(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Comhairle do pheacuich fo dhearbhaibh"

COMHAIRLE DO PHEACUICH 

FO 

DHEARBHAIBH. 



A pheacacha bochda truagh ! Tha mi a* cur nan firinnean 
80 o'n Dia shiorruidh d'ur n-ionnsuidh ann an gradh agus 
ann an dilseachd, aig iarruidh gu durachdach gu'm biodh 
bhur michreidimh air a dhearbhadh oirbh, agus bhur n-uile 
pheacanna, agus bhur staid mhalluichte thruagh san am a 
ta lathair, agus a chum gu'm biodh sibh air bhur teagaag 
le Dia bhur taice leigeil air Criosd a fhuair bas air soo nan 
àindiadhach. Ma dh'fnanas sibh neo-ìompu'chte is sibh 
is truaighe bhios gu h-aithghearr do na bheil anns a chrui- 
theachd gu leir; bithidh sibh na bhur comharan cuimhne air 
ceartas Dhe, ged fheud sibh a nis a bhi a' mealltuinn 
àn t-saoghail 'na ghloir. Do bhrigh gu'n robh lionmhoir* 
eachd dhibh air bhur dusgadh tha earbsa agam gu'm bheil 
smuaintean graidh shiorruidh aige do thaobh cuid do bhur 
n'anamibh, Uime sin mar thug mi rabhadh dhuibh teich- 
eadh air son didein o f heirg Dhe tha teachd oirbh, agus 
gun dail. teàchd a mach as an staid uamhasach so dh'ionn- 
suidh Chriosd a ghabhas ribh ; mar so tha mi scriobhadh do 
bhur n ionnsuidhse> agus a dh'ioniisuidh nan uile a dh'fheu. 
das na fireahnan sò a chJuinntinn air eagal gu n d'thigeadh 
iad a dheigh Iairah air iompacheadh. 

1. larr fios fhaotainn air, agus biodh e aìr a dhearbhadh 
ort leis a' spiorad, trid an scriobtuir, gu'n d'rugadh ta 
marbh ann am peacaibh, agus gu'm bheil sibh na'r clann 
feirge gun Chriosd, agus gun earbsa, agus gu'm bheìl sibh 
tia'r iuidh gach mionad fo mhallachd agus feirg Dhe, ann 
àn cunnart ditidh shiorruidh Pillear na h-aingidh sios do 
ifrinn, An t-anara a pheacaicheas gheibh e bas. Cha'n fhaic 
mi-chreidmhich beatha, ach tha fearg Dhe gabhail comh- 
buidh orra, ged nach'eil iad 'ga thoirt fainear. Tha*n Tigh» 
^arn a* radh, Mar bi duine air ath-bhreith nach fheudak 



