile  chior- 
amaibh,  air  an  uile  isle  inbhe  ann  an  dàimh,  air  an 
amlaidhibh,,  air  an  uile  amhghairibh^  air  an  uile  neo- 
chinnteachd,  agus  air  an  uile  pheacaibh.  Ma  bha  e 
fada  gun  tighinn^  bithidh  e  na  mhionaid  bheannaichte 
'nuair  a  gheibh  iad  an  t-iomlan  còmhladh. 

3.  Cha'n  e  a  mhàin  gum  bì  iad  air  an  togail  suas 
bho'n  staid  iosail,  ach  cuirear  snas  iad  air  ionad  àrda, 
mar  rinneadh  air  Ioseph:  cha'n  e  a  mhàin  gu'n  d'thug- 
adh  esan  a  mach  as  a  phriosan,  ach  rinneadh  e  'n  a 
uachdaran  thar  tìr  na  h-Eiphit.  Agus  togair  suas  iad 

(1.)  Gu  ionad  àrda,  Lucas  xvi.  22.  iC  Fhuair  an 
duine  bochd  bàs  agus  ghiùlaineacìh  leis  na  h-ainglibh 
e  gu  uchd  Abrahaim."  A  nis  cha'n  'eil  iad  aig  a' 
chuid  is  fearr,  ach  ann  an  àite  iosal  's  an  t-saoghal 
so ;  an  sin  cuirear  'n  an  suidh  iad  anns  na  nèamhaibh 
is  àirde,  Philip.  i.  23.  Ephes.  iv.  10.  A  nis  is  buidhe 
leo  gu  minig  'n  an  staid  irioslachaidh  suidh  air  an 
òtrach ;  an  sin  cuirear  'n  an  suidh  iad  maille  ri  Criosd 
air  a  righ-chathair,  Taisb.  iii.  21.  "Do'n  tì  a  bhuadh- 
aicheas  bheir  mi  comas  suidhe  maille  riumsa  air  mo 
righ-chathair/,  Ged  tha  'm  brù  a  nis  air  leantuinn 
ris  an  ùir,  agus  daoine  ag  ràdh,  "  Cromàibhsìos  gus 
an  teid  sinne  thairis  oirbh,"  bithidh  iad  an  sin  air  an 
suidheachadh  ann  an  àitibh-còmhnuidh  neamhaidh, 
os  ceann  na  gièine,  na  gealaich,  agus  nan  reultan. 

(2.)  Gu  staid  agus  inbhe  àrda,  eadhon  staid  iomlan, 
Bheirear  iad  bho'n  uile  thrioblaidibh  agus  an-shoc- 
airibh  gu  staid  f hois  ;  àrduichear  iad  bho'n  cor  suarr- 


174  AN  CAMADH  'S  a'  CHRANNCHUR. 

ach  agus  an-uasal,  chum  staid  glòire ;  leanair  am 
beatha  bhrònach  chudthromach  le  lànachd  aoibhneis; 
agus  air  son  an  staid  iosail,  eudaichear  iad  le  glòir 
agus  onoir  shìorruidh. 

4.  Is  e  'n  togail  suas  dheireannach  a  bhios  ann,  an 
deigh  nach  bì  tilgeadh  sìos  tuille  gu  brath. — Taisb. 
vii.  16.  'Nuair  a  thogair  suas  sinn  anns  an  t-saoghal 
so  tha  sinn  ullamh  gu  smuaineachadh  gu'm  bheil  sinn 
aig  crìoch  ar  deuchainnibh ;  ach  chì  sinn  gu  h-obann 
gu'n  robh  sinn  ro  chabhagach  ann  ar  co'dhunadh, 
agus  pillidh  an  neul.  Salm  xxx.  6,,  7-  "  Thubhairt 
mise  a'  m'  shocair,  cha  ghluaisear  mi  am  feasd. 
Dh'fholuich  thu  do  ghnuis ;  bha  mi  fo  amhluadh/' 
Ach  an  sin  tha  an  deuchainn  gu  cinnteach  thairis, 
tha  crìoch  air  a'  chath :  agus  thàinig  àm  an  ath- 
dhìolaidh  agus  na  buaidh. 

