Skip to main content

Full text of "An dara leabhar air son nan sgoilean G'lach a ta air an cumail suas le Comunn Ard-sheanaidh Eaglais na h-Alba"

See other formats


H./V\. 300^^3). 


DARA    LEABHAR 


NAN    SGOILEAN    GAE'LACH 


Air  an  cumaìl  suas  le  Coniunn  Ard-Sheanaidh 
Eaglais  na  h-Alha. 

AN   I>ARA   CLODH-BUALADH. 


DUNEIDIN  : 

AIR  A  CHLÒDH-BHUALADH 

LE   UILLEAM   BLACKWOOD   AGUS   A   MHK 


SEOLANNA. 


Feumadh  am  Fear-teagaisg  na  leasoin,  no  na  h-earrannan 
a  leanas,  a  dheanamh  fad  no  goirid,  a  rèir  mar  a  chi  e  iomch- 
uidh ;  ach  air  chor  air  bith  cha  tèid  e  seachad  air  aon  diubh 
gus  an  urrainn  am  foghlumach  a  leughadh  gu  pungail. 

'Nuair  thig  am  foghlumach  gu  crìch  na  tjeas  earrainn 
air  a'  cheud  taobh-duilleig  a  leanas,  tionndaidh  e  thairis,  (a 
rèir  mar  a  ta  e  air  a  chomharachadh  a  mach  san  leabhar,)  gu 
taobh-duilleig  16,  agus  leughaidh  e  an  earrann  a  tha  tòis- 
eachadh  leis  an  litir  ( A. )  ;  agus  mur  sin  sios. 

Bithidh  e  iomchuidh  gu'm  mìnich  am  Fear-teagaisg  do'n 
fhoghlumach  brìgh  gach  focail  nach  'eil  e  a'  tuigsinn,  agus 
mar  an  ceudna  gu'n  cleachd  e  dha  na  focail  a  ta  aon-fhiUte  a 
dheanamh  d  *>ailte,  agus  na  focail  a  ta  dùbailte  a  dheanamh 
aoD-fhiUte.  ivlar  so,  Bhiadh  mi  na  cearcan,  Bhiadh  mi  o' 
chearc  ; — Tholl  e  na  brògan,  ThoU  e  a'  bhròg  ; — Fhuair  an 
laogh  bàs,  Fhuair  na  laoigh  bàs,  &c. 

~  I.  M'D. 


LAURISTON  CASTI.E 

LI8RARYACCESSI0N 


A'  CHEUD  EARRANN 


1.  Bhiadh  mi  na  cearcan.  Tholl  e  na  bròg- 
an  leis  a'  mhinidh.  Faic  co  luath  'sa  ruitheas 
an  seangan.  Choinnich  mi  air  an  staidhir  e. 
Tha  guth  àrd  agad.  Tarruing  t'anail.  Fhuair 
an  laogh  bàs.     Chaill  mi  an  t-airgiod. 

2.  Thoir  dhomh  beagan  arain.  MilUdh  an 
reothadh  a'  pheasair.  Bhuail  e  mi  le  'dhorn. 
An  aithne  dhuit  co  a  sgriobh  so  ?  Thig  am  bàs 
air  sean  agus  air  òg.  Bhris  e  caol  a  dhuirn 
Tha  mi  sgìth  do'n  eallaich.  B"*  f  hearr  leam  gu'm 
b''  urrainn  domh  snàmh.     Leum  iad  seachad. 

3.  Meanglain  na  craoibh  beithe.  Tha  meall 
do  chrè  agam.  Am  bheil  an  rathad  garbh  ? 
Falbh  air  an  f  hrith-rathad.  Tha'n  geata  far- 
suinn.  Dh'  fhàihnn  mo  shealladh.  Thig  air 
t'ais  le  cabhaig.  Is  ni  gràineil  bhi  goid,  agus 
ag  innseadh  bhreugàn.  Mharcaich  e  air  asail 
— A.  Taobh-duiUeig  16. 

4.  Dh'  f  halbh  e  orn  tigh. .  Chiùrr  thu  mo 
làmh.     Bruich  a^lfJ^feQÌl:  .  -Xha  adharc  chrom 


air  an  damh  Chrath  am  madadh  a  cheann. 
Shuidh  an  righ  air  a  chaithir.  Luidh  sinn  sios 
air  an  urlar.  Dh"*  fhalbh  an  loingeis.  Thog 
iad  an  tigh  sin  le  clach  agus  le  aol. 

5.  Shèid  am  fear-faire  an  trompaid.  Tha 
an  là  ciùin  agus  balbh.  Am  bheil  iongan  a' 
chait  geur  ?  Bun  na  craoibhe  giuthais.  Tha 
teine  againn  san  t-seòmar.  Crom  thu  fèin  sios. 
Na  sgrìobh  air  do  leabhar.  Ruathair  leis  a' 
chaibe.  Bhuail  e  mi  leis  an  t-slait.  Dìrich  aro 
bruthach. 

6.  Tha  e  dà  bhliadhna  dheug  a  dh'  aois 
Thèid  sluagh  maith  do  nèamh,  agus  sluagh 
olc  do  ifrinn.  Bha  sgaineadh  sa'  bhalla.  Bheii 
Dia  breth  air  an  t-saoghal.  Tha  am  fuaran 
domhain.  Chaidh  an  t-eun  d'a  nead.  Tha 
ceò  dhorch  ann.  Na  saltair  sios  an  t-arbhar. 
Teich  air  falbh. — B.  Taohh-duìlleig  16. 

7.  Tha  an  leanabh  tinn.  Ròist  an  t-eun. 
Bhris  na  caoraich  2l  challaid.  Tha  foinneamh 
air  do  làimh.  Feumaidh  tu  an  talamh  ar.  Tha 
na  sgadain  ro  phailt.  An  caruich  mi  am  bòrd  t 
Tog  ort  do'n  bhaile.  Tilg  sios  am  balla  àrd 
sin.  Chaidh  e  a  dh'  iasgach  le  dubhan  agus 
le  lìon.    Tha  an  talamh  cruinn. 

8.  Lùbaidh  e  a  bhogha.  Tha  cridhe  blàth 
aige.  Rinn  an  luch  toll  sa'  chàise.  Tha 
a'  chlann  a'  deanamh  iolaich.  Fuinidh  i  an 
taois,  agus  ni  i  aran  dith.  Tha  an  searrach 
bochd.  Dh'  fhàs  na  gabhair  fiadhaich.  Tha 
àl  mòr  aii?  a'  mhuic.     Fadaidh  an  teine. 


9-  Na  dean  breug  air  son  ni  air  bitli  A.n 
d'  rinn  an  gobha  na  tairngean  ?  Sheinn  e  sailm. 
Ghuil  e  gu  goirt.  Na  caog  do  shùil.  Chaidh 
am  fìodh  sios  leis  an  t-sruth.  Choisinn  gach 
fear  diubh  so  duais  mhòr.  Dùin  agus  glais  an 
dorus.  Am  bheil  an  soitheach  làn  bainne  i 
Feudaidh  tu  so  a  dheanamh.  Ciod  a  thubhairl 
thu  ? — C.   Taohh-duilleìg  16. 

10.  Tha  an  lomradh  sin  a'  sealltuinn  ro 
mhaith.  Na  mill  an  obair  ghrinn  so.  Rinn- 
eadh  foir  Vudaich  do  shìoda  dearg.  Chuir  e  air 
a  chlaidhe  agus  a  chrios-guailne.  Tha  an  tal- 
amh  air  chrith.  An  do  chuir  thu  an  siol  ? 
Tha  e  air  chrith  leis  an  fhuachd.  An  cluinn 
thu  an  crodh  ag  geumnaich  ?  Nigh  do  làmhan 
ie  siapunn.  Tha  an  tìr  còmhnard.  Rach 
seachad  air. 

11.  Tha  eallach  throm  aig  air  a  dhruim 
Thàinig  mòran  fola  o'n  lot.  Cuir  dath  uaine 
air  an  t-seòmar.  Gabh  aon  ubhal  duit  fein, 
agus  thoir  an  t-ubhal  eile  do  d'  bhràthair 
Shuidh  e  sios  'na  aonar,  agus  ghuil  e  gu  goirt 
Tha  a'  chlann  a''  deanamh  bolg  ri  grèin.  Rug- 
adh  sa'  bhaile  mi.  Lùb  mi  mo  ghlùn.  An 
tèid  thu  maille  rium  ? 

12.  Bha  dorus  a"*  chrò  fosgailte,  agus  fhuair 
na  daimh  a  mach.  Tha  an  leanabh  'na  chodal. 
Seall  air  itean  an  eisg.  Tha  sgiathan  mòr  aig 
an  iolair.  Na  cuir  campar  ort  fèin.  Am  bheil 
e  a  chòmhnuidh  aig  taobh  na  mara  ?  Reic  dc 
bhathar  Tha  an  èididh  maiseach.  DhYhàs 
a3 


aii  t-òganacb   dall.     Cruinnich   an  treud  do'n 
chrò. — D.  Taobh-duiUeig  17. 

13.  Bhleith  iad  an  coirc.  Tha  seachdnar  'nan 
suidhe  air  a'  chloich  mhòir.  Bhreab  an  t-each 
mo  bhràthair.  Thoir  cKù  doDhia,oir  is  e  ughdar 
gach  maith.  Na  marbh  a'  chuilleag,  oir  cha'n 
"■eil  i  deanamh  cron  air  bith  ort.  Tliuit  duiU- 
each  nan  craobh.  Cum  do  làmhan  agus  t'  eudan 
glan.  Ismithich  dhuitdochkiichaleagadhdhiot. 

14.  Thuit  iad  sa'  chlais.  Thacrìos  aig  mu'*n 
cuairt  d''a  mheadhon.  Mur  bearrthu  sgiathan 
an  eoin,  leumaidh  e  air  falbh.  Ghabh  iad 
rium  gu  cairdeil.  Leag  sinn  san  uaigh  e. 
Chaidh  a'  mhiol-chù  ""na  dhèigh.  Ciod  iad  na 
nithe  a  rinn  e  ?  Tha  na  caoraich  a'  meiHch  air 
9on  nan  uan.  Dean  gach  ni  a  ta  ceart,  agus 
seachainn  an  t-olc. 

15.  Ciod  i  do  bharail  dheth  ?  Teich  suas  ris 
a'  mhonadh.  Am  fear  nach  dìobair  a  charaid 
gheibh  e  urram.  Ghabh  e  òran.  Reub  an  tar- 
uinn  a  chòta.  Tha  am  poll  domhain,  agus 
tha  mòran  eisg  ann.  Thoir  an  t-shge  bheag  an 
so,  agus  òlaidh  sinn  aside.  Dean  toirni  mhòr 
chum'*s  gu"*n  cluinn  iad  thu.  Bhruth  thu  mo 
làmh  leis  an  òrd. — E.  Taohh-duiUeig  17. 

16.  Ma  bhitheas  e  maith,  gheibh  e  gach  ni 
a''s  àill  leis.  Thèid  na  nèamha  thairis  le  toirm 
mhòir,  agus  leaghaidh  na  dùilean  le  dian-theas. 
Na  dean  fanoid  air  sluagh  maith.  Leag  a' 
ghaoth  an  tigh.  Bha  cobhar  gheal  air  aghaidh 
an  uisge.     Chuir  iad   na  mairbh  fo'^n  talamh. 


Thug  an  t-aiteamh  air  falbh  an  sneachda.    An 
do  sgriobh  thu  do  litir  ? 

17.  Thàinig  sinn  a  nuas  o'n  bheinn,  agus 
shuidhich  sinn  ar  bùth  ann  an  àite  blàth.  Cha 
ghàir  thu  ma  bhuaileas  c  thu  leis  an  t-slait. 
Gabh  comhairle  agus  falbh  romhad.  Na  stad 
gus  am  bi  thu  as  an  t-sealladh.  Gabh  an 
sguabach,  agus  sguab  an  sabhul.  An  duine 
truagh,  tha  brògan  a  dhìth  air.  An  cluich  thu 
air  a'  phioba  "^  Troididh  e  riut  gu  garg,  a 
chionn  gu'n  d'  rinn  thu  so. 

18.  Cuir  biadh  air  a  bheulaobh.  Shnàmh 
na  geoidh  sios  an  amhainn.  Chluich  na  h-uain 
am  measg  nan  caorach.  Dean  cabhag,  agus 
ihig  a  m'  ionnsuidh.  Stiùraidh  Dia  iadsan  a 
chuireas  an  dòchas  ann.  Thoir  dhomh  deoch 
do'n  uisge  ma''s  e  do  thoil  e.  Is  toigh  le  Dia 
a'  chlann  a  ni  urnuigh  ris.  Tha  e  dà  shlait  air 
leud.  Am  bheil  thu  cluinntinn  ? — F.  Taohh' 
duilleìg  18. 

19-  Tha  e  'na  sheòl  gràineil  blii  ag  aithris 
an  ni  sin  nach  'eil  fior.  An  do  thuit  mòran 
sneachd  ?  Choidil  thu  tuille  's  fada.  Thug 
iad  an  t-iasg  chum  na  traighe.  Thig  gaoth 
reòtaidh  o'n  taobh  tuath.  Thuit  sinn  air  a' 
charn  chlach,  a  dh'  fhàg  an  luchd-oibre  air  an 
rathad.  'Nuair  a  ni  thu  urnuigh  ri  Dia,  dean 
urnuigh  ris  le  d'uile  chridhe.  Seachainn  an 
t-olc,  agus  lean  am  maith. 

^O.  Tha  an  t-achadh  peasair  fo  bhlàth. 
Cha'n  'eil  peighinn   do'n   t-saoghal  aig.     Cha 


8 

toir  e  an  car  à  neacb  air  bith.  Chunnaic  mi 
aishng  an  raoir.  Glan  air  falbh  an  salachar 
bhàrr  a'  bhuird.  Tha  a  chionta  ro  shoiUeir. 
Fosgail  an  uinneig,  agus  leig  a""  ghaoth  a  steach. 
C'àit  an  do  chodail  thu  an  raoir  ?  Thog  mi  mo 
thigh  o  chionn  iomadh  bUadhna.  Glac  an  t-eun, 
agus  bearr  a  sgiathan. 

21.  Chaidh  e  air  seachai'an  air  an  t-shabh. 
Is  còir  dhuinn  oirp  a  thoirt  air  seirbhis  a 
dheanamh  do  Dhia.  Chuir  a**  chnuimh-fhiac- 
ail  mòran  trioblaid  orm.  Tha  mo  bhrògan  ro 
chruaidh  agus  ro  theann :  Thug  iad  an  craic- 
ionn  bhàrr  mo  shàil.  Tha  iomadh  neach  balbh 
agus  boghar ;  is  còir  dhomh-sa  bhi  taingeil 
nach  d"*  f  hàg  Dia  mise  balbh  agus  bodhar  mar 
an  ceudna.  Chaidh  caimein  a'm'  shùil. — G. 
Taohh-duilleìg  18. 

22.  Tha  a"*  bheinn  àrd  agus  corrach ;  cha 
ruig  sinn  a  muUach  an  dà  uair  so.  Dh^'ith  a' 
chlann  na  h-ùbhlan.  Shèid  e  a"*  ghall-tromp, 
agus  rinn  e  fuaim  mhòr.  ""Nuair  a  bha  e  a' 
streapadh  ris  a"*  chraoibh,  thuit  e  agus  chiùrr 
se  e  fèin  Is  còir  dhuinn  guidhe  air  Dia  gu^'n 
seòladh  e  sinn  chum  ar  dleasdanas.  Fhuair  e 
im  agus  bainne.  Bha  e  ann  an  airc  nihòir. 
Chaidh  an  aitreabh  ri  theine,  agus  cha  robh 
uisge  ann  g'^a  cur  as. 

23.  Chaidh  duine  àluinn  seachad  orm  air  an 
uair.  Cha  robh  truas  no  iochd  "^na  chridhe 
Bha  an  damh  a  chaiU  mi  breac.  Bhàth  iad  na 
cuileanan  san  uisge.  Chuir  e  beirm  air  a' 
bhraihs  agus  dh"*  oibrich  i.     Cha  robh  lochd 


no  beud  ann.  Thug  e  mach  an  lagh  au',  agus 
dhìt  se  e.  Bha  am  fear  ud  bleideil.  Theich 
an  earb  do'n  choille.  Bha  a"*  chlann  bradach, 
agus  air  an  aobhar  sin  bha  fuath  aig  gach 
neach  dhoibh. 

24).  Bha  a'  mhiol-chù  bracach.  Thog  e  a 
bhratach  an  àird.  Chuir  e  dàil  sa'  ghnothuch 
gu  uair  eile.  Chunnaic  mi  an  dallag  sa' 
bhruaich.  Bhuain  e  mòran  arbhair  an  dè. 
Chaidh  carbad  agus  ceithir  eich  seachad.  Tha 
ceileir  binn  aig  na  h-eoin.  Spion  e  an  coiUeach. 
Bheir  duine  ni  air  bith  an  eiric  'anama.  Fhuair 
mi  faochag.  Tha  an  t-òganach  so  ""na  fhiùran 
dìreach  agus  deas.  Bha  teasach  ghoirt  sa 
bhaile. — H.  Taobh-duìlleig  19- 

25.  Ghlac  geilt  e.  Tha  an  gàradh  mòr, 
agus  tha  mòran  meas  ann.  Am  bheil  na  glinn 
fliuch.?  Leum  an  iahag  aig  dubhar  an  f  heasgair. 
Dh'  fhàg  e  iarmad  'na  dhèigh.  Thug  e  ìobairt 
seachad.  Chaidh  an  laoch  ""na  chodhail. 
Shuidh  i  sios  agus  chum  i  a  sùil  air  an  lear. 
Tha  am  fear  so  ro  leamh  orm.  Am  bheil  màg 
an  leomhain  mòrì  Dh'  fhàs  a  cheann  maol. 
Rinn  mi  malairt  ris.  Na  dean  mairneal 
Chaidh  a  mhaoin  a  sgrios. 

26.  Dh'  èirich  e  moch  sa^  mhaduinn.  Chroch 
)  car  tamuill  air  a  mhuineal.  Tha  do  namhaid 
an  tòir  ort.  Thig  pòiteir  fiona  gu  truaighe. 
Chuir  iad  am  priosan  e.  Choidil  iad  air  ar. 
fhraoch.  Tha  mùing  fhada  air  a'  ghearran 
Bhuail  e    peileir   air   an    fhiadh   sa'   chliaich 


10 

Dh'innis  an  seann  duine  ciod  a  thacnair  da. 
Bheuc  an  leòmhan,  agus  chrith  an  talamh. 
Chuir  e  sreth  chlach  mu'n  cuairt  do'n  tigh. 
Tàladh  dhachaidh  e.  Shèid  osag  ghaoithe  air 
falbh  e. 

27.  Thug  e  seachad  airgiod  air  ocar.  Tha 
nuallan  aig  an  sprèidh.  Bha  a"*  bhean  àrd  agus 
fiadhaich  'na  tagradh.  Chaill  e  a  neart  gu  tur, 
Thuit  uamhas  orra  air  fad.  Leum  an  iolair 
gu  h-àrd.  Ni  beartas  sgiathan  dha  fèin  agus 
siubhlaidh  e  gu  grad  air  falbh.  Na  h-ith  aran 
an  ti  aig  am  bheil  droch  shùil.  Ni  amadan 
tàir  air  gliocas.  Tha'n  duine  ghc  ""na  dhuine 
laidir.  Aom  do  chridhe  ri  ghocas,  agus 
seachainn  droch  coluadar. — I.  T.d.  19- 

28.  ladsan  a  dh"  f  hanas  fad  aig  an  fhìon,  ni 
iad  bròn,  agus  gheibh  iad  lotan  gun  aobhar. 
Tuitidh  am  fìrean  seachd  uairean,  agus  èiridh  e 
a  rìs,  ach  tuitidh  na  h-aingidh  ann  an  olc,  agus 
cha  saorar  as  iad.  Na  biodh  campar  ort  ri 
droch  dhuine,  agus  na  gabh  farmad  ris.  Cha 
bhi  crioch  mhaith  aig  an  droch  dhuine,  oir  gu 
h-obann  thig  a  dhòruinn.  Na  gabh  urram 
duit  fèin  ann  am  fianuis  an  righ,  agus  na  seas 
suas  an  àite  dhaoine  mòra.  Ma  bhios  do  namh- 
aid  ocrach  thoir  biadh  dha,  oir  le  so  ni  thu 
maith  an  èiric  uilc. 