Jeis rioghachd Dhe fhaicinn; agus esan nach'eil a' creid- 
sinn tha e air a dhiteadh a cheana. Thugaìdh fainear gu 
durachdach, gach aon agaibh, tha mi 'gathchuingich oirbh, 
ciod a thig dhiomhsa, nach'eil air n'ath bhreith, agas nach 
d'fhairich riamh oibre grais oirbh fein ? O nach robh ar 
suileàn air am fosgladh chum uile pheacannan ar cridheach* 
an agus ar beatha fhaicinn an ordugh fa'r comhair, agus 
theagamh tha 'g eigheach gun sguir air son dioghaltais an 
aghaidh ar n'anma ciontach. Bu leoiv e gu thoirt air a 
mhuinntir isneo churamache, criothnachadh. Rachaibh gu 
ionad uaigneach gun dail, agus smuaineachaibh air ar sligh- 
ibh mar ann an lathair Dhe. Cuiribh na ceistein so ribh 
fein. Nach d'rinn mise air uairibh, breug, no goid, no 
mionnan? Nach do mhi-naomhaich mi an t sabaid? Nach 
robh mi riamh ardanach, neo-gheamnuidh, mi runach? 
Nach d'thug mi ainm an Tighearn riamh an diomhanas ? 
Nach robh mi easumhail do'm pharantaibh ? Nach'eil cridhe 
feolmhor, nco-ghlan, cruaidh, agus mhi chreidmbeach 
agum? Nach do bhris mi lagh Dhe riamhf Nach'eil mi 
marbh ann am peacaibh gus an la'n diugh ? Is eigin domh 
eigheach a mach ciontach, ciontach ; tha mo choguis 'gam 
dhiteadh; ciod dh'eireas dhomh ma gheibh mi bas anns an 
staid so ? Oir thuirt an Dia firìnneach. " Is malluichte 
gaeh neach nach fan anns na h-uile nithibh a ta scriobhta 
ann an leahhair an lagha chum an deanamh. Esan nach do 
chaomhainn na h-aingil an uair a pheacaich iad, ach thilg 
sios iad gu ifrinn; esan nach do chaomhainn an sean saoghal, 
na baiìte Shodoim agus Ghomorra, ach dhite iad le'n sgrios, 
^an deanamh nan eisiomplair dhoibhsan a bhiodh beo an 
deigh sin gu h-aindiadhdaidh, cha chaomhainn e mise fada» 
Nach'eil ifrinn a' fosgladh a beoil air mo shon ? Am bheil 
earbsa air bith ann gu'm feud mo leithidse pheacach a bhi 
air a ghlanadh Ie fuil Chriosd? Feudaidh Dia, ann an cear- 
tas, mise dhamnadh air son nam peacanna-sa, air son a 
pheacaidh is lugha Is ann do throcair an Tighearna nach- 
'eil mi air mo chaitheadh as, agus nach'eil mi nis an ifrinn 
a'g iolartaich am measg na muinntir a ta air an damnadh, aig 
eigheachd a mach air son boinne uisge chum mo theangaidh 
fhuaracbadh. 

% Guidh air Tighearna an uaigneas gu'n d'thugadh e 
spiorad dhuit am feadh a ta e ri fhaotainn Eighibh, gach 
aon agaibh, air son fola Chriosd mar dh'eigheas duine fo 



bhinn a bhafs air son trocair, mar thuirt fear gleididh a 
phrisiun agus e air chrith, ciod a ni mi chum ga'n tearnar 
nii ? Gniomh. xvi. 30. Na gabh fois aon la, na aon uair ni 
sfaide gu samhach na le suamhnas, gus am bi chuid earbsa 
agad gu'm bheii creidimh air oibreachadh annad leis an 
spiorad, agus gu'n tagair losa Criosd do chuis a'r ìa bhreith- 
eanais; oir a dh'e?sbhuidh fhireantachdsa bhi air a cur as 
do leth, cha'n'eil mathanas ann. Lean Criosd mar rinn na 
daoine dall, aig eigheachd w Thighearn gu'm fosgladh tu ar 
suilean," Guidh màr rinn an lobhair. Thighearn ma's aill 
leat 's urradh thu mise dheanamh g!an. Tagair gu dian air 
son an sploraid a ta air a ghealltuinn gu'm bi e air dhortadh 
mach 'sna laithibh deireannach sa air na h.uile feoìl. Gniomh, 
ii. 17. 

