Skip to main content

Full text of "The heavenly footman = An gille-ruith neamhaidh, no, Cunntas mu'n duine a theid do neamh : agus Cia mar bu choir dha ruith chum's gun glac e 'n duais"

See other formats


L.  ■ 


National  Library  of  Scotland 

HIIIIIIII 

*B000501625* 


Digitized  by  the  feternet  Archive 
■    in  2013 


http://archive.org/details/heavenlyfootmang1894buny 


THE  HEAYENLY  FOOTMAN. 


AN 

GILLE-RUITH  NEAMHAIDH, 

NO, 

CUNNTAS  MU'N  DUINE  A  THEID  DO  NEAMH; 

AGUS 

CIA  MAR  BU  CHOIR  DHA  RUITH  CHUM'S  GUN 
GLAC  E  'N  DUAIS. 

Le  Mr.  IAIN  BUINIAK 


MAILLE  RI  BEATHA  AN  UGHDAIR  LE  CARAID  DA 
FEIN,  A  BHA  GLE  EOLACH  AIR. 


EDINBURGH 
JOHN  GRANT,  31  GEORGE  IV.  BRIDGE. 
1894. 


LAURISTON  CASTLEl 
_  BEQUEST  KjJND 


EDINBURGH 
PRINTED  BY  LORIMER  AND  GILLIES, 
31   ST.    ANDRRW  SQUARE. 


BEATHA  IAIN  BHUINIAIN. 

T)UGADH  Iain  Butnian  ann  an  Elstow,  an 
-Lt  siorramachd  Bhedford,  dlùth  air  mile  o  'n 
bhaile  sin,  anns  a'  bhliadhna  1628;  bha  phàrantan 
onarach  ach  cha  robh  moran  do'n  t-saoghal  aca ; 
bha  shinnsearrachd  do'n  ghinealach  sin  a  bu  suar- 
aiche  na  bu  tàireile  do  theaghlaichean  na  tìre.  'S 
e  bu  cheaird  da  athair  a  bhi  càramh  phoitean  agus 
choireachan,  agus  se  'n  ceard  a  theireadh  iad  ris. 
'Nis  cha'n  aithne  dhomh  cò  anns  an  robh  briathran 
abstoil  mòr  nan  cinneach  ni  bu  mhò  air  an  nochdadh 
na  ann  an  Iain  Buinian ;  'na  cbèud  chaibidil  do'n 
cheud  litir  chum  nan  Corintianach,  's  iad  so  na  facail : 
Oir  chi  sibh  fèm  bhur  gairm,  a  bhraithre,  nach 
iomadh  iad  a  ta  glic  a  thaobh  na  feòla,  nach  iomadh 
cumhachdach,  nach  iomadh  uasal  a  ta  air  an  gairm  ; 
ach  ròghnaich  Dia  nithe  amaideach  an  t-saoghail  so, 
chum  gu'n  cuireadh  e  nàire  air  na  daoine  glice ; 
ionnus  nach  deanadh  feòil  'sam  bith  uaill'na  f  hian- 
uis :  Agus  bha  esan  ullamh  aig  gach  uile  am  air  so 
aideachadh,  chum  gu'm  biodh  aig  Dia  glòir  'na  ghràs 
fein ;  oir  ged  nach  robh  a  shinnsearrachd  agus  a 
bhreith  ach  bochd  agus  suarach,  gidheadh  b'  e  toil 
an  Tighearna  esan  a  thaghadh  air  thoiseach  air 
mòran  eile  gu  bhi  na  mheadhon  chum  mòran 
anamaibh  a  thoirt  a  dh'ionnsaidh  Dhè.  Agus  gu'm 
biodh  gràs  Dè  bha  air  a  thoirt  dhàsan  mòran  ni  s 
mò  air  a  mheudachadh  ;  bheir  sinn  beagan  do  chunn- 
tas  aith-ghearr  mun  t-seòrsa  duine  bha  ann  mu'n 
d'f  hoillsicheadh  gràs  Dè  dha. 

Thug  a  phàrantan  oidheirp  air  an  ionnsachadh 
sin  a  thoirt  dha  bha  comasach  dhoibh  a  thaobh  an 
staid,  ga  àrach  suas  ri  leughadh  agus  sgrìobhadh  ; 
ach  bha  truaillidheachd  a  naduir  cho  mòr,  agus  e 
toileach  dol  a  dh'ionnsuidh  gach  uile  olc,  agus  cha 
b'fhada  gu's  an  do  leig  e  as  a  chuimhne,  a  sgrìobh- 


4 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


adh  agus  a  leughadh,  cha  rohh  e  ach  glic  amhàin 
chum  uilc ;  ach  a  dheanadh  na  dh'ionnsachadh  an 
ni  sin  a  ta  math,  cha  robh  an  cridhe  aige  idir  air  a 
shon  ;  oir  thug  e  thairis  e  fèin  dìreach  na  leanabachd 
gu  mhionnachadh,  mallachadh,  breugan,  agus  toibh- 
eum,  's  bha  iad  tearc  a  bha  co-ionann  ris  ann  an 
aingidheachd  ;  tha  cuimhne  agam  gu'n  cuala  mi  e  'g 
ràdh  le  cràdh  cridhe ;  gu'm  b'  e  peacach  a  bu  mho 
's  a'  bhaile,  's  e  sin  ra  ràdh,  neach  a  thugadh  an 
aire  dha,  agus  na  aon  a  bha  comharraichte  air  son 
aingidheachd,  leis  gach  uile  neach  a  bha  anns  a'  bhaile 
anns  an  robh  è :  Gidheadh  cha  robh  a  choguis  air  a 
losgadh. 

Ach  air  son  aingidheachdan  uile,  's  ged  a  bha  e 
na  pheacach  ro  mhòr,  cha  do  thrèig  an  Tighearna  e 
gu  tur,  ach  bhiodh  e  ga  leantuinn  air  uairibh  ie 
dearbhaidhean,  agus  air  uairibh  le  breitheanais,  ach 
gidheadh,  iadsan  anns  an  robh  measgadh  do  throcair ; 
thuit  e  uair  èigin  ann  an  geodha  creige  do'n  mhuir, 
agus  is  ann  air  èigin  a  thearnadh  e  o  bhi  air  a 
bhàthadh ;  agus  uair  eile  thuit  e  mach  à  bàta  do 
abhainn  Bhedford,  agus  bha  e  air  a  shàbhaladh  o'n 
bhàs  an  sin  mar  an  ceudna :  Ach,  mo  thruaighe ! 
cha  deanadh  aon  chuid  tròcair  na  breitheanas  a 
dhùsgadh  fathast,  oir  thug  esan  thairis  e  fèin  do 
ghràdh  a  pheacaidh,  agus  bha  e  suidhichte  gu  dol  an 
deigh  a  pheacaidh  ciod  air  bith  an  cruadal  a  choinn- 
icheadh  e  na  shlighe. 

Gidheadh,  cha  d'fhàg  Dia  e  gu'n  fhianuis  a  bhi 
aige  na  anam^  bha  e  tric  ga  bhacadh  ann  an  aon 
doigh  na  doigh  eile.  Air  dhà  bhi  aon  latha  a'  cluiche 
maille  ra  chompanaich,  ghlaodh  guth  gu  grad  bho 
ncamh  ra  anam,  a'g  ràdh,  am  fàg  thu  do  pheacaidh- 
ean  agus  dol  do  ncamh  ?  Na'n  e  's  fearr  leat  do 
pheacaidhean  a  bhi  maille  riut  agus  dol  do  ifrinn  ? 
Chuir  so  a  lcithid  do  uabhas  air,  's  gu'n  d'fhalbh  e 
gu'n  dàil  o'  chluich,  agus  air  dha  amharc  suas  gu 
ncamh,  sliaoil  e  gu'm  faca  e  an  Tighearna  Iosa  a'g 
amharc  a  nuas  air,  mar  aon  a  bhiodh  ann  an  tcas 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


5 


fèirge  ris  agus  e  bagairt  dioghaltais  chràiteach  air, 
air  son  a  chleachduinnean  mi-dhiadhaidh. 

Ach  faicibh  cuilbheartan  Shàtain  !  cha  bu  luaithe 
rinn  so  ni  èigin  do  dhrùdhadh  air  'inntinn,  na  chuir 
an  diabhol  na  chuimhne  gu'n  robh  e  na  pheacach 
anabarrach  mòr,  agus  gu  bheil  e  nis  tuilleadh  is 
anmoch  air  do  shon  'sa  bhi  'g  amharc  air  son  nèamh, 
oir  nach  deanadh  Criosd  tròcair  air,  's  nach  mathadh 
e  dha  easantais. 

Agus  cha  bu  ni  's  am  bith  eile  bha  'n  so  ach 
cleachduinn  a  ghnathaicheas  an  droch  spiorad  gu 
tric  ;  tha  e  's  a'  cheud  àite  air  son  peacaich  a  tharr- 
uing  gu  bhi  'cur  an  gnìomh  gach  uile  aingidheachd, 
agus  a  strì  ra  thoirt  orra  dheanadh  le'n  uile  thoil, 
agus  an  sin  ga  'n  earalachadh  nach  ruig  iad  a  leas 
dòchas  a  bhi  aca  gu'n  deanar  tròcair  orra ;  agus  leis 
a  sin  's  tric  a  bhuadhaicheas  e  air  peacaich  chum  's 
gu'n  rachadh  iad  air  an  aghaidh  ann  am  peacadh. 
Agus  be  so  an  toradh  a  thug  a'  chuid  so  do  obair 
Shàtain  a  mach  air  lain  Buinian ;  gu'n  robh  e  'g 
amharc  air  fèin  mar  neach  a  pheacaich  an  taobh 
thall  do  thròcair ;  smaointich  e  ann  fèin  gu'n  gabh- 
adh  e  dhìol  do'n  pheacadh,  's  gu'm  be  sin  an  aon 
toilinntinn  amhain,  a  rèir  coltais,  ris  an  robh  e 
toileach  gu  bràth  gabhail.  Ach  chi  sinn  fathast  na 
toilinntinnean  sin  a  pheacaidh,  tre  obair  iongantach 
an  spioraid  naoimh,  a  bha  gu  tric  o'n  am  sin  air  an 
deanamh  searbh  dhà,  gu  's  nach  b'urrain  e  ach  gle 
bheag  toilinntinn  a  ghabhail  annta. 

Eccles.  x.  15. — SgUhichidh  saothair  nan  amadan 
gach  aon  diubh,  do  bhrìgh  nach  aithne  dha  cionnas 
a  thèid  e  do'n  chaithir.  Air  dha  aig  àm  àraidh  a 
bhi  dol  air  aghaidh  ann  an  làn  chùrsa  pheacaidh, 
agus  e  taomadh  a  mach  mhionnan  coltach  ris  an 
fhear-chuthaich  a  tha  Solamh  labhairt  uime,  a  tha 
tilgeil  a  steach  culaidh  bhuairidh,  saighdean  agus 
bàs  ;  fhuair  e  achmhasan  geur  o  bhoirionnach  a  bha 
na  peacach  comharraichte  i  fèin,  thuirt  i  ris,  gu'm 
be  'n  t-aon  duine  bu  ghràineile  mhionnachadh  a 


6 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


chuala  i  riamh  o'n  a  rugadh  i ;  agus,  ars  ise,  ma  's 
e  agus  gu'm  buanaich  thu  air  an  dòigh  so,  tha  thu 
comasach  air  òigridh  a'  bhaile  gu  lèir  a  thruailleadh, 
ma's  e  's  gu'n  tèid  iad  ann  do  chuideachd :  Air 
do'n  achmhasan  so  teachd  o  a  leithid  sud  do  bhoir- 
ionnach  agus  fios  gu  ro  mhath  aigesan  gu'n  robh 
i  anabarrach  aingidh  agus  mi-dhiadhaidh,  lìonadh 
e  le  nàire  dhiomhair ;  agus  dhrùidh  e  mòran  ni 
bu  truime  air,  na  rinn  mòran  a  bha  air  a  thoirt 
dha  roimhe  sin  leòsan  a  bha  stuama  agus  diadhaidh. 
Agus  thug  e  air  a  bhi  guidhe  gu'n  b'f  hearr  leis  nach 
robh  riamh  fios  aige  ciod  e  bhi  na  fhear-mionnach- 
aidh ;  agus  o'n  am  sin  amach  chum  e  air  fèin  ann 
an  tomhas  mòr  uatha. 

Tha  e  fèin  ag  innseadh,  agus  iongantas  air,  mar 
a  thachair  gu'n  do  chuir  e  o'n  uair  sin  cùl  ra 
mhionnan,  air  dha  bhi  roimhe  sin  gach  uair  a  labh- 
radh  e  a  mionnachadh  sa  bòideachadh  aig  toiseach 
's  aig  deireadh  gach  facail,  chum  a  chainnt  ghràineil 
agus  uabhasach  a  dhaingneachadh. 

Ann  an  uine  ghèarr  an  deigh  sin,  thachair  dha 
bhi  ann  an  cuideachd  aon  duine  bochd  a  bha  'g 
aidmheil  na  diadhachd,  's  aig  an  robh  còmhradh 
diadhaidh  agns  o'  na  sgriobtuirean  a  dhrùidh  gu 
mòr  air,  agus  le  mòr  spèis  do  na  labhair  e  thug 
Buinian  thairis  e  fèin  gu  bhi  gabhail  mòr  thoil-inn- 
tinn  ann  a  bhi  leughadh  a  Bhiobaill,  gu  h-àraidh 
an  eachdraidh  dheth;  ach  bha  e  fathast  aineolach 
an  da  chuid  air  truailleachd  agus  aingidheachd  a 
nàduir,  agus  air  mòr-fheum  agus  luach  losa  Criosd 
a  chum  a  thearnadh. 

Gidheadh,  thoisich  ni-eigin  do  ath-leasachadh 
air  o'n  leth  a  muigh,  araon  na  chainnt  's  na  ghiùlan, 
agus  an  sin  bha  e  air  teachd  a  dh'ionnsuidh  seòrsa 
creidimh  a  bha  laghail  ag  oibreachadh  air  son 
beatha,  agus  a'  deanadh  suas  f  ìrcantachd  air  a  shon 
fèin  leis  an  ni  sin,  agus  mar  sin  'n  uair  a  shaoileadh 
e  gu'n  robh  e  coiinhcad  nan  àitheantan,  bha  co- 
fhurtachd  aige;  ach 'n  uair  a  thachradh  air  uairibh 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


7 


gu'm  bristeadh  e  aon  diùbh,  an  sin  bhiodh  a  choguis 
fo  dhoilghios  agus  fo  thrioblaid,  agus  le  bròn  agus 
aithreachas,  leigheisadh  se  e  fèin  a  rithist,  agus 
smaointicheadh  e  'n  sin  gun  robh  e  toileachadh 
Dhè,  agus  gun  robh  gach  uile  ni  gu  math. 

Agus  lean  e  air  an  dòigh  so  gu  math  dlùth  air 
bliadhna,  agus  bha  'choimhearsnaich  rè  na  h-ùine 
so  ga  ghabhail  air  son  a  bhi  na  f  hior  dhuine  math, 
agus  ag  gabhail  iongantais,  ra  ath-leasachadh^  ged 
a  bha  e  re  na  h-ùine  cho  fada  o  shlighe  na  beatha, 
sa  bha  e  'n  uair  a  b'  esan  an  neach  a  bu  mhò  mi- 
naomhachd,  oir  labhair  a  bheul  fèin  na  briathran 
so  uime  fèin ;  bha  chaithe-beatha  'nis  air  atharrach- 
adh  cho  mòr,  is  ged  a  dh'fhàsadh  Tòmas  Cuthaich 
na  dhuine  socair  ciallach.  Agus  a  nis  an  dream  a 
labhradh  gu  h-olc  uime  roi  'n  àm  so,  is  ann  a  thòis- 
ich  iad  air  toirt  cliù  dha,  agus  ga  mholadh ;  ach 
air  son  an  ath-leasachaidh  a  thainig  air-an,  is  ann 
a  sheid  an  t-ath-leasachadh,  ud  suas  e  le  uaill,  agus 
lìonadh  e  le  cealgaireachd. 

Ach,  mo  thruaighe !  Cha  robh  anns  an  ni  ud  ach 
leum  bharr  meanglain  a  pheacaidh,  am  feadh  a  bha 
freumh  an  neo-ath-ghineamhuinn  gun  chaochladh. 
Cha  robh  e  fada  na  dheigh  sin,  mar  a  dh-òrduich 
freasdal  an  Tighearna  gun  rachadh  e  gu  Bedford 
chum  oibreachadh  air  a  cheaird,  (bha  e  dh'aon 
cheaird  ri  'athair  na  cheard)  agus  thachair  air  aon 
do  shràidean  a'  bhaile  sin  gun  tàinig  e  far  an  robh 
triùir  na  ceathrar  do  mhnathan  bochda  'nan  suidhe 
aig  dorus  anns  a'  ghrèin,  a  labhairt  ra  chèile  mu 
thimchioll  nithibh  a  bhuineas  do'n  Tighearna ;  agus 
thug  so  air  tarruing  dlùth  dhoibh,  oir  bha  e  mun 
ann  so  air  fàs  treun  air  labhairt  mu  chreideamh  agus 
mu  nithibh  diadhaidh,  ach  'n  uair  a  chuala  e  iad- 
san  car  beagan  ùine,  mar  a  dh'aidich  e  fèin,  chuala 
e  gu  dearbh,  ach  cha  do  thuig  e,  oir  labhair  iad  air 
nithibh  os-ceann  a  thuigse  Labhair  iad  mu  thim- 
chioll  na  nuadh-bhreith,  obair  Dhè  air  an  cridheach- 
an,  agus  mar  a  bha  mothachadh  aca  air  an  staid  a 


8 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


thaobh  nàduir,  bha  iad  a  labhairt  mu  thimchioll 
mar  a  dh'fhiosraich  an  Tighearna  an  anamaibh  le 
a  ghràdh  troimh  an  Tighearna  Iosa  Criosd,  agus 
mu  thimchioll  nam  briathran  agus  nan  geallaidhean 
o'n  d'fhuair  iad  ùrachadh,  neart,  co-fhurtachd, 
agus  cuideachadh  an  aghaidh  buairidhean  Shàtain ; 
bha  iad  mar  an  ceudna  'reusonachadh  air  na  sanuis 
agus  buairidhean  an  droch  aoin  gu  h-àraidh,  agus 
ag  innseadh  da  chèile  na  nithibh  a  chuir  doilghios 
orra,  agus  mar  a  bha  iad  air  an  cumail  suas  an 
aghaidh  a  dhroch  oidheirpean,  agus  chuala  e  mar 
an  ceudna  iad  a  co-labhairt  mu  thimchioll  truaigh- 
ean  an  cridheachan  fèin,  am  mi-chreideamh,  agus 
a  dìteadh's  a  gèur-fhuathachadh  am  fìreantachd 
fèin,  mar  ni  salach  agus  neo-fhoghainteach  chum 
math  sam  bith  a  dheanadh  dhoibh.  Agus  thaisb- 
ean  so  dhasan  a  bhi  air  a  labhairt  le  'leithid  do 
ghuth  gairdeachais,  agus  le  a  leithid  do  chainnt 
thaitneich  o  'n  sgriobtur,  agus  le  'leithid  do  choltas 
gràis  anns  gach  ni  a'  labhair  iad,  is  bha  iad  na 
bheachd  mar  gu'm  biodh  iad  an  deigh  saoghal 
nuadh  f  haotainn ;  mar  gu'm  biodh  iad  'nan  sluagh 
a  bha  gabhail  còmhnuidh  air  leth,  's  nach  robh  air 
a'  meas  am  measg  an  coimhearsnach.    Air.  xxiii.  9. 

B'  ann  o  'n  cho-labhairt  so  bh'  acasan,  a  thòisich 
e  air  faireachduinn  crith,  agus  gluasad  neo-àbhaist- 
each  na  chridhe  fèin,  agus  is  ann  an  sin  a  thoisich 
e  ri  bhi  ga  f  hein-cheasnachadh  fèin ;  leis  a  sin  f  huair 
e  amach  nach  robh  a  staid  idir  co  math  sa  bha  dùil 
aige ;  do  bhrìgh  na  uile  smaointean  timchioll  air 
cliadhachd  agus  slàinte,  cha  tàinig  an  nuadh-bhreith 
riamh  na  inntinn,  is  mar  sin  f  huair  e  amach  gu'm 
bu  ni  sin  air  an  robh  e  gu  tur  na  choigreach  agus 
gun  robh  e  aineolach  air,  ni  mò  bha  eòlas  aige  air 
comhf  hurtachd  o  'n  f  hocal  na  o  'n  a  geallaidhean, 
na  air  cealgaireachd  agus  foilleileachd  a  dhroch 
cridhe  fèin.  Air  son  smaointean  diomhair  cha  tug 
e  riamh  an  aire  dhoibh,  ni  mò  tliuig  e  idir  ciod  bu 
chiall  do  bhuairidhean  Shàtain,  na  cia  mar  a  thuig- 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


9 


eadh  e  iad,  na  chuireadh  e  nan  aghaidh.  Ach  gidh- 
eadh,  bha  'n  conaltradh  so  bha  aig  na  mnathan 
ud  air  drudhadh  air  gu  trom,  agus  bha  e  ro  thoileach 
gu'n  cluinneadh  e  tuilleadh  mu  na  nithibh  so  ;  agus 
uime  sin,  chleachd  e  gu  tric  a  bhi  dol  an  cuideachd 
na  muinntir  ud,  oir  bhuin  an  Tighearna  ra  chridhe 
leis  a'  chonaltradh  sin  ;  oir  bha  e  air  aomadh  gu 
bhi  dol  maille  riù.  Agus  bha  inntinn  cho  dùracìi- 
dach  chum  eolas  f  haotainn  air  na  nithe  so,  gus  an 
robh  a  chridhe  coltach  ri  deal-each  air  a  chuisle, 
"ag  èigheach,  Tabhair,  Tabhair,"  Gnàth.  xxx.  15. 
cho  dian  's  nach  robh  ni  sam  bith  a  thoilicheadh  e 
ach  diomhaireachd  a'  chreidimh  a  bhi  air  a  thaisb- 
eanadh  na  chridhe  fèin  ;  ionnus  gun  robh  anam 
cho  suidhichte  air  siorruidheachd,  agus  air  na  nithibh 
a  bhuineas  do  rioghachd  Dhè,  co  fada  sa  bha  fios 
aig  air,  air  chor  s  nach  deanadh  toilinntinn,,  buan 
nachd,  comhairlean,  na  bagraidhean  toirt  air  a 
ghrèim  a  leigeil  as ;  a  mheud  as  gun  cuala  mi  e  'g 
radh,  gu'm  biodh  e  aig  an  àm  sin  cho  deacair  'inn- 
tinn  a  thoirt  o'  neamh  gu  talamh,  mar  a  mhothaich 
e  iomadh  uair  o  'n  àm  sin  a  thoirt  o  'n  talamh  gu 
neamh.  Ach  an  deigh  do  ghràs  diadhaidh  mar  so 
a  bhi  air  'fhadadh  na  chridhe,  dh'  f heuch  an  diabhol 
gu  cruaidh  le  iomadh  gaoth  bhuaireasach  chum  an 
gràs  a  sheideadh  amach  a  rithist ;  a  toirt  air  iomadh 
fàth-gearain  a  bhi  aige  na  aghaidh  fèin,  gun  robh  e 
air  a  thilgeil  air  falbh,  agus  na  neach  aig  nach  robh 
creideamh  idir,  agus  aig  nach  b'  urrainn  gu  bràth  a 
bhi,  do  brìgh  's  nach  robh  e  air  a  thaghadh. 

Bha  e  ùine  fhada  fo  thrioblaid  le  buairidhean  a 
bha  ro  ghoirt,  mar  a  thubhairt  mi  roimhe  so ;  agus 
bha  tri  nithe  a  ghnàthaich  am  buaireadair  chum 
esan  fheuchainn  ;  bha  aon  ni  mòr  ann,  a  bhi  ga 
cheasnachadh  fèin  dh'fheuch  an  robh  creideamh 
aige ;  bha  'leithid  so  do  do  smaointean  a  teachd 
tric  na  inntinn ;  cia  mar  a  tha  thu  dh'easbhuidh 
creidimh?  Agus  cia  mar  is  urrainn  duit  innseadh 
nach  eil  creideamh  agad  ?  Bha  so  ga  chur  gu  mòr 


10 


BEÀTHA  IAIN  BUINIAN. 


ioma-chomhairle ;  seadh,  cha  robh  fìos  aige  gun 
robh  creideamh  aige ;  gidheadh  bha  e  faicinn  le  bhi 
as  eugmhais  gun  robh  e  coltach  ris  gu'm  biodh  e 
marbh  gu  siorruidh.  Ged  a  bha  e  mar  so  an  toiseach, 
toileach  amharc  thairis  air,  gidheadh  bhiodh  e 
smaointeachadh  gu'm  bu  mhòr  an  toradh  a  bhiodh 
aige  nam  biodh  e  cinnteach  as  an  ni  so ;  uime  sin, 
bha  e  toileach  e  fèin  fheuchainn  co-dhiùbh  a  bha 
creideamh  aige  no  nach  robh.  Ach  am  feadh  a  bha 
e  smaointeachadh  cia  mar  a  bheireadh  e  deuchainn 
a  bhiodh  taitneach  do'n  ni  so,  rinn  am  buaireadair 
strì  dh'  f  heuch  am  faigheadh  e  an  làmh  an  uachdar 
air,  a  teachd  a  steach  le  chealgaireachd,  nach  robh 
dòigh  sam  bith  aige  leis  am  feuchadh  e  co-dhiù  bha 
creideamh  aige  no  nach  robh,  ach  e  thoirt  deuchainn 
an  oibricheadh  e  ni-eigin  do  mhiorbhuile;  agus  cha 
robh  sgriobtur  a  dh'  easbhuidh  air  chum  a  chuid- 
eachadh  ;  oir  mar  a  bha  e  fiaradh  nan  sgriobturean, 
'n  uair  a  dh1  f  heuch  e  ri  ar  Tighearna  beannaichte 
bhuaireadh,  ghabh  e  mar  an  ceudna  briathran  an 
t-Slanuighear  bheannaichte  chum  a  sheirbhiseach  a 
bhuaireadh  'g  a  bhrosnachadh,  (Mat.  xvii.  20.) 
Nam  biodh  agaibh  creideamh  mar  ghràinne 
mustaird,  theireadh  sibh  ris  a'  bheinn  so,  atharraich 
à  so  an  sud,  agus  dh'  atharraicheadh  i;  agus  cha 
bhiodh  ni  sam  bith  eu-comasach  dhuibh.  Chaidh 
am  buaireadh  so  air  aghaidh  cho  fada  ann  air 
dha  bhi  air  latha  àraid  eadar  Ektow  agus  Bed- 
ford,  bha  am  buaireadh  dian  air  's  an  am  sin,  a  dh' 
fheuchainn  an  robh  creideamh  aige  le  cuid  do 
mhiorbhuillean  a  dheanamh ;  bha  e  dol  a  ràdh  ri 
clàbar,  agus  ri  lodain  bheaga  do  uisge  a  bha  na 
laidhe  ann  an  lorgan  chasan  nan  each,  bithibh 
tioram;  agus  direach  mar  a  bha  e  dol  a  labhairt, 
thàinig  na  smaointinn  so  steach  na  inntinn,  dean 
ùrnuigh  an  toiseach,  gun  deanadh  an  Tighearna 
thu  comasach  ;  agus  'n  uair  a  bha  e  dol  a  dheanamh 
mar  so,  bha  ni-eigin  do  bhrosnachadh  diomhair  a 
bha  cuideachadh  leis  's  ag  ràdh  ris  c^un  a  chreideamh 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


11 


a  chur  gus  an  deuchainn  ud.  Agus  bhuanaich  e 
mar  sin  car  beagan  ùine  fo  chall  mòr,  nach  robh  fios 
aige  co-dhiù  bha  creideamh  aige  no  nach  robh. 

Air  am  àraidh  nochdadh  staid  shona  an  t-sluaigh 
bhochd  ann  an  Bedford  dha  ann  an  seorsa  do  thais- 
beanadh  mar  a  leanas ;  air  leis  gu'm  faca  e  iad  air 
slios  grianach  a  bha  anabarrach  boidheach  air  taobh 
beinne  ro  àrd,  mar  gu'm  biodh  iad  ga'n  grianadh  's 
ga'n  neartachadh  fèin  fo  ghathan  blàth  na  grèine ; 
air  leis  gun  robh  e  fèin  na  chreutair  truagh,  air 
chrith,  agus  na  chrùban  leis  an  f  huachd,  ga  chràdh 
le  reodhadh  's  le  cloich  shneachda,  agus  le  neoil  a 
bha  oillteil  dorcha ;  air  leis  mar  an  ceudna  gu'm 
faca  e  balla  mòr  àrd  eadar  e  fèin  agus  iadsan,  agus 
bha  'm  balla  so  dol  timchioll  na  beinne  gu  leir ;  bha 
e  ag  amharc  orra  agus  bha  mòr  dhèidh  aig  anam  air 
faotainn  a  steach  thar  a'  bhalla  so,  chum  's  gu'm 
biodh  e  sealbhachadh  solus  agus  blàthas  o'n  ghrèin 
mar  an  ceudna. 

Chaidh  e  uair  agus  uair  timchioll  a'  bhalla  a 
deanamh  urnuigh  do  ghnàth  mar  a  bha  e  dol  air 
aghaidh,  agus  e  sior  amharc  dh'  f  heuch  am  faiceadh 
e  dorus  na  slighe  'sam  bith  fosgailte  air  am  faodadh 
e  dol  a  steach.  Cha  d'  fhuair  e  dorus  na  fosgladh 
's  am  bith  rè  uine  mhòir ;  ach  fa  dheireadh  air  leis 
gu'm  faca  e  mar  gu'm  b'eadh  bearn  chumhan  mar 
gu'm  biodh  dorus  beag  air  a'  bhalla,  agus  thug  e 
oidheirp  air  dol  a  steach  air ;  bha'n  dorus  cumhan, 
agus  thug  e  iomadh  ionnsuidh  dh'  fheuch  am  faigh- 
eadh  e  steach ;  ach  bha  uile  shaothair  an  diomhanas : 
fa  dheireadh,  le  cruaidh  ghleachd,  air  leis  gu'n 
d'fhuair  e  'n  toiseach  a  cheann  a  steach,  agus  an 
deigh  sin  le  spàirn  mhòir  agus  co-stri  dhian^,  gu  n 
d'fhuair  e  air  a  leth-taobh  a  ghuailnean  a  steach, 
agus  an  sin  ann  an  tiota  bha'  chorp  gu  h-iomlan  a 
steach ;  an  sin  bha  e  fo  mhòr  shubhachas  agus  bha 
aoibhneas  anabarrach  air ;  agus  an  sin  air  leis  gu'n 
d'imich  e  agus  gu'n  do  shuidh  e  sios  'nam  meadhon. 


12 


BEATHA  IAIN  BUINlAN. 


agus  gu'n  d'  f huair  e  solus  agus  sòlas  do-labh&irfc  o 
theas  na  grèine. 

A  nis  's  ann  mar  so  a  mhinich  e  dhomh  a  ni  bha 
bheinn  agus  am  balla  mòr  a  bha  timchioll  oirre  a 
ciallachadh,  thuirt  e  gu'n  robh  a'  bheinn  a  samhlacli- 
adh  eaglais  an  Dè  bheò,  agus  gu'm  b'  esan  a'  ghrian  a 
dhealraich  oirre,  agus  be  gnùis  ghlòrmhor  agus 
ghràsmhor  an  Dè  bheò  a  dhealraich  orrasan  a  bha 
chòmhnuidh  air  a'  bheinn;  agus  b'e  'm  balla  an 
saoghal  a  tha  cur  dealachaidh  eadar  Criosduidhean 
agus  sluagh  an  t-saoghail  so ;  shaoil  e  gu'm  b'i 
bhearn  a  bha  anns  a'  bhalla,  Iosa  Criosd,  a  ta'  na 
shlighe  chum  an  Athar,  (Eoin  xvi.  6.  Mat.  vii.  14.) 
A  nis  air  do'n  dorus  a  bhi  anabarrach  cumhan  air 
chor  is  nach  b'  urrainn  neach  dol  a  steach  air  ach 
le  cruaidh  sp'iirn,  leigeadh  ris  dha  nach  robh  e 
comasach  gun  rachadh  aon  neach  a  chum  beatha, 
ach  iadsan  a  bha  air  an  co-chumadh  ris  an  dorus. 
agus  a  dh'fhàg  an  saoghal  aingidh  air  an  cùl;  do 
bhrigh  nach  gabhadh  an  dorus  a  steach  ach  corp 
agus  anam  a  mhain,  oir  cha  robh  Mte  ann  no  rùni 
do  chorp  do  anam,  agus  do  'n  pheacadh. 

Ghabh  an  samhladh  ud  còmhnuidh  air  inntinn 
fad  iomadh  latha^  agus  re  mòran  ùine  bha  e  ga 
fhaicinn  fèin  ann  an  cor  truagh^  agus  caillte,  agus 
bha  e  air  a  bhrosnachadh  le  mòr  mhiann  agus  dèidh 
gu  bhi  do'n  àireamh  ud  a  bha  'nan  suidhe  gu  sòlas- 
ach  fo  ghath  aibhblàth  na  grèine ;  thoisich  e  o  'n 
am  so  air  a  bhi  deanamh  ùrnuigh  ge  b'  e  aite  anns 
am  biodh  e,  cò-dhiù  a  b'  ann  's  an  tigh  na  'sa 
mhachair,  agus  bu  ghnnth  leis  mar  an  ceudna  n 
uair  a  dh'  èireadh  a  chridhe'  suas  a'  chuid  so  do'n 
aon  salm  deug  thar  an  da-f hichead  a  sheinn : — 
(l  Dean  tròcair  orm  a  Dhè  nan  gràs/'  oir  dh1  innis 
a  bheul  mu'n  am  ud  nach  robh  fios  aige  c'àit'  an 
ròbh  e.  Cha  d'  fhuair  e  fathast  ni  sam  bith  a  bha 
toirt  dearbhaidh  dha  gun  robh  creideamh  aige  ann 
an  Criosd ;  ach  an  àite  dearbhaidh  f  haotainn  an 
robh  creideamh  aige  ann  an  Criosd.    'S  ann  a  bha 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


13 


anam  air  a  bhualadh  le  teagamhan  as  ùr  cò-dhiù 
bhiooh  e  sona  gu  sìorruidh  no  nach  biodh,  gu 
sònruichte  a  smaointeachadh  air  an  dòigh  so — 
"  Cò-dhiù  bha  no  nach  robh  e  air  a  thaghadh ;  agus 
ciod  a  dheanadh  e  ma  bha  latha  nan  gràs  a  nis  air 
dol  seachad  V  Bha  e  gu  tric  air  a  bhualadh  le  bhi 
cur  an  teagamh  nach  robh  e  air  a  thaghadh ;  agus 
bha  'n  Sgriobtur  so  do  ghnàth  'tighinn  na  bheachd 
mar  an  ceudna,  agus  a  saltairt  sios  air  uile  mhiann  ; 
44  Cha'n  ann  o'n  tì  leis  an  àill,  no  o'n  tì  a  ruitheas 
ach  o  Dhia  a  ni  tròcair."  Rom.  ix.  16.  Bha  e  'g 
ràdh  leis  an  sgriobtur,  so  nach  b'  urrainn  e  innseadh 
ciod  a  dheanadh  e :  air  dha  bhi  faicinn  gu  soilleir, 
mar  a  deanadh  Dia  o  a  shaor-thoil  fein  a  thaghagh 
gu  bhi  na  shoitheach  tròcair,  bha  è  faicinn  ged  a 
bhiodh  eg  iarraidh  sa1  miannachadh s'  ag  oibreachadh 
gus  am  bristeadh  a  chridhe  nach  robh  ann  dha  ach 
neo-ni ;  ghlaodh  e  'n  sin,  O  Thighearna,  ciod  a  ni 
mi  mur  am  beil  mi  da-rìreadh  air  mo  thaghadh? 
Theagamh  nach  eil  arsa  Sàtan  ?  Thubhairt  esan 
faodaidh  e  bhith  gu  m  bheil  a'  chuis  mar  sin.  Ma 
ta,  arsa  Sàtan,  is  co  math  dhuit  stad  dheth,  gun  a 
bhi  strì  nis  faide  ris ;  oir  mu'r  a  bhcil  thu  gu  cinnt- 
each  air  do  thaghadh  le  Dia,  cha'n  eil  dòchas 
gu'in  bi  thu  air  do  thearnadh,,  *  *  Oir,  cha  'n  ann  a 
'n  tì  leis  an  àill,  no  o'n  tì  a  ruitheas,  ach  o  Dhia  a 
ni  tròcair.' 

Agus  a  chum  a  thrioblaid  an-tromachadh,  thug 
Sàtan  a  chuideachd  mhath  so  ann  am  Bedford  na 
chuimhne,  agus  chagair  e  ris  mar  so,  a  thaobh  gu'n 
robh  iad  sud  air  an  iompachadh  cheana.  cha  tearuinn 
Dia  tuilleadh  as  an  àite  so ;  agus  bha  thusa  tuilleadh 
is  fada  gu'n  tighinn  ann,  oir  fhuair  iadsan  am 
beannachadh  mu'n  tàinig  thusa.  Chuir  sud  e  fo 
àmhghar  mòr  gu'm  faodadh  a'  chuis  a  bhi  fìor ; 
thug  sud  air  a  bhi  glaodhaich  a  mach  !  O  nach 
robh  mi  air  mo  thionndadh  ni  bu  luaithe  !  O  nach 
robh  mi  air  tionndadh  seachd  bliadhna  roimhe  so  ! 
Bha  e  mar  so  ann  am  fearg  ris  fèin,  is  e  do  ghnàth 


14 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


a  smaointeachadh  gu'm  bu  truagh  e  bhi  cho  gòrach 
's  gu'n  do  chaith  e  aimsir  air  falbh  an  dìomhanas, 
gus  an  do  chaill  e  fa  dheireadh  'anam  agus  neamh. 
Ach  thug  an  Tighearna  co-fhurtachd  dha  'n  uair  a 
bha  e  ga  shàrachadh,  thugadh  misneach  dha  o  'n  a 
focail  so :  "  A  Thighearna  rinneadh  mar  a  dh' 
òrduich  thu,  gidheadh,  tha  àite  falamh  ann  fathast, 
co-èignich  iad  gu  teachd  à  steach,  chum  gu'm  bi 
mo  thigh  air  a  lionadh,"  Luc.  xiv.  22.,  23.  Thug 
na  briathran  ud  misneach  mhòr  dha,  agus  chaidh  e 
air  aghaidh  le  mòr  cho-fhurtachd,  'n  uair  a 
smaointicheadh  e  gu'n  do  labhair  an  Tighearna  Iosa 
iad  a  dh'  aon  ghnothach  air  a  sgath-san,  oir  shaoil 
e  da-rìreadh  gu'n  do  labhair  e  iad  chum  misneach  a 
thoirt  dha  leo.  Cha  robh  e  dh'  easbhuidh  bhuair- 
idhean  a  chum  dol  air  ais ;  seadh,  buairidhean 
mar  a  thuirt  e  fèin:  iC  Bha  araon  Sàtan,  mo  chridhe 
fèin,  agus  mo  luchd-eolais  feòlmhor  ag  oibreachadh 
le  chèile  agus  ga  m'  lionadh  làn  do  bhuairidhean ;" 
ach  tha  e  toirt  buidheachais  do  Dhia,,  gu'n  tugadh 
buaidh  orra  sin  leis  a'  bheo-mhothachadh  a  bha  aige 
air  a'  bhàs,  agus  air  latha  'bhreitheanais,  a  dh'  fhan 
do  ghnàth  fa  chomhair  a  shùl.  Bhiodh  e  smaoint- 
cachadh  gu  tric  air  Nebuchadnesar,  mu'n  dubhradh  : 
"  Thug  an  Dia  is  àirde  dha  rìoghachd^,  mòrachd, 
glòir,  agus  onair,  agus  air  son  na  mòrachd  a 
thugadh  dha  bha  crith  air  na  h-uile  shluagh." 
(Dan.  v.  18,  19.)  Bha  e  smaointeachadh  ma  fhuair 
an  duine  mòr  ud  a  chuibhrionn  gu  leir  anns  na 
t-saoghal  so,  chuireadh  aon  uair  ann  an  tein'-ifrinn 
gach  ni  dhiù  ud  as  a  chuimhne.  Bha  na  smaointean 
ud  'nam  mòr  bhuannachd  dha. 

