Skip to main content

Full text of "Leabhar cheist air uachdaranachd agus oideas na h-Eaglais Clreachail (no Eaglais na h-Alba)"

See other formats


Digitized  by  the  Internet  Archive 
in  2013 


http://archive.org/details/leabharcheistair1843chur 


LEABHAR  CHEIST 


UACHDARANACHD  AGUS  OIDEAS 


H-EAGLAIS  CLEIREACHAIL; 


(NO,  EAGLAIS  NA  H-ALBA.) 


EADAR-THEANGAICHTE  GU  GAELIC,  (LE  CEAD  NAN  UGHDAIREAN,)  o'n  NAOIDH- 
EAMH  CLODH-BHUALADH  DO  'n  LEABHAR  'S  a'  BHEURLA. 


"  Feuch  dhoibh  dreach  an  tighe  agus  a  chumachd,  agus  a  dhol  a  mach  agus  a 
theachd  a  stigh,  agus  'uile  choslas  agus  'uile  òrduighean,  agus  'uile  dheilbh,  agus 
'uilereachdan,  agus  sgrìobh  e  'n  an  sealiadh,  a  chum  gu  'n  coimhid  iad  'uile  dhreach 
agus  'uile  òrduighean  agus  gu'n  dean  siad  iad." — Eseciel.  xliii.  2. 


GLASGOW: 
PUBLISHED   BY  DUNCAN   MACVEAN. 


MDCCCXLm. 


ROIMH-RADH. 

-  Cha'n  'eil  TTghdairean  an  Leabhair  Cheist  so  'g  a  chur  a  mach 
le  rùn  mhi-sheirceil  do  Chriosduidhibh  atha  do  dh'  atharrachadh 
aidmheil;  ni  mò  tha  iad  'g  a  chur  a  mach  a  dhùsgadh  chonns- 
poidean;  ach,  air  son  nan  aobhar  so  a  leanas: — 

1.  Ann  an  làithibh  bharailean  iorghuilleach,  mar  an  là  'n  diugh, 
mheasadh  leo  gu  'n  robh  e  'n  a  ni  cudthromach  ro-f  heumail  do 
'n  Eaglais  Chlèireachail,  gu  'm  biodh  a  luchd-comuinn,  gu 
h-àraidh  an  t-àl  òg  a  tha  'g  èirigh  suas,  làn  fhoghluimte  ann  an 
teagasgaibh  bunaiteach  a  suidheachaidh,  mar  tha  iad  sin  stèidh- 
ichte  air  focal  Dhè,  agus  sònruichte,  eadar-dhealaichte  o'  chàch. 

2.  Tha  iad  a'  meas  nam  barailean  a  ta  iomadh  deònach  a  chum- 
ail  suas,  neo-sgriobtuireil;  agus  uime  sin,  mearachdach — nach  'eil 
Riaghailt  àraidh  air  bith  mu  uachdaranachd  Eaglais  agus  Oideas 
do  Shuidheachadh  Nèamhaidh,  agus  gu  'm  feudnah-Eaglaisean 
na  Riaghailtean  a  's  ro-iomchuidh  a  chithear  leo  fèin,  ge  b'  e 
air  bith  iad,  a  chleachdamh. 

3.  Tha  iad  a'  creidsinn  gu  'm  bheil  glòir  Chriosd,  farsuingeachd 
a  Rìoghachd  agus,  slàint'  anama  dhaoine  an  dlùth-dhàimh  ri 
ministeireilachd  dhìlis,  òrduighean,  agus  a  reachdan,  do  ra 
Riaghailt-Uachdaranachd  a  shuidhich  e  fèin  'n  a  fhocal„ 

Roimh-Ràdh,  an  t-Sèathamh  cur  a  mach. 

Ann  an  cur  a  mach  an  t-Sèathamh  chlòdh-bhualadl 
Leabhran  bheag  so,  tha  sinn'g  amheas  mar  ardleasdanas  arbuidh- 
eachas  a  nochdadh  do  Dhia,  a  thug  air,  le  a  bheannachd,  gu  'n 
do  shoirbhich  e  co  maith.  Chaidh,  cheana,  cùig  clòdh-bhualaidh- 
ean  lìonmhor  dheth  a  reic,  a'  deanamh  suas  gu  lèir,  fichead  mile 
leabhar,  agus  air  do  'n  ath-chlòdh-bhualadh  a  bhi  fathast  'g  a 
iarruidh,  chaidh  an  leabhar,  le  ro-aire,  a  leasachadh,  agus  a  measg 
nithe  eile,  chaidh  a  chur  ris  as  ùr  caibideil  air  comh-leantanas 
nan  abstol,  ni,  a  rèir  coltais,  a  ta  'n  t-àm  so  gu  mòr  ag  iarruidh. 
Tha  sinn  ag  earbsadh  gu  'm  bi  so  feumail  do  dh'  iomadh.  Tha 
sinn  cheana  dearbhta,  nach  bi  na  h-oidhirpean  caoimhneil  a 
ghnàthaichear  gu  a  chraobh-sgaoileadh  air  sheòl  's  am  bith  fann, 
air  chor  's  gu'm  bi  oideas  agus  uachdaranachd,  co  maith  ri  teag- 
asgaibh  agus  Riaghailtean  na  h-Eaglais  Clèireachail  air  an 
deanamh  aithnichte  mòran  ni's  farsuinge,  agus  a  luach  ni  's  mò 
air  a  thuigsinn. 

An  Giblin,  1840. 

»*,  This  little  Book,— "  A  Catechism  of  the  Government  and  Discipline 
of  the  Presbyterian  Church," — has  been  so  much  esteemed,  that  60,000 
copies  of  it  have  been  sold.  It  has  been  translated  into  French  and  Dutch; 
and  now  into  Gaelic,  for  the  use  of  Highlanders  at  home  and  abroad. 

This  translation  has  been  revised  and  corrected  by  an  eminent  Clergyman 
of  the  Church  of  Scotland. 

Glasgotv,  February,  1843. 


LEABHAR  CHEIST,  &c. 


CAIB.  I. 

IiIAGHLADH  KA.  H-EAGLAIS. 


I.  Ciod  e  tha  air  a  chiallachadh  le  Eaglais  Chriosd? 

Aon  chuid  a  shluagh  saoirte  gu  h-iomlan,  no  na  h-uile'  tha  'g 
aideachadh  a  bhi  'n  an  Criosduidhibh,  air  talamh,  agus  an  clann. 
Eph.  v.  25,  26:  "  Ghràdhaich  Criosd  an  Eaglais,  agus  thug  se 
e  fèin  air  a  son,  chum  gu  'n  naomhaicheadh,  agus  gu'n  glanadh, 
e  i  le  ionnlad  an  uisge  tre  an  fhocal."  Grniomh.  ii.  39,  47,  "  Oir 
a  ta  an  gealladh  dhuibh-sa,  agus  do  bhur  cloinn.  Agus  chuir  an 
Tighearn  gach  là  ris  an  Eaglais  an  dream  a  thèaruinear." 

II.  Cia  mar  tha  'n  Eaglais  anns  an  t-seadh  choitchionn  so,  a 
ghnàth  air  a  h-eadar-dhealachadh? 

Mar  an  Eaglais  fhaicsinneich,  agus  neo-fhaicsinneich;  tha  an 
Eaglais  neo-fhaicsinneach  a'  gabhail  a  stigh  naomh-shluagh  Dhè 
gu  h-iomlan  air  neamh  agus  air  talamh.  Eabh.  xii.  23.  "  làn 
choimhthional  agus  eaglais  nan  ceud-ghin,  a  tha  sgrìobhta  's  na 
nèamhaibh:"  agus  anEaglais  fhaicsinneach,  gach  uile  shluagh  a 
tha  ag  aidmheil  na  f  ìrinn  gu  follaiseach  mar  a  ta  i  ann  an  Iosa. 
Taisb.  ii.  12, — 15:  "  Agus  chum  aingil  na  h-Eaglais  'a  ta  ann  an 
Pergamos,  sgrìobh, — a  ta  thu  a'  cumail  m'  ainme-sa  gu  daingean, 
agus  cha  d'  àicheadh  thu  'mo  chreidimh — ach  tha  agad  an  sin  an 
dream  a  tha  cumail  teagaisg  Bhalaaim,  ni  a's  fuathach  leam-sa." 

III.  Am  bheil  aig  an  fhocal  Grhreugais  (Ecclesia)  a  tha  air 
eadar-theangachadh  Eaglais,  anns  na  Sgriobtuiribh  seadh  air  bith 
eile,  ach  an  dithis  ud  a  mhàin? 

Tha; — tha  e  air  a  ghnàthachadh  ann  an  iomadh  seadh.  Tha 
e  a'  ciallachadh: — 's  a'  cheud  àit,  Co-chruinneachadh  coitchionn  's 
am  bith,  no  coimhthional  sluaigh.  Cniomh.  xix.  32:  "  oir  bha  an 
coimhthional  (ecclesia)  troimh  a  chèile."  2  Comh-chruinn- 
eachadh  luchd-comhairle  ceartais.  Grniomh.  xix.  39:  "  Ma  tha 
ceist  's  am  bith  agaibh  mu  nithibh  eile,  rèitichear  sin  ann  an 
coimhthional  dligheach,"  (ecclesia);  no  luchd-riaghlaidh  eaglais. 
Matt.  xviii.  17:  "  Innis  do  'n  Eaglais  e,"  &c,  (ecclesia.)  Tha  'n 
eaglais  air  a  deanamh  suas  do  luchd-riaghlaidh  agus  an  dream  a 
ghabh  riaghladh.  Eabh.  xiii.  17.  Agus  a  rèir  òrduigh  gach 
comuinn  deadh-riaghailteach  tha  gearana  air  an  cur  an  làthair 
an  luchd-riaghlaidh.  B'  ionann  is  mar  bha  ann  an  sionagogaibh 
eaglais  nan  Iùdhach;  agus,  uime  sin,  mar  labhradh  le'r  Tighearna, 
agus  air  a  thuigsinn  le  a  dheiscioblaibh,  tha  am  focal  Eaglais  anns 
an  rann  so  a'ciallachadh  luchd-riaghlaidh.  3.  Coimhthional  sòn- 
raichte  's  am  bith  do  Chriosduidhean.  Col:  iv.  15:  "  Agus  air  an 
eaglais  a  tha  'n  a  thigh." 


4.  Iomadh  coimhthional,  no  iomadh  eaglais  air  am  meas  mar 
aon,  fo  'n  aon  riaghladh  choitchionn.  1  Cor.  1,  2:  "  'Chum 
eaglais  Dhè  a  ta  ann  an  Corintus;"  coimeas  ri  xiv.  34,  "  Biodh 
bhur  mnài  'n  an  tosd  's  na  h-eaglaislbh."  Mar  an  ceudna 
G-niomh.  viii.  1:  "  An  Eaglais  a  bha  ann  an  Ierusalem,"  air  a 
choimeas  ri  xxi.  20.  Cia  lìon  mìle  (no  mar  anns  a'  cheud  chàn- 
ain,)  miriads.  Is  e  miriad  deich  mìle.  B'  èigin  gu  'n  d'  rinn 
iomadh  miriad  iomadh  coimhthional  ann  an  Ierusalem,  gu  h-uile 
air  an  gairm,  an  Eaglais,  fo  riaghladh  nan  abstol  agus  nan  sean- 
airean,  Gniomh.  xv.  6  agus  xvi.  4. 

IV.  Am  bheil  e  'n  a  aobhar  suarach,  ciod  i  an  Eaglais  da  'm 
buin  sinn? 

Cha  'n  'eil.  'S  e  ar  dleasdanas  sinn  fèin  a  cheangal  agus  dlù- 
leantuinn  ris  an  Eaglais  sin  a's  dlùithe  a  tha  do  rèir  nan  Sgriob- 
tuirean  Naomha  'n  a  teagasg,  'n  a  suidheachadh,  'n  a  riaghailt- 
ibh,  'n  a  riaghladh  agus  'n  a  foghlUm.  I  Eoin.  iv.  1;  "  Dearbh- 
aibh  na  spioradan,  an  ann  o  Dhia  a  tha  iad."  I.  Tes:  v.  21: 
"  Dearbhaibh  na  h-uile  nithe:  cumaibh  gu  daingean  anni  sin  a  ta 
maith." 

V.  Am  bheil  aig  an  Eaglais  Chriosduidh  mar  chomunn  faic- 
sinneach,  seòl  riaghlaidh  sònraichte  dhi  fèin? 

Tha.  1  s  rìoghachd  i  aig  am  bheil  reachdan,  òrduichte  le  Criosd ; 
agus  is  iad  a  buill  an  luchd-riaghlaidh,  agus  iadsan  a  tha  air  an 
riaghladh  araon.  Eoin.  xviii.  36:  "  Cha  'n  ann  do'n  t-saoghal  so 
tha  mo  rìoghdachd-sa."  &c.  Eabh.  xiii.  17:  "  Bithibh  ùmhal  do 
'ur  cinn-iùil,  agus  thugaibh  gèill  doibh:  oir  tha  iad  ri  faire  air 
bhur  n-anamaibh." 

VI.  C'  àit  am  faigh  sinn  na  riaghailtean  agus  na  reachdan  leis 
am  bheil  i  air  a  riaghladh  ? 

Ann  am  focal  Dhè  a  mhàin,  Isa.  viii.  20:  "  Chum  an  lagha 
agus  a  chum  na  fianuis:  mur  labhair  iad  a  rèir  an  fhocail  so,  is 
ann  a  chionn  nach  'eil  solus  annta."  Taisb.  xxii.  18:  "  Ma 
chuireas  neach  air  bith  ris  na  nithibh  so,  cuiridh  Dia  air-san  na 
plàighean  a  tha  sgrìobhta  anns  an  leabhar  so." 

VII.  Ciod  an  gnè  lagh-Eaglais  a  tha  air  a  shuidheachadh  a 
rèir  focail  Dhè,  agus  tha  a'  co-chòrdadh  ris  ? 

An  seòl  sin  do'n  goirear  an  reachd  Chlèireachail.  Tha  an  t- 
ainm  so  a'  tighinn  o'n  fhocal  Clèireach,  a  ta  a'  ciallachadh  sean- 
fhear,  ni  a's  e  an  t-ainm  gnàthaicht'  agus  sgriobtuireil  air  a  thoirt 
do  luchd-riaghlaidh  na  h-Eaglais. 

VIII.  Ciod  is  ceud-thoiseacha,  no  ìs  prìomh  bhunaitean  àraìdh 
agus  coitchionn  d'  an  reachd  Eaglais  so? 

Ard-uachdaranachd  an  Tighearn'  Iosa  Criosd,  inbhe  cho-ionann 
a  mhinisteirean  maille  r'  a  chèile,  agus  dreuchdan  fa  leth  a  sean- 
fhearan  riaghlaidh,  maille  ris  an  ùghdarras  mhinisteireil,  agus 
ìochdaranachd  laghail  nan  cùirtean  Eaglais. 

IX.  Ciod  a  tha  air  a  chiallachadh  le  àrd-uachdaranachd 
Chrìosd? 

Tha, — Gur  h-Esan,  agus  Esan  a  mhàin  is  Righ  agus  is  Ceann 
do  'n  Eaglais ;  agus  nach  'eil  ùghdarras  aig  duine  no  daoinibh  's 
am  bith  eile,  reachdan  stèidhidh  na  h-Eaglais  a  shuidheachadh. 
Salm.  ii.  6:  "  Gidheadh  dh'  ung  mise  mo  Righ  air  Sion,  mo  shliabh 


naomh-sa."  I.  Pead.  v.  3:  "  Ni  mò  mar  Thighearnaibh  os  ceann 
oighreachd  Dhè,  ach  mar  dhream  a  th'a  'n  an  eisempleiribh  do'n 
treud."  Eph.  v.  23:  "  mar  is  e  Criosd  ceann  na  h-Eaglais." 
Mat.  xxviii.  28:  "  A'  teagasg  dhoibh  gach  uile  ni  a  dh'  àithn  mise 
dhuibh  a  chum  a  choimhead." 

