Skip to main content

Full text of "The great question answered, or, Freagradh na ceiste moire, ciod a ni mi chum bhi tearuinte? : 'na dha earrainn"

See other formats


Digitized  by  the  Internet  Archive 
in  2013 


http://archive.org/details/greatquestionans1810edin 


THE 

GREAT  QUESTION  ANSWERED 

OR, 

FREAGRADH 

NA 

C  E  I  S  T  E      MOIRE, 

Ciod  a  ni  mi  chnm  bhi  tearuinte  ? 


'NA  DHA  EARRAINN. 


A'  CHEUD  EARRANN. 

Agut  aìr  dha  an  tahhairt  amach,  duhhairt  e,  a  Mhaightirean4 
ciod  is  coir  dhomh  a  dheanamh  chum  gu  tearnar  mi  ?  Agus 
dubhairt  iadsan,  Creid  ans  an  Tighearn  Iesa  Criosdf  agus 
tearnar  thu.     Gniomh.  xvi.  30,  31. 

IS  muladach  an  sgeul,  ach  is  fior,  gur  lionmhor  iad  anns  an 
dùthaich  Chriosdaidh  so,  a  ta  aineolach  air  slighe  na 
slàinte.  Is  ni  soilleir  e  nach  'eil  cùram  sam  bith  orra  mu 
Staid  shiorruidh  an  anama  ;  ceart  mar  nach  biodh  iad  an 
cunthart  dòrainn,  mar  nach  cluinneadh  iad  riamh  iomradh 
air  Slàinte,  no  mar  nach  b'  e  an  gnothachs'  e.  Cha  n  e  gur 
muinntir  gun  ghèire  gun  f  hoghlum  amhàin  a  ta  gun  chùram 
mu  'n  chùis  so  j  ach  daoinstuigseach  geurchuiseach  ann  an 
gnothaichibh  an  t  saoghail,  tha  iad  ann  nithibh  spioradail 
gun  umhaill  gun  aithne  gun  iul.  Nam  biodh  iad  aineolach 
gun  chomas,  bhiodh  an  leisgeul  r'  a  ghabhail,  Ach  's  ann 
a  tha  iad  "  aineolach  d'  an  deoin,"  ag  radh  'n  an  cridhe  ri 
Dia,  "  Iinich  uainn,  oir  cha  n  àill  leinn  eolas  do  shlighean." 
Job  xxi.  14. 

Ach  tha  fianuis  air  taobh  an  Tighearna  ann  an  CogaisC^  ì 
gach  duine.  Cha  n  'eil  duine,  ciod  sam  bith  a  deir  e,  nach 
'eil  fiosrach  gur  peacach  e  fein,  an  cunthart  peanais,  an 
eismcil  maitheanais.  Ge  b'  aineolach  borb  fear  coimhead  a' 
phriosuin  ann  am  Philippi,  a'  sleuchdadh  do  iodholaibh  riamh 
o  'oige  j  gidheadh  an  uair  a  dh'  aithnich  se  e  fem  ioaann's 
(a)  Coinseas,  Comhfhios. 

A 


sm  glacaibh  an  Euig,  chnothnaich  gach  ball,  agus  dh'  èìgti 
e  cobhair.  Ma  bha  Geintileach  borb  anns  a'  chàs  ud,  is 
dòchadh  gu  bi  an  duine  sin  fuìdh  'n  f  haireacbdainn  cheudna, 
a  f huair  altrum  agus  oileadh  fuidh  oideas  (a)  an  t-DOÌsgeil! 
Duine  bàsmhor,  air  lughad  a  chùraim  àgus  air  doilTead 
'inntinn,  fannaichidh  a  chridhe  trath  dh'  aithnicliea&e  ceum 
trom  a'  bhàis  teann  air  a  thòir.  Mar  sin  agus  an  t-anacre-' 
ideach  air  meud  a  chruadail  agus  cruais  a  chridhe,  caillidh  e, 
mar  is  trice,  a  mhisneach,  'nuair  a  chi  e  am  Bàs  a'  teachd 
gun  athadh  'n  a  chòdhail. 

A  leughadoir,  feuch  nach  'eil  thusa  air  aon  de  'n  droing 
a  ta  gun  chùram  an  anama,  gun  chuimhne  air  Dia,  no  air 
bàs,  no  air  breitheamhnas,  no  air  an  t-Saoghalri  teachd. 
Feuch  nach  e  fàth  do  smuairein,  mar  is  ro  thrice,  ciod  a  dh'i 
theas  tu,  agus  a  dh'  òlas  tu,  agus  a  chuireas  tu  umad.  Tha 
am  Phillippach  borb  ud  'g  ad  dbìteadh  j  tha  a'  chainnt  a 
labhair  e,  agus  e  fuidh  amhluadh  inntinn,  a'  toirt  fianuis  'n 
ad  aghaidh. 

Nam  biodh  tu  mar  ainmhidìican  an  t  sleibh,  gun  saothair 
gun  mhathas,  ach  itheadh  agus  òl  agus  mireadh,  car  beagan 
bhliadbnachan,  agus  an  sin  dol  fo  '»  fhòid  ;  bu  cheart  duit 
gach  cùram  a  leigeil  dhiot,  ach  cia  mar  thoilicheadh  tu  do 
mhiann  's  an  am.  Ach  ch-a  n-ionann  gnè  do  'n  duine  agus 
do  chreutoiribh  eile.  Ann  ad  phearsa  tha  bàsmhorachd  agus 
neobhàsmhorachd,  duslach  na  talmhainn  agus  anail  an  Uilcc- 
humhachdaich,  cocheangailte  r'  a  cheile.  Cha  n  'eil  'n  ad 
aimsir  air  talamh  ach  toiseach  do  reimheis,  mar  gu  biodh  tu 
snàmh  thar  caoìas  mara  gu  traigh  na  bibhuantachd.  Tha 
thu  a'  togail  thighean,  a'  comhachadh  fearainn,  a'  beathach- 
adh  threudy  agus  a'  deanamh  d'  àite  comhnuidh  'n  a  thuin- 
eachas  buan  ;  agus  gidheadh  cha  tuineachas  buan  duit  e. 
Tha  do  chridhe  a'  dlù  leantuinn  ris  na  nithibh  talmhaidh 
sin  ;  ach  cha  chuibhrionn  iomchuidh  dhuit  iad.  Is  gearr  gu 
ruig  an  t-àm  anns  nach  faicear  iad  ni's  mò.  Ach  ortsa  cha 
tig  crioch.  Chi  do  shùil  an  domhann  mu  'n  iadh  grian  a' 
dol  'n  a  smàl  ;  ach  mairidh  tusa  'nadhèigh,  agus  seasaidh  tu 
an  làthair  Mhic  an  duine,  aig  a  theachd  chum  breith.  Nach 
feumail  leat  smuaineachadb  gu  toigheach  air  na  nithibh  sin^ 
aguà  nach  rmlhich  a  dheanarnh  ? 

Is  creutoir   neo  bh^smor  thu,    do  'n    èìgin  freagairt  do  'n 

Dia  a  cbruthaich   *hu  atr   son  d'   uile  dheanadais.     Tha  do 

Chogaìs  ag  covnhdachadii    so  ort,  gach  uair  a  dh'  eisdeas  tu 

.xithe  3  ge  bu  bhuidhe  leà^  gu  tric,  i  bhi  'n  a  tosd.  Aeh  ged 

(a)  Tne-agasg. 


tba  so  naar  a  tba,  gidheadh  cha  bhiodh  adhbbar  eagaiì  mar 
bhiodh  gu  do  pheacaich  thu  an  aghaidh  do  Cruthadair.  Cha 
n  'eil  adhbhar  eagail  aìg  an  di-chiontach  roimh  Cheartas  Dè. 
Cha  chuireadh  mòd  no  breitheamhnas  fìamh  ort,  nam  biodh 
tu  gun  lochd.  Ach  tha  thu«a  'n  ad  pheacach,  'n  ad  ghèig 
chrìonaich  o  chrann  truaillidh.  Bhuilich  Dia,  ann  am 
fialachd  a  chridhe,  na  h-uile  maith  a  dh'  fheudar  luaidh  air 
a  chreutoiribh  \  agus  cha  d'  iarr  e,  'n  a  eiric  sin,  ach  an  rùn 
a^us  an  gràdh.  Ach  's  ann  a  dh'  ioc  sinne  olc  dha  an  eiric 
maith.  Tha  do  Choguis  a'  toirt  fianuis  gur  e  sin  a  rinn 
thusa  j  gur  dualach  dhuit  an  t-olc,  agus  gu  bheil  dò  chridhe 
ag  aomadh  o  Dhia. 