Mu'n  am  so  bha  e  gu  math  dlùth  air  a  bhi  faicinn 
ni-6igin  mu  thimchioll  nan  ainmhidhean  a  mheas 
Maois  glan  agus  neo-ghlan ;  shaoil  e  gu'm  bu 
shamhlachan  air  daoine  na  h-ainmhidean  glan  's 
gu'n  robh  iad  nan  samhlachan  air  pobull  Dhe; 
agus  na  h-ainmhidhean  nco-glilan  nan  samhlachan 
air  clann  an  droch  spioraid.    Bha  e  leughadh,  i(  gun 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


15 


cnàmhadh  na  h-ammhidhean  glan  an  cìr,"  se  sin 
ars'  esan,  a  tha  so  a  nochdadh  dhuinn,  gu'm  feum 
sinn  beathachadh  air  focal  Dhè;  "roinn  iad  an 
iongha"  mar  an  ceudna,  shaoil  e  gu  n  robh  sin  a 
leigeil  ris  dhuinn  gu'm  feum  sin  dealachadh  ri 
sligheachan  dhaoine  ain-diadhaidh  mas  àill  leinn  a 
bhi  air  ar  tearnadh.  Agus  air  a'  mhodh  cheudna 
air  dha  leughadh  ni  b'  fhaide  air  aghaidh  mu'n 
timchioll,  chunnaic  e,  ged  a  chnàmhamaid  a'  chìr 
mar  ni  mhaigheach,  nan  siùbhlamaid  le  spàg  a' 
mhadaidh,  na  ged  do  roinneadhmaid  an  iongha 
mar  a  ni  mhuc ;  gidheadh,  mar  a  cnàmhamaid  a' 
chìr  mar  ni  chaora,  gu'n  robh  sinn  fathast  'n  ar 
creutairean  neo-ghlan :  shaoil  e  gu'n  robh  a'  mhaigh- 
each  'na  samhla  orrasan  a  bhios  a  labhairt  mu'n 
fhacal,  gidheadh,  a  bha  siubhal  ann  an  cas-cheum- 
aibh  a'  pheacaich ;  agus  chunnaic  e  gu'n  robh 
a'  mhuc  coltach  ris  an  tì  a  bha  cur  cùl  ri  truailleachd 
o  'n  leth  a  muigh,  ach  a  bha  as  eugmhais  focail  a' 
chreidimh,  's  le  bhi  as  eugmhais  nach  robh  seol  air 
slàint'  fhaotainn,  ciod  air  bith  cho  cràbhach  sa  bhios 
duine.  (Deut.  xiv.)  Fhuair  e  a  mach  an  deigh  so 
le  bhi  leughadh  an  fhocail  gu'm  feumadh  iadsan  a 
bhiodh  air  an  glorachadh  maille  ri  Criosd  ann  an 
saoghal  eile,  "  bhi  air  an  gairm  leis  anns  an  t-saoghal 
so,"  seadh  air  an  gairm  chum  a  bhi  nan  luchd- 
comhpairt  do  roinn  do  fhocal  agus  do  fhìreantachd, 
do  cho-fhurtachd,  agus  ceud  thoradh  an  spioraid, 
ni  a  ta  deanamh  an  anama  deas  fa  chomhair 
suaimhneis,  agus  na  dachaidh  glòrmhoir  a  ta  anns 
na  neamhaibh  shuas.  Air  uairibh  eile  dh'inn- 
seadh  e  'chor  do  phobull  an  Tighearna  :  agus  'n 
uair  a  chluinneadh  iad  an  staid  anns  am  biodh  e, 
ghabhadh  iad  truas  dheth,  agus  bhiodh  iad  ag 
innseadh  dha  mu  thimchioll  nan  geallaidhean ;  ach 
bha  e  ag  ràdh  gu'n  robh  e  cho  math  dhoibh  a  ràdh 
ris  gu'n  ruigeadh  e  air  a  mheòir  a  chur  air  a'  ghrèin, 
sa  ràdh  ris  gabhail  ris  na  geallaidhean,  no  'dhochas 
a  chur  annta ;  agus  chunnaic  e  nach  robh  aige  ach 


16 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


cridhe  gu  peacachadh,  agus  a  bha  fo  lagh  a  dhìteadh 
e.  Thug  na  nithe  so  air  a  bhi  smaointeachadh  gu 
tric  air  an  leanabh,  a  thug  athair  a  dh'  ionnsuidh 
Chriosd  :  * 4  Agus  am  feadh  a  bha  e  fathast  a  teachd 
thilg  an  deamhan  sios  e:  agus  reub  se  e,  agus  thuit 
e  air  an  talamh,  agus  bha  e  ga  aoirneagan  fèin  agus 
a'  cur  cobhair  as  a  bheul."    Marc.  ix.  20. 

Bha  'n  t-as-creideamh  a  bha  ann  a  cur  a 
ghuailnean  ris  an  dorus  a  chum  a  chumail  a  mach, 
agus  bheireadh  sin  air  èigheach  a  mach  maille  ri 
osnaidhean  goirt : — "  A  dheadh  Thighearna  brig 
fosgailte  e,  a  Thighearna  bris  na  geatachan  umha, 
agus  gearr  sios  na  croinn  iaruinn !"  (Salm  cvii. 
16.)  Chuireadh  na  focail  ud  lasadh  sìth  na  chridhe ; 
— ee  Crioslaichidh  mi  thu  agus  tha  thu  aineolach 
orm !  lsa,  xìv.  5.  Cha  robh  e  riamh  na  b' 
anmhuinne  ann  a  bhi  cur  an  gniomh  peacaidh  na 
bha  e  's  an  am  sin  ;  bha  'nis  a  choguis  air  fàs  goirt, 
cha  robh  fios  aige  cia  mar  a  labhradh  e  le  eagal 
gu'n  cuireadh  e  bhriathran  as  an  àite  feTn ;  air  leis 
gu'n  d'fhuair  se  e  fèin  an  sin  mar  ann  an  suil-chrith, 
agus  mar  gu'm  biodh  e  air  f  hàgail  ann  le  Dia,  le 
Criosd,  agus  leis  an  Spiorad  naomh.  Thoisich  e 
goirid  an  deigh  sin  air  beachdachadh  air  truaill- 
eachd  a  naduir  o'n  leth  a  steach,  ni  a  chuir 
àmhghar  agus  doilghios  mor  air ;  bha  e'ga  f  haicinu 
cho  gràineil  'na  shealladh  fèin  ri  losgun  dubh, 
agus  air  leis  gu'n  robh  e  an  ni  ceudna  an  làthair 
Dhe ;  (ars  esan)  sputadh  peacadh  agus  truailleachd 
as  mo  chridhe  cho  nadurra  sa  bhrùchdas  uisg'  a 
nios  à  fuaran. 

Air  dha  mar  sìn  sealladh  f  haotainn  air  a  thruaill 
eachd,  thuit  e  ann  an  eu-dòchas,  agus  bha  'chor  ro 
thrioblaideach.  Am  feadh  a  bha  e  mar  so,  fo 
àmhghar  le  eagal  gu'm  biodh  e  air  a  dhamnadh, 
bha  dà  ni  a  bha  cur  mòr  iongantais  air,  b'  e  aon 
diù  'n  uair  a  chitheadh  e  muinntir  aosda  'ruith  gu 
dian  an  tòir  air  nithc  na  beatha  so,  mar  gu'm  biodh 
iad  a  dol  a  bhi  beo  ccu  bràth,  b'  e  'n  ni  eile  'n  uair 


BEATHA  ÌAIN  BUINIAN. 


17 


a  chitheadh  e  luchd-aidmheil  diadhachd  fo  thriob- 
laid  agus  air  an  leagadh  sios,  'n  uair  a  thigeadb 
calldachd  nan  caramh  o'n  leth  a  muigh,  seadh  mar 
tha  call  companaich,  bean-phosda,  na  leanabh,  agus 
mar  sin  sìos.  Thubhairt  esan  ann  fèin  air  a'  mhodh 
so,  a  Thighearna,  nach  b'  e  'n  othail  e  air  son  nithe 
feòlmhor ;  ma  tha  iadsan  a'  deanamh  uibhir  so  do 
shaothair  an  deigh  nithibh  na  beatha  so  a  ta  làthair, 
agus  a  sileadh  a  choimhlion  deur  air  an  son,  ciod,  ars 
esan,  an  truas  a  bu  chòir  a  ghabhail  riumsa  le  guidhe 
as  mo  leth?  Tha  m'  anam  a'  bàsachadh,  tha 
m'anam  'ga  dhìteadh.  "Nam  biodh  m'  anam,  ars 
esan,  ann  an  cor  ceart,  agus  nam  biodh  agam-sa 
fios  air  a  sin  le  dearbhadh.  O  cia  saibhir  a  mheasàinn 
mi  fèin,  ged  nach  biodh  agam  ach  aran  is  uisge, 
agus  ghiùlainainn  iad  sud  mar  uallaiche  beaga : 
<(  Ach  cò  is  urrainn  spiorad  briste  a  ghiùlan  l" 

Mu'n  cuairt  air  mìos  an  deigh  sin,  air  leis  gu' 
tàinig  stoirm  ro  mhòr  a  nuas  air,  agus  bha  e  fichead 
uair  ni  bu  ghoirt'  air  na  gach  ni  a  thachair  air 
roimhe  sin ;  thàinig  an  ni  so  air  gu'n  f  hios,  an 
toiseach  le  aon  chuid,  agus  a  rithist  le  cuid  eile. 
Air  tùs  bha  gach  uile  cho-f  hurtachd  a  fhuair  e  air 
a  thoirt  air  falbh  uaith  gu  buileach,  an  sin  laidh 
dorchadas  eagalach  air,  beagan  an  deigh  sin,  air 
leis  gun  deachaidh  dìle,  na  tuil  uamhasach  do 
thoibheuman,  an  aghaidh  Dhe',  Chriosd,  agus  nan 
Scriobturean,  a  dhortadh  a  steach  na  inntinn,  ni  a 
chuir  trioblaid  agus  doilghios  mòr  air.  B'e  toradh 
nan  smaointean  toibheumach  so,  a  bhi  dùsgadh  suas 
inntinn  an  aghaidh  bith  Dhè,  agus  an  aghaidh  aon 
Mhic  a  ghràidh ;  cò-dhiù  bha  no  nach  robh  le 
dearbh  chinnt'  da-rìreadh  Dia  na  Criosd  ann  ?  agus 
£Ò-dhiù  b'  e  'n  Sgriobtur  facal  an  Dè  naomha,  na 
an  robh  e  na  sgeula  meallta  ! 

A  nis  thòisich  e  air  a  bhi  smaointeachadh,  gu'n 
robh  deamhan  ann  fèin,  agus  air  uairibh  shaoileadh 
e  gu'n  rachadh  e  ion'  's  as  a  chèill,  oir  an  àit'  a  bhi 
moladh  an  Tighearna,  agus  ga  ghlòrachadh  maille 

B 


18 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


ri  muinntir  eile;  'n  uair  a  chluinneadh  e  iad  a 
labhairt  mu  thimchioll  Dhè,  is  ann  a  dh'  èìreadh 
gu  grad  toibheum  uabhasach  suas  na  chridhe  'na 
aghaidh ;  ionnus  gu'n  d'  èirich  na  smaointeann  so 
'na  chridhe,  nach  robh  leithid  Dhia  ann  idir ;  mar 
sin  cha  b'urrainn  e  gràdh  na  sìth  no  aigneadh 
gràsmhor  's  am  bith  fhaireachduinn  's  an  leth  a 
steach.  Mhair  am  buaireadh  so  air  dlùth  air 
bliadhna,  cha  b'  urrainn  e  'feitheamh  air  aon  do 
òrduighean  an  Tighearna,  ach  le  mòr  chàs  agus 
àmhghar  goirt ;  agus  'n  uair  a  bhiodh  e  ag  eisdeachd 
an  f  hocail,  bhiodh  e  ni  bu  mhò  air  èigneachadh  le 
neo-ghloine,  toibheum,  agus  an-dòchas.  An  sin 
thigeadh  am  buaireadair  da  ionnsuidh  mar  so, 
"  Tha  thu  gu  ro  dhian  ag  iarraidh  tròcair,  ach 
fuarachaidh  mise  thu ;  cha  mhair  thu  do  ghnàth 
mar  so ;  bha  iomadh  neach  cho  dian  riutsa  ann  an 
spiorad  ach  chuir  mise  as  an  eud  (agus  leis  a  so 
bhiodh  an  neach  ud  san  neacn  so  a  thuit  air  falbh 
a'  teachd  na  aire.)  An  sin  bhiodh  eagal  air  gu'n 
claonadh  e  air  falbh  air  a'  mhodh  cheudna; 
agus  theireadh,  e  gu'm  bu  mhath  leis  gu'n  tàinig  so 
'n  a  aire ;  oir  gu'n  deanadh  e  faire  's  gu'm  biodh  e 
gluasad  cho  tearuinte  's  a  dh'  fheudadh  e,  "  Ged  a 
bhios  sin  mar  sin/'  arsa  Sàtan,  "  bithidh  mise 
tuilleadh  is  seòlta  air  do  shon,  fuaraichidh  mi  thu 
gu'n  f hios  duh%  air  mo  shocair  fèin,  a  lion  beagan 
is  beagan,  ciod  is  mò  ormsa,  ge'd'  a  bhitheas  mi 
scachd  bliadhna'  fuarachadh  do  chridhe,  ma  gheibh 
mi  làmh  an  uachdar  ort  fa  dheireadh?"  Cuiridh 
gnà-thulgan  leanabh  cìorcanach  a  chadal.  Ged  a 
tha  thu  dian-losgadh  aig  an  am  so,  gidheadh  mas 
urrainn  mise  spionaidh  mi  as  an  teine  so  thu,  agus 
fagaidh  mi  fuar  thu  an  ùine  ghearr." 

Thug  na  nithe  ud  e  gu  teanndachd  mhòr,  ach 
òha  e  toirt  buidhcachas  do  Iosa  Criosd,  nach  tug 
na  nithc  ud  air  stad  do  ghlaodhaich,  ach  's  ann  a 
uhuir  se  e  gu  glaodhaich  mòran  ni  bu  mhò,  coltach 
ris  an  tè  a  thachair  air  an  adhaltranach  'sa'  mhach- 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


19 


air,  Deut.  xxii.  27.  Bha  mòran  do  ehùl-taic  aige 
fo  na  buairidhean  ud,  anns  an  treas  caibidil  do  dn 
Ieremiah,  anns  a'  chòigeamh  rann  do'n  chaibidil 
sin,  thuirt  e  fèin  mar  so,  ged  a  labhair  mi,  agus  ge 
do  rinn  mi  nithe  cho  olc  's  a  b'urrainn  mi,  gidheadh 
glaodhaidh  mi  ri  Dia, — "M'Athair  is  tu  treòir  m* 
òige ;"  agus  pillidh  mi  'ga  ionnsuidh.  ' 4  Ma  tha 
Dia  leinn  cò  dh'f  heudas  a  bhi  n-ar  n-aghaidh  ?" 

Air  latha  àraidh  thàinig  an  Scriobtur  so  'n  a 
bheachd, — "  Gu'm  biodh  na  h-uile  air  an  deanamh 
rèidh  ris-fèin  trid-san  air  dha  sìth  dheanamh  tre 
fhuil  a'  chroinn-cheusaidh-san/'  Col.  i.  20.  A  nis 
bha  anam  air  a  threòrachadh  le  Dia  o  fhìrinn  gu 
fìrinn !  Eadhon  o  bhreith  agus  creathall  Mhic 
Dhè,  gu's  an  deachaidh  e  suas,  agus  ath-theachd  o 
nèamh  a  thoirt  breith  air  an  t-saoghal. 

Ach  an  deigh  dha  mòran  laithean  a  chur  seachad 
ann  an  staid  thùrsaich,  b'e  toil  an  Athar  thròcair- 
aich  dealradh  a  steach  air  'anam,  leis  an  fhocal 
bheannaichte  so,  Luc.  xiv.  22,  23.  "Agus  co 
èignich  iad  gu  teachd  a  steach,  chum  gu'm  bi  mo 
thigh  air  a  lìonadh.  Gidheadh  tha  àite  falamh  ann 
fathast."  Thug  na  focail  ma  dheireadh  so  làn 
shòlas  dha,  agus  bha  iad  'nan  làn  fhreagairt  do 
chagarsaich  Shàtain,  nach  robh  latha  nan  gràs  air 
dol  seachad.  Bha  mòran  do  bhuairidhean  eile  air 
iomadh  uair,  agus  air  iomadh  caochladh  aobhair ; 
ach  shaor  Dia  a  mach  uapa  sin  uile  e,  agus  fa 
dheireadh,  shuidhich  e  'chosan  ann  an  ionad  far- 
suing5  agus  lion  e  anam  le  aoibhneas  agus  subhachas. 

Anns  a'  bhliadhna  1653,  bha  e  air  a  bhaisteadh, 
agus  air  a  ghabhail  a  steach  na  bhall  do  eaglais 
Bhedford;  oir  bha  làn  dearbhadh  aca  gu'n  robli 
gràs  an  De  bheo  anns-an,  agus  gu'n  do  rinn  Dia 
esan  urramach  agus  iomchuidh  air  son  obair  na 
ministreileachd ;  bha  e  air  iarraidh  air  gu  dùrach- 
dach  leis  a'  cho-thional  gun  cuireadh  e  'n  ceill 
dhoibh  na  tiodhlacan  spioradail  leis  an  do  bhean- 
naich  Dia  e;  ghabh  e  'n  toiseach  a  lethsgeul  gu 


20 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


ro  mhodhail,  a  leigeil  ris  dhoibh,  le  mòr  thuigse, 
'anmhuinneachd  agus  a  neo-iomlanachd;  ach  air 
dha  bhi  air  a  cho-èigneachadh  leo-san  ni  b'  fhaide 
chum  a  dheanamh,  dh'aontaich  e  ris;  ach  leis  co 
nàrach  'sa  bha  e  sheachainn  e  an  toiseach  coinneimhan 
follaiseach,  ach  fhritheil  e  gu  h-urramach  dhoibh 
ann  an  uaigneas  a  measg  chairdean ;  agus  bha  e  ro 
anabarrach  chum  an  teagasg,  gu's  nach  b'urrainn  iad 
gu'n  a  bhi  toirt  moladh  do'n  Athair  thròcaireach 
air  son  a'  mhòr  ghràis  a  bhuilich  e  air. 

Beagan  an  deigh  so  bha  cuid  do'n  cho-thional  air 
an  cur  a  mach  a  dh'ionnsuidh  na  dùthcha  chum 
teagasg,  dh'iarr  iad  gu'n  rachadh  Buinian  maille 
riù,  ni  a  rinn  e  gu  toileach ;  agus  le  dian-iarrtas 
agus  ga  chomhairleachadh  chuir  e'n  cèìll  dhoibh  na 
tiodhlacan  a  fhuair  e,  (ach  do  ghnath  gu  h-uaig- 
neach,)  a  measg  nan  daoine  matha  far  am  biodh  e  ; 
agus  bha  iadsan,  mar  an  ceudna,  gabhail  ris  le 
gairdeachas  air  son  na  tròcair  a  nochd  Dia  dha, 
agus  ag  aideacheadh  an  anamaibh  a  bhi  air  an 
teagasg  leis.  Bha  e  air  a  dhìteadh  aig  mòd  beagan 
an  d&gh  sin  air  son  a  bhi  na  f  hear-tionail  agus  na 
fhear  cumail  suas  cho-thionalan  neo-laghail  agus 
coinneamhan  aoraidh  diomhair,  agus  air  son  nach 
gèilleadh  e  do'n  dòigh  aoraidh  a  bha  aig  an  Eaglais 
Shasunnaich ;  bha  Buinian  'na  dhuine  aig  an  robli 
inntinn  fhosgailte  agus  neo-chuibhrichte,  agus  nach 
folaicheadh  e  fèin  chum  's  gu'm  biodh  e  air  a 
chaomhnadh,  gu  h-àraidh  air  son  aobhar  a  mhaigh- 
istir,  agus  uime  sin  dh'aid.ich  e  gu  saor,  soilleir,  air 
dlia  bhi  aig  coinneamh,  agus  a  searmonachadh  do'n 
t-sluagh3  nach  robh  esan  a  dol  a  ghèilleadh  go'n 
dòigh  aoraidh  a  bha  air  a  shuidheachadh  anns  an 
Eaglais  Shasunnaich,  ag  aideachadh  (mar  a  rinn  an 
t-abstol  Pòl  air  thoiseach  air)  gu'r  h-ann  air  an 
dòigh  ris  an  abaìr  iadsan  saobh-chreideamh,  a  ni 
mise  aoradh  do  Dhia  m'  athraichean.  Ghabh  na 
breitheamhna  a  bliriathran  treibhdhireach  gu 
blii  aca  mar  chuis  dìtidh  na  aghaidh,  agus  dhìt  iad 


BEATHA  ÌAIN  BUINIAN. 


fj 


jc  gu  bhi  air  fhògradh  rè  a  bheatha'  a  chionn  gu'n 
do  dhiùlt  e  gèilleadh  do'n  reachd  a  rinneadh  leis  a 
Phàrlamaid  'san  am  sin,  ni  air  son  an  do  chuireadh 
e  ann  am  prìosan  a  rìs ;  ged  nach  robh  binn  an 
fhògraidh  riamh  air  a  cur  an  gniomh.  gidheadh, 
bha  e  air  a  chumail  ann  am  prìosan  fad  dà  bhliadhna 
dhèug;  a  giùlan  a'  pheanais  sin,  ann  am  prìosan 
duinte,  agus  neo-cho-fhurtachail,  agus  air  uairibh 
a  fulang  o  luchd-coimhead  a'  phrìosain  a  bha  cruaidh- 
chridheach  agus  an-iochdmhor  g  a  ghiùlan  le 
foighidinn  chriosduidh,  agus  irioslachd  inntinn,  agus 
a  fàs  na  mhinistir  do  Iosa  Criosd  ;  oir  'sea  leithid 
so  do  aobhar  a  ghabh  e  os-làimh,  agus  air  son  an 
robh  e  'fulang. 

Ach  ge  do  bha  naimhdean  lionmhor  a  bha  air  am 
buaireadh  thuige  sin,  gidheadh,  bha  iad  air  an 
cumail  air  an  ais  le  cumhachd  na  diadhachd  o  chur 
na  binne  an  gnìomh ;  oir  bha  obair  eile  aig  Dia  fa 
chomhair  ra  dheanamh  an  Sasunn.  Agus  an  uair  a 
bha  a  cheanglaichean  agus  a  phrìosnachadh  air  am 
fuasgladh  agus  an  cur  fo  smachd  le  freasdal  an  Dia 
sin  a  tha  an  dà  chuid  iongantach  an  comhairle, 
agus  a  tha  oirdheirc  an  oibre,  a  tha  toirt  mòr  aire 
chum  an  soisgeul  a  chumail  air  aghaidh ;  oir  tre 
'fhulangsan  'sa'  phrìosan,  dhaingnich  agus  sheulaich 
e'n  fhìrinn  a  shearmonaich  e  roimhe  sin.  Is  ann 
air  dhomh  taghal  air  anns  a'  phrìosan  a  chunnaic 
mise  an  toiseach  e,  agus  a  fhuair  mi  eòlas  air ;  agus 
feumaidh  mi  aideachadh,  nach  b'urrainn  mi  gu'n  a 
bhi  ag  amharc  air  mar  dhuine  aig  an  robh  deadh 
spiorad,  eudmhor  air  son  onair  a  mhaighstir,  agus 
le  mòr  aoibhneas  ag  earbsa  uile  chuisean  fèin  ri 
ordugh  Dhè.  'Nuair  a  bha  mise  an  sin,  bha  tri- 
fichead  ann  a  thuillidh  air  san  a  dhealaich  o'n 
Eglais  Shasunnaich,  a  bha  air  an  glacadh  beagan 
roimhe  sin  aig  coinneimh  ùirnuigh  ann  an  bailc  da'n 
goirear  Kaistoe,  ann  an  siorramachd  Bhcdford, 
a  thuillidh  air  dà  mhinistir  a  dhealaich  o'n  Eaglais 
Shasunnaich,  's  e  sin  ri  ràdh,  Mr  Wheeler  at^us 


22 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


Mr  Dunn,  (oir  bha  sluagh  siorramachd  Ehedford 
gu  math  eolach  air  an  dithis,  ged  a  tha  iad  o  cheann 
fada  maille  ri  Dia,  a  bha  na  'meadhon  am  priosan 
a  bhi  air  a  dhòmhlachadh  gu  mòr ;  gidheadh,  ann 
am  meadhon  gach  uile  bhuaireas  a  bha  'n  sin, 
chuala  mi  Buinian  a'  searmonachadh  agus  a'  dean- 
amh  ùrnuigh  le  cumhachd  spioraid  a'  chreideimh, 
agus  mar  gu'm  biodh  e  air  a  chuideachadh  le  ard 
iomlanachd  a'  chreidimh  dhiadhaidh,  ni  thug  orm 
seasamh  agus  amharc  air  le  mòr  iongnadh. 

Ni  mò  a  rinn  e  am  feadh  's  a  bha  e  'sa  phrìosan^ 
ùine  chur  seachad  air  mhodh  leisg  agus  mi  chur- 
amach,  ni  mò  dh-ith  e  aran  an  diomhanais ;  oir  bha 
mise  ann  am  fhianuis  an  sin,  gu'n  d'rinn  a  làmhan 
seirbhis  air  a  shon  fèin,  agus  air  son  a  theaghlaich ; 
oir  's  iomadh  cèud  dusan  do  stìoman  fada  a  rinn  e 
's  a  dh'fhuaigh  e  ra  chèile,  chum  an  uìne  chur 
seachad ;  dh'ionnsuich  e  so  's  a'  phrìosan,  ni  leis  an 
robh  e'ga  bheathachadh  fèin  's  a  theaghlach 

An  sin  mar  an  ceudna  ghabh  mi  beachd  air  a 
leabhar  lann,  an  t-aon  is  lugha,  agus  a  mhàin  an 
t-aon  a  b'  f  hearr  a  chunnaic  mi  riamh ;  bha  e  air 
a  dheanamh  suas  le  dà  leabhar,  am  BiobalU  agus 
leabhar  nam  Martarach.  Agus  co  fada  sa  bha  e's 
a'  phrìosan,  (o  'na  labhair  mi  mu  'leabhar  lann) 
sgriobh  e  iomadh  leabhar  luachmhor  agus  feumail ; 
gu  h-araidh  am  Baile  naomh,  Turus  a'  Chriosd- 
uidh,  agus  Gràs  am  pailteas  do  cheann-feadhna 
nam  peacach;  maille  ri  iomadh  aon  eile.  Cha'n 
f  heud  mi  an  ceann  so  f  hàgail,  's  e  sin  a  phrìosnach- 
adh,  gus  an  leig  mi  ris  do'n  leughadair  cuid  dafhèin- 
fhiosrachadh  an  sin;  chuir  e  'n  cèill  nach  robh  inn- 
tinn  riamh  cho  fosgailte,  fad  a  bheatha,  gu  bhi 
leirsinn  agus  a  tuigsinn  focal  Dhè_,  's  a'  bha  e  aig 
an  am  sin.  Na  sgriobturean  anns  nach  robh  e  faicinn 
ni  'sam  bith  roimhe  sin,  air  leis  'n  uair  a  bha 
e  's  a'  phrìosan  gu'n  robh  iad  a  dealradh  air.  Cha 
robh  Iosa  Criosd,  mar  an  ceudna,  riamh  cho  cinnt- 
each  agus  cho  soilleir  dha  's  a  blia  e  aig  an  am  ud ; 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


23 


oir  an  sin,  ars'  esan,  chunnaic  mi  e,  agus  mhothaich 
mi  e  gu  f  ìrinneach. 

Pead.  ii.  16.  Oir  cha  do  lean  sinne  faoin-sgeulach- 
dan  a  dhealbhadh  gu  h-innleaohdach,  agus  bha  am 
focal  sin  na  f  hocal  beannaichte  dhàsan  an  sin ;  bha 
e  air  uairibh  air  a  ghiùlan  co  àrd  osceann  gach  uile 
eagal  agus  buaire  gu  's  an  robh  e  air  a  dheanamh 
comasach  air  gàire  dheanadh  ri  sgrios,  agus  gu'n 
eagal  air  aon  chuid  roi  'n  each  na  mharcaiche. 
Is  ann  an  sin,  a  thug  Dia  dha  na  seallaidhean  caoimh- 
neil  agus  luachmhor  air  maitheanas  air  son  a  pheac- 
aidhean,  agus  gu'm  biodh  e  le  losa  ann  an  saoghaì 
eile.  Seadh,  is  ann  an  sin,  a  mhothaich  e,  gu'n 
robh  Dia  a  seasamh  dlùth  dha,  aig  gach  uile  buair- 
eadh,  agus  a'  cronachadh  a'  bhuaireadair.  Ach  air 
son  sin  uile  dheth,  bha  fìos  aige  gu'n  robh  e  na 
dhuine  a  bha  air  a  chuartachadh  le  anmhuinneachd- 
an,  agus  gu'n  robh  cùram  air,  air  son  a  mhnaoi- 
phòsta  agus  a  chuid  cloinne,  agus  bhiodh  so  an 
drast  's  a  rithist  a  tighinn  fainear  dha,  ni  nan  deal- 
aichte  uatha  e  a  bhiodh  dha  mar  gu'm  biodh  f heoil 
air  a  reubadh  bharr  a  chnamhaibh ;  (oir  bha  e  na 
f  hear  a  bha  gràdhach  agus  caoimhneil,  agus  na  athair 
bàigheil ;  math  a  dh'  f  heudte  a  bha  na  ni-èigin,  do 
choire,)  agus  gach  iomadh  cruaidh  chàs  agus  uireas- 
bhuidh,  a  bha  coltach  ri  tachairt  air  a  theaghlach 
bochd,  nam  biodh  e  air  a  thoirt  air  falbh  uapa; 
bha  so  a  tighinn  gu  tric  na  inntinn,  gu  h-àraidh  a 
nighean  a  bha  dall  a  bha  ni  b'  f  haisge  d'a  chridhe 
na  càch  gu  leir.  i(  A  leinibh  bhochd,  ars'  esan,  ciod 
am  bròn  a  tha  coltach  a  bhi  agad  mar  chrannchur 
anns  an  t-saoghal  so!  feumaidh  tu  a  bhi  air  do  bhual- 
adh,  dèirc  iarruidh,  acras,  fuachd,  a  bhi  lom-nochd, 
agus  mile  truaighe  fhulang,  ged  nach  fuiling  mis' 
an  dràst  do  'n  ghaoith  sèideadh  ort.  Ach  air  dhomh 
mo  smaointean  a  ghairm  air  an  ais,  thuirt  mi, 
feumaidh  mi  'ur  n-earbsa  gu  leir  ri  Dia,  ged  a 
bhitheas  a  bhi  g'  ar  fàgail  mar  shaighead  a  dol  troimh 
m'  f  heòil.    O  !  chunnaic  rni  ann  's  a  chor  ud,  gu'n 


24 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


robh  mi  mar  dhuine  a  bha  spionadh  a  nuas  a  thighe 
air  ceann  a  mhnà  agus  a  chloinne,  gidheadh,  arsa 
mise,  feumaidh  mi  dheanamh,  agus  an  sin  chuimh- 
nich  mi  air  an  dà  mhart  bainne  a  bha  gu  àirc  Dhè 
a'  ghiùlan  gu  duthaich  eile,  agus  a  bha  ra  'n  laoigh 
f  hàgail  as  an  deigh,  1  Sam.  vi.  10. 

Ach  mhothaich  e  gu  'n  robh  Dia  gràsmhor  dha, 
eadhon  anns  an  ni  so  gu  h-àraidh,  'g  a  chuideachadh 
gu  mòr  leis  an  dà  sgriobtur  so,  Ier.  xlix.  11.  agus 
caib.  xv.  11.  "  Fàg  do  dhilleachdain,  gleidhidh 
mise  beò  iad ;  agus  cuireadh  do  bhantraichean  an 
dòchas  annam-sa.  Thubhairt  an  Tighearna,  gu 
cinnteach  èiridh  gu  maith  do  t-iarmad ;  gu  cinn- 
teach  bheir  mi  air  an  nàmhaid  bhi  bàigheil  riut  ann 
an  am  na  h-airc',  agus  ann  an  am  a'  chruaidh- 
chàis."  An  deigh  do  'n  duine  so  bhi  dà  bhliadhna 
dheug  gu  leth  'na  phriosanach  air  son  a  bhi  dearbh- 
adh  deadh  choguis,  agus  a  cur  a  naimhdean  nah 
tosd  le  a  naomhachd  neo-choireach,  agus  a  shean- 
achas  neo-lochdach ;  bha  e,  rèir  toil  Dè  a  chuir  ann 
an  cridhe  Dhoctair  Barlo,  Easbuig  Lincoln,  a  bhi 
na  mheadhon  a  chur  fa-sgaoil. 

An  deigh  dha  faotainn  fa-sgaoil,  bha  e  gu  tric 
ag  amharc  air  ais  air  gach  tearnadh  a  chaidh 
seachad,  agus  a  moladh  Dhè ;  'na  measg  bha  cuid 
a  bha  anabarrach  comharraichte  ;  agus  cha  robh  a 
h-aon  diù  ni  bu  mhò  nan  t-aon  so  a  tha  mi  dòl  a 
chur  an  cèill ;  air  dha  bhi  na  shaighdear  anns  an 
arm  aig  seisdeadh  Leicester,  anns  a'  bhliadhna  1645, 
bha  e  air  a  ghairm  a  mach  gu  seasamh  air  freicead- 
an  aeh  bha  òganach  anns  a'  chuideachd,  agus  dh' 
asluieh  e  air  leigeil  leis  fèin  dol  a  chum  an  fhreic- 
eadain  air  a  shon,  dh-aontaich  Buinian  ri  so,  agus 
dh'  f  halbh  am  fear  eile  gu  toilichte ;  agus  air  seas- 
«*irnh  dha  air  freiceadan  an  sin,  chaidh  a  thilgeil 
troi'n  cheann  lc  peilleir  o  ghunna,  agus  dh'eug  e. 

Bha  an  gniomh  ma  dheireadh  a  rinn  e  anns  a 
'bheatha  so  na  obair  ghràdhaich,  chaoimhneil ;  bha 
duin-uasal  òg  ann  a  chuir  fearg  air  'athair,  agus 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


25 


bha'n  t-òganach  fo  mhòr  thrioblaid  air  a  shon,  do 
bhrigh  gun  cuala  e  gun  robh  'athàir  dol  a  thoirt 
seachad  na  h-oighreachd  bu  dligheach  dha  do  neach 
eile,  air  son  an  easaontais  a  thàinig  eatorra ;  shòn- 
ruich  an  t-òganach  Iain  Buinian,  chum  gu'n  rach- 
adh  e  chum  reite  dheanamh  ra  athair,  agus  ghabh 
Buinian  sin  os-laimh  gu  toileach,  agus  dh'  f  halbh  e 
far  an  robh  athair  an  òganaich^  agus  ghnàthaich  e 
a  leithid  do  reusonachadh  drùidhteach  an  aghaidh 
fcirg  agus  corruich,  agus  a  sparradh  air  an  duine 
a  bhi  bàigheil  agus  seirceil  ra  mhac  fèin,  agus  reite 
dheanamh  ris,  ionnus  gu'n  d'rinn  an  t-athair  reite 
ris  a  mhac  gu  seirceil,  gràdhach. 

'Nuair  a  shocruich  Buinian  gach  ni  a  ghabh  e 
os-laimh ;  agus  air  dha  bhi  dol  air  ais  do  Lunnuinn, 
bha  'n  aimsir  ro  fhliuch,  le  frasan  troma  fad  an 
rathaid,  agus  thàinig  e  gu  chairtealan  anabarrach 
fliuch,  fuar,  agus  dh'  f  hàs  e  gu  tinn  le  fiabhrus  trom 
agus  ainneartach  fo'n  d'  f  huiling  e  le  mòr  f  hoighid- 
inn,  'g  a  thoirt  fèin  suas  gu  toill  an  Tighearna,  a' 
labhairt  mar  nach  biodh  e  'g  iarraidh  ni  's  am  bith 
ach  caochladh,  agus  a  bhi  maille  ri  Criosd ;  agus 
air  dha  bhi  faicinn  gu'n  robh  a  neart  'g  a  threigsinn, 
shocruich  e  inntinn  agus  a  ghnothaichean  cho 
math  's  a  cheadaich  an  ùine  dha,  le  foighidinn 
Chriosduidh,  agus  liubhair  e  suas  'anam  ann  an 
làmhan  Fhir-saoraidh  ghràsmhoir,  a'  buanachadh 
air  aghaidh'  na  eilthireach  o  Bhaile  an  lèir-sgrios, 
chum  an  Ierusaleim  neamhaidh ;  bha  'anam  do 
ghnàth,  ri  naomh  smaointeachadh,  agus  a  'plosgart- 
aich  an  dèìdh  air  a'  mhana  fholaichte,  agus  air 
uisge  na  beatha.  Dh'eug  e  ann  an  Lunnuinn  air 
an  latha  ma  dheireadh  do  cheud  mhios  an  fhogh- 
araidh  's  a'  bhliadhna  1688,  an  deigh  tinneas 
dheich  làithean ;  aig  aois  thri  fichead  bliadhna ; 
agus  chaidh  a  thiodhlacadh  's  a'  bhaile  sin,  far  am 
bi  e  na  chadal  gu  maduinn  na  h-aisèiridh,  a  'feith- 
eamh  ri  dùsgadh  glòrmhor,  chum  neo-bhàsmhorachd 
neo-thruaillidh ;  far  nach  cuir  trioblaid  no  bròa 


26 


BEATHA  TAIN  BUINIAN. 


doilghios  air  ni  *s  mò,  agus  far  am  bi  na  h-uile 
deur  air  an  siabadh  air  fabh  o  'shùilean,  'n  uair  a 
bhitheas  na  f  ìreanaich  air  an  aonadh  ra  ch&le  mar 
bhuill  do  Chriosd  an  t-àrd  cheannard,  agus  a 
rioghaicheas  iad  maille  ris  mar  righribh  agus  mar 
shagartaibh,  gu  siorruidh. 