X.  Cia  lìon  seòrsa  luchd-dreuchd  a  dh'  òrduich  Criosd  'n  a 
Eaglais? 

Dà  sheòrsa  Luchd-dreuchd,  àbhaiseach,  agus  neo-àbhaiseach. 
Eph.  iv.  11:  "  Agus  thug  e  dream  àraidh  gubhi  'n  an  abstolaibh: 
dream  eile  gu  bhi  'n  am  fàidhibh,  agus  dream  eile,  gu  bhi  'n  an 
Soisgeulaichibh,  agus  dream  eile  gu  bhi  'n  an  aodhairibh  agus  'n 
an  luchd-teagaisg." 

.XI.  Co  iad  ris  an  abrar  luchd-dreuchd  neo-àbhaiseach? 

Daoine  a  fhuair  cuibhrionn  do  thìodhlaicean  mìorbhuileach, 
agus  ùghdarras  follaiseach,  mar  bha  nar  h-abstoil,  soisgeulaiche, 
agus  fàidhean. 

XII.  Ciod  am  fàth  mu  'n  robh  iad  sin  air  an  sònruchadh? 

A  chum  toil  Chriosd  a  dheanamh  aithnichte,  agus  stèidh  na 
h-Eaglais  fhaicsinneich  a  shocruchadh  do  rèir  sin;  agus  chum 
eaglais  Chriosd  bhi  air  a  frithealadh  le  luchd-dreuchd  air  mhodh 
riaghailteich  agus  sheasmhaich.  Tit.  i.  5:  "  Air  son  so,  dh'  fhàg 
mi  thu  ann  an  Crete,  chum  gu'n  cuireadh  tu  an  òrdugh  na  nithe 
a  dh'  fhàgadh  gun  deanamh."  2  Tim.  ii.  2:  "  Agus  na  nithe  a 
chuala  tu  uam-sa  a  measg  mhòran  fhianuisean,  earb  thusa  na 
nithe  sin  fèin  ri  daoinibh  fìrinneach  a  bhios  iomchuidh  gu  daoine 
eile  a  theagasg  mar  an  ceudna." 

XIII.  An  robh  luchd-inbhe  's  am  bith  aca  mar  oifigich  neo- 
àbhaiseach  ? 

Cha  'n  'eil  sinn  a'  leughadh  gu  'n  robh  buidheann  's  am  bith 
air  an  sònruchadh  gu  thighinn  an  àite  nan  dreuchdan  neo-àbhais- 
each  ud,  mar  abstolaibh,  mar  shoisgeulaichibh,  no  mar  f  hàidhibh. 
Gniomh.  xiv.  23:  "  Agus  an  uair  a  dh'òrduich  iad  seanairean 
dhoibh  anns  gach  Eaglais." 

XIV.  Ciod  iad  an  Luchd-dreuchd  eaglais  gnàthaichte  a  shòn- 
raicheadh  le  Criosd? 

Clèirich,  no  seanairean,  (do  'n  goirear  mar  an  ceudna  easbuig- 
ean,  no  luchd-amharc  thairis)  agus  deacoinean.  Gniomh.  xx.  17: 
"  Agus  chuir  e  fios  o  Mhiletus  gu  h-Ephesus  agus  ghairm  e  d'  a 
ionnsuidh  seanairean  na  h-Eaglais'."  Phihp.  i.  1:  "  Chum  nan 
naomh  uile  ann  an  Iosa  Criosd,  a  tha  ann  am  Phillipi,  maille  ris 
na  h-easbuigibh  agus  ris  na  deaconaibh." 

XV.  Ciod  a  th'  air  a  chiallachadh  le  aodhairean  na  h-Eaglais? 
An  luchd-teagaisg,  no  na  Seanairean  do'n  gnàth  teagasg,  co 

maith  ri  riaghladh. 

XVI.  Am  bheil  a  h-aon  diubh  so  a'  sealbhachadh  inbhe  agus 
ùghdarras  a  's  àirde  na  'chèile  anns  an  Eagiais? 

Cha  'n  'eil.  Tha  iad  gu  lèir  's  an  aon  inbhe,  agus  co-ionann  ann 
an  ùghdarras. 

XVII.  Nach  'eil  na  h-Easbuigean  'n  an  àrd  mhinisteiribh  air 
leth  agus  fad  os  ceann  mhinisteirean  agus  sheanairean  ? 

Cha  'n  'eil.  Cha  'n  'eil  ann  an  Easbuig  ach  ainm  eile  air  a 
thoirt  do  fhear-teagaisg,  no  do  sheanair. 


XVIII.   Cia  mar  tlia  sin  air  a  nochdadh? 

1.  Cha  'n  'eil  easbuigean  air  an  ainmeachadh  ann  an  earrann 
'sam  bith  do  'n  Tiomnadh-Nuadh  le  aon  ainm  sònruichte  air  bith, 
a  chum  an  eadar-dhealachadh  o  mhinisteiribh  eile. — Cha  'n  'eil 
a  h-aon  diubh  air  an  òrduchadh  mar  thighearnaibh  air  oighreachd 
Dhè;  ach  an  ceart  aghaidh  sin,  mar  easbuig,  no  fear-coimhead 
na  treuda;  agus  tha  clèireach,  no  seanair,  air  a  thoirt  mar  ainm 
do  na  pearsaibh  ceudna.  Faic,  G-niomh.  xx.  17:  tha  iad  so  air 
an  ainmeachadh  "  Seanairean  "  a  tha  a  rìs,  anns  an  28  rann  air 
an  ainmeachadh  "  luchd-coimhead."  'S  e  sin  Easbuigean,  mar 
tha  am  focal  Greugais  "  episcopoi  "  a'  ciallachadh. 

2.  Cha  'n  'eil  dleasdanas  no  cumhachd  air  earbsadh  ri  easbuig 
ann  an  aon  àit  air  bith  do  na  Sgriobtuiribh  air  leth  o  dhleas- 
danasa  luchd-teagaisg  eile.  Cha  'n  'eil  e  air  aithris  ann  an  aon  àit 
air  bith,  gu  'm  bheil  eadar-dhealachadh  's  am  bith  eatorra  sin,  ann 
an  cumhachdan-gniomha  no  ann  an  ionnsuchadh.  "  Mar  so,  ann 
an  Tit.  i.  5:  tha  an  t-abstol  a  cur  an  cuimhne  do  Thitus,"  "  Air 
son  so  dh'  fhàg  mi  thu  ann  an  Crete,  chum  gu'n  suidhicheadh  tu 
seanairean  anns  gach  baile."  Anns  an  ath  rann  tha  e  cur  an 
cèill  an  deas-bhuadhan  mar  sheanairibh,  agus  anns  an  t-seachd- 
amh  rann,  ann  an  cur  an  sùim  am  buadhan,  tha  e  'g  ràdh,  "oir 
is  còir  do  easbuig  a  bhi  neo-choireach,"  &c. 

3.  Am  feadh  a  tha  'n  dà  shloinneadh  so  air  an  toirt  do  na 
h-aon  daoinibh;  Clèireach  a  rèir  inbhe,  Easbuìg  co-ionann  'n 
an  dleasdanasaibh  le  'chèile — tha  iad  araon  co-ionann,  air  gach 
aon  dòigh.  'S  e  'n  t-aon  eadar-dhealachadh  a  chithear  anns  am 
bheil  mùthadh  's  am  bith,  gu  'm  bheil  an  onoir  a  's  mò  air  a 
meas  do  na  daoinibh  a  tha  ri  teagasg,  co  maith  ri  riaghladh: 
Faic  1  Tim.  v.  17:  "  Measar  gur  airidh  na  seanairean  a  riaghlas 
gu  maith  air  urram  dùbailt,  gu  h-araidh  iadsan  a  tha  saoith- 
reachadh  's  an  fhocal  agus  ann  an  teagasg."  Faic  mar  an  eeudna. 
1  Cor.  xii.  28. 

4.  Tha  gach  uile  aodhair  a'  faotainn  a  dhreuchd  agus  'ùgh- 
darrais  fèin  o  Chriosd,  leis  an  aon  òrdugh,  agus  anns  na  h-aon 
bhriathraibh:  Marc.  xvi.  15 :  "  Agus  thubhairt  e  riu,  Imichibh,  air 
feadh  an  t-saoghail  uile,  agus  searmonaichibh  an  soisgeul  do  gach 
dùil." 

5.  Uaithe  sin,  tha  gach  uile  do'n  goirear  "  Clèireach  "  no  aodhair, 
air  an  gairm  "  Easbuigean  "  mar  an  ceudna,  agus  iadsan  do'n 
goirear  "  easbuigean  "  theirear  mar  an  ceudna  "  Clèirich  "  riu';  a 
thaobh  gu  'm  bheil  an  inbh',  an  cumhachd,  am  buadhan,  agus  an 
dleasdanasa  an  dlù-dhàimh  ris  an  dà  shloinneadh,  no'n  dà  ainm 
so.  Tha  e  soilleir  nach  'eil  iad  'n  am  buidhnibh,  no  na  'n  inbhibh 
air  leth;  ach  mar  aon,  agus  mar  aon  ni.  Uime  sin,  cha  'n  'eil  ann 
an  Clèireach  no  aodhair,  agus  ann  an  Easbuig,  rèir  nan  Sgriob- 
tur,  ach  an  t-aon  ni. 

XIX-  Ciod  a'  ghnè  dreuchd  air  leth  bha  aig  Timoteus  agus 
aig  Titus? 

Bha  iad  'n  an  seirbhisichibh  neo-àbhaiseach,  agus  ioma- 
shiùbhlach.  2  Tim.  iv.  5,  10:  "  Dean  obair  soisgeulaiche.  Titus 
(air  falbh)  a  chum  Dhalmatia."  2  Cor.  viii.  23:  "  Titus,  is  e  mo 
chompanach-sa  e,  agus  mo  cho-oibriche  do'r  taobh-sa:"  agus  xn. 


18 :  "  G-huidh  mi  air  Titus  a  dhol  do  'ur  n-ionnsuidh^  agus  chuir 
mi  bràthair  maille  ris." 

XX.  Am  bheil  am  focal  Aingeal  mar  tha  e  air  a  ghnàthachadh 
mar  shamhladh  air  seachd  Eaglaisean  na  h-Asia  ann  an  Leabhar 
an  Taisbeanaidh  a'  ciallachadh  seirbhiseach  a  's  àirde  no  Clèir- 
each,  no  Aodhair,  no  ministeir? 

Cha  'n  'eil  am  focal  a'  ciallachadh  ach  teachdaire  'mhàin; 
agus  feudar  ant-ainm  gu  h-iomchuidh,  a  thabhairt  do  'n  t-seanair- 
theagaisg,  nofeudar  a'  ràdh  mar  ainm,  ri  Ceann-suidhe,  (nofear- 
riaghlaidh)  na  clèire,  mar  cheann-comhairleachaidh,  no  conalt- 
raidh,  no  feudar  a  ghnàthachadh  mar  ainm  air  a  thoirt  do  aodh- 
airibh  na  h-Eaglais,  mar  air  leth,  no  an  ceann  a  chèile.  Taisb.  ii. 
8,  10:  "cuidDHiuBH  a  chum  gu  'n  dearbhar  sibh,"  &c:  agus  13: 
"  ?k  ue,  measg. 

XXI.  Ciod  a  tha  dhìth  air  duine  chum  còir  a  thoirt  dha  bhi 
air  òrduchadh  a  chum  na  ministreileachd? 

Fallaineachd  's  a'  chreidimh,  caithe-beatha  neo-lochdach,  agus 
naomh;  cuibhrionn  do  dh'eòlas  aimsireil  agus  diadhaidh  a  dh' 
fhàgas  comasach  e  a  chum  cur  an  aghaidh  ìuchd-àicheadh  a' 
chreidimh. — agus  le  uiread  do  thìodlilac  labhairt  's  a  tha  'g  a 
dheanamh  comasach  an  Eaglais  a  theagasg.  2  Tim.  ii.  2:  "  Agus 
na  nithe  a  chuala  tu  uarn-sa  a  measg  mhòran  fhianuisean;  earb 
thusa  na  nithe  sin  fèin  ri  daoinibh  fìrinneach,  a  bhios  iomchuidh 
gu  daoin'  eile  a  theagasg  mar  an  ceudna."  Tit.  i.  7,  8:  "  Oir  is 
còir  do  dh'  easbuig  a  bhi  neo-choireach  mar  stiùbhart  Dhè,  cial- 
lach,  cothromach,  naomha,  measarra."  Mat.  xiii.  52:  "  air  an 
aobhar  sin  gach  uile  sgrìobhaiche  ta  foghluimte  chum  rioghachd 
nèimhe,  is  cosmhuil  e  ri  fear-tighe  a  bheir  a  mach  as  'iomnhas 
nithe  nuadha  agus  sean." 

XXII.  Co  aige  tha  ùghdarras  gu  daoine  òrduchadh  a  chum 
dhreuchdan  's  an  Eaglais? 

Aig  Clèir,  no  aig  co-chruinneachadh  do  na  seanairibh:  1  Tim. 
iv.  14:  "  Maille  ri  leagadh  làmh  na  seanaireachd."  Gniomh.  vi. 
6:  "  Chuir  iad  iadsan  an  làthair  nan  abstol:  agus  air  deanamh 
ùrauigh  dhoibh,  chuir  iad  an  làmhan  orra." 

XXIII.  Am  bheil  dreuchd  bhunaiteach  air  bith  eile  's  an  Eag- 
lais,  ach  dreuchd  teagaisg? 

Tha.  Dreuchd-riaghlaidh  mar  an  ceudna.  Eabh.  xiii.  24: 
"  cuiribh  fàilt'  orra-san  uile  tha  'n  an  cirm-iùil  duibh." 

XXIV.  Co  dha  bhuineas  gluasad  anns  an  dreuchd  so? 
Araon  do  na  Clèirich,  no  do  na  seanairibh:   Gniomh.  xv.  6: 

*'  Agus  thàinig  na  h-abstoil  agus  na  seanairean  an  ceann  a  chèile 
a  dh'fheuchainn  mu  'n  chùis  so;"  agus  xvi.  4:  "thug  iad  dhoibh 
na  h-òrduighean  r'an  coimhead  a  dh'  òrduicheadh  leis  na  h-abstol- 
aibh  agus  na  seanairibh."  1  Tim.  v.  1J:  "  Na  seanairean  a 
riaghlas  gu  maith." 

XXV.  Cia  lìon  buidheann  Sheanair  a  ta  ann? 

Dithis; — An  seanair  teagaisg  no  an  t-aodhair,  agus  an  seanair 
riaghlaidh.  1  Tim.  v.  17:  "Measar  gur  ahidh  na  Seanairean  a 
riaghlas  gu  maith  air  urram  dùbailte,  gu  h-àraidh  iadsan  a  tha 
saoithreachadh,  's  anfhocal  agus  ann  anteagasg."  1  Cor.  xii.  28: 
"  luchd-teagaisg,  luchd-cuideachaidh,  uachdarana." 


