(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Biodiversity Heritage Library | Children's Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Filidh nam beann = The mountain songster : the choicest collection of original and selected Gaelic songs now known"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/filidhnambeannmo1860glas 



+ '7 

FILIDH NAM BEANN: 



THE 



MOUNTAII SOMSIER, 



THE CHOICEST COLLECTION OF ORIGINAL AND 
SELECTED G^ELIC SONGS NOW KNOWN. 



An t-òranaiche sunndach, ceòlmhor, 
Dh' fhògras hròn, 's a dhùisgeas fonn. 



GLASGOW: 
WAITT & STEWART, 76 QXJEEN STRE&T. 

[ENTEKED IN STATIO&EKS' IIALL.] 



CLAR-INNSE. 



Taobh-dui!Ic>£. 

Oran do Cbèile nuadh phòsda, ... 1 

Cumha Chailean Ghlinn-Iubhair, ... 5 

Moladh Ailein an Earraichd, ... 

Oran do Shìr Cailein Caimbeul, Mòrair Chluaidh, 12 

Dòmhnull Mac Dhòmhnuill, o'n Bheurla, . . 14 

Na Gàidheil aig Alma, . . . .15 

Cumha do Fhear Strath-Ghlais, a thuit latha Chulodair, 17 
Oran Leannanachd, . . . .20 

Oran Chlann Dòmhmuill nan Eileanau, . . 21 

Beannachd an Eilthirich le 'Dhùthaich, . . 23 

An t-Eilean Muileach, . . .26 

Oran do'n Mhisg, i . 28 

Oran do Thriath Ghlinne-Garradh, . .30 

Do'n Eideadh Ghàidhealach, ... 33 

Do Ghil' òg a ghabh 's an Arm, ... 35 

An Gàidhealam measg nan Gall, . . .38 

Prionns' Teàrlach agus Flòraidh Dhòmhnullach, . 39 

Do Shìr Eachann Mac 'Illeain, . . .42 

Duanag do Chruachan-Beann, . * . 45 

Duanag o'n Bheurla, .... 47 

Latha Chuilodair, ... * . 48 



Am Prionnsa agus na Gàidheil, 

Marbh-rann do Phrionns' Teàrlach, 

Do Nighean Fear Thir-na-drise, . 

Ise a' Freagairt, 

Cumha Chlann-an-t-Saoir, 

Do Chaiptein Gilleaspuig Mac-an-t-Saoir 

Moladh an Leòmhainn, 

Gaisgeadh nan Gàidheal 's na h-Imisean, 

Na Fearaibh òga, . , . 

Maraichean na h- Alba, 

Cumha do leanabh gille, . 

Oran an Tasgair, 

Brosnachàdh Bhruce, o'n Bheurla, 

Comhairle do na Giilean òga, 

Do bhàta Thighearna Chola, 

'An dùil ri Bailechaolais f hacinn, 1856, 

An t-Each Iaruinn, 

Luinneagdo Artt Mac Lachlmnn, 



5-i 
57 
53 
59 
GI 
03 
G8 
70 
72 
7i 
70 
79 
ib. 
82 
86 
87 
91 



PILIDH NAM BEANN 



ORAN DO CHEILE NUADH PHOSDA. 
Le D. B. Mac-ant-Saoir. 

A Mhàiri bhàn òg 's tu 'n òigh th' air m' aire 

Ki m' bheò bhi far am bith'nn fhèiu ; 
O 'n f huair mi ort còir cho mòr 's bu mhaith leam, 

Le pòsadh ceangailt' o 'n chleir ; 
Le cumhnantan teann, 's le banntaibh daingean, 

Le snaom a dh'fhanas, 'snach trèig: 
'S e t' fhaotainn air làimh le gràdh gach caraid 

'Rinn slàinte maireann a'm chre. 

'N uair bha mi gu tinn 's mi'n cinnseal lèannain, 

Gun chinnt co 'theannadh rium f hèin, 
'S ann chunna' mi 'n òigh aig bòrd tigh-leanna, 

'S bu mhòthar, ceanalt' a beus ; 
Tharruing mi suas rith' 's f huair mi gealladh 

O'n ghruagaich bhanail bhi'm rèir ; 
'S mise bha aobhach t' fhaotainn mar rium, 

'S crodh-laoigh a' Bharain a'd' dheigh. 

Maduinn Di-luain, ge buan an t-slighe, 

'N uair ghluais mi, ruithinn mar ghaoth, 
A dh'f haicinn mo luaidh, 's rud uainn 'n ar dithis 

Nach dual da rithis gu'n sgaoil : 
Thug mi i 'n uaigneas uair a bhruidhinn, 

'S ann f huair an nighean mo ghaol ; 
A's chluinneadh mo chluas an fhuaim a bhitheadh 

Aig luath's mo chridhe ri m' thaobh. 



'Sin 'n uair 'chuir Cupid 'n t-uldach a'm' bhroilleach 

D'a shaighdean corranach, caol, 
A dhrùigh air mo chuisleau, chuir Iuchd air mo cholunK 

Leis 'n do thuit mi ge b'oil leam 's gu'n d' aom : 
Dh'innis mi 'n sgeul do'n tè rinn m' acain, 

JS T ach lèigh a chaisgeadh mo ghaoid ; 
'S e leighis gach creuchd i fèin le 'feartan 

Theachd rèidh a'm' ghlacaihh mar shaoil. 

Bheirinn mo phòg do'n òg mhnaoi shomalt' 

À dh' f hàs gu boinneanta, caoin, 
Gu mileaut, còmhnard, seòcail, foinnidh, 

Do chòmhradh gheibh mi gu saor : 
Tha mi air sheòl gu leòir a'd' chomain 

A' bhòid 's a chuir thu gu faoin 
Do m' smaointean gòrach pròis nam boireanuach, 

'S còir dhoinh fuireach le h-aon. 

Chaidh mi do'n choill' an robh croinn a's gallain, 

'Bu bhoisgeil sealladh mu'n cuairt, 
'S bha miann mo shùl do dh' f hiùran barraicht' 

An dlùthas nam meanganan suas ; 
Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh, 

A lub mi farasda nuas, 
Bu duilich do chàch gu bràch a gearradh 

; S e'n dàn domh 'm faillean a bhuain. 

Shuidhich mi lìon air fior-uisg tana, 

'S mi 'strìth g'a tharruinn air bruaich, 
'S thug mi le sgrìob air tìr a' ghealag, 

'S a lìth mar eal' air a' chuan : 
'S toilicht' a dh' fhàg e 'n là sin m' aigue 

An roinn a bh' agam 's an uair ; 
B'e coimeas mo cheud-ghràidh reul na maidne, 

Mo chèile cadail 's mo luaidh. 

'S e b' f hasan leat riamh bhi ciallach, banail, 

Ri gnìomh, 's ri ceanal mna-uails'; 
Gu pàirteach, bàigheal, blàth gun choirej 

Gun ghiamh, gun ghainne, gun chruas ; 



Gu deirceach, daonntach, faoilidh, farasd' 

Ri daoine fanna, bochd, truagh ; 
Is th'a mi, le d' sheòl, 'an dòchàs ro-mhaith 

Gur lòn do t'anam do dhuais. 

Chuir mi air thùs ort iùl a's aithne 

Le sùgradh ceanalta, suairc'; 
'N uair theannain riut dlùth bu chùbhraidh' t' anail 

Na ùbhlan rneala 'g am buain : 
Cha bhitheadh sgeul rùin a b'iùl dhomh aithris 

A b' f hiù nach mealladh i uam ; 
Na'n cuircadh i cùl rium 's diùltadh baileach 

Bu chùis dhomh anart a's uaigh. 

Do bhriodal blàth, 's do mhànran milis, 

Do nàdur grinnis gach uair, 
Gu beulchair, gàireach, àluinn, coimhneil, 

Gun chàs a thoilleadh dhuit fuath ; 
Chuir i guin bàis fad ràith' am mhuineal 

Dh'fhàg làn mi 'mhulad 'sdo ghruaim, 
'N uair thuig i mar bha, 'sa thàr mi 'n ulaidh 

Ghrad spàrr i 'ncunnart fad uam. 

'S ann thog i mi 'm pris o'n tìm so'n uiridh 

An nì 's an urrainn a f huair, 
Sguab do'n ìre f hior-ghlan chruinneachd, 

An siol is urramaich' buaidh : 
'Sin na chuir mi cho rìomhach umad, 

Bha t' inntinn bunailteach, buan ; 
Lìonadh do sgiamhachd miann gach duine 

An dreach, fiamh, an cumachd, 'san snuadh. 

Do chuach-f halt bàn air fàs cho barrail, 

'S a bhàrr làn chamag a's dhual ; 
T aghaidh ghlan, mhàlda, nàrach, bhanail, 

Do dhà chaol mhala gun ghruaim : 
Sùil ghorm liontach, mhìn-rosg, mheallach, 

Gun dith 'cur fol' ann ad' ghruaidh, 
Deud gheal ìobhraidh, dhìonach, dhaingean, 

Beul mìn nach canadh ach stuaim. 



Slnubhladh tu fàsach àirdh glinne 

'S an àit' an ciimeadh an sprèidh, 
'G am bleothan mu chrò, 's bhi chòir na h-innis f 

Laoigh òg a' mireadh 's a' leum ; 
Clia mhiosa do làmh 's tu làimh ri coinneil, 

N'an seòmar soilleir ri grèin, 
À' fuaidheal, 's a' faidhmeadh bhann a's phionar 

'An àm chur grinnis air ghrèis. 

Do chneas mar an èiteag, glè ghlan, fallan, 

Corp seang mar chanach an t-slèibh ; 
Do bhràighe cho mhìn, 's do chìochan corrach, 

'S iad lìontach, soluis le chèil'; 
Gàirdean tlà, geal làmh na h-ainuir, 

Caol mheòir, glac thana, bas rèidh ; 
Calpa deas ùr, troidh dhlùth 'm bròig chuimir 

Is lùghor, innealta ceum. 

'S ann f huair mi bhean chaoin aig taobh Mam-charai, 

'S a gaol ga m' mhealladh o m' chèill ; 
Bha 'cridhe dhomh saor, 'nuair dh'f haod mi tharruiim 

Cha b' f haoin dhomh 'bharail bhi 'd' rèir : 
'S ioma fuil uasal, uaibhreach, f harumach 

Suas ri d' cheann-aghaidh f hèin, 
Gad' chmuaii 'ara pris an Righ 's Mac Cailean, 

'S tu 'shìol nam fear a bha 'n Slèibht'. 

Na'ni faighin an dràsd do chàradh daingean 

An àite falaich o'n eug ; 
Ged thigeadh e 'd dhàiL a's m' f hàgail falamh 

Cha b'àill leam bean eil' a'd' dhèigh : 
Cha toir mi gu bràch dhuit dranndan teallaich, 

Mu'n àrdaich aileag do chleibh, 
Ach raoghagach mànrain, gràdh a's furan, 

Cho blàth 's a b' urrainn mo bheul. 

Dheanainn dhuit ceann, a's crann 's an earrach, 

'An àm chur ghearran an èill, 
A's dheanainn mar chàch air tràigh na mara 

Chur àìrd air mealladh an èisg : 



Mharbhainn dhuit geòidh, as ròin, a's eala, 
'S na h-eòin air bharra nan geug, 

'S cha bhi thu ri d' bheò gun seòl air t-aran 
'S mi chòrnhnaidh far am bi fèidh. 



CUMHA CHAILEAN GHLINN-IUBHAIR, 

Leis an aon clieudna, 

Smaoitean truagh a th' air m'aigne, 
Dh'fhàg orm smuairean a's airsneul, 
An àm gluasad a'm' leabaidh, 

Cha chadal ach dùsg ; 
Tha mo ghruaidhean air seacadh, 
Gun dìon uair air mo rosgaibh, 
Mu'u sgeul a chualas o'n Apuinn 

A ghluais a' chaismeachd ud duinn'; 
Fear Ghlinn-iubhair a dhìth oirnn, 
Le puthar luchd-mì-ruin, 
Mo sgeul dubhach r'a innseadh 

Thu bhi 'd' shìneadh 's an ùir ; 
'S truagh gach duine do d' dhìlsean, 
O'n a chaidh do chorp prìseil, 
'An ciste chumhainn, chaoil, dhìonahh, 

'S ann an lìon-auart ùr. 

B'e sin an corp àluinn, 

'N uair bha thu roimhe so 'd' shlainte, 

Gun chion cumachd no iàs ort, 

Gufoinidh, dàicheil, deiis, ùr; 
Suairce, foisueach, fàilteach, 
Uasal, hisiol, bàigheil, 
Caoimhneil, cinneadail, càirdeil, 

Gun chron r'a ràit' air a chùl ; 
Làn do ghliocas 's do leursainn, 
Gu dàna, misneachail, treubhach, 
Gach àit' an sirte gu feum thu, 

'S ann leat a dh'eireadh gach cùis ; 



6 



B'e do choimeas an drèagan, 
No 'n t-seabhag 's na speuraibh, 
Cò bu choltaich r'a chèile 
Na iad fèin agus thu ? 

'S cruaidh an teachdair' a thàinig, 
'S truagh mar thachair an dràsda, 
Nach do sheachainn thu 'n t' àite 

'N no ghlac am bàs thu air thùs ; 
Suas o chachaile 'ghàraidh 
Fhuair thu 'n acaid a chràidh mi, 
'S gu'n do thaic a bhi laimh riut 

'N uair ghabh iad fàth ort o d' chùl. 
Air do thaobh 'sthu gun chòmhradh, 
'S an àm 'n do chaochail an deò uait, 
T' f huil chraobhach, dhearg bhoidheach 

A' gabhail dòrtadh 'na brùchd ; 
Le giiìomh an amadain ghòraich, 
A bha gun aithne, gun eòlas, 
A reic 'anam air stòras, 

Nach do chuir 'an tròcair a d> ail. 

B' e 'n cridh' gun tioma, gun dèisinn, 
Gun àgh, gun chinneas, gun cheutaidh, 
A chuir làmh a'd' mhilleadh gun reusan, 

Le cion cèill agus tùir ; 
'S e ghlac mar chomhairl' an eucoir, 
'S bochd an gnothach mar dh'èirich, 
Dh' f hàg e sinne fo eislean 

A's e fèin 'na fhear-cùirn : 
'S ged nach sàmhach a leaba 
Le eagal a ghlacadh, 
Cha 'n e tha mi 'g acain 

Ach mar thachair do 'n chùis ; 
An t-àrmunn deas, tlachdmhor, 
A tha 'n dràsd 'an Aird-chatain, 
An dèigh a chàradh an tasgaidh, 

An àite cadail nach dùisg. 

'S e do chadal gu sìorruidh 

A dh"f hàg m' aigne cho tiamhaidh, 



'S tric smaointeanan diomhain, 

À' tigh'nn gu. dian orm a's ùr : 
'S tròm a dh'f hàs orm an iargainn^ 
Is goirte tàrsa na 'm fiabhras, 
Mo chomhalt' àluinn, deas, ciatach, 

An dèis a reubadh gu dlùth : 
Mìle mallachd do 'n làimh sin 
A ghabh cothrom a's fàth ort, 
A thug an comas do'n làmhach 

'N uah" chuir e 'n spàinteach r'a shùil ; 
Sgeula soilleir a b' àill leam, 
Gu'n cluinnt' a'm' follais aig càch 
E bhi 'clol ri cromaig le fàradh, 

Gus am measa dha-san na dhuinn. 

Ge be neach a rinn plot ort, 
Le droch dhùrachd o thoiseach, 
Bu dàna chùis dha tigh'nn ort-sa, 

Na do lotadh as ùr ; 
Bha 'na rùn a bhi olc dhuit, 
'S gun chridh' aig 'aodann a nochdadh, 
'S aun thàin' e sàmhach mu'n chnocan, 

'S a ghabh ort socair o d' chùl : 
'S e mo dhiùbhail a thachair, 
'An àm do'n fhùdar ud lasadh, 
Nach robh ad' chàirdean an taic' riut 

Na bheireadh aieheamhail dhiubh ; 
'S a liughad fiùran, cleas, tlachdmhor, 
Nach gabhadh cùram ro' bhagradh, 
A chuireadh smùid ris an Apuinn, 

A chionn gu'm faiceadh iad thu. 

'S tròm a phàigh sinn an ìobairt 
A chuir ar nàmhaid a dhìth oirnn, 
Ged tha 'n aich'mhail gun dioladh 

Thig fathast lìontan mu'n chùis, 
Chuireas càch 'an staid iosail 
Air son an àileagain phrìseil, 
Bh' anns an àite mar fhìrean, 

A chleachd firinn a's cliù : 
'S bochd an naigheachd r'a àireamh 
Gurh-ann a nasgaidh a tha thu, 



Nach tàinig fatbasd mu'n chàs ud 
Na dheanadh àbhachd thoirt duinn ; 

Àch air f had 's gam bi dàil ann, 

Cho ceart's a tha mi 'ga ràdhtuinn 

Bidh an f halacbd ud pàighte, 
Mu'n teid an gamhlas air chùl. 

'S iad na fineachan làidir 

Bu mhath aghabhail do phàirto, 

An Kigh a's Diùc Earra-ghaidheal, 

Nach fhaiceadh fàillinn a'd' chùis ; 
Iarla dligheach Bhraid-Albann 
Air thùs a' tighinn gun chearbaicb, 
'S gur iomadh fear armach 

A sheasadh calma r'a chùl : 
Mac-Aoidh 'sa Iuehd leanmhainn, 
Leis an è'.readh suinn nach bu leanabaidh, 
Na laoich bhuidhneach, mhòr, mheamnach, 

Le 'n lannan ceanna-bheairteach eùil ; 
Mac-Dhòmhnuil duibh a's Clann-Chamshroin, 
'S gu leòir do thighearnan ainmeil, 
'S fhad o'n chuala sinn seanachas 

Gu'n do dhearbh iad an cliù. 

'S ghabh thu àite le òrdugh 
Air pàirt do Shrath-Lòchaidh, 
'S cha b' ann air ghaol stòrais, 

Na los am pòrsan thoirt diùbh ; 
Ach a sheasarnh an còrach, 
Le meud do cheist air an t-seòrs ud, 
'S an oigbre dligheach air fògradh, 

G'am bu chòir bhi 's a' chùirt : 
'Sged a theireadh luchd-faoineachd 
Gu'n robh t'aire-sa daonnan 
'Bhi sgainneart nan daoin' ud, 

'N an leigeadh sgaoilteach air chùl ; 
Chite f hathasd a chaochladh, 
N'am faigheadh tu saoghal, 
Gur e bhi 'tarruing luchd-gaoil ort, 

As gach taobh a bha 'd' rùn. 

Bu tu cridhe na fèile, 

Dh'f hàs gu tighearnail, ceutach, 



9 



'An làthair bhreitheimh Dhuneideann 

'S tric a rèitich thu cùis ; 
'S oil leam càradh do cheud-mhna, 
'S òg a' bhanntrach a'd : dhèigh i, 
Lion càmpar gu lèir i 

O'n dh'eug a cèile deas, ùr ; 
Fhuair mi 'n sealladh nach b' èìbhinn, 
An uaigh mu d' choinnimh 'g a rèiteach, 
'S truagh gach comunn thug spèis dhuit, 

O'n chaidh thu fèin anns an ùir ; 
'S gun dùil a nis ri thu dh'èiridh, 
'S e dh'f hàg mise fo èislean 
Bhi'n diugh ag innseadh do bheusan, 

'S nach tig thu dh'èisdeachd mo chlitì. 



MOLADH AILEIN AN EARRAICHD, 
Le A. Dughallacìi. 

Mu'n cuairt an glainne còmhnard 

Gun dòrtadh, 'sdean barrach i, 
Do'n stuth neartmhor, làidir 

'Bheil càil agus fallaineachd, 
Adh' òl deoch slàint' an àrmuinn, 

Their càch " Fear-an-Earraichd " riut : 
Gach ceum gu dol a suas dhuit, 

A's buaidh air na leanas riut. 
Mo dhùil gu grad thu thigh'nn gun stad 

A chum gu'm faicear fallan thu, 
Fhir is gasda shubhlas faiche, 

Nach 'eil lag no aimbeairteach ; 
Air thùs gaisge cha bu tais thu 

Hi uchd cath 'g a theannachadh, 
'S cha chualas ann an Albainn 

Ceann armailt' a thug barrachd orfc. 

Tha sgeul air tigh'nn do d' dhùthaich, 

A's cunntas gur maireann thu ; 
Slàn do'n bheul a ghiùlain 

An t-ùrachadh, annasach ; 



10 



'S naidheachd e 's an rioghachd 

'Ga innseadh gu barantach, 
Gu bheil thu nis a'd' Chòirneal, 

'S do chòraichean ceangailte : 
Fhir chalma ghlic 'tha 'dearbhadh tric 

Gu bheil do mhisneach ceannardach, 
B' e sud do bheus a' dol 's an streup, 

A leòmhain bheuchdaich, f haramaich ! 
Gach àit' an d' thèid thu leat a dh'èireas, 

Na fir threuna, bhearraideach \ 
Aig meud do threu'ntais cò d' an geill thu, 

'S buaidh gach euchd a' leanailt riut ? 