GHEAER    CHUNNTAS   AIR    MR   BUINIAN    AGUS  A 
MHIN ISTREILE  ACHD. 

Mar  mhinisteir  an  t-soisgeil,  bha  e  araon  cumh- 
achdach,  agus  urramach,  agus  b'  urrainn  da  labhairt 
air  sheol  ro  dhruidhteach  ris  an  luchd-eisdeachd  a 
bh'  aige.  Chaidh  cuibhrionn  mhòr  do  ghràs  an 
t-soisgeil  a  bhuileachadh  air  anam  fein,  agus  tha  e 
coltach  gur  h-ann  chum  an  aobhair  sin  a  ghairm 
Dia  e,  o  bhi  na  pheacach  gràineil,  agus  na  dhuine 
bochd  neo-fhoghluimte,  chum  tuigsinn  fìor  sheadh 
agus  diornhaireachd  an  t-soisgeil,  air  chor  's  gu'm 
b'  urrainn  da  labhairt  ri  anamaibh  dhaoine  eile  le 
cumhachd  agus  gràs,  chum  an  soisgeul  a  mhineach- 
adh  mar  rinn  na  h-abstoil  o  shean.  Mar  sin  bhuilich 
Dia  mòr  ghràs  air  a'  pheacach  mhòr  so,  agus  thionn- 
daidh  Dia  e  gu  bhi  na  sheirbhiseach  urramach 
ann  an  obair  an  t-soisgeil,  agus  a  sparradh  a  dh' 
ionnsuidh  an  fhogharaidh,  a  bha  cho  feumail ; 
agus  mar  sin,  gu'n  cheist,  bu  chòir  dhuinn  a  bhi 
cùramach  chum  a  shaothair  a  chumail  air  chuimhne. 

Air  do  Dhia  an  duine  so  chur  a  dh'ionnsuidh  an 
fhogharaidh,  tha  so  ag  innseadh  dhuinn  gu  soilleir 
nach  eil  Dia  do  ghnàth  ag  iarruidh  gu'm  biodh  a 
mhinisteirean  air  an  cumadh  's  air  an  ulluchadh  le 
foghlum  is  freasdal  dhaoine  an  t-saoghail,  ach  gu 
bheil  e  fe'in  comasach  le  a  ghràs  air  ministeirean 
cumhachdach  a  thogail  suas  mar  a  bha  na  li-abstoil 
iomadh  ceud  bliadhna  roimhe  so. 

Is  iomadh  mile  a  fhuair  buannachd  anama,  agus 
co-fhurtachd  o  a  thcagasg,  mar  gu'm  beanadh 
aingsal  na  abstol  ra'n  anamaibh  le  eibhleig  do 
thcine  naomh  o'n  altair.  Bha  na  tiodhlac  luach- 
mhor  so  do  ghràs  Dhe  bha  anns-an,  agus  an  labh- 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


27 


airt  a  bh'  aige  cur  iongantais  air  a  naimhdean  a 
chluinneadh  uiine,  (mar  a  tha  air  a  ràdh  gu  coit- 
chionn)  gun  robh  e  gu'n  fhoghlum,  is  nach  robh 
ìgoil  aige.  Air  son  gach  uile  ni  a  chaidh  ainmeach- 
adh  roimhe  so,  air  co  spioradail  sa  theagaisgeadh  e, 
is  airidh  oibribh  a  tha  sgriobhte  'bhi  air  an  gleidh- 
eadh,  co  math  ri  sgriobhadh  aon  duine  eile  a  sgriobh 
o  linn  nan  abstoil. 

Os  barr,  bha  e  na  Chriosduidh  a  dh'fhuiling  os- 
ceann  da  bhliadhna  dheug  ann  am  priosan,  ni  leis 
an  do  chuir  e  seula  ris  ari  f  hìrinn  a  chuir  e  'n  cèill. 

Gidheadh,  ged'  a  bha  e  air  a  chumail  ùine  mhòr 
ann  am  priosan,  shearmonaich  e  an  iomadh  àite  an 
deigh  sin  air  feadh  na  dùthcha,  mar  sheirbhiseach 
dìleas  do  Chriosd,  agus  air  son  slàinte  do  anamaibh. 

Agus  cha  robh  e  na  dhuine  a  shearmonaich  air 
son  airgid,  oir  dhiùlt  e  teachd  a  steach  a  bu  mhò, 
agus  roghnaich  e  fuireach  far  an  robh  e. 

Agus  bha  stuamachd  (na  iarrtas  air  son  airgid) 
mar  a  bha  cleachduinn  an  abstoil  Phoil,  ni  b'  ìsle 
na  bha  cead  aige,  is  mar  sin  'n  uair  a  dh'eug  e  cha 
d'  fhàg  e  moran  stòrais  aig  a  theaghlach. 

Agus  ma  dheireadh,  gach  ni  a  tha  ri  bhi  air  a 
thoirt  fainear,  se  sin  a  mhi-naomhachd  air  tùs,  a 
bhochduinn,  a  neo-f  hoghluimteachd,  maille  ra  mhòr 
ghnothuichean  nadurra,  an  t-atharrachadh  mòr  a 
rinneadh  air  le  gràs,  agus  co  fada  's  a  bha  e  's  a' 
phriosan,  agus  an  fhoirfeachd  mhòr  air  an  d' 
rainig  e,  tha  mise  ag  ràdh  nach  d'  fhàg  Buinian 
nach  maireann  an  Sasunn,  no  anns  an  t-saoghal  a 
leithid  eile  as  a  dhèigh  f  had  is  aithne  dhomh-sa ; 
agus  is  e  so  barail  neo-chealgach^ 

Bhur  Brathar  Criosduidh, 

Tearlach  Doe. 


COLTAS  IAIN  BIIUINIAN. 

Shaoilte  o  choltas  a  ghnùise  gun  robh  e  do  nadur 
gruamach  neo-chaoimhneil,  ach  bha  e  ciùin  agua 


28 


BEATHA  IAIN  BUINIAN. 


suairce  na  chòmhradh,  gun  a  bhi  buailteach  ào 
mhcvan  bruidhne  na  conaltraidh  am  measg  dhaoine  : 
mur  biodh  fior  aobhar  aige  air  a  shon;  a  toirt  an 
aire  do  ghnàth  nach  deanadh  e  uaill  as  fèin,  agus 
ag  amharc  iosal  'na  shealladh  fèin,  ga  leigeil  fèin  fo 
bhreitheanas  dhaoine  eile,  a  seachnadh  bhreug  agus 
mhionnan  le  mòr  ghràin;  a  cumail  ra  fhocal  cho 
dlùth  's  a  b'urrainn  e,  dèidheil  air  reite,  agus  air 
sìth ;  agus  a  bhi  ann  an  càirdeas  ris  gach  uile  dhaoine. 
Bha  'shuil  geur  furachair,  's  bha  bhreithneachadh 
ro  thuigseach,  agus  ullamh  na  f hreagairt ;  agus  air 
uairaibh,  na  dheadh  fhear-cuideachd.  Bha  e  àrd 
na  phearsa,  ged  nach  robh  e  dòmhail,  bha  rud  eigin 
do  ruiteachd  'na  ghnùis,  's  bha  shuilean  dealrach, 
le  feusag  fhada  air  a  bheul  uachdair,  mar  bu  nòs 
do  na  seana  Bhreatannaich,  bha  fhalt  ruadh,  ach 
'na  laithean  deireannach  bha  e  air  a  mheasgadh  le 
ròineagan  liatha ;  bha  a  shron  direach  gu'n  a  bhi  àrd 
na  crom,  a  bheul  rud-èigin  mòr,  a  bhathais  rud-èigin 
àrd,  agus  a  thrusgan  do  sheorsa  neo-rìomhach. 
Mar  so  thug  sinn  seachad  sgeul  gu  neo-chlaon- 
bhreitheach  air  a  leth-a-steach,  agus  air  a  leth-a- 
mach ;  bu  duine  e  bha  air  ionndrainn  gu  mòr,  agus 
air  a  chaoidh  aig  am  a  bhàis,  duine  nach  robh  air  a 
sheideadh  suas  le  saoibhreas,,  na  air  thilgeil  sios  le 
bochduinn  ach3  do  ghnàth  a  gabhail  an  t-saoghail 
mar  a  thigeadh  e,  gu  taingeil  toilichte. 

Dh'fhàg  Buinian  bean  agus  teaghlach  'n  a  dheigh  ; 
bha  ise  beo  gus  a'  bhliadhna  1692.  Bha  cuignear 
chloinnc  aige,  chaochail  Mairi,  an  nighcann  dall 
roimhe  fèin  :  bha  ccarar  eile  ann,  Iain,  Ioseph, 
Tomas,  agus  Mòr.  Reic  Iain,  am  mac  bu  shinc,  an 
leabhran  beag,  feumail  so,  ris  an  duinc  a  chuir  an 
clòdh  e  a'  cheud  uair,  anns  a'  bhliadhna  1698. 

Bha  Buinian  beo  trì  ficliead  bliadhna,  agus 
sgriobh  c  trì  fichead  lcabhar ;  bha  mòran  diubli  sin 
nach  rohh  air  an  clòdh-bhualadh  aig  am  a  bhàis; 
ach  an  dèigh  sin  chaidh  an  cruinneachadh  r'a'  chèile, 
ss  an  cur  an  clòdh,  ann  an  dà  leabhar  mòr. 


RABHADH  DO  GACH  DUINE  LEISG, 
AGUS  NEO-CHURAMACH. 

Mo  Chairdean, — Thubhairt  Solamh^gu'm  marbh- 
adh  miann  an  leisgein  e ;  agus  mar  sin,  ciod  a  ni  'n 
leisg  fèin  orrasan  a  bheir  aoidheachd  dh'i?  Tha 
'n  'gnàthfhocal  ag  ràdh,  esan  a  chaidleas  anns  an 
f  hogharadh,  gur  mac  maslach  e :  agus  cha  dana  leam 
a  ràdh,  nach  urrainn  masladh  ni  's  mò  tighinn  air 
neach,  na  gu'n  cailleadh  e  'anam  agus  a  bheatha 
bhith-bhuan,  le  peacadh  agus  le  amaideachd.  Agus 
tha  mi  cinnteach  gur  e  so  an  ath  rathad  chum  sin  a 
dheanadh;  eadhon,  a  bhi  leisg  ann  an  obair  na 
slàinte.  Cha  'n  eil  fion-lios  an  lunndaire  ni  's  làine 
do  chluarain,  do  eanntagaich,  agus  do  luibhibh  breun, 
na  tha  chridhe-san  a  tha  leisg  air  son  neamh,  do 
pheacaibh  a  chruaidhicheas  an  cridhe  agus  a  sgriosas 
an  t-anam. 

Tha'n  dà  olc  so  anns  an  leisg ;  air  tùs  a  bhi 
dearmad  an  àma  anns  'm  bu  chòir  a  bhi  'g 
ullachadh  air  son  neamh ;  agus  air  an  doigh  cheudna, 
's  an  dara  àite,  bhi  toirt'  a  steach  aithreachas 
crìche.  Theid  mise  'n  urras  duibh,  ge  b'e  chailleas 
anam  leis  an  leisg,  nach  bi  sin  na  aobhar  aoibhneis 
dha  'n  uair  a  ruigeas  e  ifrinn. 

Tha  mi-chùram  gu  minic  a  dol  maille  ris  an  leisg, 
agus  is  e  neo-mhothachadh  mar  is  trice  o  'm  bheil 
mi-chùram  a  gintinn;  agus  tha  neo-mhothachadh  a 
rìs  a'  cur  neart  as  ùr  anns  an  leisg,  agus  leis  na 
nithibh  ud  tha  'n  t  anam  air  f  hàgail  gun  leigheas. 

Cumaidh  an  leisg  a  mach  Criosd,  's  cuiridh  i  'n 
t-anam  gu  nàire.  Tha  'n  leisg  air  a  dìteadh  eadhon 
leis  na  creutairibh  is  laige  do  'na  h-uile  chreutairibh. 
<c  Imich  a  chum  an  t-seangain,  a  leisgein ;  thoir 
fa'near  a  shlighean  agus  bi  glic."  *'Air  son  an 
f  huachda  cha  treabh  an  leisgein ;  (is  e  sin  cha  bhris 
e  suas  talamh  neo-àitichte  a  chridhe,  do  bhrigh 


30 


RABHADH. 


gu'm  feum  an  neach  a  ni  sin  beagan  saothair  a* 
dheanadh)  iarraidh  e  deirc  anns  an  f  hogharadh  (is 
e  sin  'n  uair  a  bhios  naoimh  Dhè  a'  sealbhachadh  an 
t-sonais  ghlòrmhoir  a  gheibh  iad  anns  na  neamhan,) 
ach  cha'n  f  haigh  an  lunndaire  ni  'sam  bith,  is  e  sin, 
chan  f hearrde  e  a  ghlaodhaich  air  tròcair,  mar  chi 
sibh  ann  am  Mata,"  xxv.  10,  11,  12. 

Nam  biodh  eòlas  agaibh  air  an  leisgein  anns  na 
nithe  a  bhuineas  do  neamh,  shamhlaichibh  sibh  e  ri 
aon  a  ta  leisg  ann  an  nithe  an  t-saoghail  so. 

Mar  sin,  1.  Tha  'n  neach  a  ta  leisg  neo-thoileach 
tòiseachadh  air  an  obair  bu  chòir  dha  dheanamh; 
mar  sin  tha  'n  neach  a  tha  leisg  a  thaobh  neamh. 

2.  Esan  a  tha  lunndach,  is  neach  e  tha  toileach 
air  moille  dheanamh:  mar  sin  tha  'n  neach  a  tha 
ìeisg  a  thaobh  neamh. 

3.  Ni  an  neach  ata  leisg,  lethsgeul  mòr  do  aobhar 
beag  gu  bhi  ga  chumail  air  ais  o  obair:  mar  sin 
tba  e  mar  an  ceudna  leis  an  a  tha  leisg  air  son  neamh. 

4.  Ni  an  neach  ata  leisg  obair  na  earrannan: 
mar  sin  ni  an  neach  a  ta  leisg  a  thaobh  neamh. 
Feudaidh  e  gu  h-inbh  bhig  a  bhi  air  a  shaoradh,  ach 
cha  bhi  e  gu  bràth  air  a  làn  shaoradh  o  ifrinn; 
feudaidh  e  gu  h-inbh  bhig  a  bhi  na  naomh,  ach  cha 
bhi  e  gu  brath  na  naomh  iomlan,  as  eugais  ath- 
leasachaidh. 

5-  Tha  iadsan  a  tha  leisg,  gu  tric  a  call  an  àma 
anns  'in  bu  chòir  dhoibh  seirbhis  a'  dheanamh ;  air 
a'  mhodh  cheudna,  tha  iadsan  a  ta  leisg  a  thaobh 
neamh,  a  leigeil  seachad  latha  nan  gràs. 

6.  Cha  toir  iadsan  a  ta  leisg  toradh  math  'a  mach 
gu  bràth :  mar  an  ceudna  tachraidh  dhoibh-san  a  ta 
leisg  a  thaobh  an  anama. 

7.  Bithear  am  fearg  riusan  ata  leisg  air  son  iad 
a  bhi  mar  sin :  buinidh  Criosd  air  an  doigh  cheudna 
riusan  nach  'eil  gniomhach  air  a  shon.  (i  A 
sheirbhisich  uilc  agus  leisg,  as  do  bheul  fein  bheir 
mi  breith  ort ;  thuirt  thu  gu'n  robh  mi  mar  so  agus 
mar  sud,  bu  choir  dhuit  uime  sin  m'  airgoid  a  tliabh- 


RABHADH. 


31 


aìrt  do  'n  luchd-malairt,"  &c.  Gabhaibh  an  seirbhis- 
each  mi-tharbhach,  agus  tilgibh  e  do  dhorchadas 
iomallach :  an  sin  bithidh  gul  agus  giosgan  fhiacal  ?" 

1 .  Ciod  a  their  mi  ?  tha  'u  ùine  a'  ruith ;  agus 
am  bi  sibh  leisg? 

2.  Tha  mòran  do  'ur  beatha  seachadi  agus  am 
bi  sibh  lunndach  ? 

3.  Is  fià  'ur  n-anama  mìle  saoghal ;  agus  am  bi 
sibh  leisg  ? 

4.  Tha  latha  bhàis  agus  a'  bhreitheanais  aig  an 
dorus ;  agus  am  bi  sibh  leisg  ? 

5.  Tha  mallachd  Dhè*  an  crochadh  os  'ur  ceann ; 
agus  am  bi  sibh  leisg  ? 

6.  A  bharr  air  sud,  tha  na  deamhain  gu  dùrachd- 
ach,  a  saoithreachadh,  agus  ag  iarraidh  gu  dìch- 
iollach  gach  latha,  leis  gach  uile  pheacadh  'ur 
bacadh  o  shlighe  na  slàinte  ;  agus  am  bi  sibh  leisg  ? 

7.  Mar  an  ceudna  tha  bhur  coimhearsnaich  ro 
dhìchiollach  an  dèidh  air  nithibh  a  theirgeas ;  agus 
am  bi  sibhse  leisg  a  dheanamh  nan  nithe  a  mhaireas 
gu  siorruidh  ? 

8.  Am  biodh  sibh  toileach  a  bhi  air  bhur  damnadh 
gu  siorruidh  air  son  na  leisge  ? 

9.  Am  biodh  sibh  toileach  gun  deanadh  aingil 
Dhè  dearmad  air  bhur  n'  anamaibh  a  thogail  suas 
do  neamh  aig  a'  bhàs,  agus  na  deamhain  a'  feitheamh 
chum  an  glacadh  ? 

10.  An  robh  Criosd  leisg  ann  an  obair  bhur  saor- 
aidh? 

11.  Am  bheil  a  mhinistirean  leisg  chum  so  innseadh 
dhuibh  ? 

12.  Agus  ma  dheireadh,  mu  r  gluais  na  nithe  so 
uile  sibh,  tha  mise  ag  innseadh  dhuibh  nach  bi  Dia 
aon  chuid  leisg  na  dearmadach  air  bhur  damnadh, 
(dream  nach  eil  am  breitheanas  a  nis  o  chian  a' 
deanamh  moille.)  no  na  deamhain  dearmadach  air 
bhur  toirt  leo,  no  ifrinn  dearmadach  air  a  beul  a 
dhùnadh  oirbh  ? 

A  lunndaire,  'm  bheil  thu  fathast  a'  d'  chodal  ! 


32 


RABHADH, 


am  bheil  thu  cur  romhad  gu'n  coidil  thu  cadal  a' 
bhais  ?  an  duisg  aon  chuid  teachdaireachd  o  neamh 
na  o  ifrinn  thu?  An  e  's  còmhradh  dhuit,  "  Fathast 
beagan  codail,  agus  beagan  fillidh  nan  làmh  gu 
codal?"  An  tionndaidh  thusa  thu  fèin  fathast 
chum  do  leisg,  mar  a  thionndaidheas  an  dorus  air 
a  chùl-cheangail  ?  O  gu'n  robh  mi  eòlach  air 
tuireadh,  agus  gun  robh  cridhe  truacant'  agam  a' 
d'  thaobhsa,  's  mi  a  ghabhadh  truas  dhiot !  'S  mi 
a  dheanadh  bròn  air  do  shon!  O  gu'm  b'urrainn 
mi  le  Ieremiah  leigeil  le  m'  shuilean  sileadh  sios 
mar  aibhnichean  uisge  !  Anam  bhochd,  anam 
chaillte,  anam  a  tha  bàsachadh,  ciod  an  cridhe 
cruaidh  a  tha  agamsa  nach  urrainn  bròn  a  dheanadh 
air  do  shon !  Nam  b'e  's  nach  cailleadh  tu  ach 
làmh,  cas,  leanabh,  na  caraid,  cha  bhiodh  an  call 
co  mòr,  ach,  a  dhuine  bhochd,  's  e  t-anam  a  th' 
ann ;  nam  b'  e  's  nach  biodh  e  gu  laidhe  ann  an 
ifrinn  ach  bliadhna,  ni  h-eadh,  deich  mile  bliadhna, 
cha  bhiodh  ann  (an  coimeas)  ach  neo-ni  :  Ach  O ! 
's  ann  gu  siorruidh  a  tha  e  gu  laidhe  ann !  O  am 
focal  drùidhteach  so,  gu  siorruidh !  Nach  uabh- 
asach  am  focal  a  bhios  an  sin  do'n  anam,  ris  an 
abrar,  "  Imichibh  uam,  a  shluagh  mallaichte,  gu 
teine  siorruidh,"  &c. 

Lethsge ul.  Ach  nam  b'e  's  gun  tòisichinn  ri 
ruith  mar  tha  thusa  ag  iarraidh  orm,  dh'  fheumainn 
ruith,  o  m'  chàirdean ;  oir  cha'n  eil  aon  diubh  a' 
ruith  an  rathad  sin. 

Freagradh.  Agus  ma  ruitheas  tu  's  ann  a  chum 
uchd  Iosa  Criosd  agus  Dhia  a  ruitheas  tu,  agus 
ciod  a'  choire'  ni  sin  ort  ? 

Letii.  Ach  ma  ruitheas  mi  'n  rathad  sin,  feum- 
aidh  mi  ruith  o'm'  pheacaidhean  gu  lèir. 

Fbeao.  Tha  sin  gu  cinnteach  fior ;  gidheadh 
mu  r  dean  thu  sin,  ruithidh  tu  gu  teino  ifrinn. 

Letii.  Ach  ma  ruitheas  mi  'n  rathad  sin, 
bheirear  fuath  dhomh,  agus  caillidh  mi  gràdh  mo 
chàirdean  agus  mo  dhaimhean,  agus  na  muinntir 


RABHADH. 


33 


o'm  bheil  mi  'n  duil  buannachd  fhaotuinn,  no  as 
am  bheil  mi  'g  earbsa,  agus  bithidh  mo  choimhear- 
snaich  uile  'magadh  orm. 

Freag.  Agus  mu'r  ruidh  thu,  bithidh  ta  cinnt- 
each  gu'n  caill  thu  gràdh  agus  fàbhar  Dhè*  agus 
Chriosd,  maille  ri  buannachd  neamh  agus  glòir, 
agus  g 'un  dean  Dia  fanoid  ort  air  son  t-amaideachd, 
Ni  mise  mar  an  ceudna  gàire  ri'r  sgrios-sa ;  ni  mi 
fànoid  'n  uair  a  thig  bnur  n-eagal:  agus  mu'r 
biodh  fuath  air  a  thoirt  duit,  agus  fanoid  air  a 
dheanadh  ort ;  thoir  an  aire  le  t'  amaideachd  nach 
toir  thu  diomb  agus  fanoid  an  Dè  mhòir  ort ;  oir 
bithidh  'fhanoid  agus  'fhuathsan  uamhasach,  do 
bhrigh  gu'n  tuit  iad  ort  lo  mòr  uamhas,  eadhon  'n 
uair  a  ni  àmhghar  Greim  ort :  ni  'tharlas  'n  uair 
thig  bàs  agus  breitheanas,  'n  uair  nach  urrainn  na 
bheil  a  dhaoine  air  an  talamh  agus  do  ainglean  air 
neamh  cobhair  a  dheanadh  ort. 

Leth.  Aeh  gu  cinnteach  feudaidh  mi  toiseach- 
adh  air  a  so  trà  ni  's  leòir,  bliadhna  na  dhà  an  deigh 
so,  nach  feud  ? 

Freaq.  Air  tùs,  am  bheil  gabhail  air  bith  agad 
do  d'  bheatha  ?  An  d'  innis  Dia  riamh  dhuit  gu'm 
bi  thu  beò  leth-bhliadhna,  no  dà  mhios  nis  f  haide  ? 
ni  h-eadh  theagamh  nach  bi  thu  beò  co  fada.  'S 
an  dara  àite,  Am  bi  thu  co  neo-mhothachail  agus 
co  neo-thuigseach  's  gu'n  cuir  thu  t-anam  ann  an 
cunnart  air  son  beagan  ùine  neo-chinntich  ?  'S  an 
treas  àite,  Am  bheii  fìos  agad  am  mair  latha  nan 
gràs  seachduin  ni's  faide?  oir  tha  latha  nan  gràs 
seachad  aig  cuid  mu'n  criochnaich  am  beatha  anns 
an  t-saoghal  ?  agus  nam  b'e  's  gu'm  biodh  e  mar 
sin  a'  d'  thaobh-sa,  nach  abradh  tu,  O  nach  ann  a 
thòisich  mi  air  ruith  mu'n  robh  latha  nan  gràs  air 
dol  seachad,  agus  mu'n  do  dhùnadh  geata  nam 
flaitheas  a'm  aghaidh. 

S'  a  cheathramh  àite  ;  Na  m  b'e  's  gu'm  faiceadh 
tu  aon  do'  d'  choimhearsnaich  a'  dcarmad  còir 
chinnteach  a'  dheanamh  dhoibh  fèin  air  aon  chuid 

c 


34 


RABHADH. 


tigh  na  fearann,  nam  biodh  iad  air  an  tairgso 
dhoibh,  ag  radh,  bithidh  ùine  gu  leòir  an  deigh  so 
gu  sin  a  dheanamh,  'n  uair  a  tha  'n  ùine  neo-chinnt- 
each ;  agus  a  thuilleadh  air  sin,  cha  'n  eil  fios  aca 
'n  tairgear  e  dhoibh  gu  bràth  tuille,  no  nach  tairg- 
ear :  tha  mi  ag  ràdb,  nach  abradh  tu  nach  robh 
annta  ach  amadain?  Air  an  aobhar  sin_,  an  saoil 
thusa  gur  neach  glic  thu  fe'in  a  tha  leigeil  le  t-anam 
s  bhi  n  crochadh  os-ceann  ifrinn  air  snàithein  do 
ùine  neo-chinntich,  a  dh'  fheudas  a  bhi  air  a 
ghearradh  as  gu  h-obann  leis  a'  bhàs  ? 

Ach  gu  bhi  labhairt  gu  soilleir,  cha'n  eil  annta 
so  uiie  ach  facaii  o  spiorad  na  leisge.  Eirich  a 
dhuine,  's  na  bi  leisg  ni  's  faide,  suidhich  do  chos 
agus  do  chridhe,  agus  bi  gu  h-iomlan  anns  an  t- 
slighe  tha  treorachadh  gu  Dia,  agus  ruith ;  tha  'n 
crùn  aig  ceann  na  rèlse  :  mar  an  ceudna,  tha  'n 
roi-ruithfhear  beò  'na  sheasamh  an  sin,  eadhon 
Criosd,  neach  a  dh'  ulluich  lòn  neamhaidh  chuin 
deadh-bheatha  thoirt  do  t-anam,  agus  bheir  e  dhuit 
e  le  cridhe  ni  's  toilichte  na  's  urrainn  dhuit  iarr- 
aidh  air.  Uime  sin,  na  cuir  dàil  ann  ni  's  faide,  ach 
cuir  an  gniomh  briathra  fìr  Dhan  ra  'm  bràithribh, 
an  deigh  dhoibh  maitheas  tìr  Chanaan  fhaicinn. 
"  Agus  thubhairt  iad,  Eiribh,  &c.  Oir  chunnaic 
sinne  an  tìr,  agus,  feuch,  tha  i  ro-mhaith:,,  agus 
am  bheil  sibhse  'n  ar  tàmh  ?  (no  'n  do  sguir  sibh 
a  ruith  :)  na  bithibh  leisg  gu  imeachd,  agus  dol  a 
stcach  a  shealbhachadh  na  tìre — Slàn  leibh. 

Tha  mise  'gtiidhe  gu'm  faigh  bliur  n  anamaibh 
Sòiàs  aig  ';eann  an  turuis. 

t AIN  BUINJAN 


AN  GILLE-RUIDH  NEAMHAIDH. 


"  Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  sibhse,  ionnus  gun  glac  sibh  an  duais." 

1  Cor  ix  24. 

'S  e  dol  do  neamh  agus  a  bhi  sona,  an  ni  sin  a  tha 
gach  neach  a  miannachadh,  ionnus  gu'm  b'urrainn 
Balaam  aingidh  a'  ràdh,  t(  Faigheam-sa  bàs  an  ion- 
racain,  agus  bitheadh  mo  chrìoch  dheireannach  cos- 
mhuil  r'a  chrìch-san  l"  Air.  xxiii.  10.  Gidheadh 
air  son  so  uile,  cha'n  'eil  iad  ach  tearc  a  tha  ruigh- 
eachd  air  a'  ghlòir  ion-mhiannaichte  sin,  ionnus  gu 
bheil  iomadh  fear  aidmheil  ainmeil  a  teachd  gearr 
air  furan  o  Dhia,  chum  an  ionaid  thaitnich  so. 
Uime  sin,  tha  'n  t-Abstol,  do  bhrigh  gu  m  bu  mhiann 
leis  gu'm  faigheadh  anamaibh  nan  Corintianach 
slàinte,  chum  an  do  sgriobh  e'n  litir  so}  a  cur  sìos 
a  leithid  do  chomhairle,  anns  na  briathraibh  so,  sa 
bhiodh  chum  cobhair  agus  tairbhe  dhoibh,  nam  b'e 
's  gu'n  gabhadh  iad  i. 

S  a  cheud  àite,  Gun  a  bhi  aingidh,  agus  gun 
suidhe  tosdach,  agus  miannachadh  an  deigh  neamh ; 
ach  ruith  air  a  shon. 

'S  an  dara  àite,  'Na  toilichibh  sibh  fèin  leis  gach 
uile  eòrsa  ruith ;  ach,  ars'  esan,  "  Gu  ma  h-amhuil 
a  ruitheas  sibhse,  ionnus  gu'n  glac  sibh  an  duais." 
Mar  gun  abradh  e,  tha  cuid,  do  bhrigh  's  nach 
b'àill  leò  an  anamaibh  a  chall,  a  tòiseachadh  air 
ruith  gu  moch,  tha  iad  a  ruith  le  foighidinn,  tha 
iad  a  ruith  air  an  rathad  cheart.  An  ann  mar  sin 
a  tha  sibhse  ruith  ?  Tha  cuid  a  ruith  araon  oJn 
athair,  am  mathair,  an  càirdean,  agus  an  compan- 
aich,  chum  gu'm  faigheadh  iad  an  crùn ;  an  ann 
mar  sin  a  tha  sibhse  ruith  ?  Tha  cuid  a'  ruith 
troimh  bhuairidhean,  troimh  dhoilghios,  troimh 
mhi-chliù   agus   dheadh-chliù,  chum  gu'n  coisinn 


36 


AN  GILLE-RUITH 


iad  an  neamhnad:  "Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas 
sibhse,  chum  gu'n  glac  sibh  an  duais."  Ecles.  xii  ; 
Eabh.  xii. ;  Mata  xiv.  26 ;  l  Cor.  iv.  13;  2  Cor.  vi. 
Tha  na  briathran  so  air  an  toirt  o  rèis  dhaoine  tha 
ruith  air  son  duais ;  samhladh  a  tha  fìor  f  hreagarach 
a  chur  fa  chomhair  suilean  sluaigh  an  Tighearna. 
Nach  'eil  fios  agaibh  iadsan  a  bhios  a  ruith  rèise, 
gu'n  ruith  iad  uile,  ach  gu'r  aon  duine  a  mhàin  a 
ghlacas  an  duais  ?  Mar  sin  ruith  thusa  chum  gu'n 
glac  thu.  'S  e  sin  ri  ràdh,  cha  'n  e  mhain  thu  ruith, 
ach  bi  cinnteach  gu'm  buidhinn  thu  'n  reis  co  math 
ri  ruith ;  mar  sin  ruith  gu's  an  glac  thu  'n  duais. 

Cuiridh  mi  sios  aon  teagasg  a  tha  mi  faotainn 
anns  na  briathraibh  so;  agus  ann  an  labhairt  air, 
nochdaidh  mi  dhuibh  ann  an  tomhas  èigin,  am  brìgh. 

'S  e  so  an  teagasg:  Iadsan  leis  an  àill  neamh  a 
bhuannachd,  feumaidh  iad  ruith  air  a  shon.  Guidh- 
eam  oirbh  thugaibh  an  aire  mhath  dha  so.  (<  Nach 
'eil  fios  agaibh  iadsan  a  ta  ruith  anns  a'  bhlàr-reise, 
gu'n  ruith  iad  uile,  ach  is  aon  duine  gheibh  an 
duais?  Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  sibhse."  'S  e 
neamh  an  duais,  agus  ma  's  àill  leibh  fhaotainn, 
feumaidh  sibh  ruith  air  a  shon.  Tha  sgriobtur  eile 
agaibh  air  son  an  ni  so,  Eabh.  xii.  1,  2,  3.  c<Uime 
sin,  air  dhuinne  bhi  air  ar  cuartachadh  le  neul  co 
mòr  do  f hianuisibh,  cuireamaid  dhinn  gach  lethtrom, 
agus  am  peacadh  a  ta  gu  furas  ag  iadhadh  umainn, 
agus  ruitheamaid  le  foighidinn  an  re'is  a  chuireadh 
romhainn."  Agus  ruitheamaid,  (ars'  esan.)  A  rìs, 
arsa  Pol,  u  Uime  sin  is  amhuil  a  ruitheam-sa,  ni 
h-ann  mar  gu  neo-chinnteach,  is  amhuil  a  chuiream 
cath,"  &c.  Ach  mu'n  tèid  mi  nfs  faide  air  m' 
aghaidh,  thugaibh  fainear,  I.  Nach  e'n  doigh  ruith 
a  tha  gnàthaichte  a  th'  air  a  chiallachadh  leis  an 
ruith  so,  ach  an  doigh  ruith  is  luaithe,  d'an  goirear 
teichcadh,  agus  uime  sin  faicibh,  Eabh.  vi.  18. 
"  Chum  gu'm  biodh  againne  comhfhurtachd  làidir, 
a  theicli  chum  didcin  gu  grcim  a  dhcanamh  air  an 
dòcliaa  a  chuireadh  romhainn." 


NEAMHAIDH. 


87 


Thugaibh  fainear,  co  iad  a  theich.  Tha  so  air  a 
thoirt  o  losua  xx.  mu  thimchioll  an  duine  bha  gu 
teicheadh  chum  a'  bhaile  dhìdein,  'n  uair  a  bhiodh 
dioghaltair  na  fola  an  dian  thòir  air,  chum  diogh- 
altas  a  dheanamh  air,  air  son  na  coire  a  rinn  e ; 
uime  sin,  is  ruith  no  teicheadh  e  air  son  beatha 
neach ;  agus  ruith  le  t-uile  neart,  mar  bu  ghnàth 
leinn  a  ràdh,  "  Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  sibhse." 

2.  Tha  dian-ruith  air  a  ràdh  ris  ann  an  àite  eile. 
"  Tha  mi  dian-ruith  dh'ionnsuidh  a'  chomhar- 
aidh."  Philip.  iii.  14,  ni  tha  'ciallachadh,  nach 
feud  iadsan  le  'm  b'  àill  neamh  fhaotainn,  stad  aig 
cruaidh-chas  air  bith  a  thig  nan  caramh  :  ach  dian- 
ruith,  agus  dol  troimh  gach  uile  dhomhladas  agus 
ceap-tuislidh  a  dh'fheudas  seasamh  eadar  an  anam- 
aibh  agus  neamh.    Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  sibhse. 

3.  Goirear  do'n  ruith  so  ann  an  ionad  eile,  fantuinn 
ann  an  slighe  na  beatha.  "  Ma  dh'fhanas  sibh  anns 
a'  chreidimh  bunaiteach  agus  daingean,  gu'n  a  bhi 
air  bhur  n-atharrachadh  o  dhòchas  soisgeil  Chriosd/' 
Col.  i.  23.  Cha'n  e  ruith  beagan  an  tràs',  's  a 
rithist,  na  ruith  leth  an  rathaid  no  gu  math  dlùth 
air  ceann  na  slighe :  ach  ruith  air  son  do  bheatha, 
troimh  gach  doilghios,  agus  buanaich  gu  ceann  na 
rèise,  ni  dh'fheumas  a  bhi  gu  crìch  do  bheatha. 
4*Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  sibhse,  ionnus  gu'n 
glac  sibh  an  duais."  Agus  is  iad  aobhair  an  teagaisg 
so  a  leanas. 

1.  Do  bhrigh  nach  eil  gach  neach  a  tha  ruith  a 
faotainn  na  duais;  tha  mòran  ann  a  ruith,  eeadh, 
agus  a  ruith  fada  mar  an  ceudna,  nach  eil  a  faotainn 
a'  chrùin  a  tha  aig  ceann  na  rèise.  Tha  fios  agaibh 
nach  fhaigh  na  h-uile  a'  ta  ruith  anns  a'  bhlàr  reis  a 
bhuaidh ;  oir  cha  choisinn  ach  aon  duine.  Agus 
is  amhuil  an  so ;  oir  cha  'n  e  na  h-uile  a  ta  ruith, 
no  na  h-uile  ni  spàirn  air  son  na  buaidh,  aig  am 
bheil  i.  (<  Ged  ni  fear  air  bith  spàirn  air  son  na 
buaidh,"  arsa  Pol,  t4cha  chrùnar  e,  mu'r  dean  e 
spàirn  gu  dligheach/'  2  Tim.  ii.  6.    ls  e  sin  ri 


38 


AN  GILLE-RUITH 


ràdh,  rau'r  ruith  e,  's  mu'r  dean  e  spàirn  a  reir 
àithne  Dhè\  Seadh  am  bheil  sibh  a  smaointeachadh 
gu'n  ruig  na  h-uile  fear-aidmhèil  trom-chasach 
neamh  ?  Seadh  gach  fear  aidmheil  leisg?  Agus 
gach  fear  aidmheil  mear  agus  amaideach,  a  chuirear 
nan  stad,  's  a  chumas  air  ais  le  ni  sam  bith,  's  nach 
ruith  co  luath  gu  neamh,  'sa  shnàigeas  seilcheag  air 
an  talamh.  Ni  h-eadh,  tha  cuid  a  luchd-aidmheil 
nach  'eil  a  ruith  co  luath  ann  an  slighe  an  Tighear- 
na  's  a  shnaigeas  seilcheag  air  a'  bhalladh  ;  agus  gidh- 
eadh  tha  iad  so  a  smaointeachadh  gu'r  ann  air  an 
son-san  a  tha  neamh  agus  sonas.  Ach  stad  ort,  tha 
iad  gu  mòr  ni  's  lionmhoire  a  tha  ruith,  no  tha  iadsan 
a  tha  faotainn  duais ;  uime  sin  an  neach  leis  an  àill 
dol  do  neamh  feumaidh  e  ruith  gu  dian  air  a  shon. 

