(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "An dara cradh : dleasdanas Eaglais Dhgabhail ris gach dugh agus gnaoraidh a dh'duich Dia 'n a Fhocal 's an coimhead gu fior-ghlan and [sic] gu h-iomlan"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/daracradhdleasda1850scot 



AN DARA COMHRADH. 



Dleasdanas Eaglais Dht gabhail ris gach òrdugh agus 
gnè aoraidh a dh" 1 òrduich Dia *n a Fhocal 's an coimh- 
e.ed gufior-ghlan and gu h-iomlan. 



Eòghan. 'n bha thu cho deònach harrachd 
seanachais a bhi eadarainn aig a chòdhail mu 
dheireadh 's mi bhi toirt cuairt an rathad 
co dhiubh, smuainich mi sealltuinn a stigh 's an 
dol seachad a dh' fhaiciim ciod an gleus 's am 
bheil thu 'n diugh. Tha mi 'n dòchas gu 'n 
robh thu o 'n àm sin a breithneachadh mu na 
ceistibh a bha measg ar làmh — aig a' chòmh- 
radh mu dheireadh, agus 's e mo dhòchas gu 'n 
cuir thu d' aonta ris an fhìrinn mhòir so, gur 
e Focal an Tighearn an aon riaghailt is còir 
do gach Eaglais a leantuinn a thaobh pongan 
agus dhleasdanasan na diadhachd. 

Donncha. Bha mi a' smaoineachadh orra 
agus a' beachd-smaoineachadh orra cuideachd ; 
agus sin aig amaibh'n uair bu cheart cho mhaith 
leam m' aire agus mo smuaintean a shuidhea- 
chadh air nithibh eile. Bha cuid dhiubh cho 
annasach dhomh 's nach robh e comasach dhomh 
m' aire a thogail dhiubh; agus cuid eile dhiubh 
'g am'lìonadh le leithid do uamhas agus doeagai 
's gu 'n dùraichdinn am fuadachadh air falbh 



'n uair nach b' urra rai. 'S ann a dh' fhosgaiì 
thu saoghal ùr do m' rosgaibh, ach o ! cha b' 
ionann e 's an saoghal air an d' fhosgail ar ceud 
sinnseara an sùilean 'n uair a chruthaicheadh 
iad, anns nach faicteadh creutair no cuspair, ach 
creutairean agus cuspairean òga, àillidh, mais : 
each, cosmhuil riutha fèin — 's ann bu chos- 
mbuile e gu mòr ris an t-saoghal a chòmhlaich 
sùilean Noaih, 'n uair air dha còmhdachadh 
na h-àirce a thogail, nach robh r' a fhaicinn leis 
ach saoghal falamh, fàs, an coimeas ris an t- 
saoghal làn, luaineach, ris an robh e air a 
chleachdamh mu 'n do bhàthadh gach dùil bheò 
a bha 'air 'uachdar ; — s' ionann dhomhsa ann an 
tomhas raòr 's mar dh' èirich dhà-san : s' ionann 
mo chor-sa ri cor a mharaiche a bha cho earb- 
sach as 'achdraichibh 's gu 'm b' i a bharail gu 'n 
robh iad do-ghluasad leis an doininn bu treise 
a shèideadh, 'n uair air dha dusgadh as a chodal, 
a f huair se e fèin air 'f huadachadh as a chala 
shàmhach 's an do thilg e a mach iad, 's an 
cladach 's am fearann a' dol gu bras as a sheal- 
ladh. Chuir do chainnt m' inntinn gu ro mhòr 
tre a chèile — ghluais agus charaich thu ann 
an tomhas nach beag achdraichean mo mhuin- 
ghinn agus m' earbsa. Cha 'n fhios domh gu 
ro mhaith ciod a their, no a ni mi. 'S ionann mi 
agus soitheach eadar dha lunn nach eil aon 
chuid fodha no 'n uachdar : bhithinn pailt cho 
foistneach 'n am inntinn mur bithinn air mo 
tharruing gu connspoid idir; agùs na 'n tugadh 
an diugh dhachaidh an là 'n dè, cha deanainh 
a rithist an ni gòrach a rinn mi ; ach tha m' 
inntinn ag innseadh dhomh gu 'n robh mòran 



firinn 'n ad chainnt. Tha mi ag aontachadh 
ieat an fhad so, o 'n leig Dia ris 'inntinn do 
n duine 'n a fhocal, araon a thaobh nan nithe 
is còir dha a chreidsinn mu a thimchioll fèin 's 
gach dleasdanas tha fiachaichte air an duine a 
choimhead, gur còir dha 'f hocal naomha a gha- 
bhail mar a phrìomh riaghailt, agus nach bu 
chòir dhafocal dhaoinechur air an aon bhonnris. 
Eòghan. Ro mhaith, a Dhonnchaidh ! seas 
ris a' bheachd sin — seas ris a deiream, agus ann 
an ùine gun bhi fada, chi thu gu 'n d' amais 
thu air grunud as nach spìon gaoth no 
doinionn d' achdraichean ; — seadh chi thu 
aitreabh do dhòchais air a bonnachadh air 
stèidh nam fàidhean agus nan abstol, air do 
Iosa Criosd e fèin bhi 'n a chlach-chinn na 
h-oisne. Tha aon phong do d' chreidimh, seadh 
pong no dhà, fallain agus sgiobtuireil gu leòir — 
seadh do Chreud uile, 'n fhàd 's a tha i air a 
tarruing o f hocal an Tighearna. Tha i fallain 
gu leòir anns a' phuing so; — Cha 'n 'eii ann ach 
an t-aon Dia beò agus fior, agus tha tri pearsa 
anns an diadhachd. Tha sinne, is Eireachdaich 
ann, a' co-aontachadh leibh anns an dà f hìrinn 
mhòir agus chudthromach so. Ach, tha sinne 
a' cumail a mach, nach 'eil cuspair aoraidh eile 
ann' ach am Bith mòr agus glòrmhor so, an 
Tri-aon Dia so, agus tha sinn os bàrr, a' cur dà 
pheacadh mhòr as bhur leth-sa; — agus is iad so 
iad. — Gum bheil sibh a' deanamh aoraidh do 
iomadh cuspair eile a bharrachd air-san ; 
gu 'm bheil sibh a' deanamh aoraidh dha-san 
ann an rathad a tha oilbheumach dha, agus 
air a thoirmeasg leis; — seadh, agus ann an 



aoradh dha, gu 'm bheil sibh a' cur barrachd 
muinghinn gu 'm bi bhur n - aoradh taitneach leis, 
ann an Eadar-mheadhonaireachd eile na ann 
aneadar-mheadhonaireachdaMhicionmhuinn, 
air am bheil sibh anns an ni so, cho maith 
's ann an iomadh ni eile a' deanamh dimeas agus 
tàir air. 