3. Mabheir an Tighearnale fhocal agus le spiorad beachd 
dhuit air do staìd eagalach chaillte, thoir an aire nach gabh 
thu foi« gun obair iomlan grais, air eagal gu'n d'thig thu 
dheighulaimh air aonadh ri Criosd trid teagaisg agus tarruing 
an Athar j air engal gu'n gabh thu fois ann an sith fheallsa, 
ga d' chuaìrtepchndh fein le sradaibh do d' bheothachadh 
fein, trid loit na leigheis eutrom. Thoir an aire nach tog 
thu air a ghainnimh, air eagal nach bi thu ach mar oigh 
ameadach aig imeachd maille riusan tha g]ic. Air eagal 
gu'n dean thu Criosd do d' dhleasnasaibh — do t^urnuigh 
guil, runa, ath-leasachadh ; oir tha iobairt an aingidh na 
grainealachd do'n Tighearna. " Tha slighe ann a chithear 
direach leis an duine ; ach is iad °a chrioch slighean a bhais." 
H Tha ginealachd ann a tha glan pzm beachd fein, gidheadh 
nch'eil air an nigheadh o'n salcbar,' , Feudaidh neach a 
dhol gle fhada fo dhusgadh coguis, agus eud a bhi air a 
thaobh Dhe, agus gidheadh, air dha bhi aineolach air firean- 
tachd Dhe, feudaidh e bhi dol mu'n cuairt, re a laithean uile, 
a chur air chois f hireantachd fein, agus nach bi ni aig ma 
dheireadh ach earbsa a' chealgair a theid a mugha, Thusa 
tha sniomh a mach asad fein comhdach do d'lomhnochd, 
bifchidh t'earbsa cosmhuil ri lion an damhan alìuidh ann r.n 
ìa' t'amghairs so gheibh thu fadheoidh o iaimh Dhe, luidh- 
idh tu sics ann an doirinn ; oìr is e Chriosd crioch an lagha 
air son fireantacbd do na h-uile chreideas. Le oibribh an 
lagha cha bhi feoil air am fireanachadh na lathaìr. Tha e 
fior, tha creidimh a' teachd troimh eisdeachd, agus is e ar 
dleasanas feitheamh air Dia far am bheìl an Spiorad aig 



©ibreachadh ; ach ma tha fireantachd a' teachd le obair air bith 
do'n lagha, an sin f huair Criosd bas gu diomhain. Dhasan 
nach'eil'g oìbreachadh chum fireantachd, ach a ta creidsinn 
anns an a ta fireanachadh nan ain-diadhach,measar achreidimh 
mar f hireantachd j is beannuichte an duine d'am meas Dia 
fireantachd a dh'easbhuidh oibre. Rom, iv, 5, 6. 

4. Seall ris an Tighearna chum gu'n de~rbhadh e peacadh 
ort, bhrigh nach'eil thu creidsinn ann an Iosa Criosd. Tha 
e gealltuin so dheanamh. Eoin xvi. 7—9. Ann ad fheith- 
ìmh air meadhonaibh na gras, bi toileach gu'n dearbhadh an 
Comhfhurtar ort, gu'm bheil do chridhe ro aingidh, nach 
aill teachd a dh'ionnsuidh Chriosd, agus gu'm faireadh tu 
do neo-chomas air a bhi creidsinn ann mur cuir an Tighearna 
xnach ro mheud morachd a chumhachd. Ephes. i 9. 

5. Biodh fios cinnteach agad, agus thoir deagh-bheatha 
do'n sgeul aoibhneach so, gu'n d'thainig Criosd a dh'ionn- 
suidh an t saoghail a thearnadh pheacach, agus ceann-cinnidh 
nam peacach. 1 Tim. i. 15 Is ann mar so ghradhaich Dia 
an saoghal gun d'thug e aon ghin-mic a chum ge b'e a 
chreideadh ann nach rachadh e dhith ach gu'm biodh a' 
bheatha maireannach aig. Dh'fhulaing Chriosd aon uair air 
son peacaidh, am firean air son an neofhirean, a chum gu'n 
d'thugadh e sinn dh'ionnsuidh Dhe. Teich a dh'ionnsuidh an 
didein so an uair tha thu'g ad fhaicinn fein ain diadhuidh 
agus malluicht le lagh Dhe, agus tha eagal ort gu'm bi thu 
air do dhiteadh. Smuainich ort fein ged tha mise aindiadh- 
uidh, gidheadh f huair Chribsd bas arson nan andiadhaidh. 
Rom. v. 6. Ged tha mise am namhaid gidheadh rinn 
Criosd naimhdean reidh ri Dia le a bhas Ged tha mi cean- 
nairceach, agus co graineil 'sgu'm bheil eagal orm gu'm feud 
Dia le ceartas ann a chorruich mo chur fuidh ann an ifrinn, 
gidheadh ann an so tha deagh sgeul agus misneach air mo 
shon, gu'n dh'fhuair Criosd an uair a chaidh a suas an 
airde gibhtean air son dhaoine seadh air son nan daoine 
ceannairceach mar an ceudna, chum gu'n gabhadh an 
Tighearna Dia comhnuidh an measg na muinntir cheann- 
airceach. Ged tha mi malluichte, agus ged tha mi faicinn 
gu soilleir gu'm bheil Dia bagairt mo dhamnadh ann an 
iomadh aite do'n scriobtuir, gidheadh fathast tha earbsa ann 
do thaobh mo leithidse pheacaich, do bhrigh gu'n shaor 
Criosd peacuich mhalluichte o mhallachd an la^ha, air dha 
bhi air a dheanamh na mhallachd air an son, a chum gu*m 