Lean gaisgeadh agus cruadail 

O dhualchas do sheanar riut, 
'N uair thairneadh e bho 'chruachan 

A chruaidh lann gun smal oirre, 
'S a ghlachdta leis neo-chearbach 

An t-arm d' am b' ainm " An Reangaire,'' 
'S ann thigeadh sgeul an f huathais 

Air cruachdan cl' am buineadh e : 
'San cùis n'an geall, 'an cùirt n'an cainnt 

Cha 'n fhasan Ghall a leauas tu ; 
Cha chleachdadh ùr an d' chuir thu dùil, 

Bho 'n tha gach cliù ri aithris ort ; 
'N uair a dhùisgt' thu cha bu shùgradh 

Tionndadh ann an carraid riut ; 
Thu maith gu sìth a's garg 's an strith— 

Cha toirear cìs a dh' aindeoin dh\ot 

'N uair thèid thu 'n uidheam Giiidheil 

Bu mhiann le bannrigh'n sealladh dhiot, 
Le t' osain is maith fiaradh 

'S do chalp' air fiamh na gailliune. ; 
Sporan a' bhruic f hiadhaich 

Guu chruai'-shnaom riamhga theannacbadh 
Gu tric a' tarruing 'iallan, 

'S ga riaracharìh air aimbeairtich : 
A ghnùis na fèil' thèid gasd 1 a t' èideadh, 

Thig ort fèileadh beannagach, 
'N* chuaich gu dlù mu'n cuairt do d' ghL"ia 

Do bhreachdan ùr neo-sparrasach, 



11 

Boinneid dhù-ghorm thig o'n hhùth 
A thèid na crùin g'a ceannach dhuit, 

Fo bhàrr gu leòir do dh' ite 'n eoin 
An òrdugh mar is maith leat i. 

Dh' fheumadh e bhi calm' agus 

Earbsach gu'm bu ghaisgeach e, 
Am fear a gheibheadh eanacluxiim 

Gu dol a thairgse batailt dhuit ; 
'S ann leat fhèin a dhearbhta 

Bhi fear-bhuileach, acf huinneach, 
'N uair rachadh tu fo' t' armaibh 

Ge meamnach, dealbhach, tartarach. 
Thig bho t achlais paidhir dhag' 

Nach diultadh srad 'n uair bhuineadh 1 
Bo dh' f hudar sgairteil nach ob lasadh, 

Luaidhe bhras 'na deannaibh leis ; 
Biodag ghlas bu chairgneach cas, 

Gu tairgneach, cnapach, meallanach ; 
Bhiodh sud air t'fhasdadh, 'slann chinn-aisnicb, 

'S gàirdeau gasda leanadh i. 

'N uair dh' eireas bratach riomhach 

A' Chòirneil rioghail, Earraichdaich, 
'Ga sgaoileadh ri crann dìreach 

'An àm dol sios gu caithreamach ; 
Am fìùran gasda, dìleas, 

Mar mhaighdean air thi leannanachd, 
A' dol an coinneimh nàmhaid 

A's tart gu tràghadh fal' orra : 
Piobach, drumach, cruas nam builean, 

Fuaim gach gunna thaitneadh riut, 
Snapach, guineach, ealamh, ullamh, 

Ann an cumail batailte, 
'Dol gu cumasg, 's leat an t-urram, 

'S tu gun chunart faiteachais ; 
Bu mhaith 's an Fhraiug do lamh 's do lann, 

A's b' f heaird' an camp na'm faict' ann thu. 



12 

SIR C. CAIMBEUL, MORAIR CHLUAIDH, 

Le A. Mac Alastair. 

So deoch slàinte Shir Cailean 
Thar fearaibh an t' saoghail ; 

An Caimbeulach sgairteil 
Chaidh a maeh 'n a Cheann-feadhua ; 

Bho 'n a chaidh thu thar chuantan 
Dh' èirich buaidh air gach taobh leat, 

Rinn do naimhdean dhuit strìochdadh, 
? S rinn iad siochaint a ghlaodhach. 

Tha mo chion air an uasal, 
Morair Chluaidh tha mi 'g ràdhtuin, 

Fhuair thu meas agus urram 
Thar gach duine do'n àl so ; 

Ann am fòghlum 's an gliocas, 
'S ann am misneach neosgàthach ; 

Cha bu mheat air ceann sluaigh thu 
'Chur na ruaig air do nàmhaid. 

'S truagh nach cluinninn an sgeula 
Gu'n èight' ann a d' Dhiùc thu 

'S gu'n tigeadh tu dhachaidh 
Làn aiteis gu d' dhùthaich : 

A Cheann-feadhna nan Gaidheal, 
Do dheoch-slàinte cha diùlt sinn, 

'S mi gu'n deanadh a tràghadh 
Ged a phàighinn na crùntan. 

'N uair a chaidh thu do Rusia 
Fhuair thu urram o d' dhùthaich, 

'N uah' a f huair thu Brigade 
Do na Gàidheil fo d' stiùradh : 

An là thug iad aig Alma 
Gu'n do dhearbh iad an cliù dhuifc, 

Le an lannan geur, sgaiteacb, 
J S cha bu tais air an cùl iad. 

Craobh is àird' anns an doir' thu 
Ann an coille nan Gàidheal ; 

Seobhag uasal na h-ealta, 
? S ursann-chatha 's na blàraibh . 



13 

Thu gu h-iriosal, macant', 
Caoimhneil, tairis ri d' chàirdean, 

'S mar an leòmhann gu casgradh, 
'N àm bhi 'tachairt ri d' nàmhaid. 

'S iomadh mais' tha r'a inns' ort 
Nach cuir mi 'sios anns an dàn so, 

Foinidh, dìreach a'm pearsa, 
'S tu gun athaclh a'd 1 nàdur: 

Fhir naeh d'fhòghlum a' ghealtachcì, 
Bu tu cùl-taice nan Gàidheal, 

'S beag an t-ioghnadh leam f hèln e 
Ged thug iad spèis dhuit cho làidir. 

'S ann a shaoil le luchd-beurla 
Gur h ann daibh fèin a bu dìsl' thu, 

Bho'n chaidh t-àrach car tamull 
Ann an Glascho nan stìopull : 

Dhomhsa b' aithne do sheanachns 
Le dearbhadh, 's le fìrinn, 

Bha thu 'theaghlach ro chliùiteach 
Bha 'n Aird-na-h-ùadh 'an Ile. 

'S iomadh sruthan mear, uaibhreach, 
A' direadh suas ann a d' phòraibh ; 

'S thu do'n f hine bha dìleas 
Air taobh an rìgh a's na còrach : 

Dream curanda, làidir, 
Bha'n Earraghaidheal a chòmhnaidh ; 

'S mairg nàmhaid 'g an tàrladh 
Teachd fo àrdan a' cHòmhlain. 

Cuiream crioch air au dàn so 
Bho nach bàrd mi 'ni òran ; 

Tha mo dhùrachd 's mo bheannachd 
H-uile latha ri m' bheò dhuit : 

Ach nan cluinninn thu thighinn 
Bhiodh mo chridhe làn sòlais ; 

'S ged tha 'n aois air mo lagadh 
Rachain astar a'd' chòmhail. 



M 



DOMHNULL MAC DHOMHNUfLL. 
Bho 'ra Bheurla, le E. MG. 

'S e Dòmhnull Mac Dhòmhnuill is ainm dhomfcv 

Chaidh m' àrach an garbhlach nam beann ; 
'S gu'n siubhlainn, fo bhratach na h-Alba, 

Gach tir mu'm bheil seanachas 'n ar cainnt : 
'Dol sios le luchd-bhoineidean dù-ghorm 

Cha ghabhainn bonn cùraim roi' m' nàimh', 
'S mi dearbht' as na Gàidheil mu'n cuairt domh, 
Gur bàs airneo buaidh a bhios ann. 
Le'n leòir de bhrochàn 's de chùl, 
Le brògaibh 's osain fo'n sàil, 
Gu'n seasadh iad cruadail gun athadh, 
'S ro fhuathas cha ghabhadh iad sgàth. 

'N trà dh' èireas duinn tilleadh gu sunntach 

A dh' f haicinn ar dùcha 's ar righ, 
Ma theannas na Frangaich ri 'm fearra ghloir, 

G ur coingeis lein fairge no tìr : 
Cò 'chearn a'm bheil fear nach 'eil dìleas, 
No nàmhaid do'n righ th' air a' chrùn ? 
'N a bhad gu'm bi Dòmhnuli Mac Dhòinhnuill, 
'S na Gàidheil 'an òrdugh r'a chùl ; 
Le'n cuilbheiribh caoìa fo 'n sgèith, 
Le 'n dagaichibh snaip air dheagh-ghleus, 
Gur h-uallach a ghluaiseas Mac Dhòmhnuill 
'Sna Gàidheil 'an òrdugh 'na dhèigh. 

Ged dh' èirich ar sinusreadh le Tèarlach, 

Gur cliù 's cha bu tàmailt a bh' ann. 
'Nuair thainig e thugainn gun chàirdean, 
'Cur earbs' à luchd-àitich' nan gleann : 
Gur cinuteach nach gliocas a ghluais iad — - 

Fhuair bàighealachd buaidh anns an àm, 
'S na'm faiceadh iad Deòrsa cho faontrach 
Gu'n seasadh iad aobhar gun taing. 
Le 'n lanntaibh tana, geur, cruaidh, 
Le 'n sgiathaibh ballach nan dual, 
Ged thigeadh an donas 'u an còmhail 
Gu'n leanadh iad Deòrs' anns an ruaig. 



13 



Tha Gòrdanaich fearail 's a' chomhstri, 

'S tha Caimbeulaich connspaideach, cruaidh, 
Tha Granndaich, Clann Choinnich, a's Mòirich, 

'S na Camshronaich ullamh 's an ruaig ; 
Tha Stiubhartaich troma-bhuileach, làidir, 

Clann Leòid, 's Clann'ic Aidh o'n taobh-tuath, 
Air dheireadh 'n àm seasamh na còrach 

Cha 'n fhaighear Clann Dòmhnuill narn buadh. 
Le'n leòir de bhrochan 's de chàl, 
Le brògaibh 's osain fo 'n sa.il, 
Fo bhoineid, 's fo bhreacan an f hèileadh, 
Cha 'n obadh, 's cha 'n euradh iad nàmh. 



NA GAIDHEIL AIG ALMA. 
Le A. MI. 

Tha mise so, Abrach o Lòchaidh, 

'S mi fada air fògradh feadh Ghall — 
'S na' faighinn o'n Bhàn-Righ na dh'f hòghnadh 

Cha bhiodh Fear-a-còghnaidh air chall — 
Na'n cuirt' ann an àite nan caorach 

Sliochd sgaipte nan laoch nach 'eil ann, 
Bhiodh fàrdaichean fasgach aig faonndraich — 
Bhiodh aiteas a's aoidh feadh nan Gleami. 
O nach robh sinn mar bha ! 
O nach robh sinn mar bha ! 
'S na'm bio'maid mar bha sinn air fuireach 
Gu'n rachamaid uile gu blàr. 

'N uair 'bha mi air sràidean Dhun-èideann, 

Gun airgiod, gun èideadh, a' triall — 
Gun chònuidh, gun chosnadh, gun bheurla, 

'S b' e 'n t-eagal gu'n trèigeadh mo chiall ; 
'S ann chunnaic mi'n Rèiseamaid sgiolta, 

'S gu'n d' èirich mo mhisneach a'm' chliabh, 
'Scha 'n fhiach leam gu bràth Milisi — 

B'i " Dhà-'s an-Dà-Fhichead " mo mhiann. 
O nach robh sinn, &c. 



10 



'S an Eiphit, 's an Spàinnd, 's thar gach mara— • 

'S an Fhraing, 's ann an Canada fuar ; 
'S gu tric sinn 's na h-Innsibh 'g ar garadh — 

Far nach feumainn 'bhi 'fadadh a' ghuail : 
B'i 'n Reiseamaid bhuadhar 'sgach cath i, 

Mu'n deach i fo Chailean gu buaidh, 
'S b' e 'cheann-san a liath anns a' chogadh 

'Bu tearnadh dhuinn toiseach an t-sluaigh. 
O nach robh sinn, &c. 

'S ann oirnn nach tig dichuimhn' na faiche, 

Far 'facas na feara fo 'n cruaidh ; 
'S fo bhriathran 's fo bhrosnachadh Chailein, 

Ar cridheachan laiste ri'r gruaidh : — 
" 'Nis'leanaibh-se 'Laochraidh nam beann mi, 

A's thugaibh o'r naimhdibh a' bhuaidh, 
'S na tillibh-se 'meadhon a' bhruthaich, 

Ach glacaibh na mullaich gu luath." 

nach robh sinn, &c. 

Deadh Ghillean-an-Fhèilidh bu ghreadhnach, 

Feadh chreag agus coilltich' 'dol suas, 
Ar Pìobairean 's brataichean srannrach, 

G'ar greasad, mar b' annsa, gu cruas — 
'S ged mharbhadh a steud-eàch fo'r Ceannard, 

Grad laiste bha 'laun-san roi' shluagh ; 
'S le'r cruaidhe, le'r luaidhe, 's le'r lasair 

Chaidh naimhdean mar chathadh o'n Tuath. 
O nach robh sinn, &c. 

Air leam gu'n robh leòmhann nan gleachd leinn- 

An Gaisgeach o'n Earrachd mar bha, 
Le 'cheathairne chliùiteach a chleachd e, 

'S an lleangaire 'n tarruing gun sgàth — 
'S na seòid sin tha 'seòladh ri'n taice — 

Na fiùrain bu mhaisiche bàrr, 
Nach naradh o'n dùchas air faiche, 

'S nach lùbar le gaiseadh nam blàr. 

nach robh sinn, &c. 

'S na'n tòiseachadh Alasdair Neacail 
Ri 'spagluinn air faiche no sliabh, 



17 

Gu'n toir sirm dha aobhar a' ghearain, 
Mar thug sinn do cheannaircieh riabh — 

'S mar rinn sinn fo Ridire Cailean, 
'S na Gàidheil 'ga leanailt gu dian — 

A thràillean a thilleadh le'r deannal, 

'Dhol dachaidh a dh'f heannadh nam bian» 
O nach robh sinn, &c. 



CUMHA DO FHEAR SHRATH-GHLAIS, 

ATHUIT LATHA CHUILODAIR 

Le 'bhean fein. 

Och ! a Thèarlaich òig Stiùbhart, 

'S e do chùis 'rinn mo lèireadh, 
Thug thu uam gach ni bh' agam, 

Ann an cogadh a'd' aobhar ; 
Cha chrodh, a's cha chàirdean 

Rinn mo chràdh, ach mo chèile, 
O'n là dh' f hàg thu mi 'm aonar, 

Gun sian 's an t-saoghal ach lèine — 

Mo rùn geal, òg. 

Cò nis 'thogas an claidheatnh, 

No ni chathair a lionadh, 
'S gann gur h-e tha air m' aire, 

O nach maireann mo chiad-ghràdh ; 
Ach ciamar gheibhinn o m' nàdur 

A bhi 'g àicheadh na 's rniann leam, 
A's mo thògradh cho làidir 

'Thoirt gu 'àite mo righ màth? 

Mo rùn geal, òg. 

Bu tu 'm fear slinneanach, leathann, 
Bu cbaoile meadhon, 's bu dealbhaich'; 

Cha bu tàilear gun eòlas 

'Dheanadh còta math, gearr dhuit ; 

No 'dheanadh dhuit triubhas, 
Gun bhi cumhann no gann duit : 



10 



Mar gheala bhradain ùq chasan, 
Le d' ghearr osain inu d' chaìpa — 

Mo lùn geal, òg- 

Bu tu 'm fear mòr bu mhath cuma, 

O d' mhullach gu d' bhrògan ; 
Bha do shlios mar an eala, 

'S blas na meal' air do phògan — 
T'fhalt duallach, donn, lurach, 

Mu do mhuiueal 'an òrdugh ; 
"S e gu cam-lubach, cuimeir, 

'S gach aon 'toirt urram d' a bhòichead- 
Mo rìm gealj òg. 

Bu tu iasgair na h-abhann, 

'S tric a thaghaich thu fein i ; 
Agus sealgair a' mhonaidh, 

JBiodh do ghun' air dheadh ghleusadh — 
Bu bhinn leam tathunn do chuileiu', 

Bheireadh fuil air mac eilde ; 
As do laimh bu mhòr m' earbsa, 

Gur tric a mharbh thu le clièll' iad — 
Mo rùn geal, òg. 

Bu tu pòitear na dibhe, 

'N àm suidhe 's tigh-òsda ; 
Co b'e dh' òladh 's tu phàigheadh, 

Ged 'thuiteadh càch mu na bòrdaibh : 
Bhi air mhisg cha b' e b' f hiù leat, 

5 S cha d' ionnsaich thu òg e ; 
'& cha d' iarr thu riamh mùthadh 

Air chùl do mhna-pòsda- 
Mc 

Bha mi greis ann am barail 

Gu'm bu mhaireann mo cheile, 
'S gu'n tigeadh tu dhachaidh 

Le h-aighear 's le faoilteachd ; 
Ach tha 'n t-àm air dol thairis, 

'S cha 'n f haic mi fear t-eugais : 
'S gus an cuir iad mi 's talamh, 

Cha dealaich do ghaol rium — 

Mo rùn geal, òg. 



10 



Och a's och ! gur mi bochdag, 
'S mi làn osnaich an cònuidh, 
Chaill mi duil ri thu thighinn, 

Thuit mo chridhe gu dòrtadh; 
Cha tog fìdheal, no clàrsach, 

Pìob, no tàileasg, no ceòl mi; 
Nis o'n chuir iad thu 'n tasgaidh, 

Cha dùisg caidreamh dhaoine òg mi — 
Mo rùn geal, òg. 

Gur mise th' air mo sgaradb, 

'S ged a chanam, cha bhreug e, 
'S ioma tè bha na bantraich, 

Nach d'fhuair samhladh dom' chèile : 
Fear do chèille, 's do thugise, 

Cha robh furasd' r'a f haotainn ; 
'S cha do sheas an Cuilodair, 
Fear do choitais bu trèine — 

Mo rùn geal òg. 

'S ioma ban-tighearna phrìseil, 

Le 'n sìoda, 's le 'n sròltaibh, 
D' an robh mis a'm' chuis f harmaid, 

Chionn gu'n tairgeadh tu pòg dhomh : 
Ged a bhithinn cho aealbhar 

'S gu'm b' leam airgead Hanòbhar, 
Bheirinn cnac annsna h-àith'ntan 

Na'n diùltadh càch dhomh do phògan— 
Mo rùn geal, òg. 

'S ioma bean a tha brònach 

Eadai- Tròiternis 's Slèibhte, 
Agus tè tha na bantraich 

Nach d' f huair samhladh do m' chèile : 
Bha mise làn sòlais 

Fhad 's bu bheò sinn le chèile ; 
Ach a nis o 'n a dh'f halbh thu 

Cha chùis f harmaid mi fèin doibh— 
Mo rùn geal, òg. 



20 

ORAN LEANANACHD. 
Le A. Dugìidllaclu 

Och nan och ! 's mi gu cràiteach, 

'S trom a tha mi fo mhulad, 
A bhi 'fàgail na dùthcha 

'S mo chulthaobh ri 'm chruinneig : 
Oigh nam meall-shuilean mìogach 

A dh' f hàg m' inntinn gun f huran — 
Dh'f halbh mo shùgradh 's mo rahànran 

Gun bhi làmh riut a' fuireach. 

Gur mis' tha fo acain 

Bho mhaduinn Diciadain ; 
Bho 'n a ghluais mi air astar 

Gu bheil m' aigne fo chianal, 
Nach do ghabh mi mo chead diot 

'N àm dhomh greasad as t' f hianuis ; 
Ach gabh thusa mo leisgeul, 

Cha robh e deas dhomh r'a dheanamh. 

Gur mis' tha gu cràiteach 

A' falbh air bàta dubh, daraich ; 
'S olc càradh mo chòta 

Measg còrcaich a's tearra : 
B' f hearr bhi 'n gleannan an f heòir 

A' briodal phòg air mo leannan, 
Na bhi falbh air a bòrdaibh, 

'S gun mi eòlach m'a ballaibh. 

Gur mis' tha fo mhi-ghean 

A tigh'nn air tir am Port-Asgaig, 
Ri bhi cuimhneachadh mànraiu 

Màiri bhàn an f huilt chieachdaich : 
Ged a gheibhinn còir sgriobhte 

Air lle le 'bheartas 
B' f hearr leam furan do phòige, 

'S t-f haotainn pòsda le ceartas. 

Bho na thàinig mi 'n tir so 

Cha "n 'eil mi titheach air cadal ; 



21 



Bu tric a' dùsgadh an raoir, 

Le sgaoim air mo leabaidh, 
Ei linn dhomh fhaicinn a'm bruadar 

Mo luaidh a bhi 'm thaice ; 
Àch 's a' mhaduinn 'n uair ghluais mi 

B' f hada bh' uam i 's tir Abraich. 

Greis air mhire 'sair mhànran, 

B' e sud m' àbhaist 's mo chleachdadh, 
Anns an tir am bheil m' eòlas 

'Measg na h-òigridh dh' f hàs taitneach : 
Ach lion mulad 's liunn-dubh mi, 

Tigh'nn roimh shruth Choire-Bhreachdain ; 
'S leam a b' fhearr na mo chòta 

Bhi 'n taice Lòchaidh nam bradan. 