Donncha. Air d' athais, Eòghain ; na tig cho 
f'hìorbhrasaguscho chabhagachorm. Cha'n'eil 
mi dìreach mar ubhall air bhàrr gèige làn abuich 
gu tuiteam 'n ad bheul. Cha 'n f'hìor duit air 
aon chora ràdh gubheil sinne a' toirt an aoraidh 
sin do chuspairibh eile a bhuineas do Dhia a 
mhàin. Cha 'n' eil, Eòghain ; ma chuireadh a 
leithid so do ni as ar leth, 's ann aon chuid le 'r 
dearg naimhdibh a rinneadh e — no le daoinibh 
mur robh iad naimhdeil dhuinn, a bha tur 
aineolach mu 'n chùis mu 'n robh iad a' labh- 
airt. Tha mise ag ràdh riut nach 'eil ar n- 
Eaglais-ne ciontach do 'n ni so a tha thusa a' 
cur as ar leth ; agus tha e 'n a ni uamhasach 
dhuitse a leithid so do ni a chur as ar leth. 

Ebglian. Ma tha mise bras, a Dhonnchaidh, 
cha lethsgeul sin duitse a bhi cho teith. Cha 
'n "eil sinne a' cur as bhur leth gu bheil meas 
Dè agaibh air na naoimh ann an glòir. Ud ! 
ud ! cha 'n 'eil, a Dhonnchaidh, olc 's mar tha 
chùis, cha 'n 'eil i mar sin. Ach, nach 'eii earr- 
rann mhòr do 'n aoradh a tha sibh a' toirt do 
Dhia a co-sheasamh ann an athchuingibh ? 

Donncha. Tha, gun teagamh — 

Eòghan. Agus am breug gu 'm bheiì thu a 
cur athchuingean suas ris na naoimh ? Cha 'n 
urrainn thu sin a ràdh. Tha mi ionann agus 



cinnteach gur iomadh iad na h-athchuingean 
a chuir thu fèin a suas riutha ; agus sin air 
do dhà ghlùn; agus le mòr urram agus 
dhùrachd cuideachd. Mur d' rinn thusa so 
gu niinic, is caora dhubh 's an trend thu ! An 
do chuir thu ùrnuigh riamh suas ris an òigh 
Muire ? An d' iarr thu riamh deadh-ghean no 
comain oirre ? Seadh, ris an Abstol Peadar 
agus Pòl, an Naomh Mìcheil, agus iomadh eile 
abharrachd orra,adh'fheudainnainmeachadh ? 
Am breug a tha mia' cur as do leth'n uair a their 
mi gu 'n d' rinn thu so, cha 'n 'eil f hios agam 
nach d' rinn thu e an diugh fèin. Cha chuir- 
eadh e ioghnadh orm na 'n labhradh tu gu saor 
rium, ged aidicheadh tu gu 'n d' rinn thu air do 
clhà ghlùn air maduinn an latha an diugh e. 

Donncha. Agusged aidichinn gu'n d'rinn,an 
abradh tusa gu 'm b' e so a bhi 'g aoradh dhoibh ? 
'S ged aidichinn gu 'm d' rinn mi e air mo dhà 
ghlìm le mòr urram, an canadh tu rium gu 'm 
b' aoradh so ; gu 'n d' rinn mi ni cèarr — ni a 
bheireadh oilbheum clo Dhia ? An ionann 
a bhi a' guidheadh gu 'n deanadh iad so ùrnuigh 
ri Dia as mo leth, agus a bhi 'g am meas fein 
mar chuspairaibh aoraidh ? 

Eòghan. Cha 'n 'eil mi smaoineachadh ged 
a theirinn sin, gu 'm bithinn am niear- 
achd. Ach chuirinn ceist no dithis eile ort mu 
'n cuir sinn a' phong sinn a leth-taobh. Agus is 
iad so iad. Cionnus a thu fios agad gu 'm bheil 
an t-iomlan dhiubh-san ris an abair thu 
naoimh air nèamh idir? Agus ged a tha ; 
Cia mar a tha fios agad gu 'n cluinn iad d' ùr- 
nuigh, no gur maith leotha gu 'n cuireadh tu 

B 



6 



ùrnuigh a suas riutha ; no gu 'n dean iad na 
nithe a tha. thu a' cur mu 'n coinneamh ? no 
gu'm faigh iad dhuit an gean-maith a tha thu 
'g iarruidh ? Agus so ceist eile a chuirinn 
riut. Am bheil Focal Dhè a' toirt ùghdarrais 
dhuit gabhail seachad airCriosd led'athchuing- 
ibh agus an càradh aon chuid ann an làmhaibh 
a mhàthar no ann an glacaibh aon d' a abstoil 
no d' a naoimh ? Freagair thusa dhomhsa na 
ceistean sin an òrdugh, agus an sin innsidh 
mise dhuit mo bheachd, agus aobhar mo bharail 
co dhiubh a tha no nach 'eil an gnè aoraidh so 
ceart no cèarr — a rèir focail Dhè, no calg- 
dhìreach 'n a aghaidh. 

Donncka. Cba 'n 'eil e a làthair soirbh do 
cheistean fhuasgladh. Cha do smaoinìch mise, 
Eòghain, teagamh a chur ann am fianuis na h- 
Eaglais, oir tha mi ag amharc oirre mar phost 
agus stèidh-dhaighnich na fìrinn. Theag- 
aisgseadh dhomh a creidsinn, agus tha mi gu 
dionghmhalta a' creidsinn gu 'm bu pheacadh 
dhomh ionad no caidreamh a thoirt do theag- 
amh no do amharus ann an aon ni a tha 'n 
Eaglais a' teagasg dhomh. An saoil thusa gu 
'm bheil e mar fhiachaibh orm na h-uile ni, 
Eoghan, a thuigsinn a tha mi a' creidsinn ? 

Èòghan. Foghnaidh leam an fhreagairt 
so a thoirt do d' cheist, gu 'm bheil Dia ag 
iarruidh oirnn a bhi a ghnàth ullamh gu freag- 
radh a thoirt maille ri ceannsachd agus eagal 
do gach uile dhuine a dh' iarras oirnn reuson 
an dochais a tha annainn. 

Donncha. Faic, a thaobh cuid do na naoimh a 
dh' ainmich thu, thà lan f hios againn gu 'm bheiì 



iadsan air nèamh. Co a chuireadh teagamh 
's am bith gu 'm bheil an naomh, Abstol Pea- 
dar, Pol, agus na h-Abstoil air f'ad, ann ? 

