Skip to main content

Full text of "Gu 'n d' thug i spéis do 'n àrmunn: sgeul"

See other formats


This is a digital copy of a book that was preserved for generations on library shelves before it was carefully scanned by Google as part of a project 
to make the world's books discoverable online. 

It has survived long enough for the copyright to expire and the book to enter the public domain. A public domain book is one that was never subject 
to copyright or whose legal copyright term has expired. Whether a book is in the public domain may vary country to country. Public domain books 
are our gateways to the past, representing a wealth of history, culture and knowledge that's often difficult to discover. 

Marks, notations and other marginalia present in the original volume will appear in this file - a reminder of this book's long journey from the 
publisher to a library and finally to you. 

Usage guidelines 

Google is proud to partner with libraries to digitize public domain materials and make them widely accessible. Public domain books belong to the 
public and we are merely their custodians. Nevertheless, this work is expensive, so in order to keep providing this resource, we have taken steps to 
prevent abuse by commercial parties, including placing technical restrictions on automated querying. 

We also ask that you: 

+ Make non-commercial use ofthefiles We designed Google Book Search for use by individuals, and we request that you use these files for 
personal, non-commercial purposes. 

+ Refrainfrom automated querying Do not send automated queries of any sort to Google's system: If you are conducting research on machine 
translation, optical character recognition or other areas where access to a large amount of text is helpful, please contact us. We encourage the 
use of public domain materials for these purposes and may be able to help. 

+ Maintain attribution The Google "watermark" you see on each file is essential for informing people about this project and helping them find 
additional materials through Google Book Search. Please do not remove it. 

+ Keep it legal Whatever your use, remember that you are responsible for ensuring that what you are doing is legal. Do not assume that just 
because we believe a book is in the public domain for users in the United States, that the work is also in the public domain for users in other 
countries. Whether a book is still in copyright varies from country to country, and we can't offer guidance on whether any specific use of 
any specific book is allowed. Please do not assume that a book's appearance in Google Book Search means it can be used in any manner 
anywhere in the world. Copyright infringement liability can be quite severe. 

About Google Book Search 

Google's mission is to organize the world's information and to make it universally accessible and useful. Google Book Search helps readers 
discover the world's books while helping authors and publishers reach new audiences. You can search through the full text of this book on the web 



at |http : //books . qooqle . com/ 



QJbt^ì^OJ.dO 




J^arbarti College ILtbrarg 



FROM THE 



LANE FUND 



The sum of $5000 was given by Frbderick Athearn 

Lans, of New York, N.Y., (Class of 1849), on 

Commencement Day, 1863. "The annual 

interest only to be expended in the 

purchase of books for the 

Library.'* 



ì 



GU 'N D' THUG I SPÈIS 

DO 'N ÀRMUNN. 



GU 'N D' THUG I SPEIS 
DO 'N ÀRMUNN. 



5QEUL 

LB 

lAIN MAC CORMAIG. 



FO LAIMH 

CHALUM MHIC PHARLAIN. 



AONGHAS MAC AOIDH, 
43 MuRRAY Place, Struibhle. 

1908. 






: i 



A- ÌC3 ì 



\ 








CLÀR-lNNSIDH. 



TAOBH 

An roimh-ràdh 9 

A' Chaluinn an Tigh an loch. 

Earrann I. 19 

An dealachadh — Cruinneachadh nan 
saighdear. 

Earrann II. 29 

Cèilidh an tigh a' chlobair — An 
dèigh na gillean falbh. 

Earrann III. 36 

An armailt Bhreatunnach — Litrich- 
ean o na fìr a dh' fhalbh — Abh- 
achdas Dhonnachaidh Aotruim — 
A' Bhan-fhiosaiche — Fiosachd a 
fhuair MàirL 

Earrann IV. 50 

Fearas-chuideachd am Brussels — 
Dà Mhuileach a' còmhradh. 

EarrannV. 61 

A' feitheamh naidheachd mu'n chog- 
adh— Tuairisgeul NèiU Mhàrtuinn 
— lomaguin Màiri. 



CLÀR-ÌNNSIDH (Air a Uantainn). 

TAOBH 

EarrannVI. 70 

Taibhsearachd — Fathunn mu*n 
chogadh — Naidheachd mu Bhat- 
arlù. 

EarrannVII. 80 

Cèilidh eile an tigh a* chiobair — 
lomradh orrasan a thuit 'sa bhlàr 
— lain air chall. 

Earrann VIII. 88 

Tighinn dachaidh banntrach lain — 
Màiri a' caoidh cealg lain — Màiri 
's Eileag 'sa chladh. 

Earrann IX. 96 

Fògradh muinntir An Rois — 
Bàthadh nam buanaichean — Màiri 
gun duine 's gun daoine. 

Earrann X. 102 

Bàta à Glascho — Tighinn dachaìdh 
an t-saìghdeir — An saighdear, a 
bhean 's a nighean— -SoiUeir- 
eachadh. 

Earrann XI. 112 

Màiri is Eileag uair eile 'sa chladh — 
Gaol Màiri air ùr fhadadh— 
TiUeadh lain. 



GU'N D' THUG I SPÈIS DO 'N 
ÀRMUNN. 

AN ROIMH-RÀDH. 



" Gu'n d^hug mi spèis do 'n àrniunn 
Am bothan beag na h-àirigh ; 
'S e cuimhneachadAi an dràsd air 
A dh' f hàg mi dubhach, brònach." 



'* TS blianach NoUaig gun sneachd/' 
^ ars an sean-fhear ; ach cha 'n ann 
mar sin a bha 'n Nollaig air am bheil 
sinn ag iomradh an ceartair. Tharr- 
uing a' Bheinn Mhòr a falluinn m'a 
ceann mu 'n robh an t-Samhainn ach 
òg ; is mu 'n deach an geamhradh dubh 
'na thigh, bha na sraithean fhèin air 
an còmhdach le sròl de shneachdadh 
tioram, geal. Bha 'n tlr uile an greim 
dhainginn aig an reothadh chruaidh, a 



10 Oi^H J* thug i spiis do *n àrtnunn. 

chuìr stad air mireig nan tonn^ air gach 
loch is lochan, le sgàil-bhrat tiugh de 
dheigh. Cha chluinnteadh am beul 
gach neach ach: ''Nach i 'n t-àd 
nàdurra, ghasd' i ! Tha so coltach ris 
na sean gheamhraidhean." Bha 'naidh- 
eachd fhèin aig gach aon bu shine na 
chèile, air na làithean a dh' aom — samh- 
raidhean bu bhUdthe 's geamhraidhean 
a b' fhuaire. Ach bha 'n geamhradh 
so toirt 'nan cuimhne làithean an òige 
na b' fh&arr na iomadh geamhradh 
greis roimhe sud. 

Seadh ! Bha 'n t-edd ann ; ach, mo 
chreach! cha robh mòran de na cleachd- 
ainnean. Dh' fhalbh iad sud còmhla 
ris an t-sluagh; is cha 'n fhaicteadh 
ach glè annamh lasgairean le 'n eallaich 
a' tighinn à coiUe chaoil, no beinn an 
fhraoich, no coille chaman. Cha robh 
mòran de eòlas aig an òigridh air na 
nithean so ach mar a bha iad ag 
ealainnt o 'n t-seanair^ a bha mar 
ehlabhraidh a' dèanamh comh-cheangail 



A' Chaiuinn an Tigh an ioch. 1 1 

eadar an t-Beann linn 's an lìnn ùr ; is 
cha robh tigh 'san robh sean fhear no 
sew bhean nach biodhteadh aìg aman 
sònruichte toirt oidhirp air na sean 
chleachdainneanachumail air chuimhne 
'san t-seann dòigh. Ach cha robh an 
dòigh sin ach a' leigeil fhaicinn gu 'n 
robh na cleachdainnean ionann *s mar 
an linn do 'm buineadh : anns na 
h-ospagan mu dheireadh. Cha robh 
tigh 'san Bos a rinn spàim cho cruaidh 
air an t-seann dòigh a chumail suas ri 
Tigh-an-loch ; agus b' iomadh Caluinn 
shunndach, agus bòrd brèagha a chunn- 
acas ann ri latha. 

Thachair sin air an NoUaig air am 
bheil an t-iomradh so. Bha bean-an- 
tighe 's a cuid nighean, &d an latha, 
cur mu rèir air son " bòrd na Caluinne." 
Chaidh a' chlàiridh thoirt a nuas, agus 
bòrd a chur ri ceann bùird fad an tighe, 
's iad a' diosganaich fo 'n cuallach. 

Mar bu shine bha an oidhche fàs, 's 
ann, mar an ceudna, bu shunndaiche 



12 Gì^n Ì thug i spèis ào *n àrmunn. 

bha i a' fàs. Bha paidhir an dràsd 's a 
rithÌB a' tighìnn a stigh a chur seachad 
na Caluinne 's a thoirt a stigh na 
NoUaige an Tigh-an-Loch, 's a' guidhe 
"Nollaig chridheil agus Bliadhna 
mhath ùr" nuair thigeadh i, do na bha 
rompa; agus gu seachd sònruichte do 
'n t-seanair a bha 'na shuidhe an ceann 
aghairt na leapa a' feitheamh 's ag 
èisdeachd gu sàmhach. 6u chuimhne 
leis-san còrr agus ceithir fichead NoU- 
aig agus Caluinn; agus cha robh uair 
a thigeadh an t-àm sònruichte so mu 'n 
cuairt nach tigeadh làithean òige, le 'n 
cuid gineal, gu soilleir m'a choinneamh. 

Ach chaidh gnog thoirt air an 
uinneig agus chualas caochlaid nam 
balach a' gabhail rannan Caluinne : 

" A' Chaluinn so, a' Chaluinn so ! 
Bhi bhoiceann, buail an craiceann ; 
CaiUeacli 'sa chill, cailleach 'sa chùil, 
Gailleacli eile taobh an teinidh, 
'S bior 'na goil 's i air chrith ; 
A' Chaluinn so ! " 



A* Chaluinn an Tigh an ìoch, 13 

A rèir an t-seana chleachdainn, bha 
bean-an-tighe an geall air Bonnach- 
Calainn an t-aon a thoirt do na bal- 
achain; 's cha bu laaithe gheibheadh 
iad 8ud na thàireadh iad as gus an 
ath thigh. 

Ach cha b' fhada air fÌBtlbh iad na 

thàinig an ath bhuidheann, 's a chualas 

an ath rann, le gaoir-chath mar eas- 

aibhne : 

" A bhean bheusach, bhanaìl, 
£i gu h-ullamli, ealamh ; 
Chaidh a' bhliadhna so tharainn 
Direach mar bu mhath leinn : 
'S bho 'n tha thusa maireann, 
Beir an làthair ann an cabhaig 
Pàirt de na dh' f hàg i agad. 
'S iomadh duine còir 
A tha 'n diugh fo 'n f hòid, 
A bha 'n uirìdh beò 
Ag itheadh 's ag òl 
'Nan suidhe mu 'n bhòrd ; 
'S bho 'n tha thusa slàn, 
'S gu 'n do sheachainn thu 'm bàs, 
Leig f haicinn do thaing 
Le aran 's le càis 
Is botul no dhà 
De 'n stuth is f heàrr 
Na bainne o 'n àil ; 

A' Chaluinn so ! " 



14 Gi^n (T thug i spiis do *n àrmunn, 

Qheibheadh iad sud an riarachadh 
mar a fhuair càch ; agus dh' fhalbhadh 
ìad ga toilichte. 

Thòisich an sin a' Chaluinn. Lasadh 
na coinnlean; 's bha 'n tigh gu 
dreòsach^boiUsgeach^sunndach. Shuidh 
a' chuideachd mu 'n bhòrd 's thòisich 
deochannan-slàinte 's bearradaireachd 
's òrain gus an d' thàinig a' bhliadhn' 
ùr a stigh, nuair chuir iad fàilte 
chridheil air a chèile. 

"Thèid mi fhln 's tu fhèin 'nar 
cinn-stuic air an tràigh iomainich am 
màireach, a DhùghaiU/' arsa fear de 
na giUean a bha a shùil am Mòir bhig, 
tè de nigheanan an tighe. 

"Tha mi toileach," arsa Dùghall, 
" agus nuas e 'm maide-brochain fiach 
c6 'd air an tig a' cheud ghlaodh." 

Ohàir a' chuideachd nuair thòisich 
na gillean air dòm air an dòm feuch 
c6 *d aige bhiodh an dòra mu dheireadh 
de 'n mhaide-bhrochain. Thàinig e 
air Dùghall; 's nuair a chuir e trì 



A Chaluinn an Tigh an hcK 15 

aaìrean mu 'n cuairt a chinn e, ghlaodh 
e: "Buaileam ort." "Leigidh mi 
leat/' ars am fear eile. " Bithidh Mòr 
bheag agam/' ars esan. Rinn na bha 
stigh glag mòr gàire nuair chual iad 
mar thàinig an car à leannan Mòir 
bhig, 

" An dà," arsa bean an tighe, 's i 'na 
boireannach gleusda, geur, sgaiteach, 
"'s tric a thug bòrd NoUaige bòrd 
bainnse mu 'n cuairt. Ach ma 's 
' beag ' duit i, cha ' mhòr ' leat l" 

Qhàir a' chuideachd gu cridheil, 's 
cha robh gàire a stigh a b' àirde na 
gàire DhùghaiU f hèin. Bha 'n seann 
duine gu sàmhach, tosdach ag 
èisdeachd ri briathran ^eur a nighinn 
fhèia Cha robh a h-aon fo sparran 
an tighe a thuig : ma bha dara taobh 
lànain a dhìth air Dùghall gu 'm 
feumadh e dol le thuaigh do choille air 
choireiginneile. Cha do ghabh Dùghall 
leis a sin miapadh 'sam bith. Chuir e 



16 Gu'nd'tkugispHsdo'nàrmunn. 

mu 'n cuairt a bhotul gu suilbhir le 
dranndan sunndach òrain : 

" Tha 'm botul so rèidh, 
'S f ear eile 'na dhèigh ; 
'S cha mhaireann mi f hèin 
Mur a h-òl sinn e. 

'S e giUean mo rùin 
A thogadh mo shunnd ; 
^ e là na bliadhn' ùir 
Thug sòlas dhomh ; 
'S e giUean mo rùin 
A thogadh mo shunnd. 

Bug a' chuideachd air làmhan air a 
chèile mu 'n cuairt a' bhùird is thog 
iad am fonn gu togarrach. 

" 'S math tha cuimhn' aig an t-seann 
duine air an latha chaidh an t-òran ud 
a dhèanamh/' arsa Dùghall. 

Cha do mhothaich iad na deòir 
mhòra, chruinne bha sruthadh ri 
gruaidhean an t-seann duine leis an 
tiomadh a thug an t-òran air. Thug 
iad làithean eile 'na chuimhne, agus, 
mar an ceudna, càirdean gaolach leis 
an do chaith e iomadh NoIIaig 



A^ Chaluinn an Tigh an locK 17 

shnnndach, ach a bha nis 'nan dachaidh 
bhusdn o chionn iomadh bliadhna. 

Afs an seann duine 's e braidhinn ; 
''Cha deach Caluinn thar mo chinn 
bho 'n a bha mi 'm bhalach nach 
cuimhnich mi air a' cheart Chaluinn a 
rinn m' athair fèin an t-òran a ghabh 
thu, DhùghaiU. Bha sinn gu sunndach 
aig bòrd na Calninne nuair a chunnacas 
dithÌB shaighdearan, le 'n còtaichean 
dearga^ dol seachad an uinneag. 
Thàinig iad a stigh, ftgus, cò bh' ann 
ach mo dhà bhràthair air tighinn air 
fòrlach as an arm ; agus ! b' e sud a' 
chòmhdhail chridheil a bha rompa aig 
am pàrantan caomha." 

lion gach sùil a bha stigh agus 
chaidh a' chuideachd greis fo phràmh 
a' cuimhneachadh air an aimsir a dh' 
fhalbh. An sin dh' iarr iad sgeul o'n 
t-seanair. Dh' aontaich esan; is 
dh' eisd iad ris, am feadh a bha e 'g 
innseadh sgeòil air an linn a bh' ann 
mu 'n d' '' thug a' chaora 'n soc as an 



18 Gu^n (P thug i spèis do *rt àrtnunn. 

talamh," 's mu 'n deach "coilear geal 
mu mhuineal an Bois"; nuair a bha 
na glinn air an àiteachadh, is smùid 
as gach tobhta bha 'n diugh gun 
cheann ; 's nuair a bha àl na dùthcha 
a' dèanamh euchd le 'n airm air 
machraichean na h-Eòrpa. 
B' i 80 an sgeul. 



An deahuhadh. 19 



AN SGEUL. 
EARRANN I. 

Is math a V aithne dhomh f hin a' 
chàraid, lain Bàn na Saor-pheighinn 
agus Màiri bhòidheach a' chlobair. 
Bha lain aig an tigh air f òrlach ; ach 
dhubh speur na sìth agus dh' èirich 
neòil a' chogaidh, is V fheudar dol gu 
cruadal a rithis. 

Thàinig e dh' f hàgail beannachd aig 
Màiri; agus 'nan seasamh aig ceann 
Loch AspuiU an sàmhchair a'mheadhon- 
oidhche, labhair iad briathran gaoil, gus 
an do shil an sùilean deòir bhlàth a' 
mhulaid a lionas càirdean an àm 
dealachaidh. 