XXVI.  Am  bheil  iad  so  gu  bhi  air  am  meas  mar  ghnè  luchd- 
dreuchd  air  leth  o  chèile,  a'  sealbhachadh  caochlaidh  òrduighean 
ùghdarrais? 

Tha.  iad  gu  bhi  air  am  meas  mar  a  lionadh  caochlaidh  ionadan 
do  'n  aoin  dreuchd  ghnàthaichte,  agus  co-ionnan  ann  an  ùgh- 
darras  mar  luchd-riaghlaidh  na  h-Eaglais. 

XXVII.  C'arson  a  tha  iad  mar  so  air  an  eadar-dhealachadh? 
Do  bhrigh  nach  'eil  an  aon  bhuidhean  air  an  òrduchadh  a  chum 

riaghlaidh  a  mhàin,  ach  mar  an  ceudna  chum  teagaisg ;  agus  a' 
bhuidheann  eile,  a  chum  riaghlaidh  mar  an  dleasdanas  fèin  fa  leth. 

XXVIII.  Ciod  e  dleasdanas  coitchionn,  no  gnàthaichte  nan 
Seanairean  riaghlaidh? 

Oibreachadh  maille  ris  an  aodhair,  mar  chòmhnadh  dha,  agus 
mar  luchd-riaghailt  ann  an  coimhead  na  h-Eaglais,  a  chum  eòlas 
agus  riaghailt  a  chumail  suas,  agus  a'  sealltuinn  ri  teaghlaichibh 
na  muinntir  euslain  a  bhuineas  do'n  Eaglais,  a  chum  earalach- 
aidh  agus  ùrnuigh.  I.  Pead.  v.  1,  2 :  "  Na  seanairean  a  ta  'n  ur 
measg  ta  mi  ag  earail,  air  bhi  dhomh  fèin  a'  m'  sheanair  mar  an 
ceudna — Beathaichibh  treud  Dhè  a  ta  'n  ur  measg,  ch'  an  ann  a 
dh'  aindeoin,  ach  gu  deònach."  Seumas  v.  14:  "  Am  bheil  neach 
's  am  bith  tinn  'n  ur  measg?  cuireadh  e  fios  air  seanairibh  na 
h-Eaglais,  agus  deanadh  iad  ùrnuigh  os  a  cheann." 

XXIX.  Am  buin  e  do  dhreuchd  nan  Deacon  a  bhi  a'  teagasg, 
no  a'  riaghladh  's  an  Eaglais? 

Cha  bhuin.  Cha  'n  'eil  iomradh  air  Deacon  ann  an  aon  àit 
do'n  Sgriobtur  an  dàimh  ris  na  dleasdanasaibh  sin. 

XXX.  Ciod  eile  an  dleasdanas  a  chum  an  robh  iad  air  an 
òrduchadh  ? 

A  chum  gnothuichean  aimsireil  na  h-Eaglais  a  riaghladh, 
agus  gu  sònruichte  a  chum  feitheamh  air  uireasbhuidh  nam  bochd, 
a  chum  is  gu  'm  feudadh  na  h-abstoil,  no  'n  luchd-teagaisg  iad 
fèin  a  thoirt  suas  a  ghnàth  do  mhinistreileachd  an  fhocail. 
Gniomh.  vi.  4. 

XXXI.  Nach  d'  rinn  Philip  a  bha  an  dreuchdna  Deacoineachd, 
teagasg  agus  baisteadh? 

Thionndaidh  Philip  gu  bhi  'n  a  Shoisgeulaiche,  agus  aig  a 
leithid  sin  do  neach  bha  ùghdarras  teagaisg  agus  baistidh. 
GTniomh  xxi.  8 :  "  agus  chaidh  sinn  a  steach  do  thigh  Philip  an  t- 
soisgeulaiche." 

XXXII.  Am  bheil  còir  aig  buill  Eaglaisean  an  aodhairean 
fèin  agus  luchd-dreuchd  eile  nan  Eaglaisean  a  thaghadh? 

Tha.  Tha  'n  comas  so  aig  na  h-Eaglaisibh  mar  tha  comas 
aig  gach  comunn  saor  eile,  am  buill  fèin  a  thaghadh.  Gniomh, 
i.  -5,  26:  "  an  sin  dh'  èirich  Peadar  ann  am  meadhon  nan  deis- 
ciobul. — Agus  thilg  iad  an  crannchur,  agus  thuit  an  crannchur 
air  Matias." — Gniomh.  vi.  5:  "Agus  bha  chainnt  so  taitneach  an 
làthair  na  mòr  chuideachd  uile:  agus  thagh  iad  Stephan."  2 
Cor.  viii.  19:  "  Ach  thaghadh  e  leis  na  h-Eaglaisibh  mar  an 
ceudna,  mar  chompanach  turuis  dhuinne,  leis  an  tiodhlac  so  a 
fhrithealadh  leinne  chum  glòire  an  Tigheama,"  &c. 

XXXIII.  Cia  mar  bu  chubhaidh  do  Chriosduidhibh  an  dleas- 
danas  so  a  ghnàthachadh  ? 


Le  spiorad  macantais,  irioslachd,  sìthe,  agus  ùrnuigh,  le  àrd 
spèis  doghlòir  Chriosd,  agus  do  leas  spioradailnah-Eaglais;  gun 
chlaon-bhreth,  no  spèis  do  phearsaibh  seach  a  cheile.  Phil.  ii.  3: 
"  Na  deanar  aon  ni  tre  chonnspoid  no  tre  ghlòir-dhìomhain ;  ach 
ann  an  irioslachd  inntinn,  measadh  gach  aon  gur  f  èarr  neach  eile 
na  e  fèin."  1  Cor.  x.  31:  "  G-e  b'  e  ni  air  bith  a  ni  sibh,  deanaibh 
na  h-uile  nithe  chum  glòire  Dhè."  Seumas  iii.  17:  "  A  ta  an 
gliocas  a  ta  o  'n  àirde  sìochail,  ciùin,  gu'n  leth-bhreth." 


CAIB.  II. 

CÒMH-LEANTANAS  NA  CLEIRE,  AGUS  AIR  MAR  TIIAINIG  IAD  AN  LORG 
A  CHEILE  0  LINN  NAN  ABSTOL  A  NUAS. 

I.  An  robh,  aig  Abstolaibh  Iosa  Criosd  buidheann  co-ionann 
an  dreuchd,  's  an  tiodhlacaibh  riu  fèin,  a  thainig  'n  an  àite? 

Cha  robh:  cha  b'  ann  mar  àbstolaibh  a  shuidhich  iad  a'  bhuidheann 
a  thàinig  mar  luchd-dreuchd  'n  an  àit;  (oir  cha  b'  urrainn  daoine 
air  bith  a  bhi  'n  an  abstolaibh,  ach  iadsan  a  mhàin  a  chunnaic  an 
Tighearna)  ach  mar  mhinisteiribh,  gu  bhi  a'  searmonachadh  an 
fhocail,  a'  frithealadh  nan  sàcramaind,  agus  gu  bhi  a'  coimhead 
thairis  agus  a'  riaghladh  na  h-Eaglais  a  rèir  fhocail  Chriosd.  2 
Tim.  iii.  2.     Gniomh.  xiv.  23. 

II.  Mar  eadar-dhealachadh  o  na  deaconaibh,  ciod  mar  dh' 
ainmichear  an  luchd-dreuchd  spioradail  so? 

Tha  iad  air  uairibh  air  an  ainmeachadh  'n  an  Easbuigibh,  's 
e  sin  luchd-coimhead  na  treuda — Air  uairibh  eile,  'n  an  clèirichibh, 
a'  ciallachadh  seanairean,  a  thaobh  suidheachaidh,  agus  luchd- 
coimhead,  'n  an  dleasdanasaibh.  Ach  tha  iad  le  chèile  do  'n  aon 
inbhe — is  cha  'n  ann  do  dhithis.  Gniomh.  xx.  17 — 28.  Tit:  i. 
5—7. 

III.  Cia  mar  a  bha  iad  air  an  òrduchadh,  no  air  an  cur  air 
leth  a  chum  an  dreuchd? 

Le  làmhaibh  na  seanaireachd  no  na  Clèire,  bhi  air  an  leagadh 
orra.     I.  Tim:  iv.  14.     Gniomh.  xxiii.  1. 

IV.  Ciod  e  gnàthachadh  nan  Eaglais  a  tha  gu  neo-sgriob- 
tuireil  a'  cumail  a  mach  gu  'm  bheil  Easbuig  agus  Clèireach  'n  an 
dà  inbhe  air  leth? 

Is  gnàthach  leo  an  dara  buidheann  dhaoine  chur  air  leth  leis 
an  ni  sin  do'n  goirear  leo  fèin  coisrigeadh  nan  Easbuig,  agus  a' 
bhuidheann  eile  le  òrduchadh  simplidh  a  mhàin. 

V.  Am  bheil  aon  riaghailt,  no  eiseimpleir  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh  air  an  dà  mhodh  eadar-dhealaichte  so  a  chum  cur  air  leth 
mhinisteirean  gu  'n  dreuchd,  no  gu  an  suidheachadh  os  ceann 
Eaglaisean  air  leth? 

Cha  'n  'eil  a  h-aon. 

VI.  Nach  'eil  e  'n  a  ni  feumail  gu  'm  biodh  ministeirean  air 
an  cur  air  Ieth  air  dhòigh  a  rèir  nan  Sgriobtur  agus  a'  tighinn 
gu  connbhallach  air  lorg  no  an  dèigh  a  chèile? 

Tha.     Mar  chùis  riaghailt,  tha  e  'n  a  ni  ion-mholta  ann  an 
a2 


10 

Eaglais  Chriosd;  ach  cha  'n  'eil  e  feumail  a  chum  saoradh  anama 
dhaoine. 

VII.  C'  ar  son  nach  'eil  e  feumail? 

Do  bhrigh  nach  urrainn  dòigh-leanmhuinn  air  bith  bhi  iomlan 
ann  fèin,  chum  èifeachd  focail  Dhè  a  bhacadh;  agus  ni  mò  nach 
urrainn  dòigh-leanmhuinn  air  bith,  a  dh'  aindeoin  ainme  o'  n 
leth  muigh,  gu  bràth  teagasg  dheamhna  a  naomhachadh. 

VIII.  Co  iadsan  a  tha  socruchadh  gach  uil'  èifeachd  agus 
shàbhalaidh  air  an  ni  sin  mar  an  aoin  bhunait,  do'n  goirear  an 
tighinn-a-nuas  abstolach — no,  Lorg-shlighe  nan  abstol,  èifeachd- 
coiseachaidh  na  dreuchd,  agus  e  sin  uile  bhi  a'  tighinn  tre  àrd- 
easbuigibh  a  mhàin,  'o  làmhaibh  nan  abstol  a  nuas? 

Tha,  an  Eaglais  Phàpanach,  agus  earrann  mhòr  do  Eag- 
laisibh  Easbuigeach  Shasuinn,  agus  na  h-Eirinn,  agus  cuid  do 
'n  Eaglais  Easbuigeach  ann  an  Alba  mar  an  ceudna. 

IX.  Air  dhuinn  a  bhi  'g  am  faicinn  so  a'  cur  an  uiread  as  a  leth, 
an  urrainn  iad  a  dhearbhadh  o  Eachdraidh  gu  'n  robh  a  leithid  do  ni 
's  "  tighinn  a  nuas  abstolach  "  neo-bhristeach  riamh,  uiread  's  a' 
gluasad  'n  am  measg? 

Tha  na  tha  iad  a'  gabhail  orra  ag  iarruidh  so  o  an  làmhaibh; 
ach  ged  a  tha  iad  ag  oidhirpeachadh  so  a  dheanamh,  gidheadh 
cha  'n  urrainn  iad.  Tha  na  leabhraichean  ainmeannan  a  tha 
iad  a'  gabhail  orra  bhi  aca,  mearachdach,  no  mi-choimhlionta ; 
oir  anns  a'  cheud  àit,  Cha  'n  'eil  dearbhadh  ceart  's  am  bith  air 
gun  robh  an  t-abstol  Peadar,  o  am  bheil  iad  a'  gabhail  orra  an 
teachd  a  nuas  a  bhi,  riamh  'n  a  Easbuig,  no  'n  a  Cheann  do 
Eaglais  na  Kòimhe,  no  eadhon  gu  'n  robh  e  aon  uair  riamh  's  a' 
bhaile  mhòr  sin  idir.  Anns  an  dara  h-àit; — Cha  'n  'eil  aon  dearbh- 
adh  ceart  no  soilleir,  co  a  b'  iad  na  cinn-aodhairean  air  an  Eag- 
lais  's  an  àite  sin  rè  a'  cheud  dhà  no  thrì  do  ghinealaichibh. 
Agus  anns  an  treas  àit,  tha'n  dearbhadh  a  's  soilleire  a  's  urrainn 
Eachdraidh  a  nochdadh,  ann  an  ruith  ùine,  gu  'n  robh  an  tighinn 
a  nuas  so  air  a  bhriseadh  ann  an  iomadh  linn,  agus  ann  an 
iomadh  dòigh.  Cha  'n  'eil  ann  a  bhi  cumail  a  mach  nach  'eil  e 
neo-bhriste,  ach  sgeulachd  bhreugach  Phàpanach. 

X.  Nach  'eil  aithris  no  tagradh  na  còir-dhlighe  so,  'n  a  ni 
ann  am  bonn-stèidheachaidh  a'  chreidimh  Phrotastanaich  tha  air 
'àicheadh? 

Gru  làn-chinnteach  tha;  oir,  ma  tha  a'  chùis  mar  tha  na  Protas- 
stanaich  a'  cumail  a  mach,  gun  d'  fhàs  an  Eaglais  Phàpanach  'n 
a  h-Eaglais  cheann-laidir,  thruaillidh,  agus  mhearachdach  'n  a 
teagasg,  agus  gu  'n  do  chaill  a  luchd-dreuchd,  no  a  seirbheisich 
ùghdarras  am  maighstir,  agus  nach  urrainn  iad  a  chomh-pàirt- 
eachadh  do  dhream  eile:  oir,  ma  's  e  agus  gur  h-urrainn  iad 
a  chomh-pàirteachadh  idir,  feumaidh  sinn,  mar  an  ceudna  ar  n- 
aonta  chur  ris  gur  comasach  doibh  a  ghairm  air  ais.  Nis,  chaidh 
gach  Easbuig  Protastanach  a  chur  gu  tric  a  mach  à  comunn  nan 
Criosduidhean,  agus  as  an  dreuchd,  le  Eaglais  na  Ròimhe. 
Cionnus,  uime  sin,  is  urrainn  iad  còir  a  ghabhail  air  an  tighinn  a 
nuas  Abstolach?  Air  an  aobhar  sin,  ma  tha  ministeirean  Pro- 
tastanach  a'  teagasg  d'  am  pobull  gu  'm  bheil  gach  ùghdarras 
dligheach   neo-sheachanta   agus   gu  h-iomlan  a'  leanmhuinn   a 


11 

leithid  sin  do  thighinn  a  nvas,  Tha  'm  Pobull  air  a'  mhodh  sin  gu 
soilleir  ceangailte,  no  fo  f  hiachaibh  a  chum  a  fàgail,  agus  pilltinn 
gu  ùghdarras  Eaglais  na  Ròimhe;  ni  ris  an  do  chuir  na  minis- 
teirean  so  air  aon  làimh  gu  h-amaideach  an  aonta,  agus  air  an 
làimh  eile,  a  bha  iad  gu  mi-aontachail  a'  cur  'n  a  aghaidh. 

XI.  An  ann  a  thaobh  nach  urrainn  sinn  fèin  còir  agairt  air  a 
leithid  so  do  thiginn  a  nuas  a  tha  sinn  'g  a  àicheadh? 