Eòghan. Cha chuir duine's am bith,aDhonn- 
chaidh, a tha a' creidsinn nan sgriobtuirean ; 
ach, c' air son ? A chionn gu 'm bheil an creid- 
imh anns an ni so a' faighinn barrantais o 
Fhocal Dhè ; agus cha 'n 'eil mise a' cur teag- 
aimh nach 'eil iomadaidh eile do na naoimh d' a 
'm bheil sibhse a' deanamh aoraidh (oir aoradh 
tha sibh a' toirt dhoibh, ged nach soirbh leibh 
so aideachadh), air nèamh, cuideachd. Ach tha 
mi làn chinnteach nach 'eil an t-iomlan diubh 
ann, oir is èigin do dhaoinibh a bhi 'n an naoimh 
air thalamh mu 'm bi iad 'n an naoimh air 
nèamh, Agus ma dh'fheudar creideas idir a 
thoirt do fhianuis duine, cha bu naoimh ann 
an cainnt no ann an beusaibh, àireamh nach 
beag do na bheil air am meas 'n an naoimh le 
d' Eaglais-sa, a Dhonnchaidh. Ach, feud- 
aidh e bhi a rèir beachd eile a tha thusa ag 
altrum, ged a bhàsaich iad 'n am peacaibh gu 'n 
do dhealaich iad riutha 's an ionad-ghlanaidh 
a sholair d' Eaglais-sa air son na seirbhis 
f heumail sin. Ach, abair, air sgàth argumaid, 
gu 'm bheil an t-iomlan dhiubh ann, cia mar tha 
thu cinnteach gu 'n cluinn ìad d' ùrnuigh. Dh' 
f heumadh iad a bhi bior-chluasach gu deimhin 
ma tha so 'n an cumhachd. An saoil thu, 
Dhonnchaidh, gu bheil na naoimh ui],e-làth- 
aireach no uile-lèirsinneach ? Agus mur h-'eil 
iad mar sin,feudaidh e bhi gu 'n tuig thusa agus 
gu 'n innis thu dhomhsa cia mar tha iad a' cìuinn- 
tinn d' ùrnuighean. Ach aidicheam dhuit gur 



8 



solns so a tha tuilleadh 's àrd air rao shon-sa ; 
ach, mur-'eil a' bhuaidh so aca, nach faoin 's 
nach dìomhain a bhi 'g ùrnuigh riutha. 

Donncha. Cha'n 'eil do cheist soirbh fhuas- 
gladh. 'S ni cinnteacha rèir fianuis na tuigse 
nàdurra a bhuilich Dia oirnn, nach 'eil bith s' a' 
chruthachadh gu leir da 'n comasach a bhi uile- 
làthaireach ach Dia a mhàin : agus tha e soil 
leir nach cluinn na naoimh na h-ùrnuighean a 
chuirear suas riutha anns an rathad sin. Agus 
a dh' innseadh na fìrinn duit, cha 'n urrainn 
dhomh f hèin a thuigsinn cionnus a chluinneas 
siad iad idir; ach air a shon sin> cha 'n 'eil teag- 
amh agam, gu h' àraid cha robh riamh gus a 
so, nach cluinneadh : — cha bhuin e do thùr no 
do thuigse bhi a' cur athchuingean suas riutha 
idir mur cluinn iad, 's co-ionann so 's a bhi labh- 
airt ri bodhar, no ri duine 'n a shuain chodail. 
Ach, ged nach tuig mise so, 's cinnteach gu 
bheil an Eaglais a theagaisg a' phong so dhomh 
mar earrann do m' chreud a lan-thuigsinn 
nam briathran so — " Creideam os bàrr gur 
dligheach air aoracìh agus ùrnuigh na naoimh 
a tha a' rìoghachadh maille ri Criosd, agus gu 
bheil iadsan a' guidheadh air ar son-ne, agus gur 
còir àrd mheas a bhi againn air ni ''s mair- 
eann diubh" (their relics). 

Eòghan. Tha fhios agarn gu maith 's gu ro 
mhaith gur h-e so aon do phongaibh na creuda 
no na Ji-Aidmheil a chuireadh a mach le Pius 
IV., agus ris am bheil sibh uile a' cur bhur 'n 
aonta. — Ach fuasgail an treas ceist a chuir mi 
ruit mu 'n chùis so. Am bheil làn-chinnt agad 
ged a bhiodh e 'n an cumhachd do chluinntinn, 



gu 'm bu ni taitneach leotha gu 'n cuireadh tu d' 
athchuingeansuasriutha? Am bheil làn-chinnt 
agad gun tigeadh so riutha ? Tha f hios maith 
gu leòir agad nach iarradh tu deadh-ghean no 
comain air comh-chreutair air thalamh, na 'm 
biodh f hios agad roimh làimh gu 'n gabhadh e 
gu h' olc e. C' àit, ma ta, am bheil do bharrant 
dòchais gu 'n còrd aon chuid d' aoradh no d' 
ùrnuigh riutha ? Cuimhnich gu 'm feum thu an 
ni so a chòmhdachadh trid Focal an Tighear- 
na. Cha ghabh mi beul-theagasg abstoil no 
Pàpa, Easbuig, no Eaglais, uait. Thoir an lagh 
agus an fhianuis ort, Focal an Tighearna — 
" Mur labhair thu a rèir an f hocail so 's ann a 
chionn nach 'eil solus annad." — Is. viii. 20. 

Donncha. Is gann a tha e 'n a ni modhail 
no seirceil dhuit a bhi 'g iarruidh dearbhaidh 
orm-sa à leabhar air nach 'eil tomhas m' eòlais 
ach gann. Cha 'n 'eil teagamh agam air a shon 
sin, ged nach urrainn dhomhsa so a dheanamh, 
nach gabh e deanamh le fear no dhà. 