2.  Do  bhrigh  gu'm  bheil  fios  agaibh,  ged  a  ruith- 
eas  neach,  gidheadh  mu'r  toir  e  buaidh,  na  mu'r 
coisinn  e,  co  math  ri  ruith,  ciod  an  feum  a  ni  an 
ruith  dha  ?  Cha  'n  f haigh  iad  ni  s  am  bith.  Tha 
fios  agaibh  an  neach  a  ta  ruith,  gu'r  ann  a  chum 
's  gun  coisinn  e  'n  duais  a  ta  e  ruith ;  ach  mur 
faigh  e  'n  duais  caillidh  e  ùine  agus  a  shaothair, 
mar  èifeachd.  Mo  thruaighe !  nach  mòr  an  àir- 
eamh  do'n  luchd-ruith  so  a  bhitheas  air  am  faotainn 
mar  sin  air  latha  bhreitheanais  ?  Eadhon  mòr 
shluagli,  a  ruith,  seadh  a  ruith  gu  geata  nan  neamh- 
an,  agus  nach  robh  comasach  air  dol  ni  b'  fhaide, 
ach  a  sheas  an  sin  a  bualadh  'n  uair  a  bha  e  tuille 
is  anmoch,  ag  eigheach,  A  Thighearna  !  a  Thigh- 
earna  !  'n  nair  nach  fhaigh  iad  ach  achmhasan  air 
son  an  saothair.  Imichibh  uam,  cha  tig  sibh  an  so, 
ruith  sibh  tuille  is  mall,  thàinig  sibli  ro  anmoch ; 
tha  'n  dorus  dùinte.  "  O  'nuair  a  dh'eireas  fear  an 
tiglie,  agus  a  dhuineas  e  an  dorus,  agus  a  thoisich> 
eas  siblise  air  seasamh  a  muigh,  agus  an  dorus  a 
bliualadh,  ag  ràdh,  A  Thighearna,  a  Thigbearna, 
fosgail  duinn ;  agus  air  dhasan  freagairt,  their  e 
ribh,  "  Cha'n  aithne  dhomh  sibh  cò  as  a  ta  sibh,  im- 
ichibh  uam,"  &c.    Lucas  xiii.  25.   O  's  uamhasacfe 


NEAMHAIDH. 


119 


a  bhitheas  cor  na  muinntir  a  ruitheas  agus  nach 
glac ;  uime  sin,  ma  'a  àill  leibh  neamh  f  haotainn, 
feumaidh  sibh  ruith  air  a  shon ;  "Gu  ma  h-amhuil 
a  ruitheas  sibh,  ionnus  gu'n  glac  sibh." 

3.  Do  bhrigh  gu  bheil  an  t-astar  fada  (labhraidh 
mi  fo  shamhladh,)  agus  tha  iomadh  cèum  salach 
ann,  iomadh  cnochd  àrd,  moran  do  obair  ra  dhean- 
amh,  buaidh  ra  thoirt  air  cridhe  ain-diadhaidh,  air 
an  t-saoghal,  air  an  f  heòil,  agus  air  an  diabhol ; 
tha  mi  'g  ràdh,  gu  bheil  iomadh  cè*um  gu  bhi  air 
a  ghabhail  leo-san  leis  am  b'  àill  a  bhi  air  an  tear- 
nadh,  le  ruith,  no  imeachd  ann  an  ceumaibh  creid- 
imh  ar  'n  athar  Abraham.  Feumaidh  tu  dol  a 
mach  as  an  Eiphit  troimh  'n  Mhuir-Ruaidh ;  feum- 
aidh  tu  turus  fada  draghail  a  ruith  troimh  'n  fhàs- 
ach  mhòr  ulfhartach,  mu'n  tig  thu  gu  fearan  a' 
gheallaidh. 

4.  Feumaidh  iadsan  a  theid  do  neamh  ruith  air 
a  shon ;  do  bhrigh  gu'm  bheil  an  rathad  fada,  mar 
sin,  tha  'n  ùine  th'  aca  neo-chinnteach  chum  an 
turus  a  chrìochnachadh :  'S  e  an  t-am  a  ta  làthair 
an  t-aon  am  ;  cha  'n  'eil  am  eile  air  a  chur  air  leth 
cìhuit  ach  an  t-am  a  ta  làthair;  "Na  dean  uaill  a 
thaobh  an  latha  màireach  ;  oir  cha  'n  'eil  f  hios  agad  to 
ciod  a  bheir  latha  uaith^"  Gnath.  xxvii.  1.  Na 
abair,  tha  ùine  gu  leòir  agam  faotainn  do  neamh 
seachd  bliadhna  an  dèigh  so ;  oir  tha  mise  'g  inns- 
eadh  dhuit,  gu  'm  feud  na  cluig  a  bhi  bualadh  air 

do  shon,  ag  innseadh  gu  bheil  thu  marbh  mu  'n 
tig  ceann  seachd  làithean;  agus  'nuair  a  thig,  am 
bàs  feumaidh  tu  falbh  co  dhiubh  a  bhios  tu  deas  no 
nach  bi ;  agus  uime  sìn,  thoir  an  aire ;  na  dean 
moille ;  oir  cha  'n  'eil  e  math  a  bhi  mi-chùramach 
mu  nithe  co  cudthromach  ri  slàinte  no  damnadh 
t-anama.  Tha  fios  agaibh  an  neach  aig  am  bheil 
astar  fada  ri  dol  ann  an  ùine  ghearr,  agus  theagamh 
a  leth  ni's  lugha  na  tha  e  smaointeachadh,  nach  e  a 
dh'fheumadh  ruith. 

5.  Iadsan  leis  an  àill  dol  do  neamh  feumadh  iad 


AN  GILLE-RUITH 


ruith  air  a  shon;  c'  arson,  do  bhrigh  gu  bheil  an 
diabhol,  an  lagh,  am  peacadh,  am  bàs,  agus  ifrinn 
ga  'n  leantuinn.  Cha  n  'eil  aon  anam  bochd  sam 
bith  a  tha  dol  do  neamh,  nach  'eil  an  diabhol,  an 
lagh,  am  peacadh,  am  bàs,  agus  ifrinn,  an  dian-thòir 
an  deigh  an  anama  sin.  "  Tha  bhur  nàmhaid  an 
diabhul,  mar  leòmhan  beuchdach,  ag  imeachd  mu'n 
cuairt,  a  sireadh  co  a  dh'fheudas  e  shlugadh  suas," 
1  Pead.  v.  8.  Agus  gu  cinnteach,  tha'n  diabhul  ro 
luath,  agus  ro  eatrom  rug  e  air  mòran,  's  thilg  e  'n 
casan  os  an  ceann,  agus  thug  e  dhoibh  leagadh 
siorruidh.  Mar  an  ceudna  's  urrainn  an  lagh  tilg- 
eil  astar  mòr  air  falbh,  thoir  an  aire  gu'mfan  thu 
fad'  as  o  'na  gunnacha  mòra  sin,  na  deich  àitheanta. 
Mar  an  ceudna  tha  beul  ifrinn  farsuing,  tha  comas 
aice  air  i  fèin  a  shìneadh  a  mach  ni  's  faide  na  tha 
thu  smaointeachadh.  Agus  mar  a  thuirt  an  t-ain- 
geal  ri  Lot,  thoir  an  aire,  <fna  seall  a'  d'  dhèigh, 
agus  na  stad  's  a'  chòmhnard,  uile:"  (is  e  sin,  na 
stad  an  àite  's  am  bith  an  taobh  so  do  neamh,)  "  air 
eagal  millear  thu,"  Gen.  xix.  17.  Mar  sin,  tha 
mise  g  ràdh  riutsa.  Thoir  an  aire,  na  stad,  air 
eagal  gun  gl ac  aon  chuid  an  diabhul,  ifrinn,  am 
bàs,  no  mallachdan  eagalach  Dhè*  thu ;  agus  gun 
tilg  iad  sios  thu  ann  am  meadhon  do  pheacaidhean, 
air  chor  's  nach  eirich  thu  gu  bràth  's  nach  fhaigh 
thu  as  a  rìs  ni  's  mò.  Nam  b'e  's  gu  'n  tugadh  tu 
an  ni  so  fainear  gu  ceart;  an  sin  theireadh  tu  co 
math  riumsa,  gu'm  feum  iadsan  a  theid  do  neamh 
ruith  air  a  shon. 

6.  Feumaidh  iadsan  a  thcid  do  neamh  ruith  air 
a  shon ;  do  bhrigh  gu'm  feud  geatacha  nan  neamhan 
a  bhi  air  an  dùnadh,  ann  an  ùine  ghearr.  Cha  'n 
'eil  geatacha  nan  neamhan  air  uairibh  co  fada  fos- 
gailte  's  a  tha  dùil  agaibh ;  agus  ma  bhios  iad  air 
an  dùnadh  aon  uair  an  aghaidh  neach,  tha  iad  co 
trom  's  nach  'eil  e  'n  comas  na  bheil  do  dhaoinc 
air  an  t-saoghal^  no  na  bheil  do  ainglibh  air  neamh 
am  fosgladh.    "  'S  mise  an  ti  a  dhùineas,  agus  cha'n 


NEAMHAIDH. 


41 


fliosgail  neach  air  bith,"  arsa  Criosd,  Taisb.  iii.  7. 
Agus  nam  b'  e  's  gu'n  tigeadh  tu  ach  ceithreamh 
na  h-uaire  tuille  is  anmoch?  Tha  mise  ag  inns- 
eadh  dhuit,  gu'n  cost  e  dhuit  an  t-sioriuidheachd 
ag  caoidh  do  thruaighe  an  sin.  Innsidh  Frang  Spira 
dhuit  ciod  an  call  a  thig  ort  le  stad  gus  am  bi  geata- 
cha  na  tròcair  air  an  dùnadh  gu  bràth;  no  ruith 
co  mall,  's  gu'm  bi  iad  air  an  dùnadh  mu'm  faigh 
thu  'n  taobh  a  stigh  dhiubh.  Ciod  e  bhi  air  do 
dhùnadh  a  mach !  Seadh,  a  mach  à  neamh !  a 
pheacaich,  gu  ma  fearr  leat  ruith  mu  n  caill  thu  e ; 
ruith  air  a  shon,  seadh,  agus  mar  sin  ruith,  ionnus 
gu'n  glac  thu  'n  duais. 

Ma  dheireadh.  Do  bhrigh  ma  chailleas  tu,  caill- 
idh  tu  na  h-uile;  caillidh  tu  t-anam,  Dia  Criosd, 
neamh,  sochair,  agus  sìth,  &c.  A  bhàrr  air  sin, 
tha  thu  ga  d'  leigeil  fèin  ris  do  gach  nàire,  tarcuis, 
agus  masladh,  is  urrainn  Dia,  Criosd,  naoimh,  an 
saoghal,  am  peacadh,  an  diabhul,  agus  na  h-uile  ni 
u  chur  ort.  Mar  thuirt  Criosd  mu  'n  fhear  togail 
amaideach  (Lucas,  xiv.  28,  29,  30,)  mar  sin  their 
mise  umad-sa,  mas  neach  thu  a  ruitheas  agus  a 
chailleas ;  tha  mi  'g  ràdh,  eadhon,  bithidh  gach  aon 
a  theid  seachad  ri  fanoid  ort,  ag  ràdh,  thoisich  an 
duine  so  air  ruith  gu  math,  ach  cha  robh  e  comas- 
ach  air  crìoch  a  chur  air  an  rèis. 

Ceist.  Ach  cia  mar  bu  chòir  do  anam  bochd 
ruith  ?  Oir  's  e  so  a'  cheart  ni  &  tha  cur  mòr  dhoil- 
ghios  orm,  (mar  thuirt  thusa,)  a  bhi  smaointeachadh 
gu  'm  feud  mi  ruith  agus  a  bhi  air  deireadh.  Tha 
bhi  smaointeachadh  gu  'm  bi  mi  air  deireadh,  a  cur 
eagail  mor  orm  !  Tha  mi  guidhe  ort,  uime  sin,  gu'n 
innis  thu  dhomh,  cia  mar  bu  chòir  dhomh  ruith. 

Freag.  Chum  's  gu'm  faigh  thu  dearbh  thoil- 
eachadh  anns  an  ni  àraidh  so,  thoir  fainear  na  nithc 
a  leanas. 

An  ceud  seoladh.  Ma  's  e  's  gur  àill  leat  ruith 
chum  's  gu'm  faigh  thu  rioghachd  neamh,  mar  sin, 
bi  cinnteach  gu'm  faigh  thu  chum  na  sligho  tha 


42 


AN  GILLE-RTJITH 


treorachadh  da  h-ionnsuidh:  oir  is  ni  diomhain 
dhuit  a  bhi  smaointeachadh  gu'n  coisinn  thu  gu 
bràth  an  duais,  ge'd'  a  ruitheas  tu  co  luath  sa 
dh'fbeudas  tu,  mur  'eiì  thu  anns  an  t-slighe  a  tha 
treorachadh  da  ionnsuidh.  Gabh  beachd  air  a' 
chuis  mar  so ;  abair  gu  bheil  duine  ann  an  Glaschu 
a  tha  dol  a  ruith  gu  Duneidin  air  son  duais;  'nis, 
ged  a  dh'fheudas  e  ruith  co  luath.  's  as  urrainn  e, 
Gidheadh,  ma  ruitheas  e  direach  deas,  dh'fheudadh 
e  ruith  gus  an  cailleadh  e  anail,  agus  gun  dol  gu 
bràth  ni  b'  fhaisge  air  an  duais,  ach  a  bhi  mòran  ni 
b'  fhaide  uaith.  'S  ann  direach  mar  sin  a  tha 
'chùis  an  so ;  cha'n  e  an  ti  a  ruitheas,  no  an  t£ 
ruitheas  gu  cabhagach,  a  choisneas  an  crùn,  mur 
bi  e  anns  an  t-slighe  tha  treorachadh  da  ionnsuidh. 
Thug  mi  fainear,  anns  an  ùine  ghearr  a  tha  mi  ann 
am  fhear-aidmheil,  gu  bheil  mòran  a  ruith  mar  sud, 
agus  mar  so ;  cuid  an  taobh  so,  agus  cuid  an  taobh 
ud  eile,  agus,  gidheadh  tha  e  na  aobhar  eagail  gu 
bheil  a'  chuid  mhòr  dhiubh  a  ruith  as  an  rathad, 
agus  uime  sin,  ged  a  ruitheas  iad  co  luath  ri  iolair 
ag  itealaich,  cha'n  'eil  tairbhe  's  am  bith  ann. 

An  so  tha  aon  a'  ruith  an  deigh  nan  Crith- 
chreidmheach,  aon  eile  an  deigh  nam  Pàpanach, 
aon  eile  an  deigh  nam  Baisteach,  agus  aon  eile  an 
deigh  nan  neo-eiseameileachd,  aon  eile  an  deigh 
Saor-thoil,  aon  eile  an  deigh  na  h-Eaglais  Sasunn- 
aich,  aon  eile  an  deigh  Eaglais  na  h-Alba :  agus, 
math  a  dh'fheudtc,  gu  bheil  a'  chuid  is  mò  do  'n 
dream  ud  a'  ruith  calg-dhìreach  an  rathad  cèarr,  agus 
gidhcadh,  tha  gach  aon  air  son  a  bheatha,  air  son 
anama,  an  dara  cuid  air  son  neamh  no  air  son  ifrinn. 

'Nis  ma  their  thu,  co  i  an  t-slighe  ?  Tha  mise 
ag  innseadii  dhuit  gur  e  Criosd  an  t-slighe,  Mac 
Muire,  Mac  Dhè,  "  A  deir  Iosa  ris,  Is  mise  an 
t-slighe,  agus  an  fhirinn  agus  a'  bheatha:  cha  tig 
apn  neach  churn  an  Athar  ach  tromham-sa/'  Eoin 
xiv.  G.  Nis  's  e  do  glrnothuch-sa  (ina's  àill  leat  slàinte 
fhaotuiim.)  sealltuinn  an   leatsa   Criosd,   le  uile 


NEAMHAIDH. 


43 


Bhochairibh :  an  do  chòmhdaich  e  thu  le  'fhireant- 

achd,  an  do  nochd  e  dhuit  gu  bheil  do  pheacaidhean 
air  an  glanadh  air  falbh  uait  le  fuil  a  chridhe-san, 
am  bheil  thu  air  do  shuidheachadh  ann,  agus  am 
bheil  creideamh  agad  ann,  a  tharruingeas  beatha 
as,  agus  a  ni  t-aonadh  ris ;  is  e  sin,  a  leithid  do 
chreideamh  'sa  cho-dhùnas  gur  fìrean  thu,  do 
bhrigh  gur  e  Chriosd  t-fhìreantachd,  agus  mar  sin 
am  bheil  thu  air  do  cho-eigneachadh  gu  imeachd 
maille  ris  mar  gu'm  b'  e  sin  aoibhneas  do  chridhe, 
do  bhrigh  gur  esan  a  shaoras  t-anam.  Air  sgàth 
an  Tighearna ;  thoir  an  aire,  agus  na  meall  thu 
fèin,  agus  na  smaointich  gu  bheil  thu  anns  an 
t-slighe,  gun  aobhar  cinnteach :  oir  ma  theid  thu 
air  seachran  as  an  t-slighe,  caillidh  tu  'n  duais,  &c. 
ma  chailleas  tu  sin,  tha  mi  cinnteach  gu'n  caill  thu 
t-anam,  eadhon  t-anam  a  tha  ni  's  priseile  nan 
saoghal  gu  leir.  Ach  labhairt  mi  ni  's  faide  air  so 
ann  am  leabhar  air  an  dà  chumhnant,  agus  uime 
sin  theid  mi  seachad  air  aig  an  am  so  ;  ach  tha  mi 
guidhe  ort  thu  ghabhail  cùram  do  t-anam,  agus 
chum  gun  dean  thu  sin  gabh  a'  chomhairle  so :  Bi 
an-earbsach  as  do  neart  fèin,  agus  tiig  air  falbh  e ; 
tuit  sios  air  do  ghlùinibh  chum  ùrnuigh  a  dhean- 
amh  ris  an  Tighearna,  air  son  spiorad  na  fìrinn  ; 
rannsuich  'fhocal  air  son  do  sheòladh ;  seachainn 
cuideachd  mhealltairean  ;  glèidh  cuideachd  nan 
Criosduidhean  is  fallainne,  agus  is  mò  aig  am  bheil 
do  fhèin-f  hiosrachadh  mu  Chriosd,  agus  thoir  an 
aire  nach  lean  thu  na  Crith-chreidmhich,  luchd 
na  Saor-thoile,  agus  mar  sin  sios.  Mar  an  ceudna, 
na  glèidh  companas  ro  thric  ri  cuid  do  na  h-ana- 
Baistich,  ged  a  's  e  sin  an  t-ainm  fo  'm  bheil  mi 
fèin  a  dol.  Tha  mi  ag  innseadh  dhuit  gu  bheil  so 
na  cùis  chudthromaich  agus  tha  eagal  orm  gu'n 
gabh  thu  co  beag  suim  dheth,  's  gu  bheil  a  bhi 
smaointeachadh  air  luach  an  ni,  agus  co  eatrom  ^a 
tha  e  drùdhadh  ort,  a'  cràdh  mo  chridhe  am  feaelli 
a  tha  mi  sgriobhadh  a'  t-ionnsuidh.    Gu'u  deonaich 


44 


AN  GILLE-RUITH 


an  Tighearna  do  theagasg  le  a  spiorad  chum  na 
slighe,  agus  an  sin  tha  mise  cinnteach  gu'n  aithnich 
thu  i.    "  Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  tu" 

Ceadaich  dhomh  innseadh  dhuit,  gu'n  toir  thu  'n 
aire  do  dhà  ni  air  an  t-slighe,  agus  mar  sin  theid  mi 
air  m'  aghaidh  gus  an  ath  ni. 

1.  Thoir  deadh  aire  nach  bi  thu  'g  earbsa  ri  ùmhl- 
achd  o'n  leth  a  muigh  do  aon  air  bith  do  àitheantan 
Dhe,  's  na  smaointich  gu  bràth  gu  bheil  thu  ni  sam 
bith  ni  's  feàrr  ann  an  sealladh  Dhè  air  a  shon  sin. 

2.  Thoir  fainear  nach  bi  thu  tarruing  sìth  do  t- 
anam  o  fhìreantachd  nàdurra  's  am  bith  :  Ach  ma 
*s  urrainn  dhuit  a  chreidsinn  mar  tha  thu  ann  a'  d* 
pheacach,  mar  an  ceudna  bithidh  tu  air  t-fhìrinn- 
eachadh  le  saor  ghràdh  Dhè',  tre  na  saorsa  tha  ann  an 
Criosd  ;  agus  gu'n  tug  Dia  air  sgàth  Chriosd  maith- 
eanas  dhuit,  cha'n  ann  do  bhrigh  gu'm  fac'  e  ni  's 
am  bith  air  a  dheanamh,  no  gu  bhi  air  a  dheanamh 
annad-sa,  no  leatsa,  chum  esan  a  ghluasad  gu  sin  a 
dheanamh  dhuit ;  oir  's  e  sin  an  rathad  ceart,  gu'n 
deònaich  an  Tighearna  do  chur  anns  an  t-slighe, 
agus  do  chumail  innte. 

An  dara  seoladh.  Ma  's  àill  leat  faotainn  chum 
na  slighe,  mar  sin  bu  chòir  dhuit  bhi  tric  a  me@r- 
achadh  agus  a  smaointeachadh  oirre.  Tha  fios  agad 
mu'n  mhuinntir  leis  an  àill  a  bhi  eolach  air  ni  's 
am  bith,  gu'm  bi  iad  gu  tric  a  meorachadh  air  an 
ni  sin,  agus  mar  sin,  's  iad-san  an  dream  a  dh' 
f  hàsas  eòlach  air  ni  's  am  bith.  Uime  sin,  bu  chòir 
dhuitse  bhi  ga'  d'  chleachda  fèin  ris  a  so,  a  bhi  do 
ghnàth  a  meorachadh  mu  Chriosd,  neach  is  e  an  t- 
slighe ;  Co  e  ?  Ciod  a  rinn  e  ?  agus  c'  arson  a  tha 
e  an  ni  a  thà  e,  agus  c'  arson  a  rinn  e  an  ni  a  rinn  e ; 
a'  arson  a  ghabh  e  air  fèin  cruth  seirbhisich,  Philip. 
ii.  7,  8. ;  c'  arson  a  rinneadh  e  ann  an  cruth  mar 
dhuine ;  c'  arson  a  ghlaodh  c  ;  c'  arson  a  bhàsaich 
e  ;  c'  arson  a  ghiùlain  e  peacadh  an  t-saoghail ;  c'ar- 
son  a  rinneadh  c  n'  a  ìobairt-pheacaidh,  2  Cor. 
v.  21 ;  agus  c'  arson  a  rinneadh  e  na  fhìreantachd  ; 


NEAMHAIDH. 


45 


c'  arson  a  tha  e  air  neamh  ann  an  nadur  an  duine, 
agus  ciod  a  ta  e  deanamh  an  sin  ? 

Bi  gu  tric  a  smaointeachadh  agus  a  beachdachadh 
air  na  nithibh  ud  ;  mar  an  ceudna  bi  ghnà  a  beachd- 
achadh  air  na  h-ionadaibh  a  dh'  fheumas  tu 
sheachnadh  ;  fàg  cuid  diubh  air  an  làimh  so,  agus 
cuid  eile  air  an  làimh  ud  ;  mar  ni  an  dream  a  bhios 
ag  imeachd  gu  dùthchanna  eile,  feumaidh  iad  a 
leithid  so  do  gheata  f  hàgail  air  an  làimh  so,  agus  a 
leithid  sud  do  phreas  air  an  làimh  ud,  agus  dol 
seachad  air  a  leithid  so  a  dh'  àite,  far  an  robh  a 
leithid  sud  do  ni  na  sheasamh,  uime  sin,  feumaidh 
tusa  'cheart  ni  a  dheanamh.  Seachainn  na  nithe 
sin  a  tha  gu  h-àraidh  air  an  toirmeasg  ann  am  focal 
Dhè\  ffAtharraich  do  slighe  fad  uaipe,  agus  na  tig 
am  fagus  do  dhorus  a  tighe  :  ni  a  ceumanna  greim 
air  ifrinn,  a  dol  sios  gu  seomraichibh  a'  bnais," 
Gnath.  v.  5,  8.  agus  vii.  27.  Seachainn  gaeh  ni 
nach  'eil  anns  an  t-slighe  ;  thoir  an  aire  nach  gabh 
thu  nan  rathad  sud  na  tig  am  fagus  doibh,  na  biodh 
gnothuch  agad  riutha.    Mar  sin  ruith. 

An  treas  seoladh.  Cha'n  e  mhàin  sud,  ach  anns  an 
ath  àite ;  feumaidh  tu  thu  fèin  a  rùsgadh,  agus  na 
nithe  sin,  an  crochadh  riut  a  bhios  'g  ad  bhacadh 
air  do  thurus  gu  rioghachd  neamh,  a  thilgeil  dhiot, 
mar  a  ta  sannt,  àrdan,  anamiann,  no  ni  's  am  bith 
chum  am  bheil  do  chridhe  ag  aomadh,  a  dh'  fheudas 
bacadh  a  chur  ort  anns  an  rèis  neamhaidh  so. 
Daoine  tha  ruith  air  son  duais,  ma  tha  iad  a  cur 
rompa  gu'm  buidhinn  iad  co  math  ri  ruith,  cha  'n 
àbhaist  doibh  eallach  a  chur  orra,  no  nithe  a  ghiùlan 
mu'n  cuairt  leo  a  chuireas  bacadh  orra  o  ruith. 

"  Tha  gach  uile  ghleachdair  measarra  anns  na 
h-uile  nithibh,''  1  Cor.  ix.  25.  Is  e  sin,  tha  e 
cur  dheth  gach  leth-trom  no  ni  's  am  bith  a  dh' 
fheudadh  a  bhi  na  eallaich  air;  mar  a  deir  an  t- 
Abstol.  "  Cuireamaid  dhinn  gach  leth-trom,  agus 
am  peacadh  a  ta  gu  furas  ag  iadhadh  umainn,  agus 
ruitheamaid  an  rèis  a  chuireadh  romhainn,"  Kabh. 


46 


AN  GILLE-RUITH 


xii.  I.  Cha  'n  'eil  ann  ach  diomhanas  dhuit  a  bhi 
labhairt  air  dol  do  neanih^,  ma  's  e  s  gu'n  leig  thu 
le  d'  chridhe  bhi  air  a  luchdachadh  leis  na  nithibh 
a  chuireadh  grabadh  ort.  Nach  abradh  tu  mar  so^ 
na  'm  biodh  neach  ann  a  lionadh  a  phòcaidean  do 
chlachan,  a  cheangladh  aodach  trom  mu  ghuail- 
nean,  agus  brogan  mòra  tròma  air  a  chasan.,  ann  an 
cunnart  call,  ged  ruitheadh  eV  Amhuil  an  so,  tha 
thu  lionadh  do  phòcaidean  le  claehan,  is  e  sin  ra 
ràdh,  tha  thu  lionadh  do  chridhe  leis  an  t-saoghal 
so,  s  'g  a  chrochadh  air  do  ghuailnean,  le  a  thlachd 
agus  le  a  thairbhe ;  Mo  thruaighe  !  mo  thruaighel 
tha  thu  fada  ann  am  mearachd ;  ma  's  e  's  gu  bheil 
a  mhiann  ort  gu'm  buidhinn  thu,  feumaidh  tu  thu 
fèin  a  rùsgadh,  's  gach  lethtrom  a  chur  dhiot, 
feumaidh  tu  bhi  measarra  anns  na  h-uile  nithibh. 
Mar  sin  feumaidh  tu  ruith. 

An  ceathramh  seòladh.  Bi  air  t-fhaicill  roimh  na 
frith-raidibh  leth-taobhach ;  thoir  an  aire  nach 
tionndaidh  thu  chum  nan  caol-shràidean  sin  a  tha 
treòrachadh  as  an  t-slighe.  Tha  ceumana  fiar  ann, 
ceumana  anns  am  bheil  daoine  dol  air  seachran, 
ceumana  tha  treòrachadh  chum  a'  bhàis  agus  dam- 
nadh  siorruidh,  Isa.  lix.  8.;  Gnath.  iii.  1?.,  agus 
vii.  25,  ach  bi  air  t-fhaicill  rompa  uile.  Tha  cuid 
dhiubh  cunnartach  a  thaobh  cleachdaidh,  agus  cuid 
eile  a  thaobh  barail,  ach  na  leig  ort  gu'm  faic  thu 
iad ;  thoir  an  aire  do  'n  rathad  a  tha  air  thoiseach 
ort,  amkairc  dìreach  romhad,  na  tionndaidh  aon 
chuid  chum  na  làimhe  deise,  no  clìthe,  ach  sealladh 
do  shuilean  air  an  aghaidh,  cadhon  dìreach  romhad ; 
"  Cothromaich  ceumana  do  chos,  agus  biodh  do 
slilighean  uile  air  an  socrachadh.  Na  tionndaidh  a 
chum  na  làimhe  deise,  no  clìthe  :  caruich  do  chos 
o'n  clc/'  Gnatli.  iv.  26,  27.  'S  e  'n  t-aobhar  nach 
'eil  a'  chomhairle  so  air  a  gabhail  co  dùrachdach  's 
a  tha  i  air  a  toirt  seachad,  a  chionn  gu  bheil 
muinntir  a  leum  o'n  bharail  so  gus  a'  bharail  ud 
ciie,  a  ruith  an  rathad  oo  's  an  rathad  ud  eile,  a 


NEAMHAIDH. 


47 


mach  as  a'  chaol-shràid  so  do  'n  chaol-shràid  ud  eile, 
agus  mar  sin  a'  call  an  rathaid  chum  an  rioghachd. 
Ged  nach  'eil  ach  aon  rathad  do  neamh,  gidheadh 
tha  iomadh  frith-rathad  agus  caol-shraid  cham 
maille  ri  iomadh  ceum  fiar  a'  sineadh  r'a  thaobh, 
mar  a  dh'f  heudas  mi  ràdh.  A  ris,  ged  is  e  riogh- 
achd  neamh  am  baile  's  mò,  gidheadh  mar  is  trice 
's  iad  na  frith-rathaidean  is  mò  th'  air  an  saltairt ; 
tha  mòran  do  luchd-turuis  a  gabhail  air  na  rath- 
aidean  so,  agus  uime  sin,  tha  'n  rathad  gu  neamh 
duilich  f  haotuinn,  agus  doirbh  imeachd  air  a  thaobh 
nan  rathaidean  ud  eile.  Gidheadh  tha  chuis  dìreach 
an  so  mar  bha  e  le  Rahab,  striopach  Iericho;  bha 
aice-se  aon  snàithein  sgarlaid  ceangailte  na  h- 
uinneig,  leis  an  robh  a  tigh  air  aithneachadh, 
Iosua  ii.  18:  Amhuil  an  so,  tha  sruthain  sgarlaid 
do  fhuil  Criosd  a'  ruith  air  feadh  an  rathaid  gu 
rioghachd  neamh ;  uime  sin  cuimhnich  so,  feuch 
gu'm  faigh  thu  fuil  Chriosd  a  chrathadh  ort  anns 
an  t-slighe,  agus  ma  gheibh,  biodh  deadh  mhisneach 
agad,  tha  thu  air  an  rathad  cheart ;  ach  thoir  an 
aire  nach  meall  thu  thu  fèin  le  faoin-bharail ;  oir  ma 
mheallas  feudaidh  tu  dol  a  steach  do  chaol-shràid 
no  rathad  air  bith ;  ach  a  chum  nach  teid  thu 
'mearachd,  thoir  fainear,  ge  d'  a  dh'  fheudas  iad 
bhi  ro  thaitneach  dhuit,  gidheadh  mur  faigh  thu 
mach  gu  bheil  e  sgriobhta  le  fuil  Chriosd,  ann  am 
fior  mheadhon  an  rathaid,  gu'n  tainig  e  chum  an 
t-saoghail,  a  theàrnadh  pheacach,  agus  tre  fhuil- 
san  gu  bheil  sinn  air  ar  fìrinneachadh  ged  a  tha 
sinn  ain-diadhaidh ;  seachainn  na  frith-rathaidean 
sin;  oir  is  e  so  a  tha  'n  t-abstol  a  ciallachadh,  'n 
uair  a  tha  e  'g  ràdh,  "  Uime  sin,  a  bhraithre,  do 
bhrìgh  gu  bheil  dànachd  againn  chum  dol  a  steach 
do  'n  ionad  a's  naomha  tre  fhuil  losa,  air  sliglie 
nuaidh  agus  bheò  a  choisrig  c  dhuinne,  tre'n  roimi- 
bhrat,  sin  r'a  ràdh,  tre'  fheòil  fèin,"  Eabh.  x.  19, 
20.  Cia  soirbh  a'  chuis  do'n  diabhol,  a  bhi  ro 
chealgach  air  son  anamaibh  bochd  anns  na  laithibh 


48 


AN  GILLE-RUITH 


so?   le  bhi  'g  innseadh  dhoibh  gur  iad  a  fhrith 
rathaidibh-san  an  t-slighe  do  neamh ;  Ma  bhios  a 
leithid  so  do  bharail  no  do  shaobh-smuain  air  an 
moladh  le  tuilleadh  is  aon  neach,  agus  an  sgriobh- 
adh  so  'leanas  air  a  chur  suas  air  leis  an  diabhul,  ag 
ràdh,  "'S  i  so  slighe  Dhè,"  cia  ullamh,  cia  cìocrach, 
a  ruitheas  anama  bochd  d'  a  h-ionnsuidh  's  ga  'n 
torradh  Mn  oirre,  gu  h-araidh  ma  bhios  i  air  a 
còmhdach    thairis    le    beagan  do  ghniomharaibh 
beusach  o'n  leth'  muigh,  ma  s  e  's  gu'm  bi  i  co 
math  is  sin  fèin:  Ach  's  e  is  aobhar  da  sin  do 
bhrigh  nach  aithne  do  dhaoine  na  frith-rathaidean 
daidhte  so  seach  an  rathad  rèidh  gu  rioghachd 
neamh.    Cha  d'  f  hoghluim  iad  fathast  co  e  am  fior 
Chriosd,  agus  ciod  e  fhìreanteachd-san,  ni  mò  tha 
mothachadh  aca  air  an  neo-iomlanachd  fèin  :  ach  a 
tha  iad  dana,  uaibhreach,  àrdanach,  agus  fèin-spèiseiL 
An  cuigeamh  seoladh.    Na  bi  'g  amharc  tuilleadh 
is  àrd  air  do  thurus  do  neamh.    Tha  fios  agad 
daoine  'bhios  a  ruith  rèis  nach  gnàth  leò  a  bhi 
sealltuinn  agus  a  beachdachadh  an  rathad  so  no  an 
rathad  ud  eile,  ni  mò  'a  abhaist  doibh  a  bhi  seall- 
tuinn  tuille  is  àrd,  air  eagal,  troimh  iomadh  beach- 
dachadh  na  spleuchdachadh  le  'n  sùilean  an  deigh 
nithibh  eile,  gu'  tuislich  iad  agus  gu'n  tuit  iad. 
Tha  'n  ni  so  air  a  cheart  doigh  ;  ma  sheallas  no  ma 
bheachdaicheas  tu  an  deigh  gach  barail  agus  rathad 
a  tha  teachd  a  steach  do  'n  t-saoghal,  mar  an 
ceudna  ma  bhios  tu  rannsachadh  tuilleadh  's  a 
chòir  a  steach  chum  òrduighean  diomhair  Dhè,  ma 
cheadaicheas  tu  do  d'  chridhe  tuilleadh  's  a  chòir 
do  aoidheachd  a  thoirt  do  chonnspaid  mu  thimchioll 
cuid  do  nithibh  neònach  agus  amaideach,  feudaidh 
tu  tuisleadh  agus  tuiteam,  mar  rinn  mòran  ann  an 
Sasunn,  le  bhi  dol  an  deigh  iomadh  saobh-bharail 
chum  an  sgrios  siorruidh  fèin,  as  eugmhais  gu'm  bi 
gràs  miorbhuileach  Dhè  ag  oibreachadh  gu  h-obann 
's  a  sìneadh  a  mach  chum  an  toirt  air  an  ais  a  rìs. 
Uimo  8in,  thoir  an  aire  nach  lean  thu  'n  spiorad 


NEAMHAIDH. 


43 


uaibhreach  agus  àrdanach  sin  a  tha  coltach  ris  an 
diabhol,  nach  urrainn  a  bhi  toilichte  le  'inbhe 
fèin.  Bha  spiorad  oirdheirc  aig  Daibhidh,  far  am 
bheil  e  'g  ràdh,  "  A  Thighearna,  cha  'n  'eil  mo 
chridhe  uaibhreach,  no  mo  shùilean  àrd;  agus  cha 
do  ghabh  mi  gnothuch  ri  nithibh  mòra,  no  ri  nith- 
ibh  àrda  air  mo  shon.  Gu  deimhinn  shocraich 
agus  chiùinich  mi  m'  anam,  mar  leanabh  a  chuir- 
eadh  o  chìch  a  mhathar ;  mar  leanabh  a  chuireadh 
o'n  chich  tha  m'  anam-sa."  Salm  cxxxi.  1,  2. 
An  ann  mar  sin  a  tha  thusa  ruith  ? 

An  seathamh  seòladh.  Thoir  an  aire  nach  bi  do 
chluas  fosgailte  ris  gach  aon  a  ghlaodhas  a'  d'  dhèigh 
'n  uair  a  tha  thu  air  do  thurus.  Tha  fios  agad  mu 
dhaoine  a  tha  ruith,  ma  ghlaodhas  neach  as  an 
deigh,  ag  ràdh,  tha  mhiann  orm  a  bhi  labhairt 
ruibh,  agus  a  bhi  'n  ar  cuideachd  mur  falbh  sibh 
tuille  is  luath ;  ma  's  e  's  gu  bheil  iad  a  ruith  air 
son  aobhar  àraidh,  freagraidh  iad,  cha  'n  fheud  mi 
fuireach,  oir  tha  mi  ann  an  cabhaig ;  guidheam  ort 
na  bi  bruidhinn  rium  an  tràths  :  oir  tha  mi  ruitb 
air  son  duais ;  agus  ma  's  e  's  gu'n  coisinn  mi,  bith- 
idh  mi  air  mo  dheanamh  suas,  ach  ma  chailleas  mi 
bithidh  mi  ann  am  dhuine  bochd ;  agus  uime  sin, 
na  cuir  dragh  orm.  Tha  daoine  ruith  air  an  doigh 
so  air  son  nithe  truaillidh ;  agus  's  ann  mar  so  bu 
chòir  dhuitse  ruith,  oir  tha  ni  's  mo  do  aobhar 
agad  air  son  sin  a  dheanamh  na  tha  aca-san,  do 
bhrigh  nach  'eil  iadsan  a'  ruith  ach  air  son  nithe 
nach  mair,  ach  tha  thusa  ruith  air  son  glòir  neo- 
thruaillidh.  Thug  mi  rabhadh,  dhuit  mu'n  ni  so 
gu  moch,  air  dhomh  fios  a  bhi  agam  gu'm  bi  gu 
leòir  a  glaodhaich  as  do  dheigh,  eadhon  an  diabhol, 
peacadh  an  saoghal  so,  cuideachd  dhiomhain,  toil- 
inntinnean,  buannachd,  urram  am  measg  dhaoine, 
socair,  greadhnachas,  uabhar,  maille  ri  cuidcachd 
do-àireamh  do'n  leithid  sud  do  chompanaich ;  tha 
aon  a'  glaodhaich^  fan  riumsa ;  tha  aon  eile  'g 
ràdh,  na  fàg  mise  a'  d'  dheigh ;  tha  'n  trsaa  aon  ag 

D 


50 


AN  GILLE-RUITH 


ràdh,  thoir  mise  maille  riut.  An  àill  leatsa  fìalbh 
arsa  an  diabhul,  as  eugmhais  do  pheacaidh,  do 
thoilinntinnean,  agus  do  bhuannachd?  Am  bheil 
do  chabhag  co  mòr  's  nach  fan  thu  gus  an  toir  thu 
iad  so  leat?  Am  fàg  thu  do  chàirdean  agus  do 
chompanaich  a'  d'  dheigh?  Nach  dean  thusa  mar 
tha  do  coimhearsnaich  a'  deanamh  ?  Nach  giùlain 
thu  'n  saoghal,  am  peacadh,  anamianna,  toilinntinn, 
tairbhe,  agus  urram  am  measg  dhaoinc  maille  riut  ? 
Tlioir  an  aire  nach  leig  thu  do  d'  chluais  a  bhi  fosg- 
ailte  do  bhuaireadh,  do  thàladh,  do  ribe,  agus  do 
mhiodal  sloiteil,  millteach,  oir  's  e  a  leithid  so  do 
mhealladh  anama,  tha  cur  anamaibh  mar  a  tha  iad 
so  ann  an  ioma-cheist.  "  A  mhic,  (arsa  Solamh,) 
ma  thà  laidheas  peacaich  thu,  na  aontaich  thusa  leo." 