Cha  'n  ann.  Ach  do  brìgh  gu  'm  bheil  sinn  'g  a  mheas  dìomh- 
ain,  agus  neo-Sgriobtuireil.  Dh'  fheudadh  an  t-Abstol,  'n  uair 
thigeadh  e'  n  dàil  chòir-agartais  gun  bhunnchar,  a  ràdh  "  Ge  b'  e 
air  bith  anns  am  bi  neach  dàna  (Tha  mi  labhairt  gu  h-amaideach,) 
tha  mise  dàna  mar  an  ceudna.  An  Eabhraich  iad?  Amhuil  is 
mise.  An  Israelich  iad?  Amhuil  is  mise.  Am  bheil  iad  do 
shìol  Abrahaim?  Is  amhuil  a  ta  mise."  Air  an  t-seòl  cheudna, 
feudaidh  sinne  a  ràdh,  ma  's  e  agus  gur  h-urrainn  aon  chomunn 
Protastanach  còir  agairt  air  a  leithid  so  do  thighinn  a  nuas, 
feudaidh  Eaglais  na  h-Alba,  agus  gaeh  freumh  dhi,  a'  chòir 
cheudna  agairt. 

XII.  Cia  mar  tha  sin? 

Tha  sinn  a'  faicinn  roimh  àm  an  Ath-leasachaidh  gu'n  robh 
am  ministeirean  air  an  òrduchadhle  Easbuigibh  Pàpanach;  agus 
tha  sinn  a'  faicinn  gu  'm  bheil  a  h-uile  mhinisteirean  'n  an  Eas- 
buigibh  iad  fèin,  mar  chaidh  a  nochdadh  roimhe  so,  agus  gu  'm 
biodh  an  "tighinn  a  nuas  "  fadheoidh  air  a  bhriseadh  a  rèir 
coltais,  ni's  lugha  na  ann  an  Eaglais  anns  nach  'eil  ach  aon 
mhinisteir  a  measg  chùig  ceud  air  a  ghabhail  ris  mar  Easbuig  le 
cumhachd  an  dreuchd  sin  a  thoirt  seachad  do  neach  eile.  Ann 
an  amannaibh  carraideach  agus  mi-riaghailt,  dh'  fheudadh  e  bhi 
air  achall  ameasg  àrd-Easbuigean  Pàpanach,  agus  air  a  ghleidh- 
eadh  a  measg  Easbuigean  clèireachail,  no  Protastanach. 

XIII.  Ach  am  bheil  sinne  gu  sinn  fèin  a  shocruchadh,  no  gu 
uaill  a  dheanamh  as  so? 

Cha  'n  'eil  gu  cinnteach:  Ma  tha  sinn  gu  amharc  a  mach  air 
son  dhearbhaidhean  gu  'm  bheil  ar  ministeirean  air  an  cur  le 
Dia,  's  ann  an  nithibh  eile,  ach  so,  a  gheibhear  na  dearbhaidh- 
ean  sin,  agus  cha  'n  ann  's  a'  ghnothach  so,  nach  'eil  mar  a's  f  èarr 
ach  neo-tharbhach  agus  dìomhain. 

XIV.  Ciod  an  t-olc  a  tha  'g  èirigh  o  mhinisteiribh  Protastan- 
ach  bhi  a'  cumail  a  mach,  gu  'm  bheil  an  "  tighinn  a  nuas  neo- 
bhristeach  "  so  bhi  aca  feumail  a  chum  slàinte,  agus  o  iad  a 
ghabhail  orra  fèin  còir  a  bhi  ac'  air? 

Tha  mòran  uilc  ullamh  gu  èirigh,  a  tha  dol  co  f had  ri  iad  fèin 
a  chur  as  an  Eaglais,  do  bhrigh,  'n  uair  a  tha  na  tha  iad  a'  gabh- 
ail  orra,  agus  a'  cur  an  cèill  a  bhi  feumail  gu  Eaglais  a  shuidh- 
eachadh,  air  a  dhearbhadh  'n  a  bhrèig-eachdraidh.  Tha  iad,  uime 
sin,  'g  an  gairm  fèin  a  mach  as  a'  mhinistreileachd,  agus  a'  gairm 
a'  phobuill  air  falbh  o  shlàinte.  Tha  e  a'  tarruing  gu  ùghdarras 
duine  bhi  air  àrdachadh  os  ceann  ùghdarrais  Dhè,  agus  beul- 
aithris  ar  sinnsear  thar  nan  Sgriobtur,  agus  phoncan  a  ta  annta 
fèin  suarach  thar  fhìrinnean  cudthromach  agus  f heumail.  Tha 
e  'g  altrum  uabhair  a  measg  luchd-teagaisg,  's  a'  dùsgadh  eas- 
aontachd  a  measg  Phrotastanach.      Tha  e  a'  daingneachadh  na 


12 

Pàpanachd,  a  thaobh  gu  'm  bheil  e  a'  gabhail  a  stigh  a  h-aon  d'  a 
h-agartasan  a  's  dàine;  agus  tha  e  a'  neartachadh  mi-chreidimh; 
do  bhrigh  'n  uair  a  tha  ministeirean  an  t  soisgeil  a'  cur  theagasg 
air  bhonn,  ri  sealltainn  a  stigh  annta  a  gheibhear  co  amaideach, 
agus  co  mearachdach  's  a  tha  so,  tha  iad  a'  toirt  a  nuas  an 
creideis  fèin,  an  ann  aithris  do  dhaoinibh  f  hirinnean  agus  theag- 
asgan  a  th'  air  an  stèidheadh  air  fìrinn,  agus  feumail  a  chum 
slàinte. 


CAIB  III. 

Comh-ShuidheachadhagusUachdaiianachd  laghall  Chùirtean 
na  1i-Eaglais. 

I.  Ciod  e  nàdur  agus  farsuingeachd  an  ùghdarrais  a  thug 
Criosd  do  luchd-riaghlaidh  na  h-Eaglais? 

Tha  e  a  mhàin  'n  a  ùghdarras  ministeireil  agus  ìochdaranach. 
2  Cor.  i.  24:  "  Cha'n  e  gu'm  bheil  againn  tighearnas  air  bhur 
creidimh-sa,  ach  is  luchd-cuideachaidh  sinn  do  'ur  n-aoibhneas." 

II.  Ciod  a  tha  air  a  chiallachadh  le  ùghdarras  ministeireil? 
Is  ùghdarras  e,   air  a  thoirt  dhoibh,    mar  mhinisteiribh,   no 

mar  seirbhisichibh  Chriosd,  gu  reachd  a  ghairm,  a  chleachdamh, 
agus  oibreachadh  a  chum  òrduigh  agus  eòlais  spioradail  na  h- 
Eaglais  a  chur  air  an  aghaidh  no  a  mheudachadh. 

III.  Ciod  a  th'air  a  chiallachadh  le  ùghdarras  ìochdaranach? 
The  e  a'  ciallachadh  gu  'm  bheil  cùisean  na  h-Eaglais,  'n  a 

cùirtibh  ìochdaranach,  gu  bhi  air  an  togail  a  chum  àrd-chùirtean 
tigh'  an  Tighearna — Mar  tha  cùisean  na  Clèire  gu  Seanadh,  agus 
Seanadh  gu  Ard-sheanadh,  agus  na  h-uile  gu  Criosd,  mar  tha  a 
thoil-sa  foillsichte  's  an  fhocal. 

IV.  Cionnus  a  tha  riaghailt  an  ùghdarrais  so  gu  bhi  air  a 
cleachdamh? 

Le  na  h  aodhairean  no  na  seanairean  bhi  air  an  cruinneachadh 
gu  Seisein,  gu  Clèir,  agus  gu  Seanadh,  agus  Ard-sheanadh,  no  gu 
comh-chruinneachadh  coitchionn  nan  Diadhair.  Gniomh  xv.  6: 
"  Agus  thàinig  na  h-abstoil  agus  na  seanairean  an  ceann  a  chèile 
a  dh'  fheuchainn  mu  'n  chùis  so." 

V.  Ciod  e  Seisein  Eaglais? 

Is  e  am  ministeir  (a  theagaisgeas  agus  a  riaghlas)  maille  ris 
na  seanairean-riaghlaidh  do  choimhthional  sònruichte  's  am  bith, 
air  tighinn  an  ceann  a  chèile  mar  chuirt-Eaglais.  Tha  'm 
ministeir  do  ghnàth  mar  Cheann-suidhe  do  'n  choinneamh,  agus 
feudar  Clèir  a'  choimhthionail  a  ràdh  ri  mòd  mar  so  air  a  shuidh- 
eachadh.  Tha  'm  mòd  so,  leis  an  àird  luchd-bhreth  air  a  shuidh- 
eachadh  do  rèir  eisempleir  mhòd  nan  Sionagog  o  shean,  a  chum 
ghnothuichean  Kiaghailt  agus  Teagaisg.  Ecsodus  xviii.  21: 
"  Agus  taghaidh  tu  mach  as  an  t-sluagh  uile,  daoine  foghainteach, 
agus  cuiridh  tu  iad  os  an  ceann  'n  an  uachdaranaibh."  Mat.  xviii. 
15 — 17:  "  Mapheacaicheas  do  bhràthair  'n  at'  aghaidh,  innis  do'n 
Eaglais  e."     Faic  mar  an  ceudna  1  Cor.  v.  4,  13. 


13 

VI.  Co  iad  a  ta  fo  ùghdarras  an  t-Seisein? 
Uile  bhuill  na  h-Eaglais  a  ta  fo  'n  coimhead? 

VII.  Ciod  e  dleasdanas  gach  Eaglais  no  gach  coimhthionail,  a 
thaobh  an  t-Seisein? 

An  t-ùghdarras  sin  a  tha  air  a  thoirt  le  Criosd  a  chumail 
suas  le  mòr  mheas,  agus  ùmhlachd  shuilbhir  d'a  a  nochdadh  's 
an  Tighearna;  le  co-oibreachadh  dileas  anns  na  h-innleachdaibh 
feumail  a  tha  e  a'  moladh.  1  Tes.  v.  12, 13:  "  Agus  guidheamaid 
oirbh,  a  bhràithre,  aithne  bhi  agaibh  air  an  dream  a  tha  saoith- 
reachadh  'n  ur  measg  agus  a  ta  os  bhur  ceann  's  an  Tighearn, 
agus  a  tha  'g  ur  comhairleachadh;  agus  meas  mòr  a  bhi  agaibh 
dhiubh  ann  an  gràdh  air  son  an  oibre.  Bithibh  sìochail  'n  ur 
measg  fèin." 

VIII.  Co  dheth  a  tha  Clèir  air  a  deanamh  suas? 

Do  Mhinisteiribh  sgìreachdan  a  ta  goireasach,  no  fagus  d'  a 
chèile. 

IX.  Ciod  i  farsuingeachd  Uachdranachd  laghail  na  Clèire? 
Tha  e  a'  gabhail  a  steach  a  buill  fèin  maille  ris  gach  Seisein 

agus  comhthional  abhuineas  d'a;  tha  e  'n  a  mhòd  a  dh'  ionnsuidh 
am  bheil  cùisean  air  an  togail  o  Sheisein,  aig  am,  bheil  coimhead 
coitchionn  a'  choimthionail  fo  a  chùram,  agus  o  bhreth-sa  o  am 
bheil  cùisean  gu  bhi  air  an  toirt  a  chum  an  t-Seanaidh, 

X.  Co  dheth  a  ta  Seanadh  air  a  dheanamh  suas? 

Tha  e  air  a  dheanamh  suas  do  Mhinisteirean  Chlèirean  air 
leth,  dlùth  d'  a  chèile,  le  Seanair-Riaghlaidh  as  gach  Seisein. 
Ann  an  Eaglaisibh  Clèireachail  Chanada  agus  New  Souili  Wales, 
&c,  is  e  an  t-ard-Mhòd  Uachdaranachd  Laghail  e;  ach  ann  an 
Eaglaisibh  eile  a's  lìonmhoire  agus  a'  's  farsuinge,  mar  tha  Eag- 
laisean  na  h  Alba',  agus  na  h-Eirinn,  agus  America;  tha  mar  an 
ceudna  Ard  sheanaidh  air  an  deanamh  suas  do  bhuill  shònruichte, 
mhinistearan  agus  Sheanairean-Riaghlaidh,  air  an  cur  air  leth 
le  gach  Clèir  do  'n  Eaglais. 

XI.  Am  bheil  an  Tiomnadh  Nuadh  a'  toirt  seachad  samhlaidh 
's  am  bith  cosmhuil  ri  an  leithidibh  sin  do  mhòdaibh  Eaglais? 

Tha  e,  anns  an  xv.  Caibideil  do  Ghnìomara  nan  Abstol. 

XII.  Cia  mar  tha  'n  xv.  Caibideil  do  G-hnìomhara  nan  abstol 
a'  cur  a'  ghnè  Riaghailt  Eaglais  so  air  chois? 

Tha  na  fìrinnean  a  ta  air  an  sgrìobhadh  ann  'n  an  eiseimpleir 
dhuinne,  a'  toirt  dhuinn  a  shamhladh  so  do  shuidheachadh.  Ann 
an  Eaglais  Antioch,  chaidh  ceist  a  thogail  mu  chreidimh,  agus 
mu  ghnàthas  uil'  Eaglaisean  Chriosd.  (Rann  1,  2)  chaidh  a 
f  àgail  gu  bhi  air  a  socruchadh  no  air  a  dearbhadh  aig  Coimh- 
thional  a  bha  gu  cruinneachadh  ann  an  Ierusalem.  (Rann  2,) 
Bha  'n  comh-chruiimeachadh  so  air  a  dheanamh  suas  do  luchd- 
Riaghlaidh  na  h-Eaglais,  ach  bha  e  fosgailte  do'n  mhòr-shluagh 
uile,  (Rann  6,  12,)  Thòisich  i  le  tuigse  fhaicilleich  a  chleachd- 
amh,  (Rann  7, 12, 13,)  agus  cha  deachaidh  i  a  thaobh  le  inntinnibh 
aoin-bheachd,  air  tùs;  ach  le  tagradh  cothromach,  agus  le 
smuaintibh  geur-bheachd,  fo  threòrachadh  coitchionn  an  Spioraid 
Naoimh.  (Rann.  7,  22,  28).  Thug  fear  do'n  chomh-chrùinn- 
eachadhdoibh  mìneachadhleis  an  d'  aontaichiad  guh-aon-sgeulach 
e  bhi  ceart,  agus  leis  an  do  shocruicheadh  a' cheist.  (Rann  19, 


14 

22)  Chaidh  an  Reachd-Riaghlaidh  so  a  chur  le  h-ùghdarras  a' 
chomh-chruinneachaidh  ud  a  chum  nan  uil'  Eaglaisean.  (Rann 
28.  agus  xvi.  4).  Tha  an  eiseimpleir  so  air  a  leantuinn,  ann  an 
Riaghladh,  maille  ris  na  h-uile  mion  chunntas  iomchuidh  do 
choimhthionalaibh  air  leth;  sònraichte,  agus  leis  an  t-Seisein  a 
chum  nan  Eaglaisean  a  ta  goireasach  a  thaobh  coimhearsnachd, 
leis  a'  Chleir,  agus  do  'n  Eaglais  uile  leis  an  Ard-sheanadh. 
f  Deanaibh,  na  h-uile  nithe  gu  deadh-mhaiseach  agusle  òrdugh." 
1  Cor.  xiv.  40. 


CAIB.  IV. 

OlDEAS  NA  H-EAGLAIS. 