faigheadh iad beannachd Abrahaim, agus gealladh an 
Spioraid. Gal. iii. 13, 14<. 

6, Creid ann Josa Criosd, bhrigh gur e aithne Dhe e, 
agus gu'm bheil e taitneach ann a lathair; agus is e do 
dhleasnas ged nach 'eil thu faicinn barantas na bonn meisnich 
eife, Cha'n e mhain gur e do shochair, ach 's e do dhleas- 
anas creidsinn. 'Se so aithne gu'n creidimead ann an 
ainme a mhic Josa Criosd. 1 Eoin. 3. 23. Creid anns an 
Tighearna Josa Criosd agus bithidh tu air do thearnadh. 
Gabh am focal mar so dha t' ionnsuidh fein: tha 'n Dia 
ceart do 'n aithne m'uile pheacannan an-tromaichte, ann 
an aite mo dhiteadh air an son aig aithne dhomh creidsinn 
ann a' mhac, agus tha e toirt cinnteas dhomh gu'n tearnar 
mi. Gu'n deonuich an Tighearna dhuit spiorad a ghliocais 
agus an fhoillseachaidh ann an eolas Chriosd agus umh- 
lachd a' chreidimh. Tha guth an Tighearna Josa ro 
chumhachdach, agus tha a chaoraich aig eisdeachd ris ; guidh 
gu durachdach gu'n d'thigeadh aithnean le cumhachd a 
dh'ionnsuidh t' anam. 

7. Dean aoibhneas gu'ra bheil an Tighearn Iosa co 
durachdach aig iarruidh do graidh; tha 'n Tighearn a 
cheusadh air son ceann ceinnidh nam peacach a' radh riut. 
" Feuch tha mi a' m' sheaesamh aig an dorus agus a* 
bualadh, ma dh'eisdeas neach air bith mo ghuth, agus gu 
'm fosgail e dhomh, thig mi steach.'' Iaisb. 3. 20. Cha 
d'thainig mise ghairm Firinnich ach peacaich, deir an 
Tighearna. Thigibh a'm' ionnsuidh sibhse uile a ta ri 
saothair agus fo throm eallach, agus bheir mise fois dhuibh. 
Matt. ii. 28. " Ho gach neach air ann bheil tart thigibhse 
chum nan uisgeacha, agus esan aig nach 'eil airgiod, 
thigeadh e. Tha 'n Spioaad agus a bhean nuadh-phosda 
a' radh, thig, agus abradh esan a chluinneas thig, agus esan 
air am bheil tart thigeadh e, agus ge b'e le'n aill, gabhadh 
e do uisge na beatha gu saor. Taisb. 22. 17. Eisd uime 
sin ri guth gradhach Chriosd, ged mheasadh tu thu fein 
mar am peacach is graineile agus is mo, agus ged shaoladh 
tu gu'm bheii trocair ann do mhuinntir eiìe ach nach 'eil 
maon throcair ann do d' leithidse a pheacach uamhasach ; 
gidheadh is e so an sgeul aoibhneach, gu'm bheil mac an 
duine, Dia air a dheanamh aithnichte 'san fheoil, air teachd 
a dh'iarruidh agus a thearnadh sin a bha caillte. Luc. xix. 
10. Ge b' e cia uamhasach do chor ann do bheachd fein, 
" an neach a thig a' m' ionnsuidhses cha chuir mi air fglbh 



air chor air bith." Deir esan. Eoin vi. 37. Ged fhaireadh 
sibh, uime sin, cridheachan cruaidhe, agus marbh, gidheadh 
thigibh mar pheacuich a dh'ionnsuidh Chriosd a thainig 
a thearnadh an leitffide so. Tha 'n Tighearn a' gairm air 
peacuich aig am bheil cridheacha rag, a tha fadà o fhirean- 
tachd, eisdeachd a thoirt dha. Isai. xlvi. 12, 13. 