Eòyhan. Tha mise ag ràdh riutsa nach 
gabh, — nach 'eil Caibideil no rann do'nf hianuis 
dhìleis agus fhìrinnich sin a' toirt gnùis air 
bith do 'n phonga chlì agus thoibheumaich ; an 
àite sin tha mi ullamh air a' chaochladh a dhe- 
arbhadh ; — nach 'eil e dligheach no ceadaichte 
gnè aoraidh air bith a thabhairt do dh 'ainglibh 
no do na naoimh, biodh iad aon chuid air 
nèamh no air thalamh — rud a tha thusa agus 
d' Eaglais a' deanamh, 's nach comasach dhuit 
'àicheadh le fìrinn no onoir, Nach gabh thusa 
beachd air giùlan an Abstoil Phòil 's a cho- 
shaothraichean aig àm sònruichte, mar tha e air 

D 



10 



a chur sìos anns a xiv. caibideil do leabhar 
Gnìomharra nan Abstol, agus air giùlan an aoin 
sin do Abstolaibh Chriosd ris an abair Ceann 
d' Eaglais-sa (ged nach 'eil am barrantas is 
lugha aice o Fhocal an Tighearna sin a dhean- 
amhj " Prionnsa nan Abstol." Aig àm eile, 
nach faic tha gu 'n do dhiult iad sud ìobairtean 
aig làimh dhaoine borba Lycaonia, 'n uair a bha 
iad ullamh gu gabhail riutha mar dhèibh ; agus 
esan aoradh aig làimh Chorneliuis an ceannard 
ceud, raar tha 'n Eachdraidh naomh ag inns- 
eadh dhuinn anns an Leabhar Cheudna anns 
an X. Caibideil — " Seas suas," ars esan, " oir is 
duine mise mar thu fèin." 'S nach faic thu aon 
eile do 'n chomunn bheannaichte, a' diùltadh 
aoraidh o 'n Abstol Eoin, Taisbean xix. 10 — 
" Agus thuit mi sìos aig a chosaibh chum 
aoradh a dheanamh dha : agus thubhairt e 
rium, feuch nach dean thu e ; is comh-sheir- 
bhiseach dhuit fèin mise, agus do 'd' bhràithribh 
aig am bheil fianuis Iosa : dean aoradh do 
Dhia. Agus a rìs, faic an ni ceudua air a thoir- 
measg do 'n Abstol cheudna le aon do ainglibh 
na glòire. — Taisbean xxii. 9. Ach, mur leòir 
leat mar chòmhdachadh air mo bheachd-sa, mu 
'n teagasg so, na h-earrannan"sin do Fhocal Dhè, 
a dh' ainmich mi cheana, nach gabh thu geur 
bheachd air freagairt Chriosd 'n uair a bhuair- 
eadh esan leis an Diabhul, gu tuiteam sìos 
agus aoradh a dheanamh dha. — Mat. iv. 10. 
"Imich air mo chùl-thaobh a shàtain : oir a ta e 
sgrìobhta, Bheirthu aoradh do'n Tighearna do 
Dhia, agus dhà-san 'n a aonar ni thu seirbhis." 
Tha 'n Tighearna — fad-sheallach a Dhonn- 



11 



chaidh ; chi esan a' chrìoch o 'n toiseach ; 
chunnaie e fada roimh làimh gu 'n sleamhnai- 
cheadh an Eaglais uaith 'n a dìlseachd anus a' 
cheart ni so anns am bheil d' Eaglais-sa a' cur 
eas-urram air; agus cha do dhìobair e sanas 
agus rabhadh a thoirt seachad 'n a thrà. Faie 
so o bheul an Abstoìl Phòil 'n a litir gu Eaglais 
Cholose. Caib. ii. 18. " Na mealladh aon 
neach bhur duais uaibh le irioslachd thoileil 
agus aoradh do ainglibh, a' f òirneadh a steach 
gu dàna a chum nan nithe nach fac e, gu 
dìomhain air a shèideadh suas le 'inntiun f heòl- 
mhoir fèin." Cuimhuich a nis, a Dhonnch- 
aidh gu 'n d' aontaich thu gur h -e Focal an 
Tighearna an aon riaghailt a thigeadh dhuinn 
a leantuinn ann an nithibh spioradail. Ciod 
a their thu nis mu d' Eaglais, a tha a' tabhairt 
gnùis agus misnich do 'n leithid sin do theag- 
asgaibh ? Seadh, a tha toirt barrachd misnich 
dhuit d' ùrnuigheanachur ann an làmhaibh nan 
Naomh nach gabh uait iad 's nach cluinn iad, 
na ann an làmh an Fhir-Shaoraidh a chi, a 
chluinneas, agus a fhreagras ; agus is e an aon 
slighe tre 'm feud sinn teachd le misnich agus 
dànachd gu Righ-chaithir nan gràs, an Ti Uile- 
bheannaichte a bhàsaich air son ar ciontan, 
's a dh' èirich a chum ar fìreanachaidh. Ciod 
a their thu ris na nithibh so, a Dhonnchaidh ? 
Donnchadh. Mata, Eòghain, Cha ro mhaith 
a tha fios agam fèin ciod a their no f hreagras mi, 
ach a dh' aindeoin nathubhairt thu, 's na thar- 
ruing thu stigh as a' Bhìoball, a dheardhadh do 
bheachd, (agus gun teagamh tha iad sin ro 
chudthromach), shoilinn-se agus theagaisgeadh 



12 



dhomh a chreidsinn, gur h-iomchuidh, araon a 
thaobh ainglean agus naomh ann an glòir, na 
'n cluinneadh iad ar n-athchuingean gu 'n gabh- 
adh iad truas do 'r càs ; agus ma tha iad a' 
mealtuinn uiread do chomunn agus do ghràdh 
Dhè, gu 'n tagradh iad as ar leth ; agus tha mi 
'm barail ma ni iad so, gur dùth gu 'm faigh iad 
eisdeachd ; agus ag altrum na baralach so, tha mi 
a' faicinn saorsa agam a bhi 'g aoradh dhoibh. 
Ehglian. Seadh direach, Eòghain, tha thu a' 
cur romhad an ni sin a dheanamh a tha Dia 
'n a Fhocal a' toirmeasg dhuit, — ni a bha na 
naoimh a' diùltadh 'n uair a bha iad air chuairt 
anns an fhàsach so ; — ni aig nach 'eil do stèidh 
no do bhunchar ach beachd agusbarail dhaoine; 
seadh, a Dhonnchaidh, 's fèarr leatsa slighe a 
dheanamh dhuit fèin gu sonas, no gluasad 
anns an t-slighe a dh' fhosgail Dia dhuit, agus 
a choisrigeadh le 'aon-ghin mhic a ghràidh. 
Thoir an aire ciod mu 'm bheil thu. Ma tha 
thu 'n ad sheasamh air ionad sleamhuinn, lom, 
cha 'n ionad cothromach air am bheil thu. 
Tha thu cur romhad buanachadh ann an 
eas-urram a thabhairt, agus dimeas uamhasach 
a dheanamh air Criosd. Esan nach toir urram 
do'n Mhac, 's nach gabh ris mar Eadar-mheadh- 
onair, tha e a' diùltadh urram a thabhairt do 'n 
Athair cuideachd. Cuiream a' cheist so riut. 
C' air son a shealladh tu sìos air a' Mhac, a 
Dhonnchaidh, 's a rachadh tu le d' athchuing- 
ibh a dh' ionnsuidh a mhàthar no neach eile ? 
Abair, (ni nach 'eil cinnte 's am bith agad air), 
gu 'm bheil iad comasach air d' ùrnuighean a 
chluinntinn, an saoil thu gu 'm bheil barrachd 



