(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Marbhrainn, a rinneadh air diadhairibh urramach : nach maireann : agus da spioradail eile"

National Library of Scotland 

■iiiiiiiiiii 

*B000501822* 



MARBHRAINN, 

A RINNEADH AIR 

DIADHAIRIBH URRAMACH, 

NACH MAIREANN ; 

AGUS 

DÀNA SPIORADAIL EILE: 

LE 

DR. IAIN DOMHNULLACH, 

MINISTEIR NA H-EAGLAIS SAOIRE 'S AN TOISIDHEACHD. 



AN CUIGEAMH MILE. 



EDINBURGH ; 

MACLACHLAN & STEWART, 64 SOUTII BRIDGE ; AND 
D. R. COLLIE & SON 19 S. ST, DAVID STREET 



1868. 



^ 8 ^ 

1972.? 



AN ROIMH-RADH. 



Bha na dàna 's na Marbhrainn a tlia a nis air an 
cruinneachadh 's an Leabhar so, air an dèanamh leis 
an Ughdair, a' chuid mhòr dhiubh, o chionn iomadh 
bliadhna. Mar bha, ann am freasdal Dhè na daoine 
diadhaidh, urramach, d' an rinneadh na Marbhranna ; 
air an gairm dhachaidh ; 's a bhuail a dhealachadh fèin 
uatha, agus 'ionndrain fèin orra — 'n uair bhuail sin a 
stigh air inntinn agus spiorad an Ughdair, bheothaich- 
eadh e gu 'fhaireachduinn fèin a chur an cèill ann am 
briathraibh ; a?gus mar bha làn fhios aige, gu 'n robh an 
fhaireachduinn agus an t-ionndrain ceudna aig iomadh 
eile, a thuilleadh air fèin, fhuair se e fèin toileach agus 
dùrachdach, bhi air a dheanamh mar 'n a bheul do fhair- 
eachduinn agus do smuaintibh chàich. Tha an Ti sin a 
's e fèin au. Ceann glòrmhor, ag ràdh gur h-iad na fìr- 
eana " SaLunn na talmhainn." Agus 'n uair tha saoibh- 
reas gràis air 'sa f hrithealadh do dhaoinibh a leth, 's an 
Eaglais, a tha 'g am fàgail soilleir, deadh-mhaiseach, 
dealrach, ann am beatha na diadhachd, air mhodh àraid, 
agus mar innealaibh sònruichte ann an làimh an Spior- 
aid gu bhi a' cur obair nan gràs air a h-aghaidh ann an 
anamaibh eile ; feudar a ràdh, gur h-iad sin, salann na 
h-Eaglais faicsinneich, ann am iomadh seadh. Bu lòch- 
ranan iad 'n an làithibh fèin. Agus, u air dhoibh bhi 
marbh, tha iad fathast a' labhairt." 'N an inbhibh, 'n 
an dreuchdaibh, 's 'nan seirbhisibh fa leth, a thugadh 
dhoibh, ann an àrd-uachdaranachd frithealaidh an t-saoir- 
gliràis, tha an eisimplir priseil. Tha an Spiorad Naomh 
a* cur an cèill, — ' Bithidh cuimhne an fhìrèin bean- 
naichte," — agus, — "Air chuimhne gu bràth, bithidh am 
Tirean." Agus is e a dh' iarr an t-Ughdair, gu cinnt- 
each, gu 'm biodh cuideachadh air a thabhairt leis na 
marbhrannaibh so, cha 'n ann a mhàin do chàirdibh, agus 



Iv 



AN ROIMH.-B.ADH. 



do luchd-gràidh uan daoine urramach mu 'm bheil iad ; 
ach gu 'm theadh iad mar an ceudna 'nan cuideachadh, gu 
tuairisgeul agus iomradh an cliùtha, an giùlan, 's an eis- 
implir a chumail air chois, a measg nan ginealach a thig- 
eadh 'n an dèigh, — 's a tha a nis, eadhon cheana, air 
tighinn, ann an tomhas mòr. Agus cha 'n e an ginealach 
so a 's lugha feum 7 gu 'n cumtadh 'n an amharc, tor- 
aidhean agus tuairisgeul na fìor dhiadhachd ; agus mar 
chunncas cumhachd na diadhachd roimhe, a' cumadh 's 
a' maiseachadh an luchd-teagaisg, 's an luchd-èisdeachd, 
a rinneadh 'n am maise 's 'n am beannachd 's an Eag- 
lais, 'n an ionadaibh 's 'n an inbhibh, leth air leth. 

Bha a' chuid mhòr do na marbhrannaibh air an cur 
a mach, goirid an dèigh dhoibh bhi air an deànamh leis 
an Ughdair ; ach chailleadh iad, mar sin, ann an tomhas 
mòr ; agus is ann air chomhairle o iomadh do na bràith- 
ribh, agus o chàirdibh eile, a thàinig an t-Ughdair gu 
'f haicinn 'n a dhleasdanas dha fèin, na dàna 's na mar- 
bhrannan araon a chur a mach, 's a chumadh 's am bheil 
iad a nis, 'n an aon Leabhar, an ceann a chèile. Dh' 
iarradh e a nis, an dèigh na saothrach so, bhi ? g a fàgail, 
's a bhi a' cur an Leabhair bhig so, air chùram an Tigh- 
earna ; 's a bhi a' guidheadh gu 'n deanadh an Tighearn 
e, ma 's e sin a tboil bheannaichte fèin, 'n a mheadhon 
ath-bheothachaidh agus treòrachaidh d' a shluagh fèin ; 
a dh' ionnsuidh am feud e tighinn ; agus 'n a mheadhon 
do Luchd-èisdeachd an t-soisgeil, agus do Luchd-aid- 
eachaidh, gu an cuideachadh ann am faireachduinn a 
ghleidheil air teagasgaibh nan gràs, — air toradh an 
fhìor ghràis, agus air a' ghnè ghiùlain agus caithe-beatha, 
a gheibhear 's a mhothaichear, aca-san, a tha do rìreadh 
air an teagasg agus air an treòrachadh leis an Spiorad 
Naomh. 

Tha an t-Ughdair 'g a f haotainn fèin gu mòr fo chom 
ainibh do na càirdibh lìonmhor a chuir an ainmean a 
stigh air son an Leabhair : agus tha e anabarrach duilich 
'n a inntinn, gu 'n do chumadh an Leabhar air ais ùine 
co fhad, 's a' chlòdh-bhualadh. 



GEAEE IOMEADH 

AIR AN 

TJRRAMACH TEARLACH CALDAIR, 

DO 'n rinneadh am marbhrann a leanas. 
LE UGHDAIB A' MHAEBHBAINN. 



Bha sinnsir an duin' urramaich so ainmeil 'n an latha 
fèin, mar luchd-saothrachaidh ann am fion-lios an Tigh- 
earn. Bha Mr. Iain Caldair, a sheanair, trì bliadhnadeug'n 
a mhinister ann an sgìreachd Chaldair, ann an siorramachd 
Innirnearain. Chaidh ashuidheachadh's an sgìreachadh sin ; 
's a' bhliadhna 1704 ; agus chaochail e 's a' bhliadhna 
1717. Dh' fhàg a thìodhlacan mòra, a dhiadhachd, 
agus an t-eud a nochd e ann an aobhar Chriosd fhad 's 
bu mhaireann da, — dh'fhàg iad co ainmeil e air feadh 
na dùthcha sin gu lèir, agus gur h-e Mr. Caldair Mòr a 
theireadh gach neach, ann an labhairt uime. Rugadh 
a mhac-san Mr. Seumas Caldair, athair Mhr. Thèar- 
laich, 's a' bhliadhna 1711, agus shuidhicheadh e 'n a 
mhinisteir ann an Sgìreachd Àrd-nan-saor, ann an 
siorramachd Inbhirnis, 's a' bhliadhna 1740, agus an 
dèigh dha bhi mu sheachd bliadhna 's an sgìreachd sin, 
dh'atharraich e ionad a shaothrach 's a' chòmhnuidh, agus 
shuidhichead he'n a mhinisteir ann an sgìreachd Chròidhe, 
's an t-siorramachd cheudna, mu mheadhon an earraich, 
's a' bhliadhna 1747 ; far an do chaochail e mu mheadh- 



6 



GEARR IOMRADH 



on an fhogharaidh, 's a' bhliadhna 1775. B' fhear- 
searmonachaidh cnmhachdach Mr. Seumas ; agus e 'n 
a dhuine a ràinig air àirde mhòir ann am beatha na 
diadhachd. Agus shoirbhich an Tighearn leis 'n a 
shaothairibh gu farsuing, soilleir. B' inneal e ann an 
làimh an Ard-mhaighstir, leis an d'iompaicheadh iomadh 
peacach, agus o an d' f huair treud Dhè ionaltradh agus 
beathachadh d 1 an anamaibh. Dh'fhàg Mr. Seumas 
triùir mhac 'n a dhèigh, lain ,Uistein, agus Tèarlach. 
Bha Iain 'n a mhinistei rann an Sgìreachd Ros-cuinidh, 
an Siorramachd Rois, far an do shaothraich e gu dìleas, 
agus far am facas toradh a shaothrach, o 'n Tighearn. 
Thàinig Uistein a stigh mar fhear-cuideachaidh d' a 
athair, ann an Sgìreachd Chròidhe : bu duine diadhaidh 
e ; agus bha sin soilleir 'n a chaithe-beatha gu lèir ; ach 
le e bhi euslainteach, anf hann, 'n a phearsa, cha d'ràinig 
e air an àirde cheudna ann an ainm, no ann an gnàth- 
achadh thìodhlacan na ministreileachd 's a f hauir 'athair, 
a sheanair, agus a bhràithrean. Bha e mar bu trice co 
anfhann agus co bochd, 'n a shlàinte 's gu 'm b' èigin da 
fear-cuideachaidh bhi aige 's an Sgìreachd, fhad 's a 
mhair e. Mu dhèighin Thèarlaich Chaldair a rìs, d' an 
rinneadh am Marbhrann so a leanas, feudar a ràdh, gun 
teagamh, nach b' ann an dèigh làimh a thàinig esan, air 
tiodhlacaibh 's am bith, no air gràs, a chunncas roimhe 
'n a shinnsir. Bhuilicheadh comasan nàdurra air, mar 
dhuine, a bha os ceann mhòrain. Bu duine e a fhuair 
agus a choisinn àrd-fhoghlum : agus cha bu lugha a bha 
e urramach, àrd, ann an inbhe bheatha na diadhachd ; 
dhealraich cumhachd agus maise nan gràs gu h-iongan- 
tach 's an duine phrìseil so. B' f hìor, do rìreadh, uime- 
san, gu 'n do thuit falluinn Eliah air Elisa. Is fiù an 
cliù so air, a leanas, a leughadh, a chaidh a sgrìobhadh 
goirid an dèigh àm a bhàis, agus mu 'm feud ùghdair 'a 
Mharbhrainn a ràdh, gu 'm bheil na tha air a chur sìos 
ann, a'còrdadh gu h-iomlanr'a bheachd agus r' a bhreith- 
neachadh fèin. " Bu duine Mr Tèarlach Caldair (arsa 
fear-sgrìobhaidh an iomraidh sin,) bha gu sònruichte air 
a choisrigeadh a chum seirbhis a Thighearna, agus a bha 



AIR MAIGIISTIR CALDAIR. 



7 



gu sònruichte dìleas do 'n t-seirbhis sin. Chaidh a ohliù 
am farsuingeachd, agus cha b' iongantach sin, mar 
dhuine agus mar f hear-teagaisg a dh' aidich an Tighearn 
'n a shaothairibh, agus aig an robh a chomhluadar uile, 
gu h-anabarrach r' a f haicinn fo riaghladh gràis. Ach is 
ann 'n a Sgìreachd fharsuing fèin, agus air feadh a 
choimhthionail lìonmhoir d' an do fhritheil e, eadhon 'n 
an cridhibh-san, 's an leth stigh, a gheibhteadh ìocshlaint 
thlà a ghuth agus a theagaisg air a mothachadh do 
rìreadh marbholtrach cùbhraidh. Cha b'ann gufuasgailte, 
neo-stèidhichte, neo-chuimseach, no cearbach, a gheibh- 
teadh a theagasg ; oir cha robh ponc no teagasg air an 
socruicheadh e a bheachd, no a dh'iarradh e gu 'n tuigeadh 
agus gu 'm breithnicheadh a luchd-èisdeachd iad, (mar 
dh' iarr e a ghnàtb,) air nach cuireadh e blas an eireachd- 
ais agus na maisealachd, agus air nach faiceadh gach 
neach a leithid do shnas 's a nochd araon, gloinead agus 
soilleireachd na h-inntinn o 'n d' thàinig iad a mach : 
cho domhain 's a chaidh e a stigh annta, agus an tlachd 
anama a ghabh e fèin ann an nithibh an Tighearn, agus 
an t-urram a dh'iarr e thabhairt do na nithibh sin uile. 
Bha riaghailt, suidheachadh, agus deadh rian 'n a uile 
theagasg ; air an tarruing leis mar bha a theagasgan gu 
lèir o thobar f hìor-ghlan na Fìrinn, agus e a' moladh na 
fìrinn sin 'n a maisealachd do gach aon neach a dh' 
èisdeadh. Air son a thìodhlacan agus a chomasan fèin 
mar dhuine, ged mhol gach neach iad ach e fèin a mhàin ; 
'n a theagasg, is ann a smuainicheadh neach gu 'm bu 
roghnaiche leis an ceiltinn na 'm feudadh e, na bhi 'g an 
sgaoileadh a mach mar ghrinneas, leis am feud duine 
tuilleadh molaidh a chosnadh dha fèin na a cheadaicheas 
e do 'n fhìrinn a chosnadh d' a h-Ughdair. Ach ged 
bha mar so, ann fèin agus 'n a dhòigh teagaisg gràs na 
fior irioslachd agus a' ghràidh, mar a' tarruing sgàile 
eadar luchd-èisdeachd agus àrd-chomasan inntinn an 
duine fèin, cha d' rinn so ach e fèin agus a theagasg ni 
bu mhaiseiche ann am beachd dhaoine tuigseach. 'N uair 
gu h-àraid, a labhradh e mar f hear-teagaisg ann an 
tigh Dhè, bha gach ni daingean, brìoghmor, saoibhir 



8 



GEÀRR IOMRADH 



ann am miiseachd na f ìrinn ; sùil aig gach focal n bunait 
an Sgriobtuir, agus air a cho-chur, air ùghdarras an 
Fhocail cheudna : — dùrachd an f hior chaoimhneis 'n a 
ghuth agus 'n a shealladh, — tharruing e ìuchd-èisdeachd 
d' a ionnsuidh, dhùisg e an aire, agus chum e an aire 'n 
a dùisg ; thug e soilleireachd dhoibh 'n an tuigse, agus 
dhrùidh a bhriathran a stigh, gu cumhachdach air cridh- 
ibh a' chruinneachaidh mhòir a dhòmhlaich mu a thim- 
chioll ; agus thog toraidhean beannaichte a shaothrach fian- 
uis, nach b' ann an dìomhanas a bha i, oir chunncas na tor- 
raidhean sin anns an t-sìtb, an irioslachd, anns a' ghràdh 
bhràthaireil, agus anns an diadhachd neo-chealgaich sin a 
thaisbein iadsan, 'n an giùlan agus 'n an imeachd, a ghabh 
thachd ann an teagasg Thèarlaich Chaldair. 'N a aoidheachd 
agus 'na thabhartasaibh, bu duine fialaidh do 'n bhochd agus 
do 'n euslainteach e. Bu lìonmhor iad sin gu tric tim- 
chioll a dhorsan ; agus is ann gu fòil agus gu ciùin a 
chomh-pàirticheadh e riutha, mar bhuilich an Tighearn 
an comas air. Gheibhteadh a chòmhradh u a ghnàth ann 
an gràs ; air a dheanamh blasda le salann." Cha b' 
aobhar nàire leis riamh crann-ceusaidh Chriosd ; no a 
sheirbhis, no 'aobhar, no a phobull, no a mhasladh : agus 
'nuair ghairmeadh e gu a chrann-ceusaidh a ghiùlan is 
ann a rinn e uaill 's an uallach. 