8. An uair tha ur cridheachan a' tuiteam sios fo fhair- 
eachdain air feirg Dhe, an sin runaichibh ann an neart 
Chriosd do thaice leigeal air, sibh fein a thilgeadh, agus a 
chur thairis air san ge bi ciod a dh' eireas: Ma theid mi 
dhith aig casaibh Chriosd, oir air gach doigh eile tha mi 
cinnteach gu'n d'theid mi dhith; ma dhiteas e mi tha e 
ceart — ma shaoras e mi, bi saibhreas a shaoir ghrais gu 
brath na aobhar iongantais. Earb mar so ann a' Criosd 
ged robh mìle ni a' toirt mi mhisnich dhuit, mar chaidh na 
lobhair gu buthaibh nan Sirianach. 2 Righ. iv. 4- — 6. 
Dlùthaich a dh' ionnsuidh Chriosd a' runachadh nach gabh 
thu diuìtadh, mar rinn bean Chanaain. Matt. xv. 22. Fhuair 
iad so fuasgladh sona o'n eigin, agus chi thusa, fa dheoigh, 
gum leagh cridhe Chriosd os ceann t'anam fann, a' luidh- 
eadh sios aig a cha^aibh air son pronnaig. agus glacaidh e 
thu le gradn do-labhairt. Mar so fulaingeadh rioghachd 
neimhe ain-neart; domhìuich thusa d'a h ionnsuidh, agus 
glac i leis an laimh laidir. 

9. Na feuch ri creidsinn, na ri aithreachas a dheanamh 
ann do neart fein, ach amhairc ri Iosa, *' anns na thoilich e 
an t'athair gu'n gabhadh na h-uile iomlanachd comhnuidh. 
Mar nach bu mhath Jeat bhi 'n ad chealgair, coimhid thu 
fein o chreìdimh do d'dheaibh fein, ni nach e creideamh do 
oibreachadh spioraid Dhe. Col. ii. 12. Na bi aig iarruidh 
sin annad fein a tha ri fhaotainn ann an Criosd, na sin anns 
a n lagh a ta ri fhaotainn 'san t-soisgeuh chum so iomadh 
a nam fad aan an trioblaidibh. An uair tha eagal ort 
gu,'m basaich thu gu siorruidh do bhrigh nach urrainn thu 
creidsinn, seall a mach asad fein a dh' ionnsuidh Chriosd, 
a tha lan grais, agus faic a ghloir. Eoin. i. 14. Amh- 
aircibh ormsa agus bithibh air ur tearnudh uile chriochan na 
talmhainn. Isai. xlv. 22. 

Amhairc air losa fear-toiseachaidh agus criochnaich a 
chreìdimh, Eabh. xii. 2, Cha bhi duil idir aìg Criosd ri 
creidimh no ri aithreachas, ach amhaircidh e air anam neo- 
ghlan truaillte 'na fhuil fein, agus their e ris, Bi beo; agus 
'se so am a ghraidh, Esec. xvi. 6, 8, Tha gras an Tighcarn 