Gur a mòr mo chùis mhalaid, 

'S goirt leam tromadas m' achdainn : 
Eallach trom air mo mhuinneal 

Gam' chumail bho chadal; 
Chaidh acaid a' m' chridhe 

'S cha toir lighichean as i, 
Ach tha mo dhùil ann a' m' shlàinte, 

Ma tha 'n dàn dhomh dol dhachaidh. 



ORAN CHLANN DO'NUILL NAN EILEAN' 

Beir soraidh uam gu m' eòlas 

Gu Tròiternis, 's e b' aite leam ; 
An talamh maiseach, bòidheach, 

An tir ro òrdail, mhearcaiteach ; 
Far 'bheil na daoine còire, 

Dh'fhàs fìalaidh, mòr, neo-acaineach ; 
Mnai-uaisl' is suairce còmhradh, 

Gun ghruaim, gun phròis 'an taice dhoibh. 
An tir'ro fharmail, chliùiteach, aiumeil, 

Mhùirneach, mheamnach, mhacanta ; 
Bu lionmhor sealbhach iasg na fairge 

Tric 'g a mharbhadh taice ri' : 



22 

Thig bradan tarra-gheal, inneach, mealgach, 
Iteach, earra-ghlan, hreac-lannach : 

Am fonn 'an dearbhte 'n cinn an t-arbhar 
Diasach, ceanna-mhor, pailt-ghraineach. 

B' i sud an dùthaich f hialaidh 

Air an èireadh grian gu moch-thrathach— 
Tir lùbach, shrathach, iosal, 

Gu monach, sliabhach, gucagach ; 
Tir chruachach, sguabach, liontach — 

Tir mheasail, mhiaghail, thrusganach — 
Tir mhòr 'tlia corr gu biatachd, 

Tir bhòidheach, lianach, lusanach. 
Tir bhuadhach, bhlàth, gun chruas, gun chào, 

A' tigh'nn fo bhlàth gu ruiteagach ; 
An grunnd a b'f hearr o shliabh gu tràigh, 

Gu f àsach, lànach, sultmhorra : 
Crodh-laoigh 's gach àit' a' sior bhreth àil, 

Gu bliochdach, dàrach, sruth-bhainneach ; 
Is grinn a' ghàir aig fuaim nam bà 

'Dol suas ri àird nan uchdanan. 

Bidh mnathan donna, duallach 

'N an dàil gu cuachach, cuinneagach, 
'S iad modhail, banail, stuama, 

Neo-ghruamach, uasal, iriosal ; 
Le'n àlach glan mu'n cuairt doibh 

'G an togal suas gu h-innealta, 
'S iad fèin gu ladhach, suairce, 

Gu caoimhneil, cuanda cinneadail. 
Bidh òighean mine, boidheach, fìnealt', 

Stòilte, rioghail, ionghràdhach — 
Gun fhuachd, gun ghrìs, gun ghruaim, gun Sglos, 

Ro shnuagh'or, fineant, binneagach : 
A's pàirt diubh 'sìor chur àird air nith, 

Gun chàs, gun strith, gun iomadàn ; 
A's pàirt. rnar chi, le lànachd ni, 

'Cur fai'm air sìod' 'sair ghrinneasan* 

Bidh daoine tlachdmhor, còir ann 
i\cr òl mu bhòrd gu h-oileinearh, 



23 



Nach mall, 's nacli garm mu'm pòca, 

'S nach di d'an stòras teir'eachdain : 
B' i sud an Fhine mhòrail, 

Clann-Dòmhnuill Mhòr nan eileanan, 
Nach inndrinn ann an dò-bheairt, 

'S nach tòisich air ni 'cheileadh iad. 
Na laoich 'bha treun ri àm an fheuma, 

Cròdha, gleusda, fearachail ; 
\Bha ullamh, rèidh, gu siubhal slèibh, 

Gu ruitheach, leumach, deannalach ; 
Gur math an t-èideadh-crios am feil', 

Am breacan eutrom, ainneamh orr' 
An uair a dh'èighte 'cheud ratreut 

Gu dol 'san streup gu ceaunasach. 

'N uair thogte 'bhratach bhalla-bhreac 

Gu meamnach os ceann churaidhean, 
'Ur laochraidh thlachdmhor, dhealbhach 

Gur garg an taobh a chuirear iad, 
Nan èireadh fraoch no fearg orr', 

Gu'm b'anmauta, garbh, guineach iad ; 
Cha phillear sibh le armailt 

Ged dheanadh Alba cruinneachadh. 
Bidh loingeas bhrèid-gheal, cuan 'g a reubadh, 

Seòlach, reultach, iullagach, 
Lamh-dhearg 'ga h-eigheach, cinn 'g am beurn 

Aig seòid nach gèill do chunnartan ; 
An taobh a dh'èight' iad, b' ullamh, rèidh iad, 

'S mairg d' am b' èiginn fuireach riu ; 
Bidh feòil gu fèisd aig eòin an t-sleibh' 

'S gach seòrsa bèisd a chruinnicheas ! 



BEANNACHAD AN EILTHIRICH. 
Le Eoblian Mac Colla. 

Bha long nan crann caol 
Mach o Mhaol dhubh Chinntire, — < 

Air bòrd bha iad iionmhor 
'Dh' f hà2T Tir nam Beann àrd : 



24 



Bha ghrian ann a glòir 
Anns a' mhòr chuan a' sioladh : — 

Ciod e so 'chuir mi-ghean 
Air laoch a' chùil bhàin ? 

Cha'n e an cuan dùmhail 
Dh'fhàg Dùghall fo champar, — 

Tha 'n deur air a shùil, 
Ach 's i 'dhùthaich thug ann sud, 

'S e 'coimhead, fad uaithe 
Ifan cruach b'fhearr leis teann air, — 

Tir bhòidheach nam Beann, 
Ris nach till e gu bràth. 

11 Mo dhùthaich ! " 's e thuirt e, 
"'S e t' fhdgail mo chruaidh-dhàn, 

'S ann ort nach 'eil suarrach 
No fuaraidh mo ghràdh ; 

Tha grinneas a's àilleachd 
Mar b' àbhaist riut fuaighte — 

Gach ni mar bu dual da 
Ach t' uachd'rain gun bhàigh : 

Mo chreach ! bho nach buan 
Na laoich chruaidh sin nach trèigeadh 

'N gleann fraoich, 'san tùr liath, 
Air a bhriagh'd 's gu'm biodh cèin-thir, 

Tha Gàidheil 'gam fògradh 
Mar cheò bhàrr do shlèibhtean, 

'S mu lean riut Cinn-f headhn' 
'S ann air caoirich a mhàin ! 

Albainn ! 'n àm dùsgadh 
'Thoirt sgiùrsadh do d' naimhdean, 

Cò b' ùire n' an Gàidheal 
Gu èiridh leat suas ? 

An cuimhn' leat na dhòirfc e 
De'n dearg-f huil a'd' bhlàraibh ? 

'S 'n e nis bhi 'ga fhògradh 
Gu bràch uait a dhuais ? 

Seadh, f hògradh 'thoirt àite 
Do phràbar na beurla — 

B' e 'm ploc 'an uchd màth'r 
Sud 'an àite a ceud-qhin ! 



A Ghàe'ltachd ! a Ghàe'ltachd ! 
B' e t' f hàgail, a geugan 

A ghearradh o 'n chraoibh, 
'S iad a'crionadh 's an f huachd. 

'Thir steaìlraich, alltach, 
Ard-choillteach, thiugh-sprèidheach — 

'Thir àiridheach, fhraoch-shliosach, 
Ghorm-lochach, àrd ; 

'Thir bhreacanach, cheòlraidheach, 
Oranach, aoidheach, 

Bu tu tir nan sgeul — 
Dachaidh ghreadhnach. nam Bàrd ! 

Ach cò 'an tii chèin 
A ni 'n sgeulachd a dhùsgadh ? 

Cò 'thogas an t-òran 
'Bhiodh sòlasach, tùirseach ? 

Cò 'bheanas do 'n chlarsaich, 
'S na h-òighean air ùrlar? 

No 'ghleusas a' phìob 
'Thogail inntinn nan sàr? 

m' òige ! 's tu 'mheall mi !— 
Bha àm a's cha 'n f hac mi, — 

I\Iar uiseag rian cnoc — 
Ach cùis taitneis a's sunnd ; 

3Ieasg gaoil, agus càirdeis, 
A's slàint' agus pailteis, 

Bha m' aigne cho reachdmhor 
Ri bricein a'm bùrn : 

m' anam ! 'd e ni thu 
'Bhi 'cuimhneachadh suaimhneis — 

Feall-shonas a dh' fhàg thu 
Gu bràth, a's bu luath sin ! 

Cha phill e an t-òg mhios' 
Air ròsan bhi 'bruadar, 

'S cha tog e mo smuairein-s' 
Bhi smuainteach' air mùirn. 

A rionnag ud shuas 
'S tuille 'sluath rinn thu dasgadh! 



20 



Tha 'ghlòmain air crùbun 
Air dùthaich mo ghaoil ; 

Tha ghealach gu càirdeil 
A' snàmh thar a stùehdan, 

Ach monadh no stùchd 
Nis dom' shùilean cha leur ! 

A lòchrana rìomhach ! 
'Sann ruibh-se tha m'fharrnad,— 

Ged ruaigeas an là sibh à 
Làth'ir tir nan garbh-chrio»*h, 

Gu'm pill sibh gu gàireach 
'Chur fàilt' oirr' gach anamoch : 

Mo thruaigh' ! cha bu searbh 
Ach bhi 'falbh uaip' a chaoidh ! 

A Bhan-righ nan cuan 
Soradh bhuan 'nis bho m' chridh' leat- 

'S an uair 'bhios tu 'd' shìneadh 
'S an ùir fo iochd chàich, 

Bidh t' ionndrain gun stàth 
Air na h-àrmuinn nach dìbreadh 

An àr-f haich a chaoiclh, 
Fhad 's bhiodh cinn air an nàimh': 

Uair eile, 's gu bràth, 
Soraidh slàn leat, mo dhùthaich ! 

'S ged bheucas na cuantan, 
Gu huaigb, eadar thu 's mi ; 

Cha tèid thu à m' smuain 
Gus an suain anns an ùir dhomh : 

Mo dhùthaìch ! mo dhùthaieh ! " 
Sguir Dùghall de 'dhàn. 



AN T-EILEAN MUILEACII. 
Le I>. Mac PhaiL 

An t-Eilean Muileach, 's an t-eilean agntnoi 
An t-eilean grianach mu'n iath an sàile : 
Eilean buadhmhor nam fuar-bheann àrda, 
Nan coilltean uaine 's nan cluaintean fàsail. 



27 

Ged tha mi 'm fhògarrach cian air m' aineol, 
Sa' Chaisteal-Nuadh, an taobh-tuath do Shasunn, 
Bidh tìr mo dhùthchais a' tigh'nn fa'near dhomh : 
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh. 

An t-EiIean Muileach, &c 

B'fhallain cùbhraidh 'sbu reidh an t-àilean, 
Le blàithean maoth-bhog bu chaoine fàileadh ; 
Bu ghlan na bruachan rnu'n d' fhuair mi m' àrach, 
An Doire-chuilinn, aig bun Beinn-bhàirneach. 

An t-Eilean Muileach, &c. 

Air Lusa chaisleach nan stachd 's nan cuartag, 
Bhiodh bradain thàrr-gheal nam meanbh-bhall ruadh- 
Gu beò-bhrisg siubhlach, le sùrd ri luath-chleas, [bhreac 
'S na cuislibh dù-ghorm gun ghrùid, gun ruadhan. 

An t-Eilean Muileach, &c. 

Bu chulaidh shùgraidh do dh-òg-f hir uallach, 
Le gathan trì-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan, 
Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, guu chuuachd- 

mheur, 
Bhi 'toirt nan làn-bhreac gu tràigh m'a bruachan. 

An t-Eilean Muileach, &c. 

Gheibht' an ruadh-chearc 's na coilltean ìosal, 

'S a coileach tùchanach dlùth 'ga brìodal ; 

'S ged bha na beanntaibh gun i haiug, gun fhrìthean, 

Bha dàimh na ciòice 'n a còrsaibh lìonmhor. 

An t-Eilean Muileach, &c. 

B' e 'n sòlas inntinn leam a bhi 'g èisdeachd 
Ri còisir bhinn-ghuthach ghrinn a'chèitein : 
A' seinn gu sunndach an dlùth's nan geugan — 
A'choill fo liath-dhealt 'sa' ghrian ag eiridh. 

An t-Eilean Muileach, &c. 

Bho 'n chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar, 
Mar bhristeadh builgein air bhàrr nan stuadh thonn : 
O ! soraidh slàn leis gach loinn a's buaidh, a 
iìh' air èilean àghmhor nan àrd-bheann fuara. 

An t-Eilean Muileach, &c. 



28 

ORAN DO 'N MHISG a 
Le A. DugJiallach. 

'An àm dhomh gluasad anns a' mhaduinn, 

Cha 'n 'eil m' aigne sunndach ; 
'Se mac-na-bracha 'rinn mo leagadh 

Ann an leabaidh dhùinte ; 
Mo chliabh 'na lasair, air a chasadh, 

'S airsnealach mo dhùsgadh, 
'S e sud an gleachdair f huair fo smachd mi, 

'S dh' fhàg e m' aisnean brùite. 

'N uair a shuidh sinn 's an tigh-òsda, 

Chaidh na stoip thar chunntais, 
Gu tric a tighinn, cha bu ruighinn 

Iad na 'n ruith a m' ionnsuidh, 
Gun iarraidh dàlach ach sior phàigheadh, 

'G òl deoch-slàinte 'Phrionnsa; 
'S cha 'n iarrainn fèin a dh' aobhar ghàir' 

Ach Raoghall a' toirt cliù dhomh. 

Nuair a ghluais mi gu tighinn dachaidh, 

Lagadh a chion lùith's mi, 
Gun d' f halbh mo neart, gun leursainn cheart, 

Gu'n d' chaill mi 'm beachd bha m' shùilibh ; 
Feadh na h-oidhche 's mi gun soiilse, 

Air mo shlaoichd 's an dùnau; 
Cha robh air chomas domh ach àrrusg 

'S bha mo chàirdean diombach. 

'S leur dhomh 'n diugh gur mòr an tàmailt 

Càch a bhi ga rn' ghiùlan, 
'S mi fèin 'an duil gun robh mi làidir 

Gus an d' fhàg mo thùr mi ; 
Ged a chuir i 'n èis mo choiunn 

'S e mo sporan 'dhioghail 
Air gniomh na misg' a mhill gun f hios mi, 

Mar d' thig gliocas ùr dhomh. 

'S olc an ealainn bhi 'ga leanailfc, 
'S amaideach an tùm 'hhi 



20 



'Suidh' aig bòrd a' glaodhach òil, 
'S mo pìiòcannan 'g an tionndadh ; 

A' sgapadh stòrais le meud-mhòir, 
'S ag iarraidh phòg 's na cùiltean : 

'S f had 's a mhaireadh mo chuid òir 
Cha chuireadh òsdair cùl rium. 

'S còir dhomh nis a thoirt fainear 

An t-aithreachas a dhùbladh — 
Mo bhòid gu gramail thoirt 'san ealaidh 

Dh' f heuch an lean mo chliù rium ; 
Cha d' thèid deur a stigh fo m' dheudach, 

'S fheudar tigh'nn as iùnais; 
Cha 'n f haigh fear falamh seòl air aran 

Ach le fallas gnùise. 

Labhair Raoghall, " Nabiodh sprochd ort, 

'S thèid mi 'nochd air ionnsuidh, 
Gleidhidh mi dhuit bean a's tochar 

Cho coltach 's tha 's an dùthaich; 
Ged a bhiodh tu gann do stochd 

Na faicear bochd do ghiùlan ; 
'Sc'arson nach glaoidhearaaid air botal 

Ann au toiseach cùmhnaint ? " 

" (ìur a caraid thu ro dhearbhta, 

'S cha 'n 'eil cealg a' d' rùn domh — 
Gu cinnteach dh' f haodainn-sa riut earbsa 

Sealbhachadh 'sa chùis sin ; 
Ach ged 'ghleidheadh tu dhomh cèilo 

'G am biodh sprèiclh ri 'chunntas, 
Cha teid deur tuilidh dheth fo m' shròin, 

Gu bheil mo sgòrnan dùinte." 

" Ged a chuir thu cùl ri ra' thairgse, 

'S dearbh gu'n deanainn saothair, 
'S fada shiùbhlainn oidhche romham, 

'Ohionn do ghnothach f haotainn ; 
Maighdean 'thigeadh air-do leabaidh 

Mar a chleachd do dhaoine ; 
'S bho nach toigh leat bhi ga h-innseadh, 

'S tiomail dhuinn bhi 'sgaoileadh." 
C 



30 



ORAN DO THRIATH GHLINNE-GARRADH. 

Fonn, — " Faigh a nuas dhuinù am botal 

'S cuir an deoch so mu'n cuairt, 
Lion barrach an copan, 

Cum socair a' chuach'; 
Toasta Chòirneil na fèile 

Leis an eireadh gach buaidh, 
Oiglire Chnòideavt a' bharraich, 

'S Ghlinne-Garradh bho thuath. 

Thig' ort measair a's adharc 

Agus taghadh nan arm, 
Le d' mhial choin air lothainn, 

'S iad romhad a' falbh ; 
\N uair theid thu do'n mhonadh, 

Bidh fuil air damh dearg ; 
Cas a shiubhal an f hirich, 

Leat a chinneadh an t-sealg. 

'S tu marbhaich' a' choilich 

'S moich' a ghoireas air crann — < 
'Bhuic bhioraich au t-seilich, 

Agus eilid nam beann : 
'S tric a leag thu 'n an luath's 

A' chaol ruadhag 's am manng, 
'N uair a ruigeadh do luaidhe 

Cha ghluaiseadh iad eanng. 

'S tu nàmhaid na h-eala, 

Lamh a mhealladh a' gheòidh ; 
B' fhearr leat fhaicinn 's an adhar, 

Na e luidhe air lòn — 
Air iteig 'ga chaitheadh 

Bhiodh luaidh' air a thòir, 
Bho ghunna 'bheòil chumpaich, 

'S cha bhiodh ùin' aige beò. 

Lean do chruadail, 's do ghaisgeadh, 

'S am fasan bu dual 
A bhi colgarra, cosant' 

'Am brosnachadh sluairrh ; 



31 

Gu h-armaìlteach, treubhach, 
Gu geur-lannach, cruaidh ; 

'S tu 'shliochd nam fear treuna 
Nach gèilleadh 's an ruaig. 

Tha 'n naigheachd so fior 

Aig luchd-innscadh nan duan, 
Gur sgeul e ro chinnteach, 

Air do shinnsear' bha buaidh ; 
Nach do dhibir an deas lamh, 

Ach seasamh 'sgach uair, 
'S i bhnidhneadh a' chìs 

Ri h-uchd strìthe le fuaim. 

Ghabh thutlachd a's dengh-cheutaich 

Do'n bheus a bh'airr càch — 
Luchd bhreacan-an-fheilidh 

A dh' èireadh a'd' phàirt : 
Toirm f headan 'g an gleusadk, 

Leat is eibhinn an gàir' 
Mar ri binneas nan teud, 

'S a bhi 'gèisdeachd nam bàrd. 

Tog suas an crann dìreach, 

liratach riomhach gun sgàth, 
Le culaireabh rioghail 

A dh' innseas eo iad ; 
'S cha 'n ob do chuid ghillean 

Dol 'an iomairt na spàiin, 
'S tu fèin air an toiseach 

A' toirt mosgladh d'an càil. 

Tog colg ort, fhir-ghasda, 

Bi gaisgeil, 's gu'm faod — 
Thig marcaich' a's coisicheau 

Ort air gach taobh : 
'S farsuinn, lionmhor do cliòraich', 

Clann Dòmhnuil an f hraoich — 
Thig do chinneadh a d' chòmhnadh, 

A chraobh chòmhraig nan laoch ! 

Tha fir chalma, ro f hearail, 
Ann ad' fhearannaibh f'in, 



82 

Eadar Cnòideart 's Gleann-Garradh, 

'Thèid barraicht' air ghleus ; 
'Chuireas cùl air an naimhdean — 

Tha ? n ceannard d'an 1 èir, 
'S cha ghabh thu bhi ceannsaicht' 

Le Granndaich Shrath-Spè. 

'S leat càirdeas, le dùrachd, 

Fir ùr Jnnse-Gall, 
Kach gabh giorag no mùiseag 

'N àm rùsgadh nan lann t 
Na'n cluinneadh iad strìth riut 

Bhiodh mìltean diubh 'nali ; 
'S mu'n leigeadh iad cùis ort 

'S iad a dhùbladh do rànc. 

Thig a'd' choinneamh le farum 

Buidheann bhras nan arm cruaidh, 
À bhuaileadh na buillean, 

'S a chuireadh an ruaig : 
'Bha gu h-àrdanach, reachdmhor, 

Gu feachd a' dol suas, 
Bho Cheapach nan craobh, 

A dh'fhàg na glaoidh 'sa' Mhaoil-Ruaidh. 