" 'S iomadh rud a thig duine troimhe 
eadar a bhreith 's a bhàs, is cha robh 
dùil a'm, a Mhàiri, gu'n tigeadh orm 
dol a rithis cho goirid an dèigh a bhi 



20 Gu'n d' ikug i spèis do 'n àrmunn. 

cheana ann, rì aodann claidheamh an 
Fhrangaich. Ach, bi thusa, a ghaoil 
nam ban, dileas greis fhathast, is ma 
tha 'n dàn domh tiUeadh, thèid an 
t-snaim a chur nach f huasgail fiacaiU." 

"B' àill leam," arsa Màiri, "bhi air 
falbh leat an cois na rèisimeid mar tha 
iomadh bean fir as an Bos; agus mo 
dhà làmh fhèin bhi mu'n cuairt ort na 
'n rachadh do leòn. Ach, co-dhiùbh, 
bho nach gabh sin a bhi, mo làmh 
dheas duit, nach tèid currac orm gus 
an tiU thu. Is fhios a'm nach do 
chiion do ghràdh dhomh." 

" Nach do chrion mo ghràdh dhuit, 
a Mhàiri ! " ars lain. " Cha chiion gus 
an till abhainn Thir-chonaiU air ais ri 
aodann Beinn Li. Cha chrion; cha 
chrion, a rùin." 

Qhlais a' chàraid an làmhan mu 
chèile, is sheul iad am briathran gaoil 
le pògan milis. Shruth deòir f hrasach 
ri gruaidh gach aoin, is bha sgaradh 
fad iomadh latha eadar dà chridhe bha 



An decUachadh, 21 

bho làithean an òige a' plosgadh an 
gaol air a chèile. 

Le ceum trom bho chridhe gu 
Bgàineadh^ thug lain aghaidh air an 
t-Saor-pheighinn ; is bu lionmhor a 
smaointean air an rathad. Cha robh 
cnoc no allt, no lùb, no glac nach robh 
a' toirt làithean òige air an ais 'na 
chuimhne : agus b' iad na làithean sin 
na làithean sona, toilichte. Bha e r'a 
dhùthaich fhàgail an là-màireach agus 
math dh' fhaoidteadh nach f haiceadh 
e choidhche i ; agus bha e leis a sin 'ga 
&icinn air an oidhche so na bu 
bhòidhche na chunnaic e riamh L 

B' i oidhche mu dheireadh an 

Earraich a bh'ann; is bi 'n oidhche 

bhòidheach i cuideach^. Bha a' 

ghealach làn anns an speur, is a faileas 

òrbhuidhe dannsadh air aodann deal- 

rach Loch Aspuill, far an robh am 

breac lùthmhor a' leum ri meanbh- 

chuileig na h-oidhche shèimh so; is 

sheasadh lain a shealltainn an dèigh 

C 



22 Giin d^ tkug t spèis do '» àmmnn, 

chearcall a' sgaoileadh ga bòidheach 
air aodann an locha gus an do shiolaìch 
iad anns an asdar, no gus an do 
chaiUeadh iad iad fhèin anns a' chuilc, 
no ri bruachan an locha. Bha 'n lach 
a' ràcail anns gach lùb a' sireadh a 
lòin; no fead a h-iteig r'a cluinntinn 
'san adhar air a slighe gu'n loch. Bha 
na neòil mhòra gheala a' snàmh gu 
mall, socrach ri aodann nan speur, is 
gaoth fhann na h-àirde deas 'gan 
iomain bho mhonadh àrd na Saor- 
pheighinn gu muUach gorm Beinn Ll, 
is reultan mìogach an anmoich a' 
priobadh 's a' caogadh troimh gach 
uinneig a bh' orra. Is iomadh uair a 
sheall Isdn air an t-sealladh ud; ach 
cha do ghabh a chridhe riamh roimhe 
a stigh a' bhrèaghachd mar a ghabh e 
'n oidhche ud. Ach bha e air an àm 
a' sealltainn air le sùil fir a bha f^gail 
a dhùthcha 's a chàirdean as a dhèigh 
glè mhoch am màireach agus, math 
dh'fhaoidteadh, gun am faicinn ri 



An deaìachculh, 23 

bheò. Thionndaidh e aghaidh air 
falbh, is le sùil thruim 'sa ghrunnd, is 
osann a cheart cho trom bho chridhe, 
''Ochòin/' ars esan, "nach ann agam 
tha 'm farmad ri feadhainn a tha 
fìiireach; is nach sona iad nach d' 
f hàg an dùthaich riamh ; is nach sona 
an dùthaich anns nach cluinnteadh an 
diugh fuaim nan sligeanach stàilinn a' 
sgàineadh 's a' tilgeil gathan bàis 
ceudan slat mu 'n cuairt. Ach 'cha 
dean fuireach feum, ach falbh; 
feumaidh sinn bhi togail oimn', ged b' 
ann a bhi 'm ' f hear eile air son 
Eachainn' fhèin 'sa chath." An sin, le 
fead aotrom 's ceum uallach an t-saighd- 
eir, aon uair eile, thog e air dhachaidh 
a chur aon oidhche eile seachad fo na 
cabair fo 'm b' òg an d' fhuair e 
àrach. 

Bha a mhàthair, mar bu mhinic a 
bha i, 'na suidhe taobh an teine 
feitheamh ris 's a' cumail a chuid 
cabhraich blàth. 



24 Gu^n iF tkug i spèis do '« àrmunn. 

''Tha sibh air ur cois fhathast, a 
mhàthair,nach iomadh oidhche amnoch 
a chum mi as ur leabaidh sibh a nis ? " 

''Is iomadh, a ghaoil; is tha mi'n 
dòchas g^ iomadh oidhche anmoch a 
chumas tu f hathast, cuideachd, mi." 

''Tha mi'n dòchas, an dèigh na 
h-uile rud gur h-iomadh/' ars lain 's e 
'ga pògadh le pòig bhlàith. 

" Ach tha mi creidsinn, ma tha 'n dàn 
duit tilleadh a rithis, gu'm bheil fiughair 
agad gu'm bi cuideiginn eile 'gad 
f haire tighinn anmoch gu baile " ars a 
mhàthair le triotan gàire bho chridhe 
glè throm. 

'' Ma tha 'n dàn dòmh dol 'na lùib, is 
tric a gheibh i cothrom air a sin, a 
mhàthair," ars lain. '' Tha fios againn 
ciod è chaidh seachad; ach cha'n 'eil 
fios againn ciod è tha ri tighinn/' ars 
esan; ''ach, co-dhiùbh, thig fear an 
t-saoghail fhada troimh gach cunnart 
— is thàinig mise troimh iomadh 
cunnart mar thà, mu'n d' fhàg an 



Cruinneachadh nan satghdear, 25 

t-Arm Breatunnach beanntan gorma 
na Spàinne as a dhèigh." 

Chaidh an tigh mu thàmh^ is mu'n 
d' èirich grian an là màireach thar 
beanntan gorma Lathuma, cha robh 
similear 'san Bos Mhuileach nach robh 
a smùid chaisreagach fhèin as; agus 
cha mhò bha teintean ann eadar Caol 
Ithe is Cille Phàdruig air nach robh 
smal agus leann-dubh, agus na h-uile 
air an aon aobhar : gu'n robh smior na 
dùthcha an là sin r' a iàgail ; agus pàirt 
diubh nach tilleadh gu bràth. Mhosgail 
a' mhaduinn gu bòidheach air cnocan 
glasa an Bois; ach bha iad uile fo 
phràmh, agus dealt na h-oidhche mar 
dheòir air gach badan fraoich is crann 
rùisgte. Bha torman bròin aig 
tonnaibh na fairge 's iad a' briseadh 
gu trom air gach rudha 's a'rannsachadh 
gach fròig am measg nan clach. Mu'n 
d'èirich a' ghrian ri àirde a' mheadhon- 
là bha cruinneachadh am baile beag 
Bhun-easain nach robh ann bho 



26 Gì^n (P ihug i spèis do 'n àrmunn. 

bhliadhna Thèarlaich. Chruinnich iad 
bho chloich gu cloich de 'n dùthaich, 
ceathamaich òga, smearail, deas- 
direach, agus mòran diubh air nàch do 
chinn feusag. 'Nam measg bha fir is 
mnathan, sean is òg; cuid le'n cinn 
liatha, a chunnaic còrr agus leth-cheud 
bliadhna roimhe sud àrmuinn àluinn 
an Bois air an t-slighe a thoirt 
còmhnaidh do Thèarlach òg Stiùbhart. 
B'e sud an latha mòr gun teagamh. 
Bha 'm baile làn bho Thigh-a'-chladaich 
gu Abhainn-a'-Mhuilinn ; an t-aosda ri 
bròn is an t-òg ri làn aighear, agus 
sgonna-bhodaich chòir a' cur misnich 
'nan cuid mac 's a' laimhseachadh am 
bataichean cromagach mar chlaidheamh- 
nan. Bha cuid a' seinn òran, cuid a' 
dannsadh ri ceòl na pioba^ is cuid ag 
èigheach gach brosnachadh cath air an 
cualas riamh iomradh : '' Cuimhnichibh 
air na suinn o 'n d'thàinig " aig h-aon ; 
" Na teichibh gu bràth na's f haide na 
theich an Fhèinn" aig a h-aon eile; 



Cruinneachadh nan saighdear, 27 

"Biodh na Frangaich is cuid 'nan 
sineadh air am màgan;" ''Na tillibh 
gu bràth gun cheann Bhonaparte;' 
"Ho-rè, ho-rè!" 

" Bhi 'gan cuimhneachadh 's 'gan ionndrainn, 

Na fìr ùra dh' f halbh air sàile ; 
£hi 'gan cuimhneachadh 's 'gan ionndrainn.'' 

"Ho-rè! Suas i, fheara dubha an 
Bois ; is cumaibh a' bhratach bhuidhe 
air am bheil leòghann craobhach 
Albann, a' crathadh gu bràth an gaoith 
bhlàith na Frainge. Ho rè; suas i, 
suas i ! " 

Bha 'n aon ùb-àb bho cheann gu 
ceann de 'n bhaile. Shèid Seumas 
Mac Leoid suas a phiob mhòr, is bha 
fuaim " Cruinneachadh Chloinn-'iU- 
eathain" air a giùlan bho Thòrr-a'- 
bhacain gu gach cnoc mu thimchioU, 
's gacb cnoc a b' f haide air falbh a' 
cumail na fuaime na b' f haide beò. 

Chaidh na giUean a chur an òrdugh, 
's le fear na Fidein is fear Ard-fionaig 
air an ceann shiubhail iad air falbh ie 



28 Gu^n Ì thug i spiis do *« àrmunn. 

ceum aotrom triieanta. Bha na pìob- 
airean a' cluich " Gillean an f hèilidh " 
agus is gann nach robh an corragan a' 
toirt am mach nam &cal : 

" Soraidh is slàn, 
Ho rd, guma fallan duibh, 
Gillean an f hèilidh." 

'S iomadh tè leig deur an là ud ; 
màthraichean a' caoineadh am mac; 
peathraichean, am bràithrean; agus 
maighdeannan òga, an leannain ; agus 
'nam measg so, bha Màiri a' chìobair 
an Siaba. B' iad so a' chuideachd mu n 
d' thubhairt Dòmhnull bàn Lioba : 

" Chaidh na gillean grinn 'nan armachd ; 

'S math thig an còta dearg dhaibh ; 

Chaidh na giUean grinn 'nan armachd. 
GiUean an Bois Mhuilich, 
'S iad f huair an t-urram 
Nuair chaidh iad do Lunnainn 
Le'n gunnaichean gorma." 

Dh' f halbh iad is bha tùrsa anns an 
Ros uile 'nan dèigh. 



Cèiiidh an Hgh a' chìoòair. 29 



EARANN II. 

Nuair thàinig an oidhche lion gach 
tigh-cèilidh, *B b' ann diubh tigh a' 
chlobair an Siaba. B' i cuspair na 
h-oidhche anns gach còmhdhail an 
taomadh goirt a thàinig air an dùthaich 
an là ud. Am measg na bha 'n tigh a' 
chiobair bha 'm maighstir-sgoil, 's e 
toirt daibh eachdraidh na h-ùbraid a 
bha feadh na Roinn-Eòrpa. Bha e 
daonnan a' faotainn leughadh de 'n 
Joumal bho Mhaighstir Dùghall, 
ministear AspuiU ; is cha bhiodh tigh- 
cèilidh 'sam bitheadh e, nach biodh 
làn bho oisinn gu oiainn; is thòisicheadh 
na sgeulachdan. Aon eiie de na bha 
stigh, b' e Donnachadh Aotrom. 
Thugadh an t-ainm so air a chionn 's 
gu 'n robh e aotrom 'na phearsa is 'na 
sheanchas; agus glè sgaiteach 'na 



30 Gu^n iP thug i spHs do *« àrmunn, 

sheanchas, cuideachd; agus, mar an 
ceudna, aighearach, ach gun ghò, gun 
chron. 

"An dà," arsa DòmhnuU Foirfeach, 
" tha cuimhne agamsa, 's mi 'nam 
bhalach glè bheag, buidheann de 
ghiUean — cha'n 'eil dùil a m nach robh 
seachd fichead dhiubh ann, agus a' 
chuid bu mhotha dhiubh gun f heusaig 
— ^a dh'fhalbh as an Ros roimhe, ri linn 
bliadhna Thèarlaich." 

"Nach ann le Fear Dhubhairt a 
dh'f halbh iad sin ? " arsa Donnachadh 
Aotrom. 

" 'S ann," arsa DòmhnuU. 

"No le fear gun Dubhairt idir; 's e 
bu chòir dhomh a ràdh/' arsa 
Donnachadh. 

" Ach stad oirbh," ars an ciobair, 
" am bheil cuimhn' aig a h-aon agaibh 
a chluinntinn mu 'n t-sealladh a 
chunnaic lain taibhsear shuas an Cill- 
f hinichein o chionn bliadhna no dhà ? 
Bha e feasgar bòidheach samhraidh — 



Ceilidh an tigh a* chìobair. 31 

is tha iad ag ràdh gur e sin àm is dòcha 
rud fhaicinn — agus an dol fodha na 
grèine, cuideachd, 's ann a bh' ann. 
Bha e, ma tà, buachaiileachd crodh 
Eòghain Mhòir agus ciod e V ionghnadh 
leis fhaicinn ach buidheann shaighd- 
earan a' coiseachd seachad gu spaideil, 
bòidheach. Bha 'n sealladh cho 
taisbeanach 's nach do smaointich e 
riamh nach bu daoine nàdurra, corporra 
gu leòir a bh' annta gus an deach iad 
as a shealladh cùl coilleig ghuirm, agus 
's ann nuair nach d' thàinig iad am 
follais a rithis nuair a bha ùine aca, a 
thuig e gu 'm b' e tabhaisg a chunnaic e. 
Nach bu neònach sin ? " 

*' An dà, b' eadh ; bu neònach e gu 
dearbh," ars am maighstir-sgoil, "'s 
cha 'n 'eil mi idir ag ràdh nach d* 
thàinig a cheart rud air a chois an 
diugh fhèin." 

"An dà, bhuail a' cheart rud a'm 
inntinn-sa," arsa bean a' chlobair 's i 
sgur de chàrdadh. Ach 's ann a thèid a' 



32 Gi^n d" thug i spèis do 'n àrmunn. 

chuideachd a dh' fhalbh an dìugh 
troimh 'n Ghleann Mhòr." 

Thàinig tartaraich gu 'n dorus, is cò 
thàinig a steach ach lain Taibhsear 
fhèin. 

"Cò tha gleidheadh an tighe?" ars 
lain gu tiom> socrach, 's e mar bu 
ghnàth a' caradh òrdag mu 'n cuairt a 
chèile. 

"Tha na chuireadh am mach sibh/' 
arsa Donnachadh Aotrom. 

" Ha, hà," arsa bean an tighe, " nach 
èibhinn Donnachadh ! " 

" Tha sinn direach a' bruidhinn oirbh 
an so, lain," arsa Donnachadh. 

"Tha mi 'n dòchas gur h-ann gu 
math, ma tà," ars lain. 

''Cha 'n ann gu math no gu dona, 
ach an gnàth sheanchais. Tha iad so 
ag ràdh gu'n d^thàinig an sealladh a 
chunnaic sibh aig Ciii-fhinichein air a 
chois an diugh." 

" An dà, cha d'thàinig " ars lain. 

"Cha d'thàinig," arsa Donnachadh, 



Ciilidh an tigh a' chìobair, 33 

" a chionn 's e rathad a' Qhlinn Mhòir 
a ghabh iad so/' 

'' Ged a b' e rathad ChiU-fhinichein a 
ghabhadh iad, cuideachd, cha'n iad a 
chunnaic mise," ars lain, 's e sealltainn 
am muUach an tighe agus daonnan a' 
caradh' òrdag. 

"Sin agaibh a nis," arsa bean an 
tighe. 

'' Tha sin iongantach," arsa Màiri. 

"Ciod è mar a nis, lain?" ars an 
ciobair. 

" Tha mar so," ars lain ; " cha robh 
madadh no òrd, mar a their sinn ris, 
air na gunnachan a bha 'n fheadhainn 
a chunna mise a' giùlan ; ach maol, lom 
a sios gu 'n stoc." 

"XJbh, ùbh!" arsa Donnachadh 
Aotrom. "Cha chualas riamh gunna 
gun òrd." 

"Biodh sin 's a roghainn 's a dhà 
roghainn da, sud mar a bha co-dhiùbh." 