13 



truais, gràidh, agus iochd,a'gabhail còmhnuidh, 
'n an uchd-san na 'n a chridhe-san ? An ni so a 
bhuineas do reuson, gabhail seachad air-san 
agus bualadh aig na dorsaibh aca-san ? Am bheil 
thu am barail, a chionn gur daoine 's nach Dia 
iad, a chionn gu 'n do thuinich iad fada an aim- 
sir air thalamh, agus gu 'n d' fhiosraicheadh iad 
le a4imhuinneachdaibh,trioblaidibh,agus buair- 
idhibh na beatha so, gu 'm bheil e ni 's usa 
dhoibh-san na tha e dha-san do staid no do chàs 
a thuigsinn ? Tha mi a' creidsinn gur h-e so am 
beachd a tha agad, agus gu 'm bheil am beachd 
so a' cur impidh ort an ni so a dheanamh. 
Ach, O, is faoin agus is clì do bharail ! Nach 
bu duine Criosd — 's nach b' e so aon reuson 
àraid air e fèin a sgeudachadh leis an nadur 
dhaona, nach leugh 's nach foghluim thu gu 'm 
b' e so fàth misnich an Abstoil ann an tarruing 
dlùth do Dhia— (Eabh. iv. 14, 15.) 'S nach 
cluinn thu an cuireadh caomh, caoimhneil, do 
pheacaich bhochda, — " Thigibh a' m ionnsui- 
dh-se sibhse uile a ta ri saothair, agus fuidh 
throm uallaich ; agus bheir mise suaimhneas 
dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus 
foghlumaibh uam, oir a ta mise macanta agus 
iriosal an cridhe, agus gheibh sibh fois do 'r n- 
anamaibh." — (Matt. xi. 28.) Cha 'n 'eil do 
reusoin air son aoradh a dheanamh aon chuid 
do ainglibh no do naoimh, ceart. Cha 'n eil 
tuigse nàdurra an duinea'tabhairt gnùis dhoibh, 
agus tha Focal an Tighearna tur agus buileach 
'n an aghaidh. Ach, a Dhonnchaidh, tha cùis 
chasaid ni 's miosa na so agam ri thabhairt 
an aghaidh d' Eaglais, agus bu mhaith leam 



[4 



cothrom a thoìrt dhuitse a pàirt a ghabhail s a 
sheasamh. Feudaidh e bhi gur h-ise a tha ceart, 
agus sinne a tha cèarr ; agus o 'n a tha 'n ni so 
comasach bu mhaith leam gu 'm — fireanaich- 
eadh ise i fèin, anns an ni anns am bheil mise 'g 
ameas mearachdach; agus cha'ne mise a mhàin 
agus an Eaglais d' am buin mi, ach na h-Eag- 
laisean ath-leasaichte air fad. C' arson a tha 
sibhse a' deanamh aoraidh do ìomhaighibh no 
dealbhaibh, do altairibh, dealbh a' chroinn 
cheusaidh, a' sleuchdadh sìos do chroisibh, 
seadh, do na tha maireann no làthair do na 
Naobnh — 's e sin r' a radh, nithean a bhuineadh 
dhoibh 'n uair a bha iad beò, do'n cnàmhaibh, 
am folt, agus mar sin sìos ? C' àit am bheil do 
bharrantas 's an fhìrinn air son an aoraidh a tha 
sibh a' toirt doibh so ? Ghabh mise tomhas 
saothair a rannsachadh nan sgriobtuirean a 
dh'fheuchainn an amaisinn air ni 's am bith 
do bharrantas air son so; ach chuige so, shaoth- 
raich mi gu dìomhain; agus air chinnt a 
Dhonnchaidh, o 'n a tha thusa ag aontachadh 
le d' Eaglais anns na nithibh so, cha 'n f heud e 
bhi air a mheas leat 'n a ni, aon chuid iongan- 
tach no mi-mhodhail, no cèarr, gu 'm biodh 
sùil agam ri solus uaitse do 'n taobh. Nis ; 
ann am freagairt do m' cheist, na toir oidhirp 
air mo shùilean a dhalladh, — oir tha mi làn 
deas gu co-aontachadh leat, eadhon anns an 
ni so a tha mi aig an àm a' faicinn cèarr agus 
toibheumach ; ma dhearbhas tu dhomh o 'n 
Bhìoball e. Rud eile, — na can riura, oir cha 
ghabh mi uait e, — nach 'eil sibh a' deanamh 
aoraiclh do na nithibh a dh' ainmich mi ? 



15 



Donnchadh. Cha 'n eil mi idir ag àicheaclh an 
ni so a tha thu a' cur as ar leth, tha sinn gun 
teagamh, a' tabhairt aoraidh dhoibh ; agus 
cha 'n i an Eaglais chaitliceach an aon Eaglais 
a tha a' deanamh sin. Tha a' chuid is pailte 
do chriosduidhibh an domhain ciontach anns 
an ni so, ma 's ciont' e. Ach ged a tha sinn a' 
deanamh so, tha eadar-dhealachadh mòr eadar 
a' ghnè aoraidh a tha sinn a' toirt do na nith- 
ibh air an d' thàinig thu, agus an t-aoradh a 
tha sinn a' tabhairt do Dhia. 

Eòghan. Feudaidh sin a bhi mar sin ; ach 
tha e doirbh dhomhsa a dheanamh a mach. 
B àill leam gu mìnicheadh tu dhomh e ; oir 
gun teagamh tha iarrtus dian agam — air a 
thuigsinn. Ma tha diubhar ann, cha dean an 
t-sùil no a' chluas a mach e. 'S tric a tha mi 
beachdachdadh.air bhor dòigh aoraidh araon do 
'n Trianaid agus do na cuspairibh a dh' ain- 
mich mi, ach cha b' urrainn domh an t-eadar- 
dhealachadh so a dheanamh a mach. Bha mi 
'g ur faicinn a' sleuchdadh sìos do dheaibh na 
h-Oighe, nan abstol agus nan Naomh, seadh 
do chnàmhaibh dhaoine, le h-urram cho mòr, a 
rèir fianuis mo shùl, 's a chunnaic mi riamh 
sibh ag aoradh do 'n Uile-chumhachdach fèin ; 
agus bha a' cheart uiread do bhlàth treibh- 
dhireis agus urraim ann bhur gnùis 's 'n ur 
giùlain 'n uair a bha sibh ag aoradh do na cus- 
pairibh faoine ud 's n uair is e an Dia beò 
agus f ìor an cuspar a bha agaibh 's an amharc. 
Nis, ma tha eadar-dhealachadh ann an nàdur 
an dà aoraidh, bu mhaith Ieam gu mìnicheadh 
tu dhomhe; agus ma thèid agad-s' air so a 



16 



dheanamh, bithidh soirbheachadh agad nach 
robh aig ùghdair a leugh mi riamh mu'n chùis ; 
agus thug mi sùil air fear no dhà dhiubh. 