29.  Is  e  urram  dhaoine  òga  an  neart,  agus 
is  e  maise  sheann  daoine  an  ceann  Hath.  Na 
creacli  am  bochd  a  chionn  gu  bheil  e  bochd, 
agus  iia  sàruich  an  truaghan.     Na  dean  suas 


n 

cairdeas  ri  drocli  dhuine.  Is  truagh  an 
duine  aig  nach  "*eil  ceannsal  air  a  spiorad  ;  ach 
esan  aig  am  bheil  deadh  bheusan,  thig  e  gu  h- 
urram.  Is  amadan  esan  a  dh'  earbas  à  chridhe 
fèin.  Ni  gach  neach  tha  sanntach  deifir  gu 
bhi  saoibhir,  ach  tha  esan  a  mhàin  ghc  a  ghluais- 
eas  an  eagal  an  Tighearna.  Bheir  am  fìrean 
aire  do  chùis  nani  bochd. 

30.  Dùisgidh  duine  feargach  suas  aimhreit. 
Tha  uile  fhocal  De  fìor-ghlan  ;  is  sgiath  e 
dhoibhsan  a  chuireas  an  dòigh  ann.  Cealg 
agus  breugan  cuir  fada  uait,  agus  trèig  iadsan 
air  nach  'eil  eagal  Dè.  Spionaidh  fithich  a 
ghlinne  a  mach  an  t-sùil  a  ni  magadh  air  athair, 
agus  tarcuis  air  màthair.  Bheir  eagal  duine 
ribe  leis ;  ach  esan  a  chuireas  a  mhuinghin  an 
Dia,  gluaisidh  e  ann  an  sìth.  Cha  bhi  tlachd 
aig  leanabh  maith  do  shlighe  nan  aingidli,  agus 
cha  ghhaais  e  maille  riu  do  bhrìgh  gu  bheil 
corruich  air  Dia  riu. — K.  T.d.  20. 

31.  Is  fearr  dol  do  thigh  a'  bhròin  na  do  thigh 
na  cuirme,  oir  is  e  sin  crioch  nan  uile  dhaoine, 
agus  gabhaidh  am  beò  g'a  chridhe  e.  Gabh 
comhairle,  agus  gluais  gu  subhailceach  agus 
beusach.  Isfean-deadh  ainm  na  mòran  beart- 
ais.  Is  còir  do  gach  neach  urnuigh  a  dheanamh 
moch  agus  anmoch.  Earb  thu  fèin  ri  Dia, 
agus  cha  leig  e  dìth  ort ;  tha  a  f  hreasdal  caird- 
eil  a  ghnàth  'ga  do  chumail  suas,  agus  tha  a 
shùilean  an  còmhnuidh  ag  amharc  ort;    uime 


12 

sin  thoir  gràdh  dha  le  fuile  chridhe,  agus  biodh 
eagal  ort  ni  olc  a  dheananih  'na  làthair. 

32.  Aig  Dia  tha  neart  agus  gliocas ;  is  leis 
esan  a  mheallar  agus  esan  a  mheallas.  Cha 
tilg  Dia  air  falbh  an  duine  foirfe,  agus  cha 
trèig  e  an  t-ionracan  a  chaoidh.  Thèid  ar 
.àithean  seachad  mar  longaibh  luatha,  agus  mar 
an  iolair  a'  dol  air  iteig.  Bheir  Dia  fa'near 
gach  neach  a  ghluaiseas  gu  h-amaideach,  agu$ 
bheir  e  luigheachd  dhoibh.  Tha  dòchas  à 
craoibh,  ma  ghearrar  sìos  i,  gu'*m  fàs  i  a  rìs  , 
ach  bheir  mac  an  duine  suas  an  deò,  agus  c'*ài- 
am  bheil  e .?  Rè  a  làithean  uile  cràdhar  an  t- 
aingidh,  ach  cha  tig  olc  air-san  a  ta  aon-fhillte 
'na  inntinn,  agus  a  ta  gluasad  a  rèir  lagha  an 
Tighearna.— L.  T.d.  91 

83.  Thug  e  aoidheachd  do'n  duine  bhochd. 
Gabh  ath-bheachd  do  d'  chaithe-beatha. 
Chaidh  an  leanabh  a  bhaisteadh.  'Nuair 
thual  lacob  gu'n  robh  loseph  beò  dh'  ath- 
bheothaich  a  chridhe.  Champaich  clann  Is- 
raeil  ann  am  fàsach  Shin.  Bha  an  duine  a 
labhair  air  tùs  sa'  chomunn  deas-bhriathrach. 
Bha  aithriche  chloinn  Israeil  'nan  luchd- 
gleidhidh  sprèidhe.  Chuir  Maois  a  làmh  'na 
bhroilleach,  agus  dh"*  fhàs  i  an  sin  gcal  mar 
shneachda.  Chaidh  an  sluagh  air  faontradh 
sa'  choiUe.  Fiosraich  thu  fèin,  agus  faic  am 
bhcil  do  chridhe  treibhdhireach  agus  aon- 
fhiUte.  Rinn  an  righ  fòirneart  air  a  shluagh, 
afTUS  air  an  aobhar  sin  dh'fhuathaich  iad  e. 


13 

34.  Tha  an  gaisgeach  mòr  ann  am  meud, 
agus  treun  ann  an  neart.  Tha  an  gealbhonn  a' 
deanamh  a  nid  gu  minic  ann  an  tulachainn 
thighean.  Am  bheil  e  gealltainn  gu'n  dean  e 
mar  a  dh^'orduich  thu  dha?  Giorraichidh  craos 
làithean  mhic  an  duine.  Ghnàthaich  do  bhràth- 
air  maith  a  dheanamh,  agus  maitheanas  a 
thoirt  dhoibhsan  a  pheacaich  'na  aghaidh. 
Gràdhaich  do  choimhearsnach,  agus  dean 
iochd  air  an  duine  f  heumach.  Bithidh  an  duine 
iochdmhor  baigheil  r"'a  ainmhidh.  Na  laimhsich 
duais  an  uilc,  agus  na  siubhail  air  shghe  an 
aingidh.  Chrioslaich  an  saighdear  a  chlaidh- 
eamh  agus  a  bhiodag  air.  Tha  an  leanabh 
luaineach  agus  crosd.  Luchdaich  an  t-each, 
agus  siubhail  leis  gu  grad. — M.  T.d.  ^S. 

35.  Gheibh  an  t-ionracan  luigheachd  o'n 
Tighearn.  Bha  a'  mhaighdean  maiseach  ri 
amharc  oirre.  Tha  duine  miodalach  mealltach 
^na  chridhe.  Chuir  thu  mi-dhreach  air  an 
obair.  Thug  Dia  leir-sgrios  air  Sodom  agus 
air  Gomorrah.  Tha  an  neamhnuid  luaclimhor. 
Fhuair  do  charaid  oighreachd  le  bàs  bràthar  a 
mhàthar.  Pairticli  do  chuid  ris  a  bhochd, 
agus  ris  an  f heumach.  Cha  sàsuichear  an  cridhe 
sanntach.  Chaidh  an  duine  fhàgail  gu  saorsa 
a  thoile  fein.  Tha  an  rathad  sleamhuinn.  Bha 
slabliruidh  òir  m'a  mhuineal.  Chuir  iad  spios- 
raidh  air.  Thig  an  duine  struidheii  gu  bochd- 
ainn.   Bha  e  tiamhaidh  agus  brònach  air  son  an 


14 

ni  a  thachair  d'a  athair.     Cha  taitneach  leam 
an  sgeul  a  chual  mi. — N.  T.d.  26. 

36.  Tionndadh  ceann  an  eich  ris  an  leathad. 
Cha  mhaith  an  ni  dà  sheòrsa  thomhaisean. 
Toinneamh  an  còrd.  Treòraich  an  dall  air  a 
shlighe  air  eagal  gu'n  tuit  e  san  t-slochd.  Cha 
robh  e  tuigseach  no  cairdeil  ris  an  t-sluagh  a 
thàinig  d'a  ionnsuidh.  Dh"  fhàg  bàs  a  mhàthar 
tuirseach  e.  Thoir  an  aire  nach  tuishch  thu. 
Tha  e  uaibhreach  "'na  inntinn,  agus  uime  sin 
cha  toigh  le  sluagh  eile  e.  Thug  e  airgiod 
dha  an  uaignidheas.  Rinn  iad  iolach  mhòr 
'nuair  a  chosainn  iad  am  blàr.  Bu  mhithich 
dhoibh  fois  a  ghabhail.— O.  T.d.  26. 

37.  Thog  am  fear-cogaidh  suas  an  claidh- 
eamh  loinreach,  agus  an  t-sleagh  lìomhaidh. 
Chuir  e  suas  a  namhaid  mar  bhall-amhairc. 
Coimhhon  dobhòidean  do'^n  Tighearna.  Cha'n 
Vil  leigheas  air  bith  air  do  thinneas ;  tha  do  lot 
nimhneach.  Is  an-aoibhinn  dhasan  a  thogas 
baile  le  fuil,  agus  a  dhaingnicheas  caithir  le 
aingidheachd.  Is  tàmailteach  an  ni  a  rinn  e. 
Mar  chuairt-ghaoith  sgapaidh  Dia  a  naimh- 
dean.  Bha  a  shoillcireachd  mar  a'  ghrian,  agus 
o  a  làimh  shruth  dearsanna  soluis.  Sheas  e, 
agus  thomhais  e  an  talamh.  Bha  bùthanna  aig 
na  buachailhbh  ri  taobh  na  h-aimhne.  Thàinig 
là  feirge  agus  trioblaid  orra ;  là  fàsalachd  agus 
lèir-sgrios ;  là  dorchadais  agus  ogkiidheachd  ; 
là  neul  agus  tiugh-dhorchadais. — P.  T.d.  9H. 

38.  Shèid  an  sluagh  an  trompaid,  agus  rinn 


Ift 

iad  iolach  an  aghaidh  nam  baiheandaingnichte 
Nàraichear  e  airson  a  dheanadais.  Rachaibh 
suas  chum  an  t-sleibh,  agus  thugaibh  leibh 
fiodh.  Bheir  am  pomgranat  agus  an  crann- 
oladh  seachad  toradh.  Shaltair  an  gaisgeach 
air  clàbar  nan  sràidean.  Gabh  do  lorg  a'd 
Jàimh,  agus  dìrich  am  bruthach.  Tarruing 
criochan  an  fhearainn.  Bha  lagh  na  firinn  'na 
bheul,  agus  cha  d'  fhuaradh  aingidheachd  ""na 
bhiHbh.  Brisidh  mi  dochuing,  agus  sgaoilidh 
mi  as  a  chèile  do  chuibhrichean.  Caithear 
laitnean  nan  aingidh  mar  asbhuain  làn-thioram. 
Ceangail  an  carbad  ris  an  each  ghlas.  Leaghar 
na  sleibhtean,  agus  sgoiUear  na  gleannta  roimh 
theachd  an  Tighearna.— Q.  T.d.  28. 


1  I 

Aon 

11     XI 

Aoii-deug 

2  II 

Dhà 

12  XII 

Dhà-dheug 

8  III 

Tri 

13  xin 

Tri-deug 

4  IV 

Ceithir 

14  XIV 

Ceithir-deug 

6  V 

Cùig 

15  XV 

Cùig-deug 

6  VI 

Sè 

16  XVI 

Sè-deug 

7  VII 

Seachd 

17  XVII 

Seachd-deug 

8  VIII 

Ochd 

18  XVII 

[  Ochd-deug 

9  IX 

Naoi 

19  XIX 

Naoi-deug 

10  X 

Deich 

20  XX 

Fichead 

16 

(A.)  Tlia  Dia  a'  faicinn  gach  ni  tha  mi 
deanamh ;  is  lèir  dha  gach  smuain  tha  mi  ag 
altrum  a'm''  chridhe,  agus  bheir  e  gu  cunntas 
mi  air  son  gach  focail  a  thig  a  mach  à  m'  bheul, 
agus  gach  gnìomh  a  nithear  leam.  O  gu'n 
cumadh  Dia  fèin  a'm'  chuimhne  nach  urrainn 
mi  ni  air  bith  f  holach  uaith, — nach  ""eil  e  'n 
comas  domh  gnìomh  air  bith  a  dheanamh  nach 
faic  e,  agus  nach  èirich  smuain  dìomhair  a'm'' 
chridhe  nach  aithne  dha,  agus  nach  sgriobh  e 
sìos  ann  an  leabhar  a  chuimhne. 


(B.)  Ma  chi  thu  neach  air  bith  a'  goid,  no  ri 
mionnaibh,  no  a'  briseadh  là  na  Sàbaid,  is  còir 
dhuit  a  choluadar  a  sheachnadh  le  t'  uile 
dhìchioll.  Na  biodh  fuath  agad  da,  oir  cha''n 
'eil  e  ceart  gu'm  biodh  fuath  agad  do  neach  air 
bith  :  Ach  nochd  le  do  ghiùlan  gu  bheil  fuath 
agad  d'a  shlighe  mar  an  t-sHghe  sin  a  bheir 
duine  gu  bròn  agus  truaighe.  Cha'n  f heud  thu 
bhi  'g  imeachd  no  a'  ciuich  maille  ri  neach  mar 
so,  air  eagal  gu''n  teagaisg  e  thu  bhi  dlùth  air 
co  olc  ris  fein.  Ach  air  an  làimh  eile,  cum 
coluadar  ris  a""  chloinn  sin  nach  Jabhair  droch 
f  hocal,  agus  nach  dean  droch  ghnìomh ;  riusan 
air  am  bheil  eagal  Dè,  agus  a  ta  ùmhal  d''a 
lagh.  Cuiridh  iad  deadh  eisempleir  romhad, 
agus  bheir  iad  thu  gu  h-urram  agus  meas. 


(C.)    Tha  an  sean-fhocal  ag  ràdh,  "  Inn- 
s  domh  do  chompanaich,  agus  innsidh  mise 


17 

a  chaidh  earbsadh  ris  ?  Chunnaic  mi  òigh 
mhaiseach  a'  gabhail  seachad ;  bha  a  trusgan 
geal  mar  shneachdadh.     (M.)   T.d.  43. 

31.  Shuidhich  anrigh  pàilliunnan  alùchairt- 
ean  eadar  na  cuantan.  Thuirling  teine  agus 
pronnusg  air  bailtibh  Shodoim  agus  Ghomo- 
rah.  Ghabh  iad  tàmh  an  teas  an  là  fo  na 
crannaibh  daraich,  aguscrithich,  agus  cuilinn,  a 
chionn  gu'n  robh  an  sgàile  taitneach.  Bha  an 
àmhuinn  air  a  teasachadh  leis  an  fhuineadair, 
agus  thaoisinn  fear-oibreachaidh  na  taoisechun^ 
aran  a  dheanamh  deas  do'n  t-sluagh.  Tha  a 
cheathairne  ri  creach  agus  ri  spùinneadh  sa 
mhachair.  Dh'fhàs  ionntagach  agus  droigh- 
ionn  suas  far  am  b'àbhuist  pailteas  feoir  agus 
arbhair  bhi  cinneachduinn.  Gheibh  thu  pailt- 
eas  do'n  iteotha  ann  an  claisibh  na  macharach. 
Bheir  Dia  luigheachd  do'n  aingidh  a  rèir 
gniomhara  a  làmh. 

32.  Bhuin  iad  na  cuileanan  o'n  leòmhan 
bhoirionn.  Chaidh  roth  a'  charbaid  thairis  air. 
Bha  am  moU  air  fhuadachadh  leis  an  iom- 
ghaoith.  Tha  an  fhionain  air  tiormachadh 
suas,  agus  an  crann-fige  air  seargadh  ;  tha  ani 
pomgranat,  an  crann-pailme  fòs,  agusan  crann- 
ubhail,  eadhon  uile  chraobha  na  macharach 
air  seargadh.  Thàinig  an  samhradh,  agus  tha 
cluaintean  an  fhàsaich  sC  briseadh  nios,  agus 
craobhan  na  macharach  a'  teachd  fo  bhlàth. 
Tha  na  buailtean  spreidhe  an  airc  a  chionn 
nach  'eil  ionahradh  aca.      Rinn  iad  claidhean 

b3 


18 

mhàthair,  agus  gu'n  robh  e  ùmhal  di  anns 
gach  ni  a  chuir  i  fa  chomhair.  "  Smuainich 
mi  fein  sin,"  ars'  an  t-òganach,  "  fhad  's  bu 
bheò  i ;  ach  a  nis,  ""nuair  tha  i  marbh  tha 
iomadh  ni  a"*  teachd  a''m"'  chuimhne  anns  an 
do  ghiùlain  mi  mi  fein  gu  mi-chiatach  d'a 
taobh  ;  agus  tha  so  ""gam  fhàgail  brònach  air 
an  uair,  do  bhrìgh  nach  urrainn  domh  nis  a 
leasachadh. 


(F.)  Bha  gille  òg  ann  roimh  so  a  ghabh 
mòr-thlachdbhi  ckiich  le  teinne,agus  a  dhiult  an 
droch  chleachd  so  a  leigeil  deth,  ged  fhuair  e 
gu  tric  achmhasan  air  a  shon.  Air  là  àraidh, 
'nuair  chaidh  a  mhàthair  a  mach  a  cheannach 
ni  eigin,  shoillsich  e  bioran,  agus  air  dha  bhi  'g 
iomairt  leis,  ghlac  ""eudach  teine,  agus  las  e  suas 
mu'n  cuairt  da.  Ghlaodh  e  gu  h-àrd  air  son 
còmhnaidh,  ach  mu'n  d'thàinig  cabhar  d'a  ionn- 
suidh  bha  e  air  a  losgadh  co  mòr  "'s  gu'n  d'  f  huaìr 
e  bàsbeagan  an  dèigh  sin.  Is  còird"'a  soclann 
òg  a  theagasg  gun  bhi  cluich  le  teine; — ni  a 
ta  ""na  slieirbhiseach  maith,  acli  "*na  dhroch 
mhaighstir;  agus  gun  bhi  eas-umhal  do  chomh- 
airle  ammàthar,  ata  gabhail  mòr  chùram  mu'n 
timchioll. 


(G.)  Chunnaic  mi  gu^'n  d'  thug  thu  beagan 
airgid  do'^n  duine  bhochd  chum  aran  a  cheann- 
ach  d'^a  theaghlach.  Rinn  thu  sin  gu  ro 
mhaith.       Is  còir  do   gach    neach    cabliair    a 


19 

dheanamh  air  an  fheumach  a  rèir  a  chomais. 
Tha  e  ro  chruaidh  gu'm  biodh  neach  air  bith 
a  dhìth  arain  ''nuair  tha  pailteas  agad-sa  agus 
beagan  r'a  sheachnadh.  Cha  bhi  Dia  reidh 
riusan  nach  dean  maith  do  shluagh  eile,  agus 
nach  cuidich  leo  'nuair  tha  iad  a  dhìth  bìdh 
agus  eudaich.  Ach  gabhaidh  e  tlachd  dhiubh- 
san  a  nochdas  iochd  do  na  bochdaibh,  agus 
bheir  e  duais  dhoibh,  do  bhrìgh  gu  bheil  iad 
truacant  agus  seirceil  do'n  fheumach. 