Bho Chomhann nam bradan 

Is gasd' thig fo thriall, 
Clann laingun ghealltachd, 

Bha 'n neart-san leat riamh ; 
Le'n airm 'an deadh òrdugh — 

Luchd a leònadh nam fìadh, 
5 S a dheanadh an tolladh 

Mu'n cromadh a' ghriaii. 

Cò 'thàirneadh riut rioba 

'N uair thig na bheil uait ? 
Iaii' Antrim à h-Eirinn 

Leis an èireadh na sluaigh ; 
'S Mac-'ic-Ailein nan geur-lann, 

Dheanadh euchd air a' chuan. 
Aig a bheil na fir ghleusda 

'Bhol a reubadh nan stuadh. 



33 



Thig iad sud ort le dùchas 

Bho thùr ran clach rèidh, 
Bràithrean Dhòmhnuill, Claun Dhughaill, 

Marcaich shunndach nan steud : 
Clann-an-t'Saoir bho thaobh Chruachain 

'Bha riabh cruadalach, trenn ; 
Ged a chaill iad a' chòir 'bh'aig 

An seòrs' ann an Slèibht'. 



DO'N EIDEADH GHAIDHEALACH. 
Le D. Dughallach. 

Seisd — ! Fhèilidh bhig nan triuchan dearg, 
Ris nach faodar beantainn garg ; 
'Smairg a ghearradh dhiot-sa cearb, 
'S do leannan dearbhta fodhad-sa. 

'S i boiueid, 's lus no geug do chraoibh, 
Sàitht' 'an cìrein airgid daor, 
Suaicheantas d' an tug sinn gaol, 
'Bhi shuas 'na taobh gu cocannta. 

! Fhèilidh bhig, &c. 

Mo cheist na laoich 'thug gaol an cri' 
Do'n bhoiueid ùir is dùlaidh lìth, 
'S nach caith mu'n cinn am feastl ach ì, 
'S gu'n diol gach righ 'bheir spoch aisde. 
O ! Fheilidh bhig, &c. 

Cha 'n fhacas ceann-bheairt air neach riamh 
'Chuireas aghaidh dheth le fiamh 
Mar 'chuireas boineid, 's i car fiar, 
Air malaidh sgiamhaich, f hosgarra. 

! Fhèilidh bhig, &c. 

5 S e breacan-guaille 'suas le rian, 
Thar nan guaillean 's cuairt mu'n chliabh, 
Culaidh 's maisiche mu chliar 
A chuir a ghrian a solus air 

! Fhèilidh bhicr, &c. 



3-1 

'S e dreach nan G-àidheal sàr-dheas, cruaidh, 
Le'n cuid bhreacan umpa suaint', 
Aogas nam fear-clise luath, 
'S an àirde tuath a's reothadh ann. 

0! Fhèilidh bhig, &c. 

Oir ged 's e 'n dealbh a chì mo shùil 
Tàirnt' air paipeir ann am bùth, 
Sheasainn mar gun trèigeadh lùgh 
Mo chàil, 's mi'n rùn bhi 'coimhead orr'. 
. ! Fhèilidh bhig, &c. 

A chòta bhasaich, nan dath aosd', 
'S lionmhor treun a leugh gu daor 
Cò 'bha 'd' luib mu'm biodh tu 'd fhaobh 
Aig nàmhaid laochail, dhocharach. 

O ! Fheilidh bhig, &c. 

Baru-maise snuaidh crios-guaill' air seòd, 
Làn do reultan seudach dhreòis, 
'Au glasan airgid agus òir, 
Le claidheamh mòr 'an crochadh air. 

! Fhèilidh bhig, &c. 

C'arson a dh'fhàgaiun crios a' chlèibh, 
Ris an naisg an Gàidheal gleusd' 
Biodag, 's dagaichean nan leug 
Guh-àm bhi fdim an cobhair-san. 

! Fhèilidh bhig, &c, 

'S e sporan mollach 'chuilg-ghil, reidh, 
Usgar sgèimhe d'an tug trèin 
Miaun an cridhe thar gach seud, 
'Bhi air an slèisdean tomultach. 

O ! Fhèilidh bhig, &c. 

Tha 'm fèileadh beag a nis 's gach cùirfc 
'Na aobhar f' harmaid agus tnù ; 
'S cha b' ioghnadh ged a ehi mo shùil 
E air gach fiùran somalta. 

O ! Fhèilidh bhig, &c. 



35 

'N àm dol do'n sgoil bu deas do dhòigh 
Chum gach àbhacais a's spòrs ; 
'S e chiorm thu bhi mu m' leasraidh òg 
A chuir gur h-eòlaeh ortsa mi. 

O ! Fhèilidh bhig, &c. 

Bu roghainn thusa latha fèill 
A dhol gu h-athghoirid an t-slèibh ; 
'S gur tu nach cuir air easgaid èis 
Feadh fheithichean a's bhoglaichean. 
. O ! Fhcilidh bhig, &e. 

'Se osan cearmant', dhearg-bhall, dlùth 
Is bòidhch' air calpa 'chunnaic sùil, 
'S e 'dol a suas mar " rèis do'n ghlùn," 
Fo ghartan ùr nan dòs bhadan. 

O ! Fhèilidh bhig, &c. 

Nach sgeinmeil brògan 's bucail lìobht' 
Do 'n airgead ghriun is gloinne lìth. 
'Bhi 'deah'adh air deas-throidhean sìnnt' 
Nan gallan dìreach, foghainnteach. 

O! Fhèilidh bhig, &c. 

'S e fèileacìh beag nam pleat is rìgh 
Air gach deis' is àirde prìs, 
'S cha bhi air ceum nan Gàidheal cìs 
Gu dol gu frìth no rnonadh leis. 

! Fhèilidh bhig, &c. 

'S bòidhche leam na priobadh reult' 
An lannair mheachair 'thig o d' sgeith, 
'N àm dol roimh 'n ruidhl' air cruachan trèin, 
'S gach pleat a' leum gu togairach. 

0! FÌièilidh bhig, &c. 



DO GHIL' OG A GHABH 'S AN ABM. 
Le A. Mac Alasdair. 

Seisd — Horo! tha mi muladach 

Ri cumha na bheil bh' uainne ; 



36 



Horo ! tha mi muladach, 
Cha tog mi foun le subhachas, 

'S e feav na gruaìge duibhe- 
'Chuireadh mulad dhiom a's smuairean. 

'S mise tha gu deurach 
'S a' mhaduirm an àm èiridh, 
A' cuimhueachadh air Eamunn, 
'S gur h èisleanach mo ghluasad. 

lioro ! tha mi, &c. 

'S e mo ghaol an t-òigear 
'G am bheil a' phearsa bhòidheach — 
O'n dhealaich thu cho òg rium 
Gur tric na deòir le m' ghruaidhean. 

Horo ! tha mi, &c. 

Chuir thu còta sgàrlaid orfc, 
Le suaicheantas na bàn-righ'nn — 
Tha mulad air do chàirdean 
Cho tràth 's a thugadh uainn thu. 

Horo ! tha mi, &c. 

Thainig òrdugh cabhagach 
Gud' thoirt air falbh do Shasunn uainn, 
'S gun dùil gu'n till thu 'n gradaig ruinn, 
'S e dh'f'hàg mo chadal luainneach. 

Horo ! tha mi, &c. 

Cha 'n 'eil cron ri 'àireamh orfc 
Bho chùl do chinn gu d' shàiltean ; 
A'd' sheasamh aig parade, 
Gur h-àileagan 'measg sluaigh thu. 

Horo ! tha mi, &c. 

Cha 'n aithne dhomh fear t-aogais — 
Do ghruaidhean mar na caoran — 
Do shlios cho geal 's an f haoileann 
A thig o thaobh nan cuantan. 

Horo ! tha mi, &c. 

Do ghruaidhean mar na ròsan — 
Do chneas mar chanach lòintean ; 



37 



Bu mhilse leam do phògan 
Na fion 'ga òl à cuachan. 

Horo ! tha mi, &a 

Sùil chorrach is glan lìonadh 
Fo'n mhalaidh a dh' f hàs sìobhalt' — 
Deud shnaighte mar na dìsnean 
'S a' bheul o 'm binn' thig duanag. 

Horo ! tha mi, &c, 

'S iomadh maighdean bhòidheach, 
Le sìod' oiTa mar chòmhdach. 
A dh' f halbhadh leat gu deònach, 
'S a chuireadh òr ad f huasgladh. 

Horo ! tha mi, &c. 

Na'n tugte bh' uainn le h-eucoir thu 
Gur h-ioma fìue 'dh'èireadh ]eat — 
Clann-Àlasdair na'n geur-lann, 
Nach gèileadh d'an luchd-fuatha. 

Horo ! tha mi, &c. 

Thig Caimbeulaich a's Leathanaich— 
Thig Dòmhnullaich gun athadh ort — 
An còmhlan treubhach, fearail, 
Nach bu mheata 'chur na ruaige. 

Horo ! tha mi, &c. 

An raoir air mo leabaidh dhomh, 
'S ann chunnaic m ia'm' aisling thu — 
Air dùsgadh anns a' mhaduinn dhomh, 
Mo chreach gu'm b' f hada bh' uam thu. 
Horo ! tha mi, &c. 

'S beag ioghnadh mar a tha mi, 
Gach latha 's oidhche cràiteach, 
A' cuimhneachadh na dh'fhàg sinn, 
Fear àrd an leadain dualaich. 

Horo ! tha mi, &c. 



30 

AN GAIDHEAL AM MEASG NAN GALL. 
Le Iain Mae Ghilleain, 

Och ! a rùin gur tu th' air in' aire — 
Och ! a ghaoil gur tu th' air m' aire : 
'S tusa 'rùin, 's gur tu th' air m' aire, 
'S gur h-i mo dhù'aich tha tigh'nn fainear dhomh. 

Cha togar fonn leam ach trom air m' aineoil, 
Cha dean mi òran 's an dòigh bu mhaith leam : 
Gur •mi bha gòrach 'n uair thng mi 'n gealladh 
Do 'n nionaig òig a bha chòmhnaidh 'n Cana. 

Och ! a rùin, &c. 

Gur h-ann le h-àilgheas a dh' fhàg mi 'm fearann 
'S an deachaidh m' àrach 'n uair bha mi 'm leanabh ; 
'S mi 'n dùil gu'n deanainn am bhadhna 'dh'earras 
Na cheann'chaidh lìon dhomh gu iasgach earraich. 

Och! a ìùin, &c. 

Gur mi bha stàtail 'nuair dh'fhàg mi Ailean, 
Ri togail gàraidh 's a' càradh bheallach ; 
Gu'm b'fhearr bhi ann air neo 'smealta 'bharail, 
Na bhi 's an àm ann an tainng na'n Gallaibh. 

Och! a rùin, &c. 

Cha ghabhainn tuarasdal uaith mar sgallaig, 
Ach tigh'nn do'n Ghalltachd a shealltainn chaileag ; 
'S 'n uair ni gach te dhiubh a'm beurla m' f harraid, 
Their mis' an Gàilig gu'n d' f 'hàg mi Barra. 

Och J ^a rùin, 6^c. 

Cha 'n 'eil e 'còrdadh rium seòl a h-arain— 
Bhi 'falbh Di-dòmhnuich 's a' giùlan eallaich ; 
'Snach faigh mi fàrdach, na àit' am fanain, 
Ach sabhal fàs, air-neo stàbull ghearran. 

Och ! a rùin, &c. 

'N uair ni sinn gluasad Di-luain do 'n bhaile, 
Bidh bodaich Ghalld' ann 'an geall air mealladh ; 
Cha tuig mi'n nàdur le'n cànain Ghallaich — 
Tha mise dàll 's gun an cainnt am theangaidh. 

Och ! a rùin, &c. 



S9 

Thoir soraidh uam-sa thar chuan' gu m? leannan, 
À's innsibh fèin di gu bheil mi fallan — 
Gu bheil mi'n tràs' ann an Ca'der parish, 
'Sgu'ndeach' a' Ghàilig à àite seallaidh. 

Och ! a rùin, &c. 

Is tu, 'Chatriona, tha tigh'nn air m' aire — 
Cha 'n e do stòras a rinn mo mhealladh ; 
Ach thu bhi bòidheach, gun bhòsd, gun bharrachd, 
Do'n fhine mhòr, o Mhac Leòid na Hearadh. 

Och ! a rùin, &c. 



PRIONNS' TEARLACH A' DEALACHADH 

RI FLORAIDH DHOMHNULLACH. 

Le D. B. Mac Leoid. 

'Dh'ionnsuidh cladach a' chuain, 
Ri fuar-ghaoth an anamoich, 

Thainig Teàrlach gun dealradh, 
Air alaban 's e sgìth ; 

Cha robh reul air a bhroilleach, 
No freiceadan a' falbh leis, 

Ach ainnir nan gorm-shul 
Bu dealbhaiche lith : 

Alar dhaoimean 'san oidhche 
Bha 'mhaighdean fo thùrsadh, 

'S i cràiteach thaobh Theàrlaich 
Bhi 'fàgail a dhùthcha ; 

Bu chianail a h-osna, 
'S bu ghoirt deòir a sùilean, 

'N uair chunnaic i 'n iùbhrach 
A' dlùthadh ri tìi\ 

Bha 'ghealach a' snàmhadh 
Thar àirde nan stùchd-bheann, 

'S a gathannan siùbhlach 
Air dlùth-thonna 'leum ; 

Ach ghrad thug i 'n aire, 
'S mar òigh air a cimadh, 



40 

Chuir sgàil air a gnùis ghil 
Do thiugh-neòil nan speur : 

A's dh' f halaich na reultan 
Iad fèin anns a' ghorm-bhrat,-— . 

Bha osna na gaoithe 
'Trom-chaoidh na bha 'faibh leath'; 

'S b' e gearan a' chuain 
'An àm bualadh ri garbh-chreig, — 

"Mo leir-chreach! au Albaiun 
'S ann mharbhadh na trèin ! " 

Sheas Flòraidh a's Teàrlach 
Air tràigh nan tonn caoir-gheal, 

'S bu reub-chridheach, aog-neulach 
'N aogas le cràdh — • 

Cha robh focal o 'm bilibh 
Ach sileadh gun f haochadh, 

'S iad aodann ri h-aodann 
Air glaodhadh le gràdh : 

Ach thainig a' bhirlinn,— 
'S i 'n rìbhinn a thòisich, 

Le brist-ghuthan anamhunn 
Air seanachas gu dòimheàch, 

Mar chlarsach 's a teudan 
Gun ghleusadh, gun òrdugh, 

Bha reult wm ban oga 
Fo dhòlum 's fo spàirn. 

" A Theàrlaich mhic Sheumais, 
'Ic Sheumais nan cùirtean, 

Mo leònadh ! do chiùn 
Bhi air umpaidh gun euchd ; 

Mo leònadh ! na treun-laoich 
Cha'n èirich, 's cha dùisg iad 

A trom-chadal dùint shùileach 
Udlaidh an èig ! 

Cha ghlac iad an lann 
Anns a' champ' ri uchd nàmhaid — 

Cha sgap iacl fir Shasunn 
Mar asbhuain 's na blàraibh — 

Cha 'n fhaic iad do bhratach, 
'S cha ghlac iad air làimh thu — 



41 

Ni 'n sàiìe 'saiii hàs 
'Ur fad-fhàgail o cheil'! 

" A Theàrlaich mhic Sheumais, 
Ma dh' fheumas tu triall uaìnn' 

Gu'n coimhead Mac Dhia thu 
Bho f hiaclan nan daoi ! 

Gu'n stiùr e an iùbhrach 
Air dlùth-thonna liath-ghlas, 

Gu rèidh-shligheach, dian-shiubhlach, 
Fior-luath gu tìr ! 

Gu'm boillsg anns au oidhch' ort 
Na soillsearan nèamhaidh, 

Gu h-iùlmhor 'gad' ghiùlan 
Do dhùthaich 's nach fheuin thu, 

Bhi 'n ad fhògarrach brònach 
Fo chòmhdach mar reubal' 

Aig allmharraich èitidh 
Neo-spèiseil 'n an crìdh'. 

" O Albainn! tha 'n t-àm aig 
Do cheann-sa 'bhi 'dòrtadh, 

'S do Phrionns uait air fògradh, 
'Sdo laoch v aidh 's au uaigh ! 

Biodh crònan do phioban 
A' sìor dhiùltadh ceòil duit, 

'S do chlàrsairean rò-mhilis 
Dòimheach gach uair; 

Biodh cruitearan sgiathach 
Nam fior-chrannaibh sàmhach, — 

Cha dòirt iad an ceileir 
'Am broilleach mo Theàrlaich — 

Cha dùisg iad na treun laoich 
A dh' eug anns an àrf haich' — 

'S cha mhosgail o 'n bhàs iad 
Air àirdead am fuaim ! " 

Ach stad i, — 's le 'ròs-bhilean 
Phòg e a' mhaighdeann, 

A' siabadh gu caoimhneil 
Nan deura' o 'sùil : — 



42 



" Glac sèlas a Fhlòraidh 
Tha òganaich Fhrangach 

A dh' èireas neo-ghann leam 
A bhuamiachd mo chrùin : 

'S tha lasgairean anaghlonnach 
'N Albainn a dhùisgeas, 

Le'n trusganan balla-bhreac, 
'S le'n^armaibh math, dùbailt', 

Thèid cath-thromp nan garbh-chrioch 
Le borb-sgread gu bùirich, 

'S bidh trupairean crùbach 
Gun lùgh's anns gach cùil ! " 

Dh' fhàg e i 'caoineadh 
'Na h-aonar air tràghaid, 

A's sheòl e 's a' bhàt' ualp' 
A' fàsgadh nan dòrn ; 

Bha 'cliabh air a lìonadh 
Le h-iarguin los sgàineadh, 

'S i airsnealach, ànrach, 
Gun mhànran, gun cheòh 

Laidh braona na h-oidhch' 
Air a' mhaighdinn ghlain, àluinn — 

Bha 'h-inntinn gu luaineach 
Air chuan mar ri Teàrlach — 

Cha 'n f hac i e tuille 
Chum na builean a phàigheadh ; 

Ach mheudaich a gràdh dha 
Gach là bha i beò. 



DO SHIR EACHANN MAC-'ILLEAIN. 
Le Mairearad Ni'c- Laeìiainn* 

'Thi tha 'n cathair nam feartan 

Cum ceart agus còir ruinn, 
'S cuir deadh sgeul thugainn dhachaidh 

Air Sìr Eachann nan ròiseal : 
'S ach ma chairth thu as t' f hearann, 

'S tu bhi tamall air fògradh 



43 

Gur h-e sgeula mo sgaraidh 
Càch ag aithris nach beò thu. 

A Shìr Eachainn nan lùireach, 

Nan long siùbhlach, 's nam bratach, 
'S nan cùirteinean rìomhach, 

Gu'm bu lìonmhor do ghaisgich ; 
'S a liuthad fleasgach mòr, prìseil 

'Thèid a sios leat gu batailt — 
Bhiodh tu 'n toiseach fir Alba, 

'S bu mhòr t' armailt ri 'm faicinu. 

'S tu 'chraobh is àird' anns an doire 

Th' ann an coille nan Gàidheal, 
Agus connspunn gun ghiorag, 

Sgiath air uilinn Phrionns' Teàrlach : 
Bu tu iuchair an f huasglaidh, 

'N uair bu chruaidh, no bu ehàs e — 
Meud do ghliocais 's do chèille 

Bheireadh rèidh as gach càs thu. 

Tha thu 'd' dhalt' aig a' Bha-righ'nn, 

'S mòr an gràdh thug i fèin duit — 
Mar lèine-chneis aig a bràthair, 

'S mar aisinn chnàmha nach trèigeadh. 
Chaill thu t' oighreachd, a's t' f hearann, 

'S thug thu thairis gu lèir iad, 
Airson seasamh gu rìoghail, 

'S rinn do shinnsearachd fein sud. 

Tha mo chion air an fhìor-f huil — 

Og rioghail na h-ealtainn ; 
Agus cuilean an leòmhainn, 

'S òg a dh' f hòghlum thu gaisgeadh : 
Ursann chath thu roimh mhìltean, 

'N àm dol sios ann am batailt ; 
'S b' urra shuidheachadh blàir thu 

Ged robh càch ann an gealtachd. 

Dh' aithnich latha Chuilodair 
Gu'm bu dosgach na Gàidheil, 

'S gu'n robh thus' ann an Sasunn 

An dèigh do ghlacadh le d' nàmhaid ; 



44 

Aeh na 'm bitheadh tu aca 

Mu'n do chaileadh an àrfhaich, 

Cha rachadh fir Shasunn 
Sìàn dhachaidh gu'n àite. 

Tha do chaistealan geala, 

'S do thalachan prìseil, 
Far 'ra biodh òl agus aighear 

Aig luehd-caithidh an fhiona — 
! luchd nan adaichean dubha, 

Sgeul tha dubhach Ie m' inntinn, 
Nach robh sibh anns a' Chaillich 

Fo chaithream an lionadh. 

Tha mo chridh' air a thràghadh 

Mar àrcan a fhliuchadh, 
No mar i'hiadh anns an f hàsach 

A ghearrta gach cuisle : 
Gach aon naigheachd is cruaidh leinn, 

'Tigh'nn cho luath ri each trupa ; 
'S gu bheil cuid ac' ag ràdhtain. 