Chrìochnaich e a thurus, agus dhealaicheadh o'choimh- 
thional e a bha dlùth-fhuaithte ris ann an gràdh, agus d'an 
tug e fìor ghràdh ; an dèigh euslaint a thighinn air nach 
robh ach gèarr. Agus ghiùlain e sin anns an f hoighidinn 
chiùin agus mhìn sin, a nochd e 'n a chaithe-beatha gu 
lèir, agus spiorad a' bhuidheachais aige, 'g a lìonadh, 's an 
duine 's an leth stigh ; agus bhuanaich e, eadhon gus an 
d' thàinig an uair ; " deanamh gàirdeachais an dòchas : 
foighidneach an trioblaid ; maireannach ann an ùrnuigh." 
agus, " a' toirt glòire do Dhia." Chriòchnaich e a thurus 
air a' cheud là do mhìos dheireannach an f hogharaidh 's 
a' bhliadhna 1812 ; 's a' cheathramh bliadhna tharun trì 
fichead d' a aois ; agus an dèigh dha bhi ochd bliadhna 
deug thar fichcad 'n a mhinisteir. Shuidhicheadh e ann 
an Sgìreachd na Tòiseachd 's a' bhliadhua 1774. 



AIR MAIGHSTIR CALDAIR 



9 



Bha Mr. Caldair pòsda air boirionnach a bha comh- 
arraichte 'n a h-inbhe 's 'n a h-ionad mar bhoirionnach 
diadhaidh, agus dhasan bu " chòmhnadh d' a reir fèin" 
i ;bu phiuthar i do Thriath Bhrodie, ann an Siorramachd 
Mhoraidh. Cha mhaireann a nis ach dithis do 'n cloinn, 
dithis nighean a bha pòsda le chèile, aig ministeiribh a 
bha ainmeil 's an Eaglais, an dara nighean aig Dr. Stiùbh- 
ard, a bha ann an Sgìreachd Mhaoilinn, agus an dèigh 
sin ann an Sgìreachd Inbhir-pheotharain, agUs mu dheir- 
eadh an Dun-èidin ; agus an nighean eile aig Dr. Mac- 
an-tòisich, a bha am Baile-Dhuthaich. 

Rinneadh am Marbhrann so leis an Ughdair goirid 
an dèigh dha tighinn ann an àite Mhr. Chaldaicdo Sgìr- 
eachd na Tòiseachd. Is cothromach do 'n Ughdair 
le firinn a ràdh, nach do rùnaich e idir 'n uair rinn e na 
rainn, gu'm bitheadh iad air an cur an clòdh. Ach ghèill e 
do chomhairle a chàirdean, a bha an geall, agus a thagair, 
gu 'm bitheadh am Marbhrann air a chur an clòdh. Is 
ann o 'n urram 's o 'n ghràdh a bha aig na càirdibh sin 
do Mhr. Caldair, a dh'iarr iad so ; a chum agus gu 'm 
bitheadh cuimhne a chliù, agus e blasda do rìreadh dhoibh 
fèin, ann an làmhaibh chàich mar an ceudna. Agus is 
e an t-urran agus an gràdh so, a bha araon aig na 
càirdibh sin agus aig an Ughdair fèin do Mhr. Caldair, 
agus cha 'n e fiach 's am bith a tha 's a' Marbhrann fèin, 
a thng air an Ughdair gèilleadh do 'n impidh a chuir na 
càirdean sin air. Cha 'n 'eil an t-Ughdair 's a' Mharbhrann 
ag oidhirpeachadh dol a stigh ann an uile bhuadhaibh 
cliùtha an duin' urramaich, chomharraichte so ; is ann a 
mhothaich e gu 'm biodh sin gu h-iomlan thar a chomas. 
Agus's e dh'oidhirpich e a mhàin, gu'm bitheadh buadhan 
sònruichte a chliù bu shoilleire a dhealraich na chèile, 
thar chàch, mar fhear-teagaisg, mar aodhair do 'n treud, 
agus mar neach fa leth do na naomhaibh, — gu 'm biodh 
ni-èigin, eadhon dhiubb sin, air an cur an cèill 's a' 
Marbhrann so. 

Mar mhinisteir 's an Eaglais, is cothromach dhuinn a 
ràdh gur h-ann a bha Mr. Caldair mar reul, a chithear a' 
dealradh thar chàch a tha timchioll oirre 's na speuraibh. 

A 5 



10 



GEAHR IOMRADH 



Shearmonaich e Tosa Criosd, agus Esan air a cheusadh, 
Mar nach do sheachain e uile chomhairle Dhè fhoill- 
seachadh do a luchd-èisdeachd, mar sin mar an ceudna, 
b' e Gràdh Chriosd, os ceann gach teagasig eile, anns an 
robh a thlachd. Fhuair an gràdh sin comas-riaghlaidh 
ann an uile bhuadhaibh 'anama fèin, agus bha e mar 
air a cho-chumadh le cumhachd a' ghràidh sin, air a 
leithid do dhòigh, agus gu 'm fàiceadh tu a ghnàth an 
duine caomh mar fo làn-uidheam, gu bhi 'g a chur an 
cèill. Is ann a chuir an gràdh so a chliù gu h-iomlan 
ann an riochd agus ann an cumadh a bha sònruichte do 
rìreadh. Is ann 's a' ghràdh sin a bha brigh agus blas 
agus ùghdarras a shaothairean agus a theagaisg. Is 
ann mar so a chuir gràs air a shiubhal, mar shoitheach 
taghta, an ni leis an d' fhuaireadh a leithid do fhar- 
sningeachd buaidhe 'n a theagasg do anamaibh, fo a 
mhinistreileachd ; agus an so, tha eisimpleir air a cumail 
a mach fa choinneamh an Ughdair agus a bhràithrean 
uile, ma 's àill leo bhi glic a chum anama dhaoine a 
chosnadh do Chriosd. 

Mar dhuine a bha gun teagamh do àireamh nan 
naomh, is leòir a ràdh, mar bha a thuigse làn-shoilleir 
ann an uile theagasgaibh na diadhachd, agus mar 
shearmonaich e iad uile gu dìleas agus gu cothromach, 
mar sin mar an ceudna, gu 'n robh a ghiùlan fèin agus 
'uile chaithe-beatha a rèir a theagaisg, agus 'imeachd 's 
a ghiùlan anns gach dàimh, 'n an dearbh-eisimpleir leis 
an robh firinn a theagaisg air a daingneachadh ; eadhon 
an làthair an t-saoghail. 

Cha ruig an t-Ughdair a leas bhi ag ainmeachadh 
ciod e a thug air, an t-iomradh a tha 's a Mharbhrann 
eo a chur am fonn. Thug an Cruithfhear uile-ghlic cluais- 
chiùil do 'n duine ; agus ged tha an tiodhlac sin air a mhi- 
naomhachadh 's air a mhi-bhuileachadh leis an t-saoghal, 
gidheadh tha taitneas do anamaibh a f huair càileachd spior- 
adaiì, iomradh air nithibh spioradail bhi mu 'n coinneamh 
's a' chumadh so ; agus a measg co-luchd-dùthcha anUgh- 
dair, af huair an tiodhlac, dh'iarradh e achum an leas, gur 
h-ann mu nithibh fìùghail, agus cubhaidh do 'n diadhachd, 



AIR MAIGHSTIR CALDAIR. 



11 



a ghnàthaichteadh an tìodhlac leotha. Agus a thaobh na 
eànain, tha fios aig an Ughdair gur h-i a 's roghnaiche 
leis a' chuid mhòir dhiubh-san gu h-araidh do 'n do 
shearmonaich Mr. Caldair, agus aig an robh, iomadh là, 
dùrachd an anama mar an crochadh r' a bhilibh. Is ann 
air an sgàth-san gu sonruichte, agus a chum an leas, a 
thugadh an oidhirp so leis an ùghdair, agus e bhi mar 
fhiachaibh air an leas sìorruidh a shireadh air gach 
dòigh, mar dhream air son am feum e freagradh a thabh- 
airt, eadhon air son an anama, ann an là an Tighearn 
Iosa. Ged tha fios aig an ùghdair nach 'eil a shaothair 
ach neo-iomlan do rìreadh, agus nach 'eil cliù Mhr. Caldair 
aca ach gu mi-choimhlionta 's a Mharbhrann, gidheadh 
tha e an dòchas, gu 'm faighear leo ann, ni-èigin bhios 
'n a thaitneas agus 'n a bhuannachd dhoibh, 'n uair 
bheachd-smuainicheas iad, tre 'n mheadhon so, air teag- 
asg agus air cliù a tha gràdhach do rìreadh dhoibh ; 
agus gu 'm feud " an ceud ghràdh" bhi air 'ath-bheoth- 
achadh. Agus is e iarrtas dùrachdach an Ughdair as 
an leth-san, ann am bannaibh a' ghràidh, agus as leth 
nan uile a gheibh na rainn so bhi aca 'n an làmhaibh no 
'n an cridhe, no 'n am bilibh, gu 'm bitheadh iad air am 
beannachadh dhoibh leis an Tighearn. 

Cha 'n 'eil aig an ùghdair a nis ach a thoirt fainear 
's a chur an cèill do 'n luchd-leughaidh, gu 'm bheil 's 
a' chlòdh-bhualadh so mearachdan a' chlòdh-bhualaidh 
roimhe air an ath-leasachadh ; gu 'n d' oidhirpich e siu- 
bhal nan rann a dheanamh ni 's mìne na bha iad : agus 
gu 'm bheil rainn ùra air an cur a stigh leis, nach 'eil 
r' am faotainn 's a chlòdh-bhualadh mu dheireadh. 

'S an Toiseachd, ceud mios a' Gheamhraidh, 
's a' Bhliadhna, 1846. 



MABBHRANN, &c. 



EARRANN. I. 

A blias 'n a aobhar bhròin do iomadh— A chliù feumail 
chuimhneachadh— A dhol a steach do 'n f hìonain — A bhe 
a theagasg, 's a shaothair innte gu crich a laithean. 



Fhuair sinn an sgeul bha dubhach brònach, 
Fhuair sinn an sgeul a lot 's a leòn sinn, 
A chuir o aighear sinn 's o cheòl, 
'S gach neach d' am b-eòl na chaill sinn. 
Is fada farsuing chaidh an sgeul ud, 
Feadh Alba, Shasuinn, agus Eirinn ; 
A' frasadh teann a saighde geur', 
'S a' tabhairt lèir na h-oidhch' leath'. 

II. . 

Is e rinn dubhachd sinn, is àireamh, / 

'S e rinn sinn muladach is eràiteach, 

G' an d' thugadh uainn ar 'n aodhair àill', 

'S e Maighstir Tearlach Caldair ! 

Is nach cluinn a chaoidh sinn o 'n bheul ud, 

Fìor iomradh binn a' Chroinn-cheusaidh ; 

A theangaidh 'n diugh fo ghlais an Eig ; 

'S e sud, a Dhè, ar 'n ionndrain ! 



14 



MARBHRANN 



'S ann 'chuir an sgeul an dubhar ceò sinn ; 
Oir theich an Reul, is dh' iadh na neòil oirnn ; 
Is thug i uainn ar neart 's ar treòir : 
'S e 'n Toisidheachd tha cràiteach ! 
Tha cuid co domhain chaidh a leòn leath', 
A thaobh an ceangail ris gu sònruicht', 
'S nach creid gu 'm faigh, an taobh s' do Ghlòir, 
Na ni an leòn s' a chàradh ! 

IV. 

Ach cumadh dlùth iad ri Fear-saoraidh ; 

Oir a ghràdh-san chaoidh cha chaochail ; 

'S tha 'n gràdh ud dhoibh-sa 'n diugh co saor 

'S an trà bha 'n aodhair àill' ac'. 

Is gabhaidh e, gu gràsmhor ; cùram 

Do 'n chuid, 's an àm, tha sàruicht' ciùirte 

Sea*dh bithidh e dhoibh mar Ehear-an-rùin 

'S mar charaid 's dlùith' na Bràthair. 

v. 

A Thearlaich ionmhuinn, mhic na h-àille ! 
Ch 'n ioghnadh dhuinn an diugh bhi cràiteach 
Gu 'n tugadh thusa uainn le bàs, 
'S gu 'n chàraicheadh 's an ùir thu : 
Oir chaill sinn annad-sa am Buachaill, 
Leis an do stiùireadh sinn gu buadhach, 
A dh' ionnsuidh ionaltraidh ro bhuan, 
Is cluaine glas a' chùmhnaint. 

VI. 

Is cha 'n e Buachaill gnàth'cht a chaill sinn, 
Ach neach air chàch thug barrachd soillse, 
Mar an Reult an àird na h-oidhch' ; 
Bheir barrachd soills' thar àireamh. 
Oir 's gann gu faighteadh measg nan ceud leinn, 
Do f hìor luchd-iùil os ceann nan treud ac', 
An neach a thigeadh suas ris fèin, 
An altruim threud', 's an àrach. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



VII. 

Oir anns an là 'n do chaill sinn Tearlach, 

'S e chaill sinn Athair agus Bràthair ; 

Seadh, caraid dlùth is fear-ar-gràidh ; 

B' e sud ar latha cianail ! 

Is ged 's cunnart dhuinn bhi g' àicheadh 

Gu 'n dean ar ceannard, suas a' bheàrn s' dhuinn, 

Tha cuid nach faigh, gu ùair am bàis, 

An neach ni t-àit s' a lìonadh. 

VIII. 

'S a'-bhiiadhn' ochd ceud dha-dheug is mìle, 

Is beagan lài' an dèigh Fheill-mìcheil, 

Rinneadh a' bhearn ud ann ar sgìr' ! 

Cha di-ch'nich sinn gu bràth i ! 

Och a Bhais ! 's beag t' iochd 's do thruas ruinn 

A shàth do shaighead ann ar Buachaill, 

A rinn 'n an dìlleachdaibh an sluagh s', 

'S mar Uain a chaiil am Màthair ! 

IX 

Ged thugadh uainn thu, 'bha t' f hear-lùil dhuinn 

'S nach ruig ar luaidh ort, no ar cliù-ne, 

Is toigh leinn fathasd a bhi 'g ùrach' 

A' chliù a f huair sa thoill thu. 

Oir feudaidh sud bhi n' f hàile cùbhraidh 

Do iomadh anam 'n diugh tha brùite ; 

'S thaobh muinntir eile dh' f heudt' gu 'n dùisg 

Gu cùram mu 'n staid chaillt' iad ! 

x. 

Is fada farsuing chaidh do chliù-sa, 

Mar àile spiosraidh bhlasd' is chùbhraidh ; 

Ach fad mar sgaoil e feadh nan dùth'ch', 

Do chliù-s' gu lèir cha chual iad. 

Oir chuirthu folach na fèin-àicheidh, 

Eiamh air do chliù 's do bhuadhaibh àluinn ; 

Cha 'n f hac' thu fèin iad fad do là, 

'S cha 'n f heudadh càch an luaidh riut. 



16 



MARBHRANN 



XI. 

Àch dh' aindeoin folach dian na sgàil' ud, 
'S ann bhris a mach o là gu là iad 
Leis ni T s mò a mhais 's a dh' àill', 
Mar ghathan blàth na Grèine. 
Is tha iad lìonmhor feadh na dùth 'ch-sa, 
Tha 'g iarraidh chreidsinn le an dùrachd, 
Nach teid air dhi-chuimhn' dhoibh do chliù-s', 
No 'n t-àile cùbhr' 'na dhè'igh-san ! 

XII. 

Ach cha 'n e cliù, no onoir dhaoine, 
Cha 'n ainm no urram ta o 'n t-saoghal, 
Air son 'n do bhuilich thus' do shaoth'r ; 
B' iad nithe faoin' nach b' f hiach leat. 
Ach cliù is onoir an Fhir-shaoraidh, 
Is toradh buadhach, buan, a Ghaoil-san, 
Bhi soirbheachadh an an'maibh dhaoin', 
Mar shaothair anam Chriosd annt.' 

XIII. 

Gu 'm faiceadh Es' 's gu 'm bitheadh sàsuicht', 

A choinn a shaoithreach anns a' Gharadh, 

Na peacaich thruagh' a thoill am bàs, 

Da ghràsa-san bhi strìochdadh ; 

'S gu 'n cuirteadh air-san crùn an slàint'-san 

Mar a b' f hiù e, is mar is dàn da ; 

'S a chrùn mar sin gu buan bhi fàs ; 

Sud àilghios 's mò a dh' iarr thu. 

XIV. 