Ach  ged  chanar  peacach   riut,   gidheadh  nam  b'  e  gu  d<* 
thuit  thu  anns  a"1  pheacadh  troimh  chruaidh  fhortan  as  eugmhais 
do  choire*  dh'  fheudadh   tu  earbsadh  gu  deanadh   D.a  uile- 
chothromach  do  tbeasaiygin  as  a'  chruaidh-chàs  nach  b'   ur- 
rainn  thu  fein  a  sheachnadh.     Ach  cha'n-ann  mar  sin  a  ta  a' 
chùis.     Ged  their   thu  gu  d'  thainig  am  peacadh  asteach  do 
'n  t-saoghal  le  Adhamh,  agus  ged  shaoil  thu  gu  gabh  so  do 
leithsgeuls'  ,    gidheadh   tha  do  Chogais  a'  toirt  fianuis   gur 
ann  mar  a  ta  thu  is  àill  leat  a  bhith,  agus  gur  e  am  peacadh 
do  roghainn  fein.     Their  thu  gu  do  lean  am  peacadh  riut  o 
do  shinnsiribh,  agus  nach  e  do  choire  feih  e.     Ach   ma  tha 
thu  gun  choire,  cVime  bhios  do  Chogais  'g  ad  dhiteadh  air 
son  a'  pheacaidh  tuille  na  air  son  galair  's  an  fheoil  a  leanadh 
riut  o  d'shinnsiribh  ?       C'uime  nach   saor  thu  duin'  eile  o 
choire  air  an  adhbhar  cheudna,  an  uair  a  chiontaicheas  e  'n 
ad  aghaidh  fein  ?     Ma  ni  do  choimhearsnach  eucoir  ort,  cha 
ghabh  thu  a  leisgeul  air  son  gu  d'  rugadh  e  le  droch  chridhe 
'n  a  chom,   agus  nach  b'  urrainn  e  a  leasachadh.       As  do 
bheul   fein  bheirear  breth  ort.     Ma  tha  thu  neo-chomasach 
air  maith   a  dheanamh,   's  ann  a  chionn   gu   bheil  thu  mi- 
dheonach.   Cleas  an  t  seirbhisichneo-fhìreanaich  :  meallaidh 
e  a  mhaighstir,  agus  goididh  e  a  chuid  ',    agus  their  e  nach 
'eil  comas  aig  air,  gur  e  an  droch  chridhe  a's  coireach.    Cha 
mheasadh  tu  an  seirbhiseach  ud  neochiontach  ;    ni  mò  a 
mheasas  Dia  thusa  neochiontach.    Cha  n'eil  thu  gun  chomas 
air  ioma  ni  a's  àill  leat  \  ach  tha  thu  neo  thogarach  air  ioma 
ni  a  tha  'n  ad  chomas.     Is  miannach  leat  eolas ;  ach  cha 
n-iarr   thu  eolas  air  slighe  an  Tighearna.     Is  taitneach  leat 
comhladar  ;    ach  is  beag   ort  labjiairt  mu  nithibh  spioradail. 
Tha  thu  dèidheil  air  naidheachd  a  chluinntinn  ;  ach  an  sgeul 
a  dh'   aithris  na  h  aingle,  agus  a  chuir  Mac  Dhe'  an  cèill, 
cha  n  e  do  thlachd  bhi  'g  a  èisdeaehd.     Is  dearbh-shoilleir 
le  sin  gur  ann  as  a'  mhi  thoil  a  dh'  fhàs  am  mi  chomas. 

B      ' 


4 

V 

Arìs ;  ge  nach  b'  urrainn  thu  ràdh  gu  bheil  thu  saor  o 
ehoire  \  gidheadh  mur  biodh  anns  c?  pheacadh  ach  ni  suarach^ 
nach  b'  fhiach  e  a  gheur-rannsachadh  no  gu  b'  fhuras  a 
dhioladh  le  h-aithreachas,  le  deuraibh,  no  le  h-urnuigh  j  's 
ann  bu  lugha  d'adhbhar  eagail.  Ach  's  fhada  nach  ann  mar 
sin  a  tha  a'  chùis.  Nam  biodh  am  peacadh  'n  a  ni  co  suarach 
ann  am  beachd  an  Tighearna  's  a  ta  e  ann  am  barail  dhaoine, 
cionnas  a  labhradh  esan  mallachdan  co  uamhasach  'n  a 
aghaidh  ?  Am  mallaicheadh  e  a  chreutoirean  'n  am  bascaid 
agus  'n  an  stòr,  'n  an  luidhe  agus  'n  an  èiridh,  'n  an  dol 
amach  agus  'n  an  teachd  asteach,  'n  an  cuid  agus  'n  am 
pearsa,  'n  an  corp  agus  'n  an  anam,  air  son  ni  co  suarach  as 
nach  b'  f  hiu  e  ainmeachadh  ?  Nam  bu  ni  eatrom  faoin  am 
peacadh,  an  dìteadh  Athair  na  tròcair  an  cinneadh  daonna 
uile  air  a  shon,  'g  an  cur  fuidh  gach  truaighe  anns  a'  bheaiha 
so,  fuidh  'n  bhàs  aimsireil,  spioradail,  agus  siorruidh  ?  Gu 
h-àraidh,  cionnas  a  b'  èigin  gu  fuillingeadh  Mac  Dhe  ann  ar 
nadur,  mar  iobairt  reitich,  mus  am  biodh  am  pcacadh  air  a 
dhioladh  ? 

Ach  ma  tha  am  peacadh  co  ghràincil  do  'n  Tighearna, 
nach  eagalach  do  chor,  O  pheacair  ?  Ged  shruthadh  do 
shùil  a  là  agus  a  dh'  oidhche  •,  ged  bheireadh  tu  an  saoghal 
nam  bu  leat  e  ;  seadh,  ged  bheireadhtu  toradh  do  chuirp  an 
eiric  d'  anama  j  cha  bu  leor  eg'  ad  fhuasgladh.  Ged  bhiodh 
d'aithreachas  treibhdhireach,  agus  d'umhlachd  iomlan  arms 
na  tha  romhad,  cha  dioladh^in  air  son  do  chionta  anns  na 
chaidh  seachad.  Ged  is  aithreach  leat  gu  d'thug  thu  fiachan 
ort  fein,  agus  ged  nach  cuireadh  tu  tuille  riu  ;  cha  deanadh, 
sin  an  dioladh,  no  an  lughdachadh.  Nan  rachadh  bean 
phosda  air  seacharan  le  striopachas,  ciod  a'  chiata  ghabhadh 
a  fear  dhi,  ged  thigeadh  i,  an  deigh  a  glacadh,  ag  iarraidh 
rèite  ;  agus  cinnte  aigesan  gu  bheil  a  rùn  's  a  togradh  fathast 
a  dh'  ionnsuidh  a  leannain  ? — Ach  co  aca  dh'  aithrich  no 
nach  d'aithrich  thu  e,  is  cinnteaoh  gur  peacach  cailìte  thu. 
Feudaidh  daoine  barail  a  thoirt  air  a1  pheacadh  rèir  a  thoraidh 
an  leth  amuigh  ;  ach  tha  Dia  sealltuinn  air  a'  chridhe  an  lelh 
astigh.  Cba  chronaich  iadsan  ach  na  lochdan  a  ni  dochann 
do  dhaoinibh  'n  am  pearsa,  'n  an  cliu,  's  'n  am  maoin  \  ach 
amhaircidh  Dia  air  uile  ghràinealachd  a'  pheacaidh,  agus 
gach  toradh  searbh  a  chinneas  as  nis  agus  aris.  "  Tuig  uime 
sin  agus  faic,  gur  olc  agus  searbh  an  ni  gu  do  thrèìg  thu  an 
Tighearn  do  Dhia,  agus  nach  'eil  m'  eagalsa  annad,  deir  an 
Tighearn  Dia  nan  sluagh."  Jerem  ii.  19. 