Tha  fìos  agad  ciod  a  chost  e  do'n  duine  òg  air 
am  bheil  Solamh  a*  labhairt  ann  an  Gnath.  vii.  a 
chaidh  a  mhealladh  le  striopaich.  i(  Le  moran  da 
cainnt  mhilis  thug  i  air  aontachadh ;  le  miodal  a 
bilean  chomh-èignich  i  e.  Tha  e  a'  dol  'na  deigh 
gun  dàil  mar  a  thèid  an  damh  chuin  a  chosgaraidh, 
no  'n  t-amadan  a  chum  peanais  a'  chip  ;  eadhon  co 
fada,  gus  an  tèid  saighead  troimh  'àinean,  mar  a 
ghreasas  eun  do  'n  ribe,  gun  fhios  aige  gur  ann 
chum  a'  bhàis  a  ta  e.  A  nis  uime  sin  èisdibh  rium, 
a  chlann,  agus  thugaibh  aire  do  bhriathraibh  mo 
bheoil :  na  claonadh  do  chridhe  chum  a  sligheanna, 
na  rach  air  seachran  'na  ceumaibh,  oir  lot  agus  leag 
i  sìos  mòran;  seadh  chaidh  mòran  do  dhaoinibh 
treuna  a  mharbhadh  leatha  (is  e  sin  chumadh  a 
mach  à  neamh  iad) :  is  e  a  tigh  an  t-slighe  gu  h- 
ifrinn,  a'  dol  sìos  gu  seomraichibh  a'  bhàis.,,  Anam, 
gabh  a  chomhairle  so,  agus  abair,  a  Shàtain,  a  pheac- 
aidh,  ana-miannaibh,  a  thoilinntinn,  a  thairbhc, 
àrdain,  a  chhirdean,  a  chompanacha,  agus  na  h-uile 
ni  eile,  fàgaibh  mi,  fanaibh  air  falbh,  na  tigibh  am 
chòir,  oir  tha  mise  ruith  air  son  nèamh,  air  son  m' 
anama,  air  son  Dhè,  air  son  Chriosd,  o  ifrinn  agus 
o  pheanas  siorruidh ;  ma  choisneas  mi,  coisnidh  mi, 


NEAMHAIDH. 


51 


na  h-uile  nithe,  agus  ma  chailleas  mi,  caìllidh  mi 
'n  t-iomlan:  leigibh  tàmh  dhomh,  oir  cha'n  cisd 
mi  ribh.    Gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  tusa. 

An  seachdamh  seoladh.  Anns  an  ath  àite,  na 
biodh  geilt  ort,  ged  a  thacharas  tu  ri  iomadh  mi- 
mhisneach  air  do  thurus.  An  neach  a  tha  cur 
roimhe  dol  do  neamh,  mur  urrainn  Satan  a  mheall- 
adh  le  miodal,  ni  e  dhichioll  chum  a  lagachadh  le 
mi-mhisnich  ;  ag  ràdh,  tha  thu  ann  a'  d'  pheacach, 
bhris  thu  lagh  Dhe,  cha  'n  'eil  thu  air  do  thaghadh, 
thainig  thu  ro  anamoch,  tha  latha  nan  gràs  air  dol 
seachad,  cha  'n  'eil  umhail  aig  Dia  dhuit,  tha  do 
chridhe  olc,  tha  thu  ann  a'  d'  lunndaire,  's  e  so  a 
deir  Sàtan,  maille  ri  ceud  mi-mhisneach  agus  cag- 
ars  aich  eile.  Agus  is  ann  mar  so  a  bha  e  maille  ri 
Daibhidh,  far  am  bheil  e  'g  ràdh,  Salm  xxvii  13, 
14.  "  Theicheadh  mo  mhisneach  air  cul,  mur 
creidinn  gu'ni  faicinn  maitheas  an  Tighearna  ann 
an  tìr  nam  beò."  Mar  gu'n  abradh  e,  bha  leithid 
do  chorruich  air  Sàtan,  agus  bha  mo  chridhe  co 
truaillidh,  's  mu'r  breithnichinn  sinn  a  rèir  mo 
mhothachaidh  agus  m'  fhaireachduinn  fè'm,  bhith- 
inn  gu  h-iomlan  air  mo  chlaoidh,  ach  dh'earb  mi 
ri  Criosd  anns  a'  ghealladh,  agus  bha  sùil  agam 
gu'm  biodh  Dia  co  math  ra  ghealladh  dhomh,  's 
gu'n  deanadh  e  tròcair  orm,  a  bha  'm  pheacach 
neo-aithrigh ;  agus  is  e  so  an  ni  a  thug  misneach 
dhonih,  agus  a  chum  mi  o  fhailneachadh.  Agus 
feumaidh  tusa  so  a  dheanamh,  'n  uair  a  bhios, 
Satan,  an  lagh,  no  do  choguis  fèin,  a'  dol  mu'n 
cuairt  chum  do  mhi-mhisneachadh,  aon  chuid  le 
meud  do  pheacaidh,  aingidheachd  do  chridhe, 
buainead  na  slighe  toilinntinnean  o'n  leth  a' 
muigh,  agus  am  fuath  gheibh  thu  o'n  t-saoghal, 
no  'n  leithid  sin;  an  sin  feumaidh  tu  misneach  a 
ghlacadh  le  saorsa  nan  geallaidhean,  teo-cliridlieachd 
Chriosd,  toilltinneas  'fhola,  saorsa  a  chuiridhean 
chum  teachd  a  steach,  meud  pcacaidh  muinntir 
eile  a  fhuair  mathanas^  agus  gu  bheil  an  Dia  ceudna 


52 


AN  GILLE-RUITH 


troimhn  cheart  Chriosd  sin.  a  cumail  a  mach  a 
cheart  ghràis  co  saor  's  a  bha  e  riamh.  Mur  e  so 
do  bheachd-smaointean,  cha'n  imich  thu  ach 
lunndach  air  an  t-slighe  do  neamh,  mur  toir  thu 
suas  na  h-uile  nithibh  mar  ni  caillte,  agus  mar  sin 
sguir  do'n  leantuinn  ni  's  faide ;  uime  sin,  tha  mi 
'g  ràdh,  gabh  misneach  ann  do  thurus,  agus  abair 
riusan  a  tha  'g  iarraidh  do  sgrios,  "Na  dean 
gairdeachas  a'  m'  aghaidh,  O  mo  nàmhaid;  ged 
thuit  mi  èiridh  mi ;  ged  shuidheam  ann  an  dorch- 
adas,  bithidh  an  Tighearna  'na  sholus  dhomh." 

An  t-ochdamh  seoladh.  Thoir  an  aire  nach  fhaigh 
thu  oilbheum  anns  a'  chrois,  air  an  tèid  thu  seachad 
mu'n  ruig  thu  neamh.  Feumaidh  tu  thuigsinn 
(mar  a  thuirt  mi  cheana)  nach'  eil  a  h-aon  a  thèid 
do  neamh  nach  feum  dol  rathad  na  croise.    Oir  is 

1  'chrois  an  comharra-slighe  air  am  bheil  gach  uile 
neach  a  thèid  gu  glòir  a  dol  seachad.  *f  Is  ann  tre 
iomadh  àmhghar  is  èigin  duinn  dol  a  steach  do 
rioghachd  Dhè,,,  Gniomh.  xiv.  22.  "  Seadh,  fuil- 
igidh  iadsan  uile  leis  an  àili  am  beatha  a  chaitheadh 
gu  diadhaidh  ann  an  losa  Criosd,  gur  leanmhuinn," 

2  Tim.  iii.  12.  Ma  tha  thusa  air  an  rathad  chum  na 
rioghachd,  cuiridh  mi  mo  bheatha  air  son  do 
bheath-sa  gu'n  tachair  a'  chrois  ort  an  ùine  ghoirid ; 
gu'n  deonaich  an  Tighearna  nach  gabh  thu  geilt 
roimhpe,  air  chor  's  nach  pilleadh  tu  air  t-ais  a  rìs. 
"Ma's  àill  le  neach  air  bith  teachd  a'  m'  dhèigh-sa, 
àicheadhadh  se  e  fèin,  agus  togadh  e  a  chrann- 
ceusaidh  gach  là,  agus  leanadh  e  mise/'  Luc.  ix. 
23.  agus  Mata  xvi.  24.  Tha  'chrois  a'  seasamh, 
agus  sheas  i  o  thoiseach,  mar  chomhara-slighc 
clium  rioghachd  neimh.  Tha  fìos  agad  ma  dh'f  heor- 
aicheas  neach  an  rathad  dhiot  chum  a  leithid  so 
no'  leithid  sud  a  dh'  àite ;  cha  'n  e  a  mhàin  gu'n 
abair  thu,  's  i  so  an  t-slighe_,  ach  mar  an  ceudna, 
chum  a  sheòladh  ni  's  fcarr,  their  thu,  feumaidh 
tu  dol  seachad  air  a  leithid  so  do  ghcata,  air  a 
leithid  so  a  phreas,  no  'chraoibh,  no  'dhrochaid, 


NEAMHAIDH. 


53 


no'n  leithid  sin.  Is  amhuil  an  so ;  am  bheil  thu 
feòraich  an  rathaid  gu  neamh?  Tha  mise  'g 
innseadh  dhuit  gur  e  Criosd  an  t-slighe ;  feumaidh 
tu  faotuinn  da  ionnsuidh-san,  chum  ionracais  gu 
bhi  air  t-f  hìrinneachadh ;  agus  ma  tha  thu  anns-an, 
ann  am  priobadh  na  sùl,  chi  thu  'n  crann-ceusaidh  ; 
feumaidh  tu  dol  seachad  co-dlùth  air;  feumaidh 
tu  beantuinn  ris,  feumaidh  tu  'thogail  suas,  no  theid 
thu  as  an  t-slighe  tha  treòrachadh  gu  neamh,  agus 
pillidh  tu  gu  aon  do  na  caol-shràidean  cama  sin  a 
tha  treòrachadh  sios  gu  seòmraichibh  a'  bhàis. 

A  nis  feudaidh  tu  'n  crann-ceusaidh  aithneachadh 
leis  na  seà  nithibh  so. 

1 .  Aithnichear  e  ann  an  teagasg  an  f hireanachaidh. 
2.  Ann  an  teagasg  an  fhèin-cheusaidh.  3.  Ann  an 
teagasg  na  buan-mhaireachduinn.  4.  Ann  am  fein 
àicheadh.  5.  Am  foighidinn.  6.  A'  bhi  ann  an  co- 
chomunn  ris  a'  chuid  sin  a  tha  bochd  do  naoimh  Dhè. 

1.  Tha  mòran  do'n  chrann-cheusaidh  ann  an 
teagasg  an  f  hireanachaidh ;  tha  neach  air  èigneach- 
adh  gu  bhi  ceadachadh  fhìreantachd  fèin  a  bhi  air 
a  sgrios  air  son  fìreantachd  neach  eile.  Cha'n  'eil 
e  na  chuis  shoirbh  do  neach  so  a  dheanamh ;  tha 
mise  'g  innseadh  dhuit  gu  cinnteach,  nach  'eil  fèith 
a  tha  na  chridhe  nach  sìn  e,  rau'n  toirear  air  gu'n 
striochd  e  dha.  Seadh,  's  gu'm  feum  neach  e  fèin 
àicheadh,  'urnuighean  a  thilgeil  air  falbh,  le  dìmeas 
agus  gràin ;  a  dheircean,  a  choimhead  air  sàbaidean, 
'èisdeachd,  a  leughadh,  maille  ris  a'  chuid  eile  ann 
an  gnothuch  an  fhìreanachaidh  a  thilgeil  uaith, 
agus  am  meas  malluichte;  agus  a  bhi  toileach  ann 
an  dearbh  mheadhon  a  mhothachaidh  air  a 
pheacaidhean,  e  fèin  a  thilgeil  gu  h-iomlan  air 
fìreantachd  agus  ùmhlachd  neach  eile^  a'  gabhail 
gràin  do  a  chuid  fèin,  'g  am  meas  mar  pheacadh 
marbhtach,  's  mar  bhearn  fhosgailte  do'n  lagh :  tha 
mi  'g  ràdh  gur  e  so  a  dheanamh  gu  dùrachdach 
agus  ann  am  fìrinn,  a'  chuid  is  mò  do'n  chrois; 
uime  sin  tha  Pòl  a'  gairin  do'n  dearbh  ni  so  fulang, 


54 


AN  GILLE-RUITH 


Philip.  iii.  8,  9,  "  Agus  dh'f  huiling  mi  call  nan  uile 

nithe  (ni  b'e  gu  sonruichte  f  hìreantachd,)  chum  gu 
'n  coisninn  Criosd,  agus  gu  faighear  ann-san  mi,  gun 
m'  fhìreantachd  fem  agam  ;"  ach  gu  diùltadh. 

2.  Ann  an  teagasg  an  fhèin-cheusaidh  thr  mòran 
do'n  chrois.  Am  bheil  ach  neo-ni  do  neach  greim 
a  dheanamh  do  bharailean  truaillidh,  a  pheacaidhean 
gràineil,  peacaidhean  a  bhroillich,  a  pheacaidhean 
ionmhuinn,  taitneach,  agus  gràdhach,  a  tha  co 
dlùth  dha  's  a  tha  'n  fheoil  do  na  cnàmhaibh  ?  An 
caill  mi  na  nithe  taitneach  so  uile  'tha  mi  faicinn 
le  m'  shùilean  ?  An  caill  mi  m'  àrdan,  mo  shannt, 
mo  chuideachd  dhiomhain,  m'  fhearas-chuideachd, 
agus  mo  thoilinntinnean,  agus  gach  ni  eile?  Tha 
mise  'g  innseadh  dhuit  nach  'eil  so  na  ni  soirbh ; 
na'm  biodh  ciod  am  feuin  a  th'  air  na  h-ùrnuighean, 
air  na  h-osnaidhean,  na  deoir,  agus  a'  chaithris  ud 
uile  ?  C'  arson  a  ruigeas  sin  a  leas  a  bhi  co  neo- 
thoileach  teachd  d'a  h-ionnsuidh  ?  Ni  h-eadh,  nach 
'eil  thu  faicinn,  gu  bheil  cuid  do  dhaoine  mu'n 
tòisich  iad  air  an  obair  so,  a'  call  an  anama,  neamh. 
Dhè,  Chriosd,  agus  na  h-uile  nithibh  ?  Ciod  is  ciall 
do  gach  dàil  agus  moille  a  tha  na  daoine  sin  a' 
deanamh,  a  tha  'g  ràdh  fuirich  beagan  ni  's  faide, 
tha  leisg  orm  mo  pheacaidh  f  hàgail,  am  feadh  a  tha 
mi  òg,  agus  ann  am  shlàinte  ? 

A  rìs,  ciod  an  t-aobhar  a  tha  toirt  air  muinntir 
eile  an  obair  so  a  dheanamh  na  dà  leth,  gu  mi- 
churamach,  agus  gu  h-ainmig  ged  a  bhios  iad  air  an 
dearbhadh  thairis  is  thairis ;  ni  h-eadh,  agus  mar 
an  coudna  geallaidh  iad  athleasachadh,  agus  gidh- 
eadh  tha  'n  t-iomlan  an  diomhanas ;  tha  misc  'g 
innseadh  dhuit  nach  'cil  làmhan  dcas  a  ghearradh 
air  falbhi  no  sùilean  deas  a  spionadh  a  mach,  ro 
thaitneach  do'n  fheòil. 

3.  Tha  teagasg  na  buan-mhaireachduinn  mar  an 
ceudna  na  chrois  do'n  fheòil:  seadh,  eha'n  c  a 
mhàin  toiscachadli  ach  buanachadh,  cha'n  e  'mhàin 
iarraidh  gu  ciatach,  agus  a'  ràdh.  b'  fhearr  leam 


NEAMHAIDH. 


55 


gu'n  robh  neamh  agam,  ach  aithne  bhi  agam  air 
Criosd,  Criosd  a'  chuir  umam,  agus  imeachd  maille 
ris  chum  teachd  gu  neamh.  Gun  cheist  cha  'n  'eil 
e  na  chùis  mhòir  's  am  bith  tòiseachadh  ri  amharc 
air  son  neamh,  seadh,  toiseachadh  ris  an  Tighearna 
iarraidh,  agus  toiseachadh  ris  a'  pheacadh  a  sheach- 
nadh  ;  ach  O  !  tha  e  na  ghnothuch  mòr  buanachadh 
ann  a'  moladh  an  Tighearna !  "  Mo  sheirbhiseach 
Caleb,  arsa  Dia,  is  duine  e  do  spiorad  eile,  lean  e 
mi,  (lean  e  mi  'n  còmhnuidh,  lean  e  mi  do  ghnà,) 
gu  h-iomlan,  sealbhaichidh  esan  an  tìr,"  Aireamh. 
xiv.  24.  Cha  mhòr  nach  tainig  uile  mhìltean 
chloinn  Israeil  nan  ginealach,  gearr  air  buan-mhair- 
eachduinn  'n  uair  a  dh'imich  iad  o'n  Eiphit  gu  tir 
Chanaan.  Gu  dearbh  chaidh  iad  an  toiseach  a  dh' 
ionnsuidh  na  seirbhis  gu  math  toileach,  ach  cha 
robh  an  uchdach  ach  gle  ghoirid,  cha  b'  fhada  bha 
iad  a  call  na  h-analach,  agus  'n  an  cridheachar* 
phill  iad  a  rìs  air  an  ais  do'n  Eiphit. 

Tha  e  na  ni  soirbh  gu  leoir  do  dhuine  ruith  luath 
car  tacain,  air  son  fearas-chuideachd,  feadh  mile  na 
dhà  ;  ach  O !  buanachadh  feadh  ceud,  feadh  mìle, 
feadh  ceud  mìle  mhìltean ;  an  duine  ni  so,  feumaidh 
e  suil  a  bhi  aige  gun  coinnich  e  ri  iomadh  crois, 
cràdh,  agus  sgrios  do'n  fheòil,  gu  h-àraidh  mar  a 
theid  e  air  aghaidh,  coinnichidh  e  ri  dris,  suileacha- 
crith,  agus  eallaichean  eile  a  tha  deanamh  a  thuruis 
ni  's  ro  chràitiche. 

Ni  h-eadh,  nach  'eil  thu  faicinn  le  d'  shùilean 
gach  latha,  gur  e  cuibhrionn  mhòr  do'n  chrois  a  tha 
ann  am  buan-mhaireachduinn  ?  Ciod  eile  an  t- 
aobhar  rau'm  fàs  muinntir  sgìth  dheth  co  luath !  b' 
urrainn  domh  mòran  a  chomharrachadh  a  mach, 
an  deigh  dhoibh  slighean  Dhè  a  leantuinn  bliadhna, 
dream  eile  math  dh'  fheudta  dha,  trì,  no  ceithir 
bliadhna  (cuid  ni  bu  mhò,  agus  cuid  ni  bu  lugha)  a 
stad,  's  a  bha  bliadhnachan  gun  anail,  a  thog  an 
cairtealan  agus  a  ghabh  fois  mu'n  d'  rainig  iad  lcth 
an  rathaid  gu  neamh.  cuid  anns  a'  pheacadh  so 


56 


AN  GILLE-RUITH 


agus  cuid  anns  a'  pheacadh  ud ;  agus  a  thuirt  gu  h- 
uaigneach,  ni  h-eadh,  agus  air  uairibh  gu  follaiseach, 
tha'n  rathad  ro  chumhan,  tha'n  reis  ro  fhada,  an 
ereidimh  ro  naomh,  agus  cha'n  urrainn  mi  'leantuinn, 
cha'n  urrainn  mi  dol  ni  's  faide. 

Agus  mar  an  ceudna,  a  thaobh  nan  trì  eile, 
eadhon,  foighidinn,  fèin-àicheadh,  co-chomunn  ri 
naoimh  bhochd :  Cia  cruaidh  na  nithe  so !  Tha 
e  na  ni  furasda  neach  eile  àicheadh,  ach  cha'n  'eil 
e  na  ni  ro  shoirbh  do  dhuine  e  fèin  àicheadh;  mi 
fèin  àicheadh  le  gaol  a  thoirt  do  Dhia,  d'  a  shoisg- 
eul,  d'a  naoimh,  do'n  bhuannachd  so,  agus  do'n 
t-sochair  sin ;  ni  h-eadh,  do'n  ni  sin  a  dh'f  heudainn 
a  dheanamh  gu  laghail  air  sheol  eile,  mar  biodh 
oilbheum  a  thoirt  dhoibh.  Cha  'n  'eil  an  sgriobtur 
so  ach  ainmic  air  a  leughadh,  agus  ni  's  ro  ainmice 
air  a  chur  an  cleachdamh,  a  tha  g  ràdh,  *£  Cha'n 
ith  mi  feoil  a  chaoidh,  chum  nach  toir  mi  aobhar 
oilbheim  do  m'  bhràthair,"  1  Cor.  viii.  13.  A  rìs, 
r'Is  còir  dhuinne  a  ta  làidir,  giùlan  le  anmhuinn- 
eachd  na  muinntir  sin  a  ta  lag,  agus  gun  sinn  fèin 
a  thoileachadh/,  Rom.  xiv.  1.  Ach  cia  co  ceann- 
làidir,  cia  bras,  cia  frionasach  agus  fèin-speiseil  a 
tha  'mhòr  chuid  do  luchd-aidmheil  'nar  latha-nc? 
Mar  an  ceudna  cia  beag  suim  a  th'  aca,  do  na 
bochdan?  saor  o  ràdh.  Bi  air  do  gharadh,  bi  air 
do  shàsuchadh !  Ach  is  obair  thearc  a  bhcag  a 
thoirt  dhoibh ;  gu  h-àraidh  do  na  bochdaibh.  Tha 
mise  'g  innseadh  dhuit  gu  bheil  na  h-uile  nithe  na'n 
crois  do  fheoil  agus  do  fhuil;  agus  an  neach  sin 
aig  nach  'eil  ach  sùil  gu  faire  thairis  air  an  f  heòil ; 
agus  mar  an  ccudna  aig  a'  bheil  ni-eigin  do  thomhas 
neart  na  h-aghaidh,  mothaichidh  c  'chridhe  anns 
na  nithc  so  coltach  ri  each  fìata,  a  mharcaichear  as 
eugmhais  srian  chasgaidh,  thu  c  ullamh  gu  clisgcadh 
roimh  gach  ni ;  scadh,  agus  ullamh  gu  ruith  air 
falbh,  a  dh'aindcoin  a  mharcaiche. 

ls  i  'chrois  a  tha  cumail  air  an  ais  na  dreama  sin 
a  tha  air  an  cumail  a  mach  à  ncamh.    rriia  mi 


NEAMHAIDH. 


57 


cinnteach  as,  mur  biodh  a'  chrois,  gu'm  biodh  fichcad 
fear-aidmheil  againn  an  àite  gach  aoin  a  tha  againn  ; 
ach  's  i  'chrois  so  o  a  tha  milleadh  an  iomlain. 

Mar  thuirt  mi  roimhe,  tha  cuid  do  dhaoine,  'n 
uair  a  thig  iad  gus  a'  chrois,  nach  urrainn  dol  ni  's 
faide,  ach  feumaidh  iad  dol  air  an  ais  a  rìs  chum  am 
peacaidh.  Tha  dream  eile  a  tuisleadh  ròimpe,  agus 
a  briseadh  am  muineal :  a  ris  tha  dream  eile,  'n 
uair  chi  iad  a'  chrois  a  thig  am  fagus ;  ach  gabhaidh 
iad  a  leth-taobh  chum  na  làimhe  deise  no  na  làimhe 
clithe,  agus  mar  sin,  tha  iad  a  smaointeachadh  gu'm 
faigh  iad  gu  neamh  air  slighe  eile ;  ach  bithidh  iad 
air  am  mealladh.  "  Seadh,  fuilgidh  iadsan  uile  leis 
an  àill  am  beatha  a  chaitheadh  ^u  diadhaidh  ann 
an  Iosa  Criosd,  geur-leanmhuinn,  '  2  Tim.  iii.  12. 
Cha'n  'eil  iad  ach  tearc,  'n  uair  a  thig  iad  gus  a' 
clirois  a  ghlaodhas,  "  'S  e  do  bheatha  'chrois/'  mar 
rinn  cuid  do  na  martarich  ris  a'  phost  far  an  robh 
iad  air  an  losgadh.  Uime  sin,  ma  thachras  tu  ris 
a'  chrois  air  do  thurus,  ge  b'e  doigh  air  an  tachair  i 
riut,  na  bi  fo  mhi-mhisnich,  agus  na  abair,  mo 
thruaighe !  ciod  a  ni  mi  nis  ?  ach  gu  ma  fearr  leat 
misncach  a'  ghabhail,  air  dhuit  fìos  a  bhi  agad  gur 
ann  troimh  'n  chrios  a  tha  'n  rathad  chum  na 
rioghachd.  An  urrainn  neach  creidsinn  ann  an 
Criosd,  agus  gun  a  bhi  air  fhuathachadh  leis  an 
diabhul?  An  urrainn  e  'n  Criosd  so  aideachadh, 
agus  sin  gu  milis  agus  gun  teagamh,  agus  clann  an 
diabhuil  a  bhi  nan  tosd?  No  'm  fuiling  an  diabhul 
gu'm  bi  Criosd  air  a  ghlòrachadh  le  creidcamh  agus 
còmhradh  neamhaidh,  agus  leigeil  do'n  anam  sin  a 
bhi  ann  an  sìth?  Nach  do  leugh  thu  riamh,  mar 
rinn  an  dragon  geur  leanmhuinn  air  a'  mlinaoi? 
Taisb.  xii.  Agus  gu  bheil  Criosd  ag  ràdh,  "  Anns  an 
t-saoghal  bithidh  àmhghar  agaibh."    Eoin  xvi.  33. 

An  naoidheamh  seoladh.  Guidh  air  Dia  gun  dean 
e'n  dà  ni  so  air  do  shon.  Air  tùs,  Gu'n  soillsicheadh 
e  do  thuigse;  's  an  dara  J-ite,  gun  tugadh  e  toil  bheo 
dhuit.    Ma  bhios  an  dà  ni  so  air  an  deanamh  gu  h- 


58 


AN  GILLE-RUITH 


eifeachdach,  cha  'n  'eil  eagal  nach  fhaigh  thu  tear- 
uinte  gu  neamh.  'S  e  aon  do  na  mòr  aobhair  air 
son  am  bheil  co  beag  suim  aig  daoine  agus  aig 
mnathaibh  do'n  t-saoghal  eile,  do  bhrigh  gu  bheiì 
iad  a  faicinn  co  beag  dheth,  a  chionn  gu  bheil 
an  tuigse  air  a  dorchadh;  agus  uime  sin,  a  deir 
Pol  ris  na  creidmhich.  t(  Na  imichibh  a  so  suas  mar 
a  ta  na  Cinnich  ag  imeachd,  ann  an  diomhanas  an 
inntinn  fèm;  aig  am  bheil  an  tuigse  air  a  dorch- 
achadh,  air  dhoibh  bhi  'nan  coimhich  do  bheatha 
Dhè,  thaobh  an  aineolais  (no  'n  amaideachd)  a  ta 
annta,  tre  chruas  an  cridhe,"  Ephes.  iv.  17,  18. 
Na  imich  mar  ni  iad  sud,  na  ruith  maille  riu :  mo 
thruaighe !  anamaibh  bochd,  tha  'n  tuigse-san  air 
an  dorchachadh,  an  cridheachan  air  an  dalladh, 
agus  is  e  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  an  smaointean  co 
suarach  's  a  deanamh  a  leithid  do  dhi-meas  air  an 
Tighearna  losa  Criosd,  agus  slainte  an  anama.  Oir 
'n  uair  a  thig  daoine  gu  nithibh  an  t-saoghail  eile 
fhaicinn,  ciod  an  Dia,  ciod  an  Criosd,  ciod  an 
neamh,  agus  ciod  a'  ghloir  shiorruidh  a  tha  gu  bhi 
ri  mhealtuinn:  mar  an  ceudna  n  uair  chi  iad  gu 
bheil  e  so-dheanta  dhoibhsan  cuibhrionn  a  bhi  aca 
ann,  tha  mise  'g  innseadh  dhuit,  gun  toir  e  orra 
ruith  troimh  bhog  'is  chruaidh  chum  a  mhealtuinn. 
Fhuair  Maois  sealladh  dheth,  do  bhrigh  gun  robh 
a  thuigse  air  a  soillseachadh,  uime  sin  cha  robh 
eagal  air  roimh  fheirg  an  Righ,  Ci  Ach  ròghnaich 
e  àmhghar  fhulang  maille  ri  slua^h  Dhè,  roimh 
shòlas  a'  pheacaidh  a  mhealtuinn  re  seall,"  Eabh. 
xi.  25.  Dhiùlt  e  bhi  air  a  ghairm  'na  mhac  do 
nigliinn  Righ  Pharaoh ;  ach  's  ann  a  chunnt  e  gu'in 
bu  shaibhreas  iongantach  dha  bhi  air  a  mhcas 
aii  idh  air  àmhghar  fhulang  air  son  Chriosd,  maille 
ris  na  naoimh  bhochd  air  an  robh  tarcuis  air  a 
dhcanamh ;  agus  's  e  b'  aobhar  dha  so,  do  bhrigh 
gu'm  faca  c  'n  ti  a  ta  neo-fhaicsinncach,  agus  bha 
suil  aigc  ris  an  luacli  saoithreach.  Agus  is  e  sin  an 
ni  air  son  am  bhcil  an  t-al)stol  gu  tric  ag  urnuigh 


NEAMHAIDR. 


59 


'n  a  litrichibh  chum  nan  naomhaibh  ag  radh, 
"  Chum  fios  a  bhi  agaibh  ciod  e  dòchas  a  ghairme- 
san,  agus  ciod  e  saoibhreas  glòire  oighreachd-san 
anns  na  naomhaibh;  agus  gu'm  bi  sibh  comasach 
maille  ris  na  naomhaibh  uile,  air  a  thuigsinn  ciod  e 
leud,  agus  fad,  agus  doimhne,  agus  àirde;  agus  air 
gràdh  Chriosd  aithneachadh,  a  chaidh  thar  gach 
uile  eòlas."  Ephes.  i.  18.  iii.  18,  19.  Dean 
urnuigh,  uime  sin,  gu  'n  soillsicheadh  Dia  do 
thuigse;  oir  bithidh  sin  na  chuideachadh  mòr 
dhuit.  Bheir  e  ort  iomadh  losgadh  cràiteach  fhul- 
ang  air  son  Chriosd ;  mar  a  deir  Pol,  "  Dh'fhuiling 
sibh,  an  dè'igh  dhuibh  bhi  air  bhur  soilìseachadh_, 
gleachda  mòr  fulangais.  Ghabh  sibh  le  luathghair 
ri  creachadh  bhur  maoin,  air  dhuibh  fios  a  bhi 
agaibh  annaibh  fèm  gu  bheil  agaibh  air  neamh 
maoin  is  fearr,  agus  a  ta  maireannach,"  Eabh.  x. 
32,  34.  Nam  biodh  seud  ro-luachmhor  na  laidhe 
ann  an  rathad  neach,  gidheadh  mur  faic  e  i,  's  ann 
is  docha  e  saltairt  oirre  na  cromadh  sios  gu  a  togaiì, 
do  bhrigh  nach  robh  e'ga  faicinn.  Is  ann  mar  sin 
a  tha  'chuis  an  so,  ged  a  tha  neamh  luachmhor, 
agus  ged  a  tha  t-fheum-sa  mòr  air,  gidheadh  mur 
faic  thu  e,  is  e  sin  mur  'eil  do  thuigse  air  a  fosgladh 
no  air  a  soillseachadh  chum  'fhaicinn,  cha  ghabh 
thu  suim  air  bith  dheth:  uime  sin  glaodh  ris  an 
Tighearna  air  son  gràs  soillseachaidh,  agus  abair, 
A  Thighearna  fosgail  mo  shuilean;  A  Thighearna 
thoir  air  falbh  am  brat  dorcha  o  m'  chridhe,  leig 
ris  dhomh  nithibh  an  t-saoghail  eile,  agus  leig 
dhomh  am  millsead,  an  glòir,  agus  an  oirdheir- 
ceas  fhaicinn  air  sgàth  Chriosd. 

An  deicheamh  seoladh.  Glaodh  ri  Dia  gu'n  las- 
adh  e  do  thoil,  mar  an  ceudna,  le  nithibh  an  t-saogh- 
ail  eile.  Oir  'n  uair  a  tha  toil  duine  suidhichtc 
air  an  ni  so  no  air  an  ni  ud  eile  dheanamh,  feum- 
aidh  e  bhi  na  chuis  chrnaidh  a  bhaeas  an  ncach  sin 
o  ni  a  tha  na  rùn  a  dheanamh.  'N  uair  a  bha  toil 
Phòil  suidhichte  air  dol  suas  do  lerusalem  (gcd  a 


m 


AN  GILLE-RTJITH 


bha  e  air  innseadh  dha  roi'-làimh,  ciod  a  dh'  f  huil- 
ingeadh  e_,)  cha  do  ghabh  e  idir  mi-mhisneach ;  ni 
h-eadh  ars'  esan,  c(  Tha  mise  ullamh  cha  'n  e  a 
inhàin  gu  bhi  air  mo  cheangal,  ach  eadhon  gu  bàs- 
uchadh  ann  an  lerusalem  air  son  'ainme  an  Tigh- 
earna  losa,"  Gniomh.  xxi.  13.  Bha  thoil  air  lasadh 
le  gràdh  do  Chriosd,  agus  uime  sin  bha  gach  comh- 
airle  a  chaidh  a  ghnathachadh  ann  an  neo-bhrigh. 

Cha  'n  eil  fios  aig  neach  air  bith  ciod  a  nithear 
ris  an  t-sluagh  a  tha  fèm-thoileil ;  is  tric  leinn  a' 
ràdh,  bithidh  a  thoil  fèin  aige,  dean  thusa  na  's 
urrainn  duit.  Gu  dearbh  tha  leithid  sin  do  thoil 
air  son  neamh  na  buannachd  ionmholta  do'n  neach 
a  ghabh  os-laimh  an  rèis  a  ruith  a  muigh  's  a  mach 
do  neamh,  agus  aig  am  bheil  a  thoil  suidhichte  air, 
s  a  tha  'g  ràdh,  ni  mi  mo  dhichioll  air  son  mo 
bhuannachd  fe'in;  ni  mi  na  's  urrainn  mi  air  mo 
naimhdean  chum  am  bacadh ;  cha  gheill  mi  co  fad' 
's  a  's  urrainn  mi  seasamh ;  bithidh  e  agam  no 
caillidh  mi  mo  bheatha;  "  ge  do  mharbh  e  mi 
earbaidh  mi  as :"  cha  leig  mi  air  falbh  thu  mur 
beannaich  thu  mi."  O  an  toil  bheannaichte  so  a 
tha  air  lasadh  air  son  neamh !  Co  ris  a  tha  i  colt- 
ach  ?  Ma  bhios  duine  toileach,  an  sin  bithidh 
connsachadh  na  aobhar  misnich  dha ;  ach  ma  bhios 
e  neo-thoileach,  an  sin  bheir  connsachadh  air  bith 
mi-mhisneach  dha;  tha  so  ri  fhaicinn  araon  anns 
na  naoimh,  agus  anns  na  peacaich:  annta-san  a  ta 
nan  cloinn  do  Dhia,  agus  mar  an  ceudna  annta-san 
a  ta  nan  cloinn  do'n  diabhul. 

1 .  Bha  na  naoimh  o  shean  toileach,  agus  bha  'n 
rùn  suidhichte  air  son  neamh,  ciod  a  chuireadh  stad 
orra?  An  cuireadh  teine  agus  connadh,  claidhcamh 
no  taod,  priosan  làn  grodlaich,  sgiùrsaidhcan,  math- 
gliamlma,  tairbh,  lcoghain  cràdh  an-iochdmhor, 
clachadh  basachadh  le  gort,  lomnochduidh,  &c. 
agus  anns  na  nithibh  sin  uilc  thug  iad  tuillcadh 
agus  buaidh,  trìd-san  a  ghràdhaich  iad,  ncach  mar 
an  ccudna  rinn  toilcach  iad  ann  an  latha  a  chumh- 
achd.    Eabh.  xi.  Rom.  viii.  37. 


NEAMHAIDH. 