(H.)  Tha  Dia  a"  faicinn  gach  ni  tha  mi 
a'  cìeanamh, — tha  e  a''  cluinntinn  gach  ni  a  ta 
mi  ag  ràdh,  agus  a  thuille  air  sin,  is  aithne 
dha  gach  smuain  a  ta  a'm'  chridhe.  Feudaidh 
mi  mòran  fholach  o  dhaoinibh,  ach  cha'n  urr- 
ainn  mi  ni  air  bith  fhoJach  o  Dhia.  ''Na 
shealladh-san  tha  dorchadas  na  h-oidhche  cho 
soilleir  ri  solus  an  là.  Is  lèir  dha  gach  smuain 
tha  gabhail  tàmh  a'm'  chridhe  ;  is  cuimhne 
leis  gach  focal  faoin  a  labhair  mi,  agus  bheir 
e  mi  gu  cunntas  air  son  gach  ni  a  rinn  mi  o''n 
thàinig  mi  dh''  ionnsuidh  an  t-saoghail.  Air  an 
aobhar  sin  is  còir  dhomh  gach  ni  gràineil  a 
sheachnadh,  agus  ghiasad  gu  cubhaidh  anns 
gach  cùis,  air  eagal  gu'm  bi  Dia  an  corruich 
rium,  agus  gu^i  sgrios  e  mi  gu  siorniidh. 


(I.)  Cumaidh  clann  mhaith  an  làmhan  o 
gach  olc ;  bithidh  iad  ùmhal  d'am  pàrantaibh  ; 
theid  iad  do''n  sgoil  'na  thrà,  agus  bheir  iad 


20 

do  Chruithear  fein, — mar  t'Athair  nèamhaidh 
a  ghairm  thu  gu  bith,  agus  a  thug  dhuit  gach 
sochar  agus  beannachadh  tha  thu  a'  sealbhach- 
adh.  'S  ann  uaithe-san  a  thàinig  do  shlàinte, 
do  neart,  agus  do  reusan, — an  anail  tha  thu  a' 
tarruing,  agus  an  solus  tha  toirt  toil-inntinn 
do  d'shùilibh, — an  Jòn  ata'gad  bheathachadh, 
an  t-eudach  a  ta  'gad  chòmhdachadh,  agus  an 
fhardoch  a  ta  'gad  dhion  agus  a'  toirt  fasg- 
aidh  dhuit.  'S  esan  a  dh'orduich  dhuit  curam 
do  phàranta,  agus  caoimhneas  do  luchd-dàimh, 
— gach  eòlas  a  chaidh  dheònachadh  dhuit 
air  Dia  agus  air  do  Shlànuighear,  gach  fios  a 
fhuair  thu  air  do  dhleasdnas,  agus  gach  moth- 
achadh  a  ta  agad  air  nithibh  spioradail  agus 
sìorruidh. 

Cuimhnich  gu  bheil  siìilean  a'  Charaid 
àluinn  agus  ghlòrmhoir  so  an  còmhnuidh  air  an 
suidheachadh  ort ;  gu  bheil  e  ag  amharc  air 
gach  gniomh  tha  thu  a'  coimhlionadh,  air  gach 
focal  tha  thu  a'  labhairt,  agus  air  gach  smuain 
tha  'g  èirigh  a''d'  chridhe ;  agus  a  thuilleadh 
air  sin  gu''n  toir  e  gu  cunntas  thu  aig  là  a'' 
bhreitheanais  air  son  gach  aoin  diubh  so.  Uime 
sin  cuimhnich  gu  bheil  a  làthaireachd  a  ghnàth 
mu  d'  thimchioll.  Thigeadh  furnuigh  moch 
agus  anmoch  gu  cos  stòl  a  righ-chaithreach, 
Cleachd  thu  fèin  ri  bhi  "'g  amharc  air  a  chumh- 
achdagusair  a  ghliocas  ann  an  obair  a"*  chruth- 
achaidh.  Naomhaich  a  shàbaid,  agus  coisrig 
gach  mionaid  do  d*  bheatha  d'a  sheirbhis.      Bi 


bheìrear  machiadle  eoin  eile.  An  toiseach  an 
t-samhraidh  scallaidh  i  mu'n  cuairt  di  air  son 
nid  a'  ghealbhoin,  no  an  uiseig,  agus  an  uair 
a  gheibh  i  an  nead  falamh,  beiridh  i  ubh 
innte,  agus  fàgaidh  i  an  sin  e  gun  tuille 
cùram  a  ghabhail  deth.  Tha  an  t-eun  do'm 
buin  an  nead  sC  gur  air  ;  agus  'nuair  thig  an 
t-àl  a  mach,  tha  sl  chuag  òg  a'  fàs  suas,  agus 
a'  cur  as  do  na  h-eoin  bhig  eile,  agus  air  an 
dòigh  sin  a'  faotainn  na  nid,  agus  cùraim  nam 
pàranta  di  fein  gu  h-iomlan.  Le  lagh  nan  lu- 
dhach  bha  a'  chuag  air  a  meas  neo-ghlan,  agus 
air  an  aobhar  sin  bha  e  neo-laghail  dhoibh 
a  h-itheadh. 


(L.)  Bheir  am  bàs  air  falbh  clann  òg  co 
maith  ri  seann  sluagh  ;  agus  cha*'n  'eil  f  hios 
aig  aon  cia  cho  luath  'sa  thig  crìoch  air  a  làith- 
ibh.  B'aithne  dhomh  nighean  òg  a  fhuair  bàs 
mun  robh  i  dà  bhliadhna  dheug  a  dh'aois. 
Bha  i  an  còmhnuidh  a'  ghiasad  ann  an  eagal 
an  Tighearna.  Shuidhich  i  a  dòchas  air  fir- 
eantachd  an  t-Slànuighir,  agus  dh'fhàg  si  i 
fèin  gu  h-iomlan  an  taice  ris.  Ghuidh  i  gu 
minic  agus  gu  dùrachdach  gu'n  gJeidheadh 
Dia  i  o  gach  olc,  agus  gu'n  stiùradh  e  1  le  a 
spiorad  naomh  ;  gu''n  tugadh  e  gràs  agus  neart 
di  gu  'thoil  a  chur  an  gniomh,  agus  aig  uair 
a  bàis  gu'n  saoradh  e  i  o  eagal  agus  o 
eu-dòchas,  agus  gu'n  gabhadh  e  a  h-anam  d^^a 
ionnsuidh  fèin. 


22 

Fhuair  a  h-urnuigh  eisdeachd ;  oir,  ag 
teachd  do'n  bhàs  am  fagus  di,  cha  robh  eagal 
air  bith  oirre  a  thaobh  a  crannchur  siorruidh. 
Ghabh  i  a  cead  d'a  càirdibh,  a  bha  gul  agus  a' 
caoidh  air  a  son,  leis  na  briathraibh  so,  "  Na 
guilibh  air  mo  shonsa,  mo  chàirde  gràdhach, 
oir  ged  tha  mi  ann  an  trioblaid  mhòr  a  thaobh 
mo  chui.rp,  tha  Dia  maille  rium,  agus  tha  a 
spiorad  'gam  neartachadh  agus  'gam  chumail 
suas.  Cha  dìobair  e  mi  'nuair  tha  mi  triall 
tre  ghleann  sgàile  a"*  bhàis,  agus  ged  tha  a 
làmh  trom  orm  air  an  àm,  cha  mhair  anspairn 
agus  an  cruaidh-ghleachd  so  ach  goirid.  Ged 
tha^n  t-shghe  air  am  bheil  mi  siubhal  da  rìreadh 
cumhann,  tha  i  air  a  deanamh  rèidh  dhomh 
tre  ghràdh  mo  Shlànuighir ;  agus  ged  leigear 
mo  cholainn  san  duslach,  tha  fhios  agani  gu 
bheil  m'f hear-saoraidh  beò,  agus  ann  am  f heòil 
gu^'m  faic  mi  Dia."" 

Sa'  bheachd  aoibhneach  so  ghabh  i  a  cead 
d'a  càirdibh,  agus  dhùin  i  a  sùilean  ann  an 
codal  a"*  bhàis,  a'  guidhe  le  a  briathraibh  deir- 
eannach  gu'n  gabhadh  Criosd  a  h-anam  da 
ionnsuidh  fein.  O  gu'm  biodh  clann  òg  uiie 
cosmhuil  ris  an  nighean  so  ;  gu'n  deanadh  iad 
urnuigh  ri  Dia  moch  agus  anmoch,  agus  gu'm 
fàgadh  siad  iad  fein  gu  h-iomlan  air  cùram  an 
Slànuighir.  An  sin  bhiodh  am  bàs  'na  dhol 
a  mach  dhoibh  o  thrioblaidibh  an  t-saoghail  so, 
agus  bhiodh  aingle  naomha  a'  feitheamh  orra 
chum  an  anama  a  ghiulan  gu  sonas  siorruidh. 


(M.)    MU  STRl  LAGHAIL. 

A  mhic  mo  rùin,  bi  dìchiollach  san  iiiblie 
agus  san  dreuchd  a  chaidh  shonrachadh  dhuit 
leis  an  Ti  a's  àirde.  Tog  thu  fèin  o'n  duslach 
as  an  deach  do  dhealbh,  agus  thoir  oidhearp 
air  beartan  cUùiteach  a  chur  an  gnìomh  Seall 
air  a'  chraoibh  a  tha  sgaoileadh  a  mach  a 
meanglain  chum  nan  nèamh ;  cha  robh  innte 
air  tùs  ach  freumh  mhaoth  a  bha  air  a  crath- 
adh  leis  a'  ghaoith,  agus  air  a  luasgadh  leis  an 
doinionn.  Amhairc  a  nis  air  a  h-àirde,  agus 
fòghlum  a  bhi  dìchiollach  anns  a'  ghairm  san 
do  ghairmeadh  thu,  chum  gu'm  fàs  thu  mòr, 
agus  gu'n  tig  thu  gu  chù  agus  urram.  Tog 
thu  fèin  gu  staid  àird  agus  dean  dìchioU  a  bhi 
os  ceann  do  chompanaich  ann  an  gUocas,  an 
subhailceas,  agus  an  deadh-bheusan. 

Gidheadh  thoir  fa'near  nach  gabh  thu  farm 
ad  ris  a'  mhuinntir  a  bhios  ni"'s  cliùitiche  agus 
ni's  urramaiche  na  thu  fein,  agus  nach  bi  tnù 
aVr  chridhe  an  aghaidh  a"*  chompanaich  a  dh"" 
fhàgas  thu  sa  chò-ruidh.  An  àite  sin  bnilich 
gu  ceart  na  ceudfaithean  a  thug  Dia  dhuit ; 
gnàthaich  cumhachdan  t'^inntinn  air  nithibh 
chùiteach  agus  ionmholta ;  agus  dean  stri  riusan 
a  mhàin  tha  gluasad  ann  an  eagal  agus  ann  an 
seirbhis  an  Tighearna.  Na  cuir  ceap-tuishdh 
'na  rathad-san  tha  comhstri  riut ;  na  juir  grab- 
adh  air  'nuair  tha  e  buadhachadh  ort;  ach  thoir 
oidhearp  an  còmhnuidh  bhi  co-ionnan  ris  ann 
an  cliù,  agus  a  bhi  os  a  cheann  ann  an  gnìomh- 


24 

araibh  caoimhneis  agus  seirc ; — ann  an  òirdh- 
eirceas  cainnte,  agus  ann  an  truacantas  cridhe. 

Le  strì  laghail  agus  urramach  tha  spiorad  an 
duine  air  àrdachadh  ;  agus  ""nuair  tha  miann  a 
chridhe  subhailceach,  èiridh  e  gu  meas  san  t- 
saoghal  so,  a  dh"*  ain-deoin  gach  feall  agus 
fòirneart  a  nithear  air.  Cosmhuil  ri  ùr-chrann 
uaine  a  ta  air  a  shuidheachadh  ri  taobh  nan 
uisgeacha,  fàsaidh  e  suas  ann  an  neart  agus 
ann  an  chù ;  sgaoilidh  e  a  fhreumhan  mu'n 
cuairt  da,  agus  ann  an  àm  iomchuidh  gìulain- 
idh  e  mòr-thoradh.  Mar  an  iolair  anns  an 
iarmailt  togaidh  e  a  shùilean  an  àird,  agus 
suidhichidh  e  iad  air  cuspairibh  glòrmhor. 
Cumaidh  e  eisempleir  dheadh-dhaoine  an 
còmhnuidh  'na  bheachd,  agus  leanaidh  e  air 
an  ceumannaibh.  Dealbhaidh  e  nithe  mòra, 
agus  coimhlionaidh  e  iad.  Ni  e  gairdeachas 
ann  an  oibribh  a  làmh,  agus  giùlainear  'ainm 
gus  na  linnibh  ri  teachd  le  mòr-chhu  agus  urr- 
am. 

Ach  air  an  làimh  eile,  tha  cridhe  an  duinc 
fharmadaich  làn  domblais  agus  seirbhe ;  tha 
iiimh  na  nathrach  a'  gabhail  còmhnuidh  air  a 
gheangaidh,  agus  tha  soirbheachadh  a  choimh- 
carsnaich  'na  chràdh  sùla  agus  'na  dhoilgheas 
mntinn  dha.  IVithidh  e  a  ghnàth  ri  monmhor 
agus  duarman,  agus  an  uair  a  bliios  e  mi- 
thoilichte  le  Y'lirnnnchur  fèin,  agus  a  bhios  a 
chridhe  a'  niiannacliadh  nithe  nach  buin  da,  til- 
rridli  soirbheacliadh,  ac'us  loil-inntinn  achoimh- 


25 

earsnaich  ann  am  fìabhrus  e.  Ithidh  fuatli 
agus  mi-rùn  suas  'innidh,  agus  fàgaidh  iad  e 
gun  fhois  a  là  agus  a  dh'oidhche.  Tha  e  an 
dùil  gu  bheil  sluagh  eile  a  dh'easbhuidh  seirc, 
do  bhrìgh  nach  'eil  mothachadh  aige  do  sheirc 
'na  chridhe  fèin.  Cùl-chàinidh  e  iadsan  a 
bheir  barrachd  air,  agus  bheir  e  droch  bharail 
seachad  air  gach  ni  tha  iad  a'  deanamh.  Air 
an  aobhar  sin  bithidh  e  as  eugmhais  sonais 
agus  cliù,  agus  thig  e  mu  dheireadh  gu  bochd- 
ainn  ao;us  truaighe. 


(N.)  Tharruing  na  h-Eiphitich  dealbh  na 
h-Aìmsìr  le  tri  chinn.  An  ceud  cheann,  eadhon 
ceann  maduidh-alluidh  ghionaich,  le  beul  fosg- 
aihe,  airson  na  h-Aimsir  achaidh  seachad;  do 
bhrìgh  gu'n  d'ith  an  Aimsir  sin  suas  cuimhne 
gach  ni  a  chaidh  dheanamh  fo'n  ghrèin,  agus 
nach  toir  i  tuilleadh  air  ais  na  làithean  agus  an 
cothrom  a  mhi-ghnàthaich  mac  an  duine.  An 
dara  ceann,  eadhon  ceann  leòmhain  air  a  chrùn- 
adh,  air  son  na  h-Aimsir  a  ta  làthair;  do  bhrìgh 
gu  bheil  uachdaranachd  aig  an  Aimsir  sin  air  na 
h-uile  ghnìomharaibh,  agus  gur  e  deadh  bhuil 
a  thoirt  aisde  bheir  buaidh  do"'n  duine,  agus  a 
chrùnas  e  le  h-urram  agus  le  glòir.  An  treas 
ceann,  eadhon  ceann  madaidh  chealgaich,  a' 
sodal  air  son  na  h-Aimsir  ri  teachd  ;  do  bhrìgh 
gu  bheil  i  a'  beathachadh  cuid  do  dhaoinibh  le 
dòchas  mealkach, — g'an  luasgadh  thairis  gu 
codal   cealgach    le   a  miodal ;   agus  fadheoidh 


26 

g'an  tarruing  gu  bochdainn  agus  truaighe. 
Tha  na  samhkiidhcan  so  gu  soilleir  a"*  ciallach- 
adh  nach  tig  an  Aimsir  a  chaidh  seachad  tuille 
air  a  h-ais,  agus  nach  faighear  gu  sìorruidh 
greim  air  sC  chothrom  a  chaidh  aon  uair  a 
chall :  nach  'eil  san  Aimsir  ri  teachd  ach 
neo-chinnteach,  agus  nach  'eil  san  dòchas  tha 
i  ag  altrum  ach  dòchas  faoin  agus  mealltach  ; 
agus  air  an  aobhar  sin  gur  e  dleasdanas 
gach  neach  deadh  bhuil  a  thoirt  as  an  Aimsir 
a  ta  làthair,  agus  na  mionaidean  tha  iad 
a"*  sealbhachadh  a  ghnàthachadh  chum  leas 
an  anama, — do  bhrìgh  nach  'eil  còir  aca  air 
mionaid  roimh  no  an  dèigh  sin,  agus  "  nach 
eil  obair  no  innlearhd,  eòlas  no  ghocas  san 
uaigh  chum  am  bheil  iad  uile  trialL'" 


(().)  B'urrainn  duine  diadhaidh  àraidh  a 
ràdh  'nuair  a  blia  e  aosda,  "  Rinn  mi  seirbhis 
do  Chriosd  o  cheann  iomadh  bhadhna,  agus 
gu  ruige  so  bhuin  e  gu  caoimhneil  rium,  agus 
cha  do  leig  e  uireasbhuidh  no  dìth  orm."  Tha 
gach  ni  a  ta  fo'n  ghrein  buaiheach  do  chaoch- 
ladh.  Ni  beartas  sgiathan  da  fein  ''nuair  nach  ' 
eil  diji.l  againn  ris,  agus  mar  fhaileas  no  mar 
sgàile  na  h-oidhche  siùbhlaidh  o  gu  grad  air 
falbh.  Treigidh  cairdean  duine  e  gu  minic 
na  airc  agus**na  thrioblaid ;  ni  an  saoghal  tàir 
agus  dìmens  air  an  duine  bhochd ;  ach  esan  a 
chuireas  a  (Jhòchas  ann  an  Dia,  cha'n  f  hàg  agus 
cha  treig  se  e  a  chaoidh. 


Am  bheil  ni  air  bith  ma  ta  ni''s  amadaiche 
na  bhi  suidheachadh  ar  n-aigne  air  nithibh 
talmhaidh  a  ta  neo-mhaireann  'nan  nàdur;  nc 
ni  air  bith  ni's  mealltaiche  na  bhi  'g  iarraidh 
ar  cuibhrionn  am  measg  nan  nithe  sin  a  ta  air 
an  comharachadh  le  laigsinn  agus  diomhanas? 
Ged  shoirbhich  an  saoghal  so  leinn  car  tamuill 
bhig,  agus  ged  fhàs  sinn  mòr  ann  an  saoi- 
bhreas,  agus  ann  am  maoin,  cha'n  "'eil  gealladh 
igainn  gu'n  sealbhaich  sinn  iad  car  aon  mhion- 
aid ;  ach  esan  a  ghluaiseas  a  reir  toil  a  Shlàn- 
uighir,  gheibh  e  sìth  cogais  san  t-saoghal  so, 
agus  crùn  a  rahaireas  gu  sìorruidh  san  t-saogha. 
ri  teachd. 