Na 'm bitheadh Gràs a' dol ri dùchas 
Co na thusa bu mhò a b' fhiù e ? 
A thainig nuas o fhìo'r luchd-iùil, 
Bha cliùiteach riamh 's an f hìonain ; 
Ach ged nach 'eil e dol ri dùchas, 
Thigeadh do Aithrichibh bhi 'g ùrnuigh ; 
Oir feudaidh 'n toradh sud mar dhrùchd 
Bhi drùthadh air an Iarmad. 



DO MHAIGHSTTR CALDAIR. 



XV. 

Fhuair thusa dheth an spiorad cheudna, 
Leis an robh iadsan air an èideadh, 
Seadh, tomhas saoibhir fad do rè, 
Rinn feumail dhuinn do shaothair : 
Oir Es' a choinnich riut am Betel ; 
Mar ri lacob an tìr a chèine, 
Cha d' f hàg thu tuilleadh is cha d' thrèig, 
Ri fad do rè 's an t-saoghal. 

XVI. 

'S mar fhuair thu gràs a bha neo-chumaint, 
Bha agad pàirtean bhàrr air iomadh, 
Is buadhan nàduir thug an t-urram, 
Air iomadh bha ro-ainmeil ; 
Seadh, tuigse luchdmhor, gheur, is shoilleir, 
Is toil ro-èasgaidh , 's inntinn fhlathail ; 
Aigneadh bhlàth, is cuimhne thogail, 
Is coguis bha ro-anmhunn ! 

XVII. 

Is sin, 'n a àit', a tha r' a mholadh, 
|Mur deanar tàir leinn air no milleadh, 

Fhuair thu foghlum rinn thu innealt', 
IjMar Inneal 'n làimh t-Fhear-saoraidh ; 
|'S maille ri buadhaibh gràis is nàduir, 
iFhuair thu cumadh Pears' ro àluinn, 

Is aghaidh mhaiseach, fhaoilteach, àill', 

Bha nochdadh blàth's do ghaoil-san. 

XVIII. 

|Do theagasg riamh bha rèidh, is còmhnard, 
Is brìoghail, soilleir, sèimh, is òrdail : 
|'S gach earrann dheth an sult 's an seòl, 
'S a' còrdadh grinn ri chèile : 
Bha uile bhriathran binn do bheòil-sa, 
j'Chaoidh air an taghadh leat co seòlta, 
'S gu 'm feudt' an t-aithgearr 'n cur an' clò ; 
Is b' e sud deòin luchd-èisdeachd. 



18 



MARBHRANN 



XIX. 

Is choisinn sud dhuit ainm is urram, 
Air feadh nan àite s' o gach anam ; 
Cha robh ann cuideachd riamh no comunn ; 
Nach tugadh urram 's àit' dhuit. 
Bha thusa ainmeil aig na h-uaislibh ; 
Oir bu tu fèin am fìor dhuin' uasal, 
Chunnaic iad annad brod nam buadh, 
A bhuannaich cliìi is àgh dhuit. 

xx. 

Ach 's i 'n obair ghrinn rinn Criosd air t' anam, 
A rinn do theagasg dhuinn 'n a bheannachd ; 
Thug sud do phàirtean, bha ro-aithnicht', 
Fo tharruing buaidh a' Ghaoil-san. 
Chuir sud thu mach an ainm do Cheannaird, 
Dh' iarraidh na Cèile rinn e 'cheannach, 
Is mar an t-Elieser beannaicht', 
G'a tabhairt gu Fear-saoraidh ! 

XXI. 

Cha deach' thu mach mar chuid 's an làth-sa, 

Tha meas gur leòr dhoibh gairm a' Phdtrom, 

A rinn ar Sion lom is fas ! 

'S luchd-sàruchaidh an treud iad. 

Oir mu 'n do ghabh thu dreuchd an aodhair', 

Fhuair thu gairm o Dhia 's o dhaoinibh ; 

Is cheangail sud an còrdaibh gaoil, 

Do sgìr' is thus' r'a chèile. 

XXII. 

A' mheud 's a ruith gun òrdugh Chriosd ac', 
'S nach e 'Ghlòir-san tha iad ag iarruidh, 
Dh' innis 'f hocal dhuinn, 's is fior, 
Nach tabhair Dia a ghnùis doibh. 
Chaidh thusa mach air gairm Fir-saoraidh, 
Le luchd do bheannachdaibh na saorsa ; 
Is bheannaich Esan d' obair chaomh, 
Mar Aodhair rinn thu cliuiteach. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR 



XXIII. 

Is bha thu saoithreach fad do shaoghail ; 

A measg chlann-daoin' à leth t- Fhir-saoraidh ; 

A' nochdadh mach dhoibh seòl na saors', 

'S an Gaol thug gin is fàs da. 

Ach bha thu teagasg mar an ceudna, 

Ar tuiteam bhrònach ann an Eden ; 

A thug gach leòn is cràdh is pèin, 

Gu lèir, air gineil Adhaimh ; 

XXIV. 

A dh' f hàg 'n an luidh' iad an staid nàduir, 
I Fo chumhachd peacaidh 's innleachd Shatain ; 
jFo mhallachd Lagh' is binn a' bhàis ; 
ÌGu bràth, gun chomas èirigh. 
I Is iad gun sòil a ghabhadh truas riu ; 
jAgus gun ghàirdean bheireadh fuasgladh ; 

Mur tngadh Slànuighear nam buadh, 

A bheatha suas mar Eiric 1 

XXV. 

Is chuir thu 'n cèill mar chaidh an seòl ud 
A chur air chois le Dia, 'n a thròcair ; 
Is anns na nochd e mach a Ghlòir, 
Gu sònruicht' ann an Criosd dhuinn. 
'S mar rinneadh Es' do mhic nan daoine, 
Le ar Dia, ann an' doimhn' a Ghaoil-san, 
'Na Ghl ocas, Fhìreantachd, 's 'n a Shaors', 
'S 'n a Naomhachd iomlan shìorruidh. 

XXVI. 

; bha thu teagasg dhoibh a' Ghaoil ud, 
A thug Ios' do anamaibh dhaoine ; 
'S air an d' thug e 'n dearbhachd chaomh, 
;'N trà shaothraich e 's a' Ghàradh. 
'Bu ghaol e sud cho dian 's cho lasda, 
S nach robh e 'n comas ni cur as da ; 
3ha b' urrainn lasraichean a chasg', 
No tuiltean uisg' a bhàthadh ? 



20 



MAIRBHRANN 



XXVII. 

Gu 'n d' thugadh Iosa.gràdh co làidir, 

Do pheacaich thruagh, do ghineil Adhaimh, 

'S g'am fuilingeadh e 'n an riochd am bàs, 

Seadh, bàs a' Chroinne-cheusaidh ; 

Chaidh sud thar comas tuigs 1 is luaidh leinn ; 

Cha tuig na h-Aingil 's àirde shuas e ; 

R' a thomhas-san bhiodh dhoibh mar chuan ? 

A shluigeadh suas an Eeuson ! 

XXVIII. 

B' e sud an gaol a bha t' aire, 
'S as an d' òl gu domhain t' anam, 
'S bu tric thu leis, co mòr cur thairis, 
'S gu 'n theirig comas luaidh dhuit. 
Cha deach' an gaol ud as do shealladh, 
Ann an àithn' no 'n gairm no 'n gealladh, 
Ann an achmhasan, no 'n cuireadh, 
A chur thu 'n cèill do 'n t-sluagh-sa. 

XXIX. 

Is f huair thu tàlann air mhodh àraid, 
Bhi tarruing pheacach leat 's g'an tàladh, 
Le còrdaibh buadhach caomh a' Ghràidh, 
'S e Gradh a' Chroinn-Cheusaidh 
B' e an crann-ceusaidh t' àite-seasaimh ; 
Is chuir thu 'n cèill as sin do pheacaieh, 
Gur ann an sud bba ac' gach fasgadh ; 
Is teasairginn o 'n lèir-sgrios ! 

XXX. 

Oir 'n tèarnadh pheacach, air mhodh shònruicht', 

'N sud choinnich Ceartas agus Tròcair, 

Is uile Bhuadhan Dhè na Glòir', 

Is phògiad beul ri beul ann. 

Oir sheas ri Ceartas suas am Buachaill, 

Le 'chlaidheamh laist' a mach à 'thruaill aig' ; 

Is ghiùlain gaisgeach treun nam buadh, 

Trom-bhualadh chlaidheimh ghèir ud. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



XXXI. 

A leith'd do Choinneamh riamh cha chualas, 
A leith'd do Obair riamh cha d' f huair iad ; 
Seadh, onoir Diadhachd chumail suas, 
Is peacaich thruagh' a shaoradh ; 
Am peacadh nochdadh mach 'n a uamhas ; 
'S an f hearg a thoill e 'shlugadh suas dhuinn 
Is Dia bhi nochdadh iochd is truais, 
Gun truailleadh air a Naomhachd. 

XXXII. 

Is ann an sud f huair Ceartas dìoladh ; 

Is ann an sud f huair Lagh co-lìonadh ; 

Is ann an sud f huair buadhan Dhia, 

An riarachadh bha òirdheirc : 

Is ann an sud chaidh 'n Eiric ìocadh, 

A cheannaich beath' 's a phàigh na fiachan, 

Is ann an sud a choisinn Criosd 

Ar saorsa shìorruidh ghlòrmhor ! 

XXXIII. 

0, b'e sud crìoch na h-uile ìobhairt ; 
Is b' e sud brìgh na h-uile f ìrinn ; 
Is b' e sud seadh is suim gach ni, 
Air feadh a' Bhìobuill ghlòrmhoir ; 
Is b'e sud claoidh is creach an t-Satain ; 
B' e sud lèir-sgrios uaighe is bàis dhuinn ; 
Seadh, b' e sud fosgladh tobair slàint', 
Is Pharrais fèin fa-dheòidh dhuinn ! 

xxxiv. 

B' e sud an f huil 's an robh an èifeachd, 
A choisinn sìth dhuinn agus rèite, 
'S an là ud anns an d' thug i èigh', 
An cluasaibh Dhè n a trocair : 
Air sgàth an tog e dhinn gach mallachd ; 
'S an toir e dhuinn gach uile bheannachd, 
'S an cuir e sinn an sealbh air sonas, 
'N a Ionad bheannaicht ghlòrmhor. 



22 



MARBHRAINN 



XXXV. 

Ach 's ann an sud fhuair Trocair dorus 
Tigheachd a mach gu cloinn na h-ainnis ; 
'S o 'n ionad ud, do ghabh i 'turus, 
Le comas bhi 'g an tèarnadh : 
'S o 'n turus ud cha phill i tuilleadh, 
Gus am faigh na tha i sireadh ; 
'S gus an dean i clann a' mhillidh, 
A philleadh steach gu Pàrras. 

xxxvi. 

Se 'n Crann-ceusaidh anns na buadhaibh s' ; 

'Chuir thus' an cèill gach là do'n t-sluagh-sa 

Is f huair thu lèirs' air, 's comas luaidh ; 

Kinn buadhachd dhuinn an t-iomradh. 

Oir nochd thu Criosd dhuinn air a cheusadh, 

Mar ar 'n Alpha is Omèga ; 

Ann an cùmhnant sior na rèit' ; 

'S mar chomhairl' Dhè gu h-iomlan : 

XXXVII. 

Mar am fasgaidh dhuinn o 'n doinionn, 

— Mar ar dìdean bhuan o ehorruich, 

— Mar an t-sìochaint do ar coguis, 

— S' mar oladh do ar leòntaibh : 

— Mar an Fhìreantachd a dh' èideas, 

— Mar an Naomhachd chuireas sgèimh oirnn, 

— Mar an ìocshlaint do gach creuchd, 

— 'S mar uisge sèimh ri òl dhuinn. 

XXXVIII. 

— Mar an solus chum ar stiùiridh, 
— Mar ar comas chum gach ùmhlachd, 
— Mar bheath' ; is mais', is àile cùbhr', 
Ar giùlain is ar gniomh'ra : 
Mar an lòn a chumas beò sinn ; 
— Mar ar ceòl an àit' ar bròin dhuinn 
— Mar ar neart, ar taic, 's ar treòir, 
— 'S ar bunait dhòchais shìorruidh 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR 



XXXIX. 

— Mar ar sgàii o theas na Grèine, 
— Mar ar blàth's o f huachd ar eèine, 
Mar ar sgiath o shaighdibh geur' 
— Ard-namhaid Dhè 's ar sòlais 
— Mar am bàs do dhuin' an eucoir, 
— Mar gach gràs an àm ar feum dhuinn, 
'S mar uile lànachd bhuan ar Dè, 
Chaidh ttiar gach lèirs' is eolas ! 

XL. 

Thubhairt Criosd an làithibh 'chuairt ruinn, 

' Agus mis', ma thogar suas mi, 

' Tàirngidh mi na h-uile sluagh, 

• l Le buaidh mo chroinne-ceusaidh," 

Lean thus' an riaghailt ud, a Thearlaich ; 

3ir chuireadh Criosd mar Fhear-do-ghràiclh leat, 

Mv crann soisgeil sìor nan gràs, 

k suas gu h-àrd, mar dh' f heumadh. 

XLI. 

Elinn sud do theagasg dhuinn ro bhuadhach ; 

3 chuir e brìgh ann, 's chuir e snuadh air ; 

5eadh, rinn e binn e do ar cluais, 

S 'n a f huaim bha dhuinn' ro-aoibhneach. 

^s fhuair sinn dearbhachd annainn fèin air, 

3rur e seirm a' Chroinne-cheusaidh, 

^ thàirngeas peacaich dh'ionnsuidh Dhè ; 

3ir 'èifeachd-san tha saoibhir. 

XLII. 

S mar earrann mhòr do sheòl na slàinte, 

Thugadh glòir, is meas, is àit, leat, 

3o Spiorad Naomh nan uile ghràs, 

]hum càraidh ruinn na saorsa. 

;S e 'n Spiorad Naomh 'n a f heartaibh glòrmhor 

[\.ir cloinn nan daoin' bhi air a dhòrtadh, 

\. chuireas iad gu gul is bròn, 

S a nochdas Gloir Fir-saoraidh. 



MAEBHRANN. 



XLIII. 

Oir dh'ungadh Criosd le uile lànachd 
Spioraid Dhè, is ghabh e tàmh air ; 
A chum gu'n deantadh clann a' bhàis 
'N an luchd comh-pàirt d'a shaors-san. 
B'e fèin ar sagart is ar'n Aaron, 
Air an do dhòirteadh 'n oladh thlàth ud, 
A' ruith air feadh a chuirp' gu slàn, 
'S a ràinig iomall 'eudaich. 

XLIV. 

'S mar dh' ungadh Esan leis gu saoibhir, 
'S ann chum seirm na naidheachd aoibhnich. 
Do 'n mhuinntir mhacant', bhochd, is chaillt', 
A thoill bhi mach gu sìorruidh ; 
Chum fuasgladh thabhairt no na braighdibh, 
Is dol a mach gu'n daingneach làidir, 
Do na bha fo chuibhreach bàis, 
'S bha 'n sàs an tigh' a' Phriosain. 

XLV. 

Is fòs, a chum, mar shagart truacant', 
A bhi, gu faicilleach 's gu buadhach, 
'Ceangal nan cridhe briste suas, 
A fhuair an leòn 's a' ghàradh. 
Seadh, le a Spiorad dhòrtadh nuas orr', 
Gu 'n stiùireadh chum na'fola luachmhoir, 
Far am bheil ioc-shlaint 's am bheil buaidh, 
'S bheir leighis buan is slàint leath'. 

XLVI. 

Oir cha chreid peacaich chaillt' an truaighe, 

Cha ghabh ri Criosd s' cha'n iarr a shuaimhneas, 

Gu 'n tig an Spiorad ud a nuas ; 

Is truagh iad a ni tàir air ! 

Ach is e gealladh saor Iehobhah, 

Do uile oighreachaibh na Glòire, 

Gu 'm bi a Spiorad dhoibh 'n a threòir, 

'S 'n a chòmhnadh tre an f hàsach : 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



25 



XLVII. 

Gu' m' bi e dhoibh 'n a spiorad gliocais, 

'N a spiorad saors', is beath', is tuigse, 

'N a spiorad ùrnuigh, gràis, is iochd, 

'S 'n a thobar uisge beò annt'. 

Gu 'n dean e Teampull do ar Dia dhiubh, 

'S am bi a thlachd 's a chòmhnuidh shìorruidh. — 

Bhi seirm mar sud dhuinn Ungadh Chriosd, 

B' e sud do mhiann 's do shòlas. 