I.  Ciod  e  teisteas  Sgriobtuireil  mu  Eaglais  Chriosd? 

Is  comunn  i  do  dh'  aiteam  a  th'  air  an  dealachadh  o  'n  chuid 
eile  do'n  Chinne-dhaona  chum  seirbhis  Dhè.  Eoin  xvii.  16: 
"  Cha'n  eil  iadsan  do'n  t-saoghal." 

II.  Ciod  na  meadhonan  leis  am  bheil  an  teist  so  gu  bhi  air  a 
gleidheil? 

Le  gluasad  dìleas  ann  an  oideas  Sgriobtuireil  1  Cor.  v.  7: 
"  Grlanaibh  a  mach,  uime  sin,  an  t-sean  thaois  ghoirt,  a  chum  gu 
'm  bi  sibh  'n  ur  meall  nuadh."  (Faic  a'  chuid  eile  do'n  rann.) 

III.  Ciod  an  dòigh  a  rèir  am  bu  chòir  do  Mhòd  Eaglais  a  bhi 
a'  cur  oideis  an  cleachdamh? 

Bu  chòir  dha  bhi,  anns  a'  cheud  àit,  gu  h-ORDAiL.  1  Cor.  xiv. 
40:  "  Deanar  na  h-uile  nithe  gu  deadh-mhaiseach  agus  a  rèir 
òrduigh."  Anns  an  dara  h-àit,  gu  Macanta.  Gal  vi.  1:  "  Togaibh 
suas  a  leithid  sin  do  dhuine,  ann  an  spiorad  na  macantachd." 
Anns  an  treas  àit,  gu  Soluimte.  1  Pead.  iv.  11.  "  Ma  labhras 
neach  's  am  bith,  labhradh  e  mar  bhriathraibh  Dhè."  Anns  a' 
cheathramh  àit,  gu  Neo-chlaon-bhretheach.  1  Tim.  v.  21: 
"  gun  ni  air  bith  a  dheanamh  le  claon-bhreth.*' 

IV.  Ann  an  gabhail  a  steach  bhall  do'n  Eaglais,  am  bheil  an 
luchd-dreuchd  fo  chùmhnant  gun  a  ghabhail  a  stigh  ach  iadsan 
a  mhain  a  ta  da  rìreadh  'n  an  naomhaibh? 

Cha  'n  urrainn  e  bhi  air  a  dheanamh  aithnichte  gu  'm  bheil 
neach  do  rìreadh  'n  a  naomh,  ach  le  Dhia  a  mhàin.  Bhiodh  e, 
air  an  aobhar  sin,  mi-reusonta,  an  ni  is  èigin  a  bhi  'n  a  dhìwmh- 
aireachd  do  dhuine  bhi  'n  a  cheann-f  àth  breth.  Theagaisg  ar  Tigh- 
earn  agus  a  chuid  Abstola  dhuinn,  nach  'eil  staid  dhìomhair  an 
anama  gu  bhi  'n  a  chuspair  d'  ar  breth-ne  'n  uair  a  bhios  daoine 
'g  iarruidh  an  gabhail  a  stigh  mar  bhuill  do  dh'  Eaglais  fhaic- 
sinneich,  Chriosd — Chuir  Criosd  a  mach  mar  shearmonaiche, 
Iudas,  as-creidmheach,  agus  a  bha  'n  a  f  hear-bratha,  'g  a  ghabhail 
a  steach  mar  chompanach,  agus  theagamh  gu  comhpàirteachadh 
d'  a  shuipeir;  (Faic  Luc.  xxii.  19,  20,  21.)  agus  cha  do  dh'  eadar- 
sgar  se  e  gus  an  do  dhearbh  se  a  chealgaireachd  fèin  le  gnìomh 
soilleir.  Amhuil  a  rinn  abstol  naomh  air  Simon  Magus.  (Faic 
Grniomh.  viii.  13,  23;  faic  mar  an  ceudna  Mat.  xxv.  1,  2.) 


15 

V.  C'  àit  am  bheil  mearachd  ar  bràithrean  do  na  h-Eaglaisibh 
so  ni  's  faid'  air  an  nochdadh,  a  tha  'g  aidmheil  nach  gabh  iad  ri 
daoinibh  gu  pàirteachadh,  no  gu  buanachadh  anns  a'  chomunn- 
achadh,  ach  buidheann  a  tha  do  rìreadh  air  an  ath-ghineamhuinn? 

Ma  tha  aidmheil  creidmheach,  agus  caithe-beatha  iomchuidh 
air  an  diùltadh  mar  dhearbhadh  air  còir  companais,  agus  ma  dh' 
fheumas  naomhachd  mar  an  ceudna  bhi  air  'fhiosrachadh;  an 
sin,  'S  a'  cheud  àit. — Tha  iad  le  so  a'  cur  suas  agartais  air  gibht 
mhiorbhuileach,  gibht  "  aithneachaidh  nan  spiorad."  Anns  an 
dara  h-àit.  A  thaobh  mar  fhuair  na  faoin  bharailean  so  seilbh- 
inntinn,  tha  e  'n  a  cheann-fàth  air  riaghailtean  coitchionn  reu- 
sonachaidh  agus  an  fhèin-fhiosrachaidh  leis  am  bheil  daoine 
ruigsinn  breth  chothromach,  a  chur  air  chùl. — Anns  an  treas 
àit.  Tha  cathair  bhreitheanais  air  a  togail  gu  breth  a  thoirt  air 
cridheachaibh  dhaoine,  a  dh'  f  heudas  tionndadh  a  mach  na  h-inn- 
eal  geur-dhaorsa.  Anns  a'  cheathramh  àit.  Tha  neo-chùram  ann 
an  cuid,  agus  uabhar  ann  an  cuid  eile,  le  so  air  an  altrum;  oir 
feudaidh  neach  air  bith  a  ghabhar  a  stigh  mar  sin,  fadheoidh,  a 
ràdh: — "  Ghairm  an  eaglais  mise  a'  'm  naomh  ath-ghinte;  air  an 
aobhar  sin  cha  ruig  mi  leas  mi  fèin  a  rannsuchadh.  Air  an 
ùghdarras  cheudna  feudaidh  mi  a  ràdh  ri  muinntir  eile: — "  Seas 
a  thaòbh,  tha  mise  ni  's  naomha  nathusa!" — Anns  a'  chuigeamh 
àit. — Tha  'n  dearbhadh  a  tha  iad  a'  gabhail  orra'  chur  suas,  se 
sin  ri  ràdh — "  JNaomhachadh  fiosraichte  "  gach  là  g'a  thaisbeanadh 
fèin  meallta  agus  neo-f  hreagarrach  'n  an  làmhaibh,  le  brisidhean 
a  mach  a  tha  gràineil  agus  peacach  'n  am  measg,  eadhon,  mar 
a  measg  bhall  do  dh'  eaglaisean  eile,  mu  'm  bheil  iad  ullamh  a 
chum  an  diongmholtas  agus  an  riaghailt  chomuinn  a's  fèarr  a 
chronachadh  agus  a  dhìteadh. 

VI.  C'uin  a  ta  neach  gu  bhi  air  a  mheas  cosmhuill  ri  bhi  a' 
deanamh  f  ìor  aidmheil  creidimh  ann  an  Criosd,  agus  gu  bhi  air  a 
ghabhail  a  stigh  do  chomunn  na  h-Eaglais? 

Tha  neach  gu  bhi  air  a  mheas  mar  a'  deanamh  aidmheil 
diadhaidh,  coltach,  a  ta  toirt  dearbhaidh  air  eòlas  bhi  aige  air 
teagasgaibh  àraidli  an  t-soisgeil,  agus  a'  toirt  còmhdachaidh  air 
e  fèin  a  bhi  creidsinn  annta,  esan  a  dh'  aidicheas  sin  co  f  had  's  is 
urrainn  e  bhreithneachadh,  a  chridhe  bhi  air  ath-nuadhachadh  le 
Spiorad  Dhè,  agus  aig  am  bheil  caithe-beatha  agus  conaltradh 
freagarrach  do'  n  t-soisgeul.  Eom.  x.  10:  "  Oir  is  ann  leis  a' 
chridhe  a  chreidear  chum  fìreantachd,  agus  leis  a'  bheul  a  dh' 
aidichear  chum  slàinte  " — "  Gniomh.  xvi.  33:  "  Agus  air  dha  an 
toirt  leis  air  an  uair  sin  fèin  do'n  oidhche,  nigh  e  an  creuchdan, 
agus  bhaisteadh  e."  Luc.  iii.  8:  "  Thugaibh  a  mach  toradh  iom- 
chuidh  an  aithreachais." 

VII.  Ach  nach  do  ghabh  na  h-abstoil  muinntir  a  steach  do'n 
Eaglais  le  baisteadh,  gun  fhantuinn  ri  dearbhadh  coltach  's  am 
bith  air  an  aidmheil  fhaotainn? 

Gach  uile  thàinig  a  chum  na  h-Eaglais,  thàinig  iad  fo  chunn- 
art  an  saorsa,  am  maoin,  agus  am  beatha  a  chall;  agus  bha  sin 
fèin  'n  a  dheadh  chòmhdachadh  air  an  dilseachd,  le  a  shamhuil 
sin  do  dh'  aidmheil. 

VIII.  An  dèigh  do  bhuill  na  h-Eaglais  bhi  air  an  gabhail  a 


16 

steach;  am  bheil  iad  a'  buanachadh  'n  an  ìochdaranaibh  do  dh' 
ùghdarras  an  Luchd-riaghlaidh? 

Tha. — Tha  a  shamhuil  sin  do  dh'  ùghdarras  air  an  aon  làimh 
agus  do  dh'  ùmhlachd  air  an  làimh  eile,  air  a  cheadachadh 
gu  soilleir  le  lagh  Chriosd.  1  Cor.  v.  12,  13:  "  Nach  'eil  sibh  a' 
toirt  breth  air  an  dream  a  ta  stigh?  Ach  a  ta  Dia  a'  toirt  breth 
orra-san  a  ta  'n  leth  muigh."  Eabh.  xiii.  17:  "  Bithibh  ùmhal 
do  bhur  cinn-iùil,  agus  thugaibh  gèill  doibh." 

IX.  Ciod  iad  na  cionta  a  tha  a'  toirt  luchd-comuinn  fo  agartas, 
agus  ascaoin  Eaglais? 

Bhiodh  e  'n  a  ghnothuch  mi-cheart  fear-comuinn  a  thoirt  fo  as- 
caoin  Eaglais  no  eadhon  fo  agartas  air  son  gach  mion-thuisleadh 
's  am  bith;  ach  tha  iad  gu  lèir  fo  smachdachadh  na  h-Eaglais — 
Air  son — 

Anns  cC  cheud  àit,  Mearachdan  ann  an  teagasg.  Tit.  iii.  10: 
"  An  duine  tha  'n  a  shaobh-chreidmheach,  an  dèigh  na  ceud  agus 
an  dara  comhairle  diùlt." 

Anns  an  dara  h-dit.  Mi-bheus  ann  an  giulan.  Eph.  v.  11: 
"  Na  biodh  comh-chomunn  agaibh  ri  oibribh  neo-tharbhach  an 
dorchadais,  ach  gu  ma  f  èarr  leibh  an  cronachadh."  ( Faic  mar 
an  ceudna,  Taisb.  ii.  20.) 

Anns  an  treas  àit.     A'  deanamh  tarcuis  air  ughdarras  no 

AIR  RIAGHAILT,    NO   AHi  0RDUIGHD3H   NA   h-EAGLAIS.      2  Tes.  iii.  6l 

"  A  nis  àithneamaid  dhuibh,  a  bhràithre,  ann  an  ainm  an  Tigh- 
earaa  Iosa  Criosd,  sibh  fèin  a  dhealachadh  ris  gach  uile  bhràthair 
a  tha  'g  imeachd  gu  mi-riaghailteach,  agus  cha'n  ann  a  rèir  an 
teagaisg  a  f  huair  e  uainne." 

Anns  a'  cheathramh  àit.     A'  dearmad  dhleasdanasan  follais- 

EACH    TEAGHLAICH,   NO   DIOMHAIR   NA  DIADHACHD.       Eabll.    X.  25: 

"  Gun  a  bhi  leigeadh  dhinn  sinn  fèin  a  chruinneachadh  an  ceann 
a  chèile  mar  is  gnàth  le  dream  àraidh."  Ier.  x.  25:  "  Dòirt  a 
mach  do  dhian-chorruich  air  na  cinnich  nach  do  ghabh  eòlas  ort, 

AGUS  AHi  NA  TEAGHLAICHEAN  NACH  'EIL  A'  GALRM  AHl  T'  AINM." 

Anns  a'  chùigeamh  àìt.  Diomhanas,  no  leisg.  1  Tim.  v.  8: 
"  Mur  dean  duine  solar  air  son  a  chuideachd  fèin,  agus  gu 
h-àraidh  air  son  muinntir  a  theaghlaich;  dh'  àicheadh  e  'n  creid- 
imh,  agus  is  mios'  e  na  ana-creideach." 

Anns  an  àite  mu  dheireadh.     A'  fiaradh  aon  reachd  soh.leir 

SGRIOBTUIREIL,   NO    ORDUGH    EAGLAISEIL    ALR   BITH.      1    Tim.    i.    9: 

"  Cha  'n  ann  do  dhuine  fìreaneach  a  dh'  òrduicheadh  an  lagh,  ach 
do  dhaoinibh  neo-dhligheach  agus  eas-ùmhal,  dhoibh-san  a  ta  mi- 
dhiadhaidh  agus  do  pheacaich,"  &c,  &e. 

X.  Am  bheil  an  Sgriobtur  a'  ceangal  cudthrom  sòluimte  ri  as- 
caoin  na  h-Eaglais? 

Tha.  Oir  an  uair  a  tha  a'  bhinn  air  a  gairm  do  rèir  lagh'  Chriosd, 
tha  i  air  a  daingneachadh  air  nèamh,  agus  ma  tha  'n  ceann- 
airceach  air  a  "  ghearradh  air  falbh  "  gu  tur  o  Eaglais  Chriosd, 
tha  e  air  a  thabhairt  suas  do  Shatan  dia  an  t-saoghail,  mar  aon  d' 
a  ìochdaranaibh  a  rìoghachd  f haicsinneich-sa.  Mat.  xviii.  18:  "  Gu 
deimhin  a  ta  mi  ag  ràdh  ribh,  ge  b'e  air  bith  nithe  a  cheanglas 
sibhse  air  talamh,  bithidh  iad  ceangailte  air  nèamh."  1  Cor.  v. 
5:  "  a  shamhuil  so  do  dhuine  thoirt  thairis  do  Shatan."     1  Tim. 


TT 

i.  20:  "  D'am  bheil  Himeneus  agus  Alecsander;  muinntir  a  thug 
mise  thairis  do  Shatan,  chum  le  'n  smachdachadh  gu'm  fogh- 
lumadh  iad  gun  toibheum  a  labhairt." 

XI.  Ciod  e  dleasdanas  na  muinntir  a  tha  air  am  meas  iom- 
chuidh  air  ascaoin  Eaglais? 

Iad  fèin  irioslachadh  fuidhe, — agus  ann  an  ùmlachd  dha,  aithr- 
eachas  a  ghabhail,  agus  an  ceud  oibre  a  dheanamh.  2  Cor.  vii.  11: 
"  Oir  feuch,  an  ni  so  fèin  doilgheas  diadhaidh  bhi  oirbh,  ciod  e 
meud  an  dùrachd  a  dh'oibrich  e  annaibh,  seadh,  ciod  an  glanadh 
oirbh  fèin,  seadh  ciod  an  ro-dhiom,  seadh  ciod  an  t-eagal,  seadli 
ciod  an  dian-thogradh,  seadh  ciod  an  t-eud,  seadh  ciod  an  togradh 
dioghaltais?"  Eabh.  xiii.  17:  "  Thugaibh  gèill."  Taisb.  ii.  5: 
"  Cuimhnich  uime  sin  cia  uaith  a  thuit  thu,  agus  gabh  aithrea- 
chas,  agus  dean  na  ceud  oibre." 