anabarrach pailt do'n pheacach is mo, maille ri creidimh, 
agus ri gradh a ta ann an Iosa Criosd, 1 Tim. i. 14. An 
uair a bheachdaicheas tu air do chaitha beatha, 'sa bhios 
eagal ort gun dean cruas agus cion aithreachais do chridhe 
leir-sgrios a tharruing ort, teich gu luath chum an fhocail 
bheothachaidh so ann an Gniomh v. 30, 31. " Gun do thog 
Dia suas Iosa, agus gun d' ardaich se e le dheas-laimh gu bhi 
na Cheannard agus 'na Shlanuighcar, a thoirt aithreachais agus 
maitheunais peacaidh do Israel." Gheall an Tighearna gun 
ggriosadh e, 'sna laithibh deireannach, sgaiJe na h-ana-creid- 
imh a th'sir a sgaoileadh thar gach cinneach, Isa. xxv. 7. 
Am bheil thu o d'fhein-fhiosraehadh a' mothachadh gu bheil 
am focal so fior, " Nach urradh neach air bith teachd a m* 
ionnsuidhse, mur tarruing an t-Athaira chuir uaith mise e;" 
feuch an gealladh solasach a tha air a thoirt duit san ath-rann 
chum comhnadh a dheanamh riut, " Bithidh iad uile air an 
teagasg o Dhia, Uime sin, gach neach a chuala, agus a 
dh'fhoghluim o'n Athair, thig e m'ionnsuidhse," Eoin vi. 
44, 45. Salm xxv„ 8. «• Is maith agus is direach an Tigh- 
earn; uime sin teagaisgidh e peacaich san t-slighe. ,> Tha 
Criosd ag radh, " Is mise an tslighe chum an Athar," — 
Eoin xiv 6. DJu lean an Tighearn aig cathair nan gras le 
h-eighich agus osnaich do labhairt gun sgur. O tarruing mi 
dh'ionnsuidh Chriosd ; cuidich leam gu gabhail ris, agus m' 
earbs a chur ann. Ma mhothaicheas tu gu bheil e ro-dheac- 
air dhuit creidsinn ann, cluinn an Tighearn ag radh riut, 
" Deanadh e greim air mo neart, chum gun dean e sith rium 9 
agus ni e sith rium," Isa xxvi. 5. " Bheir e neart do'n an- 
fhann, agus dhoibhsan a ta gun lugh meudaichidh e treise." 
Isa xl. 29. " Uimesin cuiribh ur dochas anns an Tighearna 
do ghnath; oir anns an Tighearn Iebobhah tha neart sior- 
ruidh. Isa. xxvi. 4. 'Se mo ghuidh durachdach gur e so am 
graidh sonraichte Dhè, agus la a chumhacl'd do d'thaobh, 
chum gum bi thu air do dhlu-cheangal ri Criosd trid creid- 
imh aira h-cibreachadh snnad tre chumhachd Spioraid Dhe; 
chum gum bi ciocras ort air a shon, agus gum faù?h thu lan 
dearbh bheachd air gradh Dhe; agus gun robb gradh Chriosd 
air a sgaoileadh ann ad chridhe, agus gum buanaich thu ann 
an Criosd, air dhuit a bhi laidir anns a ghradh a tha annsan, 
a bhios lan-fhoghainteach dhuit anns gach deuchainn a thig 
ort; gum bi thu air do theagasg le Dia a sheinn a chliu, 's a 
dheanamh gairdeachas le ball-chrith; agus nach dealaich thu 



8 

am feasd ri d'cheud ghradh, agus nach tuìt thu ann arì neò* 
churam mealltach, ach gur b-ann a dh'fhasas tu suas ann an 
eolas Chriosd; agus air dhuit a bhi suidhicht an tigh Dhe, 
gun d'thoir thu mach mor thoradh, ge d'aìcheadh fein, 's a' 
togail a chroinn-cheusaidh, a' gluasad aithrigh air an Tigh- 
earn an cian is beo thu, chum cliu a shaor ghrais, a ghairm 
thu chum a rioghachd agus a ghloir. O deonaich nach bi 
àn earail so ag eiridh suas ann am breitheanas 'nar n-agh« 
aidh air chionn an la dheireannaich, arson an dearmad, 
òhum bhur ditidh, — ach gur e bhios annta dhuibh gutb agus 
gairm Dhe, a ghairdein agus a chumhachd air fhoillseachadh 
chum bhur saoradh. Gun robh lathaireachd a Chofhurteat 
maille ribh gu siorruidh. 



GLASGOW: 

PRINTED, AND SOLD FOR THE 
GLASGOW RELIGIOUS TRACT SOCIETY^ 
Àt their Depository, No. 10, Wilson-Streè*. 
Price 2s. 8d. per hundred.