" Thalla, thalla ! " ars an ciobair, " s e 
sin rud ìs neònaiche chuala mi riamh 

D 



34 Gi^n tP thug i spHs do *n àrmunn. 

idir. Feumaidh gur e manadh air 
choireigimi a tha 'n sin. Cha'n 'eil na's 
cinntiche nach e rudeiginn a tha gu 
teachd a th' ann." 

"'S iomadh àl a thig mu'n tig iad 
sud/' ars lain. 

'' An dà, an dà ! " arsa Donnachadh 
Aotrom; ''cha robh mi riamh ach a' 
deanamh cùis-mhagaidh de d' thaibhs- 
earachd, ach 's ann a tha thu cur 
seòi*sa dh' eagal orm ; 's gu dearbh fhèin, 
mar tha 'm port ag ràdh : 

** Mur 'eil agad ach an aon shùil, 
Chì thu leis an t-sùil a th' agad. 

" An cuala mi riamh a leithid, fheara 
's a ghaoil ! " 

'"S tric a chì mi leis an aon shùii 
rud nach math leam còrr uair." 

"£ha taibhsearan riamh ann, is 
bithidh," arsa bean-an-tighe ; " 's mur a 
biodh rudeiginn de'n fhìrinn ann, cha 
b' urrainn iomradh bhi air a leithid de 
rud is taibhsearachd a h-uile linn riamh 
o chionn nan ceudan bliadhna. Dh' 



CHlidh an tigh cC chìoòatr. 35 

fheumadh am facal 's an ealain, ma 's 
ealain i^ bàsachadh uair èiginn. Nach 
'eil mi ceart, a mhaighstir-sgoil ? " 

"Hm-m," ars am Maighstir-sgoil, 
*'tha rudan neònach air an innseadh, 
gu dearbh ; 's nuair a chluinneas sinn 
pàirt diubh a' tighinn air an cois, cha 
'n 'eil teagamh nach toir e aomadh air 
duine gu bhi deanamh seòrsa creidsinn 
ann." 

" Tha na Gàidheil 's na h-Eireannaich 
a' creidsinn gu daingeann an taibhs- 
earachd," ars am foirfeach. 

'' Nach ann à Eirinn a thdinig sinn 
air fad ? " arsa Donnachadh Aotrom. 

" 'S e sin aon rud nach creid mise, 
co-dhiùbh," ars am maighstir-sgoil. 
" Bha na Oàidheil 'sa Ghàidhealtachd 
riamh — co-dhiùbh mu 'm bheil eachd- 
raidh a' toirt cunntais orra — 's cha 
chuir duine 'sam bilìli as mo bheachd 
mi nach sinn na Cruithnich a thug an 
garbh choinneamh do na Eòmanaich." 

" M' eudail sibh fèin, a mhaighstir- 



36 Gu^n iP thug i spèis do '» àrmunn, 

sgoil ! Tha mi 'n dòchas gu'n toir na 
Cruithnich a dh' fhalbh as an Ros an 
diagh coinneamh a cheart cho garbh do 
na Frangaich." 

" Horò ! agus mo chion oirbh fèin, a 
bhean a' chiobair, nach math a fhuair- 
eadh agaibh el'' arsa Donnachadh 
Aotrom. "Ach, fheara, eudail! nach 
toir sibhse 'n aire a liuthad leum 's a 
thug sinn asainn bho 'n rud air an do 
thòisich sinn. Nach neònach far an 
stad bruidhinn, c'àite 'sam bith an 
tòisichi!" 

Fad na h-ùine bha Màiri bhochd ag 
obair feadh an tighe 's ag èisdeachd. 
Bha a cridhe làn gu sgàineadh a' 
cuimhneachadh air an àrmunn àluinn a 
dh' fhàg a bheannachd bhlàth, a phòg 
mhilis, 's an gealladh daingeann aice an 
raoir. Bha e 'na sùilean fhathast nuair 
a sheall i as a dèigh air, an dèigh 
dealachaidh's gun fhios an coinnicheadh 
iad gu bràth tuilleadh ; ach bha tè no 
dhà 'san Ros d'a seòrsa. 



An dèigh na gilleanfalbh, 37 

Sgaoil a' chuideachd glè amnoch 'san 
oidhche. Chaidh an tigh mu thàmh, 
is chaidh Màiri abhruadar air a leamiaii, 
do leabaidh na clòsaid. Air an oidhche 
ud, agus air iomadh oidhch' eile, fhliuch 
a deòir a cluasag. Ach an ùine 
ghèarr thug litrichean lain mòran de 
'n smal bhàrr a cridhe mhaoith, òig ; ged 
a b' iomadh latha aig luadhadh 's aig 
dannsadh, bhiodh a gàire cridheil os 
cionn cridhe ghoirt. 

Dhùisg maduinn a' cheud latha 'n 
dèigh na gillean falbh, gu bòidheach, 
aoibheil. Bha na cnuic 's na glacan, na 
dailtean 's na raointean air am fSsdlceadh 
an gaithean blàtha na grèine, bha 
dèarrsadh gu h-òirdheirc à speur gorm 
gun smal, gun bhruaillean ; ach b' fhada 
'n suidheachadh sin bho iomadh cridhe 
'san Bos Mhuileach air a' cheart lath' 
ud. Agus 0! b' iomadh a h-aon a 
bheireadh sùil fharmadach air an uiseig 
gu h-àrd air sgèith, 's i dòrtadh a nuas 
a ciùil bhinn gu talamh. Aig tobar 's 



38 Gu^n cP thug i spèis do '« àrmunn, 

aig buaile bha na mnathan a' toirt 
comhfhurtachddochèile. Ammuileann 
's an cèard-thigh choinnicheadh na fir, 
's b' e 'n aon cheann-sheanachais a 
chluinnteadh 's gach àite. Ach ri ùine 
bhàsaich sin is thuinich gnothaichean 
na dùthcha gu 'n àitean àbhaisteach. 
Bha rud an tràth-s' 's a rithis a' togail 
cinn 's a' togail aire. Bhiodh sgeul an 
tràth-s' 's a rithis a' tighinn mu'n 
chogadh mhòr a bh' air dùsgadh, 's a' 
dol 'sna gaid; is bha gach nì dol air 
aghaidh gu rèidh socrach mar nach do 
thachair dad riamh. 



An armailt Bhreatunnach, 



EARRANN III 

Thachair na nithean so 'san Bos rì 
linn Bhonaparte. Cha robh cèam de 
'n rioghachd uile nach robh a smùdan 
f hèin as ; 's cha robh Muile, no idir an 
Bos, air leth air àitean eile. Bha mòran 
sluaigh feadh na dùthcha air an àm 
shònruichte so. Bha còrr agus ceithir 
mìle pearsa an sgireachd Chill-fhin- 
ichein, 's cha robh e ro-dhuilich da- 
rìreadh buidheann shaighdearan a 
thogail ann, cho gasda, 's cho calma, 's 
^cho eireachdail, 's a chuir riamh claidh- 
eamh air leis no còta dearg air dhruim. 
Agus thachair sin. 

Bha Bonaparte air teicheadh as a' 
phrìosan agus air fSeiotainn aon uair eile 
air ceann armailt mhòir na Frainge. 
Bha'n Roinn-Eòrpa uile air a h-uilinn 
ach Breatunnamhàin. Chaidh armailt 
mhòr a chur r' a chèile agus, le Well- 



40 Gu^n d* thug i spèis do '« àrmunn. 

ington air a ceann, chaidh iad a thoirt 
coinneamh do na Frangaich aon uair 
eile. Bha teanntachd mhòr 'san rìogh- 
achd air fad, agus cha robh oisinn dith 
nach do rinn a cuid fhèin a dhlon onoir 
is treubhantas Bhreatuinn. 

Cha b' i Muile bu lugha rinn an 
Albainn ; 's cha b* i 'n Ros bu lugha 
rinn am Muile. Cha robh croit no 
baile nach do chuir clach 'sa chàm, an 
dà chuid an saighdearan 's an òifigich. 
Cha robh baile feafainn anns nach 
f haighteadh a dhà no trì dh' òifigich 
airm. Bha còimeilean 'sna Fidein 
's an Cnoc-mhaolagain, agus caip- 
teanan an Aird-f hionaig 's an Uisgean 
's am Bun-easain. Bha 'n sglreachd 
làn de shluagh àluinn, neartmhor, 
calma, cruadalach, uaibhreach mu 
chùisean cogaidh, 's fuil stiitheil an 
athraichean d'am bu dual a bhi dàn 'sa 
chath, fathast a' ruith blàth 'nan cuis- 
lean, 's an t-sradag a chum dùthchas 
beò 'nam broilleach bho 'n do chrochadh 



Litrukean o nafir a dìC fhalbh. 41 

an claidheamh mu dheireadh an dèìgh 
bliadhna Thèarlaich, a ghnàth 'ga 
fhadadh le sgeòil-taobh-an-teine anns 
an oidhche fhada gheamhraidh. Cha 
b' ionghnadh iad a bhi deas gu dol 'nan 
airm nuair a shèid trompaid a' chogaidh 
g' an gaìrm a dhion na rioghachd. 
Fhreagair iad òrdugh an rìgh gu dol 
'nan èideadh, mar is tric a f hreagair an 
athraichean òrdugh Dhubhairt, agus b* 
iomadh claidheamh cruaidh^ fuilteach a 
thug glag a' dol 'na thruaill aig an àm 
shònruichte so 'san Bos. 

Ach chaidh ùine seachad 's thòisich 
licir an dèigh litir air tighinn o na fir a 
dh' f halbh thar a' chuain. Bha naidh- 
eachdan ti briseadh an traths' 's a 
rithis am mach mu 'n chogadh ; tè ùr an 
diugh is tè ùr eile am màireach. Na 'm 
biodh ni sònruichte 'sam bith r' a inns- 
eadh chluinnteadh bho 'n mhinistear 
e nuair thigeadh an Joumal uair 'san 
t-seachdain, no math dh' fhaoidteadh, 
nuair gheibheadh e fios bho 'n cheann- 



42 Gu'n iP thug i spèis do 'it àrmunn, 

armailt a dìos à Lunnainn, 's aghlaodh- 
adh e 'san eaglais e. Ach b' e lain 
Taibhsear fior ghille-naidheachd na 
dùthcha. Cha robh clach de 'n 
sg^reachd nach robh e siubhal uair 'san 
t-seachduin a' cruinneachadh uighean 
's 'gan cur do Ghlascho leis gach dara 
bàta thogadh seòl ri crann, am Bun- 
easain no am Port-Uisgein, no 'n I. 
Eadar Càrsaig is Feighinn-a'-Ghaidheil 
's CiU-fhinichein, bha lain a' faotainn 
eachdraidh a' chogaidh ; 's nuair a thiU- 
leadh e'n Bos bhiodh e air a shèisdeadh 
le ceistean. Cha b' e cor a' Phosta 
ruaidh dad ab' fhèarr ; nuair thigeadh 
e uair 'san t-seachduin as an t-SàiIean 
le mhàileid litrichean, choinnicheadh 
muinntir na Saor-pheighinn is Shiaba 
aig geat AspuiU e, agus an còrr de 'n 
chuid iar de 'n dùthaich am Bun-easain ; 
's b' e sin an cridhealas 's an f healla- 
dhà bhiodh am measg na h-òigridh a' 
feitheamh ris a' Phosta gus a h-uile 
h-àm 'san oidhche, agus astar mòr aig 



lÀtricheanonafir aiK JhcUbh. 43 

pàirt diubh a dhol dachaidh, mar a 
bha Màiri chiobair fhèin. 

'' An t-each odhar 's e fo dhiollaid, 's 
coltas ]dgh am marcachd air/' theireadh 
Donnachadh Aotrom, nuair thigeadh 
am FoBta am fradharc thar Bruthach 
Thaoslainn. 

'^ Mur an e an righ a th' ann, 's e 
ghille th' ann/' theireadh am Fosta. 

"Tha sinn an dòchas gu 'm bheil 
tilleadh taitneach agad air an turus so, 
ma tà, is sinn cho fada feitheamh ort/' 
arsa Donnachadh. 

"Cha'n e tilleadh a' mhadaidh- 
ruaidh a th' agamsa uair air bith/' 
theireadh am Fosta. 

" Ciod e 'n tilleadh a tha 'n sin ? " 

'' Tha tilleadh falamh," ars am Posta, 
'' Tha agamsa de litrichean an nochd 's 
gur gann a tha de dh' airgead odhar 
'san Bos na thogas iad." 

"'S math do naidheachd, 'ille. 
Cumaibh cirean nan cearc dearg, a 



44 Gu^n tP tkug i spHs do ^n àrmunn, 

mhnathan òga, is gheibh sibh airgead 
odhar gu leòir bho laia Taibhsear air 
son nan uighean," arsa Donnachadh. 

" Haoi orra, ho rò ! ha hà ! " ghlaodh- 
adh a' chuideachd gu lèir, le bualadh 
bhas. Dh' fhosgladh am Fost a 
mhàileid, is cha chluinnteadh ' gaoir a' 
chath' leis gach aon a' glaodhaich 
còmhla : " Am bheil litir do 'n mhinis- 
tear ann ; is am bheil litir do 'n aon so 
's do 'n aon so eile ann?" gus am 
fàgadh iad am Fosta bochd ' cho bodhar 
ris na gobhair 'san fhoghar,' mu'n d' 
thubhairt iad e. 

Fhuair Màiri a' cheud litir bho lain, 
agus is iomadh uair a leugh si i 'na 
closaid ri solus a' chrùisgein, agus a dh' 
aithris i rithe-fèìn na facail bhlàth, 
mhilis bho pheann 's bho chridhe leann- 
ain a bha cho fada bho com ach cho 
dlùth 'na cridhe. Bha sreang do- 
fhaicinn a' dol thar bheann is chuan 
eadar lain is Màiri agus a' giùlan an 
smuain gu chèile. B' e smuain a 



Abhachdas Dhonnachaidh Aotruim, 45 

mhàin e, ach b' e 'n litir do Mhàiri com 
is pearsa lain fèin. 

" Cha leig sibh leas dol gu Eileig-na- 
Lùraich an dà latha so. Innsibh 
dhuinn an do rinn i fiosachd fhior 
duibh," theireadh Donnachadh Aotrom 
nuair a gheibheadh e grunnan de na 
h-ingheanan còmhla air blàr-mòine no 
air cliath-Iuadhaidh ; is cha robh tè 
nach dèanadh lachan cridheil gàire. 
Ach cò 'n tè a dh' aidicheadh gu 'n 
deach i riamh a dh' iarraidh fiosachd 
air Eileig — ged nach robh aon tè 
dhiubh a bha saor 'san ni ? 

''Fàighidh an cogadh so do dh' 
Eileig gu math no tha mise air chùl 
mo naidheachd/'theireadh Donnachadh. 
''Obh, 6bh! nach iomadh sainnseal 
ceutach a gheibh i : cnap de dh'ìm ùr, 
peic bhuntàta, feardan clòimhe, 's a' 
mhin eòma air ùr thighinn bho dhà 
chloich mhòir a' mhuilinn ; ha, ha, hà ! 
'S iomadh rud a chi am fear a bhios am 
muigh anamoch." 



46 Gu*n Ì thug i spiis do *« àrmunn, 

Ghàireadh na h-ìnghnean a' maoidh- 
eadh an dòm air Donnachadh 's gun 
tè dhiubh nach robh a' tuigsinn a 
cionta fèin. 

Bha EiIeag-na-Lùraich, mar their- 
eadh iad rithe, a chòmhnuidh am bad 
glè leth-oireach 'sa choimhearsnachd ; 
a bothan beag dubh aig bun cnuic anns 
a^ ghleannan chaol, dhorcha troimh 'n 
robh abhainn Thir-Chonnail a' srùth- 
ladh 's a slapraich am measg nan 
sonnachlach air an t-slighe chama-lùb- 
aich chuartagaich gu ruig Loch 
Aspuill. Bha e 'na chleachdadh aig 
gòragan nighean a bhi dol a dh' 
iarraidh fiosachd oirre, is bho 'n a bha 
'n gnothach a' pàigheadh do dh' Eileig, 
cha chaomhnadh i fiosachd orra. Bha 
suidheachadh an tighe, uaigneas an 
àite, agus coltas na caillich, le h-aodann 
buidhe, preasach, falt caisreagach, 
breac-Iiath gun chìreadh a Dhòmhnach, 
a Luan 's a Shathuma, 's a làmhan 
fada, caola, buidhe^ seargte^ a' toirt 



A' Bhati-fhiosakhe. 47 

buaidh ghisreagaich air na h-inghnean 
nuair thigeadh iad air thurus chuice. 
Shuidheadh iad air clachan mu 'n 
cuairt an tighe a dh' èisdeachd ciod e 
bh' aice r' a ràdh. Dheanadh Eileag 
con-shuidhe mu choinneamh an teine, 
bheireadh i lùireach dhubh m' a 
ceann^ is anns an t-sàmhchair a bhiodh 
stigh thòisicheadh i air roinn na 
luatha a nuU 's a nall le bioran 
beag, dubh, 's a' monmhar sean- 
achais rithe fèin. Bhiodh na h-in- 
ghnean ag èisdeachd an uamhas, 
agus osnaich na gaoithe muigh, cho 
math ri slapraich na h-aibhne agus 
gearan na caiUich-oidhche, a' neart- 
achadh na h-oilltealachd a bha mu 'n 
cuairt. Dh' èireadh an sin a' chailleach 
is dh' innseadh i fortan do gach tè air 
leth, gus an toireadh na balaich a bhiodh 
a' far-chluais ràn asda air an taobh am 
muigh. A' turamanaich^ 's i 'na suidhe 
air cathair, theireadh i ri Màiri, " Chl 
mi lain air uilinn ; ach m-m-m, ciod e 



48 Gu^n d' ihug s spèis do 'n àrmunn. 

'sam bith a thachras, m-m-m, bithidh 
e air do chluasaig fhathast." 