XII.  Am  bheil  e  'n  a  ni  laghail  neach  a  chaidh  a  chur  air 
chùl  no  a  ghearradh  a  mach,  a  ghabhail  a  steach  gu  bràth  tuìl- 
leadh,  a  dh'ionnsuidh  comunnachaidh  na  h-Eaglais? 

Tha  e;  cia  b'  e  air  bith  uair  a  tha  dearbhadh  iomchuidh  air 
fhaotainn  m'  a  aithreachas  agus  m  'a  ath-leasachadh  beatha, 
feudaidh  e  bhi  air  ath-ghabhail  a  stigh.  Cal.  vi.  1 :  "  A  bhràithre, 
ma  ghlacar  neach  ann  an  coire  air  bith  gu  h-obann,  sibhse  a  tha 
spioradail,  togaibh  suas  a  shamhuil  sin  do  dhuine,  ann  an  spiorad 
na  macantachd."  Eoin.  xx.  23:  "  Co  air  bith  iad  d'am  maith 
sibh  am  peacanna,  tha  iad  maithte  dhoibh." 

XIII.  Am  bheil  ascaoin-Eaglais  's  am  bith  gu  bhi  air  a  chur 
an  gnìomh  gu  follaiseach? 

Tha.  Mheud  's  a  tha'g  a  thoilltinn  le  lochdaibh  mòra,  follaiseach, 
a  tha  ullamh  gu  tuaileas  a  thoirt  air  an  Eaglais.  2  Cor.  ii.  6: 
"  Is  leòir  d'a  leithid  sin  do  dhuine  am  peanas  so,  a  leagadh 
air  le  moran."  1  Tim.  v.  20:  "  Iadsan  a  tha  peacachadh,  cron- 
aich  an  làthair  nan  uile,  chum  gu*n  gabh  càch  eagal  mar  an 
ceudna." 

XIV.  Am  bheil  a  h-aon  do  bhrethibh  na  h-Eaglais  a'  druid- 
eadh  a  mach  a'  chiontaich  o  chluinntinn  an  t-soisgeil  air  a  shear- 
monachadh? 

Cha  'n  'eil.  Tha  e  gu  bhi  air  a  shearmonachadh  dhoibh-san  a 
's  ciontaiche.  ( Faic  1  Cor.  ii.  6. )  agus  gu  h-àraidh  is  e  dleasdanas 
a  leithid  sin  do  neach  feitheamh  air  searmonachadh  an  f  hocail. 

XV.  Am  bheil  dochann  air  a  dheanamh  do  phobull  Dhè  le 
cion  oideis  's  an  Eaglais? 

Tha.  'N  uair  nach  'eil  an  Eaglais  air  a  cumail  fìor-ghlan,  tha 
muinntir  dhiadhaidh  air  am  bacadh  o  thighinn  d'a  h-ionnsuidh. 
1  Cor.  v.  11:  "ma  ta  neach  air  bith  ris  an  abrar  bràthair  'n  a 
f  hear-neoghloine,  no  sanntach,  no  'n  a  f  hear  iodhol-aoraidh,  no  'n  a 
fhear-anacainnt,  no  'na  mhisgeir,  no  'na  fhear-foireigne,  maille 
r'a  leithid  so  do  dhuine  gun  uiread  is  biadh  itheadh."  1  Cor.  x. 
20:  "  Cha  b'  àill  leam  comunn  a  bhi  agaibh-sa  ri  deamhnaibh." 
Agus  iadsan  anns  an  Eaglais,  a  tha,  no  dh'  fheudas  cinntinn 
diadhaidh,  bithidh  iad  mar  sin  air  an  dealachadh  uaipe.  Taisb. 
xviii.  4:  "  Thigibh  a  mach  aisde  mo  phobull,  chum  nach  bi  sibh 
a'  comhpàirteach  d'a  peacaibh,  agus  nach  faigh  sibh  cuid  d'a 
plàighibh." 


XVI.  Am  bheil  dochann  air  a  dheanamh  do'n  pheacach  fèin 
le  leithid  sin  do  dhearmad? 

Tha.  Bithidh  e  le  so  air  a  dhaingneachadh  'n  a  mhi-chùram, 
'n  a  fhèin-mhealladh,  agus  'n  a  pheacadh.  Esec.  xiii.  10,  20: 
"  Thug  iad  air  mo  shluagh  dol  air  seacharan,  ag  ràdh,  Sìth,  agus 
gun  sìth  a  bhi  ann,  le  breugaibh  rinn  sibh  cridhe  an  ionracain 
dubhach,  agus  nach  d'  rinn  mise  dubhach  e,  agus  neartaich  sibh 
làmhan  an  aingidh,  a  chum  nach  pilleadh  e  o  'dhroch  shlighe,  le 
bhi  gealltainn  beatha  dha." 

XVII.  Nach  feud  Eaglais,  le  dearmad  oideis,  a  creidimh  a 
thrèigsinn  air  chor  's  nach  bi  i  ni  's  faide  'n  a  h-Eaglais  do 
Chriosd,  ach  a'  cinntinn  'n  a  sionagog  do  Shatan? 

Feudaidh.  Thachair  sin  cheana  air  uairibh.  Taisb.  ii.  9:  "  Is 
aithne  dhomh  toibheum  na  muinntir  a  their  gur  Iudhaich  iad 
fèin,  agus  nach  eadh,  ach  sionagog  Shatain."  Taisb.  iii.  9:  "  Iad- 
san  do  shionagog  Shatain,  a  tha  'g  ràdh  gur  Iudhaich  iad  fèin." 
Rann.  16:  "  Do  bhrìgh  gu  'm  bheil  thu  meagh-bhlàth,  agus  nach 
'eil  thu  aon  chuid  fuar  no  teth,  sgeithidh  mise  thu  mach  as  mo 
bheul." 

XVIII.  Ciod  na  sochairean  a  dh'  fheudas  èirigh  do'n  chiontach 
o  chleachdamh  an  oideis? 

Le  so  chi  e  am  peacadh  a  bhi  olc  agus  maslach.  2  Tes.  iii. 
14:  "  Agus  ma  ta  neach  's  am  bith  nach  toir  ùmhlachd  do  ar 
focal-ne  tre  an  litir  so,  comharaichibh  esan,  agus  na  biodh 
comhluadar  agaibh  ris,  chum  gum  bi  nàire  aiiV'  Agus  ma 
ghabhas  e  ris  an  smachdachadh  le  inntinn  iomchuidh,  tha  e  'n  a 
sheòl  cumhachdach  a  chum  'irioslachadh,  'iompachadh,  agus  a 
theagasg.  2  Cor.  vii.  9,  10:  "  A  nis  tha  gàirdeachas  orm,  cha'n 
ann  air  son  sibh  a  bhi  doilich,  ach  gu  'n  robh  sibh  doilich  a  chum 
aithreachais;  oir  oibrichidh  doilgheas  diadhaidh  aithreachas  a 
chum  slàinte  do  nach  gabhar  aithreachas." 

XIX.  Ciod  na  sochairean  a  tha  'g  eirigh  do'n  Eaglais  o  oib- 
reachadh  dileas  an  oideis? 

1.  'S  ann  leis  a  tha  peacaich  air  am  mi-mhisneachadh  o  cho- 
munn  cealgach  a  dheanamh  ris  an  Eaglais,  agus  an  taois  a  dh' 
f  heudadh  am  meall  uile  a  thruailleadh  air  a  ghlanadh  mach.  1 
Cor.  v.  7:  "  Grlanaibh  a  mach  uime  sin  an  t-seann  thaois  ghoirt 
chum  gu  'm  bi  sibh  'n  ur  meall  nuadh."  2  Aireamh  a  fìor  iom- 
pachain  air  fàs  ni's  lìonmhoire.  Gniomh.  xvi.  4,  5:  "  Mar  a 
shiubhail  iad  troimh  na  baittibh,  thug  iad  dhoibh  na  h-òrduighean 
r'  an  coimhead  a  dh'  òrduicheadh  leis  na  h-abstolaibh  agus  na 
seanairibh  a  bha  ann  an  Ierusalem,  agus  mar  sin  bha  na  h-eag- 
laisean  air  an  daingneachadh  anns  a'  chreidimh,  agus  mheud- 
aicheadh  iad  gach  là  an  aireamh."  Gniomh.  v.  11,  13,  14: 
"  Agus  thàinig  eagal  mòr  air  an  Eaglais  uile,  agus  air  na  h-uile 
a  chuala  na  nithe  so.  Agus  cha  robh  a  chridhe  aig  aon  do  chàch 
e  fèin  a  cheangal  riu,  ach  bha  mòr  mheas  aig  a'  phobull  orra." 
Agus  a's  moid  a  chuireadh  creidmhichris  an  Tighearna,Bun)HEANN 
mhor  do  dh'  fhearaibh  agus  do  mhnàibh."  3.  A  naomhachd  air 
a  deanamh  aithnichte.  Eoin.  ii.  16:  "  Togaibh  iad  sin  à  so,  na 
deanaibh  tigh  m'  Athar-sa  'n  a  thigh  marsandachd."  4.  Onoir  a 
cinn  air  fhìreanachadh.  Esec.  xxxvi.  23:  "  Aithnichidh  na  cin- 


19 

nich  gur  mis'  an  Tighearn,  tha'n  Tighearna  Dia  ag  ràdh,  'n  uair 
a  bhios  mi  air  mo  naomhachadh  annaibh-sa  fa  chomhair  an  sùl." 
5.  Agus  làthaireachd  ghràsmhor  Dhè,  agus  a  bheannachd  air  an 
deanamh  cinnteach.  2  Cor.  vi.  17,  18:  "  thigìbh  a  mach  as  a 
meadhon  agus  dealaichibh  mu,  tha  an  Tighearn  ag  ràdh,  agus  na 
beanaibh  ris  an  ni  neò-ghlan,  agus  gabhaidh  mise  a'  m'  ionnsuidh 
sibh,  agus  bithidh  mi  a'm'  Athair  dhuibh,  agus  bithidh  sibhse  'n  ur 
mic  agus  'n  ur  nigheanaibh  dhomh-sa,  tha  'n  Tighearn  uile-chumh- 
achdach  ag  ràdh." 

XX.  Ach  nach  feud  an  ciontach  le  cleachdamh  an  oideis,  a 
bhi  air  a  threòrachadh  gu  searmonachadh  an  t-soisgeil  a  thrèig- 
sinn,  agus  a  bhi  le  so  ni's  mò  air  a  chruadhachadh? 

Do  bhrìgh  gur  e  oideas  riaghailt-lagha  Dhè,  feudaidh  sùil  a  bhi 
againn  ris  andearmad an  àit  a' chleachdaimh,  ampeacachachruadh- 
achadh;  ach  ma  ni  e  'n  a  uaill  is  'n  a  ragaireachd,  a'  bhuan- 
nachd  fèin,  agus  na  cothroman  tha  a'  sruthadh  uaithe  a  chur  an 
neo-shuim  'n  uair  gheibh  e  iad  le  spiorad  ceart;  cha'n  'eil  luchd- 
riaghlaidh  na  h-Eaglais  gu  bhi  air  am  bacadh  o  'n  dleasdanas 
ni  's  mò  na  tha  ministeir  an  t-soisgeil  o  a  shearmonachadh,  do 
bhrìgh  gu  'm  bheil  iomadh  air  an  cruadhachadh  leis;  agus  an 
aingidheachd  agus  an  cunnart  air  am  meudachadh.  2  Cor.  ii. 
16:  "  Do  'n  aon  dream  tha  sinn  'n  ar  boltrach  bàis  chum  bàis; 
agus  do  'n  dream  eile,  'n  ar  boltrach  beatha  chum  beatha:"  Iud. 
19:  "  Is  iad  sin  an  dream  a  sgaras  iad  fèin  o  chach,  collaidh, 
gun  an  Spiorad  aca." 

XXI.  Am  bheil  luchd-riaghlaidh  na  h-Eaglais  gu  bhi  gu  trom- 
fhreagarrach  air  son  an  oideis  a  chleachdamh  gu  ceart? 

Iadsan  a  ta  sealbhachadh  dreuchd  le  òrdugh  Chriosd,  aig  am 
bi  an  dìlseachd  air  a  leantuinn  le  co  iomadh  agus  co  mòr 
beannachd,  feumaidh  an  dearmad-san  a  bhi  'n  a  thobar  o  'n  ruith 
trom  dhìobhail  mhaireannach  do'n  Eaglais,  eas-onoir  do  Chriosd, 
agus  olc  do  pheacachaibh;  bu  chòir  dhoibh  iad  fèin  a  mhothachadh 
fo'n  chudthrom  bu  sholuimte  mu  'n  chùis  so,  agus  làn-shùil  a 
bhi  aca  r'  an  gairm  a  dh'  ionnsuidh  a'  chunntais  a  's  teinne  air 
là  a'  bhreitheanais,  air  son  mar  ghnàthaich  siad  iad  fèin  d'a 
thaobh.  I.  Pead.  v.  4:  "  Agus  an  uair  a  dh'  fhoillsichear  an 
t-àrd-bhuachaill,  gheibh  sìbh  crùn  na  glòire  nach  searg  as." 
Eabh.  xiii.  17:  "  Bithibh  ùmhal  do  'ur  cinn-iùil,  agus  thugaibh 
gèill  doibh;  oir  tha  iad  ri  faire  air  bhur  n-anamaibh,  mar  mhuinn- 
Tm  da'n  eigin  cunntas  tholrt  uatha;  chum  gu'n  dean  iad  e  le 
galedeachas  'agus  cha'n  e  le  doelgheas." 


CAIB.  V. 

Mu  chumail  suas  Saor-thoileach  agus  mu  Shuidheachadh  Laghail 

NAN  ORDUIGHEAN  FOLLAISEACH. 

;I.Ane  dleasdanas  Chriosduidhean  pàirt  d'  am  maoin  a  thoirt  seachad, 
air  son  bhi  cumail  suas  aoraidh  agus  seirbhis  Dhè? 

Is  e  araon  an  dleasdanas,  agus  an  sochair  e.  Exs.  xxxv.  5:  "  Togaibh 
'nur  measg  tabhartas  do  'n  Tighearna:  gach  neach  aig  am  bheil  cridhe 
toileach,  thugadh  e  leis  e,  tabhartas  do  'n  Tighearn;  òr,  agus  airgiod,  agus 


20 

umha."  Galat.  vi.  6:  "  Comh-roinneadh  an  neach  a  ta  air  a  fheagasg  's  an 
f  hocal,  ris  an  neach  a  ta  'g  a  theagasg,  anns  na  h-uile  nithibh  maithe."  Faie, 
mar  an  ceudna  1  Cor.  ix.  3 — 15. 