Doìi. Ma thachair sin, Eòghain, cha 'n f heud 
mo dhòchas-sa a bhi ro làidir gu 'n soirbhich 
an gnothuch leam-sa : agus gu labhairt gu saor 
riut, cha do thuig mi fèin gu ro mhaith e ged 
bha 'n sagart 'g a mhìneachadh dhuinn uair 
no dhà. 'S e so an t-eadar-dhealachadh a bha 
esan a' deanamh a mach : nach b' aoradh idir 
a bha sinn a' tabhairt do dhealbhaibh, nach 
robh ann ach Seirbhis. Ach, gun teagamh, mar 
a thubhairt thu, tha 'n t-seirbhis cho choltach 
ris an aoradh 's an t-aoradh ris an t-seirbhis, 
's nach b' urra dhomh fèin riamh an t-ead- 
ar-dhealachadh fhaicinn. 

Eòghan. Fàgamaid mar sin fèin e. Gabh- 
amaid focal an t-sagairt mar roghuinn air fian- 
uis ar sùl fèin — ni a tha a luchd-leanmhuinn a' 
deanamh ann an iomadh ni. Ach cuiream ceist 
eile riut, agus air chinnt' thèid agad air i so 
f huasgladh ann an rathad ni 's tuigsiche na 'n 
tè ud eile. Ciod an tairbhe no a' bhuannachd 
a tha thu a' gealltuinn do d' anam 's a' faotainn 
o 'n aoradh a tha thu a' toirt do na nithibh ud 
a bha mise ann an cainnt an naoimh Phòil a' 
meas 'n an nithibh faoine agus dìomhain ? Air 
chinnt', a Dhonnchaidh, 'n uair a tha sibh air 
uairibh, 'n uair a ghiùlaineas ur sporan an 
cosdus, a' dol thar chaoil, dhùthchannan, agus 
chuantan a' shleuchdadh sìos ann an teamp- 
laibh a choisrigeadh do dhealbh na h-Oighe 
Muire, no naomh, no ban-Naomh chomharr- 
aichte, tha sibh a' gealltuinn buannachd nach 



17 



beag dhuibh fèin an cois ur dragha, ur saothair, 
's ur cosdus, agus gu deimhin cha b' i a' bhuann- 
achd bheag a dh' fheumadh sibh a bhuain. 

Donnchadh. O, tha sinn a' deanamh sin; agus 
is lìonmhor iad a f huair buannachd ri linn an 
saothar. Tha 'n sealladh riochdail a tha sinn 
a' faotainn do 'n Oigh naomha a dùsgadh 's a' 
beothachadh smaointean cràbhach agus aig- 
nidhean, agus faireachduinnean diadhaidh 'n 
ar anamaibh. Tha 'n dealbh, no 'n ìomhaigh a' 
gairm gu 'r cuimhne nan nithe glòrmhor agus 
mòraarinn i gu tric air son a luchd-aoraidh; an 
inbhe àrd agus urramach a tha i a' mealtuinn 
— agus na mìorbhuilean mòra, comharraichte 
a dh'oibricheadh le cuid do na naoimh anns 
gach linn do 'n Eaglais. Ach, 's i a' chrìoch 
bheannaichte a bha aig an Eaglais ann an 
gnùis a thabhairt do 'n aoradh a tha i toirt do 
dhealbhaibh agus do ìomhaighibh gu 'n neart- 
aicheadh agus gu 'm beothaicheadh iad spiorad 
cràbhaidh anns an anam ; agus 's i so a' bhuan- 
nachd àraid a tha mi fèin a' gealltuinn dhomh 
fèin uatha. 

Eòghan. Cha 'n 'eil mo bharail-sa idir cho 
seirceil ri d' bharail-sa mu 'n chrìch a bh' aig 
d' Eaglais anns a' chùis so; — ach cha'n innis mi 
c air son an tràth-sa — gabhaidh mi cothrom air 
m' inntinn a thabhairt duit air so uair-eigin 
eile. Ach ciod a their thu a Dhonnchaidh, 
ma dhearbhas mise dhuit à beul Eachdraidhean 
agus Dhiadhairean Pàpanach fèin, gur h-ann a 
bha, agus a tha, dealbhan agus ìomhaighean 
agus na bheil air brath agaibh a bhuineadh aon 
uair do na naoimh, agus d' am bheil sibh a' toirt 



18 



urraim, a' taehdadh 's a' mùchadh spiorad crabh- 
aidh — seadh a' cumail a maeh gu 'm bheil an 
sluagh aineolach, dall, ullamh gu iad fèin a 
thoileachadh le aoradh a thoirt do 'n dealbh 
fèin, gun an inntinn a thogail a dh'ionnsuidh 
nan naomh no nam ban-noamh a bha iad a' 
cumail a mach. Ach, a Dhonnchaidh, leigea- 
maid dhinn a' chuid so do 'n argumaid ; agus 
faiceamaid am bheil an ni so air a cheadachadh 
no a' faotainn gnùis o Dhia ; cha 'n abair thu 
rium-sa gu 'm bheil daoine ni 's comasaiehe air an 
stiùradh fèin anns an ni so, no Focal an Tig- 
hearna; agus cha 'n fheud thuaràdh gu bheil an 
riaghailt chinnteaeh, chothromach so, balbh no 
tosdach mu 'n chùis anabarrach chudthromach 
so. Agus, cluinn mi, a Dhonnchaidh, ged a bheir 
thu deich mìle aobhar agus reuson dhomh air 
son an aoraidh so., cha bu truime iad ann am 
bharail-se na duslach na slige-thomhais. Cha 
'n fheudar an luaidh a choimeas ris an òr. 
Cha 'n fheudar an daoimean a choimeas ri 
aon do chlochaibh na tràghad. Cha 'n f heudar 
tuigse agus reuson dhaoine a choimeas ri tuigse 
agus reuson an Dè neo-mhearachdaich. Cha 'n 
f heudar 'f hianuis-san a chur a thaobh, agus am 
barail-san a ghabhail mar roghainn. Ciod 
i fianuis Dhè 's ghnothuch chudthromach so? 
Am bheil esan a' roinn na glòire sin a bhuineas 
dha fèin ri ainglibh no ri naoimh ? Am bheil 
e 'g an leigeadh ann am pàirt no 'n comaidh ris ? 
Dean so a mach, ach cha 'n ann le creud, no 
àitheantaibh, no reachdaibh Phàpa, no chomh- 
airlean, no na h-Eaglais ; agus a dh' aindeoin 
cho fhad 's a tha mo bheachd 's mo bharail o d' 