"Nach neònach an rud a tha i ag 
ràdh daonnan rium-sa mu lain/' arsa 
Màiri ri Mòir Bhàin air an rathad 
dachaidh. 

" An dà, tha e cur ionghnaidh orm, 
co dhiùbh," arsa Mòr. "'S ann a 
shaoileas mi gur e th' ann : tha rudeig- 
inn aice fodha. Ach tud, tud! cò 
bheireadh feairt oirre, an t-sean bhradag 
phreasach, pheasgach; cha 'n fhèarr 
òinsichean tha dol far am bheil i." 

"Qu dearbh, cha 'n fhèarr," arsa 
Donnachadh Aotrom, 's e direach fo 
chùl a' ghàraidh, " 's math a fhuaireas 
agad e, Mhòir." 

" U ! hi-hi-1 ! " sgreuch na cailean, 's 
am mach ghabh iad mar gu 'm biodh 
na coin riutha. 

" Tha mi duilich nach do chòrd 
fiosachd Eileig ruibh. Ciod è mar tha 
dol do Mhurchadh, a Mhòir ? Ho, ho, 
hò ! Tuigidh an cù fhèin a chionta," 



Fiosaehd a fhuair Màiri. 49 

ghlaodh Donnachadh an ceann àrd a 
chinn, gus ando thilg mac-talla Bheinn 
lA an (huaim tarsuinn an gleann gu 
cnoc bàn na Saor-pheighinn ; ach thug 
na.caileagan an casan leotha. 

Cha do leig Màiri cainnt na caiUich 
as a cluasan fad na h-oidhche : — ciod e 
'sam bith a thachras, bithidh e air do 
chluasaig fhathast. '' Ach nach gòrach 
mi toirtgèill d'a leithidde dh'fhaoineas/* 
theireadh i rithe fèin. Achbhadaonnan 
an rud a' tighinn an uachdar gus an do 
thilit i seachad 'na cadal, a dhol thairis 
air a' cheart ni an riochd na suain. 
Cha robh teagamh aice an lain, 's cha 
robh uair a leughadh i a litrichean nach 
neartaicheadh 's nach ath-bheothaich- 
eadh a h-earbsa ann. 



W9m^^^i^mSSifìffim^9mf!SSK^ 



50 Ou*n iP thug i spik do '« àrmunn. 



EARANN IV. 

Bha'n t-arm Breatunnach air camp- 
achadh am Brussels, agus buidheann 
an dèigh buidhne a' taomadh a steach 
seachdain an dèigh seachdain; is bha 
mòran de ghillean an Rois nach fac a 
chèile an dèigh dol thar Chaol Muile. 
Bha aig gach fear de 'n arm cheang- 
ailte, gu sònruichte, dol gu rèisimeid 
fhèin, is chaidh mòran ùine seachad mu 
'n do thachair pàirt diubh r'a chèile 'sa 
champ 'san dùthaich chèin. 

'S ann an sin a bhiodh an fhearas- 
chuideachd nuair a thachradh comp- 
anaich 's càirdean 's luchd-dùthcha air 
a chèile, fad o 'n daoine 's o'n cuideachd 
's o'n dùthaich. Fear a' gabhail 
naidheachd o fhear, 's am fear mu 
dheireadh a fhuair litir a' toirt seachad 
na naidheachd a b' ùire, 's a' chuid bu 
mhò 'ga dheanamh de 'n naidheachd 



Fearas-chuideachd atn Brussels. 51 

bu lugha na'm b'ì b' ùire. 'S i so fàgail 
àiridh an eilthirich : tha chridhe fathast 
'na dhùthaich mòran ùine an dèigh dà • 
a i&gail ; 's an ni nach toireadh e 'n aire 
da ach mar osag na gaoithe samhraidh 
a' siubhal am measg nan craobh is 
thairis air an raon, nuair bha e am 
measg an t-sluaigh leis an d' fhuair e 
àrach òg, tha e leis mar naidheachd 
annasach, agus sin ag ùrachadh a' 
chàirdeis a th' aige ris an t-seann tir 
agus a' teannachadh a' chomh-cheangail 
nàdurra tha &thast eatorra, ged is fÌBtda 
bho chèile iad. 

B' iad na tighean òil na h-aon àitean 
cèilidh. 'S iomadh deoch-slàinte mhath 
Ghaidhealach a chaidh òl annta^ agus 
òran math Gàidhlig a chaidh a sheinn 
annta, fhad 's a bha 'n camp ri chèile. 
ChruinnicEeadhiadcòmhla'san oidhche: 
Gaidheil mheanmnach, sgairteil,ghasda 
as gach cèam agus eilean 'sa Ghaidh- 
ealtachd. 'S iomadh facal a rachadh 
a sgoltadh bho 'n a lìonadh a' cheud 



52 Gìind' thugtspHsdo'nàrmunn, 

ghloine gus an tràghadh am fear mu 
dheireadh, agus 's iomadh gloine bhiodh 
eatorra. 

''Saoghal sona, sàmhach duit; do 
chridhe seirmeach, slàn ; do thigh gun 
bhoinne-snidhe, 's do chiste mhine làn," 
ghlaodhadh fear, 's a ghloine 'n togail 
fad a ghàirdean os cionn a chinn. 

'' Slàinte mhòr agadsa ; slàinte bho 
bhalla gu balla; 's air ar barrachd 
eòlais; an latha chi 's nach fhaic dhuibh ; 
so oirbh, fheara ! Suas i ! Ho, rè-è-è ! " 
Qhlaodhadh na bha stigh gus an 
toireadh an àrach fuaim bho oisinn gu 
oisinn. 

Bhiodh òran an sin aig fear mu seach. 
Chluinnteadh seirm shunndach "Och 
ho rò, 'ille dhuinn," fad air astar, agus 
gillean gasd' a' togail an fhuinn. 

'' Qu ma buan duit, 'ille ; 's loinneil a 
chaidh thu ris," arsa fear an sin ris an 
fhear a ghabh an t-òran ; ^' cha chreid 
mi gus an cluinn mi atharrachadh, nach 



Fearas-ckuideachd atn Brusseis, 53 

'eil thu fèin cho Muileach ris an òran. 
Am bheil mi ceart ? " 

" Ceartgu leòir,a charaid ; is Muileach 
mi bho mhuUach mo chinn gu bonn mo 
choise ; 's tha sè troidhean eadar an dà 
chuid sin diom." 

" Ann an sud i, charaid^agus tuiUeadh 
eòlais ort; is Muileach mi fhìn, 
cuideachd/' ars a' cheud fhear a labhair ; 
is thug na gillean crathadh cridheil, 
sunndach air làmhan a chèile. 

''Cò 'd as a thà thu?" ars esan a 
rithis. 

"A Loch Buidhe nam mèirleach/' 
ars an dara fear, is bhuail na bha stigh 
am basan air a chèile. 

"Cò 'd as a nis a tha thu fhèin, 
bho 'n is Muilich le chèile sinn ? " 

" A Creitheach Dhubh nan caiUeach " 
fhreagair an Bosach, oir b' e sin a bh' 
ann. 

''Ha, ha, hà-à-à!" Ghàir na bha 
stigh. " An cualas riamh dà fhreagairt 
Ì8 fèarr; fear a Loch Buidhe nam 



54 Gu^n (P fkug i spHs do ^n àrmunn. 

mèìrleach is fear eile a Creitheach 
Dhubh nan cailleach? Ha, ha, 
hà-à-à!" 

" Nach fhad o 'n a chuala sinn : * Na 
Fidein'sArd-tunna's Creitheach Dhubh 
nan cailleach^ trì àitean is miosa 'm 
Muile dhol a dh' iarraidh mhnathan/' 
arsa fear de'n chuideachd, "'s cha 'n 
'eil beachd dhomh gu deimhinn gu 'n 
cuala mi aon nduinne riamh roimhe aig 
am bheil a fhreagairt cho deas ris an 
Rosach; agus so air na 'Muilich bho 
dhubhar beann', slàinte mhòr, fhada.'' 

Thaomadh thairis fichead gloine, 's 
'na dhèigh, thug fichead gloine fftlamh 
gliong air bòrd cruaidh daraich. 

''Le 'r cead, a charaid," ars an Bosach, 
''tha mi meallta 'm bharail no 's 
Sgitheanach thusa." 

"Seadh, Sgitheanach gu chùl," 
fhreagair e. 

" Dh' aithnich mi sin ' or a chainnt ; ' 
their thusa rìdwinne ri duine, 's an 
uair a their sinne (jfu cinifUeach, their 



Fearas-chuideachd am Brussels. 55 

thusa gn deimhinn. Nach eil mi 
ceart?" 

" Tha, gu deimhinn." 

"Ha, ha hà-à-à! Cluimiibh sud a 
rithis '^ ars a h-uile fear rìamh. 

Ghàir an Sgitheanach cho math ri 
càch, agus a' leantainn, ars esan : " Is 
Sgitheanach mi da-rìreadh, agus fhuair 
mi m' àrach fo sgàile Stùic Mhic Leòid, 
far an d' aithris mac-talla nan creag 
ceòl binn, milis thri gineal de Chloinn 
Mhic Criomainn; agus, och, och, b'e 
sin am bòrd fuaim a thogadh gu glan 
gach miar anns na puirt lùbach 
loinneil bho phiob-mhòir Phàdruig, 's a 
thilgeadh gu glan thar Bhoraraig iad 
gus am bàsaicheadh iad 'san astar anns 
na cnuic a b' f haide air falbh. So so, 
air Stùic Mhic Leòid 's air thr ar gaoil 
air fad, na tha sinn ann. Slàinte ! 
Suas an t-slige, 's dos an caochan! 
Slàinte !" Is dh'òl na fir air a chèile 
le aoibh 's le subhachas ro mhòr. 

"Dlreach facal no dhà is deoch an 



56 GiincP thugispHsdo'nàrmunn, 

doruis," arsa fear, 's e 'g èirigh 'na 
sheasamh ; " Tha mi ga rMth toiliehte 
thuigsinn gu bheil fear no dha an so a 
Muile, bho'n is Airìdh-ghàidhleach mì 
f hèin cuideachd, 's bho 'n a thàinig and 
latha thug oimne dol am tìfij^li a dhìon 
ar dùthcha, thar leom gu bheil e 'na, — 
'na ni car taitneach gu 'n d' f huair sinn, 
co-dhiùbh, cothrom air dheòlas a chur 
air a chèile ann an tìr chèin. Tha 
luidhte nach i^hramaM, air a chèile 
gu hrUh, 'nar dùthaich fhèin; agus 
dèanamaid, ma tà, suas càirdeas a 
sheasas a' chòir duinn, ma tha 'n dàn 
duinn tilleadh gu hrlih d' ar glinn 
bhòidheach f hèin ; agus so air a 'chàird- 
eas ùr. Suas i rithisd ; suas i ! " 

"'S ann, a Ue tha thusa," ars an 
Bosach. 

" 'S ann," ars an t-Ileach. 

"Còchuiddith?" 

"Eòrabus." 

" Mur h-e Eòrabus, 's e * bus ' air 
choireiginn eile," ars an Bosach. "Nach 



Fearas-chuideachd atn Brussels, 57 

f had o'n a chaala sinn, ' ceithir busa 
fichead an Ile, is ceithir àirde fichead 
am Muile ; ' Muileach is Ileach is 
Sgitheanach. Cha 'n 'eil fhios a'm 
idir nach i 'n Aird-bheag a th' againn 
an so" — rifl an Ileach — ^''no math 
dh' fhaoidteadh, Tailisgeir" — ris an 
Sgitheanaoh — "no rud nach miosa dad : 
stuth nam briuthas beag a Muile air a 
bhaisteadh le h-uisge fìorghlan o 
chìochan nan stùc far an neadaich an 
tàrmachan 's an seas gu spailpeil àl an 
fhèidh. Ho rè-è-è! Suas a rithisd i! 
Ar dùthaich 's ar càirdean. Ho 
rè-è-è!" 

Dh' òl na giUean an deoch-slàinte 
gu h-ioUagach, aighearach, is dhealaich 
iad le toil-inntinn, 's an dòchas gu 'm 
biodh aon oidhche chridheil eile fathast 
aca mu 'n cuireadh peileirean glasa nam 
Frangach sgaradh goirt eatorra. 

Chaidh an dà Mhuileach an cainnt 
chàirdeil r' a chèile an dèigh dol am 
macL 

F 



58 Gìin ^ thug i spHs do ^n àrmunn, 

" An dà/' arsa 'm fear à Loch Buidhe, 
" tha mi glè thoilichte gu 'n do thachair 
fear-dùthcha orm." 

" Tachraidh daoine ged nach tachair 
na cnuic/' ars an Bosach. 

"An dà, thug thu dìreach am £stcal 
as mo bhial," ars am fear eile, '* 's bha 
mi dlreach a' dol a ràdh gu 'n do 
thachair uair roimhe Bosach eile orm 
'san Spàinnte an dòigh a cheart cho 
iongantach ; is b' e sin a' cheart fhacal 
a thubhairt e fhèin : tha fhios gur h- 
aithne dhuit an duine, lain Mac Qill- 
eathain a Bun-easain." 

"Thud, thud! nach 'eil fhios gur 
h-aithne, cho math 's is aithne dhomh 
mo chas," ars an Bosach. '^As an 
t-Saor-pheighinn a tha e, ach 's e Bun- 
easain a their sinn air fad, bho 'n is e 
is fhèarr a thuigeas coimhich. 'S an 
aithne dhuit lain Bàn na Saor-pheigh- 
inn?" 

"'S math sin, agus glè mhath, e 
f hèin agus a bhean. Agus O ! nach 



Dà Mkuikach a' cbmhradh, 59 

iomadh oidhche shunndach a chuir mi 
seachad 'nan tigh. Ochòin, ochòin ! 's 
iomadh sin; 's b' e sin a' chàraid 
bhlàth-chridheach, chàirdeil." 

Cha do mhothaich am fear a bha 
labhairt mar a dh' atharraich gnùis an 
Kosaich le ionghnadh ris an t-seanachas, 
mar a thog e mhalaidhean 's a dh' 
f hosgail e shùilean 's a bheul. 

"A bhean!" ars an Rosach, "A 
bhean! Feumaidh gu'm bheil thu 
dèanamh mearachd. Cha 'n 'eil am 
fear tha mise 'g ràdh pòiste idir; 
chionn 's aithne dhomh f hìn a leannan 
a tha a' dol a phòsadh cho luath 's a 
gheibh e mar rèir as an arm." 

" Cha'n aithne dhòmhsa an còrr de 
'n ainm," ars am fear à Loch Buidhe, 
** ach tha f hios a 'm gu'm bheil am fear 
is aithne dhòmhsa pòiste, co-dhiùbh, 
agus gu'n do bhaist e cuideachd." 

Sheas an Bosach 's fiar 'na shùilean, 
's e 'na thosd, 's a' smaointinn ; 's an 
sin a' cur carain bhig 'na cheann, ars 



60 Gu'n (P thug i spèis do 'n àrmunn. 

esan : " Feumaidh gu 'm bheil rudeig- 
imi neònach ann, cuideachd ; 's iomadh 
latha suiridh iad ; 's bha iongantas air 
a h-uile duine nach robh e 'ga pòsadh 
uair no uaireiginn de na bha e aig an 
tigh. Feumaidh gu 'm bheil rudeiginn 
ann/' 's e daingneachadh nam facal fear 
an dèigh fir le nodadh sgaiteach d' a 
cheann. 

Dh' f hàg iad * oidhche mhath' aig a 
chèile is thug gach fear a gharaidh 
f hèin air. 

'S iomadh smaointinn a ruith an 
ceann an Bosaich mu 'n do chaidil e ; 
agus bha a' chuid bu mhotha dhiubh 
air fallsachd lain Bhàin na Saor- 
pheighinn, agus mar a mheall e a 
dheagh bhanacharaid, Màiri laghach a' 
chiobair^ nighean peathar a mhàthar. 
Ach bha fiughair ri rèisimeid lain 'sa 
champ a h-uile latha^ ach a' ghaoth a 
bhi fabharach, is bha e 'n geall faotainn 
am bun na cùise^ ma b'e Niall Mhàrt- 
uinn a b' ainm da. 



A feitheamh naidheachd mi^n chogadh. 61 



EARRANN V. 