Ged  tha  am  peacadh   'n  a  ni  ro  ghràineil  an  sealladh  do 


Chruthadair,  agus  ged  nach  'eil  e  an  comas  duitse  a  dhioìadh  ^ 
gidheadh  nam  b'urrainn  thu  seasamh  roimh  chumhachd  an 
Tighearna,  nam  b'urrainn  thu  dol  aso'làimh,  nonam  b'urrainn 
thu  a  chorruich  a  ghiulan  \  cha  bhiodh  do  mhi-chùram  'n  a 
chùisiongantais  co  mhòr.  Ach  cha  saoil  thu  fein  gur  urrainn 
thu  seasamh  roimh  neart  an  UUechumhachdaich.  'Nam  suidhe 
ri  cuirm  is  pòit,  maille  ri  cuideachd  gun  umhaill  mar  thu 
fein,bidhtutreun  'n  addhochas,  labhraidh  tuguh-uaibhreach, 
agus  maoidhidh  tu  gu  dàna  \  ach  cha  n  'eil  do  bhriathran 
ach  faoin.  Ma  bheanas  Dia  riut  le  'làimh,  dh'  f  halbh  do 
threoir,  thrèìg  do  mhisneach  thu  gu  tur  j  agus  an  dùraig 
thu  an  Ti  uilechumhachdach  so  a  bhrosnachadh  'n  ad  agh- 
aidh  ?  "  Ma  ruith  thu  leis  na  coisichibh,  agus  gu  do  sgìthichv 
iad  thu  ;  cionnas  a  ni  thu  stri  ris  na  h-eachaibh  ?  Jerem.  xii. 
5. — Co  bheag  as  sin  is  urrainn  thu  dol as  o  Uaimh.  Cia  an 
taobh  gus  an  teich  thu  ?  Nam  freagradh  na  creagan  do 
ghuidhe,  agus  na  beanntan  d'  achuinge,  agus  gu  tuiteadh  iad 
air  do  cheann,  is  beag  a  dheanadh  iad  d'f  holachadh  o  ghnuis 
an  Ti  a  ta  'n  a  shuidhe  air  a'  Chathair,  agus  o  f  heirg  an  Uain. 
Romhad  faraon  agus  'n  ad  dheigh,  chuairti'ch  Dia  thu,  agus 
leag  e  a  làmh  ort  air  gach  taobh  \  agus  c'àit  ma  seadh  an 
teich  thu  as  a  shealladh  ?  Nan  rachadh  tu  suas  air  Nearah, 
an  sin  chpinnicheadh  e  thu  gu  do  ruagadh  air  d'ais  •,  nan 
deanadh  tu  do  -leabaidh  ann  ifrinn,  an  sin  dheanadh  a 
dhioghaltas  greim  ort. 

'Si  an  aon  cheist  eile,  An  urrain  thu  corruich  an  Uilechum* 
hachdaich  a  ghiulan  ?  Ach  an  saoil  thu  gur  furas  duit  sin  a 
dheanamh  ?  'Nuair  a  chluinnear  peacaich  dhàna  bhorba  ri 
damnaìg,  agus  ag  guidhe  mhallachdan  air  an  corp  's  air  an 
anam  j-shaoileamaid  gu  bu  ni  eairom  leo  fearg  an  Tighearna, 
agus  nach  b'  eagal  doibh  a  giùlan  ;  mar  gu  biodh  iad  air 
deanamh  cumhnant  sìth  ris  a'  Bhàs,  aguscomhcheangail  rèite 
ri  h  Ifrionn.  Ach  an  uair  a  thuirlingeas  an  Tighearn  chuni 
breith,  agus  chura  dioghaltas  a  dheanamh  air  a  mhuinntir 
nach  do  ghabh  eolas  air,  agus  nach  robh  umhal  do  'n  t-Sois^eul, 
co  a  sheasas  ann  là  mòr  agus  uamhasach  sin  an  Tighearna  ? 
Am  bi  do  làmhan  làidir,  no  am  bi  do  chridhe  fulachdach,  's 
an  là  anns  am  buin  Dia  riut  a  rèir  do  ghniomhara  ? 

O  leughadoir,  co  sam  bith  thu,  smuainich  air  an  fheirg  a 
la  ri  teacìid.  Nam  bu  bheart  eucorach  a  dheantadh  ort,  is 
ann  a  b'  f husadh  dhuit  a  ghiùlan.  Ach  ma  's  dorainn  is 
cuidhrionn  duit,  bidh  do  Choguis  gu  siorruidh  ag  ràdh  amen9 
ri  bìnn  a'  Cheartais  a  rinn  do  dhìteadh.  Agus  nam  b'e 
am-hàin  Ceartas  Dè  a  bhiodh  'g  ad  dhheadb,  's  ann  a  b'-ea 


'ruime  d'  fhulangas  na  'nuair  a  bhios  a  Thròcair  cuìdeachd, 
air  an  d'  rinn  thu  tàir,  ag  eigheach  dioghaltais  a'  d'  aghaidh. 
M a  's  ann  gu  dòrainn  a  theid  thu,  c'à/t  am  bi  do  ehrannchur 
ach  raaiìle  ri  Gorasin  agus  Betsaida  ?  'Se  Maitheas  a  chuireas 
cruaidh  agus  faobhar  air  claidheamh  a'  Cheartais.  'Si  cor- 
ruich  an  duine  chiuin  chàoin  is  miosa  na  corruich  an  duine 
bhuirb  ainiochdmhoir.  Is  i  "  fearg  an  Uain"  is  uamhasaiche 
lia  boile  an  Leomhamn. 

Tairèis  duit  na  nithe  sin  a  chluinntinn  air  an  cur  an  cèill 
gu  soilleir,  uair  agus  uair  j  mar  do  bhean  iad  ri  do  chridhe, 
tiia  adhbhar  eagail  gu  bheil  Dia  'g  ad  thoirt  thairis  gu  cruas 
cridhe,  agus  gu  bheil  e  ag  ìabhairt  umad  ann  am  briathraibh 
an  Fhàidh,  "  Imich  chum  a  phobuill  so,  agus  abair,  Le 
tluinntinn  cluinnidh  sibh,  agus  cha  tuig  sibh  )  agus  le  faicinn 
chi  sibh,  agus  cha  n  aitbnich  sibh.  Oir  ta  cridhe  a'  phobuit 
so  air  fàs  reamhar,  agus  tha  iad  ag  cluinntinn  gu  trom  le  'n 
cluasaibh,  agus  chaog  iad  an  sùillean  j  air  eagal  gu  faiceadh 
sad  le  'n  Sùilibh,  agus  gu  clumneadh  iad  le  'n  cluasaibh,  agus 
§u  tuigeadh  iad  le'n  cridhe,  agus  gu  pilleadh  iad,  agus  gu 
slànuichinns'  iad."  Gnio.  xxxviii.  26,  27.  Anns  an  tsean 
aimsir,  an  uair  a  bheannaich  Dia  a  phobull  Israel  le  pailteas 
de  nithibh  aimsireii,  smachdaich  e  an  seachrana  le  peanas 
trom  aimsireil  *,  agus  nise  gu  do  bhuilich  e  air  daoinibh 
pailleas  de  shochairibh  spioradail ,  smachdaichidh  e  an  easaontas 
le  breitheanasaibh  trorna  spioradail. 

'  Ach  gun  fhios  nach  deonaich  an  Tighearn  duit  fathast 
cridhe  chum  eisdeachd,  cuiridh  mis'  an  cèili  duit  slighe  na 
slàinte,  agus  gun  slighe  ann  ach  a  h  aon.  Am  focal  a  thainig 
a  dh'  ionnsuidh  fear  coimhead  a'  phriosuin  ann  am  Phiìippi, 
thainig  am  focal  ceudna  thugads'  an  diu  j  "  oir  is  ann  mar 
s'm  a  ghradhaich  Dia  an  saoghal,  gu  d'  thug  e  aon  ghin  mhic 
fein,  chum  cia  b'e  neach  a  chreideas  ann,  nach  sgriosar  e, 
ach  gu  bi  a1  bheatha  shiorruidh  aige,"  Eoiniii.  16.  Chuir 
e  a  Mhac,  cha  n  ann  amhàin  g'  ar  seoladh  anns  an  t-slighe 
dhìrich  cheirt,  ach  gu  biodh  e  'n  a  iobairt  rèitich  air  son  a' 
pheacaidh.  Mar  sin  dh'  f  huiling  e  fuidh  làimh  dhaoine 
mirunach  ;  ach  a  thuilìe  air  sin,  b'i  toil  an  Tighearna  a 
bhruthadh  ;  chuir  e  fuidh  amhghar  e,  agus  rinn  p  'anam  'n 
a  iobairt  air  son  peacaidh,  Isai.  liii.  1Q.  Dh'  àithn  ^e  d'a 
chiaidheamh  dùsgadh  'n  a  aghaidh  ',  chum  trid  a  bhàis-san 
gu  nochdadh  e  tròcair  do  pheacaichibh  caillte.  Dh'  agair 
e  airsan  ar  peacaidhne,  agus  le  sin  thaisbein  e  a  cheartas,  chum 
gu  biodh  e  cothromach  an  uair  a  dh'  f  hireanaicheas  e  an 
duin'  a  chreideas  ann  an  Iosa.     'Si  so'  an  aon   iobairt  a  tha 