XLVIII. 

Ach ann an seirm an t-soisgeil bhuadhaich, 
Bu tu bha dìleas, treun, is truacant'; 
A' cur an cèill do pheacaich thruagh', 
Uil' uamhasan an Tighearn'. 
Cha 'n f hacas teachdair riamh bu ghèire, 
A sheirmeadh trompaid lagha Dhè dhoibh, 
'S a chuireadh 'n cunnart dhoibh, gu lèir, 
An ceill an tearc do bhriathraibh. 

XLIX. 

Och, tha iad ann a ghlaodhas lèìr-sgrios, 

Seadh mallachd lagh', is corruich Dhè dhuinn, 

Ach 'thaisbeanas gu 'm bheil iad fèin, 

Gun iochd, gun spèis, gun truas ruinn. 

Cha b' ionnan dhoibhs' is dhuitse, Theàrlaich ; 

An cur an cèill ar call 's ar gàbhaidh ; 

Se t' anam fèin a bhiodh an sàs, 

Is chìteadh gràdh 'n a d' ghruaim ruinn. 

L. 

Ach cha bu leòr leat dhoibh bhi 'g innseadh 
Mhàin sgenla bhrònach staid an dìtìdh ; 
Nochdadh tu mach dhoibh slat na sìth', 
Is cuireadh saor nan gràs dhoibh. 
'S ged robh am peacanna do-àireamh 
Is dearg Mar chorcur no mar scàrlaid 
Gu 'n robh am feartaibh fuil na slàint', 
Na bha gu leòr gu'n tearnadh ; 

13 



26 



MARBHRANN 



LI. 

Ged dh' èireadh suas mar bheanntaibh àrd' iad ; 

'S ged robh cho lionmhor iad, an àireamh, 

Ris gach duilleach riamh a dh' f hàs, 

Is gaineamh tràigh na fairge, 

Gu 'n robh ann an cuan fola Chriosd dhoibh, 

Na dh' fhol'cheadh 'n t-iomlan dhiubh gu sìorruidh 

'S ni's mò do Ghlòir le sin aig Dia, 

Na dìoladh ghabhadh 'f hearg dhiubh ! 

Lil. 

Bu lìonmhor tromaicht' agus gràineil, 
Peacanna mhìlte 'n diugh tha'm Pàrras, 
Mhanaseh, Mhagdalein is Phoil, 
Is àireamh as an dèigh-san ; 
Ach fhuaireadh leo-san uile tròcair, 
Tre bhuaidh na fola chaidh a dhòrtadh ; 
Is tha i 'n diugh cho blà 's cho beò, 
'iS 'n tra dhòirteadh bhàrr an t-slèibh' i ! 

LIII. 

Is cuimhne leinn na h-àman priseil, 

'S an robh thu tairgseadh dhoibh Fear-saoraidh, 

'G a nochdadh mach na uile shaors', 

Gu saor mar thiodhlac Dhè dhoibh : 

'S gach neach n'am measg nach tugadh gràdh dha, 

Gur Anatema Maranata 

— Mallaicht' gus an dara bàs — 

A' bhinn a dh' fhàg e fèin orr'. 

LIV. 

Ach ann an seirm an t*soisgeil èibhinn, 
Bu ghlan a bheathaicheadh an treud leat ; 
A' tabhairt dhoibhs' an cuibhrinn fèin, 
A chuireadh gleus is fonn orr' ; 
Oir drùchd na nèimhe bha air t' anam, 
Is blàths' a' ghaoil a bha o t' anail, 
Bha gu tric g'an deanamh geanail, 
Is togail cridhe trom dhiubh. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



LV. 

Is tric a chual iad uaits' an f huaim ud, 
A bheireadh leaghadh air an cruas doibh, 
A chuireadh 'n teicheadh air an gruaim, 
'S an ruaig dhoibh air an naimhdibh. 
B' i sud an f huaim bha dhoibhse milis, 
A bheireadh beath' 'n a cois, is solus, 
'Chuireadh annta lùth, is comas, 
Is thogadh aog a' bhàis dhiubh. 

LVI. 

: Gheibheadh na doill an sin am fradharc — 
! Is gheibheadh leòntaieh thruagh' an leigheas, 
Gheibheadh cridhe reòt' a leaghadh, 
Air an do luidh an geamhradh — 
Bhiodh na spioradan bha cianail, 
'S bhiodh na comasan bh' air crionadh, 
'Cur a mach am blà mar f higeis, 
Is iad fo Ghrian an t-samhraidh. 

LVII. 

Is gann gu 'n cualas neach a riamh leo, 

Bu ghrinne luaidheadh 'n coran dìomhair, 

Le leith'd do sholus is do rian, 

'S am briathraibh deas, d'an reir-san : 

Na nithe bha 'n an cridhe folaicht', 

'S bha dhoibh-san deacair is do-bhreithnicht' 

Bhiodh dhoibh sud soilleir, aithnicht', 

\N tra chluinneadh o do bheul s' iad. 

LVIII. 

[s f huair thu inneal air mhodh shònruicht', 
Bhi labhairt saors', is beath', is sòlais, 
Ri iomadh bha fo ghruaim 's fo bhròn, 
S f o leòn a measg an t-sluaigh-sa : 
3ir 'n trà bha 'n trompaid òir 'n a siubhal. 
S na feartain glòrmhor orts' a' sruthadh, 
Philleadh bròn is deòir gu subhaich', 
S ar dubhaich' ghabhadh 'n ruaig uainn. 



28 



MARBHRANN 



LIX. 

Ach 's e rinn fuaim na trompaid feumail, 
'Sea chuir toradh ann do sgeul dhuinn, 
Cumhachd Spioraid Naoimh ar Dè ; 
Bhi 'n cois na sgeula 'luaidh thu. 
'S tra tha sinn 'g aideachadh na h-èifeachd, 
A bha 'n ad theagasg fad do rè dhuinn, 
O, thugamaid a' Ghloir, gu lèir, 
Do Spiorad Dhè 'chuir buaidh ann ? 

LX. 

Bu tu bha ealant' anns an f hìrinn ; 

Bu mhòr do sholus mar f hear-mìnich 

A' deanamh mach dhuinn seadh is brìgh, 

Gach ni, na h-ionnais luachmhoir 

Bu shoilleir aithnicht' do gach seòrs' e 

Gur iad teisteis naomh Iehobhah 

A bha dhuit fèin 'n am beath, 's 'n an treòir, 

'S 'n an ceòl, an' tigh do chuairt' dhuit. 

lxl 

Bha 'n Leabhar naomh ud dhuit mar speuran, 
'S an robh thu 'g amharc glòir na Greine, 
A dhealraich air a' chruinne-chè, 
Le lèirs is blàths' 'n a sgiathaibh. 
Chuir sud dhuit solus air gach f ìrinn 
Leis am fac thu — fad a' Bhìobuill, 
Gach samhl', is eachdraidh, agus ni, 
Am brìgh-san gu 'm b' e Criosd e. 

LXII. 

B'e sud an raon 's an robh thu làmhach, 

A' tional dhias o là gu là ann. 

Tre an robh t' anam faigheil sàth, 

'S i 'n t-sàbaid dheanadh sgeul air ! 

O, fhuair thu 'n t-ionmhas anns an raon ud, 

A tha an cleith air iomadh aodhair, 

'S air nach ruig neach do chloinn nan daoin' ; 

Mur saothraich Spiorad Dhè orr'. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



LXIII. 

Bu tric a gheibht' thu ann do sheòmar 
'rf a' tagradh dlùth aig caithir Thròcair, 
Ag iarruidh beath' dhuit fèin — is lòn, 
Chum cumail beò do threud-san 
Oir 's ann gu minic air do ghlùinibh, 
A bha thu sealbhachadh an drùchd ud, 
A rinn do theagasg beathail, ùr, 
Is cùbhraidh, fad do rè dhuinn. 

LXIV. 

Is ann an deasachadh an lòin leat, 
'Bheathaicheadh oighreachan na tròcair, 
,h tu bha saoithreach fad do bheò — 
Do sheòmar togadh fianuis ! 
Seadh, b'ionann dhuitse is do Dhaibhidh, 
An tairgseadh suas na h-iobairt chràbhaidh ; 
Bhi tairgseadh ni gun luach gun stà, 
Do 'n Ti a 's àird', cha d' iarr thu. 

LXV. 

Bha thu ri dìchioll agus saothair, 

Mar g' an tèarntadh anama dhaoin' leo ; 

Ts bha thu air t' aicheadh dhoibh gu saor, 

Niar nithibh faoin' gun luach annt', 

Mar dh'innis Solamh dhuinn 's an f hirinn, 

or' an deanar beartach làmh an dìchill' ; 

Bha sud dhuinn mar gu'm bitheadh sgrìobht', 

A-ir d' obair phrìseil bhuadhach-s'. 

LXVI. 

Bu charaid dìleas anns' a' Chlèir thu, 

^ sheasadh dian air taobh an Treuda ; 

ls dhoibh-san riamh nach tugadh gèill, 

k bheireadh beum is leòn dhoibh. 

ts ged a thugadh buadhan Uain duit, 
s fs gu 'm bu mhiannach leat bhi suairce ; 
! S ann chitht' an sud thu seasamh suas, 
: Le buadhaibh treun an Leomhain. 



30 



MARBHRANN 



LXVII. 

Bha riamh thu truasail ris na feumnaich, 

Is maoineach, toirbheartach, mar dh' fheudadh ; 

Cha b'aithne riamh dhuinn ach do chèil', 

A measg nan ceud', thug bàrr ort' ; 

Bha thus' is ise beò 'n ar measg-ne, 

Mar shruthaibh sèimh' an tobair uisge ; 

Comhpàirteachadh 'ur maith's 'ur 'n iochd, 

Ri bochdaibh gràis is nàduir. 

LXVIII. 

Ach cha robh dleasdanas bh' air iarruidh, 
Anns gach dàimh is dreuchd a lìon thu, 
Nach robh, gach là, thu 'cur an gnìòmh ; 
Sud t 1 f hianuis aig do chàirdibh. 
Cha 'n ann an teagasg 'mhàin no'm briathraibh, 
Bha thusa nochdadh beath'na diadhachd ; 
'S ann bha i sruthadh tre gach gnìomh, 
Rè fad do bhliadhn' 's an f hasach. 

LXIX. 

Tha iomadh ann a ghlaodhas gniomh'ra, 

Seadh, mar na h-uile anns an diadhachd, 

'N an teagasg tioram, fuar, is blion, 

'S 'nan gniomh'raibh fèin g' a h-àicheadh ; 

Ach 's e chuir mais' dhuinn air do bhriathraibh-s' 

'S a rinn do theagasg dhuinn ro-sgiamhach, 

Gu 'n robh thu nochdadh leis a' ghnìomh, 

Gu 'm b' f hior na bha thu 'g ràdh ruinn. 

LXX. 

Oir toradh 'n Spioraid Naoimh ìs ghràsmhoir 

A ghabh gu saoibhir fois is tàmh ort, 

Bha cur a mach a shnuaidh 's a bhlà, 

Gach là dhuinn an do ghnìomh'ribh. 

Is choimhid sud do chliù-s' co slàn dhùinn, 

'S nach d' fhuaireadh coire dhuit le d'naimhdibh, 

Ach, (mar do Dhaniel 'na làth-s',) 

A mhàin airson do dhiadhachd. 



DO MHAIGHSTIR CALDÀIR. 



LXXI. 

0, be do cheum-sa ceum.an fhìrein/1 

Tha mar an solus dealrach fìor-ghlan ; 

A' briseadh 'mach 's a' fàs, gu fior, 

Gu latha sìor na Glòire ! 

'8 bha thu mar chraoibh an tigh an Tighearn, 

Bha dosrach ùr is tarbhach riamh dhuinn ; 

'S an àm an d'f hàs thu aosmhor liath, 

Bha sult is sgiamh gu leòr ort'. 

LXXII. 

'S e da-f hichead bliadhn' ach a dhà dhiubh 

A mhealadh leinn do d' shaòthair ghràidh-sa ; 

Is fad nam bliadhna ud 's nan là, 

Cha d' f hàs sinn idir sgìth dhiot. 

Tha cuid a theireadh — mur bu dàn e — 

" Truagh nach d' f huair sinn linn no dhà dhiot' 

Ach thug'maid cliù do Dhia nan gràs, 

Gu bràth g' an d' f huair sinn linn dhiot. 

LXXIII. 

'S co luath' a chithear uisg' air slèibhtibh, 

An aghaidh uchdaich suas ag èirigh ; 

'S co luath' a sguireas eòin nan speur, 

'S a' Cheutan do bhi seinn dhuinn ; 

T3 a leigeas cuid a 'n cuimhne Tearlach, 

'S a theagasg sèimh tre 'n d' f huair iad àrach ; 

Oir dh' ungadh e le drùchd nan gràs, 

Is cha chuir bàs à J n cuimhn' e'. 



32 



MARBHRANN 



EARRANN II. 

A ghiulan aig na h-uairibh deireannach. — k churam airson na 
Sgire. — A chreidimh >s a dhochas aig am a bhais. — A shuaimh- 
neas a nis an lathair Dhe. — Am bron a tha air iomadh seorsa 
as a dheigh-san. 

LXXIV. 

Mar thug thu uile lài do shaoghail, 

Thairis do obair an Fhir-shaoraidh, 

'S gach tàlann, comas agus maoin, 

Chum anaman dhaoin' a thèarnadh ! 

Ann adobair is d' uile shaothair, 

Thug thu dearbhachd shoilleir chaomh dhoibh, 

Nach e cealg a bh'ann do ghao! — 

'S cha d'thraogh aig uair do bhàis e. 

LXXV. 

Oir anns' an uair ud chualas Teàrlach, 
A' glaodh' a mach le iolach làidir, 
An cathaibh geur is cruaidh a' bhàis, 
Ri 'chàirdibh bha mu'n cuairt dha ; 
" 0, rachainn tre na piantaibh sàruichts', 
11 Fad mo bhliadhna rìsd 's an fhàsach ; 
" Nan d'thugadh anam thoill am bàs, 
" Gu Slànuighear nam buadh e." 

LXXVI. 

Ged bha thu nis air bruaich na tìre, 

Is lài do chuairt air tigh'nn gu crich dhuit, 

Cha d'rinn thu dearmad air do dhilseachd, 

Do d'sgìre ghuileach, bhronach. 

Ach anns na mionaidibh mu dheireadh, 

Is leis an anail nis bha goirid, 

Ghlaodh thu mach le dùrachd spioraid, 

"Dia gu 'n ulluich lòn dhil!" 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



33 



LXVII. 

'S mar bha do bheath' bha crìoch do là-sa, 

'N a dearbhachd làn air cumhachd gràis dhuinn ; 

'S an Slànuighear d' an d' thug thu gràdh, 

San t-sàs ud chum e suas thu : 

Is bhris thu mach fo bhuaidh a ghràidh-san, 

(Oir thainig tuil na mara làin ort,) 

A'moladh Chriosd o d' leabaidh bhàis, 

Do chàirdibh bha mu'n cuairt dhuit. 

LXXVIII. 

" 0, f huair mi riamh (ars' thus,) e dìleas ! 
" Ach 's ann a nis a tha e prìseil ; 
" 0, nàch b'aithne do mo sgìr' 
" 'N diugh prìsealachd an Uain-sa ! 
" O gabhaibhs' ris a tha 'n staid nàduir, 
" Is gabhadh sibhs' a shealbhaich gràs ris ; 
" Tha 'phrìsealachd dhomh nis a' fàs, 
11 Mar 's dlùith do bhàs is uaigh mi !" 

LXXIX. 

An dol a steach do Iordan bàis leat, 

Bhitheas do chuid 'n a uisge bàthaidh, 

Cha robh do thaic air gnìomh no gràs, 

A rinn gu bràth, no f huair thu, 

'S ann chuireadh taic air lànachd Chriosd leat ; 

Is be do dhòchas 'obair chriochnaicht-s' ; 

Chum dol a steach gu làthair Dhia, 

Is sìorruidheachd a shuaimhneis. 

LXXX. 

Am bas bha dhuits' mar charaid dìleas, 

'G ad chuireadh dhachaidh gus an tìr ud, 

Anns am meal an t-anam sgìth, 

Lan-f hois is sìochaint shìorruidh. 

Oir f huair thu beachd, tre chumhachd gràis air, 

Gu 'n d'thugadh 'n gath, le fear do ghraidh as : 

" Is beannuicht uime sin gu bràth 

u Na mairbh gheibh bàs 's an Tighearn !" 