Fàth mo chràidh ! nach till thusa. 

'S tha do mheasana guaille, 

'S do dhaoin'-uaisle le chèile, 
'S tha do mhial-choin gun f huasgladh- 

Snaom-chruaidh air an èill uc' ; 
Iad a' fulang gach mùiseag — 

Slat sgiùrsaidh nam bèisdean, 
'S iad a' feitheamh na h-uaire 

Gus am fuapgail thu fèin orr'. 

Cha 'n e cumha nan caorach 

Tha mi 'caoineadh 's an eariach ; 
Ach ri iargain nan daoine 

Ris am faodainn mo ghearan : 
'Sann diubh Ailean Mac-Theàrlaich— 

B' e mo chràdh do chall fola, 
'S i 'n a ruith as gach taobh dliiot 

'N a caochana meata. 

Ormsa thainig an t-ànradh 

'An tùs geamhraidh na gaillinn ! 



45 



Na h-eich gliorm agus dhubha 
'G ad bhruthadh, 's 'g ad phronnadh ; 

'S nach tug iad do dh' I thu 

Mar ri siuns'reachd do sììean'ar — 

Far 'n robh cuirp nan seachd righrean 
Do 'n f hìor-f huil bu ghlaine. 

S ann a theireadh Clanu-Lachainn 

Nach fanadh iad uaitse, 
Ged nach d'rinn iad a dhearbhadh 

'An àm t-fhaicinn 'sa chrucvidh-chas 
'S ann a leagadh an Caiptein 

A bh' agad ri d' ghuallainn ; 
'Sgu'n d'fhuirich thu faisg air 

Gus 'n do threachaileadh uaigh dha. 

'Smithich dhomhsa bhi £àmhach' — 

Sgur do dh' àireamh nan uaislean : 
Tha mo dhòchas 'an Iosa 

Nach fìor mar a chualas ; 
Ach gu'n tig Mac-'Illeain 

Nafl f hathasd thar chuanian, 
'S gu'n tèid sinn na chòdhail 

Glè dheònach 's an uair siim. 



DUANAG DO CHRUACHAN-BEANN, 
Le P. Mac-ant- Saoir. 

Cruachan-beann, Cruachan-beann, 
Cruachan beann, 's mòr mo thlachd dhiot 
Cruachan-beann thar gach meall, 
'S a chuid allt 'ruith roi' ghlacaibh. 

Cruachan-beaun 's e cho mòr, 
Tha e sònraicht' r'a f haicinn — 
Cha'n 'eil a leithid 's an Roinu-Eòrp', 
'S geal a chòta 'n àm sneachda. 

Cruachan beann, &c. 

D 



46 



Clann-an-t-Saoir d'am bu dual 
'Bhi 'n a d' chluanagan fasgach ; 
An diugh cha'n f 'haic mi aon do'n àl 
'Gabhail tàmh ann a d' thaice. 

Cruachan-beann, &c. 

'S iomadh linn bho n' fhuair iad còir 
Air a' bheinn is bòidhch' r'a faicinn ; 
'S cho' fhad' 's a ruitheas uillt gu cuan 
Bidh an dualchas ud aca. 

Cruachan-beann, &c. 

Fine 's duineala, gun ghruaim, 
'Nàm dol suas thun na batailt ; 
'S an Ceann-cinnidh air an ceanu 
'Toirfc comand' do na gaisgich. 

Cruachan-beann, &c. 

An Leitir-beann chaidh m' àiach òg — 
Leitir bhòidheach nam badan ; 
Gheibhte fìadh ann air an t-siiabh, 
'S earbag ria'ch anns gachglac dheth. 

Cruachau-beann, &c, 

Aite 's maisiche fo'n ghrèin 
Chaoidh cha leur dhomh r'a f hacimi ; 
'S bho 'n a chuir iad thu fo f lièidh, 
'S goirt mo dheur 'gabhail beachd ort. 

Cruachan-beanu &c. 

Fichead mìle tha mu'n cuairt 
Anns a' chruaich ud tha maiseach ; 
Agus trì dhiubh air àird', 
'S iomad bàrd a ghabh beachd ort. 

Cruachan-beann &c, 

Soraidh 'nis le Cruachau-beann, 
'S leis gach coire, 's gleann tha 'n taic ris : 
'S e modhùrachd Claun-an-t-Saoir 
Bhi chòmhnuidh ri dhàthaobh 's na thaice. 
Cru aciian-beann, &c. 



DUANAG 'N BHEURLA. 
Le A. ML 

O 's rùnach leam mo rìbhinn donn 

'S a' ghleann taobh thall nam fuar-bhearra- 

San f heasgar chiùin thèid mi le m' rùn 
Gu doire dlùth nam fuaran. 

IvTo sheang-choin-seilg tha n garbhlach ì'hiadh, 
S' mo chridhe cian tha'n còmhnuidh, 

'Sa' ghleann san èisd mo Mhàiii ghrinn 
Ri ceilear binn na smeòraich. 

O 's rùnach leam, &c. 

Tha eòin an t-slèibh air sgèith mu'n cuairt, 
'S cha dùisg iad fuaim mo làmhaich, 

À's mis' am pràmh an sgàthnam bruach, 
'S mo smaoin mu'n ghruagaich ghràdhaich. 
O 's rùnach leam, &c. 

'Si 's aotruim' ceum 's is deàrsaich' siiil, 

'S a gàir' tha ciùin a's caoimhneil, 
'S a guth tha dhòmhs' mar shòlas ciùil 

'S ìm' falbh nan stùchd san oidhche. 

O 's rùnach leam, &c. 

'S e 'caoin-f halt fàinneach 's àillidh sgèimh, 

'Sa bràighe 's glè-gheal, bòidhche, 
Fo osna 'clèibh ag èiridh sèimh, 

Mar f haoilinn bhàin air Lòchaidh. 

's rùnach leain, &c. 

A cridhe caomhail 's aotrom sunnd, 
Mar mhang aig sùrd an rèidhlean ; 

Ach caomh a's tlàth mar bhlàth fo dhriùchd, 
Am maise chiùin a' chèitein. 

's rùnach leam, &c. 

Mo ribhinn ghràidh a's àillidh sgiamh 

'S tu 's àraidh beus 's is bòidhche, 
'S a mhaise dh' f hàs air gràdh nan ceud 

Cha trèig thu'n Inbhear-Lochaidh. 

O 's rùnach leam, &c. 



48 



Ged gheibbinn lu-chuirt 's crùn an Rìgh 

A t-iùnnais dhiòbrainn còir orr; 
'S mo bhean 's mo bhan-righ bheirinn ì 

Gu tuine 'n tir na' mòr-bheann. 

's rùnach leam, &c. 



LATHA CHUILODAIR. 
Le lain Ruadh Stiubhard. 

O ! gur mis' th'air mo chradh, 
Thuit mo chridhe gu làr, 
'S tric snithe gu ih' shàil o m' leursaimi. 

! gur mis', &c, 

Dh'fhalbh mo chlaistinneachd uam — 
Cha chluinn mi 's an uair, 
Gu mal no gu luath ni 's èibhinn. 

Dh'fhalbh mo, &c. 

JNlu Phrionns' Teàrlach, mo rùn, 
Oighre dligheach a' chrùin, 
'S e gu'n f hios ciod an taobh a thèid e. 

Mu Theàrlach, &c. 

Fuil rioghail nam buadh 
Bhi 'ga diobairt 's an uair, 
'S mac dioiain le 'shluagh ag èiridh. 

Fuil rioghail, &c. 

Siol nan cuilean a bha, 
D'an ro-mhath chiunich an t-àl, 
Chuir iad sinn' ann an càs na h-èiginn. 

Siol nan cuilean, &c. 

Ged a bhuidhinn sibh blàr, 
Cha b' ann d' ur cruadail a bha, 
Ach gun ar sluagh-ne bhi 'n dcàil a chèile. 

Ged a bhuidhinn, &c* 



49 

Bha iad iomadaidli uainn, 
Dheth gach fine rau thuath, 
'S bu mhisde sinn' e ri uair ar feuma. 

Bha iad iomadaidh, &c. 

Còig brataichean sròil, 
Bu ro rahath chuireadh an !ò, 
Gun duine dhiubh 'chòir a chèile. 

Còig brataiche£iu, &c. 

Iarla Chrompa le shlògh, 
Agus Bàrasdal òg, 
? S I\lac-'Ic- Ailean le 'sheòid nach gèilleadh. 
Iarla Chrompa, &c. 

Clann-Ghriogair nan Gleann — 
Buidheann ghiobach nan lann, 
'S iad a thigeadh a nall na'n èight' iad. 

Clann- G hrigair, &c. 

Clann- Mhuirich nam buadh, 
Iadsan uile bhi uainn, 
Gur h e m' iomadaidh truaigh r'a leughadh. 
Clann-Mhuirich, &c. 

x\ Chlann-Dòmhnuill mo ghaoil, 
D'am bu shuaicheantas fraoch, 
Mo chreach uile ! nach d' f haod sibh eiridh. 
A Chlann-Dòmhnuill, &c. 

An f huil uaibhreach gun mheang 
'Bha buan, cruadalach ann, 
Ged chaidh ur bualadh an àm na teugbhoiì. 
An fhuil uaibhreach, &c. 

Dream eile, mo chreach ! 
Fhuair an laimhseachadh goirt, 
D' an ceann am Frisealach gasda, ti^eubhach. 
Dream eile, &c. 

Clann-Fhionnlaidh Bhraigh'-Bharr, 
Buidheann cheannsgalach. àrd, 
'N uair a ghlaoidht' an adbhans a dh'èireadh. 
Clann-Fhionidaidh, &c. 



50 

Mo chreach eile, 's mo bhròn ! 
Na fir-ghasd' tha fo leòn, 
Clann-Chatain nan sròl bhi dhèis-laimh. 

Mo chreach uile, &c. 

Chaill sinn Dòmhnull donn, suairc, 
O Dhun Chrompa so shuas, 
Mar ri Alasd&ir ruadh na fèile. 

Chaill sinn Dòmhnull, &c. 

Chaill sinn Raibeart an àigh, 
'S cha bu ghealtair' e 'm blàr, 
Fear sgathaidh nan cuàmh 's nam fèithean. 
. Chaill sinn Raibeart, &c. 

'S ann thuit na rionnagan gasd' — 
Bu mhaith, àluinn an dreaeh — 
Cha bu phàigheadh lcinn mairt 'n an èirig. 

'S ann thuit, &c. 

Air thùs an latha 'dol sìos, 
Bha gaoth a' cathadh nan sian, 
As an athar bha trian ar lèiridh. 

Air thùs an latha, &c. 

Dh' fhàs an talamh cho trom, 
Gach fraoch, fearann a's fonn, 
'S nach bu chothrom dhuinn lom an t-slèibhe. 
Dh' f hàs an talamh, &c. 

Lasair theine nan Gall 
'Frasadh pheilear m' ar ceann, 
Mhill sud eireachdas lann 's b' e 'm beud e. 
Lasair theine, &c. 

Mas fior an dàna g'a cheann, 
Gun robh Achan 's a' champ, 
Dearg mhehieach nan raud 's nam breugan, 
Mas fìor an dàua, &c. 

'S e sin an Seanalair mòr — 
Gràin a's mallachd an t-slòigh, 
Reic e 'onair 'sa chòir air eucoir. 

'3 e sin an, &c. 



òl 

Thionndaidh 'choileir 's a chleòc', 
Àir son an sporain bu mhò, 
Kinn sud dolaidh. do sheòid righ Seumas. 

Thionndaidh, &c. 

Ach cuibheal nam feart thig mu'n cuairt, 
Car bho dheas 's cha 'n ann tuath, 
'S gheibh ar n^eascaraid duais na h-eucoir. 
Ach cuibheal, &c 

'S gu'm bi Uilleam mac Dheòrs' 
Mar chraobh gun duilleach, fo leòn, 
Gun fhreumh, gun mheagan, gun mheoirean gèige. 
'S gu'm bi Uilleam, &c. 

Gu. ma lom bhios do leac — 

Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac, 

asair chèire. 

Gu ma lom, &c. 

Gun sòlas, sonas, no seamhs', 
Ach dòlas dona mu d' cheaun, 
Mar bh' air ginealach clanu na h-Eiphit. 

Gun sòlas, sonas, &c. 

A's chi sinn i hathasd do cheann, 
'Dol gun alhadh ri crann, 
'S eòin an athar gu teann 'ga reubadh. 

A's chi sinn, &c. 

'S bidh sinn uile fadheòidh, 
Araon sean agus òg, 
Fo 'n righ dhligheach d'an còir dhuinn gèilleadh. 
'S bidh sinn uiJe, &c. 



AM PRIONNSA AGUS NA GAIDHEAL. 
Le Alasdair Domhnullach. 

AM PRIONNSA. 

Mlìe mar'aisgair an t-saoghal, 

'S carach, baoghalach a dhàil ; 
Cuibh'l an fhortain oirnn air caochladh, 

Cha do chleachd sinn maoini roi' ehàch ; 
Tha sinn a nis air ar sgaoileadh 

Air feadh ghleann a's fhraoch-bheann àrd, 
Ach tionailidh sinn fòs ar daohio, 

'N uair a dh' fhaodas sinn gu blàr. 

Misneach mhaith a mhuinntir ghaolach, 

'S cumaidh Dia ruinn daonnan bàigh — 
Cuiribh dòchas daingeann, faoilteach, 

Anns au Ti a ni dhuinn stàth : 
'S buanaichibh gu rioghail, aorach, 

Traisgeach, ùir'neach, caoineach. blàth ; 
'S bithibh clileas 'chàch a chèile, 

'S dùinear suas ar creuchdan bàis. 

Ach 's fheudar dhomhs' a nis bhi 'falbh uaibh, 

A GhàicAealaibh calma mo ghràidh : 
Bu mhòr m' earbsa as ar fòghnadh 

Ged a dh'f hòghnadh dhuimi 's an àr ; 
'S iomadh aua-cothrom a choinnich 

Sinn 's a' choinneamh bha gun àgh : 
Ach gabhaidh mis' a nis mo chead dhibh' 

Uine bheag, ach thig mi tràth. 

Leasaichidh mi fòs ur call-sa, 

A churaidhean gun fheall, gun sgàth; 
Ur dillse dhligheach, rioghail, threuna, 

'Dheanadh euchd ri uchd nam blàr : 
'S ceann a's colunn chur o chèile 

Mis' 's sibh fèin a sgaradh f às ; 
Ach togaibh suas ur misneach ghleusda, 

'S cuiream fèin ri 'r creuchdan plàsd'. 



53 



NA GAIDHEIL. 

A Mhuire sinn' tha air ar ceusadh ! 

Air dhi cèille, 's sinn gun chàil— 
Tèarlach Stiùbhart, Mac Righ Seumas, 

'Bhi na eiginn anns gach càs : 
Gur h-e sin a rinn ar lèireadh, 

Gur h-e 's f heudar dha gu'm fàg ; 
Sinn na dhèigh gun airm, gun èideadh : — 

Falbh 'n ainm Dhè, ach thig a ghràidh ! 

Ar mìle beannachd ann ad dhèigh, 

A's Dia ga d' ghleidheadh anns gach àit'; 
Muir a's tìr a bhi cho- rèidh dhuit— 

Ar n-ùrnuigh gheur leat fèin gach tràth ; 
'S ged a sgar mi-fhortan deurach 

Sinn o chèile, 's ceum roi'n bhàs ; 
Ach soraidh leat a Mhic Righ Seumas, 

'Shùigh ar cèille thig le d' chàird'. 

Chaill sinn ar stiùir 's ar buill-bheairte — 

Thugadh uainn ar n-acair-bàis : 
Chaill sinn ar cumbaisd 's ar cairtean, 

Ar reul-iùil 's arbeachd gach là. 
Tha ar cuirp gu'n chinn, gun chasan — 

Sinn mar charcaisich gun stàth ; 
Ach gabh thus', a ghràidh gu t' astai", 

Dean gleus tapaidh, 's thig gun dàil. 

AM PRION.NSA. 

Beannachd gu lèir le Clann-Dòmhnuilì, 

'Sibh a dh' f hòirinn orm a'm' chàs, 
Eadar eileanan a's mòr-thir, 

Lean sibh deònach rium gach tràth : 
'S iomadh beinn, a's muir, a's mòinteach 

A shiubhail sinn air chòrsa bàis : 
Ach theasraig Dia sinn o fhuar-f hòirneart 

Nan con sròn-ghaoth' bh' air ar sàil. 

Sibh a rinn, fo laimh na Trianaid, 
Mis' a dhion o mhi rùn chàch ; 



51 



Mo dhearg r.aimhdean neartmhor, lìonmhor, 
Chuir an lion feadh ghleami a's àrd. 

A mheud 'sa thaisbean sibh d'ar dillseachd 
'S còir nach dich'nich sibh gu bràch ; 

A bhàrr gur sibh bu luaithe shìn rium 
Taic' air tìr 's an talamh àrd. 

NA GAIDHEIL. 

Ochan ! ochan ! cruaidh an dearmad, 

Bhi 'g ar tearbadh uait gun bhàs : 
B' e 'n fhior èibhinneachd, 's am beairteas 

Bhi 'ga t-f haicinn gach aon là, 
Bidh ar ruisg làn tiom', a' frasadh — 

Ar cridh' lag-chuiseaeh, gun chàil : 
Gu'm pill thus' a ris air t-ais oirnn- — 

Beannachd leat le neart ar gràidh ! 

AM PRTONNSA. 

! tiormaichibh-se suas ar sùilean, 

'Chomuinn rùnaich fhuair ur cràclh— 
Bidh sibh fathast maoineach, mùirneach, 

'N ur geard dùbailt' mu White-hall, 
'N uair a bhios na reubail lùbach 

Ri bog chrùban feadh nan càrn, 
Gu'm bi sibhs' an caithream cùirte, 

Uasal, lùth-chleasach, làn àigh. 



MARBH-RANN DO PHRIONNS' TEAiiLACH. 
Le Uìlleam Mos. 

Soraidh bh'uainn do'n t-Suaithneas bhàn, 
Gu là-luain cha ghluais o'n bhàs ; 
Ghlac an uaigh an Suaithneas bàu — 
'S leacan fuaraidh tuaim' a thàmh ! 



55 



Air bhi dhomh-sa 'triall thar druiwi, 
Air Di-dòmhnaich 's còmhlan leam, 
Leughadh Litir-naigheachd leinn, 
'S cha sgeul ait a thachair innt'. 

Soraidh bhuan, &c. 

Albainn aosd' ! 's e fath do bhròin, 
Gach aon mhuir bàit' tha 'bàrcadh oimu — 
T ' oighre dligheach bhi 's an Ròimh, 
Taisgt* 'an caol-chist' lìobhta bhòrd! 

Soraidh bhuan, &c. 

'S trom leam m' osnaich anns gach là — 
'S tric mo smaointean fad' o làimh — 
Cluain an domhain truagh an dàil, 
Gur cobhartach gach feòil do 'n bhàs. 

Soraldh bhuan, &c. 

Tha mo chridh' gu briste, fann, 
'Sdeòir mo shìd a' riuth mar ailt, 
Ged a cheillinn sud air àm, 
Bhruchd e mach 's cha mhisde leam. 

Soraidh bhuan, &c. 

Bha mi seal am barail chruaidh, 
Gu'n cluinnte caismeachd mu'n cuairt ; 
Càbhlach Theàrlaich thigh'nn air chuan, 
Ach thrèig an dùil mi gu là-luan. 

Soraidh bhuau, &c 

'S lionmhor laoch a's mìlidh treun, 
'Tha 'n diugh an Albainn as do dhèidh, 
Iad gu h-iosal 'sileadh dheur, 
Rachadh dian leat anns an streup. 

Soraidh bhuan, &c. 

'S gur neo-shubhach, dubhach, sgìth, 
Do threud ionmhuinn anns gach tìr, 
Buidheann mheamnach bu gharg clìth, 
Ulamh, arm-chleasach 's an strìth. 

Soraidli bhuar:, &c. 



56 



Nis cromaidh na cruitearan binn, 
Am barraibh dhos fo sprochd an cinn, 
Gach beò bhiodh ann an sràth na'm beirm 
A' caoidh an co'-dhosgainn leinn. 

Soraidh bhuan, &e. 

Tha gach beinn, gach cnoc, 's gach sliabh, 

Air am faca sinn thu 'triall, 

Nis air call an dreach 's am fìamh, 

nach tig thu chaoidh nan cian. 

Soraidh bhuan, &c. 

Bha 'n t-àl òg nach fac thu riamh 
'G altrum gràidh dhuit agus miagh ; 
Ach thuit an cridhe nis 'n an cliabh, 
O 'n a chaidil thu gu sìor. 

Soraidh bhuan' &c 

Ach biodh ar n-ùrnuigh moch gach là, 

Ris an Ti is àird' a ta, 

Gun e dhioladh oirnn gu bràth 

Ar n-eucoir air an t-Suaithneas bhàn. 

Soraidh bhuan, &c. 

Ach 'seagal leam ge' maith a' chlèir, 
'S gach sonas 'gheallar dhuinn le 'm beul, 
Gu'm faicear sinn a' sileadh dheur, 
Airson an Suaithneas bàn a thrèig'. 

Soraidh bhuan, &c. 