7 

fcattneach  do  Dhia.  Cha  robh  brìgh  ann  ara  ftiìl  tharbh  no 
ghabhar,  ach  mar  a  bha  iad  'n  an  samhladh  air  an  iobhairfe 
mhòir  iomlain  so.  Cha  n  èisd  Dia  ri  moladh  no  buidheachas 
no  urnuigh  o  bheul  peacaich,  ach  trid  fearta  na  h-iobairt  so. 
Cha  tig  e  dhuitse,  creutoir  truaillidh  ciontach,  a  shaoilsin  gu 
feud  thu  ceart  ehorruich  an  Tighearna  thionndadh  airfalbh, 
no  deadh-ghean  do  Shlanuighir  a  chosnadh,  le  do  dheanadas 
fein.  Ach  's  e  bhuineadh  dhuit  gach  dòchas  sam  biih  eile 
a  leigeil  dhiot,  agus  do  thaice  leigeil  ris  an  làn  dioladh  a  thug 
Criost  do  'n  Lagh  air  son  dhaoine  peacach.  Tha  cuireadh 
laidir  agad  teachd  a  dh'  ionnsuidh  Chriost,  ceart  mar  a  ta  thm 
"  Rinneadh  esan  'n  a  iobairt  peacaidh  air  ar  son,  g^d  nach 
b'aithne  dha  peacadh,  chum  gu  biomaid  air  ar  deanamh  'n 
ar  fìreantachd  Dhè  tridsan."  Thug  Dia  d'  a  sheirbhisich 
frithealadh  na  rèite  j  agus  tha  iadsan  'n  an  teachdairibh  air 
son  Chriost,  mar  gu  cui»eadh  Dia  impidh  leo-san,  tha  iad  ag 
guidheadh  ort,  as  uchd  Chriost,  bhi  rèidh  ri  Dia,  2  Cor.  v.  20, 

Tha  sochairean  an  t-Soisgeil,  maitheanas  agus  rèite,  sìth 
agus  slàinte,  air  an  ^amhluchadh  ri  cuirm  bainnse  a  dheas- 
aich  Righ  an  domhainn  air  son  a  Mhic.  Chuir  e  a  theach- 
dairean  #mach  gus  na  ròidibh  mòra  agus  na  gàrachaibh,  chum 
gach  aon,  co  sam  bith  e,  a  ghairm,  seadh  an  comh-èigneach- 
adh  gu  teachd  asteach.  Ach  a  thuiììe  air  so,  tha  an  Ti 
Uilechumhacbdach  ag  earail  agus  ag  àithneadh  dhuit,  mur 
àill  leat-dol  fuidh  dhòrainn  shiorruidh,  gabhail  ri  Iosa  Criost 
mar  a  ta  e  air  a  thairgseadh  dhuit  anns  an  t-Soisgeul.  Ma 
bhriseas  tu  an  Lagh,  ditear  thu  leisan  Lagh  5  ach  ma  dhiùltas 
tu  Criost,  agus  gu  buanaich  thu  mar  sin,  tachairidh  dhuit 
mar  a  thachair  do  'n  chrann  f  hige,  tuitidh  mallachd  an  Fhir- 
saoraidh  fein  air  do  cheann,  agus  gun  fhear-saoraidh  eile  ann 
gu  d'  theasairgin. 

Na  h-abair  annad  fein,  Nà  nithe  sin  uile  chreid  mi  o 
m'òige.  Maith  dh'  f heudtadh  gu  eual  thu  iad,  agus  gu  d* 
fhoghluira  thu  iad  o  d'  shinnsiribh.  Ach  cha  nionann  sin 
agus  an  creidsinn.  Shaoil  na  h-Indhaich  gu  do  chreid  iad 
Maois,  ach  chomhdaich  Criost  orra  gu  robh  iad  meallta  \ 
"  Nan  creideadh  sibh  Maois,ars'  esan,  chreideadh  sibh  mise? . 
oir  scriobh  e  mu  m'  thimchiolL"  Nàraichidh  creideamh  nan 
deamhan  do  chreideamh-sa  ;  tha  iadsan  ag  creidsinn  agus 
tha  iad  ag  crithneachadh  5  tha  tbusa,  ma  's  fior,  ag  creidsinn, 
agus  tha  thu  gu  samhach  socrach  ag  gabhail  gu  fois.-  Cha 
chreideamh  do  chreideamh  ;  cba  n'eil  ann  ach  creidearah 
marbh.  Nàn  creideadh  tu  do  rìreadh  an  Soisgeul,  leigeadh 
tu  dhiot  do  dhòchas  ann  ad  ghlioeas  agus  d'  ihireantachd 

B3 


fein  5  chuireadh  tvi  do  thoil  fein  air  chùi ;  dh'earbadh  tu 
d'anam  ri  saor  throcair  Dhè,  tre  thoillteanas  agus  feartaibh 
na  fola  a  dhòirteadh  air  a  chrann  cheusaidh  :  agus  leanadh  tu 
Criost  gu  deonach  togarach,  tre  urram  agus  easurram,  tre 
inhi  chliu  agus  dheadh  chliu.  Mar  creid  thu  deadh  iomradh 
an  t-Soisgeil,  ionnas  gu  bean  e  ri  do  chridhe,  gu  dùisg  e 
d'aigne,  agus  gu  cuir  e  d'inntinn  fuidh  ghluasad,  is  coma 
efod  an  creideas  a  bheir  thu  dha.  Cha  n'eil  do  chreideamh 
ach  u  marbh-  agus  e  lcis  fen  f?  Seum.  ii.  17.  cha  ii'eil  cuid 
no  cuidhrionn  agad  anns  an  t-saorsainn  a  dh'  oibrich  Criost  : 
tha  mallachd  Dhè  ullamh  gu  tuiteam  air  do  cheann. 

Ma  chuireas  ta  fathast  an  suarachas  cuireadh  an  t-Soisgeil*, 
nia  's  roghnaiche  leat  do  threabhachas,  no  do  cheannacbd, 
rio  ni  sam  bith  eile  ;  chi  thu  nach  'eil  cuidhrionn  agad  maillc 
li  muinntir  shaorta  an  Tighearna.  Gidheadh  biodh  fhios 
agad  nach-fàgar  tigh  na  cuirme  falamh  *,  cha  bhi  rioghachd 
Neimhe  gun  luchd  seilbhe  ;  cha  bhi  Criost  gun  duais  a 
shaothaire,  co  aca  thearnar  no  chaillear  thusa.  A'  chlach  a 
dhiùltadh  le  daoinibh,  's  i  fathast  clach-chinn  na  h-oisinn  u 
Thoir  fainear  ma  seadh,  gabh  comhairle,  agus  abair  ciod  i  do. 
feharail  mu'n  chùis. 


AN  DARA  EARRANN. 

NÀN'  cuireadh  neach  a'  cheist'  anns  a' cheann  teagaisg 
air  an  duin'  a's  gcire  air  talamh,  gun  eolas  an  t-Soisgeil  aige, 
cha  b'aithne  dha  a  fuasgladh.  Nart  cuirteadh  a'  cheist 
sheudna  air  na  daoinibh  glice  foghlumte  am  roeasg  nan 
cinneach  no  nan  Iudach,  anns  na  lìnnibh  a  dh'  fhalbh,  cha 
b'  urrainn  aon  duine  dhiubh  freagradh  thoirt  anns  am  biodh, 
seadh.  Agus  ri  ar  lìnn  fein,cha  n  f  haighear  aon  anacreideach,. 
air-  meud  'eolais  agus  air  feabhas  a  gheurchuis,  a  b*  urradh 
freagradh  ionchuidh  a  thabhairt  air  a'  cheist  so.  Gidheadh 
is.  ceist  i  a  thig  ann  aire  gach  neach,  mar  a  shaoileamaid,. 
uairegin  y  agus  is  èigin  a  fuasgladh,  neo.bhi  cailite  gu  sior- 
ruidh. 

A  leughadoir,  feudaidh  e  bith  gu  dosmuainich  thusacheana, 
air  av  cheist  mhòir  so.  Math  dh'  fheudtadh  gu  cual  thu. 
searmon  gheur,  no  focal  brìoghoro  bheul  caraid,  no  gu  d'rinn; 
am  bàs  briseadh  air  do  theaghlach,  no  gu  do  bhuail  làmh 
an  Tighearna  do  phearsa,  »0  do  chuid  •,  theagamh  gu  d'  rinn, 
ni  èigin  dhiubh  sin  do  dhusgadh.  Cha  n'eil  do  thlachd  nise 
Biar  b'àbhaist  ann  an  comhladar  agus  gnothuichibh  an  t- 
saoghail  5  agus  cha  mhò  na  sin  tha  do  thlachd.ann  an  coch- 


etnunn  an  Tighearna.  Leig  thu  dhiot  cuid  de  do  dhroch 
chleachdaibh,  agus  ghnàthaich  thu  cuid  de  dhleasanasaibh  na 
ciiadhaidhachd  j  ach  cha  d'f  huair  thu  fathast  sìth  do  d'anam. 
Is  cràiteach  leat  sealltainn  'n  ad  dhèigh  j  is  fuathasach  ]eat 
sealltainn  romhad.  Gach  uair  a  smuainicheas  tu  air„.an  Dìa 
tha  os  do  cheann,  fàgaidh  sin  thu  fo  bhuaireas.  Is  i  do  chainnt 
air  uairibh,  Mo  thruaighe  gu  d'  rugadh  mi  riamh  \  mo 
thruaighe  nach  cnuimheag  mi  anns  an  uir  \  b'f  hearr  dhomh 
bhi  marbh  na  ann.  Ach  is  maith  tha  fios  agad  gur  faoin  do 
dhùrachd.  Is  duine  thu  ;  is  dnine  beo  thu  ;  cha  n-urrainn 
thu  pilltinn  gu  neo  ni  ;  ach  is  duine  bàsmhor  thu  j  is  èigin 
dol  air  d'  aghaidh,  agus  seasamh  an  lathair  an  Tighearna  Dia 
uile  naoimh  agus  uiìe-chumhachdaich. 