(P.)  Tha  cridhe  nah-òige  cealgach,  a  ceum- 
anna  sleamhainn,  agus  do  bhrìgh  gu  bheil  i 
a  dh'  easbhuidh  gliocais,  tha  i  ealamh  air  tuit- 
eam  ann  an  iomadh  gàbhadh  agus  cunnart. 
Cha  chreid  sluagh  òg  nach  ""eil  iad  fein  ghc,  Pgus 
comasach  air  an  ceumanna  a  stiùradh.  Tha 
an  cridhe  aira  thogail  suas  lc  dòchas,  agus  tha 
iad  a'  sealltuinn  air  gach  ni  o'n  taobhis  soiUeire 
agus  is  maisiche  'nam  beachd  fein.  Cha^'n  iong- 
nadh  ma  ta  ged  tha  iad  gii  niinic  mearachdach 
'nam  barail,  agus  ged  tha  iad  gu  minic  a'  tuit- 
eam  am  buaireadh  agus  an  olc.  As  eugmhais 
Dhè  'na  fhear-stiùraidh  dhoibh,  agus  as 
eugmhais  eòlais  air  a  thoil  naoimh  agus  ghlòr- 
mhoir,  feumaidh  iad  bhi  air  an  tonn-luasgadh  a 
null  agus  a  nall  le"*n  aignibh  neo-shuidhichte. 


28 

Agus  do  bhrìgh  nach  "'eil  iad  an  còrnhnuidh  a' 
leigeil  an  taice  ris-san  a  ta  a  mhàin  comasach 
air  an  cumail  suas,  agus  do  bhrìgh  nach  'eil 
toil  aca,  ann  an  àrdan  an  inntinn,  bhi  ùmhal 
dhasan  a  chruthaich  iad,  tha  e  'gam  fàgail 
"■nan  creich  do  aineolas  agus  do  dhoille  inntinn. 
Uime  sin  is  còir  do  gach  òganach  guidhe  gu 
dùrachdach  air  Dia  gu'n  tèarnadh  se  e  o  gach 
barail  fhaoin  agus  chealgaich  mu  thimchioU  a 
neirt  fèin ;  gu'n  stiùradh  se  e  air  an  t-shghe 
tha  treòrachadh  chum  sonais  shìorruidh,  agus 
gu''n  tugadh  e  gràs  a^s  comhfhurtachd  dha 
ann  an  là  a  thrioblaid  g'a  neartachadh  agus  g'a 
chumail  suas. 


(Q.)  Is  còir  do  gach  neach  là  na  sàbaid  a 
naomhachadh,  agus  a  bhi  bunailteach  'na  fhrith- 
ealadh  do'n  Eaglais.  Gun  teagamh  tha  e  fìor 
nach  'eil  gach  neach  tha  cùramach  mu  dhol 
do'^n  Eaglais  an  còmhnuidh  maith ;  ach  tha  e 
f ìor  mar  an  ceudna  gu  bheil  iadsan  tha  fuireach 
air  an  ais  o'n  Eaglais  am  bitheanta  olc  agus  mi- 
dhiadhaidh.  0^^"*^  'eil  so  'na  aobhar  iongantais; 
oir  dh'orduich  Dia  dhuinn  seirbhis  a  dheanamh 
dha  'na  thigh-aoraidh,  agus  ma  bhitheas  sinn 
eas-umhal  da  sa''  chùis  so,  bithidh  sinn  eas-umhal 
da  anns  gach  ni  eile  tha  e'g  orduchadh  dhuinn, 
'nuair  a  thig  buaireadh  làidir  'nar  rathad. 
Agus  a  thuille  air  sin  'se  a'  chrioch  a  ta  againn 
san  amharc,  le  bhi  dol  do'n  Eaglais,  eòlas  fhaot- 
ainn  air  ar  dleasdanas  do  Dhia  agus   dhuinn 


29 

fèin,  chum  gu'm  bi  ar  n-inntinn  air  a  daing- 
neachadh  an  aghaidh  buairidh  agus  uilc  an 
t-saoghail  so,  agus  gu'm  bi  ar  ceurnanna  air  aii 
stiùradh  san  t-slighe  tha  treòrachadh  a  dh'ionn- 
suidh  beatha.  Air  an  aobhar  sin  thig  a' 
mhuinntir  tha  mi-naomhachadh  là  na  Sàbaid, 
agus  tha  a'  diùltadh  teachd  cruinn  an  ceann  a 
chèile  gu  aoradh  a  thoirt  do  Dhia,  fadheoidh 
gu  bochdainn  agus  lèir-sgrios. 


AN  DARA   EARRANI^. 

1.  Is  duine  glic  esan  a  rannsaicheas  a  mach 
cùis.  Fhuair  e  ionmhas  fo'n  talamh.  Bha  an 
t-airgiod  folaichte  aig  an  cùl  an  duirn.  Chuir 
e  slabhraidh  òir  m'a  mhuineal.  Cha'n  aìthne 
dhomh  neach  a  ghabhas  coimeas  ris.  Bha  an 
t-òganach  innleachdach.  Giorraichear  làith- 
ean  nan  aingidh  air  thalamh.  Tha  am  meas 
so  taitneach  do'n  t-sùil.  Is  còir  teanga  bheum- 
nach  a  sheachnadh.  Thàinig  an  t-uisge  nuas 
"*na  shruthannaibh  brais.  Bithidh  an  droch 
dhuine  air  fhuathachadh  leis  gach  neach. 

2.  Na  cronuich  neach  air  bith  ann  an  corr- 
uich.  Is  droch  clann  iadsan  a  ni  fochaid  air  an 
athair,  agus  nach  toir  ùmhlachd  d'am  màthair. 
Ni  làmh  nan  dìchiollach  beartach.  Chaidh  a' 
chlann  air  seacharan  leis  a'  cheò.    Oibrichidh  na 

eS 


30 

h-eich  o  mhaduinn  gu  feasgar.  Natreig  agus 
na  diobair  am  bochd  'nuair  tha  e  ""g  iarraidh 
còmhnaidh  uait.  Tha  amaideachd  ceangailte 
ann  an  cridhe  leinibh ;  ach  fògraidh  an  t-slat 
air  falbh  e. 

3.  0^^""^  àill  le  amadan  dealachadh  ri  amaid- 
eachd.  Tha  sealladh  uaibhreach  'na  ghràin- 
eileachd  ^0'^  Tighearn.  Biodh  agad  meidh- 
ean  cothromach,  agus  tomhaisean  ceart.  Cha'n 
'eil  an  t-amadan  a'  socrachadh  a  chridhe  air 
gHocas.  Esan  a  dhealbhas  breugan  thig  e  gu 
nàire.  Seachainn  aimhreit  agus  iarr  sìth. 
Treòraichidh  shghe  an  fhìrein  a  dh'  ionnsuidh 
beatha.  Cha  choidil  an  t-aingidh  mur  dean 
e  olc.  Tha  deadh  bheusan  ro  luachmhor.  Na 
miannaich  cuid  do  choimhearsnaich.  Beartaich 
do  charbad,  agus  lean  air  a  thòir.  Bha  cuid- 
eachd  mhòr  aig  a  bhanais. 

4.  Tha  fireantachd  an  àite-còmhnuidh  nan 
lonracan.  Foillsich  dhomh  brìgh  nan  nithe 
a  chuala  mi.  Cha  nàraichear  duine  fireanach 
am  feasd.  Tha  gnothuch  cudthromach  agam 
riut.  Coimhlion  an  ni  a  gheall  thu  dhomh. 
Ardaichidh  ghocas  duine.  Tha  e  iriosal  ""na 
inntinn,  agus  air  an  aobhar  sin  tha  e  measail. 
rha  do  bhràthair  ag  èigheach  a'd'  dhèigh. 
Meudaichidh  an  duine  a  ta  cùraniach  a  stòras. 
Tha  an  t-òganach  sgiamhach.  Cha  ghluaisear 
am  firean  gu  bràth.  Cha  duine  seasmhach 
duine  breugach.  Thig  bochdainn  agus  nàire 
airsan  a  leunas  ainmdheachd. 


31 

5.  Nabi  aM'  chompanach  aig  luchd  fanoid 
Tha  a'  chraobh  fallain.  Dùisgidh  duine  fear- 
gach  suas  aimhreit.  Atharraich  do  chos  o 
thigh  do  choimhearsnaich.  Rinn  e  gairdeachas 
"na  chridhe.  Ni  deadh  uachdaran  ccartas  agus 
breitheanas  do  gach  neach.  Bha  iota  mhòr 
orm.  Shlànuich  a'  chreuchd,  agus  dh"*  fhàs  an 
duine  làidir.  Tha  iomadh  eascaraid  aig  mac 
an  duine.  Fuasgail  an  t-each.  Thoir  comh- 
fhurtachd  do'n  bhochd,  agus  nochd  tròcair 
dhoibhsan  a  ta  an  trioblaid.  Bi  cinnteach  gu 
bheil  an  ceartas  agad.  Sìn  dhomh  cupan  do'n 
uisge.  Tha  na  gabhair  ag  ionahradh  air  na 
cluainibh.  Teasairg  an  duine  bochd,  agus  an 
dìlleachdan.     Na  sàruich  neach  air  bith. 

6.  Tha  an  Tighearn  gràsmhor  agus  truac- 
ant ;  ni  e  iochd  orrasan  a  chuireas  an  dòigh 
ann.  Thig  caoimhneas  o  bhillibh  nam  fìrean. 
Thaan  duine  a  dh'  fheuch  mi  dhuit  an  so  eus- 
lainteach.  Thog  e  bùth  dha  fein,  agus  ghabh 
e  còmhnuidh  ann.  Rannsaich  do  chridhe  gu 
minic,  agus  ma  tha  smuainte  olc  a'  gabhail 
còmhnuidh  ann,  guidh  air  Dia  gu'n  tugadh  e 
dhuit  còmhnadh  a  spioraid  a  smachdachadh 
truaillidheachd  t'aigne,  agus  "'gad  ghleidheadh 
o  gach  gàbhadh  a  3^"*^ heudas  tachairt  duit. 


AN  lOLAIR. 

Am  measg  eunlaith  an  adhair  cha'n  'eil  a 
h-aon  cho  làidir  agus  cho  garg  ris  an  iolair. 
Ni  1  a  nead  ann  an  sgeiribh  àrd-chreagan,  fad 


32 

o  àite-còmhnuidh  dhaoine ;  agus  an  uair  a 
bheir  i  a  mac  a  h-àl,  altrumadh  i  iad  le  pail- 
teas  do  shithionn.  Marbhaidh  i  cearcan- 
fraoich,  agus  uain,  agus  air  uairibh  caoraich 
air  an  son,  agus  cha  leig  i  dìth  ni  air  bith 
orra  gus  am  fàs  iad  làidir  agus  comasach  gu 
solar  air  an  son  fèin.  Mairidh  an  iolair  beò 
gus  am  bi  i  dlùth  air  dà  cheud  bhadhna. 
Tha  seòl  aice  air  a  cloimh  a  thilgeil  'nuair  tha 
i  fàs  trom  agus  mall,  agus  air  an  dòigh  so  tha 
i  ""ga  neartachadh  fein  mar  gu'm  pilleadh  a  h- 
òige  a  rìs.  'Se  so  tha  an  Salmadair  a'  ciallach- 
adh  Viuair  tha  e  'g  ràdh  "Gu'n  sàsuich  maitheas 
an  Tighearn  beul  an  duine,  air  chor  is  gu'n 
ath-nuadhaichear  "*òige  mar  òige  na  h-iolaire." 


MU  CHREIDIMH  ABRAHAIM. 

Chum  creidimh  Abrahaim  a  dhearbhadh, 
dh'  orduich  Dia  dha  a  mhac  Isaac  a  ghabhail, 
agus  a  thoirt  suas  mar  ìobairt-loisgte  ann  an 
tir  Mhoriah.  Ged  bha  gràdh  mòr  aig  Abra-, 
ham  d''a  mhac,  agus  ged  bha  e  ro-dhoiHch  a 
làmh  a  thogail  'na  aghaidh,  cha  do  chum  so  e 
o  bhi  umhal  do  thoil  De.  Chaidh  e  dh"*  ionn- 
suidh  an  àite  a  dh'orduich  Dia  dha,  agus 
thug  e  leis  fiodh  agus  teine  chum  Isaac  a 
thoirt  suas  mar  ìobairt-loisgte ;  ach  an  uair  a 
cheangail  e  a  mhac  air  an  altair,  agus  a  shìn  e 
mach  a  làmh  g'a  mharbhadh,  ghlaodh  aingeaJ 
an  Tighearn  ris,  "  Na  dean  cron  air  a**  ghilie, 
oir  tha  mi  fiosiach  gu  bheil  eagal  De  ort,  do 


bhrìgh  nach  do  chum  thu  do  mliac,  eadhon 
t^aon  mhac,  uamsa.*"  Thig  iomadh  ni  ""naì 
crannchur  san  t-saoghal  so  a  cliuireas  ar 
creidimh  gu  dearbhadh  cruaidh,  ach  iadsan  a 
shuidhicheas  an  dòchas  air  freasdal  Dè,  mar 
a  rinn  Abraham,  saoraidh  e  iad  anns  gach 
cruaidh-chàs,  agus  bheir  e  air  an  trioblaidibh, 
nach  mair  ach  seallain,  oibreachadh  fadheoidh 
chum  maith  an  anama  neò-bhàsmhor. 


NA  SEILLEINEAN. 

Tha  tri  seòrsa  sheilleinean  a'  gabhail  còmh- 
nuidh  anns  gach  sgeap ;  'siad  sin  na  seiJl- 
einean  òga ;  na  seilleinean  dìomhain,  agus  a' 
bhan-righ.  Rè  an  t-samhraidh  tha  na  seill- 
einean  òga  ro-ghnìomhach,  a**  deanamh  suas 
chìrean^  agus  'gan  lionadh  le  mil ;  ach  tha  na 
seilleincan  dìomhain  sC  fantuinn  an  còmhnuidh 
san  sgeap,  agus  ag  òl  na  meala  a  ta  a"*  chuid 
eile  a'  tional.  Aig  deireadh  an  t-samhraidh, 
'nuair  a  ta  a'  chìr-mheala  làn,  agus  an  obair 
thairis,  tha  na  seilleinean  dìomhain  air  an 
tilgeadh  a  mach  le  cach  o'n  sgeap,  agus  air  am 
marbhadh,  no  air  am  fàgail  gu  bàsachadh  le 
fuachd  agus  le  gorta. 

Tha  ban-righ  anns  gach  sgeap,  a'  riaghladh 
agus  a'  cumail  orduigh  am  measg  nan  seillein- 
ean.  Cha  lcum  sgeap  mur  falbh  i  air  an 
ceann,  agus  ma  gheibh  i  bàs  fàsaidh  iad  mall 
'nan  obair,  agus  thèid  iad  ma  dheireadh  gu 
neo-ni.     Oibrichidh  an  seiUein  gu  dìchiollach 


34 

air  feadh  an  t-samhraidh  chum  gu'm  bi  pailt- 
eas  aig  air  feadh  a"*  gheamhraidh  :  Agus  naeh 
còir  d'a  so  gach  leisgean  a  theagasg,  gu  bheil  e 
mar  f  hiachaibh  air  dìchioU  a  dheanamh  air  son 
na  beatha  a  ta  làthair,  "'nuair  tha  e  òg  agus 
comasach  air  so  a  dheanamh  ? 


AN  DILE. 

'Nuair  a  dh'f hàs  an  cinne-daoine  ro  aingidh, 
bha  corruich  air  Dia  riu,  agus  thubhairt  e 
gu'n  sgriosadh  e  iad  bhàrr  aghaidh  na  talmh- 
ainn.  Chum  so  a  dheanamh  dh"*  fhosgail  e 
tuil-dhorsa  nan  nèamh  agus  dhòirt  e  uisge 
a  nuas  air  an  talamh,  gus  an  d"*  èirich  an  dìle 
ou  h-àrd  os  ceann  nam  beann.  Leis  an  dìle 
so  dh"*  eug  gach  uile  fheòil  a  bha  gluasad  air 
an  talamn,  saor  o  Noah  agus  a  theaghlach. 
Bha  iadsan  air  an  tèarnadh  san  àirc  a  thog 
ad,  do  bhrìgh  gu''n  robh  gràdh  aig  Dia 
dhoibh  ;  agus  maiUe  riu  dithis  do  gach  seòrsa 
do  uile  bheathaichibh  na  talmhainn. 

An  dèigh  do  Noah  bhi  dà  fhichead  là  san 
àirc,  chuir  e  mach  an  columan  a  dh"*  fheuchainn 
an  do  thraogh  an  dìle;  agus  co  luath  "sa 
thuig  e  gu'n  robh  an  talamh  tioram,  chaidh  e 
fèin  agus  a  theaghlach  a  mach  as  an  àirc,  agus 
thog  iad  altair  do  Dhia,  agus  rinn  iad  aoradli 
dha.  Tha  an  eachdraidh  so  a"*  nochdadh 
dhuinn  gu''n  toir  Dia  air  uairibh  na  h-aingidh 
gu  breitheanas  san  t-saoghal  a  ta  làthair ; 
agus  aig  an  àm  cheudna  gu''m  bi  a  fhreasdal 


35 

cairdeil  mu  thimchioll  a  shluaigh  fèin,  agus 
gu'n  glèidli  e  tearuinte  iad,  mar  a  ghlèidh 
e  Noah,  am  measg  gach  tuiteamas  tha  tachairt 
mu"'n  cuairt  doibh. 


MU  THIMCHIOLL  NAOMI. 

Ann  an  làithibh  nam  breitheamhna,  air  bhi 
do  ghorta  mhòr  ann  an  tìr  ludea,  chaidh 
Naomi  agus  a  fear  agus  a  dithis  mhac  air 
chuairt  gu  tìr  Mhoaib.  Am  feadh  a  bha  iad 
a  chòmhnuidh  san  àite  sin  fhuair  teaghlach 
Naomi  bàs,  agus  dh"*  fhàgadh  a'  bhean  as 
eugmhais  a  dithis  mhac  agus  as  eugmhais  £ 
fir.  Beagan  làithean  an  dèigh  so,  chual  Naomi 
gu'n  d'amhairc  Diaair  a  shluagh  Israel  le  aran 
a  thoirt  doibh ;  uime  sin  chaidh  i  mach  as  aii 
àite  san  robh  i,  agus  a  dà  bhan  chUamhuin, 
Orpah  agus  Rut,  maille  rithe,  agus  dh'imich 
iad  air  an  t-sHghe  gu  dol  air  ais  do  thìr  ludah. 

Ach  thubhairt  Naomi  ri  dà  bhan  chliamh- 
uin  iad  a  phiUtinn  gu  tigh  am  màthar,  dc 
bhrìgh  gun  deach  làmh  an  Tighearn  a  mach 
'na  h-aghaidh,  agus  gu'n  d'  thàinig  sgrios  aii 
gach  ni  a  shealbhaich  i.  PhiU  Orpah,  ach 
dhlùth-lean  cridhe  Rut  r'a  màthair-chèile,  agu3 
thubhairt  i  rithe  "  Na  h-iarr  orm  t'fhàgail 
no  piUtinn  o  bhi  'gad  ìeantuinn :  oir  ge  b'e 
taobh  a  thèid  thusa,  thèid  mise ;  agus  far  an 
gabh  thusa  tàmh,  gabhaidh  mise  tàmh  :  is  e 
do  shluagh-sa  mo  shluagh-sa,  agus  do  Dhia-sa 
mo  Dhia-sa.     Far  am  faigh  thusa  bàs  gheibh 


S6 

niise  bàs,  agus  an  sin  adhlaicear  mi.  Gu'n 
deanadh  an  Tighearna  mar  sin  ormsa,  agus 
tuille  mar  an  ceudna  ma  chuireas  ach  am  bàs 
dealachadh  eadar  mise  agus  thusa." 