34 



MARBHRANN 



LXXXI. 

Tha thusa nis os cionn gach èigin, 

Bha dhuit an dàn an tìr do chèine. 

Is mar na neoil roimh thigheachd Grèin' 

Ghrad thrèig gach bròn is cràdh thu : 

Seadh f huair thu thairis air gach cruaidh-chas, 

Is air gach nàmhaid agus buaireadh, 

Air gach plàigh, is olc is truaigh', 

Is cathan cruaidh na f àsaich ! 

LXXXII. 

0, f huair thu null a nis thar chuanta! 
Is tha thu thall an tir an t-suaimhneis ! 
Chuir thu seachad sgios do chuairt, 
Is f huair thu " cudthrom gloire !" 
Fhuair thu steach a dh' ionnsuidh 'n arois, 
Far am bheil Iosa, Fear-do-ghraidh-sa ; 
A' mealtuinn sonais-bhuan na làth'r, 
A shàsuicheas gu leòr thu ! 

LXXXIII. 

A' ghrian 'san là cha tòir dhuit solus, 

Is air an oidhch' cha 'n f heum thu 'ghealach ; 

Bidh do Dhia, 'sam bheil thu beannuicht, 

'Na sholus glan 's 'na ghlòir dhuit. 

Do ghrian sa tuille cha teid sìos dhuit, 

'S ni mò do Rè, an d' theid à t-f hianuis, 

Oir Dia bidh dhuits' na sholus sìor ; 

'S chaidh crìoch air lài do bhròin duit. 

LXXXIV. 

Nis bhris an là, is theich na sgàilean, 
Bha 'g iathadh umads' ann's an f hàsach ; 
'N tra bha thu faicinn Fear-do-ghràidh, 
Air beanntaibh àrda Bhèteir. 
Seadh, bhris ort latha buan na soillse, 
Latha na saors' 's na buaidh 's an aoibhneis, 
Latha 'gun ghruaim, gun neul, gun oidhch', 
A theachd a chaoidh na dhèighs-an ! 



DO MHAIGHSTIR CALDAiR. 



LXXXV. 

Nis tha thu shuas a measg an t-sluaigh ud, 
Tre f huil an Uain a rinneadh buadhach ; 
'S tha thusa leo-s' a' seinn 'an f huaira ; 
Is thog thu suas do chlàrsach. 
Cha bhi si tuille air an t-seileach ; 
Is cha bhi agad s 1 nis r'a ghearan, 
Gu 'm bheil thu aig na sruthaibh coimheach, 
A'm fearann tioram Bhàbeil. 

LXXXVI. 

0, 'si do chlàrsach nis chaidh ghleusadh ! 
Is grinn a laimhsich's tu na teudan ; 
A' seinn gu bràth 's a' cur an ceill 
Ard ghlòir do Dhè 's t-Fhir-saoraidh. 
Is leo-san seinnear cliù an Uain leat, 
A rinn an saoradh le 'f huil luachmhor, 
A measg gach cinneach, teang', is sluagh, 
Gu saoghal buan nan saoghal ! 

LXXXVII. 

gu 'm faighear sinn 'san ait ud, 
'S am bheil na h-aithrichean 'sna fàidhean ; 
S am bheil miltean as gach àl, 
S na bràithrean thugadh uainne ! 
iPar 'm faic sinn Iosa mar a tha e, 
S am faicear sinn 'n a thruscan àluinn ; 
Par an lìonar sinn le a ghràdh, 
S an seinn gu bràth sinn buaidh dha ! 

LXXXVIII. 

Thug iomadh dearbhachd feadhna dùth'ch-sa 

\ir cho ainmeil 's bha do chliù-s' ac ; 

^nn an àm cur ort na h-ùir, 

s iomadh sùil bha deurach. 

]ia b'e a chitheadh 'n tional sluaigh ud, 

Vs gach sgìre bha mu 'n cuairt dhuinn, 

S a chluinneadh 'n gul 's an osnaich thruagh, 

^u chridhe cruaidh nach reubadh ! 



35 



MARBHRANN 



LXXXIX. 

Ach bha 'n an seasamh anns an àit ud, 
Mo chreachadh lèir, an culaidh bhràithrean ! 
Cuid, ma chreidear leinn an ràdh, 
A bha gun chràdh, gun dòruinn ! 
'S rè àm do chàraidhs' anns an uaigh leinn, 
A bha gun nàir a' deanamh uaiil as, 
u Gu 'n coisgeadh so an tional sluaigh, 
" Bha ruith a suas do 'n Tòis'achd." 

xc. 

Ach moladh sìorruidh bhi do 'n Ard-Righ, 

Nach d' f huiling dhoibhs' gu 'n d' fhuair an àilghios 

Tha iad a' 'tigh'nn fathast mar bha ; 

iomadh àit mu 'n cuairt dhuinn. 

Oir bha ar sùilean ris, n' a fhàbhar, 

Gu 'n d'thugtadh dhuinne Aodhair sàbhailt ; 

Ged nach f haigheamaid fad ar là, 

Na dheanamh bheàrn ud suas dhuinn. 

xci. 

'S ann bha am bròn bha 'n dèigh do bhàis-se, 

Mar uisge trom thig air an f hàsach, 

Sgaoil e mach air feadh gach àit, 

Ts rànuig air gach seòrs' e ; 

Seadh, ruith a mach air feadh na tìr' e, 

A 'ruigsinn uaislean agus ìslean ; 

Ach, och is ochan, cor do sgìr' — 

Is i a bha 'n a Bòchim !* 

xcn. 

— Bha do Sgìre nis 'n a Bòchim ! 
B'i d' a rìreadh gleann nan deòir i ; 
Bu shaoibhir tuireadh innt is bròn, 
A measg gach seòrs' 'san uair ud ; 
Bha eadhon peacaich ann an nàdur, 
Nach do shil deur ri fad do làith-se, 
A' gul 's a' caoidh an deigh do bhàis, 
'S an coguis 'ràdh, is truagh sinn ! 

* Ait 'a bhroin. Breith. ii. 4, 5. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 
XCIII. 

— Bha do Sgìre nis na Bòchim ! 

Oir f huair do phobull 'thugadh beò innt', 

Tomhas saoibhir 'n diugh r'a òl, 

Do dheuraibh bròin, 'n an cùpan. 

Oir's 'iads' f huair aithne ghoirt is lèirs' air, 

G'an d'fhalbh à 'n sealladh nis an Reult ud, 

A bha dol rompa fad an cèin' 

Gu Betlèhem g'an stiuradh. 

xciv. 

— Bha do Sgìre nis 'n a Bòchim ! 

Bha ròidean Shion deanamh bròin innt', 

'Chionn nach robh siubhal orr' na slòigh— 

Na ròidean, 's iad bha cianail ! 

Air fiodh, is ballachan a' Phàilliuinn, 

Anns an do sheas thu iomadh sàbaid, 

Bha mar gu 'n luidheadh snuagh a' bhàis — 

Bu chràiteach dol 'n am fianuis ! 

xcv. 

— Bha do Sgìre nis 'n a Bòchim ! 
Oir latha fiosrachaidh a tròcair, 
Bha nis fo ghruaim 's fo dhubhar ceò, 
Oir dh'f halbh a' Ghloir o 'n teampull ! 
'S ann leinn nach b'ioghnadh i bhi brònach : 
Oir Inneal-chiùil an t-soisgeil ghlòrmhoir, 
Bha sin 'n a thosd an diugh fo 'n fhòid, 
'San ceòl chaidh bhàrr nam beann uath ! 

xcvi. 

Ach ged a bha do Sgìr' 'n a Bòchim, 

Cha robh do phobull innt' gun dòchas, 

Nach faigheadh fathast iad an lòn ; 

A chionn gur beò 'm Fear-saoraidh. 

'S ged bha 'm freasdal ud dhoibh gruamach, 

Bha 'm bogha frois gu dliith mu 'n cuairt dha,* 

A' cur an c^ill nach sluigear suas, 

— Le tuil— an sluagh a shaor e. 

* Taisb. iv. 3. Gen. ix. 13.-17. 



MARBHBANN 



XCVII. 

B' e guth Fir-saoraidh dhoibh 's an là ud, 

— 'S bha cuid, gun teagamh, bha 'g a chlàistean 

tl Is mis' an Ti tha beò 's f huair bàs, 

" Is dh' àrdaicheadh gu sìor mi : 

" Is thugadh nis, air cur a' bhlàir leam, 

" Iuchraichean ifrinn is a' bhàis dhomh 

" Cha 'n eagal duibhse, oir gu bràth, 

" 'S e Fear 'ur gràidh-s' tha riaghladh. "* 

XCVIII. 

Is ged a bha do Sgìr' 'n a Bòchim, 
Thug sud misneach dhoibh is sòlas ; 
Is chuireadh, chum gu'm faigheadh lòn, 
Gach ni air sheòl, gun dàil leo. 
Is dheònaich Dia an doimhn' a thruais doibh ; 
'N tra bha iad sealltuinn air son Buachaill, 
An neach a dh 1 iarraidh leo — gu 'n d' f huair, 
Air gairm an t-sluaigh 's a' Phatroin. 

xcix. 

Cha d' thigeadh dhomhs' tha nis 'na t-àit-se 
A ràdh gu 'n d'rinn iad roghainn shabhailt' ; 
Ach ma gheibh dhiom-s' iad feum no stà, 
Is ann air sgàth do shaothrach-s'. 
Thubhairt Slànuighear nam buadh e, 
Is tha e soilleir dhomh 's an uair so, 
11 Tha fear a 1 cur, is fear a' buain, 
" 'S bidh 'n tuarasdal maraon ac'."f 

c. 

Cha 'n ioghnadh leinn do bhean bhi cràiteach, 
'S a cridhe trom an diugh bhi sàruicht' ; 
Oir 's i a chaill an Ceannard àllt', 
'S am fear thug gràdh ro chaomh dhi. 
Cha b'ghaol e riamh a shruth o nàdur, 
Tha siùbhlach, caochlaidheach is bàsmhor 
A cheangail sibhs' o thùs ur là ; 
Ach gaol is gràs Fir-saoraidh. 



Taisb. i. 17, 18. 



f Eoin v. 36, 37. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



CI. 

Rinn sud am briseadh dhi ni's sàruicht,' 
Na mheal i dheth do chomunn gràsmhor, 
Bha sìor-dhol am meud 's a' fàs ; 
'Eè fad 'ur là 's an t-saoghal. 
'S ged 'eil i meas bhi air a fàgail ; 
'N diugh cianail aonarach 's an f hàsach 
Cha 'n f had 'n tra chi si thu 's an àit', 
Far nach dean bàs 'ur sgaoileadh. 

cn. 

Cha'n ioghnadh do Nigheanan bhi deurach, 
B' e sud am buille thug am beum dhoibh ; 
Oir 's gann g' am faighteadh measg nan ceud, 
Do leithid fèin do pharant. 
Is ged a f huair iad Feara-pòsda, 
A tha 'n am beannachd dhoibh's nan còmhnadh, 
Cha dealaich uath' rè fad am beò 
An leòn a rinn do bhàs orr', 

CIII. 

Bhu mhòr do ghràdh d'am fearaibh-pòsd-san ; 
Bu mhòr an ceangal-s' fad do bheò riut ; 
'S do rèir a cheangail, bha am bròn, 
'N tra chaidh thar Iordan bàis thu, 
Ach ma 's e rùn is toil an Tighearn' 
Rinn dileas, treun iad anns an f hionain, 
An coimhead innt', rè iomadh bliadhn' 
Sud urnugh 's iarrtus àireimh. 

civ. 

'N tra f huair do Mhac, am fleasgach àluinn ; 
'S an àird an Ear do sgeula bàis-sa, 
Mar shaighead gheur chaidh ann i 'n sàs, 
'S na f hàsnach rinn dha 'n saoghal. 
Ar leam gu 'm faic mi anns' an uair ud, 
Na sruthan deur a 'ruith o 'ghruaidhibh ; 
'S a ghnuis a b' àillidh dreach is snuagh, 
Gu luath a nis air caodhladh. 



MARBHRANN 



CV. 

Ar leam gu'n cluinn mi 'ghearan cràiteach, 
" M' athair, m' athair, 'n d'rinn thu'm f hàgail ! 
" Ach air do shon s' cha'n 'eil mo chràdh, 
' Am bàs bha dhuit-s' na bhuannachd. 
" S' e tha'n diugh 'n a aobhar chràidh dhomh, 
Cho beag 's a rinneadh dh' f heum 's a stà leam, 
Dheth do bheath' 's do theagasg tlà, 
'S gach comhairl' àluinn f huair mi. 

CVI. 

Bu mholtach, ciallach, an f hèin-àicheadh, 

Leis an do sgrìobh e gu a chàirdibh ; 

Air faotainn leis do sgeula bàis ; 

Is fiu an ràdh ud iomraidh. 

" Is mise nise, dh' fheudt' a ràdh leam, 

" Do na ghineil na tha làthair 

" Ach ged a bhuineas mi do'n àl, 

" Cha'n airidh air an ainm mi !" 

CVII. 

Tha fear d'on àl a tha air fhàgail, 

Mar am pelican 's an fhasach ; 

'S cha n' es' bu lugha aobhar chràidh, 

'N tra thugadh 'bhràthair caomh uaith : 

Tha e mar chraoibh bhiodh ann am fàsach ; 

O'n d' fhalbh gach duill' is geug a dh' fhàs oirr', 

Is e ri tuireadh goirt a ghnàth, 

Gu 'n d'f hàgadh e 'n a aonar ! 

CVIII. 

Tha e fo shlait 's fo làimh an Tighearn, 

Ri iomadh latha nis is bliadhna ; 

Is e is gearan dha 's is pian, 

'S an f hìonain bhi neo-fheumail. 

Ach ged thu sud 'n a f hreasdal dìomhair, 

'S e tha ann toil an Ti tha riaghladh ; 

Is thig an là gu 'm foillsich Criosd, 

Dha dìomhaireachd a cheuman. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



CIX. 

Ach 's ioraadh anam rinneadh cràiteach, 
Mach o do dhìlsean is do chàirdean, 
Bha faigheil uait-s' na beath' 's na slàint', 
Bha togail bàis is oidhch' dhiubh. 
Oir bha iad lìonmhor feadh nan àite-s', 
Seadh, eadar mhachair agus bhràighe, 
Bha suidhe fo do theagasg tlà, 
'S f huair iomadh sàbaid aoibhneach. 

cx. 

Tha cuid gu h-àraid measg an t-seòrs' ud, 
Do'n d'rinneadh thus' 'n a'd inneal sònruicht' 
Chum an anama thabhairt beò, 
'S an lòn thoirt dhoibh a dh' f heumadh ; 
Tha 'n leòntan nis a' ruith, 's cha'n ioghnadh, 
Tha iad aonaranach is cianail ; 
Tha iad gach làth' a' togairt triall, 
'S ag iarruidh as do dhèigh-sa ! 

CXI. 

Is iomadh sealladh trom is cianail, 
A bheir iad air an f honn tha shìos ud, 
'S am bheil 'n a luidhe'n diugh fo dhìon, 
Na fhuair 's na dh'iarr am bàs dhiot : 
'S os cionn na lic' is àite tàimhe, 
Do d' dhuslach àluinn nis aig sàimhe, 
Bidh cuid diubh tuireadh sud mar chloin^ • 
A chaill gu moch am Pàrant ! 

CXII. 

Ach tha aobhar againn bhi saoilsinn, 
Gu bheil toradh'n dèigh do shaothrach-s' 
A thuilleadh air na chunnaic daoin', 
Mar shìol 's an raon nach d'èirich. 
'S a' chuid tha nis a' togail ceann deth, 
Tha iad gu bochd an diugh ag ionndrainn, 
Cho beag 's a rinn iad dhiot 's an àm, 
'S gur gann gu 'n d'thug iad spèis dhuit. 



MARBHRANN 



CXIII. 

is fiosrach es', tha ann do dhreuchd-sa, 
Gu bheil iad lìonmhor a f huair feum dhiot 
Nach do chuir aithne riamh ort fèin 
Cha d'èirich rè do làth-s' iad. 
Tha iad an diugh gu goirt g'a d'ionndrainn 
'S a' meas do bhàis a bhi 'n a chall doibh ; 
'S ann chithear tuireadh iad s' an àm, 
Mar chloinn nach fac am Pàrant ! 

cxiv. 