Ma  tha  leithid  so  de  smuaintibh  ag  èirigh  gu  tric  ann  ad 
inntinn,  is  ionann  ceist  maoir  a'  phriosuin  agus  a'cheist  a  tha 
do  chridhe-sa  a'  feoraich',  "  Ciod  a  ni  mi  gu  bhi  tearuinte  ?" 
Tha:  freagradh  an  Abstoil  agad.  Bheireams'  oidhrip  air 
focal  no  dhà  a  ràdh  riut  mar  f hosgladh  alr  an  fhreagradh 
sin. 

Ma  tha  thu  a'  feoraich  ciod  a  ni  thu  chum  corruich  an 
Tighearna  thionndadh  air  falbh,  agus  thu  fein  a  thaisbean 
mar  neach  a  ta  airidh  air  tròcair  ;  ciod  an  deadh  obair  a  ni 
thu,  chum  gu  faigh  thu  còir  air  slàinte  mar  dhuais  do 
shaothaire  j  am  bheil  ni  sam  bith  mar  sin  a  dh'  fheudas  tu 
dheanamh  -7  Cha  n'eil  aon  ni.  Is  fior  gu  bheil  còir  air  slàinte 
r'  a  faotain,  agus  'n  a  lorg  sin  a  bheatha  shiorruidh,  mar 
dhuais  ;  ach  cha  n-ann  mar  luach~saoihaìre  air  son  aon  ni  a 
rinn  sinne,  no  a's  urradh  sin  a  dheanamh,  leinn  fein  no  le 
coghnamh  Dhia  j  's  e  th'  ann  duais  na  h-umhlachd  a  thug 
Criost  do  thoil  '  Athar  eadhon  gu  bàs.  Is  ann  o  shaor  ghean- 
maiih  an  Tighearna  gheibh  sinne  duais,  agus  is  ann  mar  sin 
is  eigin  a  gabhail.  "  Dhasan  a  ni  obair,  cha  n  ann  mar 
ghean-maith  a  mheasar  an  duais  ach  mar  f  hiachaibh.  Ach 
do  'n  ti  nach  dean  obair,  ach  a  ta  creidsinn  anns  an  ti  a  dh' 
f  hireanaieheas  an  duine  mi-dhiadhaidh,  measar  a  chreideamh 
mar  fhirean  tachd."  Rom.  iv.4,  5.  Esan  a  dh'  iarras 
cairdeas  Dè  a  chosnadh  le  'obair  feìn,  tha  e  saoilsin  gu  faigh 
e  a'  bheatha  mhaireannach  mar  thuarasdal,  no  mar  dhuais  a 
shaothaire  j  ach  esan  a  chreideas,  tha  e  gabhail  na  duaise  mar 
shaor  ghean-maith  gun  a  cosnadh.  Thoir  an  aire  gur  e  so 
cor  inntinn  gus  an  eigin  duitse  teachd,  neo  bàsaichidh  tu'gu 
siorruidh.  Am  fad's  a  shaoileas  tu,  le  ni  sam  bith  a  dhean- 
amh,  gu  faigh  thu  maitheanas  agus  slàinte  air  sgàth  na  rinn 
"tjbvi  y  tha  thu  le  sin  a'  treigsin  na  h-aon  slighe  a  dh'  oxduich 


10 

Bia  chum  do  thearnadh,  agus  gu  cinnteach  bìthidh  do 
chuidhrionn  agad  maille  ris  na  h-anacreidicb. 

A  ìeughadair  ionmhuin,  ceadaich  dhomh  labhairt  riut  le 
saorsainn.  is  cunthartach  an  cor  anns  am  bheil  thu.  Tha 
oighreachd  shiorruidh,  mar  gu  biodh  fearann  Chanaain,  fa 
d'  chomhair  j  agus  mar  teid  thu  asteach  a  ghabhail  seilbhe 
oirre,  is  e  do  mhi-chreideamh  a's  coireach.  Chuala  tu  cia 
-am  freagradh  a  f  huair  maor  a'  phriosuin  j  agus  cha  n-f  heudar 
caochladh  freagraidh  thabhairt  duitse.  Thoir  an  aire  ma  ta, 
mur  dùraigeadh  tu  d'anam  neo-bhàsmhor  a  chali,  nach  cuir 
thu  do  dhùil  ann  ni  sam  bith  ach  ann  an  gràs  Dhe  's  an  t- 
Soisgeul  :  "  Creid  anns  an  Tighearna  Josa  Criost,  agus 
bithidh  tu  air  do  thearnadh." 

Ach  eisd,  an  tùs,  ti  teachdaireachd  an  t-Soisgeil  a  th'  agad 
r'  a  chreidsinn.  Ma  thuigeas  tu  e  gu  ceart,  agus  ma  ghabhas 
tu  ris  mar  ni  iomchuidh  agus  fieagarach,  le  d'  uile  chridhe 
agus  d'uil'  anam  j  ma  thaitneas  e  ri  do  thogradh,  mar  is 
cinnte  gu  freagair  e  rid'fheum  j  tha  a'  chùis  gu  maith,  agus 
cirigh  gu  maith  dhuit  a  choidh.  Cha  chuir  mi  romhad  barail 
dhaoine  mu  'n  t-Soisgeul,  ach  aithriseam  briathra  Ughdair 
an  t-Soisgeil  fein.  Tha  brìgn.  an  t-Soisgeil  air  a  chur  sios 
gu  h-athghearr  anh  iomad  earrann  de  'n  Tiomna  nuadh,  air 
doigh  co  reidh  shoilleir,  as  gu  feud  fear  'n  a  ruith  a  leughadh. 
Mar  so  deir  an  Scrioptur  :  "  Is  ann  mar  sin  a  ghradhaich 
Dia  an  saoghal,  gu  d'thug  e  'aon-ghin  Mhic  fein,  chum  cia 
b'e  neach  a  chreideas  ann,  nach  sgriosar  e,  ach  gu  bi  a' 
bheatha  shiorruidh  aige."  Eoin,  iii.  16.  lr  Is  fìor  an  radh 
so,  ('s  ann  a  ta  e  co  fhior  agus  co  chudthromach  as  gu  d'fhàs 
c  mar  ghnathfhocal  Criostjuidh,)  agus  is  fiù  e  air  gach  aon 
chor  gabhail  ris,  gu  d'thainSg  Iosa  Criost  do  'n  t  saogbal  a 
thearnadh  pheacach."  1  l'imi  i.  15.  "  Tha  sinn  a'  searmo- 
nachadh  Chriost  air  a  cheusadh."  1  Corin.  i.  23.  "  Is  i  so 
an  fhianuis,  gu  d'thug  Dia  dhuinn  beatha  mhaireanach  j  agus 
tha  a'  bheatha  so  'n  a  Mhac;"   1  Eoin,  v.  1 1. 

Ann  a'  leithid  so  de  bhriathraibh  athghearr  tha  an  Soisgeul 
alr  a  chur  an  ceill.  Cha  n  e  nach  'eil  mille  ann  r'a  chreid- 
sinn  5  ach  gu  bheil  an  teagasg  a  ta  foiìlseachadh  bàis^  Chriost 
air  a'  chrann  a'  tabhairt  leis,  'n  a  choimeachd,  gach  teagasg 
feumail  eile  ;  ionnas,  ma  ghabhas  tu  ri  so  gu  ceart,  gu  creid 
thu  a*  chuid  eile  mar  an  ceudna. 

Faic  nis  ciod  a  tha  teachdaireachd  an  t^Soisgeil  ag  cur  an 
ceill  'y  gur  ann  aig  Dia  tha  a'  chòir,  gur  sinne  tha  's  an 
eucoir  ;  gu  do  chiontaich  sinn  gun  leisgeil  •,  agus  le  sin  gu 
feheil  sinn  fuidh.  bhìnn  a  Cheartajs?  buailteach  do  dhòrainn 


II 

sr.iorruidb  ;  ^ur  ann  o  shaor  ghean-maith  Dhe  tha  trocaìr  r* 
s  h  earbsadh  ',  gu  b'f  heumail  gu  riaraicheadh  a  Mhac 
ionmhuin  fein  an  Lagh,  ìe  'umhlachd  agus  H  hulangas  gu 
ruig  am  bàs,  mus  am  feudtadh  tròcair  a  nochdadh  do'n 
chiontach  ;  gu  bheil  Dia  iàn-tollichte  leis  an  dioladh  a  thug 
Ciiost  seachad  :  agus  gu-bheile  reidh  dha  nis,  gabhail  ris 
gach  aon  pheacach  a  chreideas  ann  an  Criost,  agus  maitbeanas 
thoirt  da  'n  a  uile  lochdaibb,  d'  am  meud  agus  d'  an  liono- 
rachd,  gun  a  cheartas  no  a  naomhachd  fein  a  chur  air  cùl. 