Cuireamaid soraidh uainn gu rèidh 
Leis na dh'imicheas an cèin, 
Dh'ionnsaidh 'n àit' an d' laidh an reul 
'Dh'fhògradh uain gach gruaim a's neul. 
Soraidh bhuan, &c. 

'S bith'maid toilicht' leis na tha, 
O na d' f haod sinn bhi na's fearr ; 
Cha bhi ar cuairt an so ach gearr, 
A's leanaidh sinn an Suaithneas bàn. 
Soraidh bhuan, &c. 



DO NIGHEAN FEAR THIR-NA-DRISE. 

Le Mac Fear Dhail-an-eas. 

Tha mis' an so 'm laidhe 

'N leabaidh chumhaiim, chaoil, chlàraidh — 
Tha mo cheann air a lionadh 

Le fiabhras mi-nàdur' ; 
Cha'n f huachd, a's cha teas e — 

Cha 'n 'eil fios ciod is cràdh dhomh ; 
'3 ann tha toiseach mo ghalair 

Mu m' sgamhan 's mu'm àirnean. 

Thoir mo shoraidh-sa thairis 

Gu m' leannan 's a' Bhràighe — 
'S 'nuair a chluinneas i 'n aithris 

Cha mhaith leath' mar tha mi ; 
Mi gun sùgradh, gun aiteas, 

'S gur h-e chleachd mi bhi 'g àbhachd ; 
'S e bhi cumha do phòige 

A leòn a chum bàis mi. 

Ged bu shochdair mo leaba 

Cha do chaideil mi 'n raoir, 
'S nach d' fhuaras thu agam 

Ann an taice ri m' thaobh ; 
'N àm dhomh dùsgadh 's a' mhaduinn 

Bha thu fada o m' ghlaodh — 
'S mòr a b' f heairde mi agam 

Aon aiteal do m' ghaol. 

Cha 'n e ro mheud do nithe 

Tha mise ag iargain, 
Ach mi 'm laidhe 'n so 'm aonar 

Ri smaointinean diomhain ; 
Gheibhinn bean anns an tir so 

'G am bheil nì, do shìol Dhiarmaid, 
'S leis na thug mi do ghràdh dhuit 

Gu 'm bi dàil aic' am bliadhna. 



53 



Tha mise fo sprochd, 

A ghaoil, o n' thòisich mo cheist ort, 
'S their gach aon neach do m' sheòrsa 

Nach bu ghòraiche bheag sin, » 
Mar gabh laigse na feòla 

'S an òige mo leithsgeul ; 
Ach 's tri nith' thig gun iarraidh, 

Gaol, eud, agus eagal. 

Gur mis' th' air mo leòn 

Mu mlmaoi òig a chùl dninn, 
'S tu dheanadh mi slàn 

Ged a tha mi gu tinn : 
Tha do ghruaidh mar na caoran, 

Do shlios mar fhaoilinn air tuinn— • 
'S e bhi sealltainn a' t' aodann 

A b' aoibhniche leam. 

'S truagh nach robh mi 's mo leannan 

Ann 's a' ghleannan an uaigneas — 
No 's a' bhadan bheag choilleadh, 

Far an goireadh na cuaehabh ; 
Thu sìnt' ann am bhreacan, 

Dlùth paisgt' ann am shuainich — 
Gu'm faighinn le deòin, 

A ghaoil do phòg, a's cha b' fhuatliach, 

Gur diombach mi 't' athair, 

Dod' luchd-taighe, 'sdo d' chàh dean— - 
Le an litricheau breige, 

Mar a thi èig iad do ghràdh orm ; 
Bha'n dream d'an robh shme 

Làn toil agus àrdain— 
'S e ar cumail o chèile 

Dh' f hàg io èislean gu bràch mi. 



AM FREAGRADHc 



Ged a chaidh mo phòsadh 
Cha bu deònach leam lein e ; 



'N uair a sheall mi a'm' dheighidh 
'S e mo roghainn a thrèig mi : 

Og ùr a chùil ghasta, 

Bu tu mo thaitneach do chèile : — 

'S truagh, a ghaoil, gun mi mar riut 
Fo sparradh na dèile. 

Ged a thig m' f hear dhachaidh 

Cha deau mi ris fàilte — 
Cha dean mi ris cridhealas, 

Bruidhinn, no gàire : 
Tha e 'nochd 's a cheann iosal 

'Fear nach do dhìreadh air fàilinn, 
Dh' i'hàg sud mise fo èislean 

Fad mo rè a's mo làithean, 

Tha mo chion air an f hleasgach 

Dhonn leadanach, bhòidheach, 
Do 'n fhine nach strìochdadh, 

Do fhior-fhuil Chlann-Dòmhnuiil : 
'S ann a ghabh mi mo chead diot 

Aig an eaglais Di-dòmhnaich, 
'S ged nach d fhaod mi bhi cainnt riut, 

Bha shànnt na bu leòir orm. 

Gur truagh nach robh mise 

G un f hios air do chulthaobh, 
'N àm togail do lichde, 

Agus bristeadh na h-ùrach : 
Cha 'n iarrainn do chiste 

Ach mo shlios a bhi dlùth riut — 
Sgeul a sgath as mo cheudfaidh', 

'S ann do 'n eug thug thu cunntas. 



CUMHA CHLANN-AN-T-SAOIR. 

Le Caiptein Paruig Mac-an-t- Saoir, R.IL 

'S trom a tha m' inntinn, ri àbhachd cha bhi mi, 
'S gach aon 's a cheann iosal bha dìleas do Chruachan. 



GO 

Tha Cruachan gù dubhach 

A' cumha nan uaislean ; 

'S tiamhaidh torman a shruthau — 

T ha 'choilltean air dubhadh, 

'S tha 'eunlaith fo phuthar 

'An dubhar a chruachan. 

'S trom a tha, uo 
Cò 'dhireas an làirig 
Do na b' àbhaist a cuartach' ? 
Tha Gleann-Nodha guu àiteach, 
'S an Leitir 'na fàsach, 
'Sa fàrdaichean blàtha 
'N an làraichean fuara. 

'Stromatha, &c. 
'S ann shios 'an Aird-Chatain 
Tha 'mhacraidh nan suanaich, 
Fo steidh nam ballachan cianaiì 
'Tha'n ceangal 's an iadh-shlait, 
'S a cuiseagan tiamhaidh 
'Sileadh dhiar air an uaighibh. 

'S trom a tha,*&e. 
Cha 'n 'eil piob air na Casaibh, 
No bratach a' gluasad, 
'S tha Caol-charn nan glas-stuadh 
Ag aomadh 'sa' brachadh, 
'S a dhaoine 's a' Chlachan 
Fo ghlais nan clach fuara. 

'S trom a tha, &c. 
Tha thu, Aonghais, 'g am fhàgail, 
An t-aon àgh tha rim' ghualainn ; 
'S mi mar aon duine 'm fàsach, 
Guu mhac no gun bhràthair ; 
'S am feàsgar mo làithean 
Cò 'chàireas a'm' uaigh mi ? 

'Strom a tha, &c. 
Ach 'n uair thraoi gheas an t ailghios, 
An t-àrdan, 'san t-uaibhreas, 
Mu bhios Aonghas a làthair 
Thig e dhachaidh gu 'chàirdean, 
'S cha bhi mise 's an là sin 
Gun bhràthair ri m' ghualainn. 



61 

DO GHILLEASPUIG MAC-AN-T-SAOIR, 

SGIOBAIR AN "LOCHGOILE." 

Le D. Dughallach. 

Gu ma slàn do'n Sgiobair bhàn. 
" Hiri ! Horò ! nam b' àill leibh e ; " 
'S gu ma slàn do 'n Sgiobair bhàn. 
'Sleam gur h-aoibhinn an " Lochgoile " 
'Bhi fo 'n Daoimean àraidh ud. 

Guma iblàbj &c. 
'N uair thig àm dha dol g'a seòladh 
'S lionmhor sròl 'bhios àrd oirre. 

Gu ma slàh, &c. 
Sròlaibh breaca, ballach, cean-fhionn, 
'S luasgan mear g'am bàrr orra. 

Gu ma slàn, &c. 
'S grian na h-iarmailfc 'maduinn chiatach 
A' toirt sgiamh d'an àluinneachd, 

Gu ma slàn, &c. 
'S fhada chluinnear fuaim a luigheir 
Mar ghuth buinne dàsachdach. 

Gu ma slan, &c. 
'S crith gu h-obair air gach crois-alt 
'Tha 'n a collainn àsuigeach. 

Gu mà slan, &c. 
'S fhurasd 'aithneachadh aig Laimrig, 
Cha bhi sgraing dhroch nàduir air. 

Gu ma slàn, Src. 
Gheibhear ceanalt' agus suairc' e 
'Cur an t-sluaigh gu sàbhailto 

Gu ma slàn, &c. 
Air bòrd na h-iùraich 'steach le cùram, 
'S le fior ùidh a' bhràithreachais. 

Gu ma slàn, &c. 
'S mairg a theireadh nach robh eòlas 
Aig an òigeir bhlàth-shuileach, 

Gu ma slàn, &c. 
Air sgiobaireachd chuantan citheach, 
Caol no linne shàmhachair. 

Gu ma slàn, &c. 
Cha b' ann air luba ghrod nan tunnag, 
Mar bha cuid do ghàrlaichean, 

E 



62 

A fhuair mo Sgiobair bàn a thogail, 
Àch feadh osnaich àrdthonnan. 

Gu ma slau, &c. 
B'e 'mhaighstir-sgoil' an t-Iar-chuan sgreitidh 
'Bheireadh Ieasain thàbhachdach. 

Gu ma slàu, &e. 
Bho òig' a lean'beachd b' e tuinn mheargant', 
Làidir, mheamnach, àilgheasaeh, 

Gu ma slàn, &e. 
A thlachd bhi 'sgoltadh, le roinn fosghair, 
Luchd an droma chàir-ghealaieh ; 

Gu ma slàn, &c. 
A thigeadh air o Choire-bhreacain, 
'S frasachd shneachd 'cur càil annta. 

Gu ma slàn, &c. 
'S ullamh, ealamh thèid do ghillean 
Ann an iomairt ghàbhaidh leat. 

Gu ma sltìn, &c. 
Bidh Uilleam, t'iùil-f hear, teoma, tùrail, 
Aig an stiùir le h-àbaltachd. 

Guma slàn, &c. 
'S bidh Dòmhnull agad-sa 's an toiseach, 
'Dheanadh t'fhorail nàistinneach. 

Gu ma slàn, &c. 
'S bidh Donnachadh gu dil a' feitheamli 
'Dhol gu deas aig t' àitlme-sa — 

Gu ma slkn, &c. 
'An cinnseal cumail ceart gach acuinn, 
Mu'n tig sgar, no fàillinn annt'. 

Gu ma slàn, &c. 
Gu ma fad e 'treabhadh mara, 
'S lunnan glasa, càrsanach, 

Gu ma slàn, &c. 
Le Bìrlinn smùide chuneas dùr-thuinn 
Air bheag lùigh fo 'n t-sàil aice. 

Gu ma slàn, &c. 
'S do Chlann-an-t-Saoir 'tòiit seòladh aotram 
Thar nam maoltan bàn aca. 

Gu ma slàn, &c. 
Mo bheannachd leat, mar ghràdh o chèile, 
'Sguidheam fèin nach bàthar thu. 



M3LLADH AN LEOMHATNN, 
Le Alasdair Domhnullaclu 

Fàilt' an leòmhainn chreuchdaich, 

Iseagsamhuil spraicealachd, 
'N uair dh'èireadh do chinn-fheadrma 

Bu mheadhrach am brataichean, 
'N uair chruinnicheadh gach dream dhiubh 

Gu ceannsalach, tartarach, 
Bhiodh pronnadh agus calldach 

Air naimhdean a thachradh ruibh. 
lad gu h-oirdhearg air bhàr cora -ghleus, 

Teinnteach, foir-dhearg, lasrachail, 
'S àrd an stoirm air mhire conf haidh, 

'S lainn 'n an dorn ri spealtaireachd, 
Le 'n geur cholg gu srachdarlh bholg, 

A' gearradh cheann a's chorpannan — 
Cha shluagh gun chruaidh, gun cheann&al 

Le 'n lann bheireadh fosadh orra, 

Dùisg, a leòmhainn euchdaich, 

'S dean èiridh gu faramach, 
Air brat ball-dhearg brèid-gheal, 

'S fraoch slèibhe mar bharran air — • 
Tog suas do cheann gu h-eutrom 

'S na speuraibh gu caithriseach, 
A's thèid mi fèin cho geur 

'S a dh' f haodas mi a'd' arabhaig. 
Togam suas do mholadh prìseil, 

'S do cheann rioghail, farasda ; 
Cha'n 'eil ceann no corp 'san rioghachd, 

'An cruaidh-ghniomh, thug barrachd ort — 
An ceann cruadalach, àrd, sgiamhach, 

Maiseach, flor-dheas, arranta, 
Is tric thug sgairt ri h-uchd an f huath'is 

Ri h-am luchd t'fhuath bhi 'tarruinn riut. 

Cò b' urrainn tàii' no dibl'eachd 
Gu dilinn a bharalachadh— 



u 



No shamhlaicheadh riut mi chliùth, 

A righ nau cearin barasach ; 
A chreutak' ghasda, riomhaich, 

'S garg, fìor-dheas do tharruinn-sa, 
Air brat glan do'n t-sìoda 

Ri mìn chrann caol, gallanach. 
E ri plapraich ri crann-brataich, 

'Stalcadh chas gu h-eangarra — 
'S còmhlain ghasda làn do ghaisgeadh 

'Tional bras gu leanailt ris ; 
Fearg gu casgairt 'n an gnùis dhaite, 

Fraoch a's fras gu fearachas, 
Bhiodh sgrios a's lannadh sìos 

Air luchd mi-ruin a bheauadh riut. 

Cha robh gorta gleòis 

Air an t'seòrs' o'n do ghineadh thu, 
An dream rathail, mòrchuiseach, 

Còmhragach, iomairteach ; 
Bu ghunnach, dagach, òr-sgiathach, 

Gòirseideach, nimheil iad — 
Bu domhain, farsuinn, creuchdach, 

Cneidh euchdach am firionnach. 
Iad gu sùrdail, 'losgadh fùdair — 

Toit a's smùid o lasraichean ; 
Na fir ùra, gheala, lùghor, 

'Ghearradh smuais a's aisinnean — 
Lannan dubh-ghorm, geura, cùl tiugh 

'Nglaic nam fìùran aigeantach, 
A' sgoltadh chorp a sios g'an rumpail — 

Sùrd le sunnd air strachdaireachd. 

'S foinnidh, fearail, làidir, 

Cuanda, dàicheil, cinneadail ; 
Sliochd nan Collaidh làmh-dhearg, 

'S iad làn do dh' àrd spiorad annta, 
Cho dian ri lasair chrà'-dheirg 

'S gaoth Mhàirt a' cuir spionnaidh innt'- 
Gun mheangj gun mheirg, gun fhàillinn, 

'JS T ar càileachd ged 'shirte sibh : 



05 



Na fir chogach theid 'sna trodaibh, 

Nach biodh roi' lotaibh gioragach, 
Nach iarr prosnach' ri h àm cosgraidh, 

A phronnadh chorp a's mhionaichean — 
A sgathadh cheann, a's làmh, a's chas diubh, 

Anns an toit le mire-chath — 
Na nr bheura threun-fheardha, 

Gheur-armach, fhineadail. 

An cinneadh maiseach, treubhach, 

Nan rèidh chuilbhear acf huinneach, 
Nach diùltadh dol air ghleus 

Ri h-àm feuraa, gu grad mharbhadh ; 
Madaidh a's ùird ghleusda 

Gu beumadh nan sradagan, 
A conas dearg r'a chèile, 

'Cur eibhlean gu lasraichean. 
Frasan dealanach, dearg-pheiiear, 

'Teachd o'r teine tartarach, — 
A' spadadh, 'pronnadh, a's a' leauairt, 

Nan corp ceigeach, casagach ; 
Lannan dùghorm 'dol g'an dùbhlan, 

'Gearradh smuais a's aisinnean, 
Aig na treunaibh, cruaidh-bheumach, 

'S luath bhualadh speachannan. 

Clann-Dòmhnuill tha mi 'gràtainn, 

An sàr chinneadh urramach ; 
S tric a f huar 's na blàraibh 

Air nàmhaid buaidh-iomaineach — 
Iad fearadha, tapaidh, dàna, 

Cho làn do nimh ghuiuideach 
Ri nathraichean an t-sleibhe, 

Le'n geur-lannaibh fulannach ; 
Iad gu sitheach, gleusda, cosluath, 

Hùnach, bos-luath, fulasgach — 
Cruas na creige, luath's na dreige, 

Chluinnte fead am buileanan ; 
Nafir dhàna, lùth'or, nàrach, 

Fhoinnidh, ìàidir, urranta, 



w 



(Jho garg ri tuil mhaoim-sleibhe, 
No faloisg gheur nam moiiaidhean. 

A charraig dhaingean, dhìleant, 

Nach dìobair gun acarachd, 
Glaais suas gu spòrsail, rioghail 

Roi' d' mhìlidhibh gaisgeanta, 
'S iad mire geal na cruadhach 

Gun truailleadh, gun ghaiseadh iad — 
'S bòcain a chur ruaig iad, 

'Bheir buaidh le'n sluagh bras-bhuileaeh. 
'S iomadh flcasgach cùl-bhuidh' dòid-gheal, 

Is garbh dòrn a's slinneanan, 
A dh'cireas leat 'an tùs na còmhstri, 

A ni còmhrag mion-bhuilleach— - 
IaJ gu bonn-mhall, bas-luath, cròdha, 

Sàiteach, stròiceach, iomairteach, 
A' dol a sìos 'an àm na teugbboil, 

'8 leòmhann beuc' air mhir' aca. 



A leòmhainn bheucaich, ghruamaich 

'Bheil cruadail air tuinneachadh, 
Is tric a dheaibh an cruaidh-chuis 

'S na buan ruagaibh cumasgach; 
'N uair a spealpta suas thu, 

Le d' bhuaidh ri crann f ulannach, 
Chite conf hadh ruaimleach 

'An gruaidhean a h-uile fir. 
'S daingean, seasmhach, ranc do fhleiisgach, 

'N uair bhiodh deise tarruiim orra— 
Cha toir eagal nàmhaid eag annt', 

'S iad mar chreag nach caraicheadh ; 
'S glan am preas iad, chaoidh cha teich 'iad, 

'S fiodh nach peasg do'n clarach iad, 
'Stric fhuair sibh air ur nàmhaid 

'S na blàraibh buaidh chaitmeamads 



Na'n tigeadh ortsa fòirneait, 
Ga d' leòn o chrich ameotaich — 



67 



Coigrich lo rùn dòbheairt 

Gud' chòir thoirt a dh'aindeon diot : 
'S iomad làn chearm Ileach, 

'S laiun liobhta 'm beairt dhaingean annt' 
'Thhirneadh suas ri d' shìoda, 

Do t'fhior-fhuil gun tanachadh. 
Fuirb'ean comasach nach cromadh 

Roi' f hrois tholladh phearsannan — 
Nach biodh somalt' dhol air chollainn 

'N àm bhi sonnadh chlaigeannan — 
Crunluath lomarra 'ga phronnadh 

Air piob lonnaich, tbartaraich, 
A chuireadh anam anns na mairbh 

A dhol gu feara-ghleus gaisge loò. 

Stochd Chlann-Dòmhnuill dh'èireadh 

Le'n geugan 's le 'm meanganan — 
B' i sud a' choille cheutach 

A b' eugsamhuil, 's bu cheannardaich'; 
'N uair thàirneadh iad r"a chèile, 

Gach treubh dhiabh gu fearachail, 
'S mairg a spioladh feusag 

An leòmhainn, g'a ghreaunachadh : 
Bhiodh cinn a's duirn 'g an sgathadh dhiù'-san 

Ann an dùiseal lannaireachd — 
Fuil ri feur-iomachd 'sri srulladh 

Feadh nan lub' 's nan camhanan ; 
Bhiodh lannan lotach, dù-ghorm, 

'Cur smùidiich do cheannaibh Ghall, 
A's caoidhrean truagh a's rànaich 

'S an àrfhaich gu gearanach. 

C'àit' am bheil 's an rioghachd 

Aon f hear-gniomh a thug barrachd oirbh ; 
No 'bhrosnaicheadh chum strìth sibh, 

A mhilidhibh bearaideach, 
Na tuirinn sgairteil, phrìseil, 

Do'nfhior-chruaidh nach farmaicheadh — 
Do 'm b' àbhaist a bhi dileas, 

'S nach diobradh 'na ghealladh iad. 



G3 



Gadhair-ohatha theid mar shaighead 

Sios le'n claidh'ean dealanach, 
Nach toir athadh, no dad athais, 

Gus an sgath iad beallach rompa — 
Cuirp 'g an sgathadh, 's cruaidh 'ga crathadh, 

'S orra pathadh falanach, 
Cluinnear fead ur clàidh'ean, 

Truagh ghàir agus langanaich. 