Ach thaobh a' bhròin bha as do dhèigh-sa ; 
Co a dh' f heudas a chur an cèill duinn ? 
Oir 's iomadh fhuair an t-saighead gheur, 
Gun f hios, gun lèirs aig càch air. 
Is tha iad ann d'am mulad geur e, 
Nach 'eil iad muladach mar dh'f heumadh ; 
Ach 's i mo bheachd-s' gu bheil sud fèin, 
A' cur an' cèill an cràidh-san. 

cxv. 

Bha tuireadh cuid mar uisg' air shlèibhtibh 
A thig gu h-obann o na speuraibh ; 
'S gann an diugh gu'm faic thu deur, 
Far 'n do ruith 'n dè gu teann e. 
Cha 'n ionann sud 's do chuid gu h-àraid, 
Cha d'f huair iad cùl a chur co tràth ris ; 
'S ann a tha 'm bròn-s' mar thobar làn, 
'S mar uisge-tàmh 's na gleanntaibh ! 

CXVI. 

Ach 's e an dòchas, is an dùrachd, 

Gu 'n tiormaich Dia gach deur o 'n sùilibh 

'S mur tugadh 'n dòchas ud dhoibh lùth, 

Bu mhairbh 's an ùir gun deò iad. 

Cha 'n 'eil am bròn gu tur gun aoibhneas, 

'S, an uair is duirch', tha beagan soills' ac' : 

Is thig an làth', an dèigh na h-oidhch', 

'Bheir " aoibhneas làn do ghlòir" dhoibh ! 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



43 



EARRANN III. 

An gtjth a tha 'n a bhas do iomadh seorsa.— Do'n Aosda.— Do'n 
Oigridh,— Dhoibh-san a dhuisgeadh fo a theagasg, ach a 
choidil o 'n uair sin.— Dhoibh-san uile rinn tair air a theag- 
asg.— Dhoibhsan a f huair feum dheth.— Do Aodhairibh.— 
An co-dhunadh. 

CXVII. 

Ach 0, tha Guth 's an f hreasdal ghruamach s', 
Seadh, ris gach seòrs' a measg an t-sluaigh ; 
Gu 'n deonaich Dia, an doimhn' a thruais, 
Gu 'm faigh sinn cluasan èisdeachd. 
Oir ged tha esan aig a shuaimhneas, 
'S a theangaidh ghleusd 1 gun chomas luaidh aic', 
Tha guth 'n a bheath', 'n a bhàs, 's 'n a uaigh, 
Do 'n t-sluagh a tha 'n a dhèigh -san. 

CXVIII. 

Tha 'n guth so labhairt ris an Aosda, 

A sheas a mach fo chruas na daorsa, 

'S mheas mar sgeula fhalamh f haoin, 

An teagasg caomh a chual iad. 

Bhur claiginnean tha nis air liathadh, 

An seirbheis bhrònaich thruaigh an diabhuil : 

Is mhilleadh leibh gach là is bliadhn', 

A dheònaich Dia 'n a thruas dhuibh I 

cxix. 

Tha sibhs' a nis mar chonnadh tioram, 
Iomchuidh 's ulluicht' a chum an teine ; 
'S ma 's e 's nach dean gun dàil sibh pilleadh, 
'S e 'n teine 's cuibhrionn shìor dhuibh ! 
Is bithidh 'n sin gach earail ghràsmhor, 
A thugadh dhuibh o bhilibh Theàrlaich, 
Mar dhroighinn geur 'n ur cridhe sàitht', 
A bhios gu bràth 'n a phian duibh 1 



u 



MARBHRANN 



CXX. 

Cha cTthigeadh dhuinne crìoch no gàradh, 
'Chur roimh Fear-saoraidh ann bhi teàrnadh ; 
Tha cuid 's an nochd e glòir a ghràis, 
'S an uair do 'n là a 's anmoich': 
Ach mar a chuala sibh o Theàrlach, 
Mu 'm bitheadh neach a 'glacadh dànachd, 
'S air gnothuch an'ma fein 'cur dàil ; — 
Tha 'n teàrnadh ud ro ainmic. 

cxxi. 

O teicheadh dh' ionnsuidh-san gun dàil sibh, 
Oir tha e cumhachdach gu teàrnadh, 
Chum 's gu nochd e mìorbhuil ghràis, 
An tabhairt slàinte bhuan duibh. 
Tha sgàil an f heasgair umaibh 'g iadhadh ; 
Is tha bhur cupan teann a' lìonadh ; 
Tha sibh dlùth do 'n teine shìor, — 
Gu nochdadh Dia a thruas dhuibh ! 

CXXII. 

Tha 'n guth s' a' labhairt ris an Oigridh, 
A rug air crìoch a theasaig òirdheirc', 
Ach nach d'rinn dannsadh ris a' cheòl, 
No bròn airson an tàir air. 
0, chailleadh leibhs' an diugh am Buachaill, 
'S e dh' f heudt' a ràdh, an t-athair truacant', 
D'an robh 'n a chùram fad a chuairt, 
Na h-uain bhi air an àrach. 

CXXIII. 

'S fiosrach cuid 'n ur measg gu sònruicht', 
Gu 'm b' e a thlachds' bhi gairm nan òigridh, 
'S bhi moladh nis dhuibh gràidh, is glòir, 
Is òirdheirceis, Fir-saoraidh. 
Is chuireadh leis air chois, 'n a là dhuibh, 
Seadh, sgoilean sheachduin agus shàbaid, 
Chum toirt dhuibhse eòlais slàint', 
An tùs 'ur làith' 's ur saoghail. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 
CXXIV. 

Oir b' fhiosrach es' mar dh' fhàsadh suas sibh ; 

Gur h-ann bu dorra sin 'ur buannachd ; 

'S gu 'm f àsadh aineolas is cruas, 

Le 'r làithibh suas 's an t-saoghal. 

'S gu 'n abradh ribh an diugh an nàmhaid 

" Is ìiin' gu leòr gu iarruidh slàint' e" 

Ach fathast air ur leabaidh bhàis, 

" Chaidh seachad là na seorsa." 

cxxv. 

thugadh, uime sin, do Chriosd leibh, 
Nis maduinn òig', is tùs 'ur bliadhna' ; 
'S bithidh e dhuibh 'n a chuibhrionn shìor, 
'S 'n a Dhia dhuibh tre an t-saoghal. 
Oir thaobh nan làithean is nam bliadhna 
An diugh tha umaibhs' teann ag iadhadh ; 
A' mheud' 's a gheibh iad — gheibh gu fior 
Iad pian, is cràdh, is saothair. 

CXXVI. 

0, cuiribh cùl ri baoith 'na h-òige ! 

'S na bithibh riarachadh na feòla, 

Le ana-caithimh 'n 'ith' 's an òl, 

No pròis is ceòl is dannsadh. 

Cha 'n 'eil annt' sud ach cuibhrionn bhrònach •; 

An àite sonais, 's e th' ann sgleo dhiubh ; 

'S 'n tra shaoil thu 'n glacadh ann do dhòrn, 

Sud uait mar cheò nam beann iad. 

CXXVII. 

Is cuimhnich do Chruithfhear 'n a d-òige ; 
0, thoir a suas do làithean òir dha, 
'S d'aignidh 1 bhlàth is t-inntinn bheò, 
Mu 'n d' thig gaoth-reòt 'na h-aois orr' ! 
'S e sud do ghliocas aìr mhodh sònruicht', 
Cia ac' is bàs an diugh no 's beò dhuit ; 
Is e do shonas e fa dheòidh, 
'N tra shiubhlas glòir an t-saoghail ! 



46 



MARBHRANN 



CXXVIII. 

Tha 'n guth so dhuibhse f huair fo 'theagasg, 
Co minic gluas'd is Dusgadh Coguis ; 
Ach air na luidh o 'n uair sin codal : 
Bhur cor, gun teagamh, 's brònach ! 
O, dùisgibh, dùisgibh as an t-suain ud ! 
Is glacadh cùram sibh is uamhunn, 
Mu 'm f àgar sibh fo thiormachd bhuan, 
Mar bheanntaibh cruaidh Ghilbòa ! 

CXXIX. 

Tha sibhse nis an tuilleadh gàbhaidh ; 

Oir mhùch sibh choguis, 's thug sibh bàs oirr', 

Is shaltair sibh air fuil na slàint', 

Is chràdhadh Spiorad Dhè leibh ! 

O, dùisgibh, dùisgibh as an t-suain ud ! 

Dùisg-s' a choguis, is èigh 'n an cluasaibh, 

Gu bheil iad marbh an dara cuairt, 

'S an cos air bruaich an lèir sgrios ! 

cxxx. 

Dùisg-s' a choguis, is lean gu geur iad, 

Cha b' àite no taobh an tèid iad, 

A' seirm 'n an cluasaibh uamhas Dhè, 

'S am feum a th' ac' air teàrnadh ; 

O, innis dhoibh gu 'n tog thu fianuis, 

Ma 's e 's nach gèill an diugh do Chriosd iad ; 

'S gu 'm bi thu annt', chum tuillidh pian, 

Mar chnuimh gu sìor nach bàsaich ! 

cxxxi. 

Ach pillibh fathast ri lehobhah, 
Tha gabhail ris na macaibh stròdhail ; 
'S bheir e dhuibh-s', chum cliù a ghlòir', 
An tròcair nach do thoill sibh. 
Seadh, bheir e mach an trusgan ghlòrmhor, 
Is ni e cuilm do nithibh sòghmhor ; 
Gheibh sibh aoidhealachd gu leòr ; 
Is bithidh ceòl aig ainglibh. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 
CXXXII. 

Ach cluinnibh 'n guth s', na th' ann an nàdur, 
A shuidh a riamh fo theagasg Theàrlaich, 
'S nach d' thug spèis dha fad a là — 
A bhàs an diugh gu 'n gluais iad ! 
Cha lugha 'n ciont tha air 'ur làmh-sa 
Na cionta fola tha mar scàrlaid ; 
Oir mhilleadh leibhse la a gràis, 
Is iomadh sàbaid luachmhor ! 

CXXXIII. 

A measg a thrioblaidean 's an f hàsach, 
Cha d' f huair e ni bu mhò a chràidh e, 
Na peacaich thruagh' bhi deanamh tàir' 
Air là an gràis 's an tròcair. 
Bu tric bha 'cridhe tlàth-s' a' tuireadh, 
'S a shùilean maiseach blàth a' sileadh, 
Chionn nach robh iad idir pilleadh — 
Se 'm milleadh-san bu bhròn da. 

cxxxiv. 

Ach thig an t-àm, mur dean iad pilleadh, 
Gu 'm bi iad dùint', an slochd a' mhillidh ; 
Far am bi ac' ùin' gu tuìreadh, 
Gach cothrom f huair, 's a chaill iad ! 
Is èigin doibh-s', an sin gu 'n cuimhnich, 
An latha gràis air 'n d'rinn iad dimeas ; 
'S nach 'eil iad ann tre linn nan linn, 
Ach fulang binn na thoill iad. 

cxxxv. 

An uair thig Criosd an glòir an Athair, 
Maille ri naoimh, an neulaibh 'n athair, 
A chur a suas an sud a chaithir, 
Chum breth thoirt air an t-saoghal ; 
0, chithear ann 's an là sin Teàrlach, 
Ann an glòir is sgèimh a Shlànuigh'r ; 
Is do na h-uile rinn air tàir, 
Is sealladh cràiteach daor e ! 



MARBHRANN 



CXXXVI. 

Is chi iad sin nach b' ann air Teàrlach, 
Ach air Criosd, a rinneadh tàir leo ; 
'N tra bha iad diùltadh tairgs 1 nan gràs, 
Thug Teàrlach dhoibh 's an t-saoghal. 
Is dearbhar ciontach iad 7 's an là sin, 
A 1 mort an anamanna neo-bhàsmhor ; 
Orra fèin bithidh 'm fuil gu bràth ; 
Is Teàrlach bithidh saor dhi ! 

cxxxvn. 
Is c 1 ait' am bi ac' àite seasaimh, 
'X tra bhitheas an saoghal dol na lasair ; 
'N tra bhitheas na speuran falbh gu cas, 
'S 'n tra leaghas às na dùilean ! 
'N tra thèid gach dìon is dòchas as doibh, 
'S gach dìdean brèig' 's an d' ghabh iad fasgaidh 
'S nach bi romp 1 ach teine laist' 
Am feasd nach d'theid a mhùchadh ! 

CXXXVIII. 

Is anns an là sin 's iad a dh'iarradh, 

Do shlèibhtibh 's chreagaibh a bhi strìochdadh 

A' glaodh riu — " Tuitibh oirnne sìos,* 

" Faic Criosd a 1 teachd 's na neulaibh ! 

" Oir thàinig latha mòr a chorruich, 

" Shèid a' ghapth, is dhùisg an doinionn ; 

" Tha na tuSllan nis dol tharuinn, 

" Cha 'n aithne c' ait' an tèid sinn !" 

CXXXIX. 

Ach feumaidh dha-s 1 a nis gu strìochd iad, 
Chum binn a' bhais gu 'n cuir e 'n gniomh orr', 
'S gu 'n tèid gun dàil an iomain sios, 
Gu pian na h-àmhuinn theinntich ! 
'S 'n tra chuireas Criosd am binn an cèill orr 1 , 
'N sin cuiridh Teàrlach fèin a sheul rith' ; 
Oir their e leis na naoimh gu lèir, 
Amen — is ceart a 1 bhinn i ! 

* Taisb. vi. 16, 17. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



49 



CXL. 

Is feumaidh 'n sin gu 'n tèid a sìos iad, 
Gu slochd an dorchadais gu sìorruidh ; 
Far am bi ac' gach cràdh is pian, 
Is gul is gìosgan f hiacal ? 
Far nach bi soisgeul nis r'a luaidh dhoibh ; 
Far nach bi sàbaid ac r'a truailleadh ; 
Far nach gabh Emanuel truas riu ; 
Oir tha 'd an cuan na dì-chuimhn' ! 

CXLT. 

Tha iad tuilleadh 'n cuan na dì-chuimhn' ; 
Ach bidh air chuimhne dhoibh gu sìorruidh, 
Gach tarcuis rinneadh leo air Criosd, 
'S air soisgeul sìor na slàinte. 
Bhitheadh 'n a shaors' e dhoibh 's a' chuan ud, 
('S na 'm feudt' a ràdh, 'n a bheagan fuasglaidh) 
Na 'n rachadh dhoibh air dì-chuimhn bhuan, 
Na chualadh leo o Theàrlach. 

CXLII. 

Ach cha 'n 'eil osnadh goirt no ùrnuigh, 

A chaidh riamh a suas o 'ghlìiinibh ; 

Cha 'n 'eil deur a shil a shùil, 

No dùrachd chuir e 'n cèill dhoibh ; 

Cha 'n 'eil uair riamh a sheas e 'n cìibaidh, 

No chualadh leo-s' a theagasg cùbhraidh, 

Nach bi gu bràth, mar sgitheach ùr, 

'N an cridhe rùisgt', bhios geur dhoibh ! 

CXLIII. 

0, teicheadh dh' ionnsuidh bhaile dhìon sibh, 
A tha air ulluchadh an Criosd dhuibh, 
Anns am faigh sibh dìdean shìor, 
shiantaibh buan na feirge ! 
Na tugaibh leum do 'n teìne shìorruidh ; 
Na tugaibh gèill do ghuth an diabhuil ; 
Do ghairm an t-soisgeil thugaibh strìochd, 
Oir Criosd tha ann 'ur tairgs'-se. 

c 



MARBHRANN 



CXLIV. 

Is e a ghuth, ri mic nan daoine, 
" Thigibh a m'ionnsuidh-s' tha ri saothair, 
" 'S fo uallach trom do chiont 's do dhaors', 
" 'S bheir mis' dhuibh saors' is suaimhneas.* 
0, c' uime mhillear sibh gu sìorruidh, 
No 'n cuan na feirg' an luidheadh sìos sibh, 
'N dèigh na rinn 's na dh' f huiling Criosd' ! 
strìochdaibh 'n diugh gu luath dha 1 

CXLV. 

Tha 'n guth s' a' labhairt ribh-s' gu h-àraid, 
Air an d' dhrùith a theagasg tlà-san ; 
'S d' an d'rinneadh e, tre chumhachd gràis, 
'N a mheadhon slàinte shìorruidh. 
Seadh, d' an robh Iosa fear 'ur gràidh-san, 
Tre theagasg priseil Mhaighstir Teàrlaich 
Mar eun a chruinnicheadh a h-àl 
A steach fo sgàil a sgiathan. 