Ciod  a  deir  tu  ris  an  teachdaireachd  so  ?  Tha  làn  dear- 
bhadh  gur  sgeul  fior  a  tha  mi  'g  aithris.  Bha  e  air  a  labli- 
airt  an  tùs  leis  an  Tigheani  fein,  agus  dhaingmcheadh  e 
dbuinne  leosana  cbual  e.  Thug  Dia  fianuis  leo  ann  an 
comharaibh  agusiongantasaibh  agus  miorbhuilibh  iomarcach. 
An  urrainn  thusa  gabhail  ris  an  teachdaireachd  ud  le  làn 
toil  ?  An  urrainn  thu  slàinte  shiorruidh  d'anama  earbsadh 
ri  focal  an  Tighearna  ;  No  am  bheil  thu  a'  saoilsin  nach 
'eil  do  chionta  co  romhòr,  no  do  chor  co  ro  chunthartsch, 
no  thusa  co  neo-chomasach  air  thu  fein  a  chobbair,  as  a  tha 
focal  na  fìrinn  ag  innseadh  dhuit  ?  Àm  bheil  thu  faicinn 
do  chionta  toirt  banrachd  air  cicnta  dhaoin*  eile,  ged  nach 
leir  do  dhuine  sìn  ach  duit  fein  ?  No  an  deacair  leat  tròcair 
a  ghabhail  an  ricchd  peacnich  chailke  ?  An  uair  a  ta  thu 
ag  asluchadh  tròcair,  am  bheil  thu  'g  ad  mheas  fein  mar 
neach  a  tha  cheana  fuidh  bhìnn,  agus  ullamh  gu  bhi  air  a 
ghrad-chnr  gu  bàs  ?  No  an  e  dùrachd  do  chridhe  gu 
faigheadh  tu  beagan  tuille  ur-raim  anns  a'  bhreth  a  bheirear 
ort,  gu  cuireadh  am  Ereitheamh  dealach  eadar  thusa  agus 
luchd  mi-bheus  gràineil ;  chum  gufaicteadh  gu  do  shaoithrich 
thu  fein,  agus  gu  do  bhuannaich  thu  beagan,  ann  obair  do 
shlainte,  agus  nach  robh  thu  ann  eismeil  gu  deanamh  Crìost 
na  h-uiread  air  do  shon  sa  as  a  rinn  e  air  son  pheacach  eile  ? 
Tha  saorsadhaoine  peacach  trid  Josa  Criost  'n  a  ni  taitneach 
do  Dhia  ;  am  bheil  so  taitin  riutsa'?  No  am  bheil  thu  'g  a 
dhiùitadh,  agus  ag  iairuidh,  mar  bha  Naaman  (-2  Righ,  v. 
11,  12.)  seol  eile  chum  do  shlanuchadh  ?  Tha  an  seol  so  a' 
lan-fhreagairt  ri  d'  fheum  -,  ach  cha  fhreagair  e  ri  barail 
mhealìtaich,  no  ri  smuaintibh  ardanach.  no  ri  miannaibh 
neoghlan  do  ghnè.  Teumaitih  iad  sin  uile  bhi  air  an  leagadh 
sios,  air  an  salrairt,  agus  ionann's  air  an  ceusadh  gu  bàs.  An 
urrainn  thusa  d'  aontadh  chur  ri  so,  ag  radh  "  Amen,  is  fior 
agus  is  ceart,  agus  is  matth  focal  an  Tighearna  ?" 

Is  maith    *s  aithne   dhomh   gur  e  an  ni  a's  mo  a  bhios  do 
leithidsa  'g  hvvuiàhfoù  inntinn  ;  agus  cia  b'  e  ni  a  gheallas 


12 

duit  fois,  is  maith  leat  fios  fhaghail  air.  Ma  ghabhas  tu  ris 
a»i  t-Soisgeul  le  fior  chreideamh  agus  muinghin,  gheibh  thu 
gu  cinnteach  fois  uaith.  "  Is  i  so  an  t-slighe  dhìreach 
chòir  ;"  imich  innte  agus  gheibh  thu  fois  do  d'anam  -y  ach 
cha  n-f  haigh  thu  fois  f  hior  bhuan  air  aon  doigh  eile,  h 
cunthartach  dhainne  sòlas  eile  thairgseadh  \  is  bas  duitse 
sòlas  eile  ghabhail  Sparram  ort  arìs,  mur  dùraigeadh  tu  d' 
anam  a  chall  gu  siorruidh,  na  gabh  fois  ann  ni  sam  bilh  ach 
ann  an  Criost  amhàin.  Dùineam  an  earail  so  le  rabhadh 
thoirt  duit  a  thaobh  cuid  de  na  mearachdaibh  anns  an  dòcha 
dhuit  tuiteam. 

1.  "  Na  bi  a'  sìr  amharc  air  do  chionta  le  ea  dòchas  mi 
chreideach,  agns  de  sin  a'  druideadh  do  shùl  air  tròcair  Dhe 
anns  an  t-Soisgeul."  Na  habair,  Tha  mo  lochdan  co  mhòr 
agus  co  lionor,  tha  mo  chionta  co  throm  agus  uamhnsach, 
nach  feudar  leam  maitheanas  earbsadh.  C'uime  theireadh 
tu  sin,  agus  gu  bheil  fuil  Chriost  ag  glanadh  gach  uile 
pheacaidh  air  falbh.  Am  bheil  thu  do  rìreadh  creidsinn  so  ? 
Cha  n'eil  cùmhangachd  ann  an  Criost,  ach  ann  ad  innibh 
fein.  Cba  n'eil  smuainte  Dhe  mar  do  smuainte-sa,  no  a 
shlighean  mar  do  shlighean-sa  :  mar  tha  na  neamhan  ard  os 
ceann  an  talamh  tha  a  smuamtean  ard  as  ceann  do  smuainte- 
sa.  Ara  peacach  a  philleas  ri  Dia,  gheibhe  tròcair  gu 
paìhe.  Cha  b'e  sud  am  focal  ceart,  Ma  's  urrainn  thu 
ni  sa  bith  a  dheanamh,  dean  trocair  orm  5"  ach  is  e  so 
e,  "  Ma  's  urrain  thusa  creidsinn,  tha  gach  aon  ni  comasach 
dha-san  a  chreideas."  Ciod  e  a  ta  thu  cur  an  amharus  ?  An 
e  cumhachd  agus  foghainteachd  do  Shlanuighir  ?  Nach  'eil 
e  comasach  air  tearuadh  gus  f?  chuid  cCs  fhiide  $  Eabh.  vii. 
25.  An  e  a  thoil  ?  Nach  'eil  a  chuireadh  grasmhor  a' 
dearbhadh  dhuit  cia  toileach  a  ta  e  ?  An  toireadh  e  gairm 
"  Cia  b'e  air  am  bheil  tart,  thigeadh  e  do  m'  ionnsuidhs, 
agus  òladh  e,"  mar  biodh  e  lan-toileach  air  miann  gach  neach 
a  thig  a  shasuchadh  ?  Math  dh'  fheudtadh  gu  saoil  thu  gur 
deadh  comhar  air  irioslachd  agus  aithreachas  a  bhi  sìr  amharc. 
air  do  chionta  le  geiit  a  gus  mi-mhisntch.  Is  iomchuidh 
dhuit  amharc  air  do  chiouta  le  trom-dhoilghios,  ach  seall 
nach  e  spiorad  na  fein-f  hireantachd  a  tha  'g  ad  chumail  gun 
sòlas.  Nan  dììtaigeadh  tu  doì  a  dh'  ionnsuidh  Chriost  a  dh' 
fhaghail  tròcair,  mar  cheann-feadhna  nam  peacach,  rachadh 
tu  ann  gu  luath,  agus  gheibheadh  tu  saorsainn  air  ball.  Ge 
lag  do  dhòchas,  agus  ge  pailt  do  dlieoir,  is  cunthartach  leam 
gur  e  so  a  's  adhbhar  orra,  a  chionn  gu  bheil  thu  an  geall 
air  deadh-ghean  an  Tighearna  a  chosnadh  le  maith  eigin 
annad  fein.  Nan  cuireadh  tu  cainnt  air  do  smaaintibh,  's  ann. 