5.  Cha  bhi  am  fuigheal  is  lugha  do  dh'an-shocair 
aca  bho'n  staid  iosail,  ach  air  an  làimh  eile,  's  ann  a 
bheir  e  an  toradh  is  ro  thaitniche  agus  is  ro  ghlor- 
mhoire  a  mach.  Cha  'n  'eil  mi  a'  cur  an  teagamh 
nach  bì  cuimhne  aig  na  naoimh  air  an  staid  iosaii  anns 
an  robh  iad  's  an  t-saoghal  so.  An  robh  cuimhne  aig 
an  duine  shaoibhir  ann  an  ifrinn  gu'n  robh  cuigear 
bhràithrean  aig  air  an  talamh,  's  cia  sòghail  greadh- 
nach  a  chaith  e  a  bheatha,  agus  cionnus  a  bha  Las- 
arus  'n  a  shuidhe  aig  a  dhorus^,  agus  an  urrainn 
duinne  a'  chur  an  teagamh  nach  bì  cuimhne  mhath 
aig  na  naoimh  air  an  àmghairibh  tròm  ?  Taisb.  vi. 
10.  Ach  an  sin  cuimhnichidh  iad  orra  mar  uisge  a 
thiormaich  ;  mar  chuimhnicheas  an  duine  dh'aiseag- 
adh  chum  slàinte  air  a  luasgadh  air  leabuidh  a 
thinneis ;  agus  is  doigh  cuimhneachaidh  sin  a  dh'- 
f hàgas  an  t-slàinte  a  tha  sinn  &  sealbhachadh  's  an 
àm  a  ta  làthair  ni's  milse  gu  mòr  na  bhiodh  i  air 
mhodh  eile.  Gu  cinnteach  b'e  traigh  na  Mara 
Ruaidhe  an  t-àite,  thar  gach  uile  àit  eile^,  bu  fhreag- 
arraich  gus  na  h-lsraelich  a  chobhair  chum  seinn  air 
an  tèud  a  b'àirdc.  Taisb.  xv.  3.   Agus  bithidh  staid 


AN  CAMADH  *S  \    CHRANNCHUR.  175 

iosail  nan  naomh  air  an  talamh  chum  an  fheum 
cheudna  dhoibh  air  nèamh. 

'S  an  dara  àite.  Labhraidh  sinn  focal  mu  àm 
iomchuidh  na  togail  suas  so.  Tha  àm  araid  air  a' 
chomhaiTachadh  air  a  shon  ann  an  cor  gach  naomh, 
ni  is  e  an  t-àm  iomchuidh,  ach  tha  e  air  fholach 
uainne.  Cha'n  urrainn  duinn  a'  radh  ach  gu  coitch- 
ionn. 

1 .  Gur  e  n  t-àm  iomchuidh  air  a  shon.,  'nuair  a 
chrìochnaicheas  sinn  an  obair  a  tha  againn  ri  dhean- 
amh  anns  an  t-saoghal.  Dh'òrduich  Dia  do  gach 
duine  a  dhreuchd,  a  chath,  a  dheuchainn,  agus  'obair; 
agus,  gus  am  bì  sin  deanta  tha  sinn  ann  an  seadh 
neo-bhasmhor,  Eoin  ix.  4,  agus  xi.  9.  Se'n  obair  a 
th'  ann  an  sin. 

(l.)Obair  bhichionta ;  obair  a  th'air  acomharr- 
achadh  dhuinue,,  leis  a  Mhaighistir  mhòr,  gu  bhi  air 
a  dheanamh  chum  onoir  Dhè  agus  math  ar  co'chreut- 
airean,  Ecles.  ix.  10.  Feumaidh  sinne  bhi  toilichte 
bhi  g  obahv,  eadhon  ann  ar  staid  iosail,  gus  am  bì  sin 
air  a  chrìoclinachadh.  Cha  bhi  n  t-àm  iomchuidh 
ann  chum  an  togail  suas  sin,  gus  am  bhi  sinn  aig 
crìoch  na  h-oibre  sin_,  agus  mar  sin  an  riaraich  sinn 
ar  ginealach. 

(2.)  Ohairfhulangais.  Tha  cuibhroinn  àraid  do 
dh'fhulangaìs  air  a  chur  air  leth  air  son  a'  chuirp 
dhìomhair ;  agus  chomharraich  an  ceann  a  chuibh- 
roinn  fèin  do  gach  bàll  fa  leth  dheth ;  agus  cha  bhi 
an  t-àm  iomchuidh  ann  chum  an  togail  suas  sin,  gus 
an  crìochnaich  sinn  an  roinn  a  chuireadh  air  leth 
dhuinne  dheth.  Dh  amhairc  Pòl  air  a  bheatha  mar 
neach  a  bha  dol  air  aghaidh  anns  na  cenmaidh  sin. 