CXLVI. 

Bha teachd a nuas a theagaisg bhuadhaich-s', 
Cha 'n ann mar thuiltibh frasach, fuaimneach 
No mar uisg' nam faoilteach fhuar', 
Gun dèars' do bhuaidh na grèine : 
Ach bha e sileadh oirbh gu h-ùrail, 
(Thaobh blàth's na grèine bha ro dhlùth dha) 
Mar an t-uisge tlà is ciùin, 
No 'n drùchd a thig 's a' chèitean. 

CXLVII. 

'S 'n tra thigeadh nuas na frasan tlà ud 
'N sin air an talamh chit' na blàthan ; 
Bhitheadh gach meas, is geug a' fàs, 
'S an f hàsach dheanamh aoibhneas. 
Bhitheadh na h-eòin a' seinn gu h-àrda : 
'S guth a' cholumain air a chlàistean, 
'Cur an cèill dhuibh teachd gu blàth's, 
An t-samhraidh, slàinte shaoibhir'.f 



* Matt. xi. 28. f Dan. Shol. ii. 12 13. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 
CXLVIII. 

Ach theagamh nis gu gearan truagh dhuibh, 
Gu'n d' thàinig caochladh oirbh o 'n uair ud, 
Gu'n d'thàinig caoil' is goirt is cruas, 
'S gu 'n d'f halbh an snuagh 's am blàth ud. 
Ach dh' f heudt' an toradh gu 'n do bhuanaich 
Ged a dh' f halbh am blàth 's an snuagh ud ; 
Oir f às a sìos, is fàs a nuas, 
Is dual do bheath' nan gràs e. 

CXLIX. 

Am fochann samhradh chi thu sgiamhach, 

Cha'n ann 's an àm ud gheibh thu biadh innt' 

Ach 'n tra bhitheas abuich i 's an dias, 

'S 'n tra chromas sìos gu làr i. 

Is ionann sud is sìol na naomhachd, 

Ann am pobull an Fhir-shaoraidh ; 

Is tric, 'n am faireachadh-s', a shàoil, 

Gur claonadh, 'n àite f àis, dhoibh. 

CL. 

'S e rathad Dhè e thaobh a threud-sa, 
— Mu 'm bi iad àrdanach no fèineil — 
Bhi tric a' folach uatha fèin 
Na sgèimh' a chuir a ghràs orr'. 
'N au sealladh fèin gu tric mar 's suaraich', 
'N sealladh chàich tha sult is snuagh orr' ; 
Cha 'n ionann, faireachadh air cruas, 
Is cruas nach 'eil 'n a chràdh dhuinn. 

CLI. 

Oir cha 'n e blàth is eud na h-òige, 
Is cha 'n e aoibhneas là a' phòsaidh, 
Is mò a bheir gu Criosd do ghlòir, 
Ach toradh beò nan gràs ud. 
Ach 's maith na blàthan bhi 's an àm ud ; 
Is maith am fochann bhi 'san t-samhradh ; 
Oir mur bi fochann idir ann, 
Is foghar' gann, gun bhàrr e. 



52 



MARBHRANN 



CLII. 

Ach, theagamh, 'n diugh gu 'm bheil an Nàmhaid, 

'S ur 'n ana-creidimh fèin ag ràdh ribh, 

Gu 'm bi e dhuibh 'n a dhìteadh bàis, 

An teagasg tlàth a dh' èisd sibh. 

Tha cuid 'n ur measg d'an cunnairt àicheadh, 

Gu 'n d' f huair sibh lathachan fo Theàrlach, 

Nach di-ch'nich sibh, chum onoir gràis, 

Kè fad 'ur là 's 'ur cèine. 

CLIII. 

Cha chluinn sibh tuilleadh 'n trompaid òir ud, 

Bha seirm 'n ur cluasaibh 'n f huaim ro ghlòrmhor, 

A philleadh gruaim is gul gu ceòl, 

'S 'ur bròn is caoidh gu dannsadh. 

Ach seallaibh nise ris a' Bhuachaill ; 

'S urr' am briseadh s' dheanamh suas dhuibh ; 

Oir ann-san tha gach'lànachd bhuan, 

Is iochd is truas nach gann duibh. 

CLIV. 

Is molaibh Dia air son na f huair sibh ; 
'S na leigibh di-chuimhn' fad ur cuairt air ; 
Ach nochdaibh mach a bhrigh 's a bhuaidh, 
'N ur gluasachd troimh an t-saoghal. 
Is molaibh Dia, ged tha na f àidhean, 
Is 'ur luchd teagaisg uile bàsmhor, 
Gu bheil soisgeul sìor nan gràs, 
Os cionn gach bàis is caochlaidh. 

CLY. 

Is tric a luaidh na bilean gaoil ud, 
Gu bheil ur Sagairt truacant' naomh-sa, 
A 'tagradh cùis a phobuill chaoimh, 
Air caithir naomh a ghlòire ; 
Is gu bheil fuaim an t-soisgeil èibhinn 
Mar f huaim nan clagan-òir o 'èideadh,* 
Nochdadh 'sheasaimh 'n làthair Dhè, 
'S a' cur an cèill gur beò e. 



* Exod. xxviii. 34, 35. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



CLVI. 

Is tric a nochd e dhuibh-s' ara fàradh, 

A chunncas roimhe so le Tacob ; 

Ach f huair e fèin a nis gu 'bhraigh', 

Is dh' f hàg e sibhs' aig ìochdar 

Ach rachaibh suas o cheum gu ceum air, 

— Cha dean sibh chaoidh a mach d'a leum e — 

Is gheibh mar sin sibh steach 'n a dhèigh-s', 

Gu làthair Dhè, mar 's miann leibh. 

CLVII. 

Is Dia gu naomhaich dhuibh gach èigin, 
Tha agaibh 'n diugh an tìr ur cèine ; 
Gu 'n cum sibh suas 'n a shlighe rèidh, 
'S gu 'n robh e fèin 'n Fhear-iùil duibh ! 
'S ged tha 'cheuma 'n diugh 's na cuantaibh 
'S a ròide domhain foluicht' uaibhse, 
Cha 'n fhad an ùin' 'n tra chi a shluagh 
Gur buadhach rinn e 'n stiùradh. 

CLVIII. 

Ach mu 'n tig gu crìch mo dhàin mi, 
Theirinn focal ris na Braithribh, 
A chuala riamh mu' bheath' no' bhàs, 
'S gu h-araid chuir air eòlas. 
Dhomhsa na measaibh e 'n a dhànachd, 
Oir dh'iarruinn labhairt ann an gràdh ribh, 
Is mar an neach gu cinnt' a 's tàir' 
Do 'n chuid f huair gràs is tròcair. 

CLIX. 

Tha 'n guth s' a' labhairt ris gach aodhair, 
A rinneadh dìleas do 'Fhear-saoraidh, 
'S cho-èiginicheadh, le buaidh a ghaoil, 
Gu saothrachadh 'n a f hìonain. 
0, chailleadh leibhs' an diugh 'n a bhàs-san, 
An caraid dìleas is am bràthair ; 
Neach a sheasadh leibh 's gach càs ; 
'8 bha làidir anns an Tighearn. 



MARBHRANN 



CLX. 

Mar 's minic ni, 'san latha bhlàir iad, 

A' cur nan cath gu dian ri naimhdibh ; 

Air na rancaibh 'n tra thig beàrn, 

Ni chuid tha làthair suas i. 

Is seasaidh 'n sin ni 's dlùith' r' a chèil' iad, 

Is lasaidh 'n duinealas 's an eud annt' : — 

Ciod tha sud dhuibh cur an ceill, 

Cha 'n fheum sibh mis' g' a luaidh dhuibh. 

CLXI. 

Leanaibh-s' an eisimplir a dh' f hàg e, 
Oir ri a leantuinn tha i teàruint' ; 
Ann a bheath', 's na shaothair ghràidh, 
Eè fad a là 's a shaoghail. 
Tha cuid dhibh chunnaic ann gu h-àraid, 
— Is f hus' a smuaineachadh no 'ràdh leibh — 
Buadhan pears', is obair ghràis ; 
Bha gann 's an làth-s' r'am faotuinn. 

CLXII. 

Chunnaic sibh anns-an beath' na h-ùrnuigh, 
Is beath' a' chreidimh is na h-ùmhlachd, 
Beath 1 a' ghràidh 's a' chridhe bhrùit', 
'S na h-inntinn chiùin is nèamhaidh : 
Chunnaic sibh anns-an brod a' bhuaehaiiP, 
Is teachdair treun an Tiomnaidh Nuaidhe, 
A thuig an f hìrinn ann a buaidh, 
'S do 'n t-sluagh a chuir an cèill i. 

CLXIII. 

Chunnaic sibh 'n onoir a chuir Dia air, 
An stiùradh 'threud-san is 'g am biathadh, 
Gus an robh e aosmhor liath, 
Gun, chlaonadh riamh o 'roidibh. 
'S e rinn cho feumail e 's an f hìonain, 
Bhi seasamh treun air taobh an Tighearn, 
Bhi cumail dlùth, 'n a bheath', ri Criosd, 
'S bhi 'g iarruidh 'mhàin a Ghlòir-san. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



CLXIVI. 

A chum an turuis bha e deasaicht', 
Le 'bhat' 'n a dhòrn, is e 'n a sheasamh, 
Is chunncadar gu teann an crios, 
Mu 'leasraibh fad an f hàsaich : 
A lòchran riamh bha glan a' lasadh ; 
Is bha a bhrògan air a chosaibh ; 
Bha e 'n a òglach ulluicht', deas, 
'N tra thugadh fios a bhàis dha. 

CLXV. 

Is mòr an onoir chuir an Tighearn, 
Orra-san shuidhich e 's an f hìonain, 
Bhi deanamh gnothuich eadar Criosd 
Is anamaibh sìorruidh dhaoine : 
Bhi cur an cèill an t-soisgeil shìorruidh, 
Chum peacaich chaillt 'tha bàitht' am fiachaibh 
Is chum an t-sluichd tha team dol sìos, 
Tre Chriosd bhi air an saoradh. 

CLXVI. 

'S raar 's mòr an onoir, 's trom an dreuchd i ! 

'S mur faighear dileas sinn is eudmhor, 

Thig gach mallachd chuireadh 'n cèill 

An leabhar Dhè a nuas oirnn' ! 

Ach bithibh-s' beò air Criosd a bhàsaich ; 

Is bithibh tarruing as a lànachd ; 

Bithibh dlùth ri caithir ghràis ; 

'S 'ur saothair ghràidh bidh buadhach. 

CLXVII. 

Bithibh-se saoithreach agus eudmhor, 

A chum bhi saor o f huil luchd-èisdeachd ; 

Is bithibh beathachadh an treud', 

Le fuil 'ur Dè chaidh shaoradh. 

'S 'n tra ghairmear sibhse leis a 'Bhuachaill, 

A'chum bhur cunntas thoirt a suas dha, 

Gheibh an sin sibh crìm na buaidh', 

Js aoibhneas buan nach caochail. 



56 



MARBHRANN 



CLXVIII. 

Ach tha an guth so ribhs', na 'n èisdeadh, 
A tha 'n ur luidhe fo 'n an-èibhinn, 
A chionn bhi gabhail cùram treud' 
Gun spèis do ghuth an Tighearn' : 
Is do nach robh e riamh 'n a dhùrachd 
A threud-sa bheathachadh 's a stiùradh ; 
Ach dh' fheuch gu bheil sibh coma dhiubh, 
'S an rùsg, gur e bu mhiann leibh. 

CLXIX. 

C' air son a chaidh sibh steach do 'n dreuchd ud, 

'S gu 'm feud ur coguis chur an cèill duibh 

Nach e cliù on onoir Dhè, 

No maith a threud' a dh' iarr sibh : 

'S nach do mhothaicheadh cumhachd gràis leibh, 

Ann an atharraehadh ur nàduir, 

Ach gabhail fathast leis an sgàil, 

'S ag àicheadh bheath' na diadhachd V 

' CLXX. 

Tha sibh ag àicheadh bheath' na diadhachd ; 
Tha sud ro-shoilleir o bhur gnìomh'raibh : 
Oir cha 'n i 'n eisimplir thug Criosd, 
Is miannach leibh a leanmhuinn ; 
Ach 'n àite sud ; a' lot 's a' beumadh 
A' phobuill thaghta rinneadh eudmhor, 
'S 'g am meas mar mhuinntir air lag-chèill 
Is troimhe-chèir 'n an eanachain. 

CLXXI. 

Tha sibhse buintinn riu 's an làth so, 
Mar bhuin na h-Iùdhaich ris an t-Slanuigh'r 
G' a thabhairt thairis chum a' bhàis, 
Mar mhealltair 's fàidh brèige. 
Is ann mar sud a cheusadh Criosd leibh, 
Anns an treud a tha giiilan 'ìomhaigh, 
'S a' cur ur seul' mar sin ri gniomh 
Nan Iudhach dh'iarr a cheusadh. 



DO MHAIGHSTIR CALDAIR. 



57 



CLXXII. 

Tha 'n treud a' teicheadh uaibh, 's cha'n ioghnadh, 

;Oir cha 'n e stòras tigh an Tighearn, 

Tha sibh nochdadh dhoibh mar bhiadh, 

iAch sin a 's miann le nàdur. 

chualadh leo-san guth Fir-saoraidh ; 

Cha lean iad sionnaich 'n culaidh chaorach ; 

jls tha gach teagasg tioram, faoin, 

;Mar phlaosgaibh mhuc, 'n a ghràin doibh. 

CLXXIII. 

] Ach their sibh — " B' ionann sud 's do 'n t-Slànuigh'r, 

" An sluagh a lean e tre an fhàsach, 

11 Chuir ris cùl aig uair a bhàis 

" Is rinn air tàir is dimeas." 
n Ach cha 'n e 'n sluagh a bha 'g a èisdeachd 

A b' àirde glaodh 'n an uair ud " Ceus e," 

Ach sionnaich f huilteach, bhorb, is gheur,' 

Mic Lebhi agus Sgrìobhaich. 

CLXXIV. 

Tha 'bhuaidh sin anns an t-soisgeil shìorruidh 
|— 0, nach creideadh sibh gur f ìor e ! — 
3eadh, a thàirngeas peacaich leis 'n a lìon, 
Mar iasg, gu cladach tèarnaidh. 
Cha bhi a chaoidh e gun luchd èisdeachd, 
|S ma chuirear leibhs' gu glan an' cèill e, 
• Bithidh e dhuibh 'n a chumhachd Dhè, 
S an treud, cha dean 'ur fàgail. 

CLXXV. 

Ach mur tig caochladh oirbh nach d'thàinig 

Ihig an là gu 'm faic sibh Teàrlach ; 

'S gu 'n tog 'n ur 'n aghaidh 'bheath', 's a bhàs, 

S a shaothair ghràidhse, fianuis. 

Is sud an sealladh dhuibh bhios cràiteach, 

A bhi 'g a f haicsinn-s' dol gu Pàrras, 

jS sibh fèin bhi dol, fo bhinn a' bhàis, 

Gru àit' an lèir-sgrios shiorruidh ! 

C 5 



MAKBHRANN 



CLXXVI. 

Is ann an sin, 's ann leam gur cinnteach ; 

Gur h-i 'n àmhuinn dhuibhs' 'bhios teinnteach 

Oir cha bhi measg na gheibhear innt', 

Ni 's toilltinneich' na sibhs' oirr'. 

Oir maill' ri dibhearg Dhè, 'n a h-uamhas 

Dìteadh coguis, 's an-earbs' na h-uamhuinn ; 

Thig gach mallachd oirbh o'n t-sluagh 

A rinneadh truagh d' ur trid-san. 

CLXXVII. 

0, 's e mo dhùrachd, ann an gràdh duibh, 
Gu 'n coinnich Ios' an latha gràis ribh ; 
A choinnich roimhe so ri Saul, 
'S a leag gu làr a sìos e ; 
'S gu 'n dean e dhibhse soithich' thròcair, 
Chum cur an cèill an t-soisgeil ghlòrmhor, 
Air atharrach' a shult 's a' dhòigh, 
Na b' eòl a roimhe riamh dhuibh. 

clxxviil 

Nis gu 'n deònaich Dia nan gràs dhuinn ; 
A dhoirt na feartan ud air Teàrlach ; 
A rinn 'n a bheannachd e 'n a là ; 
'S gu Pàrras thug fa-dheòidh e ; 
Gu 'n leig e nuas na feartan ceudna, 
Eadar theachdair agus threud oirnn, 
A ni 'n ar beannachd sinn do chèil' ; 
Is gheibh e fèin a' ghloir dheth ! 