19 



bharail-sa,anns anniso, — glacaidh miairJàimh 
thu, agus cuiridh mi suas m' ùrnuighean maille 
riut-sarisna h-ainglibh, 's an Naomh Oigh, 's na 
h-Abstoil, 's gach naomh eile a dh' fhàg an 
saoghal, a thogras tu. An còrd an tairgse so 
riut ? An glac tha mo làmh air na cùmhnant- 
aibh so, a l)honnchaidh ? Glac do Bhìoball, 
s' thoir do chòmhdachadh as a sin. Cuimhnich, 
chuir ^fchu d' aonta ris mar tha, mar an aon 
riaghailt neo-mhearachdach anns gach cùis 
do 'n t-seòrsa so. So, so, togamaid ar cùis o 
dhaoinibh guDia e fèin. Cha mheall esan. Cha 
do thachair dha-san mar a thachair do dhuine. 
S' i a mhiann gu 'n tigeamaid a chum eòlas na 
fìrinn ; ar toirt à dorchadas gu solus, agus o 
chumhachd shàtain d' a ionnsuidh fèin. Ciod a 
mhaille a th' ort ? Am bheil eagal ort do shùil 
a thogail ris a' ghrèin ghlòrmhoir sin ? Am 
bheil eagal ort gu 'n èirich do 'n ghrèin 's 
do 'n ghealaich, 's na reultan iùil d 'am bheil thu 
a' toirt geill, agus leis am bheil thu a' stiùradh do 
chùrsa mar do 'n ghealaich 's na lòchrain-iùil 
ud a tha dealradh 's an iarmailt, 'n uair a dh' 
èireas a' ghrian o chùì nam beann, 'g m foluich 
iad an gnùis, s' gu mùchar an solus r S' maith 
a dh'fheudas tu 'n t-eagal so a bhi ort. Sìn 
dhomh-sa an leabhar naomha. Leigeamaid le 
'Ughdair beannaichte 'f hianuis fèin a thoirt mu 
'n chùis a tha 'n connspoid eadarainn — seadh 
— eadar d' Eaglais-sa agus na h-eaglaisean 
Ath-leasaichte air fad. Tha fhios aige-san d' an 
aithne an cridhe, air a' chlaonadh làidir a 
thàinig air an duine gu dol air seacharan, air 
strìopachas uaith fèin gu h-iodhol-aoradh. Bha 



20 

f hios aige gu 'n robh an taois ghoirt — a' bheirm 
so ag oibreachadh — seadh, agus gu 'n oibrich- 
eadh i, ann an cridhe a' phobuill a thagh e dha 
fr'in. Bha fhios aige air an spèis a thug iad 
do iodholaibh agus iodhol-aoradh na h-Eiphit. 
Cha d' f hàg e idir iad ann an dubhar, ceò, no 
aineolas aon chuid a thaobh a chuspair d' am 
bu chòir aoradh a dheanamh, no mu 'n ghnè 
no 'n rathad anns an robh iad gus a dhean- 
amh. Thug e dhoibh-san agus d' a eaglais 
anns gach linn, 'inntinn, 'a rùn anns a' chùis 
so, air na clàiribh cloiche sin a sgrìobh e 
le a naomh-làimh fèin air mullach an t- 
slèibhe, agus a thug e do Mhaois. '' Na biodh 
dia 's am bith eile agad ann mo ]àthair-sa." 
" Na dean dhuit fèin dealbh snaighte, no 
coslas ni 's am bith," &c. &c. Ciod a their 
thu ri so, a Dhonnchaidh ! sin agad briathran 
an Dè* bheò agus neo-chaochluidhich — sin 
agad an gàradh leis an do chuir e dìon air 
'aoradh fèin ; agus sin agad a' chainnt anns an 
do thoirmisg e cuspairean eile agus ìomh- 
aigheachd d' a phobull. Tha 'n gàradh so agad 
'g ad chuartachadh air gach làimh, mur leum 
thu thairis ; oir cha 'n f haigh thu a mach aon 
chuid air dorus beòil no cùil. Agus cha dean e 
'n gnothuch a ràdh nach 'eil sibh a' toirt a' ghnè 
aoraidh sin, aon chuid do 'n dealbh òir no airgid 
no umha, no ciod air bith cungaidh eile d' an 
dean sibh e, a tha sibh a' toirt do Dhia. 
Cuiribh an t-ainm air a thogras sibh, aoradh 
dhoibh tha sibh a' toirt ; — agus le so a dhean- 
amh, tha sibh a' briseadh àithne an Tighearna. 
Tha sibh a' cromadh sìos dhoibh — tha sibh a' 



21 



losgadh choinnlean agus tùis air am beulaohh, 
agus dh'f'hairtlich orm-sa riamh, diubhar 's am 
bith fhaicinn eadar bhur n-aoradh dhoibh-san 
agus do 'n Dia bheò agus fhìor. Agus, nach 
beachdaich thu, a Dhonnchaidh, air an 
reuson a tha Dia a' toirt, anns an àithne a 
thaobh an ni so a tha e a' toirmeasg " oir is Dia 
eudmhor mi, a' leantuinn anigidheachd nan 
athraichean air a' chloinn, gus an treas agus 
an ceathramh ginealach dhiubh-san," &c. Tha 
thu fèin agus do shagart, d' Eaglais, agus do 
cheann-iùil, am Pàpa, a' saltairt gu dàna air an 
àithne so — tha sibh a' tabhairt oilbheim do 
Dhia — anns an nì so tha sibh 'g a bhros- 
nuchadh gu feirg agus corruich — seadh, tha 
sibh anns an ni so, mar ann an iomadh ni eile 
a' toirt eas-urraim do 'n tuigse 's 'do 'n reuson 
a bhuilich e oirbh. Agus ged nach biodh reu- 
son 's am bith eile agaibh ach e so 'n a aonar, 
(ach tha iomas a' bahrrachd air), bu leòir e 
do 'n Eaglais gu Focal an Tighearna a chum- 
ail uaibh, agus an àithne so a chumail a 
mach as an leabhar cheudna — ni a tha bhur n- 
Eaglais a' deanamh anns na h-uile àite anns 
am bheil sin 'n a cumhachd. Nach uamh- 
asach bhi a' cleith 's a' folach an tomhas is 
lugha do reachdaibh agus do laghannaibh Dhè 
uaibh — agus nach uamhasaiche na so uile, 
bhi a' toirt misnich dhuibh, bhi a' toirt meas 
agus urram do nithibh a tha am focal sin a' 
toirmeasg dhuibh. Agus ma tha sin com- 
asach, tha d' Eaglais ciontach do ni ni 's uamh- 
asaiche na so uile. Tha i a' deanamh buannachd 
shalaich agus mhi-naomha air sàil nan cus- 