'2.  'Nuair  a  thig  an  togail  suas  sin,  chì  sinn  gu'n 
d'thàinig  e  dìreach  's  an  àm  iomchuidh  ;  's  gur  math 
nach  robh  e  aon  chuid  ni  b'fhadalaiche  no  ni  bu 
luaithe ;  oir  ged  is  e  nèamh  an  còmhnuidh  is  fearr  'n 
an  talamh,  agus  ged  is  e  a  b'fheàrr  air  ar  son-ne,  mar 
labhrar  air  doigli  neo-fhuasgailte^  a  bhi  ann  an  nèamh 
no  air  an  talamh  ;  gidheadh  tha  àm  ann  £u  cinnteach 


176 


AN  CAMADH  'S  A*  CHRANNCHUR. 


anns  am  feàrr  air  son  onoir  Dhè_,  agus  a  sheirbhis  sinn 
a  bhi  air  an  talamh  na  air  nèamh.  Philip.  i.  24. 
u  Gidheadh,  's  e  mi  dh'fhantuinn  's  an  fheòil,  a's 
feumail  dhuibhse."  Agus  cha  bhi  e  na  chràdh  cridhe 
air  bith  dhoibh,  'nuair  a  ruigeas  iad  nèamh,  gu'n  robh 
iad  co  fada  'n  an  staid  iosail,  agus  nach  d'thugadh  iad 
an  sin  ni  bu  luaithe. 

Feum.  1.  Uime  sin  na  tilgeadh  a'  mhuinntir  iriosal 
air  falbh  am  muinghinn,  ciod  air  bith  staid  iosail 
anns  am  bì  iad ;  bitheadh  iad  cinnteach  gu'n  togair 
suas  iad  mu  dheireadh  ;  's  ged  nach  togta  suas  iad  's 
an  t-saoghal  so.,  gidheadh,  togair  suas  iad  's  an  ath- 
shaoghal  gu'n  teagamh.  Cumadh  iad  so  'n  an  amharc, 
agus  thugadh  iad  sòlas  dhoibh  fèin  leis,  oir  thubhairt 
Dia,  Salm  ix  18,  "  Cha  dì-chuimhnichear  an  t-ainnis 
gu  bràth."  Ge  b'e  co  fada  's  a  bha'n  oidhche,  thig 
a'  mhaduinn  mu .  dheireadh* 

2.  Biodh  a  h-obair  dhiongmhalta  fèin  aig  an 
fhoighidinn.  Feithidh  an  tuathanach  ri  toradh  a 
shil,  an  ceannaiche-mara  ri  buannachd  a  loingeis, 
agus  an  ceannaiche-spreidhe  ris  an  àm  ris  an  abair  e 
àm  na  bliadhna,  'nuair  thionaileas  e  a  steach  cinneas 
a  threuda.  Tha  iad  so  uile  a'  fantuinn  gu  foighidn- 
each,  agus  c'arson  nach  fanadh  na  Criosduidhean 
gu  foighidneach  mar  an  ceudna,  ris  an  àm  a  dh'ord- 
uicheadh  air  son  an  togail  suas  so  ? 

Chuala  sibh  moran  mu'n  Chamadh  'S  a'  Chrann- 
chur;  's  mu  'n  bharrachd  a  th'aig  irioslachd  spior- 
aid,  ann  an  crannchur  iosail,  os  ceann  àrdan  spioraid, 
ged  bhiodh  e  co'cheangailte  ri  crannchur  àrda : — 
Ghairmeadh  oirbh  sibh  fein  irioslachadh  ann  'ur  staid 
iòsail,  agus  rinneadh  cinnteach  sibh  mas  e  's,  gu'n 
dean  sibhse  sin  gu'n  togair  suas  sibh.  Chum  co'dhùn- 
adh ;  Feudaidh  sinn  sinn  fèin  a'  dheanamh  cinnt- 
each,  gu'm  bris  Dia  mu  dheireadh  na  h-uabhraich  'n 
am  miribh,  ge  Ve  co  drda  's  a  ta  iad,  agus  togaidh  e 
suas  a  mhuinntir  iriosal,  ge  b'e  co  iosal  's  a  ta  iad. 


CRIOCH.