61 


£.  Faic  a  rìs,  air  an  taobh  eile  clann  an  diabhuil^ 
do  bhrigh  nach  'eil  iad  toileach,  tha  iomadh  leth- 
sgeul  agus  rathad  aca  gu  teicheadh.  Phòs  mi  bean,, 
tha  fearann  agam,  cuiridh  mi  fearg  air  an  uachdaran, 
cuiridh  mi  fearg  air  mo  mhaighstir,  caillidh  mi  mo 
cheaird,  caillidh  mi  m'  uabhar,  mo  thoilinntinn. 
nithear  fochaid  agus  fanoid  orm^  uime  sin  cha  'n 
fheud  mi  teachd.  Tha  neach  eile  'g  ràdh,  fanaidh 
mi  gus  am  bi  mi  nfs  sine,  gus  am  bi  mo  chlann 
uile  mach,  gus  am  faigh  mi  beagan  air  m'  aghaidh 
anns  an  t-saoghal,  gus  an  dean  mi  gach  gnothuch 
eiìe  a  tha  agam  ra  dheanamh ;  ach  mo  thruaighe ! 
's  e  chùis  nach  'eil  iad  toileach ;  oir  nam  b'  e  's  gu'm 
biodh  iad  air  am  faotainn  toileach_>  cha  chumadh 
iad  sin  no  mìle  do  'n  leithid  sin  do  nithe  iad  ni 
b'fhaide  na  chum  na  cùird  Samson,  'n  uair  a  bhrist 
e  iad  mar  lion  a  loisgeadh  le  teine,  Breith.  xv.  14. 
Tha  mise  'g  innseadh  dhuit  gur  i  'n  toil  an  t-iom- 
lan ;  's  i  'n  toil  aon  do  na  nithe  àraidh  a  tha  tionn- 
dadh  na  cuibhle  aon  chuid  air  a  h-ais  na  air  a  h- 
aghaidh  ;  agus  tha  fios  aig  Dia  air  sin  gu  làn  mhath, 
agus  aig  an  diabhol  mar  an  ceudna ;  agus  uime  sin 
tha  iad  araon  a'  strì  chum  toil  an  seirbhisich  a  neart- 
achadh :  Tha  Dia  air  son  pobull  toileach  a'  dhean- 
amh  da  shluagh  fèin  chum  seirbhis  a'  dheanamh 
dha ;  agus  tha  'n  diabhul  a  deanamh  gach  ni  a  tha  na 
chomas  chum  gun  sealbhaicheadh  e  toil  agus  aigne- 
adh  na  dreama  sin  is  leis  fèin,  agus  aig  am  bheil 
gràdh  do'n  pheacadh ;  agus  uime  sin  'n  uair  a  thig 
Criosd  dlùth  do'n  chùis^  gu  dearbh,  ars'  esan^  Cha 
tig  thu  do  m'  ionnsuidh-sa. 

"  Cia  minic  a  b'àill  leam  do  chlann  a  chruin- 
neachadh  r'a  chèile,  mar  a  chruinnicheas  cearc  a 
h-eoin-fuidh  a  sgiathaibh,  agus  cha  b'  àill  leibli !" 
Mata  xxiii.  37.  Shealbhaich  an  diabhul  an  toil3 
agus  co  fada  's  a  shealbhaicheas  esan  an  toil-san  tha 
8  cinnteach  gu  leoir  asda.  O  !  uime  sin  glaodh  gu 
cruaidh  ri  Dia  chum  gu'n  lasadh  e  do  thoil  air  son 
neamh  agus  air  son  Chriosd ;  tha  mi  'g  ràdh  ma 


62 


A.N  GILLE  RUTTH 


bhios  do  thoil  suidhichte  gu  ceart  air  son  neamhs 
cha  chuirear  air  t-ais  thu  le  di-misnich ;  agus  b'  e 
so  an  t-aobhar  'n  uair  a  bha  Iacob  a  gleachd  ris  an 
aingeal,  ged  a  chaill  e  cas :  mar  gu'm  b'  eadh,  agus 
a  chuireadh  la^  a  shl&sde  as  an  alt  "  n  uair  a  bha 
e  a'  gleac  ris, '  gidheadh  ars'  esan,  "  cha  leig  ani 
air  falbh  thu  mur  beannaich  thu  mi,"  Gen.  xxxii. 
25,  26.  Faigh  do  thoil  air  a  h-uidheamachadh  le 
gràs  neamhaidh  agus  le  run-suidhichte  an  aghaidh 
gach  uile  mi-mhisnich,  agus  an  sin  theid  thu  le 
ìàn  chabhaig  do  neamh  ;  ach  ma  bhios  do  thoil  neo- 
iomlan  agus  gu'm  faighear  thu  mar  sin,  cha  ruith 
thu  ach  bacach  agus  a  turramanaicli  rè  na  slighe  a 
ruitheas  tu ;  agus  mar  an  ceudna,  gu  cinnteàch 
thig  thu  gèarr  ma  dheireadh.  Gu'n  deonaich  an 
Tighearna  toil  agus  misneach  dhuitsa. 

Mar  so  chuir  mi  crioch  air  a  bhi  'gad  sheoladh 
sionnus  a  ruitheas  tu  chum  na  rioghachd ;  bi  einnt- 
vach  gu'n  gleidh  thu  a'  d'  chuimhne  na  nithibh  a 
fchuirt  mi  riut  air  eagal  gu'm  b*  àill  leam  gu'n 
smaointicheadh  tu  orra_,  gabh  an  t-iomlan  dhiubh 
ann  an  suim  aithghearr  mar  leanas.  I.  Faigh  air 
an  rathad.  2.  An  sin  bi  meòrachadh  air.  3.  An 
sin  ruisg  thu  fe'in,  agus  tilg  dhiot  gach  ni  a  ta  cur 
bacaidh  ort.  4.  Bi  air  t-fhaicill  roi'  na  frith-rath- 
aidean.  5.  Na  bi  spleuchdachadh  's  'g  amharc 
mu'n  cuairt  duit,  ach  bi  cinnteach  gu*n  cothrom- 
aich  thu  ceumanna  do  chas.  6.  Na  stad  air  son 
neach  air  bith  a  ghlaodhas  as  do  dheigh,  co  dhiubh 
is  e  an  saoghal,  an  fheoil  no'n  diabhul  a  bhios  ann  ; 
oir  cuiridh  iad  so  uile  ^is  ort  air  do  thurus,  raa's 
urrainn  doibh.  7.  Na  biodh  geilt  ort  le  mi-mhisnich 
air  bith  ris  an  tachair  thu  air  do  thurus.  8.  Thoir  an 
àire  nach  tuislich  thu  roimh  'n  chrois.  9.  Glaodh 
gu  dian  ri  Dia  chum  's  gun  soillsichcadh  e  do  chridhe, 
agus  gun  tugadh  e  inntinn  thoileach  dhuit,  agus  gu'n 
deonaich  Dia  gu'n  soirbhich  leat  air  do  thurus. 
Gidheadh,  mu'n  gabh  mi  mo  chcad  dhiot,  leig  dhoinh 
beagan  aobhar  brosnuchaidh  a  thoirt  dhuit.  Theag- 


NEAMHAIDH. 


63 


amh  gu*m  bi  iad  co  matli  ri  paidhir  spuireau  chum 
do  chridhe  marbhanta  a  bhioradh  air  do  thurus. 

An  ceud  brosnuchadh.  Thoir  fainear  nach  'eil 
rathad  eile  ann  ach  an  rathad  so  :  feumaidh  tu  'n 
dara  cuid  buidhinn  no  call.  Ma  choisneas  tu,  is 
leat  flaitheanas,  Dia,  Criosd,  gloir,  socair,  sìth,  beatba, 
seadh,  beatha  shiorruidh ;  nithear  thu  co-ionann 
ris  na  h-ainglibh  air  neamh  :  cha  dean  thu  bron, 
no  osnaich  ni  's  mo,  's  cha  mhothaich  thu  pian  ni 
's  mo,  bithidh  tu  an  taobh  thall  do'n  pheacadh,  do 
ifrinn,  do'n  bhàs,  do  'n  diabhuil,  do'n  uaigh,  agus 
gach  ni  eile  a  dh'f  heudadh  dochann  a  dheanamh  ort : 
Ach  air  an  làimh  eile,  mur  coisinn  thu,  caillidh  tu 
neamh,  gloir,  Dia,  Criosd,  socair,  sìth,  agus  gach  ni 
eile  tha  chum  siorruidheachd  a  dheanamh  sòlasach 
do  na  naomhaibh,  a'  bhàrr  air  bàs  siorruidh,  bròn 
pian,  dubhar,  agus  dorchadas,  co-chomunn  ri  deamh- 
ain,  maille  ri  damnadh  siorruidh  air  t-anam  fein. 

An  dara  brosnuchadh.  Thoir  an  aire  gu  bheil  an 
diabhul^  ifrinn,  bàs,  agus  damnadh  sionuidh^  an 
dian-thoir  ort,  co  luath  's  a  's  urrainn  dhoibh  ruith, 
agus  tha  ughdarras  aca  air  sin  a  dheanamh  leis  an 
lagh,  an  aghaidh  'n  do  pheacaich  thusa ;  agus,  uime 
sin_,  air  sgàth  an  Tighearna  dean  cabhag. 

An  treas  brosnuchadh.  Ma  ni  iad  greim  ort 
mu'n  ruig  thu  am  baile-dion,  cuiridh  iad  stad 
siorruidh  air  do  thurus.  Tha  so  mar  an  ceudna  'g 
eigheach ;  ruìth  air  a  shon. 

An  ceathramh  brosnuchadh.  Biodh  fios  agad 
mar  an  ceudna,  gu  bheil  a  nis  geata  neamh,  cridhe 
Chriosd,  le  a  ghairdeina  fosgailte  chum  do  ghabhail 
a  steach.  O !  air  leam  gu'm  bu  choir  do'n  smaoin 
so,  seadh_,  gu  bheil  an  diabhul  ga  d'  leantuinn  chum 
do  sgrios,  agus  gu  bheil  Criosd  na  sheasamh  le 
gairdeina  fosgailte  chum  do  ghabhail  a  steach,  a 
thoirt  ortsa  teicheadh  leis  na  h-uile  chabhag ! 

An  cuigeamh  brosnuchadh.  Cum  do  shuil  air  an 
duais ;  bi  cinnteach  gu'm  bi  do  shuilean  do  ghnàth 
air  a'  bhuannachd  a  tha  choltas  ort  fhaotainn.  *S 


64 


AN  GILLE-RUITH 


e  so  an  t-aobhar  gu  bheil  daoine  co  ullamh  gu 
fannachadh  'n  an  rèis  air  son  neamh,  tha  e  laidhe 
ga  h-àraidh  ann  an  aon  do'n  dithis  so. 

] .  Cha  'n  'eil  iad  a  gabhail  beachd  chudthromach 
air  luach  na  duaise :  no  ma  tha  iad  a'  toirt  an  aire 
dha,  tha  eagal  orra  gu  bheil  e  tuilleadh  is  math  air 
an  son :  ach  feumaidh  iad  neamh  a  chall  do  bhrigh 
nach  'eil  iad  a  toirt  an  aire  do'n  duais  agus  da 
luach.    Uime  sin,  chum  nach  dean  thusa  mar  sin, 
cum  do  shuil  a  dearcadh  gu  dian  air  an  oirdheirceas, 
a'  mhaise,  a'  mhillseachd,  a  cho-fhurtachd,  an  sòlas, 
agus  an  t-sìth  'gheibh  iadsan  an  sin  a  choisneas  an 
duais.    'S  e  so  an  ni  a  thug  air  an  Abstol  ruith 
troimh  na  h-uile  nithe ;  Tre  mhi-chliù  agus  dheadh- 
chliù,  tre  urram  agus  eas-urram,  tre  gheur-lean- 
mhuinn,  doilghios,  acras,  lomnochduidh,  chunnart 
air  muir,  agus  chunnart  air  tir  tre  gheimhlibh  agus 
phriosan.    Mar  an  ceudna,  thug  so  air  dream  eile 
fulang  a  bhi  air  an  clachadh,  air  an  sabhadh  as  a 
cheile,  an  suilean  a  bhi  air  an  tolladh  a  mach  le 
torachan,  an  cuirp  a  bhi  air  an  ròstadh  air  brannd- 
airibh,  an  teanga  bhi  air  an  gearradh  a  mach  as  am 
beoil,  air  am  bi  uich  ann  an  coireachan,  air  an  tilge- 
adh  chum  fiadh  bheathaichean,  air  an  losgadh  's  air 
an  sgiùrsadh  ri  postaibh,  agus  mìle  do  phiantaibh 
uamhasach  eile.    u  Air  dhoibh  bhi  ag  amharc  cha 
'n  ann  air  na  nithibh  a  tha  r'  am  faicinn,  ach  air  na 
nithibh  nach  'eil  r'  am  faicinn,  oir  tha  na  nithe  a 
chithcar,  aimsireil ;  ach  tha  na  nithe  nach  faiccar, 
siorruidh,,,  2  Cor.  iv.  18.    O  !  am  focal  so,  siorruidh, 
's  e  am  focal  sin  a  thug  orra,  nach  gabhadh  iad  ri 
saorsa  'n  uair  a  dh'  fheudadh  iad  a  faotainn,  oir 
bha  fios  aca  gu'm  biodh  aiscirigh  ni  b'  fhearr  aca 
anns  an  t-saoghal  ri  teachd.     Agus  na  tugadh 
annasachd  an  àitc  so  ort  a'  ràdh  ann  a'  d'  chridhe 
's  na  smaointicli  gu  bhcil  e  tuilleadh  is  math  air  do 
shon-sa;  oir  tha  mise  g  innseadh  dhuit  gu  bheil 
neamh  air  ullachadh  air  son  ge  b'e  leis  an  àill  a 
ghabhaiL  agus  bheirear  aoidheachd  dhoibh  le  fàilte 


NEAMHAIDH. 


65 


chridheil.  Uime  sin  cuimhnich  gu'n  d'  fhuair  co 
olc  ruitsa,  an  sin ;  f huair  Lasarus  bochd,  aimbeairt- 
ach,  suarach  an  sin,  &c.  Ni  h-eadh  tha  e  air  ullach- 
adh  air  son  nam  bochd.  "  Eisdibh,  mo  bhràithre 
gràdhach,"  arsa  Seumas,  "nach  do  thagh  Diabochdan 
an  t-saoghail  so,  saoibhir  ann  an  creidimh,  agus  'nan 
oighreachaibh  air  an  rioghachd?"  Seum.  ii.  5.  Uime 
sin  gabh  misneach  a  dhuine,  agus  ruith. 

An  seathamh  brosnuchadh.  Smaointich  gu  tric 
orrasan  a  chaidh  romhad.  'S  a'  cheud  àite,  tha  e 
dearbhte  gun  d'  f  huair  iad  a  steach  do'n  rioghachd. 
'S  an  dara  àite,  co  tearuinte  's  a  tha  iad  ann  an 
gairdeina  losa,  an  tigeadh  iad  an  so  a  rìs  air  son 
mìle  saoghal?  Agus  na  am  biodh  eagal  orra  nach 
deanamh  Dia  am  beatha:  'S  an  treas  àite,  Ciod  a 
bharail  a  bhiodh  aca  ortsa  nam  biodh  fios  aca  gu'n 
do  thòisich  do  chridhe  air  failneachadh  air  do 
thurus,  na  gu'n  robh  do  pheacaidhean  ga  d'  mheall- 
adh  chum  impidh  a  chur  ort  gu  sgur  do  d'  rèis? 
nach  gairmeadh  iad  mìle  uair  thu  na  t-amadan? 
agus  nach  abradh  iad,  O,  nam  b'e  's  gu'm  faiceadh 
e  na  bheil  sinne  faicinn,  nam  biodh  co-mhothach- 
adh  aige  ruinne,  agus  nam  blaiseadh  e  do  'n 
mhillseachd  do  'm  bheil  sinne  blasad !  O !  nam 
biodh  e  aon  chairteal  na  h-uaire  gus  a'  mhìle  cuid 
fhaicinn,  a  mhothachadh,  a  bhlasad,  agus  a  mhealt 
uinn,  do  'n  a  tha  sinne  a  mealtuinn,  ciod  a  dhean- 
amh  e?  Ciod  a  dh'  fhuilingeadh  e?  Ciod  a  dh' 
f hàgadh  e  gun  deanamh  ?  An  tugadh  e  fàbhar  do 
'n  pheacadh?  An  gràdhaicheadh  e'n  saoghal 
iochdrach  so?  Am  biodh  eagal  air  roimh  'chàirdean, 
no  am  biodh  geilt  air  voimh  na  bagraidh  is  eagal- 
aiche  a  dh' f  heudadh  na  h- .in-tighearnan  is  mò,  a' 
bhagairt  air?  Ni  h-eadh,  iadsan  a  fhuair  sealladh 
beag  do  na  nithibh  so  tre  chreidimh,  'n  uair  a  bha  iad 
co  fada  uatha  's  a  tha  'n  talamh  o  neamh,  gidheadh, 
b'  urrainn  doibh  a'  ràdh  le  cridhe  subhach  agus 
solasach,  mar  ni  an  t-eun  a  sheinneas  anns  an  earr- 
ach ;  nach  cuireadh  so  agus  mòran  tuilleadh  bacadl) 

E 


66 


AN  GILLE-RUÌTH 


orra  o  ruith  do  neainh.  Air  uairibh  'n  uair  a  bhiodh 
mo  chridhe  truaillidh  ag  aomadh  chum  an  t-saoghail 
so,  agus  a  deanamh  moille  air  mo  thurus  gu  neamh ; 
bheir  a  bhi  smaointeachadh  air  na  naoimh  agus  air 
na  h-ainglibh  glòrmhor  air  neamh,  ciod  a  tha  iad  a 
mealtuinn,  agus  ciod  na  smaointean  a  th'  aca  le 
cheile  mu  nithibh  an  t-saoghail  iosail  so,  's  co 
amaideach  's  a  mheasadh  iad  mise  nam  b'  e  's  gu'm 
biodh  fios  aca  gu'n  robh  mo  chridhe  tarruing  air 
ais;  bheireadh  so  orm  dol  air  m'  aghaidh,  's  a  bhi 
deanamh  dimeas  air  na  nithibh  bochda,  iosal, 
falamh,  truaillidh  agus  tàireil  so,  agus  a  ràdh  ri 
m'  anam,  eirich  anam,  's  na  bitheamaid  sgith,  gus 
am  faic  sinn  ciod  an  t-àite  th'  anns  an  neamh  so ; 
cuireamaid  eadhon  na  h-uile  nitne  an  cunnart  air 
a  shon,  agus  feuchamaid  am  paidh  sin  an  costus. 
Gu  cinnteach,  bha  Abraham,  Daibhidh,  Pòl,  agus 
a'  chuid  eile  do  naoimh  Dhè,  co  glic  ri  aon  do'n  àl 
so,  gidheadh  chaill  iad  na  h-uile  nithe  air  son  na 
rioghachd  glòrmhoir  so.  O  !  uime  sin,  tilg  air  falbh 
t-ana-mianna  grod,  lean  an  tòir  air  fireantachd, 
gràdhaich  an  Tighearna  Iosa,  thoir  thu  fèin  suas  d'  a 
eagal,  's  theid  mise  an  urras  duit  gu'n  toir e  deadh  ath- 
dhioladh  dhuit.  A  leughadair,  ciod  a  deir  thusa  ris  a 
so  ?  Am  bheil  a  rùn  ort  mise  leantuinn  ?  Ni  h-eadh 
rùnaich  ma  's  urrainn  dhuit.  Gu  ma  h-amhuil  a 
ruitheas  tu,  ionnus  gu  'n  glac  thu  an  duais. 

An  seachdamh  brosnuchadh.  Chum  misneach  a 
thoirt  duit  beagan  ni  's  faide,  tòisich  ris  an  obair, 
agus  'n  uair  a  sgithicheas  tu  thu  fèin  a  ruith,  an 
sin  togaidh  an  Tighearna  Iosa  suas  thu,  agus 
giulainidh  e  suas  thu :  Nach  leoir  so  a  thoirt  air 
anam  bochd  air  bith  toiseachadh  air  a  rèis; 
Theagamh  gun  glaodh  thu,  O  !  tha  mi  anmhunn 
tha  mi  bacach,  &c,  ro  mhath,  ach  tha  uchd  aig 
Criosd  :  uime  sin  thoir  fainear,  'n  uair  a  sgithicheas 
tu  thu  f'oin  a  ruith,  togaidh  esan  na  uchd  thu: 
"  Le  a  ghairdein  euairtiehidh  c  na  h-uain,  agus 
giùlainidli  e  iad  'na  uchd;   ioniainidh  e  gu  sèimh 


NEAMHAIDH. 


67 


an  sprèidh  a  tha  trom  le  h-àl/'  Isa.  xl.  11.    'S  e 

so  an  doigh  a  ghabhas  aithrichean  chum  misneach 
a  thoirt  do'n  cloinn,  ag  ràdh,  ruithe,  a  leinibh 
chaoimh,  gus  am  bi  thu  sgìth,  agus  an  sin  togaidh 
mise  thu,  agus  giulainidh  mi  thu.  "  Le  a  ghairdein 
cuartichidh  e  na  na  h-nain,  agus  giùlainidh  e  iad 
na  ^0^^:"  'n  uair  a  bhios  iad  sgìth  marcaichidh  iad. 

An  t-ochdamh  brosnuchadh.  No  cuiridh  e  neart 
nuadh  a  steach  do  t-anam,  a  bhios  co  math. 
"Fàsaidh  na  h-òigfhir  lag  agus  sgìth,  agus  tuitidh 
an  òigridh  thaghta  gu  làr ;  ach  iadsan  a  dh'fheitheas 
air  an  Tighearna  gheibh  iad  spionnadh  nuadh; 
èiridh  iad  suas  mar  iolair  air  a  sgiathaibh ;  ruithidh 
iad  agus  cha  bhi  iad  sgìth,  siùbhlaidh  iad  agus  cha'n 
fhàs  iad  fann,"  Isa.  xl.  30,  31.  Ciod  a  their  mi  a 
thuille  air  na  chaidh  ràdh  cheana?  Bithidh  tigh 
comhnuidh  math  agus  socrach  agad,  lòn  math  agus 
fallain,  uchd  Chriosd  gu  laidhe  ann,  aoibhne  as  nan 
neamh  chum  beathachadh  air.  An  labhair  mi  mu 
shàsuchadh  agus  maireannachd  nan  nithe  so  uile?  Gu 
cinnteach,  cha'n  'eil  mise  comasach  air  an  cur  an  cèill 
gu  h-iomlan,  tha  sin  tuille  is  cruaidh  air  mo  shon. 

An  naoitheamh  brosnuchadh.  A  rìs  air  leam  gu'm 
bu  chòir  do  dhichioll  an  diabhuil  agus  a  sheirbhisich, 
&c.  a  thoirt  ortsa  tha  miannachadh  an  deigh  neamh 
agus  sonas  ruith  gu  luath.  Cha  'n  'eil  an  diabhul 
na  sheirbhisich  a'  calì  ùine  sam  bith,  no  caomhnadh 
an  saothair,  chum  iad  fèin  agus  muinntir  eile  sgrios ; 
agus  nach  bu  choir  dhuinne  bhi  cheart  co  dichiollach 
air  son  slàinte  ar  n'anama  fèin?  An  cuir  an 
saoghal  an  anamaibh  ann  an  cunnart  a  bhi  air  an 
damnadh  gu  siorruidh  air  son  crùn  bochd  truaillidh ; 
agus  nach  cuir  sinne  call  beagan  do  nithe  suarach 
ann  an  cunnart  air  son  crùn  siorruidh?  An  cuir 
iad  an  cunnart  call  chairdean  siorruidh,  mar  a  ta 
Dia  chum  an  gràdhachadh^  Criosd  chum  an  saoradh, 
an  Spiorad  Naomh  chum  an  co-fhurtachd,  neamh 
mar  an  ionad  comhnuidh,  naomh  agus  àinglean 
mar  chuideachd,  agus  an  cuir  iad  iad  sud  uile  an 


68 


AN  GILLE-RUITH 


cunnart  an  call,  chum  co'  chomunn  fhaotainn  agm 
a  chumail  ri  peacadh,  ris  an  t-saoghal  so_,  agus  ri 
beagan  do  thruaghain  shuarach,  mhisgeach,  thoibh- 
eumach,  bhreugach  shanntach  coltach  riu  fèin  ? 
Agus  nach  saothraich  sinne  co  cruaidh,  nach  ruith 
sinn  co  luath,  nach  iarr  sin  co  dichiollach,  ni  h-eadh, 
ceud  uair  ni's  diochiollaiche,  air  son  cuideachd  nan 
càirdean  glòrmhor  agus  siorruidh  so,  ged  chaill- 
eadhmaid  an  leithid  sud,  ni  h-eadh,  maille  ri  call 
nithibh  deich  mile  uair  ni  's  fearr  no  na  nithibh 
bochd,  iosal,  tàireil,  agus  suarach  so  ?  Am  bi  e  ri  ràdh 
air  an  làtha  dheireannach,  gu'n  d'  rinn  daoine  aingidh 
tuille  cabhaig  do  ifrinn,  na  rinn  thusa  do  neamh? 
Agus  gu'n  do  mhi-bhuilich  iad  ni  's  mo  do  uairean, 
do  laithean,  agus  sin  gu  moch  agus  anmoch,,  air  son 
ifrinn,  na  chaith  thusa  air  son  sin  a  ta  mìle  do  mhiltibh 
uair  deich  mìle  ni  's  fearr  ?  O  na  biodh  a'  chuis  mar 
sin,  ach  ruith  le  d'  uile  chumhachd  agus  neart ! 

Mar  so  tha  thu  faicinn  gu'n  do  labhair  mi  ni 
eigin  ged  nach  'eil  e  ach  beag.  A  nis  thig  mi  gu 
beagan  feum  agus  cleachdaidh  a'  dheanamh  do  n 
chaidh  a'  radh,  agus  mar  sin  co-dhùnaidh  mi. 

An  ceud  feum.  Chi  thu  an  so  gu'm  feum  esan  a 
theid  do  neamhruith  airashon:  cha'nea  mhàinruith, 
ach  ruith  gu  dian,  dùrachdach  ;  agus  do  ghnàth ;  agus 
na  h-uile  nithe  thilgeil  dheth,  a'  dheanamh  e'is  air 
anns  an  r&s.  Seadh,  an  ann  mar  so  a  tha  thusa  ruith  ? 

1.  A  nis  ceasnaicheamaid  beagan.  An  d'  fhuair 
thu  chum  na  slighe  cheart?  Am  bheil  thu  ann  am 
fìreantachd  Chriosd?  Na  abair  gu  bheil  ann  do 
cliridhe,  'n  uair  nach  'eil  a'  chuis  mar  sin  ann  amfìrinn. 
Tha  flos  agad  gu  bheil  e  na  ni  cunnartach  do  neach  a 
bhi  smaointeachadh  gu  bheil  e  air  an  rathad  cheart, 
'n  uair  a  tha  e  air  an  rathad  chearr.  Is  c  an  t-ath  ni 
dha  a  rathad  a  chall,  agus  cha  'n  e  sin  a  mliàin,  ma 
tha  e  ruith  air  son  ncamh,  mar  tha  thusa  gabhail  ort 
a  bhi  deanamh,  ach  sin  a  chall  mar  an  ceudna 

O  '8  e  so  truaighe  na  cuid  is  mò,  gu  bheil  iad  a' 
creidsinn  gu  bheil  iad  fòin  a  ruith  gu  ceart,  ged 


NEAMHAIDH. 


69 


nach  robh  cas  aca  riamh  air  an  rathad  cheart ! 
Gu'n  tugadh  an  Tighearna  dhuit  tuigse  an  so,  air 
neo  bithidh  tu  caillte  gu  siorruidh.  Guidheam 
ort,  anam,  rannsuich  c'uin  a  thionndaidh  thu  o  d' 
pheacaidhean  agus  o  t -  f hèin-f ìreantachd  chum 
fìreantachd  losa  Criosd.  Tha  mi  'g  ràdh,,  am 
bheil  thu  'ga  d'  fhaicinn  fè*in  ann-sans  Agus  am 
bheil  e  ni  's  luachmhoire  dhuit  na  'n  saoghal  gu 
lèir?  Am  bheil  t-inntinn  do  ghnàth  beachd- 
smaointeachadh  air  ?  An  e  do  thlachd  a  bhi  labhairt 
uime  ?  Agus  mar  an  ceudna  bhi  'g  imeachd  maille 
ris;  am  bheil  thu  meas  a  chuideachd  ni  's  ro 
oirdheirce  nan  saoghal  gu  h-iomlan?  Am  bheil 
thu  meas  nan  uile  nithe  bochd,  gu'n  bheatha, 
falamh,  agus  diomhain,  as  eugmhais  co-chaidreabh 
ris-an  ?  Am  millse  leat  a  chuideachd  no  na  h-uile 
nithe  ?  Agus  am  fàg  a  neo-luthaireachd  na  h-uile 
nithe  searbh  dhuit  ?  Anam,  guidheam  ort  bi 
dùrachdach,  agus  gabh  gu  cridhe  e,  agus  na  gabh 
nithe  co  cudthromach  ri  slàinte  na  damnadh  siorr- 
uidh  t-anama^  as  eugmhais  deadh  stèidh. 

Am  bheil  thu  air  t-eutromachadh  o  nithibh  an 
t-saoghail  so,  mar  ata  uabhar,  toilinntinnean,  buann- 
achd,  ana-mianna,  agus  diomhanas?  Am  bheil 
thu  smaointeachadh  gu'n  ruith  thu  luath  gu  leoir 
leis  an  t-saoghal,  le  d'  pheacadh^,  agus  le  ana-mianna 
do  chridhe?  Tha  mise  'g  innseadh  dhuit,  anam, 
gu'n  d'fhuair  iadsan  a  chuir  na  h-uile  nithibh  cì  leth- 
taobh,  gach  cudthrom^  gach  peacadh^  agus  a  chuir 
iad  fèin  anns  an  uidheim  is  luthmhoire,  obair  ni  's 
leoir  gu  ruith ;  gu  ma  h-amhuil  a  ruitheas  tu,  ionnus 
gun  glac  thu  'n  duais  Feumaidh  tu  ruith  troimh 
gach  co'-stri,  tulgadh,  agus  cruadal  dhiubh  sin, 
thar  gach  uile  ribe,  thar  gach  uile  cheap-tuislidh,  o 
gach  uile  chuibhreach,  a  leagàs  an  diabhul,  am 
peacadh,  an  saoghal,  agus  do  chridhe  fèin  romhad ; 
tha  mise  'g  innseadh  dhuit,  ma  tha  thu  dol  do 
neamh,  gu'm  faic  thu  nach  cuis  bhcag  na  shuarach 
e.    Na  labhair  gu  bràth  mu  dhol  do  neamh  mur 


70 


AN  GILLE-RUITH 


am  bheil  thu  air  t-fhuasgladh  agus  air  t-eutrom- 
achadh  o  na  nithibh  ud;  oir  mur  am  bheil,  tha  e 
na  aobhar  eagail  gu'm  bi  thu  air  t-fhaotainn  am 
measg  a'  mhòr  shluaigh  a  dh'iarras  dol  a  steach, 
agus  nach  urrainn  dol  ann. 

An  dara  feum.  Ma  tha  'chuis  mar  sin,  ciod  a 
dh'eireas  doibhsan  a  ta  fàs  sgìth  mu'n  ruig  iad  leth 
na  slighe?  A  dhuine,  's  e  'n  ti  a  ruitheas  chum  na 
criche  a  bhios  air  a  thearnadh;  's  e'n  ti  a  bheir 
buaidh  a  shealbhaicheas  na  h-uile  nithe,  's  cha'n  e 
na  h-uile  neach  a  thòisicheas.  Thug  Agripa  ceum 
gle  chabhagach  re  tiota,  cha  mhòr  nach  tug  e  ceum 
chum  uchd  Chriosd  ann  an  ùine  ni  bu  lugha  na 
leth-uair.  ( '  Is  beag  (ars'  esan  ri  Pòl)  nach  'eil  thu 
gam  aomadh  gu  bhi  am  Chriosduidh,"  Gniomh. 
xxvi.  28.  Mo  thruaighe ;  ach  cha  robh  ann  ach  is 
beag ;  agus  mar  sin  bu  cho  math  dha  nach  robh  e 
riamh  a  bheag  's  am  bith ;  thug  e  ceum  ciatach  gu 
dearbh,  ach  cha  robh  e  ach  goirid ;  bha  e  teith  f  had  's 
a  ruith  e,  ach  cha  b*  fhada  bha  e  call  na  h-analach. 
O  an  ni  beag  so  !  Tha  mise  'g  innseadh  dhuit  gu'n 
do  chaill  e  anam  ris  a'  bheag  so.  Air  leam  gu'm 
faic  mi  air  uairibh,  mar  tha  na  truaghain  bhochd  a' 
fhuair  gu  h-inbhe  bhig  do  neamh,  s  mar  tha  'm  beag 
so  na  ni  co  eagalach,  «  mar  tha  e  'g  am  pianadh  ann 
an  ifrinn ;  'n  uair  a'  ghlaodhas  iad  a  mach  ann  an 
searbhas  an  anama,  ag  ràdh,  is  beag  nach  robh  mi 
am  Chriosduidh.  ls  beag  nach  d'  fhuair  mi  do 
rioghachd  neamh,  is  beag  nach  d'fhuair  mi  a  mach  a 
làmhan  an  diabhuil,  is  beag  nach  d'f  huair  mi  saor  o 
m'  pheacaidhean,  is  beag  nach  dThuair  mi  as  o  bhi 
fo  mhallachd  Dhè  ;  is  beag,  agus  b'e  sin  uile  e^  is 
beag,  ach  cha  d'fhuair  mi  gu  h-iomlan  !  O  a  bhi  gu 
h-inbhe  bhig  ann  an  neamh,  agus  gu'n  dol  gu  bràth 
an  sin  !  A  charaid,  is  brònach  an  ni  suidhe  sios 
mu'n  tèid  sin  do  neamh,  agus  fàs  sgith  mu'n  tig  sinn 
gu  ionad  na  fols  ;  agus  ma  's  e  so  do  chor,  tha  mise 
cinnteach  nach  'eil  thusa  ruith^  ionnus  gun  glac  tha 
an  duais.    Ach,  a  rìs,  anns  an  ath  àite. 


NEAMHAIDH. 


71 


An  trms  feum.  Ciod  ma  ta  thig  riusan  a  bha 
uair-èigin  a  ruith  gu  luath  do  neamh  (ionnus  gu'n 
robh  iad  coltach  ri  mòran  a'  chur  nan  deigh,)  ach  a 
ta  nis  a'  ruith  co  luath  air  an  ais  a  rìs  ?  Am  bheil 
thu  smaointeachadh  gu'n  ruig  iad  sin  neamh  gu 
bràth?  Seadh,  ruith  air  an  ais  a  rìs  chum  a' 
pheacaidh,  chum  an  t-saoghail,  chum  an  diabhuil, 
agus  a  chum  ana-miannaibh  na  feola_,  O !  "  V 
fhearr  dhoibh  gun  eòlas  a  bhi  aca  air  slighe  na 
fìreantachd,  na,  an  deigh  a  h-eolas  fhaotainn, 
pilleadh  Cpilleadh  air  an  ais  a  rìs)  o'n  àithne  naomh 
a  thugadh  dhoibh,"  2  Pead.  ii.  21.  Chan  e  mhàin 
gu'm  bi  na  daoine  so  air  an  damnadh  air  son  am 
peacaidh,  ach  mar  an  ceudna,  air  son  aideachadh 
do'n  t-saoghal  uile  gur  fearr  am  peacadh  na  Criosd. 
Oir  an  neach  a  ruitheas  air  ais  a  rìs,  bu  cho  math 
dha  ràdh,  dh'fheuch  mi  Criosd,  agus  dh'f  heuch  mi 
am  peacadh,  agus  cha'n  'eil  mi  faotainn  uiread 
buannachd  ann  an  Criosd,  's  a  tha  anns  a'  pheacadh. 
Tha  rhi  'g  ràdh  gu'm  bheil  an  neach  so  a'  cur  an 
cèill  so,  eadhon  le  ruith  air  ais  a  rìs.  O's  uabhasach 
an  ni  so !  Ciod  a'  bhinn  a  bheirear  orrasan,  a  bha 
gu  h-inbhe  bhig  aig  geata  neamh,  agus  an  sin  a 
ruith  air  an  ais  a  rìs.  "  Ma  philleas  neach  air  ais 
(arsa  Criosd),  cha  bhi  aig  m'  anam-sa  tlachd  ann/' 
Eabh.  x.  38.  A  rìs,  "  Cha  n  'eil  neach  air  bith  a 
chuireas  a  làmh  ris  a'  chrann-àraidh,  (is  e  sin,  a 
theid  air  an  aghaidh  ann  an  slighibh  Dhè)  agus  a 
sheallas  'na  dhèigh,  iomchuidh  air  son  rioghachd 
Dhè/'  Lucas  ix.  62.  Agus  mur  'eil  e  iomchuidh 
air  son  rioghachd  neamh,  gu  cinnteach  feumaidh  e 
bhi  iomchuidh  air  son  teine  ifrinn.  Agus  uime  sin, 
ars'  an  t-abstol,  iadsan  a  bheir  a  mach  na  toraidh 
mhealltach  so  "mar  a  ta  droighionn  agus  drisean, 
tha  iad  air  an  cur  air  cùl,  agus  fagus  do  mhallach- 
adh  ;  d'an  deireadh  a  bhi  air  an  losgadh,"  Eabh. 
vi.  8.  O  cha'n  'eil  Criosd  eile  ann  chum  an  saoradh 
le  'fhuil  a  dhortadh  agus  basachadh  air  an  son! 
tf  Agus  mur  tèid  iad  as  a  ni  dimeas  (cionnus  ma  ta 


72 


AN  GILLE-RUITH 


a  thèid  iad  as  a  dhiùltas  agus  a  thionndas  an  cùl- 
thaobh)  air  slàinte  co  mor  ?"  Eabh.  ii.  3.  Agus  ma 
gheibh  na  fìreanaich,  's  e  sin  iadsan  a  ruitheas  gus 
am  faigh  iad  do  neamh  obair  gu  leoir  ra  dheanamh, 
c'àite  an  taisbein  an  duine  mi-dhiadhaidh  agus  am 
peacach  cùl-sleamhnach  e  fein  ?  O !  nam  biodh 
Iudas  am  fear-brathaidh,  no  Frang  Spira,  am  fear- 
cùl-sleamhnachaidh  beo  anns  an  t-saoghal  aig  an 
am  so,  gu  'chur  an  cèill  ann  an  cluasaibh  nan 
daoine  so,  beagan  do  na  chost  an  cùl-sleamhnachadh 
do'n  anamaibh  fein,  is  cinnteach  gu'n  leanadh  e 
riu,  agus  gu'n  cuireadh  e  eagal  orra  ruith  air  an  ais 
a  rìs,  co  fada  's  a  bhiodh  aon  latha  aca  ri  bhi  beo 
anns  an  t-saoghal  so. 

An  ceathramh  feum.  Nach  coltach  ri  fulang  nan 
daoine  so,  a  bhios  fulangsan  an  dream  a  shuidh  gu 
tosdach  re  na  h-ùine  a  bha  iad  anns  an  t-saoghal 
so,  agus  nach  do  chuir  uiread  agus  troidh  an  cas 
air  a  h-aghaidh  chum  rioghachd  neamh.  Gu 
cinnteach  tha  'n  neach  a  chul  shleamhnuicheas, 
agus  an  neach  a  shuidheas  gu  samhach  lunndach 
ann  am  peacadh,  araon  do'n  aon  inntinn ;  cha 
ghluais  an  dara  h-aon3  do  bhrigh  gur  gràdhach  leis 
a  pheacaidhean,  agus  nithe  an  t-saoghail  so ;  tha 
am  fear  eile  a  ruith  air  ais  a  rìs,  do  bhrigh  gur 
ionmhuinn  leis  a  pheacaidhean  agus  nithe  an 
t-saoghail  so,  agus  nach  e  sin  an  t-aon  chuid? 
Tha  iad  nan  aon  an  so,  agus  nach  cum  an  aon 
ifrinn  iad  an  deigh  so?  'S  neach  mi-dhiadhaidh 
nach  d'  amhairc  riamh  an  deigh  Chriosd,  agus  is 
neach  mi-dhiadhaidh  a  dh'amhrirc  aon  uair  na  dheigh, 
agus  an  sin  a  ruith  air  ais  a  rìs  :  Agus  uime  sin,  feum- 
aidh  am  focal  so  dol  a  mach  a  beul  Chriosd  gu  cinn- 
teach  an  aghaidh  an  dithis,  "  Imichibh  uam,  a  shluagh 
malluichte,  dh'ionnsuidh  an  teine  shiorruidh,  a 
dh'ulluioheadh  do'n  diabhul  agus  d  a  ainglibh."  Mata 
xxv.  41. 