AM  FITHEACH. 

Tha  am  fitheach  'na  eun  làidir  agus  garg : 
'Se  is  àite-còmhnuidh  dha  àrd-mhonadh,  far  am 
bheil  pailteas  do  eunlaith  agus  do  sprèidh  g'^a 
chumail  suas.  Cosmhuil  ris  an  iolair  tha  am 
fitheach  a''  teachd  beò  air  eoin  bheaga,  air  uain, 
agus,  feadh  a'  gheamhraidh,  air  cairbh  bheath- 
aichean  tha  faotainn  bàis  le  plàigh,  le  fuachd, 
no  le  gorta.  'Se  an  t-sùil  a""  cheud  ni  air  am 
bheil  am  fitheach  a"*  toirt  ionnsuidh  'nuair  tha 
e  'g  iarraidh  cobhartaich  ;  agus  tha  e  gu  minic 
a'  dalladh  chaorach  le  a  sgiathaibh,  agus  an  sin 
a'  spìonadh  a  mach  an  sùilean,  agus  ""gam 
marbhadh.  Bha  an  cleachd  so  aig  Solamh  'na 
bheachd,  'nuair  a  thubhairt  e,  "  An  t-sùii  a  ni 
magadh  air  athair,  agus  a  ni  tarcuis  air  umh- 
lachd  d'a  mhàthair  spìonaidh  fithicli  a"*  ghlinne 
mach  i,  agus  ithidh  na  h-iolairean  òga  suas  i."^ 


MU  BHREUGAIBH. 

An  ti  a  ni  olc  pillidh  e  air  a  cheann  fèin, 
agus  esan  a  thrèigeas  an  f  hirinn,  cha  toir  neach 
air  bith  creideas  da.  Bha  e  ""na  chleachd  aig 
òganach  a  bha  "*g  ionaitradh  treud  ""athar  sa"* 
mhachair  bhi  'g  eigheadh  gu  h-àrd  gu'n  robh 
madadh-alluidh  am  measg  nan  caorach.     Bha 


37 

e  deanamh  so  air  son  spòrs  da  fèin,  agus  'nuair 
a  chruinnicheadh  na  seirbhisich  le  cabhaig  g'a 
jchòmhnadh,  dheanadh  e  fanoid  orra  do  bhrìgh 
gu''n  do  chreid  iad  e.  Air  là  àraidh  thachaire 
'gu''n  d'thàinig  madadh-alluidh,  agus  gu"*n  d' 
thug  e  ionnsuidh  air  na  caoraich ;  ach  ge  do 
ghlaodh  an  t-òganach  gu  àrd  air  son  cabhair, 
agus  ge  do  ruith  e  dhachaidh  dh'ionnsuidh 
'athar  agus  a  bhràthar,  cha  d'  thug  aon  diubh 
creideas  da.  Air  an  aobhar  sin  fhuair  am 
madadh-alluidh  a  chead  caor  a  mharbhadh, 
agus  caor  eile  a  ghiulan  air  falbh  as  an  treud. 

Thachair  e  thuille  air  sin,  'nuair  a  bha  an 
t-òganach  a''  ruith  air  ais  a  dh'ionnsuidh  nan 
caorach  gu'n  do  thuit  e,  agus  gu'n  do  bhris  e  a 
chos.  Ghlaodh  e  ris  gach  neach  a  bha  gabhail  an 
rathaid  cabhair  a  dheanamh  air ;  ach  cha  d'thug 
aon  neach  creideas  da,  do  bhrìgh  gu'n  robh  e 
'na  chleachd  aig  bhì  mealladh  sluaigh  air  son 
spòrs  dha  fèin,  agus  air  an  aobhar  sin  sheach- 
ainn  iad  an  t-àite  san  robh  e  'na  luidhe.  Chunn- 
aic  agus  mhothaich  e  nis  an  t-olc  a  thug  e  aii 
fein  le  'dhroch  sheòl ;  agus  an  uair  a  bha  e  ann 
an  cràdh  mòr,  agus  a'  gul  gu  goirt,  thug  e 
bòid  nach  cluinneadh  neach  tuille  e  a'  labhairt 
bhreug. 

Aig  tràth  fe^sgair,  'nuair  nach  robh  e  teachd 
dhachaidh  leis  an  treud,  chaidh  'athair  a  mach 
dh'  fhaicinn  ciod  a  thachair  dha,  agus  fhuair 
se  e  'na  luidhe  aig  bun  cnoic,  agus  a  chos 
briste.      Dh'aidich   an   t-òganach  gu'n  robh  c- 

D 


S8 

ro-dhoilich  air  son  a  sheòlanna  seachranach, 
agus  gheall  e,  nan  tugadh  'athair  maitheanas  da 
an  aon  uair  so,  nach  tigeadh  breug  tuille  a 
mach  à  bheul.  Ghiulain  'athair  dhachaidli  e, 
agus  thug  e  maltheanas  dha,  a  chionn  gu'n 
do  ghabh  e  aithreachas.  Ach  thubhairt  e 
ris,  Feumaidh  tu  maitheanas  iarruidh  o  Dhia, 
an  aghaidh  an  do  pheacaich  thu  gu  mòr,  agus 
guidhe  air  gu'n  gleidheadh  e  thu  o  olc  san  àm 
ri  teachd.  Rinn  an  t-ògannach  a  rèir  na  h-àithne 
so,  agus  le  gràs  Dè,  agus  le  giulan  ciatach 
agus  ceart,  thug  se  e  fein  gu  creideas  a  rìs, 
agus  bha  gràdh  aig  gach  neach  dha. 


AN    TRAILL. 

Chaidh  òganach,  a  bha  "na  thràill  aig  fear- 
fearainn,  ann  an  Innsibh  na  h-aird-an-iar,  air  là 
àraidh  a  dh'eisdeachd  searmoin,agus  air  dha  fios 
fhaotainn  mu  thimchioll  an  t-Slànuighir,  agus 
eifeachd  na  h-ìobairt  a  thug  e  seachad  air  son 
pheacanna  sl  chinne-daoine,  chreid  e  ann,  agus 
dh'  fhàs  e  'na  fhior-chriosduidh.  Chunnaic  a 
mhaighstir  so ;  agus  do  bhrìgh  nach  robh  tlachd 
air  bith  aig  fein  do  dhiadhachd,  dh''orduich  e 
dha  gun  bhi  tuilleadh  a'  dol  a  dh''èisdeachd  an 
t-searmonaiche.  Ach  dh'iunnsaich  an  t-ògan- 
ach  o'n  Bhiobul  gu'm  b''e  a  dhleasdanas  Dia  a 
thoileachadh,  agus  cha''n  e  duine  ;  agus  uime 
sin  chunnaic  e  gu'n  robh  e  mar  fhiachaibh  air 
a  mhaighstir  a  dhiùltadh  sa''  chùis  so.  Chual  a 
mhaighstir  so,agusairdhaant-òganach  aghairn) 


59 

'na  làthair,  labhair  e  gu  coimheach  ris,  ag 
dh''orduich  e  a  bhualadh  le  cùig  buillibh  fichead 
Air  do'n  òganach  na  buillean  fhulang,  dh'  fheòr- 
aich  amhaighstir  dheth,  ag  ràdh,  *'  Ciodis  urr» 
ainn  Criosd  a  dheanamh  air  do  shon  a  iiis  ?' 
"  Tha  e  g'a  mo  neartachadh  gu  so  a  ghiulan  le 
foighidin,"  thubhairt  an  tràill  truagh.  "  Thug- 
aibh  cùig  buille  fichead  eile  dha,''  thubhairt  am 
maighstir  neo-sheirceil  r'a  sheirbhisich.  Chaidh 
so  a  dheanamh :  "  Agus  ciod  is  urrainn  Criosd 
a  dheanamh  air  do  shon  a  nis  ?'"'  dh'  f  heòraich 
an  droch  dhuine  so  dheth  ?  "  Tha  e  'gam 
threòrachadh  gu  sealltuinn  air  son  duais  agus 
fois  o  thrioblaidibh  na  beatha  so  an  taobh  thaL 
do'n  uaigh,""  ars'  an  t-ògana<.h  bochd.  Ad 
sin  dh"*  orduich  am  maighstir  neo-thruacant  so 
cùig  buiUe  nchead  eile  a  thoir'  da  ;  agus  an 
uair  a  bha  e  ag  eisdeachd  rV  osnaich  agus 
r'a  acain,  agus  'ga  fhaicinn  a'  fàs  fann  a  dhìth 
fola,  dh'  fheòraich  e  dheth,  ag  ràdh,  "  Ciod  is 
urrainn  Criosd  a  dheanamh  air  do  shon  a  nis  ?" 
Fhreagair  an  t-òganach  e  gu  ciùin  agus  thubh- 
airt  e  ris,  "  Tha  e  'gam  chuideacha^h  gu 
urnuigh  a  dheanamh  air  do  shon-sa,  agus  gu 
guidhe  gu"'m  bitheadh  Dia  tròcaireach  dhuit 
air  son  do  pheacanna ;""  agus  air  dha  na  focail 
so  a  labhairt  fhuair  e  bàs. 

Tha  tràiUeileachd  'na  ni  ro  ghràineil,  agus  a' 
dol  gu  fad  an  aghaidh  còir-bhreith  a"*  chinne- 
daoine.  Chruthaich  Dia  an  duine  air  tùs  ann 
an  staid  àrd  agus  mbheach  ;  dh'  fhàg  se  e  gu 


40 

saorsa  a  tlioir  feir,  agus  thug  e  dha  uachdaran- 
achd  os  ceann  uile  oibre  a  làmh.  Air  an 
aobhar  sin  tha  gach  neach  a  ta  ga  thoirt  am 
braìghdeanas,  agus  a  ta  ga  dheanamh  'na 
thràill  d'a  thoil  fèin,  agus  ga  sgiùrsadh  le 
buiUibh  gach  uair  a  bhios  e  ann  an  corr- 
uich  ris,  a^  dol  an  aghaidh  lagh  naduir  an 
duine,  agus  a"*  cruadhachadh  a  chridhe  fèin  an 
aghaidh  seirceileachd  agus  caoimhneas.  A 
thuilleadh  air  sin,  tha  e  gu  minic  a'  mi-ghnàth- 
achadh  na  còire  mi-laghail  a  fhuair  e.  Tha  e 
fàgail  beatha  an  t-sluaigh  a  ta  fuidhe  searbh, 
agus  air  uairibh  g''an  sgìùrsadh  gu  bàs,  mar 
a  rinn  maighstir  an  òganaich  air  an  robh  sinn 
a'  labhairt.  Uime  sin  tha  e  mar  fhiachaibh  air 
gach  neach  oidhearp  a  thoirt,  agus  dichioll  a 
(lheanamh,gu  crioch  a  chur  air  daorsa  am  measg 
a'  chinne-daoine. 


AN  T-OGANACH   AN-IOCHDMHOR. 

Tha  an  t-òganach  ris  an  robh  thu  còmhradh 
an  dè  a'  gabhail  mòr-thlachd  ann  an  gnìomhar- 
aibh  borb  agus  olc.  Ni  e  gach  ni  is  urrainn 
da  chum  inntinn  sheirceil  agus  aignean  caoimh- 
neil  a  chràdh.  "'Nuair  a  bhios  e  ri  cluich  maiUe 
v'a  chonipanaich,  dealbhaidh  e  gach  ni  a  ta  "*na 
chomas  chum  strì  agus  aimhreit  a  dhùsgadh  suas 
eatorra,  agus  cha  ghabh  e  fois  mur  cuir  e  crìoch 
air  an  cairdeas  agus  air  an  spòrs.  The  e  a 
ghnàth  2Ì  buaireadh  agus  a^  cur  dragha  air  a' 
nihuinntir  a's  òige  na  e  fein,  agus  thaegabhail 


41 

tlachd  'nuair  a  chi  e  iad  a'  dol  air  seacharaii. 
agus  a'  tuiteam  ann  an  olc.  Ni  e  spìd  ait 
sluagh  bochd,  agus  tha  am  bodhar  agus  an 
dall  'nan  aobhar  spòrs  da  an  còmhnuidh. 

A  nis,  mo  leanabh  gràdhach,  cha'n  'eil  mi 
ag  innseadh  so  dhuit  chum  gu'n  gabhadh  tu 
fuath  dheth  ;  oir  cha'n  'eil  e  ceart  duinn  fuath  a 
thoirt  do  neach  air  bith,  eadhon  dhasan  a  ta 
gabhail  tlachd  ann  an  truaigh  muinntir  eile. 
Ach  tha  mi  a'  nochdadh  cia  cho  borb  'sa  ta  e^ 
chum  gu'n  gabhadh  tu  rabhadh  o  a  dheanada^ 
agus  gu'*n  seachnadh  tu  a  choluadar.  Uime 
sin  tha  mi  guidhe  ort  fantuinn  uaith  gus  am 
maothaich  Dia  a  chridhe  gu  seirc  agus  gu  giulan 
ceart ;  agus  iarr  an  còmhnuidh  gu'n  tugadh  an 
Tighearn  duit  fein  cridhe  maoth  agus  iochd- 
mhor,  agus  gu'n  cumadh  e  thu  o  thuiteam  am 
buaireadh  agus  an  olc.  Biodh  an  gràdh  sin 
agad  nach  oibrich  olc  do  neach  air  bith :  Lean 
eisempleir  an  t-Slànuighir,  a  bha  a  ghnàth  dol 
mu'n  cuairt  sC  deanamh  maith.  Nochd  iochd 
do'n  truaghan  agus  do'n  fheumach,  agus  bheir 
t'  Athair  gràsmhor  nèamhaidh,  a  chi  an  uaig- 
nidheas,  duais  dhuit  gu  follaiseach. 


NA    SEANGAIN  AGUS  NA  CUILEAGAN. 

Ann  an  oisinn  gàraidh  tuathanaich  bha  dùn 
slieangan.  Air  feadh  an  t-samhraidh  bha  iad 
ro-dhichiollach  o  mhoch  gu  h-anmoch,  a'  tarr- 
uing  bìdh  a  dh'  ionnsuidh  an  dùnain.  Dlùth 
dhoibh  bha  leabadh  phlùrain  far  am  bu  ghnàth- 
d3 


42 

ach  le  àireamh  mhòr  do  chuileagaibh  bhi  n 
ciuich  agus  ri  mire,  'nuairabhi  iad  ag  itealaich 
o  aon  diubh  gu  h-aon  eile.  Bha  mac  aig  an 
tuathanach  a  chleachd  bhi  toirt  fa'near  giulan 
nan  creutairean  so.  Bha  iongantas  air  gu'n 
robh  dealachadh  co  mòr  eadar  an  dòigh  anns 
an  robh  na  seangain  agus  na  cuileagan  a'  teachd 
beò ;  agus  air  dha  bhi  ro  òg  agus  air  bheag 
eòlais,  labhair  e  aon  là  ri  'athair  air  an  dòigh 
so,  "  Am  feud  creutair  air  bith  bhi  cho  baoth 
ris  na  seanganaibh  so?  Rè  an  là  tha  lad  ag 
oibreachadh  gu  goirt,  an  àite  bhi  ri  cluich  agus 
a'  gabhail  suaimhneis  dhoibh  fèin  mar  na 
cuileagan,  a  ta,  a  rèir  coslais,  ni's  sona  na  creut- 
air  air  bith  eile  fo''n  ghrein. 

Ann  an  ùine  ghoirid  an  dèigh  dha  so  a  labh- 
aìrt,  dh'fhàs  an  aimsir  fuar.  Is  gann  a  bha  a' 
ghrian  a"*  dealradh  air  feadh  an  là,  agus  bha 
reodha  agus  fuachd  an  cois  na  h-oidhche.  Air 
do'n  òganach  cheudna  bhi  'g  imeachd  sa'  ghàr- 
adh  cha'n  fhac  e  aon  do  na  seanganaibh,  ach 
chunnaic  e  na  cuileagan  'nan  luidhe  an  so  agus 
an  sud, — cuid  diubh  cheana  marbh,  agus  cuid 
eile  air  ti  bhi  marbh.  Airdha  bhi  teo-chridh- 
each  ghabh  e  truas  do  na  cuileagaibh,  agus 
dh'  f  heoraich  e  ciod  bu  dol  do  na  seanganaibh 
a  chunnaic  e  san  àite  cheudna.  Fhreagair 
'athair  e,  "Tha  na  cuileagan  marbh,  dobhrìgh 
gu'n  robh  iad  gun  chùram,  agus  nach  do 
thaisg  iad  lòn  doibh  fèin  fa  chomhair  an 
fhuachd ;  ach  tha  na  seangain,  a  bha  dichioll- 


43 

ach  aii'  feadh  an  t-samhraidh,  agus  a  thaisg 
suas  lòn  doibh  fèin  fa  chomhair  airc,  beò  agus 
slàn,  agus  chi  thu  iad  a  rìs  co  luath  'sa  thig 
aiteamh  agus  blàthas.'"* 

"  A  mhic,  is  còir  dhuinn  gliocas  f  hoghlum  o 
j  chleachda  nan  creutairean  so.  Ma  chaitheas 
sinn  an  t-earrach  agus  an  samhradh  ('se  sin 
aimsir  ar  n-òige,)  ann  an  cleasaibh  faoin, — ma 
ruitheas  sinn  an  dèigh  chuspairean  diomhain, 
agus  ma  leigeas  sinn  seachad  ar  n-aimsir  gun 
deadh  bhuil  a  thoirt  aisde,  bithidh  geamhradh 
ar  sean  aois  gun  urram  agus  gun  chliu,  agus 
bithidh  crioch  ar  beatha  brònach  thar  tomhas. 
Ach  ma  ni  sinn  strì  ann  an  làithibh  ar  n-òigg 
chum  eòlas  a  ghabhail  air  Dia,  agus  ionmhas 
thasgaidh  suas  sna  nèamhaibh,  gheibh  sinn  sìth 
cogais  agus  dòchas  diadhaidh  a  ghiulaineas  suas 
sinn'narn-uilethrioblaid;  agusfadheoidh  bith- 
idh  àite  air  ulluchadh  dhuinn  san  ionad  ghlòr- 
mhor  sin  far  am  bheil  ar  n-Athair  nèamhaidh  a' 
gabhail  còmhnuidh  ann  an  sònas  siorruidh."" 

Thug  an  t-òganach  deadh  aire  do  na  mthibh 
a  thubhairt  'athair  ris.  Chunnaìc  e  gu'm  bV 
""dhleasdanas  bhi  ri  saothair  araon  aig  an  tigh 
agus  san  sgoil.  Bha  tlachd  aig  bhi  leughadh 
a  leabhair,  agus  rinn  e  gu  toileach  gach  ni  a 
dh'iarr  a  pharantan  air.  Air  dha  bhi  a  ghnàth 
ri  saothair  laghail  agus  cheart,  cha  do  thuit  e 
ann  am  buaireadh  no  ann  an  olc  mar  a  rinn  a 
chompanaich  dhiomhain.  Mar  a  dh'  fhàs  e 
suas  ann  am  meud,  mar  sin  dh'fhàse  suas  anp 


44 

an  eòlas  agus  ann  an  deadh  bheusaibh.  Agus 
tre  bheannachadh  Dhè,  anns  an  robh  e  gach 
uair  a''  cur  a  dhòchais,  agus  air  son  an  robh  e 
gach  là  ag  urnuigh,  fhuair  e  soirbheas  agus 
meas  san  t-saoghal  so.  Bha  a  làithean  fad, 
agus  crioch  a  bheatha  taitneach. 

AN  SIONNACH. 