Tha iomad mìl' an Albainn 

Do gharbh fhearaibh fulasgach — 
Sliochd a' Ghàidheil ghlais a Scota 

Thig deònach m' ur cularaibh ; 
Gu'n tig iad le rùn cruadail 

'S gu'm fuaigh iad gu bunailteach, 
Ei teanachair gharg an leòmhaiun, 

'S r'a spògaibh dearga, fuiloachdach. 
Togaibh leibh gun airc, gun easbhuidh, 

Taom fheachd seasmhach, cunnbhalach, 
Do laochraidh dheasa, shunndach, threiseil, 

'Theid neo leisg 's an iomairt-sgleo — 
Cha 'n f hacas riamh na suinn fo gheilt 

A' dol 'an teas nan cumasgan : 
Teichidh iad o'r stròicibh, 

'S o'r sròlaibh breac, duillea<rach. 



GAISGEADH I^AN GAIDHEAL 'S NA H-INNSEAN, 
Le A Mac Alasdair. 

Boineid a*s it' agus 

Breacan an f hèilidh, 
'N deis' a tha sgiobalta 

'Dhol anns an teugbhoil ; 
Boineid a's it' agus 

Breacan an f hèilidh, 



69 

'S Clanna-nan-Gàidheal 
Ri guaillibh a chèile. 

Thainig sgeula gun mhearachd 

A nali thar nan cuantan, 
Ma threubhas nan gaisgeach 

Kach tais ri h-uchd cruadail : 
Luchd-dhìreadh nan creachan, 

'S a shiubhal nan glas-chàrn — 
Le 'n èideadh glan, gasda 

'S an fhasan bu dual daibh. 

Boineid a's it', &c. 

Gur bòidheach an còmhlan, 

'S gur seòcail a ghluaiseas 
Luchd dhìreadh nam mòr-bheann, 

'S luchd sheòladh nan cuantan : 
Le sgiath a's le claidheamh, 

Le gunna 's le daga — 
Le 'n osanaibh ballach 

'S bròg bhar-ial gun ghuag oirr'. 

Boineid a's it', &c. 

Bha iad ainmeil 's gach eachdraidh, 

'S b' e cleachdadh an sinnsear' 
'An àm bhi 's na blàraibh 

Do nàmhaid cha strìochdadh : 
Gu luath-lamhach, cruaidh-bhuileach, 

Bras anns an ruaig iad, 
Gu'n d' lean iad ri'n dualchas, 

'S cha chualas am mi-chliù. 

Boiueid a's it', &c, 

'N uair sgaoilte leibh bratach 

Ri crannaibh rè, dìreach, 
'S a chluinnte gu tartarach 

Caismeachd ur pìoban : 
Cha chualas 's cha 'n f hacas 

Aon f hin' air au talamh 



70 



A sheasadh gun athadh 
Roimh chrathadh ur pìcean. 

Boineid a*s it', &c. 

'N uair thòisich na Sepoys 

'S na h-Innsibh ri dò-bheairt — 
Ri mort agus marbhadh, 

Le an-ioehd gun tròcair ; 
'N uair ràinig na treun-laoich 

Gu'n d' sgap iad o cheile. 
'S gn'm fac' iad gu'm b' èiginn doibh 

Gèilleadh do òrdugh 

Luchd bhoineid, &o. 

'Siad na Rèis'maidean ainmeii 

Bha thall anns an uair ud — 
Na Camshronaich Abrach, 

'S na Cataich o thuath dhinn : 
Clann-Choinnich Cheanntàile, 

'S am Freiceadan Gàidhealach, 
Gu'n d' dhearbh iad mar b' àbhaist, 

'S gach àite, bhi buadhach. 

Boineid a's it', &c. 

Deoch slàinte nan gaisgeach 

Gu h-ealamh mu'n cuairt i— - 
Le glainneachan stràchdte 

'Dheoch làidir gun truailleadh : 
Gach neach leis nach deònach, 

Gu sunndach a h-òl as 
Cha, suidh e mu'n bhòrd leinn — 

Gu'm fògair sinn uainn e. 

Boineid a's it', &c. 



NA FEARAIBH OGA. 

'S meallt' an cridhe tha 'n an com 

Aig na fearaibh òga ; 
'S milis an teanga tha 'n an eeann 

A mhealladh gach òg-bhean : 



71 



Ged a bhios e 'n diugh an geall ort, 

'S e air thìth do phòsadh, 
'S aun bhios e 'màireach ann na làimh 

Air luing, 's i 'dol a sheòladh. 

Ged a bhios, &c. 

Ach òganaich a tha mi 'cumha 

Dh' fhàg thu 'd diugh fo leòu mi ! 
Mheall thu mi mar mheall an t-ubhal 

'Bhean bu mhotha sòlas — 
Gus an do mhiannaich i le 'sùil e 

'N dùil nach robh e neo-ghlan : 
'S e 'meas bu bhuirbe chaidh a thoirmeasg — 

Dh' f'hàg sud searbh gu leòir e. 

Gus an do, &c. 

Nach cealgach dhuitse bhi ga m' chumail 

Anns a h-uile dòchas ? 
Na'n gèillinn-sa do d' bhriathran blasd' 

Cha tigeadh dad ri m' bheò orm : 
Ka'n gèiìleadh ! ach cha d' ghèill mi d' chainnt 

'S gach gealladh anu toirt sòlais ; 
Ach 'n uair a theid mi as au t-sealladh — 

** 'S conia leam au òiuseach ! " 

Na'u geilleadh, &c. 

N'am faiceadh sibh na fieasgaichoan 

Is deis' a thèid an òrdugh — 
Am fìùran 's bòidhche thèid a mach 

Bidh maighdean dheas an tòir air ; 
Ach dh'f haoidte gu'm bi gaoid fo 'chois 

Nach taobh ri bean a còta — 
Mar bhuirb' au eas o'n gharbh-ghleann chas, 

'Toirt oilbheum deas gu leòir dhi. 

Ach dh'fhaoidte, &c. 

G ur blasda, briathrach caiunt nau gillean 
'Tighinn o'm bilean bòdheach : — 

" Thrèiginn mo chàirdean 's mo chiuueadh, 
'S cha tillinn ri m' bheò riu : 



72 

A's shiùbhlain leat, 's cha 'n iarrainn sprtiùh, 
Na 'rn biodh tu fèin leam deònach ! " 

Tha 'cheilg a'd' bheul 'ga chur an ceill, 
'S e sud an sgeul tha còmhdaicht'. 

A's shiùbhlainn leat, &c. 

'S mòr a tha do dh' amaideachd 

'An aoradh na cloinn' òige, 
'S cha lugha tha do 'n amharas 

'N an caithe-beatha gòrach ! 
Bidh 'n teanga chiùin a' labhairt ruinn, 

'S am beul o 'm binn thig còmhradh — ■ 
'S an cridhe fionnar fada uainn, 

Cho luath ri gaillean reòte. 

Bidh 'n teansfa, &c. 



Beannachd leat 's gun mhairg a'd' dheigh, 

A's taobh ri tè is bòidhche ; 
Mu's tu fèin a'd' ghealladh 'thrèig, 

'S nach mi do chèile deònach. 
Mar bhàt air chuan, 's i 'tarrainn uainn, 

'S luchd m' f huath a' cur nan seòl ritìi' ; 
'S do nàdur fèin, mar ghaoth ro f huar, 

'S e 'tilgeadh uam a bhòichead. 

Mar bhàt air chuan, &c 



MARAICHEAN NA H-ALBA, O'N BHEURLA. 
Le A. MI. 

A mharaichean na h-Alba, 

A dh' f halbhadh leinn le gairm, 
Fo'r brataich riabh bu dìleas, 

A sheas ri strìgh 's ri stoirm ; 
Le sròl a' srannraich 'mach o thìr, 

'Chur naimhdean sìos le buaidh, 
Agus siùbhlaibh thar nan sùgh 

'Nuair is gailbhich' smùid a' chuain, 



73 



'S is fuaimneach, fada toirm a' cliath 
'S is gailbhich' smùid 'a chuain. 



Gu 'n eirich riochd nan treun- f hear 

Mar èibhlean o gach tonn! 
O 'n uaighibh uaine sàil', 

Air 'm bu bhlàr dhoibh clàir nan lcng ; 
'S far 'n deachaidh Nelson treun do'r dìth. 

Gu'n las gach cridh' gu'r gruaidh, 
'Dol gu siùbhlach thar nan sùgh, 

'Kuairis gailbhich' smuid a" chuain ; 
'8 is fuaimneach, fada toirm 'a chath', 

'S is gailbhich' smùid a' chuaip.. 

Cha 'n f heum ar dùthaieh daingnich', 

'S tùr-ehaisteil chrann m'a ti àigh, 
'S ur siubhal-s' air na slèibhtibh cuain 

'S ur dachaidh buan air sàil' 
Le tàiraeanach o'r darach cruaidh, 

Theid tuinn a chlaoidh gu suain, 
'S iad a' rànaich gu tràigh, 

'Kuair is gairbhe gàirich cuain ; 
'S is fuaimneach, fadatoirm a'chath', 

'S is gairbhe gàirich cuain. 

A' bhratach bhuadhar, Bm^eatunnach, 

Gu'n leum 's gu'n lasr'a crann, 
Gus 'dean uainn' oidhche 'chruadail triall, 

'S reul-sith' gu tir nam beann. 
Bidh sin, a gaisgeach' fairge ! 

Ar ceòl 's ar cuirm le 'r buaidh, 
'S fuaim ar ciùil bidh mu'r cliù, 

'Nuair dh' f hàsas ciùin' air cuan ; 
'S gnn tuillidh toirm no teine cath', 

Gun strìgh gun stoirm air cuan. 



1 



CUMHA DO LEANABH GILLE. 
Le A. Mac Laomainn 

Gur mis' tlui fo mhulad 
Air m' uilinn 'smi 'm ònrachd, 

'Smi 'caoineadh an lurain, 
Tha mi uime ro bhrònach ; 

O 'n a chaidh thu 's an tulaich, 
'S am bheil tuille do d' sheòrsa, 

Gur h-e sgeula mo dhunaich 
Nàch d' f huirich thu, Dhòmhnuill. 

'S gur h-oil Ieam a thachair, 
Gu'n do ghlacadh cho òg thu, 

Leis an teachdaire dhàna, 
Gun chàirdeas do m' dhòruinn ; 

Thug a broilleach do mhàthar 
Thu, a ghràidh, gun chead còmhraicih ; 

O ! gur mis' th' air mo chràclh-lot, 
O 'n là chàireadh fo'n f hòid thu. 

Ormsa rug an fhras ghàbhaidh, 
'N uair a chàireadh air hòrd thu — ■ 

Ann ad bhradan geal lamh rium, 
Gun chàil ann ad chòmhradh ; 

Gur h-i Nollaig mo ghreadaidh 
A leag mi le dòrainn, 

O 'n là chuir iad thu sìnte 
Anns a' Chill, fo na fòidean. 

Bha mo chion air an leanabh 
A dh' fhàs gu ceanalta, mòdhar ; 

Riut a thogadh mo chridhe 
'N uair a thigeadh tu 'm chòdhail : 

'S tric a rinn mi riut mireag, 
Gu h-iollagach, ceòlmhor — 

Leam, a luaidh, gu'm bu mhilis 
Bhi gu minic ga d' phògadh. 



75 



Gu'm bi sud an t- sùil àluiun 
Bh 'aig mo phràpanach bòidheach — - 

Beul bu mbeachaire gàir' thu, 
Pòg mur f haile na 'n ròsan : 

O d' shàiltean gu d' mhullaeh, 
Bu leat urram na h-òigridh, 

'S na 'm faigheadh tu saoghal, 
Bu tu gaol na 'm ban òga. 

Butu m' abhull a's m' ùbhlan, 
'S bu tu m' ùr ros an gàradh, 

Bu tu mo chaineal 's mo shiàcar, 
Mo chruit chiùil 's m' aobhar ghaire- 

Bu tu m'aighear 's mo shùgradh, 
'S bu tu 'n ùr ghibht a chràidh mi, 

O 'n là chuir mi fo 'n ùir thu, 
Tha mi brùite fo 'm àirnean. 



Gur tric a' tigh'nn am aire 
A liuthad car a bha d' làmhau, 

Do lùth-chleasan beadrach, 
Ri cleasachd a's àbhachd ; 

'Nuair a dheanainn do ghlacadh, 
Gu t-altrum, o d' mhàthair, 

Bhiodh mo chridhe lan aiteis, 
'Bhi macnus ri m' ghràdh-sa. 

'S cha n'et 'f holachd, no t' uaisle, 
A ghluais thun an dàin mi, 

JS T o tlachd a bhi 'g innseadh 
Mu d' dhìslean, 's rau d' chàirdean ; 

Ach a thoileachadh m' inntmn 
Mai' chuimhneachan bàis ort — 

Los gu'm faicinn, a rùin ghil ! 
Do ghnùis mar 'an sgàthan. 

" C' uime tha mi cho gòrach 

*6 a bhi bi-ònach 'ga d'' thuireiidh, 



7o 



O 'n 's e 'n Ti is fearr còir ort 
Thug dhuit òrdugh air imeaohd, 

Dh'f hois na h-ùrach d'am buin thu, 
'S an duslaich o'n d' thàinig ; 

'S au t-anam gu rioghachd 
An Ti a thug fàs dha. 

Ged a tha mi 'n so 'làthair 
Ann an sgàile na feòla, 

Agus thusa gu sàbhailt' 
Còmh'l' ri h- Abr'am 's r'a chòisridh,- 

Tha mo dhùil anns an t-Slàn'ear 
Gu 'n tàr e sinn còmhladh, 

Chum cliù thoirtdo'n Ard-Righ 
Ann am Phàras na glòire. 

Tha mi nis 'an tiom sgur dhiot, 
O 'n a chuir mi thu còmhl' ri 
Do pheathraichean àluinn, 
'S do bhiàthair bha bòidheach ; 

Ach na'm faighinn-sa m'àileas 
O ghràsan na tròcair, 

13' e mo mhiann bhi riut sìnt9 
'N uair a chriouadh am fòid mi. 



ORAN AN IASGAIR, 

Hò mo bhàta laghach 

'S tu mo bhàta grinn, 
Hò mo bhàta laghach 

'S tu mo bhàta grinn, 
Hò mo bhàta laghach 

'S tu mo bhàta grinn, 
Mo bhàta boidheach, lurach 

'Thogadh taobh Loch-fìn'. 

'Sud a' chungaidh 'chàireadh 
'M bàta 'choisinn buaidh. 



77 

Dmim de'n leamhan ruighinn 
'N sàs 's an darach chruaidh, 

Fiùghanan, 'us ùrlar 
Sùghta, fallaÌD. buan, 

Giubhas glan na Lochluinn 
Fuaight' le copar ruadh. 

Hò mo bhàta, &c. 

B' àluinn air an tràigh i 

Mu'n deach' i air sàil' — 
A leagail cho bòidheach 

Air gach dòioh a'm b' àill, 
Urlar glan gun chaise — 

Saibhir, làn m'a bràigh' — 
Suighean dlùth ga dùnadh — 

Cuimir cruinn gu h-àrd. 

Hò mo bhàta, &c. 

B' àluinn i 'na h-uidheam 

Mach 's a' chalamh chiùin 
Fèathnan eun marsgàthan 

D'a croinn àrd 's d'a siùil, 
Eòin na mara aoibhinn, 

'S mar le farum ciùil, 
'G itealaich mu'n cuairt dhi 

'Cur an cèill a cliùth. 

Hò mo bhàta &c. 

Bu thogarach mo bhàta - 

'Mach air aghaidh cuaiu, 
'N uair thigeadh oirnu le caitein 
'A ghaoth sgaiteach. chruaidh ; 
'S ann an sin, air thoiseach, 
Choisneadh tusa buaidh, 
'G iarraidh suas ri fuaradh, 
'S cronan binn fo d' chluais. 

Hò mo bhàta, &c. 

'Nuair dh' èireadh i 'na meallaibh, 
'S thigeadh oirnn le gàir, 

F 



78 

Na cnapan àrda, geala, 

'S cìrein air am bàrr, 
'S tusa thilleadh uait 

Na stuaghnn ribeach, àrd, 
Rathad aca, 's agad, 

'S cha f hliuchadh tu clàr. 

Hò mo bhàta, &c. 

'N uair thigeadh i 'na grìosaich 

'Nuas o shliabh nam beann, 
Sìobaiu gheal' ag èiridh 

Suas mu bhàrr nan crann, 
'S tusa 'sin nach geilleadh ; 

Ach ga h-iarraidh gaun, 
'Shadadh i bho chèii' 

'N a caoirean dearg mu d' cheann. 
Hò mo bhàta, &c. 

Sud an tè nach diùltadh 

Tilleadh 'nuair a b' f heum ; 
'S tu 'thigeaclh le sìnteig^ 

'Nuair a dh'iarrainn fein, 
Do sheòl-cinn mu d' chluais — 

Mu'n cuairt bhiodh tus a'd' leum, 
€liathach eile fodhad, 

'S cuartag chruinn a' d' dhèigh. 
Hò mo bhàta, &c. 



rrinn. 



Fhad 's is maireann dòmhs' 

Mo bhàta boidheach, grin . 
'S fhad 's a chaomh'near slàu 

Na gillean gleusd 'tha innt', 
Ged a tha mo dhachaidh 

Air a chladach luìm 
Gheibh mi lòn, 'us slòr 

A grinneal gorm Loch-f ìn'. 

Hò mo bliàta &c. 

M. 



'0 



BROSNACHADH BHRUCE, O'N BHEURLA. 
Le A. ML 

'Threun' 's trìc le Wallace 'dh' fhuilingcreuchd! 
'S fo JBhruce chaidh dàn' gu àr nan euchd ! 
Nis iarraibh hàs am blàr nam beum, 

No buaidh gu treun 's an strìth ! 

So latha 'chruais — an uair tha là'ir ! 
Feuch feachd fo'n cruaidh air cluan an àir ! 
A' teachd le'n uaill gu buaireas blàir ! 

A dheanamh thràillean dhibh ! 



Cò thig do'n strìth neo dhileas, claou ? 
Cò dhlarradh uaigh ach cluan an raoin ? 
Cò strìochdadh sìos gu dìblidh, faoiu 

Air cùl nau daon-fhear clìth ? 

Cò 'n càs a rìgh, a riogh'chd 's a reachd, 
Bheir beum nan geur-laun treun an gleachd 
Gu buaidh a'm blàr no bàs 'na bheachd, 

An gaisgeach leanadh mi. 

Ar ti-uaighe 's teinn, ar n-ainneirt chruaidh, 
'S ar sliochd an sàs nan tràillibh truagh' ; 
O'r cuislibh tràight' air sgàth ar sluaigh, 
Thig saorsa bhuan le sìth ! 

Biodh uaibhrich sleuclidt' fo'r beuma bàis ; 
Fear ainneirt dh'eug 'n uair ghèilleas nàmh, 
Tha saorsa f hèin a'm beum 'ur làmh, 

'Ar n-aghaidh— buaidh no bàs san strìth ! 



COMHAIRLE DO NA GILLEAN OGA. 
Le A. Mac Cuarraìg. 

Horo Tain taobh rium f hin, 

A's na bi 'strith ri h-amaideachd, 



80 



Feumaidh umatkan uaisle Tì, 
'S gur goii't an cinn mar faigh iad e. 

Tionndaidh rium a's leugh a' chòir, 
Tha mise deonach teannadh riut, 

Mu's olc no math 'g am bi mo dhòigh 
Cha chluinn na h-eòlaich gearan uam. 
Horo Iain, &c. 

Cha'n iarr mi siùcar no Tì — 
Sròl no sìod' a cheannach dhomh, 

'Si obair mo dhà laimhe f hin 
Is cinntiche mi leanailt rium. 

Horo Iain, &c. 

Gabh thusa Iain a mhuir làn, 
Mar phàtaran s' cha'n aireach dhuit, 

Ge b' e cho f had sa thèid i 'n àird 
Gu'm faic thu'n tràigh an eal'achd ann, 
Horo Iain, &c. 

Sin mar bhitheas luchd na stràichd, 
Le'n curaichdean àrd 's le 'n cailleaguth, 

Ni 'm pòsadh bochd an toirt gu làr, 
Mar shneachda bàn na gaillinne. 

Horo lain, &c. 

An riomhadh 'cheannaicheas iad gu daor, 
An saoghal bheir e'n car asda, 

Bidh gùnn a's gùnn ga'n cur fa sgaoil, 
Gu h-aodach do na caileagan. 

Horo lain, &c. 

'N uair theid iad a mach gu fèill, 
Gur gann dhuit tè dhiubh aithneachadh, 

Gu'n searg iad mar ni ròs na gèig, 
Ri teas na grèin a dh' f hannaicheas. 

Horo Iain, &c. 

"An uaisle bhochd gun chas gun làmh," 
Tha'n dàn mar dh'f hàg an sean-fhacal, 



81 



"Cha chuir e salann air a' chàì," 
Bi t-fhaicill trà' mu'n lean i riut. 

Horo laiu, &c. 

An uaisle, 'bhochdainn, a's an spòrs, 
Nan triùir a chòir na h-amaideachd, 

Ma gheibh a cheathrar ud ort còir 
Gur mairg bean òg a leanas riut, 

Horo'lain, &c. 

'Nuair thig am bothan le 'chraos cam, 
Am màl, 'sa' chlann, 's a' cheannachd ort, 

Bu taitneach dhuit a bhean 'san àm siu 
'Thairneadh ceann an amuill dhuit. 