13 

a  theireadh  tu,  "  Nam  b;odh  ni  eigin  agam,  atr  a  lughad,  a 
thaitneadh  ri  mo  Shlanuigbear,  's  annbu  mhòid  momhisneach 
a'  dol  'n  a  f  hianuis. ;  nam  biodh  beagan  feabhais  orm,  is  ann 
bu  dòchadh  leam  gu  ncchdadh  e  tròcair  do  m'  anam.n  Cleas 
anduine  thinn  a  theireadh  "  Nam  bithinn  beagannib'  fheàrr, 
rachainn  le  tuille  nìisnich  a  dh'  iarraidh  leighis."  Nach  e 
so  fath  mu  'n  do  ghearan  ar  Tighearn,  "  Cha  'nàill  leibh 
teachd  a  m'  ionnsuidhs'  chum  gu  faigh  sibh  beatha."  Am 
fad's  a  ta  thu  mar  sin  an  geall  air  ni  eigin  a  dheanamh  a  dh* 
f  heudas  do  mholadh  ann  sealladh  an  5  ighearna,  's  ann  a  tha 
thu  'g  iarraidh  "  d'  fbireantachd  feiu  a  chur  air  bonn." 
Agus  ma  mhaireas  tu  anns  an  aigne  sin,  tha  cunthhart  gu 
toireat  thairis  thu  gus  a  shaoilsin  gu  d'  f  huair  thu  mu  , 
dheireadh  annad  fein  am  maith  a  bha  d'anam  a'  miannachadh. , 
2.  Ma  tha  do  Choguis  air  dùsgadb  agus  'gad  chronachadh, 
ionnas  gu  do  leig  thu  dhiot  cuid  de  do  dhroch  dheanadas, 
agus  gu  do  leasaich  thu  cuid  de  do  bheusaibh  •,  "  thoir  an 
aire  nach  bi  thu  'g  ad  bhreugadh  fein  le  deadh  dhòchas  a 
thaobh  do  staid,  o  Jeasachadh  do  bheus  an  taobh  amuigh." 
Is  mearachd  so  leis  am  bheil  iomadh  neach  a'  teachd  gearr 
air  fior  chreideamh  agus  air  fior  shòlas.  Abair  gu  do  theich 
thu,  roimh  achmhasan  do  Choguis  agus  bagraibh  an  lagha, 
o  lochcfaibh  dàna  chum  dleasanasa  na  dindhachd,  cha  d'  rinn 
sin  ach  na  geugan  a  sgathadh  ',  dh'  fhagadh  an  crann  slan, 
agus  an  fhreumh  beo,  mar  a  bha.  Cha  n  e  "  do  pheacan 
a  bhriseadh  air  falbh"  a  ni  feum,  mar  brisear  air  falbh  iad 
"  le  f  ìreantachd  j"  Dan.  iv.  27.  agus  cha  deanar  sin  ach  le 
creidsinn  ann  an  Criost.  Tha  duine  laidir  a'  pheacaidh  'g  a 
dhaingneachadh  fein  taobh  stigh  a'  chsisteil  *,  agus  mur  gabh 
thusa  dion  fuidh  fhior  sgail  an  t-Soisgeil,  brisidh  e  mach  ort 
ie  ùrachadh  neirt.  agus  sguebaidh  e  roimhe  gach  leasachadh 
agus  dleasanas  faoin  as  an  robh  thusa  gu  h  amaideil  a'  dean- 
amh  buin.  Ged  tha  "  miann  na  feola"  a'  folachadh  a'  chinn, 
is  dòchacjh  gu  bheil  •*  miann  na  h-inntinn,"  gu  h-araidh 
uabhar  spioradail,  a'  togail  a  chinn  gu  h  àid.  Is  cinnte  gu 
bheil  a'  chùis  mar  so,  ma  's  e  gu  bheil  thu  a'  lèigeil  do 
dhòchais  air  do  leasachadh  beatha,  agus  a'tarruing  sòlais  as 
sin  ;  agus  an  àite  dhuit  bhi  ni's  fearr,  no  ni  's  faigse  do 
Rioghachd  Neimhe,  na  bha  thu  roimhe,  tha  d'anam  ni  's 
gràineile  ann  sealladh  Dhe  na  bha  e  idir  ;  seadh,  is  dòchadh 
gu  teid  cì^-mhaoir  agus  striopaichean  asteach  do  Rioghachd 
Dhe  na  thusa.  Am  fad's  nach  gabh  thu  ri  Criost,  ceart  mar 
a  ta  e  air  a  thairgseadh  anns  an  t-Soisgeul,  cha  ghabh  Dia 
xiutsa  5    agus  gus  an  gabh  e  riut  fein,  cha   ghabh  e  ri  aon 


14 

obaic  no  tabhartus  a  bheir  thu  d'a  iomisuidb.  Dh'  fhàg  do 
pheacadh  thu  fuidh  f  heirg  Dhe  agus  fuidh  bhìnn  a  cheartais  ; 
agus  gus  am  bi  an  reite  air  a  deanamh,  cha  ghabh  e  tabhartas 
o  d'  làimh.  Cha  tigeadh  e  ri  onoir  agus  mòrachd  an  àrd- 
Righ  tabhartas  a  ghabhail  o  do  leithid. 

3.  "  Thoir  an  aire  nach  gabh  thu  sòlas  o  thriobloid  inntinn, 
no  o  gheur  fhaireachdainn  sam  bith  a  bha  agad,"  Feudaidh 
e  bith  P,u-n  abair  cuid  eigin  riut,  gu  bheil  do  thriobloid  na 
eombar  cinnteach  gu  bheil  tròcair  a'  feitheamh  ortj  agus 
ma  bhuanaicheas  tu  mar  a  ta  thu,  a'  fe":t"°amh  mar  gu  b' 
ann  aig  bruaich  na  linne,  gu  n  eirich  gu  maith  dhuit  mu 
dheire.  Ach  cha  n-fhiach  a  leithid  sin  a  chreidsinn  *,  ha 
n'eil  bonn  aig  anns  an  Scrioptur.  Cha  n  e  do  thriobloid  a 
dhearbhas  gu  d'  f  huair  no  gu  faigh  thu  tròcair  ach  toradh 
na  triobloid.  Dh'  fhulaing  Saul  amh<  bar  'n  a  inntinn  co 
inhath  ri  Peadar.  An  uair  a  bha  luchd-mortadh  losa  air 
am  bioradh  'n  an  cridhe,  cha  tug  Peadar  sòlas  doibh  le 
innseadk  gu  bu  dheadh  chomhar  sud  air  an  iompachadb  agus 
an  tearnadh  }  ach  dh'earail  e  orra  aithrcachas  a  ghabhaiì, 
agus  bhi  air  am  baisteadh,  ann  ainm  Iosa  Criost,  chum 
maitheanais  pheacaidh.  Gniomh  ii.  8.  Mar  sin  rinn  Pòl 
agus  Silas,  an  uair  a  bhuail  uamhann  fear-coimhead  a'  phrio- 
suin.  Cha  tug  iad  misneach  dha  o  'n  eagal  a  dh'  fhairich 
e  ;  ach  shearmonaich  iad  dha  Tosa  Criost  mar  an  t-aon  bhuu- 
dòchais.  Nam  marbhadh  Israeleach  duine  gun  fhios,  bha 
baile  dìdein  annn  chum  gu  teicheadh  e  an  sin,  mus  an  dean- 
adh  dioghaltair  na  fola  greim  air.  Nan  stadadh  e  air  an 
rathad,  ag  gabhail  sòlais  o  'n  eagal  a  dh'  fhairich  e  roimh 
chlaidheamh  an  dioghaltair,  an  deanadh  sin  a  thearnadh  ? 
Mar  sin  cha  n'eil  tearuinteachddhuitse  gus  an  tàr  thu  asteach 
do  bhaile  na  dìdeìn,  agus  gu  dean  thu  greim  air  an  dòchas 
a  chuireadh  romhad  anns  an  t-Soisgeul.  Ma  ghabhas  tu 
sòlas  o  d'  amhghar,  is  cunthartach  nach  ruig  thu  Criost,  agus 
le  sin  gu  bi  thu  caillte.  Is  iomadh  iad  a  rinn  so  ;  agus  an 
uair  a  shaoil  iad  gu  robh  iad  àig  oir  na  linne,  a'  feitheamh  ri 
gluasad  an  uisge,  's  ann  a  bha  iad  'g  an  socrachadh  fein  air 
bonn  fàs,  agus  a'  togail  tighe  air  a'  ghaineamh.  Cha  n'eil 
bealach  meadhonach  eadar  creideamh  agus  mi-chreideamh. 
Agus  ma  tha  neach  a'  cluinntinn  an  t- Soisgeil,  agus  gidheadh 
nach  'eii  a'  leigeil  a  thaice  ri  Criosd  'na  aonar  air  son  slàintej 
is  cinnte  gur  an  a  tha  e  cur  a  dhòcbais,  ma  tha  dòchas  aige, 
ann  am  feartaibh  eigin  leis  fein.  Cha  n'eil  mearachd  ann 
a's  miosa  na  so. 