Gheibhear  an  sionnach  cha  mhòr  anns  gach 
cearn  do'n  domhain.  Buinidh  e  do^i  aon  seòrsa 
ris  a'  mhadadh.  Tha  a  dhath  donn,  a  bheul 
biorach,  a  chluasan  àrd  agus  dìreach,  agus 
'earball  fad,  dosach,  agus  breac.  Tha  an 
toll  sam  bheil  e  sC  gabhail  còmhnuidh  am  bith- 
eanta  fo'n  talamh  no  ann  an  sgeiribh  chreag. 
Cha'n  f  hàg  e  a  gharadh  gu  feasgar ;  agus  an 
sin  thèid  e  mach  air  feadh  nan  coillteach  agus  an 
fhearainn  air  son  cobhartaich,  agus  fanaidh  e 
am  muigh  gu  maduinn.  ""Se  is  biadh  dha  a' 
mhaidheach,  an  coinean,  cearcan  agus  eunlaith 
do  gach  seòrsa.  Ithidh  e  mar  an  ceudna 
faimh,  radain,  agus  luchaidh ;  agus  tha  e  ro 
dheigheil  air  ùbhlaibh  agus  air  gach  gnè  meas. 

Ged  tha  an  sionnach  ro  dhiùbhalach  am 
measg  eunlaith  agus  uan,  tha  e  deanamh  feum 
mòr  le  bhi  cur  as  do  iomadh  creutair  raillteach 
agus  gràineil.  Ann  an  Sasunn,  agus  ann  an 
iomadh  àite  eile  do''n  domhain,  tha  an  sionnach 
a'  toirt  mor-shùgradh  agus  aighear  do  luchd- 
seilg.  Tha  na  sealgairean  a'  marcachd  "'na 
dhèigh,  agus  ""ga  ruagadh  le  madaibh ;  ach  is 


45 

tric  a  sgìthicheas  e  na  coin,  na  h-eich,  agus  na 
Sealgairean;  agus  feudaidh  e  bith,  an  dèigh 
dhoibh  a  leantuinn  car  leth-cheud  mìle,  gu'n 
toir  e  an  car  asda  m'a  dheireadh, — gu'n  ruig  e 
ionad  folach  èigin,  agus  gu'n  tearuinn  e  a 
bheatha. 

Tha  an  sionnach  ro  innleachdach  chum 
breith  air  a  chobhartach,  agus  chum  a  naimhd- 
ean  a  sheachnadh.  Tha  so  co  aithnichte  do 
gach  neach  is  gu'n  abrar  mar  ghnàth-fhocal  ri 
duine  carach  agus  cuilbheartach,  "  Gu  bheil 
e  co  seòlta  ris  an  t-sionnach."  ''S  iomadh  sgeul 
a  dh"*  innsear  mu  thimchioU  an  t-sionnaich  agus 
mu  thimchioll  nan  innleachdan  tha  e  gnàthach- 
adh  a  mhealladh  a  naimhdean.  Bha  aon  do 
na  creutairibh  so  gu  tric  air  a  dhlùth-leantuinn 
le  madaibh,  ach  chaidh  e  as  a  ghnàth  le  bhi 
ruith  gu  mullach  creige  corruich,  far  an  robh 
àite-tuinidh  aige  ;  agus  is  minic  a  thachair  e, 
'nuair  a  bha  na  madaidh  an  dian-thòir  air,  gu"'n 
deach  iad  thar  a'  charraig,  agus  gu'n  do 
mharbhadh  iad. 

Le  bhi  gabhail  beachd  air  an  àite  so,  fhuair 
an  luchd  seilg  a  mach  mu  dheireadh  gu'n  robh 
garadh  aig  an  t-sionnach  ann  am  beul  eudain 
na  carraig,  agus  gu'n  robh  e  a'  greimeachadh 
le  'f  hiaclaibh  ri  slait  làidir  a  bha  fàs  aig  taobh  a 
thuill,  agus  air  an  dòigh  so  ga  thilgeadh  fèin 
a  steach  ann.  Ach  tha  innleachd  an  duine  ni  s 
mò  na  seòltachd  an  t-sionnaich.  Ghearr  na 
sealgairean  an  t-slat,  agus  chum  an  car  a  thoirf 


46 

as  an  t-sìonnach,  dh'fhàg  iad  i  'na  seasamh  far 
an  robh  i.  An  ath-uair  a  chaidh  an  sionnach 
a  ruagadh,  ruith  e  gu  bile  na  carraig  mar  a  b' 
abhaist  da, — rug  e  air  an  t-slat  "*na  fhiaclaibh, 
ach  ghèill  i  roimhe,  agus  thuit  e  sios  car  air 
char  gu  iochdar  na  carraig,  agus  air  an  dòigh 
so  reubadh  'na  bhloighdibh  e. 

Tha  iomradh  againn  gu  minic  air  an  t-sionn- 
ach  sna  sgrioptuiribh.  Le  tri  cheud  diubh  so 
chuir  Samson  teine  ri  arbhar  nam  PhiHsteach 
do  bhrìgh  gu''n  d"*  rinn  iad  eucoir  air.  Ghoir  ar 
Slànuighear  sionnach  do  Herod  a  thug  an 
ceann  do  Eoin  l^aiste,  do  bhrìgh  gu'n  robh  e 
seòlta  agus  fuileachdach  cosmhuil  ris  an  t- 
sionnach :  Agus  tha  e  'g  iomradh  ann  an  àit 
eile  m^'a  thimchioU  fèin,  "  Gu''n  robh  tuill  aig 
na  sionnaich  agus  nid  aig  eoin  an  athair,  ach 
nach  robh  aig  mac  an  duine  àite  san  cuireadh 
e  a  cheann  fmdhe.'"  Bha  ionad-fasgaidh  aig 
uile  chreutairibh  an  domhain,  'nuair  a  bha 
esan  a  chruthaich  gach  ni,  agus  a  bha  a  ghnàth 
dol  mu''n  cuairt  a'  deanamh  maith,  gun  àite  san 
gabhadh  e  tàmh. 

Mu"'n  GHOBHLAN-GHAOITHE. 

Tha  an  gobhlan-gaoithe  a''  teachd  do'n 
dùthaich  so  aig  toiseach  an  earraich,  'nuair 
tha  an  là  a'  fàs  fad  agus  an  aimsir  blàth. 
Tha  i  a'  deanamh  suas  a  nid  do  chrè  agus  do 
iàthaich ;  agus  tha  a  nead  am  bitheanta  air  a 
logail  ri  cinn  thighean,  no  ann  an  oisinn  nan 


47 

uìneaga.  Siubhlaiilh  an  gobhlan-gaoithc  le 
mòr-luathas.  Tha  i  a'  glacadh  chuileagan 
agus  bheathaichean  beag  sgiathach  eile,  'nuair 
tha  i  air  iteig  sna  speuraibh,  agus  leo  sin  tha 
i  'ga  beathachadh  fèin,  agus  a'  beathachadh  a 
h-àlaich. 

Aig  deireadh  an  fhogharaidh,  ''nuair  tha  an 
là  a'  fàs  goirid  agus  an  aimsir  fuar,  tha  na  go- 
bhlain-ghaoithe  a'  fàgail  na  dùthcha  so.  Beag- 
an  roimh  dhoibh  falbh  cruinnichidh  iad  ann 
an  àireamh  mhòr  air  mullach  thighean  no 
làitean  àrda  eile,  cuiridh  iad  an  cèiU  an  rùn 
d'a  chèile,  agus  air  dòigh  ro-iongantach  ni  iad 
deas  air  son  an  turuis  do  thìr  fad  air  astar. 
Feudaidh  sinn  gliocas  an  Uile-chumhachdaich 
a  thoirt  fa'near  sa"*  chiàis  so :  'nuair  tha  an 
geamhradh  a'  teachd  dlùth  oirnn  tha  na 
cuileagan  a'  bàsachadh,  agus  do  bhrìgh  gur 
ann  orra  so  tha  an  gobhlan-gaoithe  a'  tighinn 
beò,  tha  claonadh  nadurra  g'a  treòrachadh  a 
dh"*  ionnsuidh  ionaid  a  ta  iomchuidh  fa  comh- 
air.  Air  dhi  an  dùthaich  so  fhàgail,  stiùr- 
aidh  i  gu  dìreach  air  an  t-shghe  dh'ionnsuidh 
Africa,  far  am  bheil  an  aimsir  blàth,  agus 
cuileagan  pailt ;  agus  fanaidh  i  an  sin  gus  an 
tèid  an  geamhradh  seachad,  agus  gus  an  tig 
blàthas  agus  teas  d'ar  n-ionnsuidh-ne  le  teachd 
an  earraich. 

Tha  iomadh  ni  aithnichte  mu  thimchioll 
nan  gobhlan-gaoithe  tha  feuchainn  duinn  gu 
soilleir  ffu  bheil  comhfhuìanffas  aca  do  thriob- 


48 

laitlibh  a  clièìle,  agus  gu  bheil  fhios  aca  ciod 
an  dòigh  air  an  nochd  iad  an  comh-fhulangas 
8o. — Air  uair  àraidh  thuit  nead  aoin  diubh  o 
oisinn  na  h-uinneig  san  do  thogadh  i.  Cha  bu 
luath  a  chunnaic  a"*  chuid  eile  dhiubh  so,  na 
chruinnich  iad  cuideachd,  agus  ann  an  ùine 
ro-ghoirid  thog  iad  nead  eile  sa'  cheart  àit  anns 
an  robh  a'  cheud  nead.  Air  uair  eile  chaidh 
gealbhonn  a  steach  do  nead  a'  ghobhlain- 
ghaoithe  'nuair  bha  i  air  falbh  a'  solair  lòin  di 
fein,  agus  air  dhi  pilltinn  chum  a  nid,  shàs  an 
gealbhonn  oirre,  agus  cha  leigeadh  e  steach  i. 
Bha  an  gobhlan-gaoithe  air  a  feargachadh  leis 
an  ni  a  chaidh  dheanamh  oirre,  agus  air  dhi  a 
chur  an  ceill  do  chàch,  thàinig  iad  ann  am 
mòr-àireamh  le  crè  ^ian  guib,  dhùin  iad  suas 
an  toll  a  bha  san  nead,  agus  dh'  fhàg  iad  an 
gealbhonn  an  sin  gu  bàsachadh  a  dhìth  bìdh 
agus  àile. 

Sna  sgrioptuiribh  tha  iomradh  gu  minic  air 
a  dheanamh  air  a'  ghobhlan-ghaoithe.  'Nuair 
a  mhiannaich  Daibhidh  còmhnuidh  a  ghabhail 
ann  an  teampuU  Dè,  thubhairt  e,  *'  Fhuair 
eadhon  an  gealbhonn  tigh,  agus  an  gobhlan- 
gaoithe  nead  dì  fein  anns  an  cuireadh  i  a  h- 
àlach,  eadhon  t'altairean-sa,  a  Thighearna 
nan  slògh.""  Ann  an  leabhar  nan  gnàth- 
f  hocal  sgriobh  Solamh  air  an  dòigh  so ;  "  Mar 
eun  air  faondradh,  mar  an  gobhlan-gaoithe  ag 
itcalaich,  raar  sin  cha  tig  am  mallachadh  gun 
aobhai-.'"    Leis  na  briathraibh  so  tha  Solamh  a' 


4Q 

ciallachadh  nach  dean  mallachadh  an  namhald 
is  mi-runaiche  tuille  cron  duinn  na  ni  eun  air 
faontradh,  no  an  gobhlan-gaoithe  ag  itealàich 
os  ar  ceann,  mur  ""eil  sinn  g"'a  thoilltinn  le  ar 
droch  dheanadas  fèin.  Ann  am  fàidheadaireachd 
Isaiah  chronuich  Dia  a  shluagh  Israel,  do 
bhrìgh  gu'n  do  thrèig  iad  e,  leis  na  briath- 
raibh  so,  "  Seadh  is  aithne  do'n  chorra-bhan 
anns  an  athar  a  h-àm  fein ;  agus  is  aithne  do'n 
choluman,  agus  do'n  chorra-mhonaidh,  agus 
do'n  ghobhlan-ghaoithe  àm  an  teachd;  ach 
chsi'n  aithne  do  m"*  shluagh-sa  breitheanas  an 
Tighearna.""  

30  XXX  Deich  thar  fhichead 

40  XL  Dà  fhichead 

50  L  Dà  fhichead  'sa  deich 

60  LX  Tri  fichead 

70  Lxx  Tri  fichead  'sa  deich 

80  Lxxx  Ceithir  fìchead 

90  xc  Ceithir  fichead  'sa  deich 

]  00  c  Ceud,  na  cùig  fichead 

1000  M  Mìle 


NA  STADAN. 

Iaon. 
aon  dha. 


Staid    aig  I '  I  f  had  'sa     I ' 

a**  chomh-  /"'-x  bhiodh        >«— -  "-  — 

11  i'ì^  V  ju  l  aon  dna  tn. 

aradh     so  I    I  tuagradh  I         ji     .  •      -.i  • 
J  •  \        °  J  aon  dha  tri  ceithir. 

Cuirear  an  comhara  so  (.'*)  an  dèigh  ceiste; 
agus  an  comhara  so  (!)  an  dèigh  nithe  a  ta 
'nan  cùis-iongantais. 


50 
EARRAINNEAN  DCTN  SGRIOPTUR. 


GNATH-FHOCAIL. 


Caib  I. — 7.  Is  e  eagal  an  Tighearn  tùs  an 
eòlais :  air  gliocas  agus  air  teagasg  ni  amad- 
an  tàir. 

8.  A  mhic,  eisd  thusa  ri  teagasg  f  athar,  agus 
na  trèig  lagh  do  mhàthar  : 

9.  Oir  'nan  coron  maise  bithidh  iad  do  d' 
cheann,  agus  'nan  slabhruidh  do  d"*  mhuineal. 

10.  A  mhic,  ma  thàlaidheas  pcacaich  thu, 
na  aontaich  thusa  leo. 


Caib.  II. — 1.  A  mhic,  ma  ghabhas  tu  mo 
bhriathra-sa,  agus  ma  dh"*  fholuicheas  tu  m'- 
àitheanta  maille  riut ; 

2.  Air  chor  is  gu'n  aom  thu  do  chluas  ri 
gUocas,  gu''n  leig  thu  do  chridhe  air  tuigse : 

S.  Seadh  ri  eòlas  ma  dh'  èigheas  tu,  ri 
tuigse  ma  thogas  tu  suas  do  ghuth; 

4.  Ma  dh'iarras  tu  i  mar  airgiod,  agus  ma 
rannsaicheas  tu  air  a  son,  mar  air  son  ion- 
mhasan  folaichte ; 

5.  An  sin  tuigidh  tu  eagal  an  Tighearna, 
agus  gheibh  thu  eòlas  Dè  : 

6.  Oir  bheir  an  Tighearn  gliocas ;  as  a 
bheul  thig  eòlas  agus  tuigse. 

7.  Tha  e  tasgaidh  suas  ghocais  fhallain  air 


51 

son  nam  firean :  is  sgiath  e  dhoibhsan  a  ghluais- 
eas  gu  h-ionraic. 


Caib.  III. — 1.  A  mhic,  na  dìchuimhnich  mo 
lagh,  ach  gleidheadh  do  chridhe  m*'  àitheanta : 

2.  Oir  làithean  buan,  agus  saoghal  fada, 
agus  sìth  bheir  iad  dhuit. 

3.  Na  trèigeadh  tròcair  agus  firinn  thu  ; 
ceangail  iad  mu  d'  mhuineal,  sgrìobh  iad  air 
clàr  do  chridhe. 

4.  Agus  gheibh  thu  deadh-ghean,  agu 
tuigse  mhaith  an  sealladh  Dhè  agus  dhaoine. 

5.  Earb  as  an  Tighearn  le  d'  uile  chridho 
agus  ri  d'  thuigse  fèin  na  biodh  do  thaice. 

6.  Ann  ad  uile  shhghibh  aidich  e,  agi, 
seòlaidh  esan  do  cheumanna. 

7.  Na  bi  glic  a'd'  shùihbh  fèin  ;  biodh  eagal 
an  Tighearn  ort,  agus  trèig  olc. 


Caib.  IV. — 1.  Cluinnibh  a  chlann,  teagas^^ 
athar,  agus  thugaibh  an  aire  chum  gu'm  faigh 
sibh  eòlas  air  tuigse  : 

2.  Oir  tha  mi  toirt  dhuitse  deadh  theagaisg; 
na  trèigibh-sa  mo  reachd. 

5.  Faigh  gliocas,  faigh  tuigse:  na  dìch- 
uimhnich,  agus  na  claon  o  bhriathraibh  mo 
bheoil. 

6.  Na  trèig  i,  agus  glèidhidh  i  thu :  gràdh- 
aich  i,  agus  coimhididh  i  thu. 

7.  Is  e    gliocas    an    ni    sonruichte ;    faigh 


52 

gliocas,  agus  maille  ri  d''  uile  fhaghail  faigh 
tuigse. 

8.  Ardaich  i,  agus  cuiridh  i  suas  thu  ;  bheir 
i  gu  h-urram  thu,  'nuair  a  ghabhas  tu  a'd' 
ghlacaibh  i. 

9.  Bheir  i  do  d^  cheann  coron  maise :  Crùn 
glòire  bheir  i  seachad  duit. 

20.  A  mhic,  do  m'  fhoclaibh  thoir  aire ;  ri 
m'  bhriathraibh  aom  do  chluas. 

21.  Na  imicheadh  iad  o  do  shùilibh :  glèidh 
iad  am  meadhon  do  chridhe. 

22.  Oir  is  beatha  iad  dhoibhsan  a  gheibh 
iad,  agus  iocshlaint  d'^am  feoil  uile. 

23.  Leis  gach  uile  dhìchioll  glèidh  do 
chridhe ;  oir  as  sin  tha  sruthanna  na  beatha. 

24.  Cuir  uait  am  beul  fìar,  agus  na  bilean 
beumnach  cuir  fada  uait. 

26.  Cothromaich  ceumanna  do  chos,  agus 
biodh  do  shlighean  uile  air  an  socrachadh. 

27.  Na  tionndaidh  chum  na  làimhe  deise, 
no  clìthe :   Carruich  do  chos  o'n  olc. 


Caib.  VI. — 16.  Na  sè  nithe  so  is  fuathach 
leis  an  Tighearn  ;  seadh  tha  seachd  nithe  'nan 
gràineileachd  d'a  anam : 

17.  Sealladh  àrd,  teangadh  bhreugach,  agus 
làmhan  a  dhòirteas  fuil  neo-chiontach ; 

18.  Chridhe  a  dhealbhas  smuaintean  aingidh ; 
cosan  a  bhios  luath  a  ruith  chum  uilc ; 

19.  Fianuis  bhreugach  a  labhras  breugan. 


agus  esan  a  thogas  aimhreit  eadar  bhràithiibh. 

20.  A  mhic,  coimhìd  àithne  t''athar,  agus  na 
trèig  reachd  do  mhàthar. 

21.  Ceangail  iad  a  ghnàth  air  do  chridhe, 
daingnich  iad  mu  do  mhuineal. 

22.  'Nuair  a  dh'  imicheas  tu,  treòraichidh 
lad  thu  ;  '*nuair  a  choidleas  tu,  gleidhidh  iad 
thu;  agus  an  uair  a  dhùisgeas  tu,  labhraidh 
iad  riut. 

Caib.  VIII. — 1.  Nach  'eil  gliocas  ag  èigheach.? 
agus  nach  'eil  tuigse  a'  cur  a  mach  a  gutha  .'* 

10.  Gabhaibh  mo  theagasg,  agns  cha'n  e 
airgiod,  agus  eòlas  thar  an  òr  thaghta. 

11.  Oir  is  fearr  gUocas  na  na  clachan  luach- 
mhor ;  agus  cha''n  'eil  na  h-uile  nithe  a  dh'' 
fheudar  a  mhiannachadh  r''an  coimhmeas  rithe. 