Horo Iain, &c. 

Bu mhath do bhean a bhi gun spòrs, 
G un mhoit, na pròis, na, h-eallaich oirr', 

Ma bhitheas an t-airgiod pailt na pòc' 
Tha h-uile glòir a leanailt ris. 

Horo lain, &c. 

An deise mharcachd gun an t-each, 
Co àrd nam beachd 's co amaideach, 

Cha'n ioghnadh cogadh agus plàigh 
Bhi anns gach àit an tachair iad. 

Horo Iain, &c. 

Na ruffles gun sgillinn 'sa phòchd', 
Na brògan 's linnigh anairt annt ; 

'Toirt iasad à sgiath gach eòin, 
'Se 'n dòigh am faod thu 'n aithneacliadh. 
Horo Iain, &c, 

Tha 'n dreòlan donn ann as na h-eòin, 
An iolair mhòr 's an eala ann — 

Tha 'n sgiathan fèin a rèir gach seòrs' 
A leum 's an dòigh am maith dhoibh e. 
Horo lain, &c. 

Tha thus' a's mise 'rèir a chèil'-— 
Ar n-òr, ar sprèidh, 'sar seanairean ; 



82 



'S mu gheibh mi each a ruith na rèis 
Cho luath riut fèin, riach lean mi ris. 
Horo Iain, &c. 

Do 'n uaisle cha tugainn beum 

Na h-àite fèin, 's cha teannain ris — 

Cha chliù, 's cha ghliocas dh'f hear gun spreidh 
Bhi fòirneadh tè a dh'aindeòin diubh. 
Horo Iain, &c. 



DO BHATA THIGHEARNA CHOLA. 
Le Iain Mac Ghilleain. 

Cha dean mi 'n diugh fàilte 

Ris a' bhàta so 'tighinn, 
Bho nach bitheadh mo ghràdh oirr' — 

Fear àrd a' chuil bhuidhe : 
'Sin an tighearna dùchadh 

Chuireadh sunnd air mo chridhe, 
'N uair a bhiodh e 'ga stiùradh, 

An àm na siùil a chur rithe. 

An àm na siùil a chur rithe, 

Bhiodh e 'na shuidhe 'ga stiùradh, — 
'S e b' urrainn a seòladh 

Gu còrsa na dùchadh : 
B' e sin sgìobair a' bhàta, 

'S i air bhàrr nan tonn dù-ghlas, 
Gu gleidheadh an f huaraidh 

'8 i 'ruith suas ah* gach sùgh dhiubh. 

'S i 'ruith suas air gach sùgh dhiubh, 
'S gu'm bu shunndach a h-astar, — 

'N uair a rachadh i 'n òrdugh, 
Le còrcaich mar acfhuinn ; 

Steigh a's cupail mhath, làidir, 
Deadh chàbnil a's acair, — 



'S iad a' tarruinn nam balì sinn, 
'S fir air ceann gach aon slaito. 

Fir air ceann gach aon slaite, 

An uair a phaisgte 'cuid aodaich,«» 
An àm an caladh sin fhàgaii, 

Bhiodh iad-san ga sgaoileadh — 
'N uair a thogadh i 'sgiathan 

Bhiodh a cliathach. ri saothair, — 
Cha bhi 'n sgiobar fo chùram 

Ged a lùb e 'croinn chaola. 

'S e gu'n lùbadh croinn chaola, 

'S a bheireadh aodach bho 'slatan ; 
Bu leis urram a stiùraidh 

Gu gleidheadh cùrsa mar chaiptein : 
'N àm dha suidhe 'na chèabain, 

'S a thàirneadh e 'chairt ann — 
Bha e eòlach 's gach àite 

'S an d' thigeadh bàta gu h-acair. 

Cha 'n 'eil àite an d' thèid acair, 

Ann an caladh n'am beaigh, 
Nach fhaic e mu choinneamh 

Glan, soilleir, 's nach leur dha : 
'S tu bheireadh i sàbhailt' 

Thar bàrr nan tonn beucail — 
'N uair a thig a' mhuir ghàbhaicìh, 

Bhiodh do làmh 's a' chrann chèilidh. 

Bhiocm do làmh 's a' chrann chèìlidh, 

Bu mhòr t' f heum air 's an àm sinn ; 
'S i dh' f halbhadh gu siùbhlach, 

'S an riof cùil a bhi teann innt' 
Bho ghuallainn gu sliasaid, 

'N uair a dh'ihiaradh tu'n ceann i, 
? S deas a thig i mu'n cuairt duit 

Ann am fuar shi'uth nam beann ud. 

Ann am fuar shruth nam beann sin, 
Ged bhiodh grearm air gach Mnne, — 



8i 



Na'n gleidheadh i 'n criù dhuit 

Cha b' f hiù leat a tilleadh ; 
Ruith choip air gach bòrd dhi 

'S tu 'toirt òi duigh' do d' ghilìean— 
'S i ghluaiseadh gu meamnach, 

'S i 'cur fairge fo 'slinnein. 

'S i 'cur fairge fo 'slinnein, 

Gu mireagach, bòidheach ; 
'N uair a gheibheadh i h aodach 

Bhiodh i aotram. gun mhòrchuis,— 
Bhiodh a toiseach 'sa gualla 

Ri bualadh nam bòc-thonn ; 
'S i gu'n sgoilteadh o chèile 

Gach aon diubh leumadh 'na còdhail. 

À h-aon diubh 'leumadh 'na còdhail 

Bhioclh i 'n connsachadh cruaidh rith', 
"S i gu h-àrdanach, aotram 

'N uair a dh'èireadh i suas orr'; 
Gu'm bu bhinn leis an crònan 

A bhiodh ri bòrdaibh a fuaraidhj 
'S i gu'n gearradh le sèirein 

'S iad ag èiridh le nuallan. 

'S iad ag èiridh le nuallan, 

Ann sa chuan a bhiodh fìadhaich, 
Far an deanadh iad dùsgadh, 

Bho 'n ghrùnnd a bhiodh iargalt, 
Anns na sruithean bu làdir', 

Ged 'bhiodh bàilin gun chiall ann 
Ga'n deanadh i fhàgail 

Gach bàt' thèid g'a feuchainn. 

Cha deach' bàta g'a feuchainn 

A dheanadh oirr' buidhinn, 
'N uair a theid i le h-àlach, 

Na h-àsuig fo uidheam — 
'N uair a sgaoileadh i 'cleòca, 

'S a bhiodh a sgòid^ ann an ruigheadh, 
'S i dh' iarradh gach *seòladh, 

'S gu'n i còmhnard 'na suidhe. 



Gun i còmhnard 'na suidhe, 

'Si-ri guidhe na gaoithe, 
'JN" uair a bhiodh i gu fulang, 

Air a h-uilinn ri gaoirich ; 
'S iad a b' f hiach. thar gach duine, 

Fhaotainn urram nan saoraibh, 
A rirm a suas i cho ciatach 

'S nach liatli leis an aois i. 

Cha liathar le h-aois i, 

'S cha chaochail i coltas, — 
Bu mhath leagadh na fiubhaidh 

Bha na h- urlar cho socrach : 
Am fear a rinn as a h-ùr i, 

'S a dhlùth i le 'locair, 
Cha robh sgar dhith guu sùgh air — 

Leig e bùird thar a lotaibh. 

Leig e bùird thar a lotaibh 

Mu'n deanadh postadh e fhaotaiim, 
Anns na cuartagan dù-ghlas, 

'Thig le bùirein m'a h-aodan ; 
Aig feothas a dlùthaidh 

Bheir i cliù do na saoraibh — 
Ged a bhiodh i 'muigh ràithe 

Cha tèid làmh 'na piob-thaosgaidh. 

Cha tèid làmh 'na pìob-thaosgaidh 

Bho 'n tha saorsainneachd ghasd' oi; 
Cha 'n 'eil calp innt' gun lann air, 

Mu'n ceann air a chalcadh — 
Gach reang 'bha 'na cliathaich 

Ris a' bheul air a sgathadh, 
? S math a shnaidh e le thàl i, 

Ann an tàthadh a saithean. 

'S ro mhath thàthadh a saithean, 
'S i gun athadh do chyantan, — 

Deadh ghreim aic' 's an t-sàile 
E'adar shàil asrus srhuallann : 



8Q 

Tha gach maido 's an iùbhraich 
Cho cumta mu'n cuairt di 

'S ged a bhiodh i 'ga tionndadh 
Oar ùin' a'm beairt tuairneir. 



DUIL RI BAILECHAOLAIS FHATCINN, 
Air a' cheud là do'n Fhogharadh, 1856. 

Le Iain Camshron. 

Air — "Johnny stays long at the Fair." 

L U I NN E A G : 

O chi ! chi mi na mòr-bheannaibh ; 
chi ! chi mi na còr-bheannaibh ; 
chi ! chi mi na coireachan — 
Chi mi na sgoraibh fo cheò, 

Chi mi gun dàil an t-àit' 's an d' rugadh mi, 
Cuirear orm fàilt' 's a' chainnt a thuigeas mi ; 
Gheibh mi ann aoidh a's gràdh 'n uair ruigeam 
Nach reicinn air thunnachan òir. 

chi ! chi, &c. 

Chi mi a' ghrian an liath nam flaitheanas, 
Chi mi 's an iar a ciar 'n uair luidheas i ; 
Cha'n ionnan 's mar tha i ghnàth 's a' bhaile so 
'N deatach a' falach a glòir. 

O chi ! chi, &c» 

Gheibh mi ann ceòl bho eòin na Duthaige, 
Ged a tha'n t-àm thar àm na cuthaige ; 
Tha smeòraichean ann is annsa guth leam 
Na pìok no fiodhal mar cheòl. 

r O chi ! chi, &c 

r-lheibh mi le liontan iasgach sgadain ann— 
Gheibh mi le iarraidh bric a's bradain ann ; 



87 

Na'm faighinn mo mhiann 's ann ann a sfcadainn, 
'S aun ann is f haid' bhithinn beò. 

O chi ! chi, &c. 

Chi mi ann coilltean, chi mi ann doireachan, 
Chi mi ann màghan bàn is torraiche, 
Chi mi na fèidh air làr nan coireachan, 
Falaicht' an trusgan do cheò. 

O chi ! chi, &c. 

Beanntaichean àrd is àilidh leachdainean, 

Sluagh ann an cùir is còire cleachdainean, 

'S aotrani mo cheum a' leum g'am faicinn, 

A's fanaidh mi tachdan le deòin. 

O chi ! chi, &c. 

Fàgaidh mi ùpraid, sùrd a's glagarsaich, 
Dh' f hacinn na tìr an cluinnt' a chagarsaich, 
Fàgaidh mi cùirtean dùinte, salach, 

A dh'amharc air gleannaibh nam bò. 

chi ! chi, &c. 

Fàilt' ab? na gorm mheallaibh, tholmach thullachnach, 
Fàilt' air na corr-bheanua mhòra, mhullanach, 
Fàilt' air na coillteau, fàilt' air na h-uile, 
! 's sona bhi 'fuireach 'n an còir. 

chi ! chi, &c. 



RANN DO'N RATHAD IARUINN, 
Anns am bheil an t-Inneal tarruinn air a choimeas ri Each. 
Leis an aon cheudna. 

Fonn — " Beinnibheis. " 

Bha mi 'n dè leis an Each-iaruinn, 
'S gu dearbh cha 'n iarrainn rithisd 'f haicinn ; 

Chuir e orm a leith'd do dh' f huathas 
'S gu'm bi uamhas orm car seachduin- : 

'Leithid cha 'n f hacas 's cha chualas 
A bhi 'gluasad air fòid Bhreatuinn, — 

Tubaisd air an tìr rinn 'àrach 
Ged b' ann 's a' Ghàidhealtachd a bheirt' e. 



83 

'S cinnteach mi gur beag a chaoimhneas, 
'S gur iomadh sgaoim a tha e 'gabhaiì — 

'S nach seachnadh e, ged b' e 'm pàisde 
Bhiodh a' màgran air an rathad : 

'S mairg a gheibheadh breab d'a shàiltean 
Ged robh stàilinn air a bhathais ; 

'S ann bhi 'labhairt air 'n a luathas, 
Tha e luath ged 's ann air 'athais. 

Cha ruig e leas ach tearc a bhiathadh, 
A's cha ghabh e siol no còclach : 

Cha chrom e 'cheann 's cha ehuir e beul 
Ged robh e 'dol roimh fheur 'sroimh fhìlach : 

Ma gheibh e deoch an dràsd 'sa rithisd, 
'S mulchdan dubha 'chur 'na sgròbau — 

Ni leth choltach ris a' ghual 
A chuir air fuadach uaiun a' mhòine. 

Cha 'n iarr e cuinng a chur m'a mhuineal— 
Cha 'n iarr e drumanach no sìnteach ; 

Cha 'n iarr e srian, uo taocl g'a stiùradh, 
'S cha 'n 'eil cùram 'na dhol dìreach : 

Cha deachaidh briogais riamh m'a mhàsan- 
Amullan cha bhiodh e 'strì riu ; 

Earball fein nach d' f hàilnich riamh, 
A's slabhraidh iaruinn, na tha dhi air. 

'N uair a chuirear anns a' bheairt e, 
Fanaidh e car tacain sàmhach, 

Gus an labhair am fear-iùil ris, 
'Th'air a chùlLhaobh 's c 's an àinicli — 

'Anail fein aige g'a mùchadh, 
Gus am bheil a bhrù cho làn di, 

'S i a' spùtadh mach troimh 'chliiasan, 
'Chor 's gur h-uamhas a bhi ìàmh ris. 

'N uair bhitheas gach ni an òrdugh — ■ 
'N sluagh 'n an cròi'leanan 's na feunaibh — 

Beanaidh 'n t-iùil-fhear ris 'sa' chruachan, 
'Sa thiota' gluaisidh 'n cruidh-each, steudach : 

'S ann an sin a bhios an ùspairn, 
Air a ghlùinean 's air a shlèisdean — 



Meud an lòid a tha e 'slaodadh, 
Cò a shaoileadh leis gu 'n tèid e ? 

Ach ged 'chuireas'e seal spàirn air 
Clia 'n e 'nàdur chaoidh gu'n gèill e ; 

Gluaisidh e na lùithean làidir, 
Ritheach, cràcach, cnàmhach,, fèitheach : 

Meud na spàirn a' cur na smùid deth — 
'Ànail brùchdaidh e 's na speuran, 

A's bheir e sitir as cho cruaidh 
'S gur cùis-uamhais do neach èisdeachd. 

'S 'nuair a thèid e ann a shiubhal 
'Anail puthaidh e 's na speuran — 

Uair cho dubh ri deathach àmhuinn, 
'S uair mar cheò a' Mhàigh air slèibhtean : 

Bheir e sitir as a rithisd, 
'S ciod an sin a chuireadh èis air ? 

Mar a luath's is amhluidh 'spionnadh — 
Gur cùis iongantais gu lèir e ! 

'S ann an sin a bhios am fuathas, 
Toirm nan rothan, fuaim nam feunaibh ! 

Ciod air thalamh 'tha cho luath ris — 
Ciod 'sa' chuan, no anns na speuran ? 

Stoirm a' Mhàirt cha chum air sealladh' 
Gaoth no doinnionn cha chuir èis air ; 

Mar 'eil an dealanach na h-aon ann, 
Ciod 'san t-saoghal 'chuireadh rèis ris? 

Clii thu craobhan, chi thu coilltean — 
Chi thu aibhnichean a' trèigsinn ; 

Chi thu achaidhean a's raointean — 
Chi thu aonaichean a's sleibhtean ; 

Chi thu bailtean ann am plathadh — 
Arnhuil gealach ri h-àm sèididh ; 

Thu 'dol seachad orr' cho luath a's 
Gur a bruadar dhuit gu lèir e. 

'S coingeis leis ciod e an rathad 
Ni e ghabhail leis na feunaibh ; 

Oir cumaidh e a ghabhail dìreach, 
'S cha 'n 'eil ni a chuireas èis air : 



90 

Cha chuir càthar, cha chuir mòinteach — 
Cha chuir lòintean air-san èigin— 

Cha bhac aTbhnichean a chùrsa, 
'S cha 'n 'eil cùram dha gu'n geiil e. 

Uair a tolladh troimh na bruachaa, 
E 'gan spuacadh bho a cht-ile ; 

Uair fodha, 's uair an uachdar — 
Uair a' dol troimh chruaidh nan slèibhtean — 

Uair a' dian ruith shios fo'n talamh — 
Uair 's an athar tha e 'g èiridh ; 

Uair a' tolladh fo na tighean — 
'S uair thar bhailtean tha e 'leumnaich. 

'N uair bhios e 'dol troimh na creagau, 
Gur cùis eagail thar gach ni e ; 

Toirai mar sgàirneach o'n Cheum èigin,* 
'S tuil a' reubadh chreag 'n am mìrean : 

Mar chomhthional nan tàirneanach, 
Oidhche ghàbhaidh 'n Gleanna-Comhunn ; 

Na sradan drisleach thig o 'ehruidhean 
Mar sholus iùil dha fèin gu'm foghainti. 

'N uair a chaillear e 's na beanntan, : 
Cluinnear sluagh a' cairmt r'a chèile : — 

" 'Saoil an tig e tuille 'n uachdar ? 
Mo thi-uaigh' an sluagh a th'anns na feimaibh ! " 

Ach togaidh e a cheann bho 'n tcdamh, 
'Scrathaidh e dheth sal nan slèibhtean ; 

Amhluidh sgarbh am measg nan tonnan, 
'S coingeis doinnean no muir reidh leis. 

'S 'n uair a thig e dlùth do bhaite 
Bheir e sgail as a bhios oillteil ; 

'S cinnteach mi gu bheil e pàiteach, 
'N dèigh a rànaich a'« a sgaoimrich ; 

'S cuirear strup cho garbh ri duiae, 
'Sios 'na shlugan, mar shruth aibluae ; 

* " Ceuni-èigin." beinn ann an Gleann-Comhimn a 
th'air caitheadh le sgriodan, gus am bbeil i air fàs cho 
tana 's gu'm faodar a marcaoh-d— cha 'n 'eii'dèigh eile air 
faotainn eachad. 



91 

Olaidh e an sm a shàth dheth, 
'S cha bheag an làn a tha 'n a bhròin deth. 

E 'na shruthain dhearga, f haluis, 
Ach cha 'n aithnich duine sgìos air — 

Leumaidh 'n t' iùil-fhear air g'a mharcachd, 
'S bad do dh' aseairt aig' ga shlìogadh : 

E cho ciùin ri bò a'm buaile 
'N dèigh na chuala tu mu dhèighinn : 

'S mar h-e so an Lebhiàtan, 
Thoir an t-ainm is àill leat fèin air. 



LUINNEAG DO ARTT MAC LACHLUINN. 
Leis an aon cheudna, 

01 a h-aon, a's òl a tiha dhiubh — 
Olaibh, 's tràighibh i gu 'giuimd — 

Slàint' an Lachlunnaich, an t-àrmunn, 
Air an èirich dàin le sunnd. 

Olaibh i le còrnaibh làna, 

Deoch is làidire na liunn ; 
Caochan smearail, cruaidh bho 'n Tòiseach, 

'S tric fo chròic a thug e dhuinn. 

la h-aon, &c. 

Gur a tlachdmhor e mu bhòrdaibh, 
'N uair bhios daoine còire ciuinn — 

Dream d'an aithne cainnt gun fhòtas 
Gheibh iad 'òrain agus 'f huinn. 

01 a h-aon, &c, 

Gur h-e fèin is gèire focail. 

'S gur rnaith 'eachdraidh air na suinn : 
Sloinnidh e fir threuna Lachluinn 

Cian air ais gu làithean Fhinn. 

01 a h-aon, &c. 



92 



Tha e urramach aig Gàidheil, 

'S aig na Goill ro àrd an cùirfc ; 
Tha e caoimhneil, tha e bàigheiì, 

'S tha e àbhachdach mu bhùird. , 

01 a h-aon, &c. 

'N uair a thèid e ann a èideadh, 
Ann a fhèileadh preasach, grinn ; 

Pearsa ghaisgeil, bheothail, lòdail, 
Calpa mòdhar, bòidheach, cruinn. 

01 ah-aon, &c. 

Aghaidh 's flathaile fo bhoineid — 
Boineid leathann, bhileach, chruinn ; 

'S colgarra a ghorm shùil mheallach, 
Fo 'àrd mhallaidh, mholaich, chruim. 

01 a h-aon, &c. 

Gur a Gàidheal e gu 'mhullach, 
'S e gun uireasbhuidh gu 'bhuinn ; 

Ach 's e 'chridhe mòr mar Ghàidheal 
Chumas 'ainm gu bràth air chuimhn'. 

01 a h-aon, &c. 

'N uair a chruinnichear gu fearra-ghleus 
Maithean Albainn air blàir luim, 

A measg Dhiùcan agus Mharcas 
Bidh Mac Lachluinn ann an suim. 

01 a h-aon, &c 

'S gu mu buan a mheal e 'n t-urram — 

Olaibh buileach i g'a grunnd — 
Slàint' an Lachlunnaich, an t-àrmunn, 

Air an èirich dàin le sunnd. 



— ^c^^s^c;o^ — 



CRIOCH.