4.   "  Thoir  an  aire  nach  cuir  thu  do  dhòchas  ann  do 


15 

Chreideamh,  mar  gubu  cleadh  ghmomh  e  a  choisin  duit  duaìs 
o  D'hia."     Is  fioi  gu  bheil  thu   deanamh  gu  maith  'n  uair  a. 
.ta  thu  creidsinn,   agus  gu  bheil  thu  le  sin  a'   toirt  umhlachd 
do  àithne  Dhe.     Ach  ma  shaoileas  tu  gu  bheil  so  'n  a  ghnè 
umhlachd  ris  an   canar  treibhdhireach,   agus  gu  bheil   Dia 
nise  toileach  air  gabhail  ri  sin  an  àite  nmhlachd  iomlain,  agus 
thusa  f  hireanachadh  air  sgàth  na  humhlachd  sin  ♦,  tha  thu 
fathast  *g  iarraidh  d'  f  hireantachd  fein  a  chur  air  bonn,  fuidh, 
-riochd  creidìmh  an  t-Soisgeil.     Is  i  so  àithne  Dhe,  rgu  creid 
sinn  ann   ainm  a  Mhic.     Tha  creidsinn  'n   a  ghniomh  umli- 
lachd  do  Dhia.     Gidheadh  cha  n  ann  an  riochd  umhlachd  a 
ni  e  ar  f  ìreanachadh  ;    ach  do  bhrigh  gu  bheil  sinn  le  so  ag 
gabhail  Chriost,  agus  air  ar  dlu-cheangai  ris ;    oir  is  ann  air 
a  sgàth  san  amhàin  tha  Dia  reidh  ruinn.     Ma  tha  do  dhùil 
ann   Iosa  Criost  amhàin   air  son  slàinte,  ciia  bhi  meas  idir 
agad  air  smuaintibh  d'inntinn  no  oibreachadh   do  chridhe 
fein  j  aoh   air  obair  an  ti  a   thainig  chum  an   t-saoghail  a 
thearnadh  pheacach. 

Ma  's  aill  leat  fois  chinnteach  bhuan  do  d'inntinn,  na  leag 
àa  dhòchas  air  aon  ni  annad  fein  j  ach  seall  an  taobh  amuigh. 
chiot  fein  air  iosa  Criost  mar  a  ta  e  air  a  thaisbeanadh  dhuit 
anns  an  t-Soisgeul.  Feudaidh  tu  dearbhadh  f  haghail^  an 
deigh  làimhe,  gu  deachaidh  tu  thairis  o  bhàs  gu  beatha,  leis 
a'  ghràdh  a  th'  agad  do  na  braithribh,  agus  le  coruharaibh. 
eile  o*n  Scrioptur  ;  agus  o'n  uair  a  shocruicheas  tu  thu  feirt 
air  st«idh  an  t-Soisgeil,  feudaidh  deadh  dhòchas  sòlasach  bhi 
agad  ris  an  t-slàinte  a  ghealladh  's  an  t-Soisgeul.  Ach  a' 
cheud  saorsainn  a  gheibh  a°  anam  leonta,  ma  's  saorsainn 
cheart  i,  thig  i  dìreach  o  Chriost  3  an  uair  a  chi  thu,  'n  a 
umhlachd  agus  ""n  a  fhulangas-san,  a'  cheart  chobhair  a 
f  hreagras  ri  feum  agus  ri  togradh  duine  pheacaich  chaillte 
inar  thusa. 

An  deigh  rabhadh  thort  duit  mu  na  ceumaibh  fiara  bu 
chòir  dhuit  a  sheachnadh,  bheiream  seol  no  dnà  mu  'n  t- 
•slighe  dhìrich  cheirt  anns  an  còir  dhuit  imeachd. 

'S  e  creidsm  an  Iosa  Ciiost,  esan  a  ghabhaii  mar  a  ta  e  air 
a  thaisbeanadh  anns  an  t-Soisgeul.  'S  e  Criost  an  ceud 
thiodhlacadh  bheir  Dia  seachad  ;  maille  ris-san  bheir  e  gach. 
ui  maithf  eile.  Ma  bheir  Dia  dhuit  Criost  an  toiseach.  agus 
an  sin  na  h-ui!e  nithe  maithe  gu  saor  maille  ris  ;  is  eigin  gu 
gabh  thusa  Criost  an  toiseach.  agus  an  sin  na  h-uile  nithe  gu 
saor  maille  ris.  Do  reir  so,  deir  a-  Scrioptur,  '*  esan  aig  am 
bheil  am  Mac,"  ta  beatha  aige  ;  ach  esan  aig  nacb'eii  Mac 
Dhe,  cha  n'eii  beatba  aige."    I  Eoin,  v.  12»     Feumaidh  lu 


16 

a  ghabhail  mar  a  bha  e  air  a  thabhairt  j  's  e  sin  mar  iobairl- 
reite  air  aon  a'  pheacaidh  }  chum  gu  bicdh  Dia  cothromach 
an  uair  a  dh?  f  hireanaicheas  e  peacaich  thruagh  aindiadhaidh 
a  chreideas  ann  an  Criost.  Rom.  iv.  5.  Feumaidh  tu  d'earbsa 
chur  ann  san  mar  an  t-aon  bhun  dòchais,  agus  raaitheanas 
iarraidh  as  a  leth-san  amhàin.  'S  i  so  an  doigh  air  an  eigin 
duit  slàinte  iarraidh  -,  's  e  so  creideamh  an  am  fuìl  losa,  leis 
am  bheil  peacaich  air  am  f  ìreanachadh.  An  uair  a  ghabhas 
tu  Criost  mar  gu  b'ann  an  ceaugal-pòsaidh,  gheibh  thu  còir 
is  cuidhrionn  anns  na  rin  agus  na  dh'  f  hulaing  e  air  talamh, 
agus  anns  na  tha  e  nis  a'  deanamh  aig  deas  iàimh  Dhe  air 
Neamh. 

Ma  chreideas  tu  ann  an  Criost,  ged  tha  do  thaice  ris  gu 
h-àraidh  mar  f  hear  deanamh  na  reite  eadar  Dia  agus  d'anam  j 
gidheadh  an  uair  a  ghabhas  tu  e  mar  do  Shagart  agus 
d'eadarmheadhonair,  gabhaidh  tu  e  cuideachd  mar  do  Righ 
agus  d'uachdaran.  An  uair  a  thig  thu  d'a  ionnsuidh,  air  do 
shàruchadh  le  cionta,  chum  gu  faigh  thu  fois,  gabhaidh  tu 
mar  an  ceudna  a  chuing  ort,  agus  foghlumaidh  tu  an  inntinn 
chiuin  iriosal  a  bha  aige-san.  Mat.  ii.  29.  Ged  f  hireanaichear 
thu  le  Creideamh  amhàin,  cha  n-ann  le  Creideamh  a  ta  leis 
fein,  Seum.  ii.  17.  ach  Creideamh  a  ghineas  umhlachd  do 
gach  uile  àithne.  4Nuair  a  ghabhas  tu  ri  Criost,  agus  a 
cheanglar  thu  ris  tre  Chreideamh,  tha  do  Chreideamh  an  sin 
'g  ad  f  hìreanachadh  ;  'nuair  a  dh'  aomas  Chreideamh  thu 
gu  umhlachd  a  thabhairt  do  lagh  Dhe,  tha  do  Chreideamh 
an  sin  'g  ad  naomhachadh. 

Air  an  doigh  so,  a  leughadoir  ionmhuin,  gheibh  thu  foìs 
do  d'  anam.  Ann  an  gabhail  na  slighe  tre  f  hàsach  an  t- 
saoghail  so,  dh'  ionnsuidh  tìr  na  glòire,  bidh  iomad  obair  r'a 
deanamh,  iomadh  namhaid  r'a  cheannsachadh,  agus  theagamh 
iomadh  cruachas  r'a  fhulang  Ach  ma  bhuanaicheas  tu 
ann  an  creidsinn,  mar  a  thòisich  thu,  ionnas  gu  caith  thu  do 
bheatha  reir  creidimh,  gheibh  thu  neart  a  reir  d'f  heuma. 
Fàsaidh  gach  dleasanastii  's  taitniche,  fàsaidh  gach  bur.ireadh 
ni  's  lsige,  ceannsaicbear  do  naimhdean  romhad,  agus  bidh 
fulangais  na  beatha  so  agoibreachadhcudthroim  glòire  dhuit, 
a  mhealas  tu  gun  tàmh,  gun  chrìch,  gun  lughdachadh,  anns 
an  t-saoghal  a  ta  ri  teachd. 

Beannachd  an  Tighearna  leat  \  is  gu  ma  slàn  gu  bràth 
do  d'anam,  tre''  ghràs  a  ta  ann  Iosa  Criost. 

Soid  by  Messrs  Guthrie  and  Tajt;  4-  Kichclson  Street  j 
and  W.Whyte,  StAndiew'sStreel,  Edinb  uxg%. 


m& 


m 


Wm 


mfm 


ma