"Am bheil guth air a' chogadh?" 
B'i 8ud an aona cheist aig an tigh. Cha 
robh neach a thigeadh bho cheann 
shuas na dùthcha nach biodh air a 
chuartachadh le ceistearan. B*e lain 
Taibhsear aon ghille naidheachd na 
dùthcha. Bha e daonnan air shiubhal 
bho cheann gu ceann de'n sgìreachd, 's 
cha robh uair a thigeadh e gu baile 
nach biodh rudeiginn ùr aige mu 'n 
chogadh. Bha Fear-Chàrsaig daonnan 
a' &otainn nam paipearan agus mòran 
litrichean bho chuid de chuideachd a 
bha 'nan òifigich ri aghaidh bualaidh ; 
is cha robh uair a bhiodh lain an rath- 
ad nach cluinneadh e h-uile dad a b' 
ùire ; 's an uair a thilleadh e dhachaidh 
bhiodh a cheann cho làn naidheachd 
's a bhiodh a bhascaid de dh' uighean. 
Cha b' e idir a h-uile duine liùbhradh 



62 Gu^n tP thug i spèis do '« àrmunn. 



sgeul cho matb, loinneil ris ; is c' àite 
'sam bith am biodh e air chèilidh, 
bhiodh an tigh làn gas an dorus. 
Thàinig an Joumal gu Maighstir 
Dùghall, is bha iomradh gu'n robh na 
Frangaich air an rathad gus a' champ 
Bhreatunnach, is cha robh duine nach 
robh air a chorra-biod a chluinntinn an 
deach blàr a thoirt. Bha mòran a bha 
'n cuideachd air falbh, air an robh 
eagal an naidheachd a chluinntinn, gun 
f hios ciod è bhiodh 'na cois ; ach, air 
an làimh eile, bha iad ro thoileach 
fuasgladh fhaotainn bho 'n champar 
inntinn 'san robh iad, air dòigh air 
choireiginn — thigeadh i an taobh a 
shanntaicheadh i. 

Bha tigh a' chiobair aon oidhche làn 
mar a b' àbhaist, nuair a nochd lain 
Taibhsear a stigh. B' e sud daonnan a 
cheann-uidhe nuair a thilleadh e bhàrr 
a thurais agus naidheachd ùr aige, agus 
aig an àm so b' e daonnan a bheatha. 

" Fàilte ort f hèin, lain ; c6 'd as a 



Tuairisgeul miU Mhàrtuinn. 63 

thug thu a' choiseachd an diugb ? " 
arsac Donnachadh Aotrom. 

" An dà, thug à ceann-lochdrach na 
dùthcha, cho fad 's a leigeadh Caol- 
Ithe leam," ars lain, 

" A Creitheach ? " arsa bean a' chìob- 
air, 's i leigeil nan càrd air a chèile. 
" An robh thu a chòir duine bhuineas 
dòmhsa?" 

" An dà, bha," ars lain 's e sealltainn 
am mullach an tighe. '' Seadh ; f huair 
iad litir bho Niall. 

"Niall Mhàrtuinn?" arsa bean a' 
chiobair. 

" Seadh ; ach cha robh mòran innte." 

" 'S math beagan f hèin," arsa Donn- 
achadh Aotrom. Cluinneam do sgeul." 

" An dà, ged a chluinnear, cha 'n 'eil 
innte ach sgeul gun dreach, tha fhios 
a'm," ars lain, 's e toirt sùil-fhiar air 
Màiri, 's i 'na suidhe aig a' chuibhiU a' 
sniomh lìn. 

"Tha sud chugadsa, Mhàiri," arsa 
Donnachadh, is ghàir na bha stigh. 



64 Gu^n tP ihug i spHs do 'n àrmunn. 

" Cha'n 'eil f hios ciod è tha ri tighinn." 

Sguir crònan na cuibhle nuair a rug 
Màiri air an roth, is dh' èisd i le fiamh 
ghàire ciod è bh' aig lain r'a ràdh. 

Bhlaiseagail lain a bheul uair no 
dhà mu' n do labhair e, 's e lAar gu 'm 
biodh leisg air tighinn am .mach leis an 
ùirsgeul. 

"An dà," ars esan, "'s ann a bha 
Niall ag ràdh 'san litir a chuir e, gu 'm 
bheil lain Bàn na Saor-pheighinn pòiste 
an Sasunn, agus aon duine cloinn 
aige." 

"Ubh, ùbh! tubaist ort," ars am 
Maighstir-sgoile ; '' cha mhath an t-àite 
'n do liubhair thu do naidheachd," 's e 
dèanamh triotain ghàire, 's a' sealltainn 
air a' chuideachd thairis air a' phaipear 
a bha e leughadh. 

Bha'n còrr cho balbh 's ged a thig- 
eadh boinne fala 'nam beul. Bha 'n 
ùirsgeul so am measg na coimhears- 
nachd fada roimhe sud, ged nach do 
ràinig e cluasan muinntir a' chiobair 



Tuairisgeul NHll Mhàrtuinn. 65 

gus an do leig lain gu tubaisteach am 
mach i. 

Dh' fheuch e ri gabhail aige f hèin 
'sa mhionaid le ràdh nach robh neach 
'sam bith ach a' deanamh fealla-dhà de 
thuairisgeul NèiU Mhàrtuinn. Ach 
cha'n ann mar sin a ghabhas leannan 
uair air bith sgeul de'n t-seòrsa so. 
Binn an urchair chearbach làrach an 
cridhe Màiri, ged nach robh a h-aon 
'san dùthaich a bu lugha thug creideas 
do 'n fhuaim a rinn an làmhach, ged 
a Ve a deagh charaid f hèin a loisg i. 
Lean i air càrdadh 's thugadh seanachas 
eile stigh; ach ged a bha Màiri cho 
sunndach, bruidhneach 's a bha i 
roimhe, chiteadh 'na gniiis 's an 
ruiteachd a gruaidhean gu'n do sgath 
an rud oirre. 

Nuair a dh' f halbh an luchd-cèilidh, 
dheasbud i fhèin 's a h-athair 's a 
màthair a' chùis. 

" Cha 'n 'eil mi creidsinn guth dheth," 
ars a màthair, ** ach aig an àm cheudna. 



66 Gu^n Ì thug i spèis do '*n àrmunn. 

ciod è fios nach fhaodadh radeiginn 
bhiann?" 

"Fanadh sinn r' a dheireadh, co- 
dhiùbh," arsa Màiri le gog aighearach 
d' a ceann, 's le guth aotrom, iollagach 
a chuir sgàil-bhrat air a faireachd- 
ainnean — ^ach sgàil-bhrat trid-shaoil- 
seach thairis air a f ior f haireachdainn, 
ged a bha earbsa gun chiich aice an 
lain. 

"Tha sin ceart gu leòir," deir a 
màthair, "ach cò dh' fhaodas mòran 
earbsa chur anns an eun fhalbhaideach ?" 

" 'S tric a neadaicheas e aig an tigh 
air a shon sin," arsa Màiri gu cridheil. 

'' B' àill leam, air a shon sin, 's air 
fad, an t-eun a chaidleadh 'san aon 
chuachan, a gheamhradh 's a shamh- 
radh," ars a màthair. 

Cha d' thubhairt Màiri an còrr. Bu 
mhath a thuig i cò ud air an robh a 
màthair a' tighinn. Bha Fear nan 
Tòrr an geall air Màiri iomadh latha. 
Bha a chuid fearainn £5brsuinn, 's a 



lomaguin Màiri. 67 

chuid sprèidh lìonmhor ; ach ged bha^ 
cha toireadh Màiri a gaol do shean 
f hear^ ged is iomadh oidhirp a thug a 
màthair air son a tàladh air, is cùl a 
chur ris an t-saighdear aig nach robh 
ni air muir no air monadh. 

Chaidh an tigh mu thàmh. Chaidh 
Màiri do 'n chlòsaid ; ach cha b' ann a 
chadal. Thug i mach as a' phasg 
litrichean lain feuch an dèanadh i mach 
an robh coltas aon ni air cùl an 
t-seanachais ; ach cha robh. Bha 
cainnt lain dileas gu leòir, is chomh- 
dhùin i nach robh anns an naidheachd 
ach seanachas gun seadh, gun bhonn. 
Shìn i i fhèin air uachdar na leapa, 
agus, smaointich i thairis is thairis air 
an rud; ach d* a h-aindeoin, nuair a 
sguireadh i smaointinn thigeadh e'n 
uachdar a rithis gus an toireadh a' 
chuileag fhaoin a bha 'g imeachd mu 
'n cuairt lasair a' chrà.isgein air falbh 
a h-aire am feadh a bhiodh an cearcall a 
bha a' chuileag a' dèanamh a' fòs na bu 



SS Gu'n (P thug i spèis do ^n àrmunn, 

lugha 's na bu lugha, gus mu dheireadh 
an toireadh e dearrasan 'san lasair 'san 
robh i air a slugadh suas. 

'* Cha 'n 'eil fhios a'm, an dèigh na 
h-uile rud, nach 'eil mi cho faoin ris a' 
chuileig fhèin ; ach seasaidh mi ri m' 
fhacal gus am fùc mi a' chuid mu 
dheireadh dheth " theireadh i rithe fèin. 

'"Bithidh lain air do chluasaig 
fhathast,' mu'n d' thubhairt Eileag e ; 
ach cò 'n t-Iain? Is minic a bha 
ionghnadh orm d'a cainnt; 's cha'n 'eil 
fhios a'm nach eil mi 'ga tuigsinn na's 
fhèarr a nis; ach fanaidh mi r'a 
dheireadh, 's cha chreid mi guth de'n 
tuairisgeul" 

B' e sin a rinn i ; 's an uair a chaidh 
an crodh air àirìdh 's a chaidh na 
caileagan còmhla g' an aire 's g' am 
bleoghann, 's a dhèanamh an ime 's a' 
chàise, chaidh an ùine seachad gu 
sunndach, cridheil, le ceòl 's le òrain, le 
dannsadh 's le mir-chath; oir cha bhiodh 
oidhche nach biodh na gillean òga 



lomaguin Màiri, 69 

tighinn air chèilidh thar miltean 
de mhonadh; is bheireadh cnuic chreag- 
ach, fhraochach Bheinn-an-aonaidh 
fuaim 'san anamoch le ceòl na pioba, 
sèis nan òran is gàire-greadhnachais na 
h-òigridh, gus an clainnteadh gog a' 
choilich 'sa choill is ceilear binn na 
h-uiseig far nach fhaicteadh i air sgèith 
am measg neul glas na maidne, 

Bhàsaich an tum-tam mu phòsadh 
lain, is bha cridhe Màiri dhà mar a bha 
e 'n latha dhealaich iad ; is bha sùil aice 
nach biodh an ùine fada gus an coinn- 
icheadh iad a rithis, agus gur h-ann a 
bhiodh an comh-cheangal a bha eatorra 
na ba làidriche na bha e riamh 'nan 
sùilean fhèin 's an sùilean chàich. Mar 
an ceudna, 's ann a bhiodh r' a fhaicinn 
nach do chuir tuaileas 'sam bith ball- 
dubh air an gaol d'a chèile no mionaid 
de sgaradh eatorra^ ged a bha cuantan 
is rioghhachdan eatorra. 



G 



70 Gu^n d* thug i spèis do ^n àrmunn. 



EARRANN VI. 

Ach^ mar a dh' Innseas bruaillean 
nan spear 'sa mhadainn bhòidhich 
shamhraidh, a' bhuirbe a tha ri teachd, 
b' ann mar sin a thàinig, mu dheireadh, 
ceud sgeul nam buiUean gailbheach 
chaidh a thoirt eadar na Frangaich 's 
na Breatunnaich. Cha mhòr a thug 
feart air lain Taibhsear aig an àm ; ach 
b' iomadh h-aon a chuir a bhuadhan an 
sgeig an dèis laimhe. 

Bha a' chèilidh cruinn mar bu dual 
daonnan an tigh a' chìobair. Bha lain 
air a' chuideachd^ is bruidhinn thograch 
thall 's a bhos. An trian na braise leig 
lain a cheann a nuU thar cùl na cath- 
rach, shin e a làmhan 's a chasan, is 
sheas a dhà shùil geal 'na cheann. 
Shaoil a' chuideachd gu 'm b' e laigse 
thàinig air^ is shin iad air uisge a chur 
air aodann. An ceann greis^ nusdr a 



Taibhsearachd, 71 

bha e mar gu 'n tigeadh e chuige fèin, 
thòisich e air seanachas a chuir uamhas 
air na bha 'n làthair. 

"Ochòin, ochòin !" ars esan, "nach 
b e 'n sealladh e ! Chi mi lùchd nan 
còtaichean dearga 'nan sìneadh air an 
raon mar dhuiUeach nan craobh air 
madainn ghaothail fhoghair. Tha na 
gunnachan mòra air gach taobh a' 
diobhairt am mach air gach àrdan ; 's 
an t-sligeanach phrais mar ghaithean 
bàis bho neòil nan speur a' sgàineadh 
am measg mhiltean fear. Tha miltean 
musg a' spùtadh teine, 's peileirean 
glasa a' dèanamh an ceann-uidhe an 
uchdnanj^rmunn. Thadealannanspeur 
gruamach a' drilseadh air lannan geala. 
Chi mi gillean an fhèilidh a' togail am 
mach ri uchdan nàmh 's 'gan cuibhleadh 
air ais mar thonnan na fairge air an 
sgiùrsadh le doininn nan sian ri aodann 
cladaich ghairbh. Ach, O, tha iad aìr 
brìseadh troimh ghàradh nam biodag 
guineach. Tha mi air an call am measg 



72 GtCn d^ thug i spèis do 'n àrmunn. 

nan nàmh. Obh, òbh ! hm-m-m ! Ghi 
mi a' briseadh am mach air an taobh 
eile iad. Tha 'n ruaig air an nàmh 's 
a' bhuaidh àig cuideachd mo ghaoil. 
Ach, ochòin, ochòin ! pa-ch — nach 
iomadh ursann cheutach a bha treun 
an toiseach a' chath a' tha 'n nochd 's a 
dhruim ri talaimh, 's an luachair ghorm 
a' cromadh os a chionn le tùrsa, is 
deatach an fhùdair mar sgàil dhubh a' 
bhàis a' snàmh gu fann thar na faiche, 
far an do bhàsaich miltean sonn 's an 
cluinnteadh gearan trom nan sàr le 'n 
creuchdan — O, hm-m-m — " 

Thog lain a cheann is sheall e mu'n 
cuairt mar gu 'm biodh e 'n dèigh 
dùsgadh & breislich. Sguir an sniomh 
's an càrdadh is bha na bha stigh ag 
èisdeachd le'm beòil 's le'n sùilean. 

" Ach ciod è fo shluagh an t-saoghail 
mhòir air fad a th' air tighinn ort, 
lain?" arsa Donnachadh Aotrom mu 
dheireadh. '' 'S ann a shaoil sinne gur 
ann a bha thu 'n dèigh do mhothachadh 



Taiòhsearachd. 73 

a chall, no gu 'n d'thug thu greis ann 
am briuthas mu 'n d' thàinig thu 
stigh!" 

Dh' fhan lain 'na thosd ; thng e sùil 
no dhà mu 'n cuairt is dh'èirich e mach. 

" Cha n'eil teagamh nach e tabhasga 
chunnaic e," ars am maighstir-sgoil. 
''Chuala mi iomadh uair gur e sud 
suidheachadh 'sam bi iad nuair tha 
sealladh a' tighinn, mu'n coinneamh — 
ma tha leithid de ni ann agus taibh- 
searachd — an sùilean a' seasamh 'nan 
cinn, is iad mar gu 'm biodh iad gun 
umhail c' àite 'm bi iad no cò tha 'gam 
faicinn no 'gan cluinntinn." 

" Thalla, thalla," arsa bean-an-tighe ; 
'"s ann a ghabh mi fhin eagal nuair 
a chuala mi 'n duine bochd." 

"Ghabh mi fhin; ghabh mi fhin," 
ars a h-uile h-aon riamh. 

"Ach, co-dhiùbh, gabhaidh sinn 
beachd," arsa Donnachadh Aotrom. 
"Math dh' fhaoidteadh ged nach d' 
thàinig rèiseimeid ChiU-fhinichein air a 



74 Gt^n ^ thug i spèis do '« àrmunn. 

hoxm, gxx 'n d' thìg so air a' chois ceart 
gu leòir. Fanamaid r'a dheireadh." 

" Ho, hò ! " ars a h-uile h-aon riamh, 
" gun chiatamh ort, a Dhonnachaidh." 

Mu thuaiream ceithir-la-deug an 
dèigh so, bha grunnan fhear 'nan 
seasamh aig cistean dubh Thigh-a'- 
chladaich a' deasbud 's ag iomairt air 
cùisean coitchionn thall 's a bhos, nuair 
cò thàinig am measg na cuideachd ach 
Donnachadh Aotrom. 

"Cò 'd as thug thu choiseachd, a 
Dhonnachaidh," arsa fear. 

" An dà, thug as a h-uile àit'anrobh 
mi," arsa Donnachadh ; " agus 's iomadh 
sm. 

Shuidh Donnachadh air cloich a 
lasadh na pìoba, is nuair thàinig ceò 
aiste, ars esan : " Tha gamhainn an siod 
agam " — mog — " bochd le tart, agus " — 
mog, mog, 's a brodadh na pioba — '' 's 
thuirt Niall Donn gu'm b' 'e 'n aon 
leigheas air" — mog, mog, mog — 
" purgaid shiùcair " — mog, aitsiu — " agus 



Fathunn mu '« chogadh, 75 

thàinig mi Bhun-easain, ach cha robh 
siod r' a fhaotainn. Thug mi 'n sin 
orm Uisgean " — mog, mog — " ach chuir 
Uisgean gu Ard-alanais mi ; 's ma chuir, 
chuir esan do Thlr-Earragain mi, agus " 
— mog, mog, mog — "shoirbhich mi 
cuideachd. Fhuair mi punnd siùcair 
aig bean Bhaldi, a bh' aice an crochadh 
ri spàrr o Nollaig-sa-chaidh. Sin agaibh 
mar dh* èirich dhòmhsa." 

"An dà, 's neònach an t-astar an 
deach thu dh' iarraidh siùcair," arsa fean 

" Cha robh e cho neònach ri l(hi 
'ga iarraidh am Bun-easain," arsa 
Donnachadh. 

"O'arson?" 