An  (  uigeamh  feum.  An  so  feudaidh  tu  f  haicinn, 
gu'm  feum  iadsan  leis  an  àill  dol  do  neamh  ruith 


NEAMHAIDH. 


73 


air  a  shon.  A  nis  tha  so  ag  eighach  gu  h-ard  riu- 
san  nach  do  thòisich  ri  ruith  ach  o  cheann  ghoirid, 
tha  mise  'g  ràdh  riu-san,  greasadh  iad  an  ceum  ma 
tha  mhiann  orra  gu'n  coisinn  iad  ;  tha  fios  agad  gu'm 
feum  an  dream  a  dh'f  halbhas  ma  dheireadh,  ruith 
ni  's  luaithe.  A  charaid,  tha  mise  'g  innseadh  dhuit, 
gu  faighear  iad  a  ruith  deich  hliadhna  mu'n  aon 
bhliadhna  a  ruith  thusa,  ni  h-eadh  fichead  mu 
choinneamh  do  chuig-sa,  agus,  gidheach,  ma  labhras 
tu  riu,  their  iad,  air  uairibh,  gu  bheil  eagal  orra 
gu'm  bi  iad  anmoch  ni's  leoir.  Cionnus  ma  ta  bhios 
do  chor-sa?  Uime  sin  feuch  nach  dean  thu  moille 
sam  bith,  uiread  agus  uair  an  uaireadair,  ach 
dealaich  gu  grad  ris  gach  uile  ni  a  chuireas  bacadh  ort 
air  do  thurus,  agus  ruith,  seadh,  tSagusgu  ma  h-amhuil 
a  ruitheas  tu,  ionnus  gun  glac  thu  an  duais." 

An  seathamh  feum.  Sibhse  tha  'nar  seann  luchd 
aideachaidh,  thugaibh-se  an  aire  nach  ruith  òrganaich 
Iosa,  nach  do  thòisich  air  ruith  ach  an  latha  roimhe ; 
ni  's  luaithe  na  sibhse,  chum  's  gu'm  bi  an  sgriobtur 
sin  air  a  choilionadh  oirbhse,  "  Tha  mòran  air 
thoiseach  a  bhitheas  air  deireadh ;  agus  air  deireadh 
a  bhitheas  air  thoiseach,"  ni  a  bhios  na  nàire 
dhuibhse,  agus  na  urram  dhoibhsan.  Am  bi  saighd- 
ear  òg  ni  's  misnich  eile  na  esan  a  bha  cleachdte  ri 
cogadh.  Ruibhse  a  ta  air  deireadh,  tha  mi  'g  ròdh, 
deanaibh  strì  chum  gu'n  ruith  sibh  ni  's  luaithe  na 
iadsan  a  ta  air  thoiseach  oirbh ;  agus  ruibhse  a  ta 
air  thoiseach,  tha  mi  'g  ràdh,  leanaibh  air  'ur  'n 
aghaidh,  agus  cumaibh  air  thoiseach  orra  ann  an 
creidimh,  agus  ann  an  gràdh,  ma  tha  e  ann  'ur 
comas  ;  oir  gu  firinneach  's  i  sin  an  ruith  cheart,  an 
dara  aon  a  stri  gun  ruith  e  ni's  luaithe  na'n  t-aon 
eile ;  cadhon  an  neach  a  ta  air  deireadh  a  dhichioll 
a  dheanamh  chum  teachd  suas  ris  an  neach  a  ta  air 
thoiseach,  agus  bu  chòir  do'n  neach  a  ta  air  thoiseach 
a  bhi  cinnteach  gu'n  cum  e  'n  toiseach,  eadhon  gus 
a'  chuid  is  faide  a  mach. 

Àn  seachdamh  feum.    Nabh  suarach  a  ta  iad  'g  an 


74 


AN  GILLE-RUITH 


giulan  fèin,  nach  neo-choltach  riu  gu'n  coisinn 
iad,  a  tha  smaointeachadh  gur  leoir  e  ma  chumaa 
iad  cuideachd  ris  an  dream  a  ta  air  deireadh  ?  Tha 
cuid  a  dhaoine  ann  a  tha  'g  aideachadh  gu  bheil  iad 
fèin  a  ruith  air  son  neamh  co  math  ri  dream  air 
bith,  gidheadh  ma  bhios  luchd-aidmheil  lunndach, 
leisg,  fuar,  mi-mhisneachail  anns  an  tìr,  bithidh 
iad  cinnteach  gu'n  lean  iad  eiseimpleir  na  muinntir 
ud ;  tha  iad  a  smaointeachadh  ma  's  e  's  gun  cum 
iad  a  suas  riu  sud,  gu  bheil  iad  a  deanamh  gu 
math;  ach  cha'n  'eil  iad  a  toirt  fainear  gu'n  caill 
iadsan  a  bhios  air  deireadh  an  duais.  Feudaidh  sibh 
fios  a  bhi  agaibh  ma's  e  'ur  toil  e,  gu'n  robh  an 
teachd  anmoch  gle  dhaor  do  na  h-oighean  amaideach. 
Mata  xxv.  10,  11,  12.  "  Agus  chaidh  iadsan  a 
bha  ullamh  a  steach  chum  a'  phòsaidh,  agus  dhruid- 
eadh  an  dorus.  'Na  dheigh  sin  thainig  mar  an  ceudna 
na  h-oighean  (amaideach)  eile,  ag  ràdh,  A  Thigh- 
earna,  a  Thighearna,  fosgail  dhuinne.  Ach  fhreag- 
air  esan  agus  thubhairt  e,"  "  Imichibh  uam,"  "  cha'n 
aithne  dhomh  sibh."  Imichibh  uam  a  luchd-aid- 
mheil  leisg,  a  luchd-aidmheil  f  huair,  agus  a  luchd-aid- 
mheil  lunndach.  O  !  air  leam  gu  bheil  focal  Dhe  co 
soilleir  mu  leir-sgios  'ur  luchd-aidmheil  leisg,  's  gur 
iongantach  nach  'eil  daoine  gabhail  tuile  beachd  dhe. 

Cia  mar  thachair  do  mhnaoi  Lot  chionn  gun 
robh  i  ruith  co  leisg,  agus  gun  tug  i  aon  sealladh  air  a 
h-ais  an  deigh  nan  nithe  a  dh'fhàg  i  ann  an  Sodom  ? 
Cia  mar  thachair  do  Esau  chionn  e  bhi  tuilleadh 
a's  fada  mu'n  deachaidh  e  dh'iarruidh  na  beannachd  ? 
Agus  cia  mar  thachair  riuth-san  th'air  an  ainmeach- 
adh  an  Luc.  xiii  air  son  fuireach  gus  an  robh  an 
dorus  air  a  dhunadh?  Agus  mar  an  ceudna  na 
h-oighean  amaideach ;  bithidh  osna  throm  aca  sin, 
chionn  gun  d'fhuirich  iad  tuilleadh  a's  ftida.  Chaidh 
bean  Lot  a  tliionnda  'na  carradh  Salainn  thug  e  air 
Esau  gul  le  glaodh  àrd  fior  bhrònach.  Thug  e  air 
Iudas  e  fèin  a  chrochadh,  scadh,  agus  bheir  e  ortsa 
gu'm  mallaich  thu  latha  do  bhreith,  ma  chailleas 


NEAMHAIDH. 


75 


tu  'n  rioghachd,  rud  a  thachras,  gu  cinnteach,  ma 
's  ann  mar  so  a  theid  thu  air  t-aghaidh. 

A  n  t-ochdamh  feum.  A  ris,  ma  bhios  tusa  coir- 
each,  le  bhi  ruith  co  leisg,  's  gu'm  mill  thu,  cha'n 
e  mhàin  thu  fèin  ach  daoine  eile,  chionn  gu  bheil 
thu  a'  d'  fhear  aidmheil,  nach  faic  tha  gun  toir 
muinntir  eile  an  aire  dhut,  agus  chionn  gu'm  faic 
iad  gu  bheil  thu  a'  d'  fhear  ruith  bochd,  fuar, 
leisg,  agus  thu  ag  iarruidh  bhi  toirt  an  t-saoghail 
agus  a  shòlasan,  leat,  saoilidh  daoine  eile  gu'm  feud 
iadsan  sin  a  dheanamh  mar  an  ceudna.  Seadh,  their 
iad  c'ar  son  nach  feud  sinne  a  dheanamh  mar  a  ni 
esan  ?  Tha  esan  'n  a  f  hear  aidmheil,  ach,  gidheadh, 
tha  e  gabhail  sòlas  agus  toilinntinn,  saibhreas  agus 
buannachd,  tha  gaol  aige  air  cuideachd  dhiomhain, 
agus  fearas-chuideachd ;  thu  e  uaibhreach,  àrdan- 
ach,  agus  gidheadh,  tha  e  gabhail  air  gu  bheil  e 
dol  do  neamh,  seadh,  agus  tha  e  'g  ràdh  nach  'eil 
eagal  nach  faigh  e  fàilte  an  sin ;  uime  sin,  cuma- 
maid  suas  ris-an,  cha  bhi  sinne  na's  miosa  na  e  fèin. 

O  cia  eagalach  an  ni  ma  bhios  tusa  coireach,  agus 
'na  d*  mheadhon  chum  muinntir  eile  a  sgrios^  le  d' 
thuisleadh  ann  an  slighe  na  fìreantachd!  Gabh 
beachd  air,  bidh  gu  leoir  agad  ri  dheanamh  an 
làthair  Dhè  ma  bheir  thu  cunntas  air  t-anam  fèin, 
ged  nach  feumadh  tu  freagairt  air  son  daoin'  eile, 
chionn  nach  leigeadh  tu  leo  dol  a  steach.  Cia  mar 
a  f  hreagras  tu  na  focail  sin,  "  Cha  teid  sibh  fèin  a 
steach,  agus  cha  n  f  huiling  sibh  do'n  dream  leis  am 
b'  àill  dol  ann."  Oir  bithidh  na  focail  sin  air  an 
coì'  lionadh  orrasan  tha  troi'  'n  diomhanas  g'  an 
cumail  fèin  a  mach  à  neamh,  agus  daoine  eile 
maraon,  le  'n  droch  eiseimpleir. 

An  naoidheamh  feum.  Air  an  aobhar  sin  their 
mi  nise  focal  no  dhà  agus  an  sin  co-dhùnaidh  mi. 

1.  Guidheam  oirbh  an  ainm  an  Tighearna  Iosa 
Criosd  nach  dean  aon  agaibh  a  bhios  a  ruith  gu 
mall  do  neamh,  bacadh  a  chur  air  fèin  no  air 
muinntir  eile.    Tha  fios  agam  nam  faiceadh  an 


76 


AN  GILLE-RUITH 


t-aon  is  moille  tha  ruith,  neach  eile  a  ruith  auson 
heatha  aimsireil,  agus  e  deanamh  dearmad  cho  mor 
air  a  shlainte  fèm  s  gum  biodh  e  'tional  riobag 
chloimhe  air  taobh  an  rathaid,  no  shrabh,  no  bhioran 
grod,  tha  mi  'gràdh  nan  deanamh  e  leithid  sin,  'n 
uair  bu  chòir  dha  bhi  ruith  air  son  a  bheatha,  nach 
faigheadh  tu  coire  dha,  agus  nach  faigh  thu  coire 
dhut  fèin  'n  uair  tha  thu  deanamh  a  leithid  eile, 
seadh  ni  's  miosa  na  sin,  ri  moille  na  d'  reis,  ged 
tha  t-anam,  neamh,  glòir  agus  gach  uile  ni  an 
cunnart.  Thoir  an  aire,  a  pheacaich  bhochd 
thruaigh,  thoir  an  aire,  agus  bi  air  t-fhaicill. 

2.  Ma  bhios  aon  's  am  bith,  an  deigh  na  comh- 
airle  so,  a  deanamh  moille  air  an  t-slighe  gu 
rioghachd  na  glòire,  bi  thusa  glic,  agus  na  lean  iad. 
Na  foghluim  o  neach  sam  bith  ni  's  faide  na  leanas 
e  Criosd.  "  Ag  amharc  air  Iosa,  ceannard  agus 
fear  criochnaich  air  creidimh,  neach  air  son  an 
aoibhneis  a  chuireadh  roimhe,  a  dh'  fhuiling  an 
crann-ceusaidh,  a'  cur  na  nàire  an  neo-shuim,  agus 
a  shuidh  air  deis  righ-chaireach  DheV'  Heb.  xii.  2. 

Tha  mi  'g  ràdh,  na  amhairc  air  duine  sam  bith, 
gu  foghlum  uaithe  ni  's  faide  na  leanas  e  Criosd. 
TJia  'n  t-abstol  Pòl  ag  ràdh,  "  Bithibh-sa  'nur 
luchd-leanmhuinn  orm-sa,  amhuil  mar  a  ta  mise  air 
Criosd."  1  Cor.  xi.  1.  Bha  esan  na  dhuine  urram- 
acli,  ach  bi  so  a  chomhairle  nach  leanadh  neach  e 
ni  b'  fhaide  na  leanadh  esan  Criosd. 

Brosnuchadh.  'Nis  chum  gum  bi  thu  air  do 
bhrosnuchadh  gu  ruith  leosan  a  bhios  air  thoiseach, 
thoir  an  aire  dha  so.  'Nuair  bha  Lot  agus  a  bhean 
a  ruith  o  Shodom  mallaichte,  chum  nam  beann,  a 
thearnadh  am  beatha;  tha  air  innseadh  gun  do 
shcall  ise  na  deigh,  agus  chaidh  a  tionndadh  gu  bhi 
na  carradh  salainn ;  agus  air  son  sin  chi  thu,  nach 
tugadh  a  cleachda  sa,  no  am  breitheanas  a  thainig 
oirre  air  a  shon  air  Lot  amharc  aon  uair  na  dheigh. 
'S  iomadh  uair  a  ghabh  mi  iongantas  rn'  an  chuis 
so ;  nach  tugadh  ni  's  am  bith  air  Lot  sealladh  air 


NEAMHAIDH. 


77 


ais,  eadhon  a  dh'fhaicinn  ciod  a  thachair  dhi.  Cha  r> 
eil  sinn  a  leughadh  gun  do  sheall  e  aon  uair  air 
ais  ;  bha  a  chridhe  air  a  thurus,  agus  bu  mhath  dha 
gun  robh ;  oir  bha  a'  bheinn  roimhe,  agus  an  teine 
's  am  pronnusg  na  dheigh  ;  bha  a  bheatha  an  cunn- 
art,  agus  chailleadh  e  i  nan  sealladh  e  air  ais.  Dean 
thusa  ruith  mar  sin ;  agus  'n  uair  ruitheas  tu, 
cuimhnich  air  bean  Lot,  cuimhnich  a  bhreitheanas, 
agus  aobhar  a'  bhreitheanais,  agus  gun  d'rinn  Dia 
eiseimpleir  dhi  do  gach  fear  ruith  leisg  gu  deireadh 
an  t-saoghail.  Thoir  thus'  an  aire  nach  tuit  thu 
air  an  doigh  cheudna. 

Mar  brosnuich  so  thu,  cuimhnich. — 1.  Gur  h-e 
t-anam  fèin  a  tha  ra  thearnadh,  no  ra  chall ;  cha  'n 
e  m'  anam-sa  a  chailleas  tu  le  d'  leisg,  ach  t-anam 
fèin,  do  shìth  agus  do  shochair  fèin,  do  shochair  no 
do  dhochair  fèin.  Nam  b'e  m'anamsa  bha  air 
earbsa  riut,  shaoilinn  gum  bu  chòir  dha  sin  toirt  ort 
truas  a  ghabhaii  dhe ;  ach,  mo  thruaighe !  is  e 
t-anam  fèin  a  th'  ann.  "  Oir  ciod  an  tairbhe  do 
dhuine,  ge  do  chosnadh  e  an  saoghal  gu  h-iomlan, 
agus  'anam  a  chall?"  Marc.  viii.  36.  Tha  pobull 
Dhè  ag  iarraidh  math  do  anama  dhaoin'  eile,  agus 
nach  iarr  thusa  bhi  math  do  t-anam  fèin?  Mar 
brosnuich  so  thu,  thoir  an  aire  dha  so. 

2.  Ma  chailleas  tu  t-anam,  's  ann  agad  fèin  a 
bhios  a'  choire.  Chuir  e  Cain  air  deargan  a'  chuth- 
aich,  'n  uair  smaointich  e  nach  do  sheall  e  air  anam 
a  bhrathar,  Abel.  Cia  is  ro  mhò  a  chràidheas  e 
thusa  'n  uair  a  chuimhnicheas  tu  nach  robh  cùram 
ort  mu  t-anam  fèin?  Agus  mar  brosnuich  so  thu 
gu  cabhaig  anns  a'  chuis,  smaointich  a  rìs. 

:>.  Mar  dean  thu  ruith,  gu  bheil  pobull  Dhè 
ullamh  gu  deanamh  riut  mar  rinn  Lot  ri  'mhnaoi ; 
is  e  sin,  t-fhàgail  as  an  deigh.  Feudaidh  e  bhi  gu 
bheil  athair,  mathair,  no  brathair  agad,  a  dian  ruith 
do  neamh,  agus  am  bi  thusa  toileach  gum  biodh  tu 
air  t-fhàgail  nan  deigh  ?    Gu  cinnteach  cha  bhi. 

4.  Nach  biodh  e  na  mhasladh  dhuit  nam  faiceadh 


78 


AN  GILLE-RUITH 


tu  na  giullain  a's  na  cailleagan  's  an  dùthaich,  is 
gun  robh  iad  na  bu  ghlice  na  thu  fèin  ?  Theagamh 
gu  bheil  seirbhisich  aig  cuid  do  dhaoine  a  bhios  ni 
's  dùrachdaiche  air  son  neamh  na  bhios  am  maigh- 
stirean  Saoilidh  mi  air  uairibh,  gun  teid  tuilleadh 
sheirbhiseach  no  'mhaighistirean ;  tuilleadh  d'  a 
thuath  na  a  luchd-fearainn  do  neamh.  Agus  nach 
maslach  an  gnothach  sin  ?  Tha  mi  cinnteach  gum 
bu  mhaslach  leibh  gun  abradh  'ur  seirbhisich  gun 
robh  iadsan  ni  's  glice  ann  an  nithibh  an  t-saoghail 
na  sibhse ;  agus,  gidheadh  is  dana  leam  a  ràdh  gu 
bheil  mòran  diubh  ni's  glice  na  sibhse  ann  an 
nithibh  an  t-saoghail  ri  teachd.  Nithe  a  tha 
mòran  ni  's  cudthromaiche. 

Uime  sin,  a  pheacaich,  gu  de  their  thu  ris?  C' 
ait  am  bheil  do  chridhe  ?  An  dean  thu  ruith,  no 
nach  dean?  Am  bheil  thu  toileach  tilgeil  dhiot? 
Smaointich  air,  gu  grad,  a  dhuine,  cha'n  eil  am  agad 
ra  chur  seachad  a  nis.  Na  gabh  comhairle  o  f  huil, 
no  o  f  heoil.  Seall  an  àird'  ri  neamh,  agus  faic  cia 
mar  a  b'àill  leat  e ;  seall,  mar  an  ceudna  sios  ri 
ifrinn,  (mu  am  feud  thu  eolas  fhaotainn,  mu 
leughas  tu  an  leabhar  agamsa,  ris  an  goirear 
"  Osnaidhean  o  ifrinn." )  Leugh  e  gu  cùramach, 
agus  an  sin  gabh  do  roghainn.  Mar  aithne  dhuit  an 
rathad,  feoraich  e  o  fhocal  Dhè.  Ma  tha  cuideachd 
a  dhi  ort,  glaodh  air  son  Spiorad  Dhè.  Ma  tha 
misneach  a  dhi  ort,  dean  greim  air  na  geallanna. 
Bi  cinnteach  gun  tòisich  thu  gu  moch ;  faigh  a 
steach  air  an  rathad  cheart.  Ruidh  air  t-aghaidh 
air  gu  dian,  dùrachdach,  agus  cum  ris  gus  an 
ccann  mu  dheireadh.  Agus  gun  dconaich  an  Tigh- 
earna  turus  math  dhuit — Slan  Leat. 


AN  T-SEÀRMOIN  DHEIREANNACH 


A  RINN 

IAIN  BUINIAN  * 

*'  A  bha  air  an  gineamhuin,  cha'n  ann  o  fhuil,  no  o  thoil  na 
feòla,  no  o  thoil  duine,  ach  o  Dhia." — Eoin  i.  13. 

Tha  co-cheangal  aig  na  briathraibh  so  riu-san  a 
tha  air  thoiseach  orra,  agus,  uime  sin,  feumaidh  mi 
bhur  seòladh  d'  an  ionnsuidh,  chum  's  gu'n  tuig 
sibh  iad  gu  ceart.  Tha  iad  air  an  cur  sios  mar  so, 
— "  Thàinig  e  dh'ionnsuidh  a  dhùthcha  fèin,  agus 
cha  do  ghabh  a  mhuinntir  fèin  ris.  Ach  a  mheud 
as  a  ghabh  ris,  thug  e  dhoibh  cumhachd  a  bhi  'nan 
cloinn  do  Dhia,  eadhon  dhoibh-san  a  ta  creidsinn 
'na  ainm:  A  bha  air  an  gineamhuin,  cha'n  ann  o 
fhuil,  no  o  thoil  na  feòla,  no  o  thoil  duine,  ach  o 
Dhia."  Tha  dà  ni  agad,  anns  na  briathran  a  tha 
roimhe  so. 

1.  Dhiult  cuid  d'  a  mhuinntir  fe'in  gabhail  ris,  'n 
uair  a  thairg  se  e  fèin  dhoibh. 

2.  Bha  dream  eile  d*  a  mhuinntir  fèin  a  ghabh 
ris,  agus  a  rinn  a  bheatha.  Iadsan  fòs  a  dhiùltas 
e,  gabhaidh  e  seachad  orra ;  ach  iadsan  a  ghabhas 
ris,  bheir  e  dhoibh  cumhachd  a  bhi  'nan  cloinn  do 
Dhia.  A  nis  air  eagal  gu'n  amhairc  neach  air  bith 
air  an  ni  so  mar  dheadh  chrannchur  no  mar  ni 
àgh-mhor,  ars*  esan,  *£  Bha  iad  air  an  gineamhuin, 
cha'n  ann  o  fhuil,  no  o  thoil  na  feòla,  no  o  thoil 
duine,  ach  o  Dhia.**  Ach  iadsan  nach  do  ghabh 
ris,  cha  robh  iad  ach  air  am  breith  a  mhàin  o  f  huil 
agus  o  f  heòil ;  ach  iadsan  a  ghabhas  ris  bithidh  Dia 
?na  athair  dhoibh,  agus  gabhaidh  iad  ri  teagasg 
Chriosd  le  dian  thogradh. 

'  S  a  cheud  àite.    Leigidh  mi  ris  duibh  ciod  a 

*  "  Preached  Au^ust  19,  1688."  This  was  only  twelve  daya  bel'ore 
Bunyan's  deatli. 


80  AN  T-SEARMOIN  DHEIREANNACH 


tha  e  ciallachadh  le  fuil.  Bha  iadsan  a  ta  creidsinn 
air  am  breith  chum  an  ni  sin,  mar  a  ta  oighre  air  a 
bhreith  chum  oighreachd;  mar  sin  a  ta  iadsan  air 
am  breith  o  Dhia,  's  chan  ann  o  f heòil  no  o  thoil 
duine,  ach  o  Dhia;  cha'n  ann  o  fhuil,  is  e  sin, 
cha'n  ann  a  thaobh  ginealaich;  cha'n  'eil  mi  air 
mo  bhreith  a  thaobh  na  feòla  chum  rioghachd 
neamh ;  cha'n  ann  do  bhrìgh  's  gur  mac  mi  do 
dhuine  no  do  mhnaoi  dhiadhaidh;  tha  sin  a  ciall- 
achadh  o  fhuil,  iC  Rinn  e  dh'  aon  f  huil  uile  chinnich 
dhaoine,"  Gniomh.  xvii.  26.  Ach  'n  uair  a  tha  e  'g 
ràdh  an  so,  "Cha'n  ann  o  fhuil/'  tha  e  diùltadh 
gach  uile  shochair  fheòlmhor  as  an  d'  rinn  iad 
uaill.  Rinn  iad  uaill  gu'm  b'  ann  do  shliochd 
Abrahaim  iad.  Ni  h-eadh,  ni  h-eadh,  ars'  esan, 
cha'n  ann  o  fhuil:  na  smaointichibh  a  ràdh,  gu 
bheil  Abraham  na  athair  agaibh;  oir  feumaidh 
sibh  a  bhi  air  'ur  gineamhuin  o  Dhia,  mu'n  teid 
sibh  do  rioghachd  neamh. 

'£  an  dara  àite.  44  No  o  thoil  na  feola."  Ciod 
a  dh'fheumas  sinne  bhi  tuigsinn  o  n  ni  sin? 

Tha  so  air  a  ghabhail  air  son  nan  dian  thograidhean 
sin  a  ta  anns  an  duine  chum  gach  uile  chleachdadh 
mi-stuama,  a  ta  sàsuchadh  ana-mianna  na  feòla. 
Ach  cha'n  fheud  sin  a  bhi  air  a  thuigsinn  mar  sin 
an  so ;  feumar  a  thuigsinn  an  so  anns  an  t-seadh  is 
fèarr ;  cha'n  'eil  daoine  air  an  deanamh  'nan  cloinn 
do  Dhia  le  bhi  toileachadh  an  ana-mianna  fèin. 
Cha'n  e  a  mhàin  gu  bheil  ann  an  daoine  feòlmhor 
toil  gu  bhi  truaillidh,  ach  tha  toil  annta  gu  bhi  air 
an  saoradh  mar  an  ceudna,  agus  fòs  toil  gu  dol  do 
neamh:  Ach  cha  dean  so  an  gnothuch,  cha  bhi 
sochair  air  bith  ann  do  dhuine  anns  na  nithibh  a 
bhuineas  do  rioghachd  Dh&  Cha  chonnsachadh  a 
dhearbhas  gu'n  teid  neach  do  neamh  'n  uair  a 
glieibh  e  bàs,  iarrtais  nadura  bhi  aige  an  deigh 
nithibh  an  t-saoghail  eile ;  cha  'n  fhear  saor-thoil 
mi,  is  fuath  leam  sin,  gidheadh  tha  'n  neach  is 
mio^a,  a'  miannachadh  uair  no  uair-eigin  a  bhi  air 


A  RINN  IAIN  BUINIAN. 


81 


a  thearnadh ;  feudaidh  e  bhi  air  uairibh  gu'n  leugh 
e,  agus  gu'n  dean  e  ùrnuigh,  ach  cha  dean  e 
gnothuch.  "Uime  sin  cha'n  ann  o'n  ti  leis  an  àill, 
no  o'n  ti  a  ruitheas,  ach  o  Dhia  a  ni  tròcair." 
Feudaidh  toil  agus  ruith  a  bhi  ann  as  eugmhais 
feum  air  bith.  "  Ach  cha  no  rainig  Israel,  a  bha 
leantuinn  lagha  na  fireantachd,  air  lagh  na  fireant- 
achd,  Rom.  ix.  16,  81.  Cha'n  'eil  so  ra  thuigsinn, 
mar  gu'm  biodh  an  t-Abstol  ag  àicheadh  gu'm  b'  e 
caithe-beatha  beusach  an  rathad  do  neamh,  ach 
nach  ruig  neach  as  eugmhais  gràis,  ge  d'  a  robh 
gibhtean  nàdurra  aige  air  an  t-sochair  sin  dol  do 
neamh,  agus  a  bhi  'na  mhac  do  Dhia.  Ge  d'  a 
dh'f  heudas  toil  a  bhi  aig  neach  gu 'n  ghràs  a  bhi  air 
a  shaoradh,  gidheadh  cha'n  urrainn  e  an  toil  sin  a 
bhi  aige  ann  an  slighe  Dhè ;  cha'n  aithne  do  nàdur 
ni  air  bith  ach  na  nithe  a  bhuineas  do  nàdur; 
cha'n  aithne  do  neach  air  bith  nithe  Dhè,  ach  le 
Spiorad  Dhè;  mur  bi  Spiorad  Dhè  annad,  fagaidh 
e  thu  air  an  taobh  so  do  gheatacha  nan  neamhan : 
"  Cha'n  ann  o  f  huil,  no  o  thoil  duine,  ach  o  Dhia." 
Math  a  dh'f  heudte  gu'r  e  toil  agus  miann  cuid  gu'm 
biodh  Ishmael  air  a  thearnadh,  ach  biodh  fhios 
agad  air  so,  cha  saor  sin  do  leanabh.  Nam  faighinn-sa 
gu'm  thoil  e,  b'  e  mo  mhiann  gu'n  rachadh  sibh 
uile  do  neamh.  Nach  lionmhor  iad  anns  an  t- 
saoghal,  a  tha  'g  ùrnuigh  air  son  an  cloinne,  agus 
a  ta  glaodhaich  agus  ullamh  gu  bàsachadh  air  an 
son,  agus  cha  dean  sin  an  gnothuch?  Is  e  toil 
Dhe  tha  riaghladh  nan  uile  nithe  ;  is  ann  a  mhàin 
tre  losa  Criosd,  *'  a  bha  air  a  ghineamhuin,  cha'n 
ann  o  thoil  na  feòla,  no  o  thoil  duine,  ach  o  Dhia," 
a  shaorar  sinn.    Thig  mi  nis  chum  an  teagaisg. 

An  dream  a  ta  creidsinn  ann  an  Criosd,  's  a  tha 
gabhail  ris  gu  h-eifeachdach,  tha  iad  air  am  breith 
da  ionnsuidh  :  cha'n  'eil  e  'g  ràdh  bithidh  iad  air 
am  breith  da  ionnsuidh,  ach  tha  iad  air  am  brcith 
da  ionnsuidh ;  air  am  breith  o  Dhia,  do  Dhia,  agus 
do  nithe  Dhè,  mu'n  gabh  iad  ri  Dia  chum  slàinte 

F 


82  AN  T-SEARMOIN  DHEIREANNACH 

shiorruidh.  <c  Mur  beirear  duine  a  rìs,  nach  fèatl 
e  rioghachd  Dhè  f  haicinn?"  A  nis  mur  bi  e  air  a 
bhreith  o  Dhia  cha'n  f  heud  e  a  rioghachd  f  haicinn. 
Ciod  air  bith  ris  an  samhlaich  thu  rioghachd  Dhè, 
cha'n  urrainn  e  'f  haicinn  as  eugmhais  a  bhi  air  a 
bhreith  o  Dhia;  ged  a  b'  e  an  soisgeul  rioghachd 
Dhè,  cha'n  urrainn  e  'f  haicinn  gus  am  bi  e  air  a 
thoirt  gu  staid  na  h-ath-ghineamhuin ;  oir  's  e  bhi 
creidsinn  toradh  na  nuadh-bhreith ;  f<  Cha'n  ann  o 
f  huil,  no  o  thoil  duine,  ach  o  Dhia." 

1.  Bheir  mi  cunntas  soilleir  dhuibh  mu'n  nuadh- 
bhreith  fo  shamhladh  no  dhà.  Tha  leanabh  mu 
'm  bheil  e  air  a  bhreith  chum  an  t-saoghail,  ann  am 
priosan  dorcha  am  broinn  a  mhathar;  mar  sin  tha 
leanabh  Dhè,  ann  am  priosan  dorcha  a'  pheacaidh 
mu  'm  bheil  e  air  a  bhreith  a  rìs,  cha'n  'eil  e  faicinn 
ni  air  bith  do  rioghachd  Dhè,  uime  sin,  tha  nuadh- 
bhreith  air  a  ghairm  dheth ;  tha  gràdh  aig  an  anam 
ann  an  staid  f  heolmhoir  air  aon  doigh,  ach  tha  gràdh 
aig  a'  cheart  anam  air  doigh  eile  'n  uair  a  tha  e  air 
a  bhreith  a  rìs. 

2.  Air  dha  bhi  air  a  shamhlachadh  ri  breith,  's 
air  a  choimeas  ri  breith  leinibh  à  broinn  a  mhathar, 
mar  sin  tha  e  air  a  choimeas  ri  neach  a  bhiodh  air 
a  thogail  as  an  uaigh ;  agus  e  bhi  air  a  bhreith  a 
rìs,  'n  uair  a  bhios  neach  air  a  thogail  à  uaigh  a' 
pheacaidh.  "  Mosgail,  thusa  a  tha  d'  chodal,  agus 
eirich  o  na  marbhaibh,  agus  bheir  Criosd  solus 
duit."  'S  e  bhi  air  'ur  togail  o  uaigh  a'  pheacaidh, 
a  bhi  air  'ur  gineamhuin,  agus  air  'ur  breith :  An 
so  tha  cunntas  oirdheirc  againn  mu  Chriosd,  "  'S 
csan  an  ceud-ghin  o  na  marbhaibh,  Taisb.  i.  5.  tha 
sin  a  ciallachadh  ar  n-ath-ghineamhuin ;  is  e  sin, 
ma  tha  sibh  air  'ur  breith  a  rìs,  agus  ag  iarraidh  na 
nithe  sin  a  ta  shuas,  an  sin  tha  co-shamhladh  aig 
aiseirigh  Chriosd  ri  'ur  nuadh-bhreith-sa,  'n  uair  a 
ta  sibh  air  'ur  'n  aiseig  a  mach  o  dhorchadas  an  t- 
saoghail  so,  agus  air  'ur  'n  atharrachadh  à  rioghachd 
dhorcha  staid  naduir,  chum  rioghachd  Mic  a  ghràidh, 


A  RINN  IAIN  BUINIAN. 


83 


agus  chum  nuadhachd  beatha ;  's  e  so  a  bhi  air  'ur 
breith  a  rìs ;  agus  an  ti  a  ta  air  a  bhreith  o  bhroinn  a 
mhathar,  tre  chuideachadh  a  mhàthar ;  mar  sin  tha 
'n  ti  a  ta  air  a  ghineamhuin  o  Dhia,  oir  is  ann  le 
Spiorad  Dhè  a  tha  e  air  a  ghineamhuin.  Feumaidh 
mi  beagan  do  thoraidhean  na  h-ath-bhreith  innseadh 
dhuibh. 

1.  Tha  fios  agaibh  co  luath  's  a  thig  leanabh 
chum  an  t-saoghail,  gu'r  tric  leis  dol  a  chaoineadh ; 
oir  ma  bhios  e  sàmhach,  their  iad  tha  e  marbh: 
sibhse  tha  air  'ur  breith  o  Dhia,  agus  a  tha  'n  'ur 
criosduidhean,  mur  'eil  sibh  n-ar  luchd  glaodhaich, 
cha'n  'eil  beatha  spioradail  annaibh,  ma  tha  sibh  air 
'ur  breith  o  Dhia  's  dream  sibh  a  bhios  a  glaodhaich ; 
co  luath  's  a  bheir  e  mach  sibh  à  priosan  dorcha  a' 
pheacaidh,  cha'n  urrainn  sibh  gu'n  eigheach  ri  Dia, 
ciod  a  ni  mi  chum  's  gu'm  bi  mi  air  mo  thearnadh? 
Co  luath  's  a  bhuin  Dia  ri  fear  coimhead  a'  phrios- 
ain  ghlaodh  e  a  mach,  "  Fhearaibh  agus  a  bhràith- 
rean,  ciod  a  ni  mi  a  chum  a  bhi  air  mo  thèarnadh  ? 
Oh !  cia  lionmhor  luchd-aidmheil  gu'n  ùrnuigh  ann 
an  Lunnuinn,  nach  d'  rinn  ùrnuigh  riamh?  Cha 
leig  tighean-osda  leibh  ùrnuigh  a'  dheanamh,  cha  leig 
marsantachd  leibh  ùrnuigh  a'  dheanamh,  cha  leig 
sgàthain  dhuibh  ùrnuigh  a'  dheanamh;  ach  nam  biodh 
sibh  air  ar  breith  o  Dhia,  dheanadh  sibh  ùrnuigh. 

2.  Cha  'n  e  mhàin  gu  bheil  e  nàdurra  do  leanabh 
a  bhi  caoineadh,  ach  feumaidh  e  chìoch  f  haotainn ; 
cha'n  urrainn  e  bhi  beo  as  eugmhais  na  cìche,  uime 
sin  tha  Peadar  a  deanamh  fìor  dheuchainn  leinibh 
air  ùr-bhreith  do  ni  so ;  Tha  an  naoidhean  air  ùr- 
bhreith  ag  iarraidh  bainne  fior-ghlan  an  fhocail, 
chum  gu  fàs  e  leis.  Ma  tha  thusa  air  do  bhreith  o 
Dhia^,  taisbean  e  le  bhi  g  iarraidh  ciocha  Dh^: 
Am  bheil  fadal  ort  air  son  bainne  nan  geallaidhean  ? 
Tha  neach  beò  air  aon  rathad,  'n  uair  a  tha  e  's  an 
t-saoghal,  ach  air  rathad  eile,  'n  uair  tha  e  air  a 
thoirt  chum  Iosa  Criosd.  "  Deothailidh  iad  agus 
bithidh  iad  sàsuichte;"  ma  tha  sibh  air  ur  breith 


84  AN  T-SEARMOIN  DHEIREANNACH 

a  rìs,  cha'n  'eil  ni  'sam  bith  a  shàsuicheas  sibh  pTia 
am  faigh  sibh  bainne  o  fhocal  Dhe  d' 'ur  n-anam- 
aibh,  "A  chum  gu'n  deothail  sibh,  agus  gu'm  bi 
sibh  sàsuichte  le  ciochaibh  a  shòlais/'  Isa.  lxvi.  11. 
O  ciod  is  fiu  gealladh  do  dhuine  feolmhor;  theag- 
amh  gu  bheil  tigh  strìopachais  ni  's  mìlse  leis ;  ach 
ma  tha  sibh  air  ur  n-ath-bhreith,  cha'n  urrainn  sibh 
bhi  beò  as  eugmhais  bainne  focail  Dhè\  Ciod  is  fiù 
ciochan  mnatha  do  each  ?  Ach  ciod  iad  ciochan 
mnatha  do  leanabh  ?  Is  iad  sin  a  shòlas  a  latha  agus 
a  dh'  oidhche,  is  iad  sin  'fhurtachd  gach  oidhche 
agus  latha ;  O  cia  neo-thoilichte'  bhiodh  e  nan 
rachadh  an  toirt  uaith ;  cha'n  'eil  ach  diomhanas 
ars'  an  duine  feolmhor  a  bhi  smaointeachadh  air 
nithibh  neamhaidh,  ach  tha  iad  'nan  co-fhurtachd 
do  leanabh  Dhè. 