II.  Ciod  an  inntinn  anns  am  bu  chòir  an  tabhartas  so  a  thoirt  seachad? 
Bu  chòir  a  thoirt  gu  saor,  fialaidh,  taingeil,  cràbhach.    Lebh.  i.  3:  "  Bheir 

e  seachad  e  d'  a  shaor  thoil  fein."  2  Cor.  ix.  6,  7:  "  An  ti  a  chuireas  gu 
gann,  buainidh  e  gu  gann  mar  an  ceudna;  agus  an  ti  a  chuireas  gu  pailte, 
buainidh  e  gu  pailte  mar  an  ceudna."  Salm.  cxvi.  17:  "  Dhuitse  ìobraidh 
mi  ìobairt  molaidh,  agus  air  ainm  an  Tighearna  gairmidh  mi." 

III.  Ann  an  cùisean  's  an  ionadan  àraidh,  far  am  bheil  cuibhrionn  iom- 
chuidh  air  a  sholar  cheana,  air  son  òrduighean  agus  ministreileachd  an 
t-soisgeil  f  hìor  ghloin,  le  tiodhlacan  suidhichte  dìomhair,  no  follaiseach,  am 
bheil  criosduidhean,  air  an  aobhar  sin,  gu  an  cuibhrionn  fèin  a  chumail  air 
ais? 

Cha  'n  'eil:  bu  chòir  dhoibh,  ann  an  cùisibh  mar  sin,  am  meudachadh 
air  son  maith  nan  cinneach,  agus^muinntir  eile  air  nach  do  bhuilicheadh  na 
sochairean  ceudna;  agus  mar  'so,  bidh  soisgeul  Chriosd  air  a  chraobh- 
sgaoileadh  gus  an  dean  gach  uile  chinneach  seirbhis  dha. 

IV.  Am  bu  chòir  do  uachdaranaibh,  agus  do  rìoghachdaibh  'n  an  inbhe 
f  hollaiseich,  aoradh  Dhè  agus  leas  a'  chreidimh  a  chumail  suas? 

Bu  chòir:  tha  iomadh  aobhar  agam  a' smuaineachadh  gur  e  sin  an  dleas- 
danas. 

V.  Ciod  iad  cuid  do  na  h-aobharaibh  sin? 

1.  Chionn  gu  'n  d'  fhuair  uachdarain  an  cumhachd  o  Dhia;  agus,  uime  sin, 
is  còir  dhoibh  a  ghnàthachadh  chum  a  ghloire.  Gnà-fhoc.  viii.  15.  Tha 
rìoghachdan  a'  faighinn  shochairean  uaith,  agus,  uime  sin,  bu  chòir  dhoibh 
seirbhis  dhligheach  a  thoirt  da. 

2.  A  thaobh  ann  an  Iudea,  o  shean,  gu  'n  robh  an  creidimh  air  a  shuidh- 
eachadh  le  Dia,  agus  air  a  chumail  suas  leis  na  h-Iùdhaich;  nis  an  ni  a 
dh'  òrduich  Dia,  mar  ni  ceart,  feumaidh  e  bhi  ceart;  agus  an  ni  a  bha  ceart 
an  sin,  feumaidh  e  bhi  ceart  fathast. 

3.  A  thaobh  nach  'eil  ni  's  am  bith  's  an  Tiomnadh  Nuadh  an  aghaidh 
so,  ach  air  an  làimh  eile,  tha  na  h-uile  ni  do  rèir  so,  agus  iomadh  f  àidh- 
eadaireachd  agus  àithne  mu  dheighinn  àm  an  t-soisgeil  gu  soilleir  a'  comh- 
arrachadh  so  'n  a  dhleasdanas  do  rìghribh  agus  do  rìoghachdaibh :  Faic  Salm. 
lxxii.  10,  11.     Agus  Isai.  xlix.  22,  23. 

VI.  Am  bheil  aon  aobhar  eile  agad  air  son  so? 

Tha:  4.  Chionn  gur  h-e  Criosd,  mar  Eadar-mheadhoinear,  Righ  nan  righ, 
agus,  uime  sin,  bu  chòir  dhoibh  strìochdadh  dha,  agus  a  chuis-san  a  chumail 
suas. 

5.  A  thaobh  gur  i  crìoch  àraid  uachdaranachda  an  t-olc  a  chumail  sìos, 
agus  am  maith  a'  dhìonadh. 

6.  A  thaobh  gu  bheil  creidimh  Chriosd,  gu  h-àraidh  far  am  bheil  e  air  a 
shuidheachadh  do'n  t-seòrsa  ghlan  Chlèireachail,  a'  cumail  dhaoine  nis  mò 
an  òrdugh,  agus  ni  's  fèarr  'n  an  caithe  beatha. 

VII.  Nach  bi  mi-ghnàthachadh  còrr  uair  a'  tighinn  a  stigh  do  Eaglaisibh 
Sgriobtuireil  ged  chaidh  an  suidheachadh  air  an  dòigh  cheart  sin? 

Bithidh :  ach  tha  sinn  ri  strì  ris  na  mi-gnàtha  sin  a  chur  uainn,  agus  an 
deadh  chleachdamh  a  chumail  suas.  Cha  tilg  duine  glic  uaith  trusgan  maith 
chionn  gu  bheil  droch  bhall  no  dhà  ann,  na  'n  deanamh  beagan  do  shaothair 
au  toirt  as. 

VIII.  Am  bheil  thu,  air  an  aobhar  sin,  gu  creidimh  a  chumail  suas  a  tha 
neo-Sgriobtuireil,  chionn  gu  bheil  e  suidhichte? 

Cha  'n  'eil  idir:  oir  cha'n  'eil  creidimh  gu  bhi  air  a  mheas  maith  chionn  gu 
bheil  e  suidhichte;  ach  bu  chòir  dha  bhi  suidhichte  chionn  gu  bheil  e  maith. 

IX.  Am  bheil  e  iomchuidh  gu  'n  deanadh  uachdarana  creidimh  a  shuidh- 
eachadh  's  a  chumail  suas  co  dhiubh  bhios  e  f  ìor  na  breugach,  fior-ghlan  no 
truaillidh? 

Cha  'n  'eil:  feumaidh  duin'  a  chlann  oileineachadh;  ach  cha  'n  'eil  e  cead- 
uichte  dha  an  oileineachadh  air  sheòl  a  bhios  cronail  dhoibh  fein  agus  do 
dhaoin'  eile.  'S  ann  mar  so,  mar  an  ceudna,  tha  a'  chuis  eadar  uaehdar- 
ana  agus  ìochdarana. 


CAIB.  VI. 

PONCAN  R'  AN  COIREACHADH  AN  EaGLAISIBH  ElLE. 

I.  Nach  'eil  an  Eaglais  Chlèireachail,  gu  ceart,  ionichuidh  bhi  air  a  gairm 
no  air  a  h-ainmeachadh  Protastanach? 

Tha.  Do  bhrìgh  gu  'm  bheil  i,  maille  ris  na  h-Eaglaisibh  ath-Ieasaichte 
ei!e,  ag  aidmheil  gu'  n  dlùth-lean  i  ris  an  fhianuis  shòluimte  a  thog  luchd 
an  Ath-leasachaidh  (mu  shèa-ceud  deug  bliadhna  do  dh'aois  ar  Tighearna) 
an  aghaidh  mhearachdan  agus  thruaillidheachd  Eaglais  na  Ròimhe. 

II.  Ciod  iad  cuid  do  na  mearachdan  anns  an  Eaglaìs  sin,  an  aghaidh  an 
do  thog  an  Eaglais  Ath-leasaichte  fianuis? 

Thog  iad  fianuis,  a  measg  iomadaidh  ni  eile,  an  aghaidh  teagaisg  Ard- 
cheannais  a'  Phàpa.  (Mat.  xxiii.  8,  11:  Eph.  ii.  19,  20.)  Thog  iad  fianuis  an 
aghaidh  teagaisg  neo-fhàilingeachd  na  h-Eaglais,  (Gniomh.  xvii.  11:  2  Cor. 
i.  24.)  An  aghaidh  teagaisg  a  bhrìgh-atharrachaidh,  agus  ìobairt  na  h-aif- 
rinn.  Gniomh.  iii.  20,  21,  Eabh.  ix.  24-28:  12-14.)  An  aghaidh  an  teagaisg, 
gu  'm  bheil  oibre  maithe  nan  naomh,  fiùghail  ann  an  làthaìr  Dhè.  (Isa. 
ìxiv.  6:  Eph.  ii.  8,  9.  Rom.  xi.  6.)  An  aghaidh  teagaisg  a'  Phurgadair  agus 
gu  'm  bu  chòir  ùrnuighean  a  chur  suas  as  leth  nam  marbh.  (Luc.  xvi.  22, 
23,  xxiii.  43:  2  Cor.  v.  8,  1  Eoin.  i.  7:  Tais.  xiv.  13.)  An  aghaidh  an  teag- 
aisg  gu  'm  bu  chòir  aoradh  a  dheanamh  do  dh'  ìomhaighibh  nan  naomh 
agus  do  chuimhneachanaibh  no  do  nònaidibh  coisrigte.  (Ecs.  xx.  4,  5. 
Taisb.  xix.  10:  xii.  8,  9:)  An  aghaidh,  nach  bu  chòir  na  Sgriobtuirean  a  bhi 
air  an  leughadh  leisa'  phobull.  (Deut.  vi.  6, 7:  Mat.  xxii.  29:  Eoin.  v.  39.)  An 
aghaidh  teagaisg  bheatha  nageamnuidheachd,  agus  fantuinn  air  ais  o  sheòr- 
sachaibh  àraidh  bìdh,  le  cumail  a  mach  gu  'm  bheil  an  leithide  sin  a  ghnàth, 
an  dlù-dhàimh  ri  àrddhiadhachdagusnaomhachd  bharraichtena  deadh-all- 
aidh.  (Lebh.  xxii.  10,  13;  1  Cor.  vii.  2:  1  Tim.  iv.  3,  2:  1  Cor.  vii.  8.)  Thana 
h-Eaglaisean  Clèireachail  Ath-leasaichte  a'  togail  am  fianuis  an  aghaidh  nam 
mearachd  so,  agus  ann  an  aghaidh  iomadaidh  mearachd  eil'  ann  an  Eaglais 
na  Ròimhe,  a  thaobh  iad  bhi  ana-Criosdail,  agus  sgriosail  do  dh'  anamaibh 
dhaoine. 

III.  Ciod  an  3olus  anns  am  bheil  luchd-Clèire  ag  amharc  air  Eaglais  Phro- 
tastanach  shuidhichte  Shasuinn  agus  Eirinn? 

Tha  iad  'g  am  meas  mar  Eaglaisibh  le  Criosd,  ach  aig  an  àm  cheudna, 
co  neo-sgriobtuireil  'n  an  suidheachadh,  agus  'n  am  ministreileachd,  agus 
gu  'm  b'eisin  doibh  fèin  an  comunn  a  chumail  air  leth  uatha. 

IV.  Ciod  a  th'  ann  an  suidheachadh,  agus  ann  am  ministreileachd  nan 
Eaglaisean  so  a  ta  Luchd-Clèire  ag  àicheadh  agus  a'  cur  air  chùl? 

Anns  a'  cheud  àit.  Tha  iad  ag  àicheadh  a'  chumhachd  agus  an  ùghdar- 
rais  ann  an  gnothuichibh  spioradail,  a  tha  na  h-Eaglaisean  ud  ag  aideachadh 
a  bhi  aig  an  àrd-Uachdaran  aimsireil,  co  dhiubh  is  firionnach  no  boirionnach 
e.  Faic  Leabhar  Lagha  Rìgh  Eannraig,  an  t-ochdamh  Caib.  far  am  bheil 
e  air  a  chur  an  cèill, — "  Gu  'm  bheil  làn  chumhachd  agus  ùghdarras 
aig  an  Righ  a  chluinntinn  agus  a  shònruchadh,  gach  uile  chùis  a  bhuineas 
do  'n  Eaglais,  agus  gach  uile  dhubhailc,  pheacadh,  mhearachd,  agus  shaobh- 
chreidimh  ath-leasachadh  agus  a  cheartachadh,  Ge  be  air  bith."  Agus  faic 
mar  an  ceudna,  anns  an  34.  earrann  do'ln  cliaìbideil  cheudna,  anns  am  bheil  air  a 
chur  siòs — "  Ge  b'  e  air  bith  a  bhriseas  gu  follaiseach  beul-aithris,  no  Riagh- 
ailt-chràbhaidh  na  h-Eaglais,  tha  e  a'  deanamh  dochann  do  ùghdarras  an 
uachdarain."     (Mat.  xiii.  10:  Kph.  i.  2.) 

Anns  an  dara  h-àit, — Tha  aca  an  aghaidh  nan  Eaglaisean  ud,  gu'm  bheil, 
do  re'ir  an  suidheachaidh-san,  cumhachd  aig  Pàrlamaid,  no  àrd-chomhairle 
na  Rioghachd,  a  th'air  a  deanamh  suas  do  luchd-Eaglais  Easbuigeach  Shas- 
uinn,  Eaglais  Chlèireachail  na  h-Alba,  agus  gach  dream  eile  's  am  bith  mar 
thachaireas,  agus  ana-creidmhich,  a  shònruchadh  cia  lìon  Easbuig  agus  Aodh- 
air  a's  feumail  a  bhi  aca,  mar  th'  air  a  nochdadh  anns  an  AcJid-ìagha,  mu 
dheireadh  a  rinn  iad;  ann  an  beagachadh  àireamh  an  cuid  Easbuigean  ann 
an  Eirinn. 

Anns  an  trèas  àit, — Tha  iad  'g  an  àicheadh,  do  bhrigh  na  smachd,  agus  an 


2^ 

ughdarrais,  a  tha  iad  a'  fulang  do  riaghladh  airiisireil  na  Rìoghachd  a  bhi 
aig'  os  an  ceann  ann  an  cùisibh  diadhaidh,  gu  'm  bheil  iad  air  am  fàgail  eu- 
comasach  iad  fèin  ath-leasachadh,  a  ghlanadh,  no  chur  am  farsuingeachd ; 
no  aon  mhearachd  no  mi-ghnàth,  'n  an  giùlain  a  cheartachadh. 

Anns  a1  clieathramli  àit, — A'  cumail  a  mach  mar  tha  Luchd-Clèire  a' 
deanamh,  gun  d'  òrduich  Criosd  'n  a  fhocal,  gach  uile  shuidheachadh  a 
mheas  a  ghliocas  sìorruidh  a  chum  oileanachaidh  na  buidhne  spioradail  a  's 
leis  fèin,  agus  gu  'n  do  theagaisg  e  an  dearbh  mhodh  a  b'  fhèarr  a  dh' 
f  heudadh  a  bhi  a  chum  an  riaghladh  agus  an  coimhead.  Dh'  àicheadh  iad 
an  cumhachd  a  tha  na  h-Eaglaisean  so  ag  agairt  air  Reachd  ceangail  deas- 
ghnàth  soluimte  a'  chràbhaidh  ann  an  aoradh  Dhè.  (Faic  Puing  20.)  agus  air 
an  dòigh  sin  na  nithe  sin  atharrachadh  anns  an  do  shònruich  e  a  shuidh- 
eachadh  fèin  a  bhi  air  a  choimhead.     Gnàth.  xxx.  6;  Taisb.  xxii.  18. 