" Tha, a chionn 's nach 'eil e ann," 
arsa Donnachadh. 

" Fàireagan, fàireagan ! Ha, ha, ha," 
ars a h-uile fear riamh, 's iad 'ga 
chlapail le 'm basan air a dhruim. 

" Agus tha naidheachd agam dhuibh, 
cuideachd, co dhiùbh tha 'n fhirinn 
innte 's nach 'eil," arsa Donnachadh. 



76 CMn ^ thug i spèis do *n àrmunn, 

''Fhuair bean Chnoc-mhaolagain litir 
agus paipear à Sasunn ag innseadh gu 
'n deach blàr mòr a thoirt mu dheir- 
eadh agus gu 'n deach na Frangaich a 
sgapadh 's a ruagadh mar mhoU o'n 
ghuit, latha gaothail. Tha e air ìnns- 
eadh gur i soitheach a thàinig a 
stigh do Lunnainn a thug a nall an 
naidheachd." 

Dh' èisd na fir le 'm beòil 's le 'n 
sùilean 's le 'n cluasan — feadhainn ag 
ràdh gu 'm faodadh an sgeul a bhi f ior 
gu leòir ; feadhainn eile : " na 'm bith- 
eadh, gu 'm faigheadh am ministear 
fios mar a b' àbhaist;" feadhainn a 
thug fainear gu 'm b' e ministear na 
sgire thug seachad as a' chrannaig fios 
mu bhlàr Choriina, 's gu 'm bitheadh a' 
cheart ni rithis ann na 'm biodh reusan 
air. 

"Ach air a shon sin" dh' abradh 
fear, " tha mi fhin 'ga chreidsinn ceart 
gu leòir, thigeadh an naidheachd mar a 
thogair i." 



Fathunn mu *n chogadh. 77 

"Aisling caillich mar a dùrachd/' 
arsa fear eile. 

" 'S e i dh' f haotainn litir sgriobhte 
bharrachd air a* phaipear is mò tha 
toirt de dh' aomadh orm fhin/' thuirt 
an ath f hear. 

"Feumaidh gu 'n robh bonn làidir 
QÌg an aon a sgriobh gu bean a' bhaile ; 
agus creidibh nach i sgeul mu thuair- 
eam a chaidh a chur gu 'n mhnaoi 
uasail, 's an duine aice fèin air falbh 
cuideachd. Tha mise 'ga chreidsinn 
gu gasda ; ach, co-dhiùbh, fanaidh sinn 
r'a dheireadh." 

Sgaoil an naidheachd feadh na 
dùthcha mar gu'm biodh am fCidar bu 
bhraise. Gha robh tigh-cèilidh nach b'i 
'n aon chuspair. Anns a' mhuileann 
bha i dol do 'n treabhailt còmhla ris a' 
ghràinne ; is anns a' chèardaich bha i o 
bheul gu bheul mar na sradagan o 
innean a' ghobha. Nuair a thàinig là 
a' phosta — ^'s b'fhada bha e gu tighinn 
— cha robh lùb a bh' air an rathad 



78 Gu^n dP thug i sfèis do '« àrmunn. 

mhòr nach robh còmhlan sluaigh, feuch 
an cluinnteadh naidheachd ùr aig a' 
phosta. Ach nochd e ris mu dheireadh 
is ceum aotrom, caithreamach aig an 
each odhar. Nuair chunnaic e 'n 
sluagh chrath e bhoineid mhòr os cionn 
a chinn is thog an sluagh iolach àrd a 
dh' aithris na cnuic mu'n cuairt seachd 
uairean as dèigh a chèile. 

As dèigh a' phosta bha lain Taibhs- 
ear le chliabh uighean. Bha bhoineid 
'na làimh, ceum cabhagach aige 's 
boinne-taig air clàr aodainn, a' feuch- 
ainn cumail ris a' phosta, no 'n liùbh- 
radh e 'n naidheachd thaitneach a 
thàinig, cho luath ris fèin. 

B*e sin an ùb-àb nuair a dhaingnich- 
eadh sgeul Dhonnachaidh. Bha paip- 
ear naidheachd ann do'n mhinistear; 
is cha robh fearno bean nach do ràinig 
Tigh-Aspuill gus an cluinnteadh air a 
leughadh e. Choinnich am ministear 
còir aig an dorus iad. Leugh e mach 
an sgeul a thàinig mu 'n chogadh. 



Naidheachd mu Bhatarlà. 79 

Gba robh teagamb anns an ni a nis ; 
agus ged nach robh fios aig aon de na 
bha 'n làthair nach robh pàirt de 'n 
chuideachd marbh air raointean cèin, 
cha d' f huaraich sud an subhachas a 
thogadh 'nan inntinnean air do naimhd- 
ean na lioghachd a bhi air an sgapadh 
feadh an t-saoghail, àrmailt mhòr 
Bhreatuinn am Baile-mòr-na-Frainge 
agus Bonaparte uaibhreach mar thràill 
an slabhraidhean meirgeach iarrainn. 
Thog iad eubh thogarrach, ioliagach, 
Fhreagair cnuic na Saor-pheighinn an 
f huaim aoibhneach is thilg iad air ais 
thar an loch i gus an d' thug i buiUe 
an taobh Beinn lA, far an do leum i 
bho thalla gu talla gus an do bhàsaich 
i le guth fann an Aonach mòr Ardtunna. 
" Thèid sibh a nis dachaidh/' deir am 
ministear, '' agus an uair a gheibh mise 
cunntas o 'n Cheann-armailt an Lunn- 
ainn, mu chor nan gillean gasda dh' 
fhalbh uainn, leigidh mi fios d' ar 
n-ionusuidh." 



80 Giin(P thugispèisdo'nàrmunn. 



EARRANN VII. 

Sgaoil an comunn ; thug buidheann 
aghaidh mu sud is buidheann eile mu 
80 ; 's mu 'n do laigh a' ghrìan shamh- 
raidh cùl Dhùn-Ithe, 's a' Bheinn 
Mhòr Mhuileach a' sealltainn orra thar 
muUach creagach Bhuirg, bha gach 
tigh-cèilidh làn bho oisinn gu oisinn« 

Bha a dhreaman àbhaisteach fèin an 
tigh a' chiobair, is V e 'n aon chuspair 
an sgeul ùr so aig an robh, math dh' 
f haoidteadh, saighead goirt 'na cùl do 
dh' iomadh h-aon 'san sgìre. 

'' Ach, saoil sibhse nis, a mhaighstir- 
sgoil, o'n is duin' ionnsuichte sibh, am 
bheil comh-cheangal aige so ris an 
t-sealladh a chunnaic lain Taibhsear o 
chionn athghoirid ? " arsa Donnachadh 
Aotrom. 

" Cha 'n 'eil mi fhèin a' toirt mòran 
gèiU do thaibhsearachd, co-dhiùbh," ars 



Cèilidh eiie an iigh a^ chìobair, 81 

am foirfeach mu'n d'fhuair am maigh- 
stir-sgoil ùine air bruidhinn. 

" Cha 'n 'eil, no mì ; cha 'n 'eil, no 
ml," ars a h-aon an sud 's an so. 

" Feumaidh gu 'm bheil rudeiginn 
ann," arsa bean a' chiobair. ''Bha 
taibhsearachd riamh ann, agus 's iom- 
adh uair a chuala sinn daoine bhi 
faotainn faire-mhonaidh air nithean a 
bha gu teachd. Tha mi fhèin 'ga 
chreidsinn co-dhiùbh," 's i bualadh a 
dùim dùinte air a glùin. '' Ciod è tha 
sibh ag ràdh, a mhaighstir-sgoil ? " 

" An dà," ars am maighstir-sgoil air 

a shocair f hèin, 's e suathadh a smig le 

làimh chlì, '' 's e aobhar smaointinn a 

th' ann gun teagamh. Seailaibh, tha 

cùig dorsan eòlais, cùig faireachdainn- 

ean aig an duine : an t-sùil, a' chluas, 

an t-sròn, an teanga 's an craicionn " — 

's e 'gan cunntas air a chorragan. '' A 

nis," 's e 'ga dheasachadh fèin air a 

chathair, " 's e nl tha'n so air an robh 

mi a' dlùth-chnuasachadh gu tric, 's 

H 



82 Gt^n Ì thug i spèis do ^n àrmunn, 

tha mi corra uair a' dèanamh am mach 
gu'm bheil an t-sèathamh faireachdainn 
ann troimh 'm faigh an duine faire- 
mhonaidh air nithean a tha tachairt 
miltean de mhiltean air falbh. Gha 'n 
'eil, math dh'fhaoidteadh.an fhaireachd- 
ainn shònruichte so cho comharraichte 
's na h-uile neach, ged dh' f haodas i 
bhi an neach 'sam bheil i comharraichte 
nach 'eil na £etireachdainnean eile air 
fed, ann an tomhas, cho geur no cho 
geanachdach 's a tha i 'san duine gu 
coitchionn ; ach cha 'n 'eil an sin ach 
mo bheachd fhèin." 

"Nach robh an dara sealladh aig 
Calum CiUe ? " arsa bean a' chiobair. 

'' Bha, is aig iomadh h-aon bhuaithe 
sin, 's an diugh f hathast/' ars am 
maighstir-sgoiL " Cha 'n 'eil teagamh 
agam nach 'eil a leithid de ni ann ged, 
math dh' fhaoidteadh, nach gabh e 
sgrùdadh. Faodaidh beagan deth bhi 
annainn air fad ged nach 'eil sinn a' 
gabhaii beachd air mar a ghabhas cuid 



Cèilidh Hh an tigh a' Moòair. 83 

eile a tha dèanamh barrachd deth. 
SÌQ agaibh mo bheachd-sa air a' chùis, 
co-dhiùbh." 

" Nach tric a thug sinn air fad an 
aire mar a dh* aithnicheas iasg na mara 
agus brùidean na machrach ma 'n tig 
atharrachadh air an t-sid'" ars an 
ciobair. 

" Tha sin flor," ars am maighstir- 
sgoil, agus is tric a bhitheas mi fhin a' 
smaointinn nuair a tha mòran ghunn- 
achan, mòran nuallanaich an àite 'sam 
bith gu 'm feum gu 'm bheil iad a' 
dèanamh a cheart ùpraid is troimh- 
chèile an cuantaibh nan speur ris a' 
chloich a thilgeas tu air an loch, no 
'san fhairge, 's gu 'm bi tonnan de 
chuan an adhair a' sgaoileadh am mach 
feadh an t-saoghail ged nach mothaich 
sinn daibh, is cha 'n 'eil f hios a'm idir 
ciod e bhuaidh a dh' f haodas a bhi aig 
a' cheart rud air an uiseig no air an 
smeòraich." 

'' Theid mi 'n urras gu'n robh ùpraid 



84 Gt^n iP tkug i spHs do ^n àrmunn. 

ann, cjo-dhiùbh ; 's bithidh fadal oimn 
gus an cluinn sinn deireadh na claiche, 
mo chreach lèir ! " arsa bean a' chlob- 
air. 

Bha Màiri gu sàmhach, tosdach, agus 
an dòchas nach b* f hada gus an cluinn- 
eadh i sgeul m'a leannan, a b' f hèarr 
na 'n tè mu dheireadh a chual i, ged 
nach do chreid i facal dith. 

Ach an ùine gun a bhi fada thàinig 
am fios ris an robh fiughair agus roimh 
an robh eagal aig mòran. Chaidh giUe 
a' mhinistir le fios feadh na dùthcha, 
agus chaidh paipearan a chàradh ri 
dorsaibh na h-eaglais 's nan tighean- 
sgoil feadh na sg^e. Bha 'n ni r*a 
innseadh anns an eaglais am Bun- 
easain air an t-Sàbaid, agus b' i sin an 
sgeul mu 'n do chruinnich an sluagh. 
Cha robh loch air nach f haicteadh 
bàta, 's cha robh ceum-rathaid air nach 
fhaicteadh coisichean is marcaichean, 's 
iad uile a' toirt an aghaidh air an aon 
àite : Bun-easain — ^'s b' e sin am baile 



lomradh orra$an a thuit 'sa òhlàr, 85 

beag anns au robh an tional mòr air a' 
mhaduinn bhòidhich shamhraidh so. 
Qhabh iad uile an àitean 'san eaglais, 
cuid 'nan suidhe 's cuid 'nan seasamh. 
Thug am ministear am mach paipear 
mòr gorm, 's le geilt air a chridhe 
liubhair e na bh' ann. Thug sin cridhe 
goirt do mhòran agus aotromachadh 
inntinn do mhòran eile nach robh an 
cuideachd am measg na bha marbh no 
leòinte. B'ann diubh so Màiri a' chiob- 
air agus athair is màthair lain Bhàin. 
Ach bha rud eile 'san dàn, 's cha b' 
fhada gus an d' thàinig e. 

''Tha e coltach/' ars am ministear 
gu'n deach am blàr mòr fuilteach so a 
chur an àite ris an abrar 'Bhatarlù.' 
Tha àireamh mhòr dhaoine air chall, 
gun sgeul bheò no mharbh orra^ agus 
tha mi glè, dhuilich gu 'm bheil air an 
àireamh so lain Mac QiU-eathain — ^lain 
DhùghaiU 'san t-Saor-pheighinn." 

Chaidh an saighead dachaidh agus 
chrath an calbh an uchd MàirL Bha 



86 Gu^n d" thug i spèis do 'n àrmunn, 

'n leòn na bu ghoirte do bhrlgh gu 'n 
do rinn i suas a h-inntinn gu 'n robh e 
beò slàn, nuair nach robh ainm am 
measg na bha marbh no leòinte. 

£ha i fèin is màthair lain a' toirt 
comh-fhurtachd da chèile. "Bithidh 
dùil ri fear-feachd, ach cha bhi dùil ri 
fear-lic ; is ciod e fios nach tiU e dach- 
aidh beò, slàn f hathast," theireadh iad 
r'a chèile ; is, mar sin, chum Màiri suas 
iomadh latha sùil bhlàth ri lain a 
h-uile bàta a phaisgeadh seòl am Fort- 
uisgein no am Bun-easain, sùil gur h-e 
bhiodh anns a h-uile coigreach a thig- 
eadh a nuas troimh 'n Qhleann-Mhòr. 
Ach lain cha robh tighinn. 

Thòisich na giUean air tiileadh as an 
arm, buidheann an dèigh buidhne ; ach 
cha robh sgeul air lain bho 'n chaidh a' 
cheud làmhach a losgadh moch 'sa 
mhaduinn, là a' bhlàir. 

Dh' innis Niall Mhàrtuinn an sgeul 
mu phòsadh lain, mar chual e i aig a' 
bhroganach, agus ged nach do chreid 



lain air chalL 87 

Màiri an ùirsgeul à beul a caraid, cha 
b' ann mar sud a dh' èirich do mhòran 
eile nach do chreid aon f hocal roimhe 
dhith. 

Cha'n abradh athair no mhàthair 
fhèin, an dèigh a bhi 'n cainnt Nèill 
Mhàrtuinn ach ' gu 'm fanadh iad r' a 
dheireadh.' Bha iad an teagamh. 



88 Gtin d^ thug i spHs do '« àmmntu 



EARRANN VIII. 

Chaidh bliadhna seachad, is chaidh 
dà bhliadhna seachad, is cha robh ach 
triùir 'san Bos aig an robh cuimhne 
air lain. B' iad sin athair 's a mhàth- 
air agus Màiri. Shocraich an dùth- 
aich sios gu 'n t-suidheachadh àbhaist- 
each, is b' iad aon àman comharraichte 
na bliadhna £Gtlbh is tighinn nam 
buanaichean. 

Bha bean a' chiobair gun stad a' cur 
na lin mu 'n cuairt Màiri air son Fear 
nan Tòrr ; ach na'n tachradh do Mhàiri 
dol sàs am mogul, bheireadh si i fèin 
as le gàire cridheil, aighearach. Chuir 
a màthair, mu dheireadh^ am ministear 
f hèin a thoirt comhairle oirre, is rinn 
e sin; ach Màiri cha d' èisd. Air a' 
cheann mu dheireadh, 's e thubhairt 
am ministear còir — agus 's mòr a chliù 
fhathast am measg an treud an do 



Tighinn dachaidh banntrach Jain. 89 

chuìr e seachad a latha : '' An dà^ rùin, 
bi thusa, ma tà, mar Phenelope na 
Qrèige; cuir cleòc air dhealbh do 
Laertes air choireiginn ; 's a theagamh 
mur bi e ullamh gu 'n till dachaidh 
slàn, fallan, t* Odysseus fèin bho Throi 
gharg, f huilteach na Frainge." 

Thionndaidh am ministear air falbh, 
is dh'f hàg e aig Màiri toimhseachan 
nach 'b urrainn dith f huasgladh air a 
geurad. 

Ach mo thruaighe, Màiri bhochd! 
Thàinig latha h-ùdlaidh. Phaisg bàta 
Eòghain Mhic Dhùghaill a siùil am 
bàgh Phuirt Uisgein. Le caileig bhig 
air làimh aice, leum boireannach òg gu 
sgiobalta am mach air a' chreig. Sheòl- 
adh an rathad dith troimh 'n mhonadh 
gharbh gn 'n t-Saor-pheighinn. Ràinig 
i dorus DhùghaiU Mhic Qill-eathain. 

"Do bheatha do 'n dùthaich, a 
chreutair, ce b'e c6 thu," àrsa bean an 
tighe. 