22 



pairean aoraidh d' am bheil i a' toirt gnùis. 
Tha i leotha so a' lomadh 's a' fionnadh sporain 
an t-sluaigh a tha i a' dalladh 's am meall- 
adh anns an ni so, agus 'g an creachadh do 'n 
cuid, do 'n anam, 's do 'n Dia. Cha 'n 'eil e 'n 
am chumhachd an diubhar is lugha fo 'n ghrèin 
a chur eadar bhur n-aoradh-sa do Dhia le iodh- 
olaibh,agus samhlaibh, agus ant-iodhol-aoradh 
sin do 'n robh na cinnich ciontach ; s' do 'n 
robh claonadh cho làidir aig a phobull fèin fo 
'n t-sean Tiomnadh — an diubhair is lugha ach 
a mhàin meud bhur n-aoraidh do dhealbh Dhè, 
Chriosd, an Spioraid Naoimh ; agus mar sin 
sìos, agus aoradh chloinn' Israeil do 'n laogh òir 
anns an fhasach, agus na laoigh chuireadh suas 
le Ieroboam ann an Betel agus ann an Dan. 
Cha chanadh iadsan gu 'm b' iad na h-iodhoil 
do rìreadh cuspairean an aoraidh ; ach gu 'n 
robh iad ag aoradh dhoibh tre na h-iodholaibh. 
Ach cha 'n 'eil an teagamh is lugha a thaobh 
a' mhòir-shluaigh, nach robh iad do'n bhar- 
ail gu 'n robh an Diadhachd ann an rathad 
air chor-eigin annta, no mu 'n timchioll. 
Dìreach mar tha na mìltean ann an Eaglaisibh 
a thaobh nan dealbhan a tha air an cur 
suas, an dèigh dhoibh a bhi air an coisrigeadh 
ann an ionadaibh àraidh, do 'n bharail, gu 'm 
bheilna cuspairean air am bheil iad 'n an samh- 
laidhibh a làthair annta cuideachd. Tha 
sinn ag aoradh, deir thusa, do chuid dhiubh, a 
chionn gu 'n d' oibricheadh mìorbhuilean mòra 
agus comharraichte leotha, 's gu bheil sùil 
againn ri beannachdaibh eug-samhla fhaigh- 
inn uatha, sinn fèin. Cha d' oibricheadh le 



23 



crois Chriosd, no le h-aon d' ur n-iodhola 
riamh, mìorbhuilean cho iomraiteach, — 's a dh' 
oibrich Dia leis an nathar, umha. Ach, ciod bu 
deireadh dhi sin ? 'N uair a thòisich clann 
Israeil air aoradh a thabhairt dhith, bhris- 
eadh i 'n a bloighdibh le righ Heseciah. — 
Ach, na meas gu 'm bheil mise a' creidsinn gu 'n 
d' oibricheadh uiread agus aon mhìorbhuil 
riamh, le h-aon do bhur n-iodholan, no bhur 
dealbhan. Tha thusa a' toirt gèill do so — cha 'n 
'eil mise ; — agus feudaidh mi cothrom a ghabh- 
ail aig còdhail eile air mo reuson a thoirt duit. 
An saoil thu gu 'n toir no gu 'n d' thug Dia 
gnùis do ghnè aoraidh a thoirmisg e? air son 
an robh a dhian fhearg agus a chorruich air an 
dòrtadh a mach a rithist agus a rithist air a 
phobull fèin. Thae eu-comasach. B' ionann 
sin agus a bhi dubhadh a mach 'àithne fèin. 
B' ionann sin agus a bhi a' togail suas leis an 
dara làimh an ni a bha e a' tilgeadh sìos leis an 
làimh eile. Leugh ciod a deir e anns a iv. 
caibideil do Leabhar Dheuteronomi. Leugh 
ciod a deir an t-Abstol Eòin anns a v. caib — 
d' a cheud Litir. Ciod a their thu ris na 
nithibh so uile nis, a Dhonnchaidh ? An creid 
thu d' Eaglais a roghainn air Dia ? An toir 
thu gèill ni 's luaithe do àitheantaibh dhaoine 
na do Fhocal Dhè a sheasas agus a mhaireas 
gu sìorruidh. 

Donnchadh. Ma ta, Eòghain, cha mhaith tha 
fios agam fèin ciod a their no smaoinicheas 
mi. Tha m' inntinn air a cur gu h-anabarrach 
tre a cheile le d' chainnt. Tha mi mar gu 'm 
biodhna bunaitean air am bheilmi,a'fàilneach- 



24 



adh fodham. Thà 'n fhirinn, agus fianuis m<. 
thuigse agus mo reusoin fèin a co-ehòrdadh r. 
mòran do na labhair thu ; ach tha na h-earranni, 
sin do f hìrinn Dhè aleugh thu, agu* a bha thu 
a' mmeachadh, 'g ani lìonadh le jamhaf 
agus ball-chrith. Tha mi a' cur romham tui 
eadh dom' ùine 's dom' smaointeanabhuileac 
adh air na nithibh cudthromach so ; oir ma tì 
'n fhìrinn agad-sa, 's eagalach am mearach 
anns an robh mise gus a so. Gu 'n stiùireadl 

Dia mi gu solus na fìrinn. 

Ebghan. Gu 'n dèonaicheadh Esan sin; r. 

deònaichidh. Ach iarr thusa siu uaithe ai, 

bhonn air an dean se e— air bonn toillteanu*. 

a Mhic fèin; agus tarruing dlùth dha 'n j 

ainm-san, — seadh 'n a ainmsan 'n a aonc 

Smaoinich air na nithibh so. 

Don. Ni mi sin ; — agus bithìdh tuillea 

còmhraidh againnmu 'n dèighinn an ùine g 

bhi fada. 



a chrioch.