13.  Is  e  eagal  an  Tighearna  an  t-olcfhuath- 
achadh ;  uabhar,  agus  àrdan,  agus  an  droch 
shhghe,  agus  am  beul  fiar  is  fuathach  leam. 

18.  Is  leamsa  comhairle,  agus  fior  ghhocas  ; 
is  leamsa  tuigse  ;  is  leamsa  neart. 

19.  Is  fearr  mo  thoradh  na  òr,  eadhon  na 
òr  fior-ghlan;  agus  mo  theachd  a  steach  na 
airgiod  taghta. 

35.  Oir  esan  a  gheibh  mise,  gheibh  e  beatha 
agus  gheibh  e  deadh-ghean  o''n  Tighearna. 

Caib.  IX. — 8.  Na  cronaich  fear-fochaid,  aii 
cagal  gu''m  fuathaich  e  thu :  cronaich  an  duine 
glic,  agus  gràdhaichidh  e  thu. 
k3 


54 

9.  Thoir  teagasg  do'*n  duine  ghlic,  agus 
bithidh  e  ni''s  ghce:  teagaisg  an  duine  coth- 
romach,  agus  meudaichidh  e  ann  am  foghlum 

10.  Is  e  eagal  an  Tighearna  toiseach  a 
ghliocais :  agus  is  e  eòlas  nithe  naomha,  tuigse 

11.  Oir  leamsa  nithear  do  làithean  lionmhor, 
agus  cuirear  ri  bhadhnachaibh  do  bheatha. 

12.  Ma  bhios  tu  gHc,  bithidh  tu  ghc  dhuit 
fein :  ach  ma  bhios  tu  ri  fochaid,  is  tu  fèin  a 
mhàin  a  dh'iomchaireas  e. 


Caib.  X. — 4.  Ni  làmh  na  leisge  bochd ;  ach 
ni  làmh  nan  dichiollach  beartach. 

17.  Tha  esan  a  choimhdeas  foghlum  anns 
an  t-sHghe  gu  bentlin;  ach  esan  a  dhiukas 
achmhasan  air  seacharan. 

18.  Esan  a  cheileas  fuath  le  bihbh  cealgach, 
agus  esan  a  labhras  mi-chUu,  is  amadan  e. 

20.  Mar  airgiod  taghta  tha  teangadh  an 
fhìrein;  ach  tha  cridhe  nan  aingidh  mar  ni 
nach  fiu. 

21.  Beathaichidh  bilean  an  fhìrein  mòran  ; 
ach  eugaidh  na  h-amadain  a  dhìth  tuigse. 

22.  Ni  beannachadh  an  Tighearn  saoibhir, 
agus  cha  chuir  e  doilgheas  'na  chuideachd. 

23.  Tha  e  mar  shùgradh  do'n  amadan  olc 
a  dheanamh  ;  ach  tha  gliocas  aig  fear  na  tuigse. 

30.  Cha  ghluaisear  am  firean  gu  bràth  ;  ach 
cha  ghabh  na  h-aingidh  còmhnuidh  air  an 
talamh. 


55 

Caib.  XI. — 18.  Oibrichidh  ari  droch  dhuim 
obair  mhealltach ;  ach  aige-san  a  chuireas 
fireantachd,  bithidh  duais  chinnteach. 

19.  Mar  so  tha  fireantachd  chum  beatha; 
ach  esan  a  leanas  an  t-olc,  leanaidh  e  chum  a 
bhàis  fèin  e. 

^O.  Is  gràineileachd  do'n  Tighearn  iadsan 
a  tha  fiar  'nan  cridhe;  ach  is  taitneach  leis 
iadsan  a  ta  ionraic  'nan  slighe. 

21.  Ged  iadhadh  làmh  mu  làimh  cha  bhi 
an  droch  dhuine  gun  pheanas ;  ach  saora. 
shochd  nam  firean. 

22.  Mar  fhail  òir  ann  an  sròin  muice,  thl 
bean  sgiamhach  agus  i  as  eugmhais  tuigse. 

23.  Tha  miann  nam  firean  a  mhàin  maith 
ach  is  e  dòchas  nan  aingidh  fearg. 


Caib.  XII. — 17.  Esan  a  labhras  an  fhìrinn 
foillsichidh  e  ceartas ;   ach  foillsichidh  fianuia 
bhreugach  cealg. 

18.  Tha  dream  ann  a  labhras  mar  lotaibli 
claidhe ;  ach  is  slàinte  teangadh  nan  daoine 
glice. 

19.  Bithidh  bile  nafirmn  seasmhach  gu  bràth; 
ach  cha  bhi  an  teangadh  bhreugach  ach  tiota. 

22.  Is  gràineileachd  do'n  Tighearn  bilean 
nam  breug ;  ach  is  iad  an  dream  a  ni  gu 
firinneach,  a  thlachd. 

26.  Is  fearr  am  firean  na  a  choimhearsnach ; 
ach  cuiridh  slighe  nan  aingidh  air  seacharan 
iad  fèin. 


56 

28.  Ann  an  slighe  na  fireantachd  tha  beatha ; 
agus  ""na  ceum  cha''n  'eil  bàs. 


Caib.  XIII. — 1.  Eisdidh  macgUc  ri  teasgasg 
'athar ;  ach  cha"'n  èisd  fear  na  fochaid  ri  ach- 
mhasan. 

5.  Is  beag  air  an  f hìrean  na  breugan ;  ach 
fàsaidh  an  droch  dhuine  gràineil,  agus  nàr- 
aichear  e. 

16.  Ni  gach  duine  ciallach  a  ghnothuch  le 
h-eòlas ;  ach  leigidh  an  t-amadan  ris  'am- 
aideachd. 

18.  Bochdainn  agus  nàire  bithidh  dhasan  a 
dhiultas  foghlum ;  ach  an  ti  aig  am  bi  meas 
air  achmhasan,  gheibh  e  urram. 

19.  Is  miUs  do^n  anam  am  miann  a  choimh- 
Honar ;  ach  is  beag  air  amadanaibh  dealachadh 
ris  an  olc. 

20.  An  ti  a  shiubhlas  le  daoinibh  glic, 
bithidh  e  ghc;  ach  sgriosar  companach  nan 
amadan.  , 

21.  Leanaidh  olc  peacaich,  ach  do  na 
fireanaibh  iocar  maith. 


Caib.  XIV. — 12.  Tha  sHghe  ann  a  chithear 
dìreach  le  duine ;  ach  is  iad  a  cnoch  sHghean 
a'  bhàis. 

16.  Bithidh  eagal  air  an  duine  ghHc,  agus 
trèigidh  e  an  t-olc ;  ach  tha  an  t-amadan  borb 
agus  dana. 

22    Nach  tèid  iadsan  air  seacharan  a  dheal- 


57 

l)has  an  t-olc?  ach  bithidh  tròcair  agus  firinn 
acasan  a  dhealbhas  am  maith. 

26.  Ann  an  eagal  an  Tighearna  tha  aobhar 
earbsaidh  làidir ;  agus  aig  a  chloinn  bithidh 
dìdean. 

27.  Is  e  eagal  an  Tighearna  tobar  na 
beatha  chum  dol  as  o  lìontaibh  a'  bhàis. 

29.  An  ti  a  tha  mall  chum  feirge,  tha  e 
pailt  ann  an  tuigse,  ach  esan  a  tha  dian  'na 
spiorad,  àrdaichidh  e  amaideachd. 

33.  Ann  an  cridhe  an  duine  thuigsich  gabh- 
aidh  gUocas  tàmh ;  ach  aithnichear  an  ni  a  ta 
an  taobh  a  stigh  nan  amadan. 


Caib.  XV. — 1.  PiUidh  freagradh  mìn  corr- 
uich  ;  ach  dùisgidh  briathra  garg  fearg. 

2.  Cuiridh  teangadh  nan  daoine  ghc  an  ceill 
eòlas  gu  ceart ;  ach  dòirtidh  beul  nan  amadan 
a  mach  amaideachd. 

3.  Tha  sùilean  an  Tighearn  anns  gach  àit, 
ag  amharc  air  na  droch  dhaoinibh  agus  air  na 
deadh  dhaoinibh. 

4.  Is  craobh  beatha  teangadh  fhallain  ;  ach 
is  briseadh  spioraid  fiaradh  innte. 

5.  Ni  amadan  tàir  air  teagasg  'athar;  ach 
is  ciallach  an  ti  a  bheir  an  aire  do  achmhasan. 

6.  Ann  an  tigh  an  fhìrein  tha  mòran  ion^ 
mhais ;  ach  ann  an  teachd  a  stigh  an  aingidb 
tha  buaireas. 

7.  SgaoiUdh  cridhe  nan  daoine  glic  eòlas; 
ach  cha  dean  cridhe  nan  amadan  mar  sin. 


58 

8.  Is  gràineileachd  do"'n  Tighearn  ìobairt 
nan  aingidh ;  ach  is  i  urnuigh  nan  ionraic  a 
thlachd. 


Caib.  XVI. — S.  Thoir  t^  oibre  thairis  do'n 
Tighearn,  agus  daingnichear  do  smuainte. 

4.  Rinn  an  Tighearna  gach  ni  air  a  shon 
fèin,  agus  mar  an  ceudna  an  t-aingidh  air  son 
là  an  uilc. 

5.  Is  gràineileachd  do'n  Tighearn  gach 
neach  a  ta  uaibhreach  'na  chridhe  ;  ged  iadh- 
adh  làmh  mu  làimh  cha  bhi  e  gun  pheanas. 

6.  Tre  thròcair  agus  firinn  glanar  euceart : 
agus  tre  eagal  an  Tighearn  trèigear  an  t-olc. 

7.  An  uair  a  ghabhas  an  Tighearn  tlachd 
ann  an  sHghibh  duine,  bheir  e  air  a  naimhdibh 
fèin  bhi  ann  an  sìth  ris. 

8.  Is  fearr  beagan  le  h-ionracas,  na  teachd- 
a-stigh  mòr  gun  cheartas. 

9.  Smuainichidh  cridhe  an  duine  air  a 
shHghe;  ach  is  e  an  Tighearn  a  stiùireas  a 
cheumanna. 


Caib.  XVIII. — 6.Thèid  bilean  an  amadain  ann 
an  aimhreit,  agus  gairmidh  a  bheul  air  builHbh. 

7.  Is  e  beul  amadain  a  sgrios,  agus  is  iad 
a  bhilean  ribe  'anama  fein. 

10.  Is  tùr  làidir  ainm  an  Tighearna :  ruith- 
idh  am  fìrean  d'a  ionnsuidh,  agus  bithidh  e 
tèaruinte. 

12.     Roimh    so^rios  bithidh    cridhe    duine 


59 

uaibhreach,  agus   roimh  urram  bithidh  irios- 
lachd. 

13.  An  ti  a  bheir  freagradh  ann  an  cùis 
mu'n  cluinn  e  i,  is  amaideachd  agus  nàire 
dha  e. 

1 4.  Giulainidh  spiorad  an  duine  a  laigse ; 
ach  co  is  urrainn  spiorad  briste  a  ghiulan. 

15.  Gheibh  cridhe  an  duine  chrionna  eòlas, 
agus  iarràidh  cluas  nan  daoine  ghce  eòlas. 

16.  Ni  tiodhlac  duine  àite  dha,  agus  bheir 
e  ''n  làthair  dhaoine  mòra  e. 


Caib.  XIX. — 11.  Nituigse  duine  e  mall  chum 
feirge,  agus  is  e  a  ghlòir  amharc  thairis  air 
eucoir. 

15.  Bheir  leisg  air  duine  tuiteam  ann  an 
i  trom-chodal ;  agus  fuihngidh  an  t-anam  diomh- 
i  anach  ocras. 

i  16.  An  ti  a  ghleidheas  an  àithne,  gleidhidh 
e  'anam  fèin  ;  ach  an  ti  a  ni  tàir  air  a  shHghibh 
I  gheibh  e  bàs. 

17.  An  ti  a  ghabhas  truas  do'n  bhochd, 
I  bheir  e  air  iasachd  do'n  Tighearn  ;  agus  an  ni 
I  a  bheir  e  uaith,  iocaidh  e  dha  a  rìs. 
!  18.  Smachdaich  do  mhac  am  feadh  a  ta 
!  dòchas  d''a  thaobh,  agus  na  caomhnadh  t'anam 
i  air  soii  a  ghearain. 

19.  Fuilingidh  fear  na  feirge  mòire  peanas; 
oir  ma  shaoras  tu  e,  feumaidh  tu  dheanamh 
a  rìs. 


60 

20.  Eisd  ri  comhairle,  agus  gabh  foghlum, 
chum  gu'm  bi  thu  ghc  sCd''  làithibh  deireannach. 

Caib.  XXII. — 17.  Aom  do  chluas  agus  èisd  ri 
briathraibh  dhaoine  ghce,  agus  socraich  do 
chridhe  air  m"*  eòlas. 

S2.  Na  creach  am  bochd  a  chionn  gu  bheil 
e  bochd,  agus  na  sàruich  an  truaghan  anns  a 
gheata : 

23.  Oir  tagraidh  an  Tighearn  an  cùis,  agus 
milHdh  e  anam  na  muinntir  a  mhilleas  iad. 

24.  Na  dean  suas  cairdeas  ris  an  fheargach, 
agus  maille  ri  fear  'na  h-àrd-chorruich  na  imich; 

25.  Air  eagal  gu'n  iunnsaich  thu  a  shhgh- 
ean,  agus  gu"'m  faigh  thu  ribe  do  d'anam. 

26.  Na  bi  dhiubhsan  a  bhuaileas  an  làmhan, 
no  dhiubhsan  a  thèid  an  urras  air  son  fhiach. 

28.  Na  h-atharraich  an  seann  chomhara 
crìche  a  shuidhich  faithriche. 


Caib.  XXIV. — 5.  Tha  an  duine  glic  'na  dhuine 
làidir,  agus  tha  fear  an  eòlais  treun  an  neart. 

9-  Is  peacadh  smuainte  na  h-amaideachd ; 
agus  is  e  fear  na  fochaid  gràin  dhaoine. 

15.  Na  dean  feall-fholach,  a  dhroch  dhuine, 
ag  aghaidh  àite-còmhnuidh  an  fhìrein;  na 
creach  'ionad  tàimh. 

16.  Oir  seachd  uairean  tuitidh  am  fìrean, 
agus  èiridh  e  a  rìs ;  ach  tuitidh  na  h-aingidh 
ann  an  olc. 

17.  'Nuair  a  thuiteas  do   namhaid,   na  bì 


61 

aoibhneach,  agus  an  uaìr  a  .huìslicheas  e,  na 
deanadh  do  chridhe  gairdeachas : 

18.  Air  eagal  gu'm  faic  an  Tighearn,  agus 
gu'm  bi  e  olc  'na  shùihbh,  agus  gu'n  tionndaidh 
e  Yhearg  uaith. 

19.  Na  bi  campar  ort  mu  dhroch  dhaoine, 
agus  na  gabh  farmad  ris  na  h-aingidh  : 

20.  Oir  cha  bhi  crioch  mhaith  air  an  droch 
dhuine  ;  cuirear  lòchran  nan  aingidh  as. 

Caib.  XXV. — 6.  Na  gabh  urram  dhuit  fein 
ann  am  fianuis  an  righ,  agus  na  seas  ann  an 
àite  dhaoine  mòra : 

7.  Oir  is  fearr  gu"'n  abrar  ruit,  Thig  an 
nios  an  so,  na  gu'n  cuirear  sios  thu  am  fìanuis 
an  uachdarain  a  chunnaic  do  shùilean. 

8.  Na  gabh  a  mach  gu  h-obann  gu  strì,  air 
eagal  nach  bi  fios  agad  ciod  a  ni  thu  'na  dhèigh 
sin,  an  uair  a  bheir  do  choimhearsnach  gu 
nàire  thu. 

9.  Tagair  do  chùis  ri  d'  choimhearsnach, 
agus  na  foillsich  rùn-diomhair  neach  eile  : 

10.  Air  eagal  gu'n  cuir  an  ti  a  chluinneai* 
gu  nàire  thu,  agus  nach  atharraichear  do 
mhasladh. 

11.  Mar  ubhlan  òir  ann  an  deaibhaibh  air- 
gid,  tha  focal  a  labhrar  gu  h-iomchuidh. 

21.  Ma  bhìos  do  namhaid  ocrach,  thoir  aran 
dha  r'a  itheadh  ;  agus  ma  bhios  e  iotmhor 
thoir  uisge  dha  r'a  òl . 


62 

2^.  Oir  carnaidh  tu  eibhle  teine  air  a  cheann, 
agiis  bheir  an  Tighearn  luigheachd  dhuit. 

Caib.  XXVIII. — 1.  Teichidh  an  t-aingidh,  gun 
neach  air  bith  an  tòir  air ;  ach  bithidh  na  h- 
ionraic  dana  mar  leòmhan. 

4.  Molaidh  iadsan  a  thrèigeas  an  lagh  na 
h-aingidh  ;  ach  ni  iadsan  a  ghkidheas  an  lagh 
strì  riu. 

5.  Cha  tuig  droch  dhaoine  breitheanas ;  ach 
tuigidh  iadsan  a  dh''  iarras  an  Tighearn  na  h- 
uile  nithe. 

6.  Is  fearr  am  bochd  a  dh'imicheas  'na  ion- 
lacas,  na  esan  a  tha  fiar  'na  shhghibh,  ge  do 
robh  e  saoibhir. 

7.  An  ti  a  ghleidheas  an  lagh,  is  mac  gHc  e, 
ach  esan  ata  'na  chompanach  do  luchd-craois, 
nàirichidh  e  ""athair. 

22.  Ni  fear  na  droch  shùile  deifir  gu  bhi 
saoibhir ;  ach  cha'n  'eil  f  hios  aig  gu'n  tig  bochd- 
ainn  air. 

24.  An  ti  a  ni  reubainn  air  'athair,  no  air  a 
mhàthair,  agus  a  their,  cha'*n  'eil  cionta  ann,  is 
companach  e  do  fhear-millidh. 

25.  An  ti  aig  am  bheil  cridhe  àrdanach, 
dùisgidh  e  strì ;  ach  esan  a  dh'earbas  as  an 
Tighearn  nithear  sultmhor  e. 

26.  An  ti  a  dh'earbas  à  chridhe  fein,  is 
amadan  e ;  ach  esan  a  ghUiaiseas  gu  glic 
saorar  e. 


'     C AiB.  XXX. — 5.  Tha  uile  f hocal  Dè  fior-ghlan . 
is  sgiath  e  dhoibhsan  a  chuireas  an  dòigh  ann. 

6.  Na  cuir-sa  ni  air  bith  r"'a  bhriathraibh,  air 
eagal  gu'n  cronuich  e  thu,  agus  gu'ni  faighear 
breugach  thu. 

7.  Dà  ni  dh'iarr  mi  ort ;  na  diùlt  iad  dhomh 
mu"'m  faigh  mi  bàs. 

8.  Diomhanas  agus  breugan  cuir  fad  uam  ; 
na  toir  dhomh  bochdainn  no  beartas,  beathaich 
mi  le  biadh  a  bhios  iomchuidh  air  mo  shon. 

9.  Air  eagal  gu'm  bi  mi  làn,  agus  gu'n  àich- 
eadh  mi  thu,  agus  gu'n  abair  mi,  Cò  e  an  Tigh- 
earn?  No  gu  bi  mi  bochd,  agus  gu'n  goid  mi, 
agus  gu'n  toir  mi  ainm  mo  Diiè  an  diomhanas. 