" 'S mi banntrach lain bhur mac, tha 



90 GV« <f ' thug i spCis io '« àrmunn. 

coltach;" ars ise, ''agus sin agaibh 
bhur n-ogha/' 

Dh' f hàs Dùghall *s a bhean bodhar, 
dall. Cha d'thàinig an rud gun f hios 
oira, mar a chuala sinn; ach chaidh, 
mu dheireadh, an teagamh a dh'aon 
taobh. Shil an deòir, an dà chuid le 
bròn is le gàirdeachas; le bròn gu 'n 
robh cnàmhan an aona mhic a' cnàmh 
an ùir choimhich, far nach fhaiceadh 
iad am feur a' cinntinn's a' searg air a 
phloc; le gàirdeachas gu 'n robh a 
nighean aca 'nan sean aois — fuil agus 
feòil an deagh mhic. Phòg is chlap 
iad a' chaileag 's a màthair is chaidh 
gabhail riu gu suilbhir, càirdeil fo na 
cabair fo 'n d'f huair fear an dara h-aoin 
agus athair an aoin eile, àrach òg. Sud 
mar a smaointich iad, is cha bu bheag 
an t-ionghnadh. 

Cha chuireadh a' chrois-theàrraidh 
fèin an sgeul o bheul gu beul na bu 
luaithe na dh' f halbh i. Chaidh sgeul 
Nèill Mhàrtuinn ùrachadh is fhirinn- 



Tighinn dachaidh òannirach lain, 91 

eachadh. Chaidh saighead goirt an 
cridhe Màirì a' chiobair; is cha robh 
neach 'san dùthaich leis nach bu 
duilich i — eadhon athair is màthair 
lain^ oir bha iad ro dhuilich gu'n 
dèanadh an aona mhac a leithid de 
chluich air bana-choimhearsnach 'sam 
bith^ gun tighinn air Màirì laghaich a 
b* f hior thoigh leo. 

Bha Màirì fhèin fo leann-dubh. 
Thug am bròn an fhuil ghlan, bhòidh- 
each as a h-aodann grinn, banail^ 
meachair. Ach ghiùlain i leis an eall- 
ach chudtromach gu sàmhach, suairce, 
is^ mar a V ann^ bu mhotha dh' fhàs a 
cliù 's cha'n ann idir bu lugha. 

Aon oidhche aig àm cadail, thug i 
mach litrìchean lain. Leugh i aon uair 
eile iad, le crìdhe trom, brìste, brùite. 

" A nis," ars ise rìthe fèin, ged nach 
'eil do chnàmhan, lain, an ùir an Rois, 
tìodhlacaidh mise, nochd, do làmh innte 
— do làmh-sgrlobhaidh bho chrìdhe na 
ceilg." 



92 Oì^n ^ thug i spkis do 'n àrmunn. 

Sheall i mach. Bha a' ghealach 
gheal an àird nan speur, is na neòil a' 
snàmh ga socrach thairis orra. Bha 'n 
crann-arain a' dèanamh meadhon oidh- 
che dhith. Ach dheasaich i oirre; 
thog i a breacan m' a ceann, is bha i 
air an rathad shàmhach, uaigneach gu 
cladh Chill Mhic Eòghain. Thar 
dhlgean, is shruthan, is ghàraidhean 
lean i oirre gun stad, gun f hois gus an 
do ràinig i 'n cladh. Sheas i is sheall 
i mu 'n cuairt. Bha i 'na h-aonar, is 
thàinig seòrsa de f hiamh oirre. Bha a' 
ghaoth fhann^ anamoch a' siubhal am 
measg nan clachan-cinn 's a' cluich ri 
stuadhan na sean eaglais a bha tilgeil 
a faileis thar nan uaighean^ anns an 
robh 'nan cadal buan^ mòran ab' aithne 
do Mhàiri fhèin. Thug i ceum eile air 
a h-aghaidh ach sheas i rithis. Thug 
naosg sgreuch làimh rithe, is chrioth- 
naich i. Qhlac i misneach is ghabh i 
roimpe gus an robh i am broinn na 
tobhta. Thug i mach as a broilleach 



Màiri a' caoidh aalg lain. 93 

am pasg litrichean agus dhinn i iad 
am fròig anns an stèidh-bhalla. Shuidh 
i air an f heur^agus, le a làmhan paìsgte 
m' a glùn, chaoin is thuir i gu goirt, 's 
i 'na h-aonar 'san àraich. 

" lain, lain, lain ! " deir ise. " Mheall 
thu mi ; mheall thu mi I Cha do thiil 
uisgeachan Thir-Chonnail ri aghaidh a' 
bhearraidh 'san do chòmhlaich iad ; ach 
thill do ghaol-sa air ais gu tobraichean 
tioram do chridhe. Le briathran do 
bheòil, a bha dhòmhsa cho milis, is le 
sgriobhadh do làimhe,abhadhòmhsacho 
caomh, mheall thu mi ! Mheall thu mi, 
a ghaoil : 's e their mi ri d' chuimhne 
fhathast. Mo shoraidh gu bràth leis 
na làithean toilichte a dh' fhalbh. 
Soraidh, soraidh ! Ochan, ochan, ochan 
ò ! " Is shin si i fèin anns an fheur, is 
driùchd fuar na h-oidhche mar dheòir 
mulaid air gach duilleig ghuirm dheth. 

Mhothaich i rudeiginn a' buntainn 
dith. Dh' èirich i 'na seasamh le 

cabhaig. 

I 



94 CMn Ì thug i spiis do ^n àrtnunn. 

"Obh, 6bh! c6 tha 'n so?" deir i 
nuair chunnaic i 'n tamhasg ud le 
aodann preasach, lùirichean fliucha, is 
làmh chaol sheargte sinte chuice. 
"Eileag,Eileag! an sibh a th' ann ?" 

" A Mhàiri, a Mhàiri, ciod e chuir an 
80 thu ? " deir Eileag. " Chunnaic mi 
thu, 's lean mi thu, is dh' èisd mi 
nut 

" Tha mi cinnteach gu 'n cuala sibh 
rud a chuir ionghnadh oirbh." 

"Ohuala mi a' ghaoth; ach cha 'n 
fhaca mi i," ars Eileag. "Na biodh 
ml-ghean ort no bròn ; tha lain Bàn air 
uilinn, ach dlleas duitse ; agus tiUidh e 
fhathast aig àm nach saoil thu. Seall ; 
sin uisge nan seachd tonn is truime 
bhuaileas air Trasanna ; " is thog Eileag 
eadari 's a' ghealach botul uisge. 

Dh' èisd Màiri is chrath i a ceann. 
Thug i aon sùil eile air an àite 'san do 
chuir i litrichean lain; dheasaich i a 
breacan m'a ceann, is dh' fhalbh a' 
chàraid còmhla. 



MàiH *s Eikag 'sa Madh. 95 

Nuair bha Màiri leatha fèin, thiU a 
smaointean air an ais gu 'n chlais 'san 
robh iad. 'S iomadh latha thug i gu 
brònach, deurach, trom, tùrsach. Bha 
blàtha mòr aice ri caileig bhig lain 
Bhàin an dèigh 's mar a thachair. 
Leighis tim an lot a bha 'na cridhe. 
Thog a h-inntinn a rithis, is bha Màiri 
a' chlobair aon uair eile mar bha i nuair 
b' aithne dhuinn an toiseach i: 'na 
h-inghinn shunndaich, laghaich, chridh- 
eil, ged is tric a theireadh feadhainn a 
b' eòlaich oirre, gu 'm biodh a gàire gu 
tric 08 cionn cridhe bhriste. 



d6 d^n d* thug i spiis do *n àrmunn. 



EARRANN IX. 

Eadar na chuala sinn anns an 
iomradh a tha seachad agas an t-àm 
a tha ri bhi fo bheachd againn a nis, 
tha bealach anns am bheil mòran 
bhliadhnachan, a thug mar ultach o'n 
uchd, gach tè dhiubh, mòran atharr- 
aichean do 'n Ros Mhuileach. Chaidh 
an sluagh fhògradh air falbh bho na 
bruthaichean bòidheach air an d' fhuair 
iad fhèin 's an athraichean an àrach 
òg. Fhuair cuid bheag dhiubh crioman 
de fhearann creagach ri taobh a' chlad- 
aich mu 'n cuairt an Rois ; ach chaidh 
a' mhòr chuid diubh airbòrd air luingeas 
mòr nan tri chrann àrd, a bha turam- 
anaich gu bòidheach, inich air an cuid 
acraichean, am bàgh Bhun-easain an 
Loch Lathaich. Chaidh iad air tir 
'nan eilthirich air cladaichean aineol an 
thibh cèin : cuid an Astralia mhachair- 



Fbgradh muinntir An Rois, 97 

each, fheurach; cuid an Zealand-ùr 
nam bàgh 's nam beann ; agus a' chuid 
mhòr an Canada fhuar, choillteach. 
Ach, mo thruaighe ! bha feadhainn nach 
d'ràinigriamh tir, 's a fhuair dachaidh- 
ean buan an grunnd a' chuain mhòir. 
Bha fuaim fhalamh anns gach baile 'san 
Bos 'nan dèigh. Far an robh mire nan 
òigear, is ceòl-gàire nam maighdeann, 
cha chluinnteadh ach mèilich nan 
caorach agus glaodh a' chiobair. Far 
an robh na ficheadan de ghillean òga, 
mileanta 's de òighean ciùin, macanta, 
cha robh achclobair amhàin; 'sa'ghaoth 
ag osnaich am measg nam bruach no 
siubhal gu luath feadh tighean gun 
chinn. 

Bha 'n cìobair 'na aonar an Siaba, air 
an tulaich ghuirm, bhòidhich am measg 
nan srath feurach, fraochach a bha 'gan 
grèidheadh ri grèin chaoimh na h-àirde 
deis. Chaidh Màiri g' a cosnadh gu 
Qalldachd, a dh' aotromaich pàirt d'a 
trioblaid fhèin. Bha na buanaichean a' 



98 Gtin d* thug i spèis do '» èrtnunn, 

falbh 's a' tighinn mar a b' àbhaist ged 
nach robh an àireamh cho mòr 's a ba 
ghnàth. 

'Sann comh-cheangailte ris na cleachd- 
ainnean so thàinig an aona bhuille bu 
ghoirte fhuair an Ros ri cuimhne na 
bha beò 'san àm. Sheòl bàta Ailein 
Bhàin am mach à Caol Ithe le buidhinn 
mhòir^ shunndaich^ chridheil, aoibheil 
de fhir 's de mhnathan, sean is òg. 
B'ann tràth 'san fhoghar a bh' ann^ is 
ràinig iad Cluaidh gu sàbhailte; ach 
mo chreach lèire! am bàgh Ghùraig 
bha 'n oidhche fhèathail fhoghair dorcha 
gim ghealaich> gun reul, agus chaidh 
bàta Ailein Bhàin a ruith sios le bàta 
mòr smùid^ mar bheagan cheudan slat 
do tMr ; agus far an robh solus uinneag- 
an Qhùraig a' gliostairich air an uisge, 
chaidh an sluagh aoibhinn do'nghrunnd. 
De na bha air bòrd 's e triùir na 
shàbhaileadh ; is am measg nabhàthadh 
bha màthair Màiri 's i air an t-slighe 
gu Qalldachd a dh' amharc Màiri. 



Bàthadh nam buanaichean. 99 

Tràth 'sa mhaduinn bha Màiri am 
baileQhùraìga choinneachadha màthar; 
ach^ mo thruaighe, b'i choinneamh 
ghoirt i. Dh' aithnich i a corp an tigh 
nam marbh. Dh' aithnich i mar an 
ceudna mòran eile d' a càirdean 's d'a 
luchd-eòlais, 'nan sineadh fliuch, fuar, 
tosdach mar ^' mhill-chreatha fo chls aig 
a' bhàs," a thàinig cho grad 'nan dàn. 

Tha iad uile tlodhlaichte an sean 
chladh Qhrianaig gun chomharradh, 
gun chloich-chuimhne, ach am feur 
gorm a' cinntinn 's a' bàsachadh air an 
uaighean. Ach bithidh am beum goirt 
so 'na charragh-cuimhne 'san Ros gu 
bràth. Ràinig a' bhuiUe gach dorus 
bho 'n lAob gu I ; is cha 'n 'eil ni a 
thachair mu 'n àm nach bitear a' 
cunntas bho " Bhàthadh nam buan- 
aichean." 

Mar a thionndaidheas buinne sruth 
toiseach soithich air falbh bho a cùrsa, 
amhuil mar sin dh' atharraich a' bhuiUe 
so cùrsa beatha Màiri. Chaidh i 



100 Gi^n ^ thug i spèis io 'n àrmunn. 

dhachaidh a ghleidheadh an tighe le a 
h-athair. Ach an uìne glè ghoirid, 
leagadh ceann a h-athar gu h-losal an 
ùir ChiU-Mhic-Eòghain, far an tilg grian 
a' mheadhon latha shamhraidh, mar 
thilg i fsA cheudan bliadhna, faileas 
sean bhallachan na h-eaglais anns an 
do shearmonaicheadh, aon uair, tri 
crendan do na linntean a tha 'nan cadal 
mu 'n cuairt oirre. 

Bha Màiri nis gun duine gun daoine 
's a' fàs suas am bliadhnachan. Bha i, 
mar an ceudna^ 'na h-aonrachan am 
fàsach gorm, cluainteach Shiaba 'na 
suidhe air an tulaich bhòidhich a tha 'g 
amharc am mach air a' chuan t-siar, is 
air an d' àraicheadh iomadh glùn d'a 
sìnnsearachd. 'S iomadh smaoin fhad 
as a thigeadh a steach oirre, 's i leatha 
fèin ag imeachd mu na bruachan mu'n 
d' fhuair i a h-àrach ; 's iomadh deur a 
leig i a' cuimhneachadh air na làithean 
a dh'aom, 's air na càirdean a dh' fhalbh 
's nach tiUeadh. Ach cha 'n 'eil duine 



Màiri gun duine 'x gun daoine, 101 

gun dà latha ; agus is fìor an ràdh gu 
'm bheil an duirche is tiuighe roimh 
bhriseadh-fàire. Dh' èirich a' ghrian 
air Màiri bhochd aon uair eile. Thug 
comhairle buaidh air beachd, agus mu 
dheireadh thall, phòs i lain nan Tòrr. 
'S tric 'na dhèigh a chuimhnich i air 
briathran Eileag-na-lùraich; "Bithidh 
lain air do chluasaig fhathast." Agus 
thachair sin. 



102 CMn f thug i spèis do 'n àrtnunn. 



EARRANN X. 

Bha latha bòidheach foghair ann. 
Bha fèathachan fann de ghaoith 'n ear 
a' deanamh choileach dhubha air an 
fhairge, agus beanntan Lathuma a' 
direadh 'nan sgoran biorach ris an 
speur, mar gu'm biodh iad an eud ri 
stùcan àluinn Mhuile. Bha ball dubh 
air a' chuan a nall bho 'n Chrionan, 
agus a' dèanamh air cladach an Rois. 
Cha robh dorus an Uisgean^ no cnoc 
mu'n cuairt a' bhaile, nach robh fir is 
nmathan a' cur sgàile le'm bois air an 
sùilean 's a' sealltainn ri cuan. Bha 
fiughair ri bàta à Glascho a h-uile 
latha chionn seachdain ; 's b'e sud an 
ùbraid 's an f hiughair 's an làn aighear 
nnair thigeadh bàta gu baile. Ach dh' 
f hàs am ball na bu mhò 's na bu mhò, 
agus le gaoith direach 'na dèigh agus 



Bàta à Glascho. 103 

a tri siùil làn, ràinig bàta Eòghain 
mhic Dhùghaill Port Uisgein; 's cha 
robh duine mu thri mile do 'n phort 
nach robh aig cladach. 

Am measg chàich, cò leum gu h- 
aotrom, sgairteil am mach as a' bhàta 
ach fear àrd, direach, smearail, air an 
robh fior choltas an t-saighdeir o bhàrr 
gu sàil a bhròige. Bha sùil gach aoin 
air a' choigreach, nach d' fhldir 's nach 
d' fharraid duine de na bha 'n làthair 
ach a ràdh 'san dol seachad : '' Am beò 
am Borruiche f hathast ? " " Am bheil 
an sean each bàn aig Seumas Mòr an 
Fhàine fhathast?" ''Am bheil sgeir 
bhuidhe Bhun-easain far am b' àbhaist 
dith bhi ? " 's rudan neònach mar sin ; 
's a' faighneachd mu f headhainn a bha 
marbh mu 'n d' rugadh pàirt de na bha 
'n làthair, ged nach robh iad ro òg. 
Qhabh e roimhe 'na aon sgiiob, 's na 
seann daoine sealltainn as a dhèigh, ag 
ràdh: "Tha fuil an Bois annad, co 
dhiùbh, cò air bith thu." Ach cha d' 



104 Giin d* tkug % spèis do *n àrmunn, 

aithnich duine e. Chaidh e troimh. 
Bhun-easaiii gun stad air a cheum, 's 
a' fiosrachadh 'san dol seachad mu fhir 
's mu mhnathan a bha marbh mòran 
bhliadhnachan roimhe sud, 's nach robh 
de eòlas aig an linn a bh' ann orra ach 
na fhuair iad o bheul-aithris. Seachad 
am muileann 's a suas ri AspuU thug e 
gun mhoille, 's a' smèideadh le bhoineid 
ris an fheadhainn a bha buain anns na 
h-achaidhean air gach taobh deth. 
Sheasadh gach aon a' sealltainn air a' 
choigreach aig an robh ceum an 
t-saighdeir. Ach ghabh e roimhe gus an 
deach e stigh air criochan Shiaba. Bha 
iomadh siiil 'ga leantainn le ionghnadh. 
Dhìrich na mnathan am bruthach le 'n 
corrain air an gàirdeinean ; 's na fir a 
bha ceangal, leis a* bhoinn 'nan làimh 
chlì, sheall iad as a dhèigh. 