3.  Mur  faigh  leanabh  air  ùr-bhreith,  tuilleadh 
co-fhurtachd  gu'  chumail  blàth,,  na  bha  aige  ann 
am  broinn  a  mhàthar,  gheibh  e  bàs ;  feumaidh  e  ni- 
eigin  fhaotainn  chum  a  neartachadh ;  mar  sin  dh' 
ullaicheadh  brat-speilidh  air  son  Chriosd;  uime  sin 
feumaidh  iadsan  a  ta  air  an  ath-bhreith,  gealladh 
air  ni-eigin  fhaotainn  o  Chriosd  chum  an  cumail 
beò ;  iadsan  a  tha  ann  an  staid  f  heolmhoir,  tha  iad 
'g  am  blàthachadh  fèin  le  nithibh  eile,  ach  iadsan 
a  ta  air  an  ath-bhreith  cha*n  urrainn  iad  a  bhi  beò 
as  eugmhais  geallaidh  o  Chriosd  chum  an  cumail 
beò  ;  mar  rinn  e  ris  an  naoidhean  bhochd  an  Eseciel 
xvi.  u  Sgeudaich  mi  thu  fòs  le  h-obair  ghrèise ;" 
nach  breagha  na  nithibh  a  dh'  ulluicheas  mnathan 
air  son  an  cloinne.  Ach  O  nach  breagha  na  sin,  na 
nithibh  a  dh'  ulluich  Criosd  chum  na  h-uile  a  ta 
air  an  ath-bhreìth  a  phasgadh  ann  !  O  nach  iad  sin 
na  biait-speilidh  òir  a  dh'  ulluich  Criosd  air  son 
gach  neacli  a  ta  air  a  bhreith  a  rìs !  Feudaidh 
mnathan  an  clann  uidheamachadh,  chum  guSn 
faic  muinntir  eile  co  breagha  's  a  bhios  iad  ;  mar  sin 
rinneadh  air-san  ann  an  Eseciel  xvi.  11,  44  Hinn  mi 
sgiamhach  thu  mar  an  ceudna  le  h-usgraichibh, 


A  RINN  IAIN  BUINIAN. 


85 


agus  chuir  mi  làmh-fhailean  air  do  làmhan,  agus 
slabhruidh  mu  d'  mhuineal.  Agus  chuir  mi  seud 
rìomhach  air  t-eudan,  agus  cluais-f  hainneachan  ann 
ad  chluasaibh,  agus  crùn  maiseach  air  do  cheann," 
agus,  ars'  esan,  anns  an  13  rann,  "agus  dh'  fhàs 
thu  suas  gu  bhi  a'  d'  rìoghachd."  Cha'n  'eil  so  a 
ciallachadh  ni  's  an  t-saoghal  ach  fìreantachd 
Chriosd,  agus  gràsan  an  spioraid,  's  feumaidh  e  bhi 
air  a  chòmhdach  le  fìreantachd  oirdheirc  Iosa 
Criosd,  ni  as  eugmhais  nach  urrainn  naoidhean  air 
ùr-bhreith  a  bhì  beò. 

4.  'Nuair  a  tha  leanabh  ann  an  uchd  a  mhathar, 
tha  mòr  thlachd  aice  ann  a  bhi  deanamh  nan  nith- 
ibh  sin  is  mo  bheir  a  shòlas  dha,  is  amhuil  a  tha 
aig  Dia  d'a  chloinn,  cumaidh  e  air  a  ghlun  iad.  "A 
chum  gu'n  deothail  iad,  agus  gu'm  bi  iad  air  an 
sàsuchadh  le  cìochaibh  a  shòlais.  Mar  neach  do'n 
tabhair  a  mhàthair  comhf  hurtachd,  mar  sin  bheir 
mise  comhfhurtachd  dhuibhse,  Isa.  lxvi.  11.  13. 
Tha  cosmhalachd  anns  na  nithibh  so  nach  tuig  neach 
'sam  bith,  ach  an  dream  a  tha  air  an  ath-bhreith. 

5.  Tha,  mar  is  trice,  ni-eigin  do  chosmhalachd 
eadar  an  t-athair  agus  an  lcanabh ;  feudaidh  e  bhi 
gu'n  amhairc  an  leanabh  coltach  ra  athair ;  mar 
sin  tha  coltas  nuadh  orrasan  a  tha  air  an  ath-bhreith, 
tha  iomhaigh  Iosa  Criosd  orra,  Galat.  iv.  Gach 
neach  a  tha  air  am  breith  o  Dhia,  tha  ni-eigin  do 
choltas  neamhaidh  orra.  Gu  math  tric  tha  barrachd 
tlachd  aig  muinntir  do'n  chloinn  sin  is  coltaiche 
riu  fèin ;  mar  sin  tha  mòr  thlachd  aig  Dia  do'n 
chloinn  is  coltaiche  ris  fein ;  uime  sin  goirear  clann 
Dhè  riubh :  ach  iadsan  nach  'eil  coltach  ri  Dia, 
goirear  Sodomich  dhiubh.  Tha  Criosd  a'  cur  an 
cèill  co  iad  clann  an  diabhuil  air  an  cruitheachd, 
oir  's  e  oibre  tha  chlann-san  a  deanamh.  Is  iad 
oibre  an  diabhuil,  gach  uile  obair  ain-diadhaidh  ; 
ma  tha  sibh  talmhaidh,  tha  sibh  a  giùlan  na 
h-iomhaigh  talmhaidh ;  ma  tha  sibh  nèamhaidh, 
tha  sibh  a  giùlan  na  h-iomhaigh  nèamhaidh. 


86  AN  T-SEARMOIN  DHEIREANNACH 


6.  'Nuair  a  tha  leanabh  aig  neach,  tha  e  ga 
theagasg  mar  is  àill  leis  fèin,  's  'ga  fhòghlum  air 
cleachdadh  tighe  athar;  amhuil  a  ni  iadsan  a  ta 
air  am  breith  o  Dhia,  dh'f  hòghluim  iad  cleachdadh 
fior  eaglais  Dhè ;  an  sin  dh'f  hoghluim  iad  a'  ràdh, 
M'  athair,  agus  mo  Dhia ;  tha  iad  air  an  àrach 
ann  an  tigh  Dhè,  tha  iad  ag  ionnsachadh  riaghailt 
agus  cleachdadh  tighe  Dhè,  chum  a  bhi  mar 
riaghailt  beatha  dhoibh  anns  an  t-saoghal  so. 

7.  Tha  e  nàdura  do  chloinn  a  bhi  'g  earbsa  ri  'n 
athair  air  son  gach  uireasbhuidh  a  bhios  orra ;  ma 
bhios  paidhir  bhròg  a  dhìth  orra,  innsidh  iad  dha 
e;  ma  tha  iad  a  dh'  easbhuidh  arain,  innsidh  iad 
dha  e  ;  mar  sin  bu  chòir  do  chlann  Dè  a'  dheanamli. 
Am  bheil  sibh  a  dh'  easbhuidh  arain  spioradail? 
imichibh  's  innsibh  do  Dhia  e.  Am  bheil  neart 
gràis  a  dhìth  oirbh  ?  iarraibh  o  Dhia  e.  Am  bheil 
sibh  gu'n  neart  an  aghaidh  buairidhean  Shàtain? 
rachaibh  's  innsibh  do  Dhia  e.  'N  uair  a  bhuaireas 
an  diabhul  sibh,  ruithibh  dhachaidh  agus  innisibh 
do  'ur  n-Athair  neamhaidh  e;  imichibh  agus 
doirtibh  a  mach  bhur  gearain  ri  Dia.  Tha  e 
nàdura  do  chloinn,  ma  ni  neach  air  bith  eucoir 
orra,  gu'n  innis  iad  d'  an  athair  e ;  amhuil  a  ni 
iadsan  tha  air  am  breith  o  Dhia,  'n  uair  a  thig 
buairidhean  'nan  caramh,  innsidh  iad  do  Dhia  mu'n 
timchioll. 

An  ceud  fheum,  Geur-rannsaichibh  co  dhiù  'tha 
sibh  air  'ur  breith  o  Dhia  no  nach  'eil,  Ceasnaichibh 
leis  na  nithe  a  chuir  mi  sios  roi'  so,  mu  leanabh 
nàdura,  agus  mu  leanabh  gràis.  Am  bheil  thu  air 
do  thoirt  a  mach  à  priosan  dorcha  an  t-saoghail  so 
chum  Chriosd  ?  An  d'  fhòghluim  thu,  m'  Athair, 
a  ghairm  ?  "  An  sin  thubhairt  mi,  Goiridh  tu 
riumsa,  M'  athair,"  Ierem.  iii.  19.  Is  luchd  glaodh- 
aich  uile  chlann  Dhè.  An  urrainn  duibh  a  bhi 
sàmhach  mur  faigh  sibh  làn-brù  do  bhainne  focail 
Dhè  ?  An  urrainn  duibh  a  bhi  toilichte,  as  eug- 
mhais  a  bhi  ann  an  sìth  ri  Dia  ?    Guidheam  oirbh 


A  RINN  IAIN  BUINIAN. 


87 


smaointeachadh  air  so,  agus  a  bhi  dùrachdach  ann- 
aibh  fèin :  mur  'eil  na  comharan  so  oirbh,  thig  sibh 
gèarr  air  rioghachd  Dhè,  's  cha  bhi  cuid  no  pàirt  gu 
bràth  agaibh  innte  ;  cha  tèid  aon  sgimileir  an  sin. 
Their  iad,  "A  Thighearna,  a  Thighearna,  fosgail 
dhuinne :  agus  their  esan,  cha'n  aithne  dhomh 
sibh,"  Cha  leanabh  le  Dia  thu,  cha  shealbhaich 
thu  'n  oighreachd  nèamhaidh.  Bheir  sinn  air 
uairibh  ni-èigin  dhoibh-san  nach  'eil  nan  cloinn 
duinn,  ach  cha  toir  sinn  ar  fearann  doibh.  O  na 
meallaibh  sibh  fèin  le  duil  ri  cuibhrionn  fhaotainn 
a'  measg  nam  mac ;  mur  bi  'ur  caithe-beatha 
coltach  ris  na  mic.  Tha  e  na  ni  mi-chiatach,  mac 
Righ  f  haicinn  a'  cluiche  maille  ri  mac  dìol-dèirce ; 
mar  sin  ma  's  clann  Righ  sibh,  caithibh  'ur  beatha 
mar  chlann  Righ ;  ma  dh'  èirich  sibh  maille  ri 
Criosd,  suidhichibh  'ur  n-aignean  air  na  nithibh  a 
ta  shuas,  agus  ni  h-ann  air  na  nithibh  a  ta  bhos : 
'n  uair  a  thig  sibh  an  ceann  a  cheile,  labhraibh  air 
na  nithibh  a  gheall  'ur  n-Athair  dhuibh;  bu  chòir 
dhuibh  uile  gràdh  a  thoirt  do  thoil  'ur  n-Athar, 
agus  a  bhi  toilichte  leis  gach  deuchainn  a  chomh- 
luicheas  ruibh  anns  an  t-saoghal ;  ma  's  sibh  clann 
Dhè,  caithibh  'ur  beatha  maille  ra  cheile  ann  an 
gràdh  ;  ma  bheir  an  saoghal  fuath  dhuibh,  cha  dean 
sin  coire  sam  bith  oirbh;  ach  tha  e  na  ni  brònach 
ma  bhios  fuath  aig  aon  agaibh  fèin  d'  a  chèile ;  ma 
bhios  so  'n  'ur  measg  is  comhara  e  air  droch  oilein, 
cha'n  'eil  e  reir  nan  riaghailtean  a  ta  agaibh  ann  am 
focal  Dhè.  Am  bheil  thu  faicinn  anam  anns  am 
bheil  iomhaigh  Dhè  ?  Ma  tha  gràdhaich  e,  gràdh- 
aich  e ;  abair,  feumaidh  an  neach  so  agus  mise  dol 
lath'-èigin  do  neamh ;  deanaibh  seirbhis  d'  a  chèile. 
deanaibh  math  d'  a  chèile ;  agus  ma  ni  neach  air 
bith  eucoir  oirbh,  deanaibh  urnuigh  ri  Dia  ar  cur 
ceart,  agus  gràdhaichibh  na  bràithrean. 

'S  an  àite  mu  dheireadh.  Ma's  clann  do  Dhia 
sibh  fòghlumaibh  an  leasan  sin,  crioslaichibh  leas- 
ruidh  bhur  n-inntinn  mar  chloinn  umhal,  gu'n  a 


88 


CAINNT  BAIS 


bhi  'gar  co-chumadh  fèm  ris  a'  chaithe-beatha  bha 
agaibh  roimhe,  ach  bithibhse  naomha  ann  bhur 
n-uile  chaithe-beatha ;  thugaibh  fainear  gu'r  e'i\ 
Dia  naomh  is  athair  dhuibh,  agus  cuireadh  so 
thuige  sibh  chum  bhur  beatha  chaitheadh  mar 
chloinn  Dè,  chum  gu'n  amhairc  sibh  an  gnùis  'ur 
n'athar  le  sòlas  air  latha  eile. 


CAINNT  BAIS  MHR.  BUINIAN. 

Mu  pheacadh  'S  e  am  peacadh  a'  chlach  thuislidh 

mhòr  a  ta  bacadh  ar  sonais ;  's  e  tha  toirt  gach 
truaighe  air  an  duine,  araon  a  nis  agus  a  rithist  ; 
thoir  air  falbh  am  peacadh,  agus  cha'n  urrainn  ni 
sam  bith  cràdh  a  chur  oirnn :  oir  's  e  am  bàs 
aimsireil,  spioradail,  agus  siorruidh  is  duais  do'n 
pheacadh. 

'S  e  am  peacadh,  agus  an  duine  an  tòir  air  a 
pheacadh  aobhar  corruich  Dhe :  uime  sin  nach 
uamhasach  cor  an  neach  a  bhuanaicheas  anns  a' 
pheacadh  ?  Oir  co  's  urrainn  fearg  Dhe  a  ghiùlan, 
na  co  's  urrainn  gleachd  na  aghaidh  ? 

Cha'n  urrainn  peacadh  sam  bith  an  aghaidh  Dhè 
bhi  beag,  do  bhrìgh  gu  bheil  e  'n  aghaidh  Dia  mòr 
nèamh  agus  na  talmhuinn ;  ach  ma's  urrainn  am 
pcacach  Dia  beag  fhaotainn  a  mach,  tha  e  furasda 
gu  lcòir  a  bhi  faotainn  peacaidhean  beaga'  mach. 

Tha  'm  peacadh  a  tionndadh  uile  ghràs  Dhè  gu 
macnus :  tha  e  toirt  dùbhlan  d'  a  cheartas,  a 
truailleadh  a  thocair,  a  fanoid  air  'fhoighidinn,  a 
cur  a  chumhachd  am  beag  suim,  agus  a'  deanamh 
tarcuis  air  a  gliràdh. 

Thoir  an  aire  nach  gabli  thu  do  dhànadas  ort 
fein  aon  pheacadh  a  chur  an  gniomh,  oir  treòraich- 
aidh  sin  thu  chuin  aon  eile,  gus  an  tig  e  lc  droch 
cleachdadh  gu  bhi  nàdura.    'S  c  tòiscachadh  air  a' 


MHR.  BUINIAN. 


89 


pheacadh  an  doigh  air  bunait  a  leagail  gu  buanachadh 
ann,  's  e  am  buanachadh  so  is  mathair  do  chleachd- 
adh,  agus  ma  dheireadh  's  e  ladurnas  a  thoradb. 

'S  e  bàs  Chriosd  is  fèarr  a  tha  nochdadh  dhuinn 
umain  fèin,  agus  an  staid  anns  an  robh  sinn  'n  uair 
nach  robh  ni  sam  bith  eile  ann  a  dheanamh  cuid- 
eachadh  leinn  ach  esan.  Agus  's  ann  ann-san  is 
soilleire  a  chi  sinn  sealladh  air  nàdur  eagalach  a' 
pheacaidh :  Oir  ma  tha  'm  peacadh  na  ni  co 
uamhasach  's  gu'n  d'  fhkisg  e  cridhe  Mhic  Dhè, 
cionnus  is  urrainn  peacach  bochd  truagh  a  ghiùlan  V 

Mu  dhoilghios.  Cha  dean  ni  sam  bith  doilghios 
co  do-ghiùlan  ri  eallach  a'  pheacaidh  :  uime  sin  ma's 
àill  leat  a  bhi  air  t-uidheamachadh  air  chionn  na 
triobkid  ?  Bi  cinnteach  gu'm  faigh  thu  eallach  a' 
pheacaidh  a  thilgeil  dhiot,  agus  an  sin  ciod  air  bith 
trioblaid  ris  an  còmhluich  thu  bith  i  so-iomchar 
dhuit. 

Mur  urrainn  thu  èisdeachd  ris  an  t-slait,  agus  an 
trioblaid  sin  a  leag  Dia  ort  a  ghiùlan,  cuimhnich 
an  leasan  so :  tha  thu  air  do  bhualadh  chum  do 
dheanamh  ni's  fèarr. 

Is  i  'n  trioblaid  an  sùiste  tha  'n  Tighearna  cleachd- 
ach,  chum  am  moll  a  sgaradh  o'n  chruithneachd. 

'S  i  sgoil  na  croise  sgoil  an  t-soluis,  leis  am  faic 
sinn  diomhanas,  truailleachd,  agus  aingidheachd 
an  t-saoghail  so,  agus  a's  i  is  mò  leigeas  ris  duinn  do 
inntinn  an  Tighearna :  Thig  solus  spioradail  a  mach 
à  trioblaid  dhorcha. 

'S  ann  an  àm  trioblaid  is  trice  chòmhluicheas  sinn 
ris  na  fèin-fhiosrachaidh  is  milse  do  ghràdh  Dhè. 

Nam  b'  e  's  gu'n  cuireamaid  cùl  le'r  'n  uilc 
chridhe  ri  toilinntinn  an  t-saoghail  so,  cha  bhiodh 
mòran  iomagain  oirnn  air  son  ar  trioblaidean  :  'S  e 
sin  a  ta  fàgail  staid  thrioblaideach  iomadh  neach  co 
do-ghiùlan,  do  bhrigh  gu  bheil  iad  ro-dhèidheil  air 
toilinntinnean  na  beatha,  so,  agus  mar  sin  cha'n 
urrainn  iad  an  ni  sin  fhulang  a  ni  eadar-dhealach- 
adh  eatorra. 


90 


CAINNT  BAIS 


Mu  aithreachas  agus  teachd  gu  Criosd.  'S  e  ar 
peacaidh  fhoillseachadh  is  crioch  do'n  trioblaid, 
agus  's  e  ar  toirt  chum  Slànuighear  is  crioch  do'n 
f  hoillseachadh  sin :  Uime  sin  pilleamaid  d'a  ionns- 
uidh-san  mar  rinn  am  "  mac  stròghail,"  agus  gheibh 
sinn  fois,  agus  suaimhneas. 

Ged  a  robh  am  peacach  aithreachail  roimhe  so 
co  olc  ris  na  daoine  's  miosa,  feudaidh  e  tre  ghràs 
fàs  co  math  ris  na  daoine  's  feàrr. 

'S  e  fìor  aithreachas  air  son  peacaidh,  neach  a  bhi 
duilich  gu'n  do  chuir  e  campar  air  Dia,  cha'n  ann 
air  son  gu  bheil  corruich  aige  ruinn,  ach  air  son 
gur  sinn  fèin  a  chuir  fearg  air. 

Eiridh  e  ann  am  breitheanas  a  t-aghaidh  co  tric 
's  a  runaich  thu  aithreachas  a  ghabhail,  agus  mar 
a  rinn  thu  dearmad  air  na  dleasdanais  ann  an  rathad 
tearnaidh  t-anama.  Tha  aithreachas  a  giùlan  maille 
ris  snas-labhairt  diadhaidh,  agus  a'  cur  impidh  air 
Criosd  maitheanas  a  thoirt  air  son  lionmhoireachd 
do  pheacaidhean,  a  chaidh  a  chur  an  gniomh  'na 
aghaidh. 

Na  abair  annad  fèin,  gabhaidh  mi  aithreachas  am 
màireach,  oir  is  e  do  dhleasdanas  a  dheanamh  gach 
latha. 

Is  e  soisgeul  nan  gràs  agus  na  slàinte,  os  ceann 
gach  uile  theagasg  is  ro  chunnartaiche,  ma  ghabhar 
am  focal  a  mhàin  e  le  daoine  gu'n  ghràs  ;  mur  feith 
iad  air  's  mur  bi  mothachadh  aca  air  am  feum  air 
Slànuighear,  agus  mur  toir  e  iad  da  n-ionnsuidh 
fèin.  Oir  an  dream  aig  am  bheil  ni-èigin  do  eòlas 
an  t-soisgeil  'nan  cinn,  's  iad  is  so  thruaighe  do  na 
h-uile  dhaoine,  do  bhrigh  gur  aithne  dhoibh  barr- 
achd  air  na  cinnich,  's  e  so  a  mhain  is  cuibhrionn 
doibh  os-bàrr  gu'm  buailear  iad  le  buillean  ni  's 
truimc. 

Mu  urnuigh.  Mu'n  tòisich  thu  ri  ùrnuigh,  fcor- 
aich  do  t-anam  na  ceistcan  so.  Cio  1  a'  chiioch,  O 
anain,  a  thug  air  lcth  thu  do'n  àitc  so  ?  An  tàinig 
thu  labhairt  ris  an   Tighcarna  ann  an  ùrnuigh? 


MHR.  BUINIAN. 


91 


Am  bheil  e  làthair  leat,  an  èisd  e  riut  ?  Am  bheil 
e  tròcaireach,  an  cuidich  e  leat  ?  An  gnothuch  faoin 
a  ta  agad  riò,  nach  ann  mu  shonas  t-anama  tha  e  ? 
Ciod  na  briathran  a  chleachdas  tu  chum  a  ghluasad 
gu  bhi  truacanta  ? 

Chum  t-ullachadh  a  dheanamh  iomlan,  thoir 
fainear  nach  'eil  annad  ach  duslach  agus  luathre, 
agus  gur  esan  an  Dia  mòr,  Athair  ar  Tighearna 
Iosa  Criosd,  a  tha  'ga  sgeudachadh  fein  le  solus  mar 
le  trusgan. 

Gu  bheil  thus'  a'  d'  pheacach  gràineil,  agus  esan 
na  Dhia  naomh,  's  nach  'eil  annads'  ach  cnuimh 
bhochd,  dhiblidh,  agus  gur  h-esan  an  Cruithear 
Uile-chumhachdach. 

Ann  a  t-uile  urnuighean  na  di-chuimhnich  buidh- 
eachas  a  thoirt  do  Dhia  air  son  a  thròcair. 

'N  uair  a  ni  thu  ùrnuigh,  gu  ma  fearr  leat  do 
chridhe  bhi  gu  n  bhriathran,  na  do  bhriathran  a 
bhi  gu'n  chridhe. 

Bheir  ùrnuigh  air  neach  sgur  do'n  pheacadh,  air 
neo  buairidh  am  pheacadh  e  gu  sgur  do  urnuigh. 

Tha  spiorad  na  h-urnuigh  ni  's  luachmhoire  na 
miltean  òir  agus  airgid. 

Bi  'g  ùrnuigh  gu  tric,  oir  tha  ùrnuigh  'na  sgiath 
do'n  anam,  'na  h-iobairt  do  Dhia^  agus  'na  sgiurs- 
adh  do  Shàtan. 

Mu  latha  an  Tighearna,  fyc.  Biodh  curam  àraidh 
ort  mu  latha  'n  Tighearna  a  naomhachadh  ;  oir  's 
ann  a  rèir  mar  a  choimheadas  tu  latha  na  Sàbaid  a 
shoirbhicheas  leat  fad  na  seachduin. 

Dean  latha  'n  Tighearna  na  latha  margaidh  do 
t-anam ;  caith  an  latha  gu  h-iomlan  ann  an  ùr- 
nuigh,  an  eisdeachd,  am  meòrachadh,  agus  a'  beachd- 
smaointeachadh ;  tilg  a  leth  taobh  gnothuichean 
na  cuid  eile  do'n  t-seachduin  ;  biodh  an  t-searmoin 
a  chual'  thu  air  a  tionndadh  gu  h-urnuigh  :  An 
ceadaich  Dia  dhuitse  sèa  laithean,  agus  nach  toir 
thusa  aon  latha  dhàsan  ? 

Thoir  an  aire  gu'm  bi  thu  cùramach  chum  seir- 


92 


CAINNT  BAIS 


hhU  a'  dheanamh  do  Dhia  anns  an  Eaglais;  oir  's 
ann  fa  chomhair  sùilean  Dhè  tha  thu,  agus  cha'n 
ann  fa  chomhair  suilean  duine. 

Feudaidh  tu  bhi  'g  eisdeachd  shearmoinean  gu  tric, 
agus  deanamh  gu  math  le  bhi  cur  an  cleachdadh 
an  ni'  chluinneas  tu ;  ach  na  biodh  dùil  agad  gu'n 
innsear  dhuit  o'n  chrannaig  na  h-uile  nithe  bu 
chòir  dhuit  a  dheanamh ;  ach  bi  dichiollach  a 
leughadh  nan  sgriobtuirean,  agus  leabhraichean 
matha  eile  :  theagamh  gu'n  leig  thu  air  di-chuimhn' 
an  ni  chluinneas  tu,  ach  's  e  'n  ni  a  leughas  tu  is 
dòcha  leantuinn  riut. 

Na  cuir  cul  ri  aoradh  follaiseach  an  Tighearna, 
air  eagal  gu'n  cuir  Dia  cùl  riutsa,  cha'n  e  'mhàin 
gu  follaiseach,  ach  an  uaigneas. 

Air  làithibh  na  seachduin,  'n  uair  a  dh'&reas  tu 
's  a'  mhaduinn,  smaointich,  I.  Feumaidh  tu  bàsach- 
adh ;  2.  Feudaidh  tu  bàsachadh  air  a'  mhionaid ; 
3.  Ciod  a  thig  ri  t-anam.  Dean  ùrnuigh  gu  tric. 
Agus  anns  an  fheasgar,  smaointich,  1.  Ciod  na 
peacaidhean  a  chuir  thu  'n  gniomh  an  diugh.  2.  Cia 
lion  ùrnuigh  a  rinn  thu.  3.  Ciod  air  an  robh 
t-inntinn  suidhichte.  4.  Ciod  a  bha  thu  deanamh. 
5.  Ciod  bu  chòmhradh  dhuit.  6.  Ma  ghairmeas 
tu  gu  d  chuimhne  peacaidhean  an  latha,  na  coidil 
gu'n  aidmheil  a'  dheanamh  do  Dhia,  agus  gu'n 
dòchas  ri  maitheanas  fhaotainn.  Mar  so  dean  suas 
do  chunntas  do  Dhia  uile-chumhachdach  gach 
madainn  agus  feasgar,  chum  's  gu'm  bi  do  chunntas 
ni  's  lugha  aig  a'  cheann  ma  dheireadh. 

Mu  ghràdh  an  t-saoghaiL  Cha'n  'eil  ni  sam 
bith  is  mò  bhacas  anam  gu  tighinn  gu  Criosd,  na 
gràdli  diomhain  an  t-saoghail,  agus  gus  am  bi  anam 
air  f  huasgladh  uaith,  cha  tig  an  latha  bhios  fior 
ghràdh  aige  do  Dhia. 

Ciod  e  onair  agus  saoibhreas  an  t-saoghail  so,  ann 
an  coimeas  ri  glòir  crùn  na  beatha  ? 

Na  gràdhaich  an  saoghal,  oir  is  lcòman  e  ann  am 
bcatha  Criosduidh.    '$  e  tàir  a'  dheanamh  air  an 


MHR.  BUINIAN. 


93 


t-saoghal,  an  doigh  air  neamh  a  mhealtuinn,  agus 
is  beannaichte  iadsan  a  ta  gabhail  tlaehd  a  bhi 
còmhradh  ri  Dia  ann  an  ùrnuigh. 

Ciod  an  amaideachd  is  mò  na  bhi  saothreaohadh 
air  son  a'  bhidh  a  theid  am  mugha,  agus  a  bhi 
deanamh  dearmad  do  lòn  na  beatha  siorruidh? 

Feumaidh  Dia  no'n  saoghal  a  bhi  air  a  dhearmad 
an  àm  an  dealachaidh,  oir  is  e  sin  àm  na  deuchainn. 

A  bhi  'g  a  t-iarraidh  fèin  anns  an  t-saoghal  so,  's 
e  sin  a  bhi  caillte :  agus  a  bhi  air  t-irioslachadh,  's 
e  sin  a  bhi  air  t-àrdachadh.  'S  beag  a  ta  fios  aig  a 
gheocaire  tha  gabhail  tlachd  ann  an  nithibh 
taitneach  an  t-saoghail  so,  gu'n  toir  na  ceart  nithibh 
sin  fianuis  na  aghaidh  air  an  latha  ma  dheireadh. 

Mu  fhulangas.  Cha'n  e  gach  uile  fhulangas  a 
ni  neach  na  mhartarach,  ach  a  bhi  fulang  air  son 
focal  Dhè  air  doigh  cheart;  is  e  sin,  cha'n  e  a 
mhàin  air  son  fìreantachd,  ach  air  sgàth  fireantachd ; 
cha'n  e  a  mhàin  air  son  na  f  ìrinn,  ach  o  ghràdh  do 
'n  f  hìrinn ;  cha'n  e  a  mhàin  air  son  focal  Dhè,  ach 
a  reir  focal  Dhè:  anns  an  doigh  naomh,  iriosal, 
agus  chiùin,  mar  tha  focal  Dhè  ag  iarruidh. 

Tha  e  'na  ni  ainmic  a  bhi  fulang  gu  ceart,  agus 
an  àm  fulang  mo  spiorad  a  bhi  suidhichte  an 
aghaidh  namhaid  Dhe,  am  peacadh,  peacadh  ann 
an  teagasg,  peacadh  ann  an  aoradh,  peacadh  ann 
an  caitne-beatha,  agus  peacadh  ann  an  cainnt. 

Cha'n  urrainn  an  diabhul,  no  daoine  an  t-saoghail 
t-fhìreantachd,  na  do  ghràdh  do  fhìreantachd  a 
mharbhadh,,  ach  le  d'  làimh  fèin ;  cha  mhò  is  urrainn 
iad  dealachadh  a  chur  eadar  thu  fèin  agus  t-ionracas 
an  aghaidh  do  thoil  fèin.  Ni  mò  's  urrainn  an 
neach  a  ta  fulang  air  son  ionracais,  na  gràdh  do 
ionracas,  a  bhi  air  a  bhuaireadh  gu  malairt  a 
dheanamh  air  son  deadh-ghean  an  t-saoghail  uile. 
'S  tric  a  bha  mi  smaointeachadh  gu'm  faighear  na 
Criosduidhean  is  fèarr  anns  an  h-àmanaibh  is  miosa. 
Agus  bha  mi  smaointeachadh  a  rìs,  gur  e  aon 
aobhar  air  son  nach  'eil  sinn  ni  's  fèarr,  do  bhrigh 


94 


CAINNT  BAIS 


nach  'eil  Dia  'gar  glanadh  leis  a'  ghuit.  Cò  bu 
naomha  na  Noah  agus  Lot  'an  àm  an  airc !  Ach  cò 
bu  saor-lamhaiche  na  iad  'an  àm  an  soirbheachaidh  ? 

Mun  bhàs  agus  breitheanas,  Tha'n  diabhul  a 
gnàthachadh  gach  meadhon  a  tha  na  chomas,  chum 
gach  ni  math  a  chumail  as  a  chridhe,  mar  tha  bhi 
smaointeachadh  a  bhi  fàgail  an  t-saoghail  so,  's  a 
dol  a  chum  saoghail  eile;  oir  tha  fios  aig  Sàtan  ma 
V  urrainn  e  smaointean  cudthromach  mu'n  bhàs  a 
chumàil  as  ar  cridhe,  gur  h-ann  is  usadh  dha  ar 
cumail  ann  ar  peacaidhean. 

Cha'n  'eil  ni  sam  bith  a'  bheir  oirnn  ar  slàinte 
shiorruidh  oibreachadh  a  mach  le  barrachd  dùrachd, 
na  bhi  tric  a  meòrachadh  air  a'  bhàs ;  cha'n  'eil  ni 
sam  bith  a's  fèarr  chum  ar  cridhe  aomadh  o 
dhiomhanas,  agus  a  bhi  gintinn  annainn  iarrtuis 
air  son  naomhachd. 

O  pheacaich!  ciod  an  truaighe  anns  an  tuit  thu 
'n  uair  a  dh'f  hàgas  tu  'n  saoghal  so ;  ma  dh'f  hàgas 
tu  e  neo-iompaichte,  b'f  hèarr  dhuit  gu'n  deachaidh 
do  thachdadh  'n  uair  a  rugadh  tu;  b'  f  hèarr  dhuit 
gu'n  deachaidh  do  spionadh  as  a  chèile ;  b'  fhearr 
dhuit  gu'n  robh  thu  a'  d'  chù,  a'  d'  losgunn,  no  a' 
d'  nathair-nimhe,  na  bàsachadh  neo-iompaichte ; 
agus  chi  thu  gu'm  bi  so  fior  mur  gabh  thu  aithreachas. 

Bhiodh  neach  air  a  mheas  na  amadan  na'n 
deanadh  e  tàir  air  a  bhreitheamh  roimh  'n  robh  e 
gu  bhi  air  f heuchainn  air  son  an  iomlain  da' 
mhaoin.  Tha'n  deuchainn  air  son  am  feum  sinne 
seasamh  fa  chomhair  Dhè  mòran  ni  's  cudthromaiche, 
oir  bithidh  i  mu  thimchioll  ar  sonais  na  ar  truaighe 
siorruidh ;  agus  am  bheil  sinne  co  dàna  's  gu'n 
dean  sinn  dimeas  air.  'S  e'n  aon  doigh  dhuinne 
chum  dol  as  o'n  bhreitheanas  uamhasach  sin,  a  bhi 
toirt  a  mach  gu  tric  binn  dìtidh  oirnn  fèin  anns  an 
t-saoghal  so. 

'N  uair  a'  chluinnear  fuaim  na  trompaide  a  bhcir 
rabhadh  do  na  mairbh  taisbeanadh  fa  chomhair 
cathair-brcitheanais  Dhè   ni  na  fireanaich  cabhag 


MHR.  BUINIAN. 


95 


a  mach  as  an  uaighean  chum  am  Fear-Saoraidh  a 
chòmliluchadh  anns  na  neoil ;  glaodhaich  dream 
eile  ris  na  cnuic  agus  ris  na  beanntaihh  tuiteam 
orra,  chum  an  còmhdach  o  ghnùis  am  Breitheimh. 
Uime  sin,  rannsuicheamaid  ann  an  àm,  cò  do'n  dithist 
leis  am  bi  sinne. 

Mu  aoibhneas  nèamh.  Cha'n  'eil  ni  math  sam 
bith  anns  a'  bheatha  so,  nach  'eil  air  a  mheasgadh 
le  truailleachd :  tha  onair  na  h-ioma-cheist,  tha 
beairteas  na  thrioblaid,  agus  leir-sgriosaidh  toilinn- 
tinnean  slàinte.  Ach  ann  an  nèamh  gheibh  sinn 
beannachdan  ro  fhior-ghlan,  gu'n  ni  sam  bith  'g  an 
deanamh  searbh,  ach  na  h-uile  nithe  'g  an  deanamh 
milis. 

O !  cò  tha  comasach  air  a  bhi  tuigsinn  an  aoibh- 
neis  do-labhairt  's  do-smaointeachaidh  a  tha  'n  sud  ? 
Cha'n  'eil  aon  ach  iadsan  a  bhlais  diubh.  A  Thigh- 
earna,  cuidich  leinn  a  leithid  a  luach  a  chur  orra  'n 
so,  chum  gu'm  bi  sinn  'g  ar  deanamh  fèin  deas  air 
an  son,  agus  a  bhi  toileach  dealachadh  ris  gach 
toilinntinn  mhealltach  a  th'  ann  's  a'  bheatha  so. 

Cia  mar  fhreagras  na  nèamhan  ri  mac-talla  le 
aoibhneas,  n  uair  a  thig  a'  bhean  nuadh  phòsda 
dhachaidh,  bean  an  Uain,  a  ghabhail  còmhnuidh 
maille  r'  a  Fear-pòsda  gu  bràth  ? 

'S  e  Criosd  miann  nan  cinneach^  aoibhneas  nan 
aingeal,  agus  tlachd  an  Athar.  Ciod  an  sòlas,  ma 
ta  leis  am  bi  'n  t-anam  sin  air  a  lionadh  aig  am  bi 
seilbh  shiorruidh  air  ? 

O  !  ciod  an  luath-ghair  eibhneis  a  bhios  an  sin  'n 
uair  a  chòmhluicheas  clann  Dhè  uile  an  ceann  a 
chèile  ann  an  aon  choinneimh,  far  nach  bi  eagal 
orra  gu'n  cuir  sliochd  an  ana-criosd  na  Chàjn  dragh 
orra. 

Nach  'eil  an  t-àm  a'  teachd  anns  am  feud  na 
naoimh  fheoraich  do  na  h-aingidh,  ciod  a'  bhuann- 
achd  a  th'  agaibh  'n  'ur  toilinntinn?  Ciod  an  co- 
f  hurtachd  a  tha  'n  'ur  mòrachd  ?  Agus  ciod  an 
toradh  a  th'  agaibh  'n  'ur  'n  uile  shaothair  ? 


96 


CAINNT  BAIS  MHR.  BUINIAN. 


Ma's  àill  Jeibh  riarachadh  ni's  fearr  fhaotainn 
mu  thimchioil  ciod  a  ta  an  taisbeanadh  àghmhor  a 
ciallachadh,  guidheam  oirbh  a  bhi  beò  gu  naomh 
agus  rachaibh  agus  faicibh. 

Mu  phiantan  ifrinn.  Cha'n  'eil  nèamh  agus 
slàinte  ni  's  cinntiche  air  an  gealltainn  do  na 
naoimh,  na  tha  ifrinn  agus  damnadh  air  am  bagairt, 
agus  air  an  cur  an  gniomh  air  na  h-aingidh. 

O  !  co  do'n  aithne  cumhachd  feirge  Dhè  ?  Cha'n 
aithne  do  neach  ach  dhoibhsan  a  ta  air  an  damnadh. 

'S  iad  a'  chuideachd  a  bhios  aig  peacaich,  an 
diabhul  agus  'ainglean,  air  am  pianadh  ann  an  teine 
siorruidh  le  mallachd.  Bhiodh  ifrinn  na  gnè  do 
Phàras  mu'r  biodh  i  ni  bu  mhiosa  na  'chuid  is  miosa 
do'n  t-saoghal  so. 

Tha  cor  nam  peacach  co  eadar-dhealaichte  o 
chor  nan  naomh,  's  an  t-saoghal  ri  teachd,  's  a  tha 
bròn  o  aoibhneas,  na  dòruinn  o  fhois,  agus  uabhas 
o  shìth. 


CBXQCH. 


K