10.  Na  dean  casaid  air  seirbhiseach  r'a 
mhaighstir,  air  eagal  gu  malluich  e  thu,  agus 
gu  faighear  ciontach  thu. 

17.  An  t-sùii  a  ni  magadh  air  athair,  agua 
a  ni  tarcuis  air  ùmhlachd  do  mhàthair,  spion- 
aidh  fithich  a'  ghlinne  a  mach  i,  agus  ithidh  na 
h-iolairean  òga  suas  i. 


SAILM. 

Salm  VI. — 1.  A  Thighearn,  ann  ad  chorruich 
na  cronuich  mi,  agus  ann  ad  fheirg  na  smach- 
daich  mi. 

2.  Gabh  truas  diom,  a  Thignearn,  oir  tha 
mi  lag :  Slànuich  mi,  a  Thighearn,  oir  a  ta  mo 
chnàmhan  air  an  cràdh  ; 

3.  Agus  a  ta  m'anam  air  a  chràdh  gu  mòr  ; 
ach  thusa,  a  Thighearna,  cia  fhad  ? 


64 

4.  Pill,  a  Thighearn,  fuasgail  m'anam :  saor 
mi  air  sgàth  do  thròcair. 

5.  Oir  anns  a"*  bhàs  cha'n  'eil  cuimhne  ort : 
agus  anns  an  uaigh  co  bheir  dhuit  chu  ? 

6.  Tha  mi  sgìth  le'm  osnaich ;  rè  na  h- 
oidhche  tha  mi  cur  mo  leabaidh  air  snànih; 
le  m**  dheuraibh  uisgicheam  m'uruigh. 

7.  Caithear  le  dubhachas  mo  shùil ;  fàsaidh 
i  sean,  air  son  mVascairde  gu  leir. 

8.  Imichibh  uam  sibhse  uile  a  luchd  deanamh 
na  h-euceirt,  oir  chual  an  Tighearn  guth  mo 
chaoidh. 

9.  Chual  an  Tighearn  m'athchuinge;  gabh- 
aidh  an  Tighearn  ri  m'urnuigh. 

Salm  XXIII.- — 1.  Is  e  an  Tighearn  mo  bhuach- 
aill :  cha  bhi  mi  ann  an  dìth. 

2.  Ann  an  chiainibh  glas  bheir  e  orm  luidhe 
sìos :  làimh  ri  uisgibh  ciùin  treòraichidii  e  mi. 

3  Aisgidh  e  m"'  anam  ;  treòraichidh  e  mi 
air  shghibh  na  fireantachd  air  sgàth  'ainme  fèin. 

4.  Seadh,  ged  shiubhail  mi  tre  ghleann  sgàile 
a**  bhàis,  cha  bhi  eagal  uilc  orm  ;  oir  a  ta  thusa 
maiUe  rium  :  bheir  do  shlat  agus  do  lorg  comh- 
fhurtachd  dhomh. 

5.  Deasaichidh  tu  bòrd  fa  m'  chomhair  am 
fianuis  mo  naimhde  :  dh'ung  thu  le  h-oladh  mo 
cheann  ;  tha  mo  chupan  a'  cur  thairis. 

6.  Gu  cinnteach  leanaidh  maith  agus  tròcair 
mi  uile  làithean  mo  bheatha,  agus  còmhnuich- 
idh  mi  ann  an  tigh  an  Tighearn  fad  mo  làithean 


65 

Salm  lxxxit. — 1.  Tha  Dia'na  sheasamh  ann 
an  coimhthional  nan  cumhachdach  :  am  mcasg 
nan  dèe  bheir  e  breth. 

2.  Cia  fhad  a  bheir  sibh  breth  gu  h-eucorach, 
agus  a  ghabhas  sibh  ri  gnùis  dhaoine  aingidh.'* 

3.  Deanaibh  ceartas  do'n  bhochd  agus  do'n 
;  dìUeachdan  ;  cumaibh  còir  ris  an  truaghan  agus 

ris  an  f  heumach. 

!      4.  Teasairgibh  am  bochd  agus  an  t-ainnis  ; 
i  à  làimh  nan  aingidh  saoraibh  iad. 

5.  Cha'n  'eil  còlas  no  tuigse  aca;  ann  an 
dorchadas  gluaisidh  iad  :  tha  uile  bhunaitean 
na  talmhainn  air  chrith. 

6.  Thubhairt  mi,  Is  dèe  sibh,  agus  is  mic 
sibh  uile  do'^n  Ti  a's  àirde. 

7.  Ach  gheibh  sibh  bàs  mar  dhaoine,  agus 
tuitidh  sibh  mar  aon  do  na  h-uachdaranaibh. 

8.  Eirich,  a  Dhè,  thoir  breth  air  an  talamh ; 
oir  sealbhaichidh  tu  na  h-uile  chinnich  mar 
oighreachd. 


Salm  c. — 1.  Togaibh  iolach  ait  do'n  Tigh- 
earn,  a  thìrean  uile. 

2.  Deanaibh  seirbhis  do'n  Tighearn  le  h- 
aoibhneas,  thigibh  'na  fhianuis  le  luath-ghàire. 

3.  Biodh  fios  agaibh  gur  e  'n  Tighearn  is 
Dian  ann :  is  e  a  rinn  sinn,  agus  cha  sinn  fèin ; 
is  sinn  a  shluagh,  agus  caoraich  ionaltraidh 
san. 

4.  Thigibh  a  steach  'na  gheataibh  le  buidh- 

f3 


m 

eachas,  ''na    chùirtibh    le    moladh ;    thugaibh 
buidheachas  dha,  beannaichibh  'ainm. 

5.    Oir  tha'n   Tighearn  maith;    mairidh    a 
thròcair  gu  bràth,  agus  'fhirinn  o  hnn  gu  linn. 


Salm  ciii. — 1.  Beannaich  an  Tighearn,  O  m' 
anam  ;  agus  moladh  gach  ni  a  ta  an  taobh 
stigh  dhiom,  'ainm  naomh-san. 

%  Beannaich  an  Tighearn,  O  m'anam ;  agus 
na  dìchuimhnich  a  thiodhlacan  uile. 

3.  'Se  mhaitheas  duit  do  pheacanna  gu  lèir, 
a  shlànuicheas  V  euslaintean  uile  ; 

4.  A  shaoras  do  bheatha  o  sgrios ;  a  chrùnas 
thu  le  caoimhneas  gràidh,  agus  le  caomh-thròc- 
airibh. 

5.  A  shàsuicheas  do  bheul  le  nithibh  maithe, 
air  chor  as  gu"*n  ath-nuadhaichear  t'òige  mar 
òige  na  h-iolarach. 

6.  Ni  an  Tighearn  ceartas  agus  breitheanas 
dhoibhsan  uile  a  tha  air  an  sàruchadh. 

7.  Dh'  fhoiUsich  e  a  shhghean  do  Mhaois,  a 
ghniomhara  do  chloinn  Israeil. 

8.  Is  tròcaireach,  agus  is  gràsmhor  an  Tigh- 
earn,  mall  chum  feirge,  agus  paih  ann  an 
caoimhneas  gràidh. 

9.  Cha  chronuich  e  gu  siorruidh,  agus  cha 
ghlèidh  e  'fhearg  gu  bràth. 

10.  A  rèir  ar  n-eucearta  cha  d'  thug  e  luigh 
eachd  dhuinn. 


67 

Salm  ciii. — 13.  Mar  a  ghabhas  athairtruas 
d'a  chloinn,  gabhaidh  an  Tighearn  truas  diubh- 
san  d'an  eagal  e. 

1 4.  Oir  is  aithne  dha  ar  dealbh ;  is  cuimhne 
leis  gur  duslach  sinn. 

15.  An  duine,  mar  fheur  tha  a  làithean,  mal 
bhlàth  namacharach,mar  sin  fàsaidh  e  fobhìàth 

16.  Oir  gabhaidh  a'  ghaoth  thairis,  agus  cha 
bhi  e  ann ;  agus  cha'n  aithnich  'ionad  fèin  e 
ni's  mò. 

17.  Ach  a  ta  tròcair  an  Tighearn  o  shiorr 
uidheachd  orrasan  d'an  eagal  e,  agus  'fhìrean- 
tachd  do  chloinn  an  cloinne ; 

18.  Dhoibhsan  a  chumas  a  choimhcheangal 
agus  a  chuimhnicheas  'àitheanta,  chum  ai 
deanamh. 

19.  Shocruich  an  Tighearn  a  righ-chaithir 
anns  na  nèamhaibh  ;  agus  tha  a  rioghachd  a 
riaghladh  os  ceann  nan  uile. 

20.  Beannaichibh  an  Tighearn,  sibhse 'aingle, 
treun  an  neart,  a'  deanamh  'iarrtuis,  'ag  eisd- 
eachd  ri  fuaim  'fhocail. 

21.  Beannaichibh  an  Tighearn,  a  shluagh 
uile,  sibhse  a  luchd-frithealaidh  a  ni  a  thoil. 

22.  Beannaichibh  an  Tighearn,  ""oibre  uile, 
anns  gach  àit  d'a  thighearnas:  beannaich  an 
Tighearn,  O  m'anam  ! 


Salm  cvii. — 1.  O  Thugaibh  buidheachas 
do'n  Tighearn,  oir  tha  e  maith,  oir  gu  bràth 
mairidh  a  thròcair. 


68 

2.  Mar  so  abradh  iadsan  a  shaoradh  leis  an 
Tlghearn,  a  shaor  e  o  làimh  an  namhaid. 

3.  Agus  a  chruinnìch  e  as  na  tìribh  o'n 
àird  an  ear,  agus  o'n  àird  an  iar,  o''n  àirde 
tuath  agus  o'n  àirde  deas. 

4.  Chaidh  iad  airseacharan  anns  an  fhàsach, 
ann  an  ionad  uaigneach ;  slighe  gu  baile  tàimh 
cha  d'  fhuair  iad. 

5.  Ocrach  agus  tartmhor,  dh'  fhailnich  an 
anam  annta. 

6.  An  sin  ghlaodh  iad  ris  an  Tighearn  'nan 
airc,  agus  as  an  teanntachdaibh  shaor  e  iad. 

7.  Agus  threòraich  e  iad  air  shhghe  cheirt, 
chum  gu'n  rachadh  iad  gu  baile  tàimh. 

8.  O  gu  moladh  daoine  Dia  air  son  a 
mhaitheìs,  agus  airson  a  bhearta  iongantach 
do  chloinn  nan  daoine  ! 

9.  Oir  shàsuich  e  an  t-anam  ciocrach,  agus 
lìon  e  an  t-anam  ocrach  le  maith. 


Salm  cxx. — 1.  A'm'  èigin  ghlaodh  mi  ris 
an  Tighearn,  agus  dh'eisd  e  rium. 

2.  A  Thighearna,  saor  m''  anam  o  bhillibh 
nam  breug,  0"*^  teangaidh  chealgach. 

3.  Ciod  a  bheirear  dhuit.?  agus  ciod  a 
nithear  ort,  a  theangadh  chealgach  ? 

4.  Geur  shaighde  laoich,  le  eibhlibh  do'n 
aiteal. 

5.  Mo  thruaighe  mi,  gu  bheil  mi  air  chuairt 
ann  am  Mesech,  gu  bheil  mi  a'm'  chòmhnuidh 
ann  am  bùthaibh  Chedair ! 


09 

6.  Is  fada  ghabh  m''anam  còmhnuidh  leosan 
a  tnug  fuath  do  shìth. 

7.  Tha   mise  air  son    sìthe,   ach  an  uair  a 
labhras  mi,  tha  iadsan  air  son  cogaidh. 


Salm  cxxi. — 1,  Togaidh  mi  nio  shùile  chuni 
nam  beann,  o'n  tig  mo  chabhair. 

2.  Thig  mo  chabhair  o'n  Tighearn,  a  rinn 
nèamh  agus  talamh. 

3.  Cha  leig  e  le  d'  chois  sJeamhnachadh  * 
cha  tuit  clò  codail  no  «uain  air  t'fhear-coimhid. 

4.  Feuch,  cha  tuit  clò  codail  no  suain  aii 
fear  coimhid  Israeil. 

5.  Is  e  an  Tighearn  t'  fear-coimhid ;  is  e  an 
Tighearn  do  s^àile  air  do  làimh  dheis. 

ò.  hian  ]à  cha  bhuail  a'  ghrian  thu,  no  a 
ghealach  san  oidhche. 

7.  Coimhididh  an  Tighearn  thu  o  gach  olc : 
coimhididh  e  t'anam. 

8.  Coimhididh  an  Tighearn  do  dhol  a  mach, 
agus  do  theachd  a  steach,  o'n  àm  so  eadhon 
gu  bràth. 


Salm  cxxxix. — 1.  A  Thighearn,  rannsaich 
thu  mi,  agus  is  aithne  dhuit  mi. 

2.  Is  aithne  dhuit  mo  shuidhe  agus  m'èirigh  ; 
tuigidh  tu  mo  smuainte  fad  as. 

3.  Chuairtich  thu  mocheum  agusmo  luidhe 
sios,  agus  air  mo  shlighibh  gu  lèir  is  fiosrach 
thu. 

4.  Oir  feuch,  cha''n  'eil   focal  air  mo  thean- 


70 

gaidh,  a  Thighearn,  nach  aithne  dhuit  gu  lèir. 

5.  A'm''  dhèigh  agus  romham  chuairticli  tlìu 
mi,  agus  chuir  thu  do  làmh  orm. 

6.  Is  ro-iongantach  an  t-eòlas  so  air  mo 
shon :  tha  e  àrd,  cha  ruig  mi  air. 

7.  C'àit  an  tèid  mi  o  do  spiorad  ?  agus  c'àit 
an  teich  mi  o  do  ghnùis  ? 

8.  Ma  thèid  mi  suas  do  nèamh,  tha  thu  an 
sin ;  ma  ni  mi  mo  leabadh  ann  an  ifrinn,  feuch, 
tha  thu  an  sin. 

9.  Ma  ghabhas  mi  sgiatha  na  maidne,  agus 
gu  còmhnuich  mi  ann  an  ionadaibh  iomallach 
na  fairge ; 

10.  Eadhon  an  sin  stiùraidh  do  làmh  mi, 
agus  cumaidh  do  dheas  làmh  mi. 

11.  Ma  their  mi,  Gu  deimhin  folaichidh  an 
dorchadas  mi,  bithidh  an  oidhche  fèin  mar 
sholus  mu''n  cuairt  orm. 


NA  DEICH  AITHEANTAN. 

Labhair  Dia  na  briathra  so  uile,  ag  ràdh,  Is  mise 
an  Tighearna  do  Dhia,  a  thug  a  mach  thu  à  tìr  na 
h-Eiphit,  à  tigh  na  daorsa. 

I.  Na  biodh  dèe  sam  bith  eile  agad  a'm'  làthair-sa. 

II.  Na  dean  dhuit  fèin  dealbh  snaidhte,  no  cos- 
las  sam  bith  a  dh'aon  ni,  a  ta  sna  nèamhaibh  shuas, 
no  air  an  talamh  shios,  no  sna  h-uisgeachaibh 
fuidh  'n  talamh.  Na  crom  thu  fèin  sios  doibh, 
agus  na  dean  seirbhis  doibh :  oir  mise  an  Tigh- 
earna  do  Dhia,  is  Dia  eudmhor  mi,  a'  leantuinn 


71 

lingidheachd  nan  aithriche  air  a'  chloinn,  air  an 
:;reas,  agus  air  a'  cheathramh  ginealach  dhiubh- 
san  a  dh'f huathaicheas  mi ;  agus  a'  nochdadb 
tròcair  do  mhiltibh  dhiubhsan  a  ghràdhaicheas 
mi,  agus  a  choimhideas  m'kitheantan. 

III.  Na  tabhair  ainm  an  Tighearna  do  Dhè  an 
dìomhanas ;  oir  cha  mheas  an  Tighearna  neo- 
chiontach  esan  a  bheir  'ainm  an  dìomhanas. 

IV.  Cuimhnich  là  na  sàbaid  a  naomhachadh. 
Sè  làithean  saothraichidh  tu,  agus  ni  thu  t'obair 
uile.  Ach  air  an  t-seachdamh  là  tha  sàbaid  an 
Tighearna  do  Dhè ;  air  an  là  sin  na  dean  obair 
sam  bith,  thu  fèin,  no  do  mhac,  no  do  nighean, 
d'òglach,  no  do  bhanoglach,  no  t'ainmhidh,  no 
do  choigreach  a  ta  'n  taobh  a  stigh  do  d'  gheat- 
aibh  ;  oir  ann  an  sè  làithibh  rinn  an  Tighearna 
na  nèamhan  agus  an  talamh,  an  fhairge,  agus 
gach  ni  a  ta  annta ;  agus  ghabh  e  fois  air  an 
t-seachdamh  là  :  air  an  aobhar  sin  bheannaich  an 
Tighearna  là  na  sàbaid,  agus  naomhaich  se  e. 

V.  Tabhair  urram  do  t'Athair,  agus  do  d'  mhàth- 
air  ;  a  chum  as  gu'm  bi  do  làithean  buan  air  an 
fhearann  a  tha'n  Tighearna  do  Dhia  a'  toirt  dhuit. 

VI.  Na  dean  mortadh. 

VII.  Na  dean  adhaltrannas. 

VIII.  Na  dean  gadachd. 

IX.  Na  tabhair  fianuis  bhrèige  an  aghaidh  do 
choimhearsnaich. 

X.  Na  sanntaich  tigh  do  choimhearsnaich  ;  na 
sanntaich  bean  do  choimhearsnaich,  no  'òglach, 
no  'bhanoglach,  no  'dhamh,  no  'asal,  no  aon  ni 
a's  le  do  choimhearsnach. 


72 


URNUIGH  AN  TIGHEARNA. 

Ar  n-Athair  ata  air  nèamh,  Gu  naomhaichear 
t'ainm.  Gu  tigeadh  do  rioghachd.  Gu  deanar 
do  thoil  air  thalamh,  mar  a  nìthear  àir  nèamh. 
Tabhair  dhuinn  an  diugh  ar  n-aran  làthail.  Agus 
maith  dhuinn  ar  fiacha,  mar  a  mhaitheamaid  d'ar 
iuchd-fiachaibh.  Agus  na  leig  sinn  am  buaireadh, 
ach  saor  sinn  o  olc :  Oir  is  leatsa  an  rioghachd,  agus 
an  cumhachd,  agus  a'  ghlòir,  gu  siorruidh.  Amen. 


A'  CHREID. 

Creideam  ann  an  Dia  an  t-Athair  Uile- 
cnumhachdach,  Cruithear  nèimh  agus  na  talmh- 
ainn ;  agus  ann  an  losa  Criosd,  aon  mhac-san,  ar 
Tighearna,  neach  a  ghineadh  o'n  Spiorad  Naomh, 
a  rugadh  leis  an  Oigh  Muire,  a  dh'fhuiUng  fuidh 
Phontius  Pilat,  a  cheusadh,  a  fhuair  bàs,  agus  a 
dh'adhlaiceadh,  a  chaidh  sìos  do  staid  nam  marbh, 
a  dh'èirich  a  rìs  o  na  marbhaibh  air  an  treas  là, 
a  chaidh  suas  aìr  nèamh,  agus  ata  'na  shuidhe 
air  deas  làimh  Dhè  an  Athar  Uile-chumhachdaich, 
agus  as  sin  a  thig  a  thoirt  breith  air  na  beothaibh 
agus  air  na  marbhaibh.  Creideam  anns  an  Spiorad 
naomh,  anns  an  eaglais  naoimh  choitchinn,  ann  an 
co-chomunn  nan  naomh,ann  an  aiseirigh  a'  chuirp, 
igus  anns  a'  bheatha  mhaireannaich.    Amen. 


A'  CHRIOCH.