Anns  a' chùigeamh  àit, — Cha'n  urrainn  iad  aontachadh  leisna  Riaghailtibh- 
cràbhaidh  a  leanas  nach  'eil  na  Sgriobtuirean  a'  ceadachadh; — Na  h-ioma- 
daidh  làithe  fèille  a  th'  air  an  sònruchadh  agus  air  an  coimhead  leis  na 
h-Eaglaisean  ud. — Goistidhean  ann  am  baisteadh, — Goistidhean  a'  toirt 
bhòidean  ann  an  ainm  an  leinibh,  agus  a'  gabhail  chumhnantan  orra  fèin, 
nach  urrainn  iad,  do  rèir  nàduir,  a  chomhlionadh— A'  gnàthachadh  samh- 
ladh  a'  chroinn-Cheusaidh,  (no  na  croise)anns  a'bhaisteadh — a  dol  fo  làimh 
an  Easbuiggu  bhi  air  an  coisrigeadh  leis. — 'Ga  'n  ùmhlachadh  'n  uair  chlu- 
inneas  iad  luaidh  air  ainm  Iosa — a'  dol  air  an  glùinibh  aig  Suipeir  an  Tigh- 
earna. — A'  frithealadh  Suipeir  an  Tighearna  gu  h-uaigneach — A'  coisrigeadh 
Eaglaisean,  ionadan-adhlaic,  agus  aran  agus  fìon  na  Sacramaind — Am  buil- 
eachadh  fuar  chràbhach  a  tha  iad  a'  deanamh  do  dh'  f  huigheal  an  arain  agus 
an  f  hìona  an  dèigh  a'  chomunnachaidh— Maitheanas  peacaidh  do  mhuinntir 
thinn.     Mat.  xv.  9. 

A  chionn  gu  'm  bheil  cuid  do  na  Riaghailtean-Crabhaidh  sin,  do  rèir  col- 
tais  neo-chudthromacb  annta  fèin,  c'arson  a  tha  an  coimhead  'n  a  cheann- 
fàth  cudthromach  air  na  Eaglaisean  ud  àicheadh? 

Do  bhrigh  gu  'm  bheil  a  leithid  do  choimhead  a'  toirt  misnich  do  dh'  f huar- 
chràbhadh,  agus  colg-dhìreach  an  aghaidh  diongmholtais  nan  Sgriobtur, 
mar  an  aon  Riaghailt  creidimh  agus  cleachdaimh,  agus  a'  cumail  suas  nan 
saobh-bhunaitean  neo-sgriobtuireil  agus  aimhleasach,  gu'm  feud  daoine  gu 
neo-lochdach  agus  gu  tarbhach  tuilleadh  a  chur  ri  suidheachaidhean 
Chriosd,  agus  ri  cùmhnant  a'  chomunnachaidh  'n  a  Eaglais.  Col.  ii.  20,  23. 
Annsan  t-sèathamh  àit, — Cha'n  urrainn  iad  gabhail  ri  "Leabhar  nan  Urn- 
uighean  Coitchionn  "  le  thoirt  fainear  gu  'm  bheil  a  bhi  deanamh  feum  dheth 
'n  a  mheadhon  air  grabadh  a  chur  air  cleachdamh  nan  gibhtean  spioradail, 
agus  a'  misneachadh  gnàthas  marbhantach  ann  an  cràbhadh,  agus  'n  a 
dheas-ghnàth  coithchionn  agus  'n  a  chur  r'  a  chèile,  tha  e  neo-choimhlionta 
agus  meirbheallach,  a'  gabhail  a  steach  ath-aithris  bhriathran  gun  f  heum — 

earrannan  neo-iomchuidh  mar  theagasg,  as  an  Apocrapha* suidheach- 

aidhean  mi-òrdail  gun  chonnbhall  'n  an  ùrnuighibh — agus  iad  co  ro-chol- 
tach  ris  an  Leabhar-aifrinn  Phàpanach,  o  'm  bheil  iomadaidh  do  nah-urnuigh- 
ean  air  an  tarruing. 

Anns  an  t-seachdamh  àit, — Tha  iad  an  aghaidh  cleachdaimh  na  h-uach- 
daranachd  Eaglais  agus  cumhachd  an  òrduchaidh  a  bhi  air  a  chur  gu 
h-iomlan  an  comas  nan  Easbuig.  1  Tim.  iv.  14. 

Anns  an  ochdamh  àit, — Tha  iad  an  aghaidh  lìonmhoirachd  nan  dreuchdan 
neo-sgriobtuireil  anns  na  h-H-eaglaisibh  ud,  mar  tha,  àrd-Easbuig,  Easbuig- 
iosal,  àrd-dheacona,  Deadhan,  Fear-Stìopan-cille,  Fear-naomh-Reachd,Bioc- 
air,  comasdair,  àrd-chomhairlich\  Fear-ionaid,  agus  Pracadair;  dreuchdan 
nach  robh  riamh  air  an  òrduchadh  le  Criosd,  ach  a  bh'  air  tùs  air  an  cruth- 
achadh  le  Pàpa  na  Ròimhe. 

Anns  an  Naoidheamh  àit, — Cha'n  urrainn  iad  gabhail  ris  an  teagasg,  gu  'm 
bheil  naoidhean  air  "  ath-bhreith,"  le  baisteadh  an  uisge,  agus  air  a  "  dhean- 

*Leabhraichean  eoltach  ris  na  Sgriobtuiribh,  agus  a  ta  Papanaich  agus  iomad- 
aidh  eile  'cumail  a  mach  a  ta  'n  daimh  ris  na  leabhraichibh  sin,  air  an  aobhar  sin 
tha  iad  'g  a  cheangal  suas  maille  ris  a'  Bhioball,  agus  'g  a  mheas  mar  Earrainn  de'n 
Leabhar  naomha  sin,  ged  nach  'eil  ann  ach  Eachdraidh  mar  Leabhar  gnàthaichte 
eile.  Tha  earrann  do  shèathamh  puing  a'  chreidimh  Shasunnaich  air  a  tharruing 
as  an  Leabhar  sin. 


amh  na  bhall  do  Chriosd  agus  na  leanabh  do  Dhia."  Seumas  i.  18;  Pead. 
i.  23. 

Anns  an  deicheamh  àit, — Tha  iad  a'  caoidh  co  soirbh-shaor  sa  tha  na 
h-Eaglaisean  ud  a  thaobh  na  muinntir  a  tha  iad  a'  gabhail,  a  dh'  ionnsuidh 
an  comunnachaidh  agus  shochairean  an  Eaglais.  Tha  iad  a'  caoìdh,  mar  an 
ceudna,  gu'm  bheil  gach  aon  do  na  ministeiribh  diadhaidh  a  dh'  oidhir- 
picheas  ri  oideas  spioradail  a  chleachdamh  fo  mheachainn  geur-leanmhuinn 
cheadaichte,  agus  fo  ùmhladh  laghail. 

Anns  an  aon  àite  deug, — Tha  iad  an  aghaidh  cumhachd  leagail  agus  togail 
na  h-ascaoin  Eaglais  a  bhi  aig  fear  nach  buin  do'n  Eaglais  fèin,  anns  an  ni 
sin  do'n  goirear  "  Mòd-Easbuig." 

V.  Ciod  an  solus  anns  am  bheil  luchd-clèire,  (no  Eaglais  na  h-Alba,)  a' 
faicinn  nan  Eaglaisean  ud  ris  an  abrar  Neothar-eiseimeilich,  no  coimh- 
thional? 

Tha  iad  a'  gabhail  ris  gach  aon  aca  a  ta  'g  aldmheil  an  ni  do'n  goirear 
teagasg  nan  gràs,  a  bhi  mar  an  ceudna  'n  an  Eaglaisìbh  le  Criosd;  ach  tha 
iad  an  aghaidh  an  suidheachaidh  sònruichte— Ni  a  ta  cumail  a  mach,  gu  'm 
bheil  coimhthional  àraidh  'n  an  Eaglais  a  ta  neothar-eiseimeil  a  thaobh  gach 
aoin  eile,  gun  a  bhi  fo  smachdachadh  àrd-mhòdan,  agus  gu  'm  bheil  ùgh- 
darras  aig  uile  bhuill  na  h-Eaglais  air  uachdaranachd  a  chìeachdamh,  agus 
an  aonta  'chur  ris  gach  gnè  riaghlaidh  agus  breth  a  tha  air  iarruidh  air  an 
Eaglais  a  chur  còmhnard. 

VI.  C'ar  son  a  tha  iad  an  aghaidh  a  leithid  so  do  Riaghladh-Eaglais? 

1.  Tha  e  colg-dhìreach  an  aghaidh  aonachd  na  h-Eaglais  mar  air  a  suidh- 
eachadh  air  aonachd  a  Cinn  Nèamhaidh  fèin — a  creidimh— a  bàistidh,  agus 
na  h-uile  riaghailt  lagha  agus  òrduighean,  agus  a'  chunntais  a  th'air  a  thoirt 
mu  an  timchioll  sin  uile,  anns  na  Sgriobtuiribh,  le  a  samhlachadh  ris  a' 
chorp  dhaona  1  Cor.  xii.  12,  26,  27:  ri  Rioghachd.  Eoin.  xvii.  36.  Agus  ri 
armailt  fo  aon  cheannard.  Taisb.  xx.  9. 

2.  Tha  e  colg-dhireach  an  aghaidh  suidheachadh  na  ceud  Eaglais,  (Faic 
Caibideil  I.  Ceist  3.  Earrann  4.) 

3.  Tha  e  cur  as  do  'n  eadar-dhealachadh  a  th'air  a  labhairt  uime  gu 
soilleir  anns  an  sgriobtur,  eadar  luchd-riaghlaidh  na  h-Eaglais  agus  iadsan 
a  th'air  an  riaghladh.     Eabh.  xiii.  17,  24. 

4.  Do  bhrigh  an  ana-cothrom  do'm  bheil  iad  buailteach. 

Anns  a'  clieud  àit, — O  'n  smachd  neo-dhligheach  a  th'  aig  a'  phobull  *n  an 
comas  a  chleachdamh  thar  an  aodhairean,  n'  an  tàrladh  dhoibh,  le  dìlseachd 
f  ìrinnean  a  shearmonachadh  nach  biodh  taitneach  leo;  no  le  bhi  cronachadh 
cuid  do  pheacannan  do'n  robh  iad  buailteach,  no  oilbheum  's  am  bith  a  labh- 
airt,  no  n'  an  gabhadh  am  popull  aig  àm  's  am  bith  tlachd  do  shearmonaich' 
eile;  tha  e  air  ball  gu  bhi  buailteach  air  a  chur  as  a  dhreuchd. 

Anns  an  dara  h-àit, — O  iad  a  bhi  dh'  easbhuidh  mòd-dearbhaidh  ris  an 
deanadh  neach  a  ghearan  'na  'm  b  'e  's  gu  'n  nochdtadh  ainneart  dha  aig 
breth  le  falachd  luchd-foille,  no  le  cumhachd  mi-iomchuidh  aig  cuid  do'n 
choimhthional  anns  am  bheil  esan  'n  a  Aodhair  no  'n  a  bhall  comuinn. 
Gniomh.  xv.  2. 

Anns  an  treas  àit,—0  co  neo-chomasach  's  a  tha  coimhthional  air  leth,  air 
aon  do  na  gnothuichibh  a  's  cudthromaiche  m'  an  deachaidh  an  Eaglais  a 
chur  suas  air  thalamh  a  choimhlionadh,  's  e  sin,  rìoghachd  Chriosd  a  mheud- 
achadh.  Tha  neothar-eiseimeilich  an  uair  a  tha  iad  a'  toirt  oidhirp  air 
an  t-soisgeul  a  chraobh-sgaoileadh,  air  an  toirt  gu  bhi  ag  oibreachadh,  cha  'n 
ann  a  dh'  aon  rùn  mar  Eaglais,  ach  mar  bhuill  do  chomunnaibh  eug-samhuil 
air  an  co-mheasgadh  an  ceann  a  chèile. 

Anns  a'  cheathramh  àit.—Do  bhrigh  gur  gnàthas  e  ann  an  cuid  do  phonc- 
aibh  a  tha  glè  neo-ghoireasach,  mur  a  h-eil  e  gu  h-iomlan  do-dhèanta  an 
leantuinn  a  mach.  Gabhaidh  sinn  so  mar  eisimpleir:— Ann  an  cùisean  àraidh 
do  chiontaidhean  neo-ghlan  a  tha  air  an  toirt  an  làthair  na  h-Eaglais;  mar  a 
tha  striopachas,  no  adhaltranas;  cha'n  urrainn  am  boirionnach  gu'n  anabarr 
neo-chionaltais  mhi-iomchuidh  a  nochdadh,  seasamh  chum  èisdeachd  agus 
breithneachaidh,  mar  a  tha  dhleasdanas  oirre  'dheanamh,  rèir  riaghailtean 
nan  neothar-eiseimeileach. 


- 


An  Comh-dhunadh. 

VII.  Ciod  eile  na  smuaintean  seadhach  bu  chòir  toirt  air  luchd-clèire 
dlù-leantuinn  le  gràdh  dealasach  ri  'n  Eaglais  fèin? 

A  teÌ3teas,  no  a  cliù  Sgriobtuireil,  co  saor  's  a  tha  i  o  na  cunnuilibh  troiua 
tha'n  aghaidh  riaghailtean  nan  Eaglais  eile,  an  t-saorsa  dhiadhaidh  agus  na 
cothroman  a  ta  a  luchd-comuinn  a  mealtuinn. 

VIII.  Ciod  iad  na  saorsaidhean  agus  na  cothroman  sin? 

Comas  a  bhi  aca  an  cuid  aodhairean  agus  an  luchd-riaghlaidh  fèin  a  thagh- 
adh.  Saorsa  o  chumhachd  ain-tighearnail  air  an  aon  làimh,  agus  o  eas-. 
aonachdairanlàimh  eile,  ann  an  uachdaranachd  an  Eaglais  fèin,  nameadh- 
ona,  agus  na  cothroman  a  th'aca  air  mi-dhìlseachd  ann  am  ministeiribh, 
no  annan  seanairibh,  ciontaidhean  luchd-comuinn,  agus  mearachdan  ann  an 
teagasg,  a  thoirt  an  làthair  luchd-riaghlaidh  na  h-Eaglais,  a  chum  ranns- 
uchaidh  agus  breitheanais— Cothrom  agus  cumhachd  air  cùis-lagha  a  thogail 
o  aon  mhòd-Eaglais  gu  mòd-Eaglais  eile,  'n  uair  a  tha'n  còraichean  mar 
luchd-àiteachaidh  Shioin  air  an  dochann  no  air  am  maslachadh,  agus  is  ionann 
a  ta  a  suidhechaidhean  agus  an  riaghailtean-Eaglais  is  gu  'm  bheil  i  a'  gabh- 
ail  a  stìgh  innte  fein  cumhachd  air  eucoirean  agus  mearachdan  ath-leasa- 
chadh,  agus  gu  'm  bheil  aice  na  h-innleachdan  a's  fèarr  a  chum  crìochan 
Rioghachd  an  Fhir-shaoraidh  a  chur  am  farsuingeachd,  agus  corp  dìomhair 
Chriosd  thogail  suas  a  chum  làn-fhàs. 

IX.  Cia  mar  bu  chòir  do  luchd-clèire  na  sochairean  so  a  chleachdamh, 
agus  a  bhuileachadh? 

Bu  chòir  dhoibh  an  cleachdamh  gu  taingeil,  agus  gu  dìleas,  a  chum  an 
oileineachaidh  fèin,  le  Eaglaisean  eile  'thoirt  a  chum  còrdalachd  lagha  tigh 
Chriosd,  agus  oidhirpeachadh  obair  theachdairean  a  chur  air  aghaidh  'n  an 
tìr  fèin,  agus  air  feadh  an  t-saoghail  gu  lèir,  chum  's  gu  'm  faic  uil'  iomalla 
na  talmhainn  slàinte  Dhe. 


A'  Chrioch. 


BKLL  AMD  BAIN,  PKINTERS,  !>T.  ENOCH  faQCARK,  GLASGOW. 


'  X