"Cha 'n e lain bàn a th' ann, co 
dhiùbh;" theireadh a h-aon, "neo 
bheireadh e cheud aghaidh air tigh 
athar." 



Ttghinn iachaidh an t-saighdeir, 105 

"Cha'n e idir a th'ann" theireadh 
aon eile, "chionn dh' aithnichinn fhln e." 

Cha robhroimhe achballachan falamh. 

Chaidh e seachad air tobhta an dèigh 

tobhta : 's mu dheireadh, le ceum mall 

's le ceann rùisgte, ràinig e talla shòn- 

ruichte. An sin chaidh e steach innte 

is sheall e mu 'n cuairt. Thill e mach 

le ceann crom, muladach is shuidh e 

air cloich mhòir a bha tighinn am mach 

à oisinnna tobhta, is chaoin e. Tharr- 

uing na fir a bh' air a' chnoc oscmn 

throm is lion an sùilean. Chrom na 

mnathan an cinn is shil an deòir gu 

frasach a' feitheamh air an f hògrach a 

thiU gu dhachaidh fhuair, fhalaimh. 

Far an robh dùil aige gu 'n coinn- 

icheadh athair 's a mhàthair e gu 

mùimeacb le làmhan sgaoilte, cha robh 

ann ach an àrach gun cheann, 's a' 

ghaoth ag osnaich mu 'n cuairt. 

Chaoin is chaoin e. Thàinig na fir 's 

na mnathan d'a ionnsuidh is dh' fhìdir 

e ; 's an uair a thubhairt e : *' Is mise 

K 



106 Gu'n f thug i spkis do 'n àrmunn, 

lain Eachainn/' thuit bean air a mhuin- 
eal Ì8 phòg is phòg si e, a' caoineadh 's 
a' glaodhaich: ''A bhràthair, a bhrà- 
thair, a bhràthair ! " 

Bha lain roimhe so mar ga 'm biodh 
e ann an tìr a dhùthcha fhèin, gun 
aithne air neach beò a bh' innte, 
eadhon a dhearbh chàirdean, ach na 
cnuic 's na glacan mu 'm biodh e tric 
a' cluich 's a' cleasachd le chomh- 
impirean fhèin. Do na bha beò 
dhiubh sud, bha e 'n diugh 'na choig- 
reach; ach thog a chridhe 's inntinn 
nuair fhuair e dà làimh a pheathar m' 
a mhuineal, agus sin piuthar air nach 
robh cuimhne riamh aige; oir cha 
robh i ach 'na naoidheig bhig nuair 
thriall e air slighe na h-amaideachd an 
làithean òige. Dh' fhalbh e 'na 
bhalach anns an fhoghar. Binn e 
muinntireas ri tuathanach Gallda; 's 
cha b' fhada dh' fhan e nuair chaidh e 
do 'n arm; 's cha chualas an còrr 
riamh m'a dhèanamh gus an latha so. 



Tighinn dachaidh an t-saighdeir, 107 

xChaidh 6 troimh chogadh na Spàinnte 
agus chaidh a leòn aig San Sabastian. 
Chaidh fhàgail an dèigh an airm, mar 
mharbh, ach fhuaireadh leis na 
Spàinntich e. Thugadh e do h-aon de 
na bailtean beaga measg nam beann, 
agus, an dèìgh eiridinn ùine mhòir 's 
gun ach " thig 's cha tig " aige, thàinig 
e troimhe air èiginn. Thug e bliadhn- 
achan an sin an easlainte^ gun dùil a 
dhùthaich no a chuideachd fhaicinn gu 
bràth. Nuair fhuair e air chomas, rinn 
e rathad do Shasunn; ach chaili e 
sealladh uile gu lèir air na càirdean 's 
air an luchd-eòlais a dh' fhàg e ^na 
dhèigh. Mar dh' èirich do iomadh fear 
allabanach d' a sheòrsa, dhùisg miann 
làidir 'na inntinn tiUeadh do 'n 
dùthaich a thrèig e 'na òige ; 's a lion 
beag is beag, shiubhail e air a shlighe 
gas an deach e air bòrd air An t-Siar- 
aich aig Eòghan Mac Dhùghaill an 
Qlascho. Cha robh a bheag d'a chomh- 
luchd-turuis anns a' bhàta tuigsinn 



108 Gu'n iT thug i speis do 'n àrmunn. 

c6 e mac so do Eachann Mac Gill- 
eathain an Siaba. 

Cha robh tigh cèilidh 'sam biodh 
lain nach biodh làn ag èisdeachd ris na 
h-ùirsgeulan a bhiodh e ag innseadh 
ma 'n chogadh 's mu na Spàinntich am 
measg an do thuit e. Cha robh teint- 
ean eadar an t-Saor-pheighinn is Ard- 
tunna nach biodh e oidhche fhèin air ; 
's cha bhiodh a luchd-èisdeachd gann. 

Chaidh e oidhche, mar a h-aon 's 
mar a dhà, do thigh DhùghaiU na Saor- 
pheighinn. Bha misneach mhòr aig 
athair 's aig màthair, 's gu sònruichte, 
aig bean lain bhàin, gu'm faodadh, an 
dèigh na h-uile rud, lain bàn fhèin 
tionndadh a suas fhathast ; 's bha fadal 
orra uile lain Eachainn fhaicinn, 's gu 
'n cluinneadh iad na miorbhuilean 
troimh 'n d' thàinig se fèin. Chaidh 
fàilte 's furan a chur air nuair rèinig 
e ; 's cha b' urrainn do na seann daoine 
bochd cumail air an deòir a' cuimhn- 
eachadh air an aona mhac f hèin. 



An saighdear^ a bhean 'x a nighean, 109 

" Sin agad nìghean lain/' arsa bean 
DhùghaiU, " 's tha sinn toilichte sliochd 
a bhi againn ri linn 6 fhèin a chall ; " 
is bhrùchd i mach a rithis. 

Rug lain air làimh air Mòir bhig, is 
thàinig tiomadh mòr air le a faicinn 
'na caileig òig, ghlain, speisealta. 

"Sin agad banntrach lain," arsa 
bean DhùghaiII a rithis. Sheall lain 
oirre, is sheall ise air-san, is sheall iad 
le chèile mu 'n cuairt an tighe, 's an 
sùilean gu leum as an ceann. 

«A Mhòr, a Mhòr, a Mhòr!" ars 
lain. 

" 0, lain, lain, lain ! " arsa Mòr. 

" A ghaoil, a ghaoil nam ban ! " " A 
rùin, a rùin nam fear ! " ars iad à beòil 
a chèile. 

" 'S an i so Mòr bheag, mo nighean ; 
's an d' f huair mi rithis sibh le chèile ? 
Thàinig coltas mo leinibh a'm chuimhne 
cho luath 's a chunna mi thu, eudail." 
Is phòg e gun sgur a' chaileag 's a 
màthair. 



110 Ch^n i' ihug i spèis do ^n àrmunn. 

Bha fear an tìghe 's a bhean a' 
feitheamh 's ag èisdeachd, bodhar, dall 
le ionghnadh. Thuig iad a' chùis 'sa 
mhionaid; ach bha 'n teangan ceang- 
ailte 'nan cinn ; 's cha robh iad ach le 
'n làmhan paisgte, a' sealltainn air à' 
chàraid a rinn còmhdhail ri chèile air 
dòigh cho neònach, air dhaibh a bhi 
marbh d'a chèile iomadh latha 's 
bliadhna, 's an dara h-aon a' caoidh gu 
goirt air son an aoin eile. 

"An dean sibh idir fiughair ri 'r 
mac 's ri fear mo chlèibh ? " arsa Mòr 
mu dheireadh. 

'* Ma 's e t' fhear-sa th' ann, cha 'n e 
mo mhac-sa/' arsa Dùghall air a shocair 
f hèin. Sheall Mòr air lain^ is sheall 
lain air Mòir; 's nuair a shlolaich a' 
chuideachd a dos, chaidh soilleireachd 
a chur air a' cheist. 

Bha iad le chèile toilichte. Bha 
Dùghall 's a bhean toilichte gu 'n robh 
cliù am mic air ath-bheothachadh a 
rithis, agus co dhiùbh bha e beò no 



Soiaeireachadh. 111 

marbh, gu 'n robh e gan smal air. B' 
e 'n gnothach neònach so cuspair na 
dùthcha fad iomadh latha. Chaidh 
soilleireachd ùr air naidheachd NèiU 
Mbàrtuinn. Bha 'm fear à Loch-buidhe 
fior gu leòir, ged chaidh an dara h-Iain 
a ghabhaii an àite an lain eile. 



112 Giin (P thug i spèis do '« àrtnunn. 



EARRANN XL 

Ach bha aon neach 'san dùthaich a 
rinn fiughair rìs an nl na bu mhò na 
càch. B'e 'n neach sin Màiri a' chlob- 
air. 'Na banntraich 's mar bha i, gun 
dùil ri lain f haicinn gu bràth, thog sac 
trom bhàrr a cridhe ri bhi smaointinn 
gu 'n robh a leannan dileas dith an 
dèigh 's air fad. Ma bha car cam 'sa 
ghnothuch, 's ann air a taobh f hèin a 
bha e ; ach mar bha fios aig a h-uile 
duine, cha robh atharrach aice air. 

Bha aon rud air an do chuimhnich i : 
litrichean lain. Dh' f heumadh iad àite 
blàth fhaotainn 'na broilleach maoth 
aon uair eile. 

Cha robh dàil no moille ann. Bheart- 
aich i 'n t-each agus an tiotan bha 
i 'n glaic diollaid. 

Bha grian dhearg an fhoghair air 



Màiri is Eileag uair eiie ^sa chladh. 113 

tèamadh cùl Ithe, agus a' pògadh nan 
tonn. Bha tìamhachd na h-oìdhche 
anns gach glaic mu 'n cuairt, is ceileir 
na smeòraich anns a' phreas a' fàs fann, 
nuair a theirinn i sios am bruthach gu 
'n chladh. Qhabh i steach is rinn i 
lom is dìreach air an tobhtaich. Chuir 
i làmh 'san fhròig; ach, mo chreach, 
cha robh ni roimpe. Ghuil i 'n oidhche 
dh' f hàg i iad, agus ghuil i rithis air an 
oidhche so^ ged bu mhòr a toil-inntinn 
gus am fac i gu n robh a saothair a 
nasgaidh. Shuidh i agus smaointich i. 
Bhuin rudeiginn r'a guala, is thog i a 
ceann. 

" Obh, 6bh ! Eileag, an tu th' ann ? 
'S ann a dh' oilltich mi romhad. Ciod 
e air an t-saoghal a chuir an so an 
nochd thu ? " arsa Màiri. 

Bha Eileag bhochd ag ospagaich le 
cion analach ; ach thug i oidhirp air a 
turus innseadh. 

"Chunna mi tighinn thu, agus 
ghlaodh mi, cuideachd ; ach cha chuala 



114 Gu^n Ì thug i spèis do 'n àrmunn. 

tu. Thuig mi ceann do sheud 's do 
shiubhail, agus bha toil agam, a 
rùin, do shaothair a chur an giorrad. 
So!" 

" Mo litrichean ! Mo litrichean ! " 
arsa Màiri, 's i breith orra 'na dà iàimh. 
Mo mhlle mìle beannachd ort, Eileag. 
C' àite 'n d' f huair thu iad ; no cuin a 
f huair thu iad, 's e bu chòir dhomh a 
ràdh? Mobheannachdort.mobheann- 
achd ort;" arsa Màiri à grunnd a 
cridhè. 

" Fhuair, mi iad an oidhche dh' f hàg 
thu iad, mu'n do bhruidhinn mi riutsa, 
's tu a'd shlneadh far am bheil thu a'd 
shuidhe an ceartair." 

''Tha mi 'd chomain; Eileag. Tha 
mi 'd chomain. Falbhaidh sinn a nis ; 
agus is mòr an toileachadh a th' agamsa 
an nochd seach an oidhche mu dheir- 
eadh a thachair mi f hìn 's tu fhèin an 
so. 'Smòr!" 

"Qheibh thu barrachd toileachaidh 
fhathast, a Mhàiri. Cuimhnich mar 



Gaol Màiri air ùrfhadadh, 1 1 5 

thubhairt mi riut: 'gu'm biodh lain 
air do chluasaig fhathast/ ars Eileag. 

" Bha sin cheana ami," arsa Màiri. 

" Bha ; ach cha b'e 'n t-Iain ceart," 
ars Eileag. 

Nuair a ràinig iad tigh Eileag-na- 
lùraich, chaidh Màiri do 'n diollaid a 
rithis, is chum i ceum cothromach air 
an each ; 's bu lionmhor a smaointean 
air an t-slighe gus na Torra-beaga. 
Chnireadh i làmh r'a broiUeach an 
tràth-s' 's a rithis le toileachadh lit- 
richean a leannain a bhi aon uair eile 
'na lùib. Bàinig i 'n tigh gu sàbhailt ^ 
is nuair f huair i gu socrach 'na seòmar^ 
leugh i litir an dèigh litir a cheart cho 
blàth thoilichte 's ged a b' ann an lath' 
ud fhèin a thigeadh iad bho pheann 
lain. Bha leatha mar gu'm biodh lain 
a' bruidhinn rithe as an uaigh agus 
as ùr. 

Chuir na smuaintean drochaid 
thairis air a' chuibhrinn tlm a shruth 
mar abhainn air sgèith le àillt beannt- 



1 16 Gu^n (T thug i spèis io n àrmunn, 

an a' mhi-fhortain eadar dà bhruaich 
a toil-inntiim ; agus chomh-cheangail 
na smuaintean an latha bh'ann ris an 
latha dh'aom. Thàinig làithean a 
h-òige air an ais chuice; agus dh' 
ùraicheadh dhith na nithean a dh' 
fhalbh ; 's bha sùil ri lain a thiUeadh 
an dèigh a h-uile dad a bh' ann. . 

Qed a bha Màìri air fàs suas am 
bliadhnachan, bha 'n gràdh 's an gaol a 
thug i òg beò fhathast 'na cridhe^ agus 
a nis air ùr fhadadh. Cha robh roimpe 
ach fuireach le foighidinn feuch ciod è 
bheireadh ùine mu 'n cuairt. 



An ceann bliadhna no dhà 'na dhèigh 
so, thiU lain bàn na Saor-pheighinn 
dachaidh, gu crùbach, bacach, air leth- 
chois. 

Ah ceann beagan ùine phòs e fèin 
agus Màiri a' chiobair, banntrach nan 
Tòrr. 

Is tric a chuimhnich iad le chèile 



Tilleadhlain. 117 



mar thubhairt Eileag-na-lùraich : ^'Gu'm 
biodh lain air a cluasaig f hathast/' agus 
max a chaidh a ràdh cheana^ thachair 
sin; ach an tràth-so b* e 'n t-Iain 
ceart a bh' ann. 



A' Chrìoch. 



BOOKS PUBLISHED OR SOLD BY 

ENEÀS MÀCKÀY, Bookseller, Stirling. 



THE SONGS AND HYMNS OF THE GAEL, 
with Gaelic Psalmodyy Translations, Music, 
and an Introduction. By L. MacBean. 1900. 
Demy 4to., art cloth, extra gilt top, 3/6 net. 

BINNEAS NAM BÀRD— Bardic Melody. A 
collection of Gaelic Vocal Poetry of all classes, 
with the melodies in sol-fa and staff notation. 
G>mpiled and edited by Malcolm Mac 
Farlane. To be issued in parts. Part I., 
Demy 8vo., paper, 2/6 net. 1908. 

AN TREÒRAICHE, Leabhran Sgoil air son na 
Cloinne (A Gaelic Primer for the Children). 
By Malcolm MacFarlane. Paper, 3d. 1903. 

DAIN THAGHTE, A chum Feum an Sgoilean 
na Gaidhealtachd. Edited by Malcolm 
MacFarlane. Paper, 3d. 

AN SMEÒRACH (The Mavis). Gaelic songs, 
set to music in two i>arts. Edited by Malcolm 
MacFarlane ; music by C. H. Mackay. 
Paper, 3d. 1908. 

AM BRÙ-DHEARG (The Robin). Gaelic 
songs, set to music in two parts. Edited 
by Malcolm MacFarlane ; music by C. H. 
Mackay. Paper, 3d. 1908. 

GU 'N D' THUG I SPEIS DO 'N ARMUNN 
(She gave her love to the soldier). A 
Gaelic Novelette, the fìrst of its kind, by 
John MacCormick. Edited by Malcolm 
MacFarlane. Paper, i/. 1908. 

ELEMENTARY LESSONS IN GAELIC 
READING, Grammar, and Construction, 
with a Vocabulary and Key. By Lachlan 
MacBean, 6th edition. 1908. Crown 8vo., 
cloth, 8d. net. 

GUIDE TO GAELIC CONVERSATION AND 
PRONUNCIATION, withdialogues, phrases, 
letter forms, and vocabularies. By Lachlan 
MacBean. Crown 8vo. , cloth, 1/6 net. 1905. 

All Gaoiio iMbiioations, and Worics reiatlnff 

to tho Highianda, icopt in otooic 

OataloauM Mid PrlM Utto on appllMtloii. 




(