CLXXIX. 

Ach 's beag a 's urrainn dàn no sgeula ; 
No teangan chàirdean chur an cèill dhuinn, 
D' a bhuadhaibh àillidh moltach fèin, 
'S d' a bheusaibh bha ro àluinn ; 
Oir bha e iriosal is uasal, 
Is bha e caomh, is sèimh, is suairce ; 
Seadh, bha e làn do bhrod nam buadh ; 
Ach 's mòr an snuadh chuir gràs air. 



DO MHAIGrHSTIR CALDAIR. 



59 



CLXXX. 

'S am Fad bhios tonn ri tràigh a' bualadh, 
Am fad bhios feur a' f às air cluainibh, 
Am fad bhios grian a' siubhal shuas, 
An astar buan nan speur dhuinn ; 
Bithidh cuimhne is iomradh bhuadhach, 
Air a shaothair measg an t-sluaigh so, 
Oir chionn gu 'n d' leanadh i le buaidh, 
Bidh luaidh ri fad gach rè oirr'. 



60 



IOMRADH AITHGHEARR 



IOMEADH AITHGHEAKK 

AIR 

DR. STIUBHARD; 

d' an rinneadh am marbhrann a leanas. 



Rugadh e 's a' bbliadhna 1764, an Sgìreachd Bhlàir, 
no mar theirear an cèarnaibh eile do 'n Ghàidhealtachd 
ris an àite, Blàr-an-Athall, ann an Siorramachd Pheairt. 
B' e 'athair, Ministeir na sgìreachd ceudna ; agus tha 
ainm dha e bhi 'n a dhuine diadhaidh, measail. An 
dèigh do Alastair Stiùbhard bhi air a thogail 'n a òige 
an teaghlach 'athar, agus an dèigh sin an teaghlach a 
bhràthar-cèile, agus foghlum cubhaidh air a thoirt dha, 
chuireadh do* Oil-thigh Chill-rimhinn e ; far an do choi- 
sinn e a leithid do chliù ann an àrd-fhoghlum a thogail, 's 
gu 'm feudadh e a ràdh mar a thubhairt Pòl, gu 'n 
d'thàinig e air 'aghaidh thar mòran do a ehomh- 
aoisibh a measg a chinnich fèin : acb, ged nach robh 
riamh 'n a ghiùlan ach maisealachd agus deadh bheus, 
is e fèin a dh' aidicheadh, agus a dh' aidich, an dèigh sin, 
ge b' e air bith mar thog e foghlum dhaoine, nach robh 
e ach aineolach mu 'n aon ni f heumail : agus mar sin 
gu 'n do mhair e, an dèigh dha tighinu gu bhi 'n a f hear- 
searmonachaidh anns an Eaglais, agus 'n mhinisteir 
Sgìreachd. Tha 'àm fèin aig an Tighearn, a thaobh 
gach anama a ghairmear leis ; agus cha 'n ainneamh idir 
's an Eaglais, foillseachadh a' ghliocais mar a' ghràidh 
shìorruidh, ann an coraibh fa leth, leis an bheil cumh- 
achd oibreachaidh gràis air a thabhairt ni 's mò a 
* College of St Andrews. 



AIR DOCTAIR STIUBHARD. 61 

cìium soluis, a thaobh an ama 's am bheil e a' tighinn 
na ged bhiodh e air tighinn aig àm 's am bith eile. 

An dèigh do Mhr. Alastair Stiùbhard comas searmon- 
achaidh f haotainn, agus e a nis mu aois dhà bhliadhna 
fhar fhichead chaidh a shuidheachadh mar mhinisteir 
Sgìreachd Mhaoilin, an Athall. Bha e 'n uair sin 'n a 
dhuin' òg ceanalta, foghluimte, eircachdail, measail. 
Bu leòr leis an t-saoghal, agus leis fèin, 's an àm, an 
diadhachd a fhoghluim eo dhaoinibh. Ghabh coimhthional 
na sgìreachd ris gu toileach, taitneach ; agus choisinn a 
ghiùlan maiseach, caoimhneil, deadh-ghean o 'n uasal 
agus o 'n ìosal dhh. Cha robh aon ghearan air a theag- 
asg. Ach, 's i a bhreth fèin air an teagasg a bha 'n 
uair sin aige, so ; — dh' f hàg e a' bhreth so sgrìobhta le a 
làimh fèin, air dòrlach do shearmonaibh a sgrìobh e fhad 
's a bha e fathast 'n a cheud staid, agus is e so a tha e a' 
tabhairt mar chliù orra : — 11 Faoineasan gun fhiù ; toradh 
aimsir an dorchadais agus na doille ; gun aon ni do bhlas 
an t-soisgeil, làn do mhearachdaibh ; airidh a mhàin air 
truas agus diùltadh ; — am feum maitheanais agus tròcair 
o Dhia gràsmhor, tre thoillteanas 'aon-ghin Mic." Ach 
bha àm gràidh an Tighearn a' teachd am fagus. 

Is e an ceud ni a rinneadh 'n a mheadhon ann an làimh 
an Spioraid a chum solus eòlais glòire Dhè a lasadh 'n a 
inntinn, comhluadar càirdeil a bha aige ri ministeir 
urramach do 'n Eaglais, Mr. Blac, a bha 'n uair sin 
'n a mhinisteir Sgìreachd dlùth do bhaile mòir Pheairt, 
bha deurbh-shoilleireachd mu pheaceadh, mu fhìrean- 
eachd, agus mu bhreitheanas, o 'n àm sin a' dol air 
aghaidh 'n a anam ; agus bheannaich an Tighearn gu 
mòr dha comhluadar agus litrichean Mhr. Blac ; oir 
bhuanaich e rè ùine fhad, ann an leigeil ris 'f haireach- 
duinn agus a mhothachadh fèin do 'n duin' urramach 
dhiadhaidh sin ; agus nochd Mr. Blac dha-san, agus 
d 1 a thaobh, mòr, ghliocas spioradail, mòr dhìlseachd 'n 
a earailibh, agus mòr ghràdh. Fhad 's a bha an Tigh- 
earn ? g a tharruing agus 'g a thrèorachadh tre na 
ceumannaibh so, is e aideachadh Mhr. Stiùbhard fèin, 
nach robh a theagasg fathast ach mar " a' ghall- 



62 



IOMRADH AITHGHEARR 



thromp," a' toirt fuaim neo-chinnteach uaipe ; ach, 
gidheadh rinneadh greim air le saor-ghràs ; agus bhe e 
a' faotainn soluis. Thachair mu 'n àm sin, ann am 
freasdal Dhè, gu 'n d' thàinig ministeir diadhaidh £ 
Sasunn an rathad ; thaghail e air Mr. Stiùbhard ; shear- 
monaich e 'n a Eaglais, agus dh'f han e dà latha 'n a thigh. 
Bheannaich an Tighearn, gu h-iongantach, so dha; agus 
riamh o 'n uair sin, nochdadh gu soilleir, araon 'n a theag- 
asg agus 'na chaithe-beatha, gu 'n dubhairt an Tighearn 
ris, " Bi beò." Bha a theagasg a nis, do rìreadh a rèir an 
t-soisgeil ; agus eud agus beatha 'n a theagasg. Mhair 
e mar so, rè ùine thrì bliadhna ; agus an sin, thòisich 
an Tighearn air dhòigh fhollaiseich, shoilleir, a bhean- 
nachd agus a chumhachd a thoirt d' a theagasg, Bha 
obair mhòr a nis a' dol air a h-aghaidh, ann an Sgìr- 
eachd Mhaoilin. Bha anama lìonmhor air an dùsgadh, 
air an ath-ghineamhuinn leis an Spiorad Naomh. Cha 
ghiùlain an t-iomradh so dhuinn, oir feumaidh e bhi 
gèarr, leudachadh air so. Ach thachair, mar thachair 
riamh, co luath agus a dhealaicheadh Mhr. Stiùbhard o 'n 
t-saoghal mi-chreidmheach, gu 'n do thiohndaidh daoine 
an t-saoghail 'n a aghaidh. Choinnich agus sheas e ri 
iomadh deuchainn. 'S a' bhliadhna 1805, fhuair e gairm 
o Sgìreachd Inbhir-feotharain an Siorramachd Rois. 
Bu ni a bha cruaidh air do rìreadh dealachadh ri 
coimhthional Sgìreachd Mhaoilin. Feudar, le iomadh, 
coire f haotainn dha, gu 'n dealaicheadh e idir riutha. 
Cha mhol sinn a leithid do dhealachadh mar ni ann 
fèin. Ach aig an àm cheudna, feumar aideachadh, — e 
bhi foillsichte ann an eachdraidh na h-Eaglais, — an 
Tighearn bhi a' toirt a ghnùis d' a leithid, ann an 
coraibh fa leth. Cha 'n fheud sinn bhi an teagamh 
nach do chuir Mr. Stiùbhard diadhaidh a chomhairle 
ris an Tighearn mu 'n ghnothuch chudthromach. Agus 
cha mhò tha e air f hàgail 'n a theagamh nach d' fhuair 
e comhairle ; oir dh' aidich an Tighearn gu mòr a shao- 
thair agus a sheirbhis, far an deachaidh e, — ann am 
baile agus ann an Sgìreachd Inbhir-feotharain. Dh' 
fhàilnich a shlàinte gu mòr ; agus mu 'n bhliadhna 1819, 



AIR POCTAIR STIUBHARD. 63 

b' èigin dha dol do Dhun-èidin a dh' fhaotainn comhairle, 
agus cuideachaidh do a shlàinte o lèighibh foghluimte an 
àite sin. Fhad 's a bha e mar so an Dun-èidin, agus e 
'g a f haotainn fèin a nis gu mòr air fàilneachadh ann an 
comasaibh corporra, agus gun sùil aige fèin ri gairm eile 
'sam bith, f huair e gairm gu bhi 'n a mhinisteir aun an 
aon do choimhthionalaibh Dhun-èidin ; agus chunnaic e 
mar dhleasdanas dha fèin, suidhichte mar bha e 's an 
f hreasdal, gabhail ris a' ghairm sin ; agus shuidhicheadh 
e mar f hear do dhithis mhinisteirean a' Ckanongate 's a' 
bhaile mhòir sin. Cha robh e a' bheag thar bliadhna 'n a 
mhinisteir an Dun-èidin, gus am faca an Tighearn iom- 
chuidh a ghairm air falbh ; agus chrìochnaich e a thurus, 
air an t-seachdamh là fichead do cheud mhìos an t-samh- 
raidh, 's a' bhliadhna 1821, agus e an aois dà fhichead 
bliadhna 's a seachd deug. Is e crìoch ùghdair a 
Mharbhrainn a leanas, cliù agus iomradh Dhr. Stiùbh- 
aird a chur an cèill, agus air chuimhne. B' ainneamh 
'n a là fèin ministeir, a 's mò leis an d' fhoillsich an 
Tighearn cumhachd a ghràis. Bha so air 'fhàgail ro 
shoilleir, eadhon 'n na nithibh a dh'ainmicheadh cheana, 
's an iomradh ghoirid sofèin. Agus mar bhios a chuimhne, 
a chliù, agus a dhìlseachd, cùbhraidh do phobull an Tigh- 
earn ; agus gu h-àraid dhoibh-san d' an d' thugadh tre 
a theagasg, mar mheadhon, creidsinn, no mothachadh 
f haotainn air an staid fèin mar anamaibh caillte an tùs ; 
tha, aig an àm cheudna iomradh an duin' urramaich so 
air fhàgail do 'n Eaglais mar fhianuis air cliù agus gnè 
na h-inntinn sin, tha an Tighearn a' tabhairt dhoibh-san 
a dh' aidichear leis fèin mar luchd-saothrachaidh 'n a 
fhìon-lios. An dream a chuirear a mach leis-san, 
ulluichear leis fèin iad. Ma theasairg gràs Dr. Stiubhard 
o bhi 'n a f hear-teagaisg gun ghràs ; cha bharantas so do 
neach air bith dol am bannaibh na dreuchda sin, gun 
ghràs, gun iompachadh an Spioraid Naoimh. Ach is 
rabhadh 'iomradh-san do luchd-teagaisg, mar is eis- 
implir do luchd-èisdeachd e, co iad na h-innealan a dh' 
aidichear leis an Tighearn 'n a Eaglais fèin. 

M. M. 



DOCTAIR STIUBHAKD, 



DR. STIUBHARD, 

a' ; 

DOL DO BHAILE LITHID. 

AIR LUING. 



Einneadh na Rainn so a leanas alr Doctair Stiubhard, 'n 
uair chaidh e air sal do Dhun-eidin air son a shlainte. Air 
do 'n Ughdair bhi 'g amharc na luinge dol seachad, agus e fein 
'n a sheasamh air bord, thilg na smuainte so suas dha's an uair. 

Air Fonn. — " Is e do bàs, Mhaigìistir Murcha." 

I. 

A longag laghach, luath-shiùbhlach, 

Thigeadh gaoth anns na siùil ort 

Ni Maighstir Alastair Stiùbhard, 

A stiùireadh gu tèaruint do Lìd ; 

Na tigeadh doinnionn no ciùin ort, 

No ni ni dochunn no ciùrradh ; 

Ach imich romhad 'g a ghiùlan, 

Gu ionad a dhùrachd, gu 'n tèid. 

'S luachmhor an t-ionmhas a fhuair thu ! 

Toiseach is taghadh nam Buachaill ; 

A stiùradh threud anns na cluanaibh, 

'S am faigheadh iad suaimhneas is lòn ; 

Fear na maise is nam buadhan, 

A choisinn meas dha, mar f huair e : 

An Criosduidh deas, 's an duin' uasal : 

Is cruaidh bhi 'g a earbsadh ri Bòrd ! 



A' dol do lithid. 



II. 

Ach thus' tha riaghladh gu buadhach, 
Araon air shiantaibh is chuaintibh, 
S a chuireadh air Sion a suas dhuinn, 
'N a d'Uachdaran dligheach a chaoidh, 
0, cum gu cothromach suas e, 
Builich air furtaehd is fuasgladh ; 
Is coimhid, an doimhne do thruais e, 
chunnairtibh cuain agus gaoith ! 
'S bha thu leigheas gach creutair, 
Thàinig do d' ionnsuidh le 'n euslain, 
An làithibh turuis do chèine, 
Is t' f hulangais ghèir anns an f heòil ; 
Cuir anns na meadhonaibh èifeachd, 
A chithear le lèighichibh feumail ; 
'S gu 'm pill e rìs o Dhun-èidin, 
Saor o gach pèin agus leòn ! 



ni. 

Tha Inbhir-pheofaran cianail, 

'n là a thog thu do thriall uaip' ; 

1 mar gu 'n luidheadh a' ghrian oirr', 

'S gu 'n iathadh uimp' sgàile na h-oidhch' 
An sealladh cràiteach, cha 'n ioghnadh, 
A Reult ro-àluinn is f hìor-ghlan, 
Tha nis air f àgail a h-iarmailt, 
Rè iomadh bliadhn' a thug soills' ! 
Tha cuid, gun teagamh, innt' cràiteach, 
— Ge b'e a theirinn mu chàch dhiubh — 
A chionn an ceangail an gràdh riut, 
Nach urrainn do chàch iad a luaidh ; 
Oir 's e an eagal-s' gu h-àraidh, 
chaidh thu idir air sàl uath', 
Nach f haic iad tuilleadh 's an là s' thu, 
'S nach pill, gu bràth, thu gu tuath ! 



DOCTAIR STIUBHARD A* DOL DO LITHID 



IV. 

'S mur pill thu chaoidh o Dhun-Eidin. 

'S muladach, ciùirteach an sgeul e ! 

Is iomadh sùil bhitheas deurach, 

Is cridhe bhios reubt' measg an t-sluaigh 

'S a' chuid nach fairich am beum ud. 

Mar bhuille ghoirt agus gheur dhoibh, 

Is comharradh dearbht' orr' gu lèir e, 

G'an d' luidh orr' dìth-lèirsinn is cruas! 

Ach ma 's e suidheachadh 'n Ard-Righ, 

- — Oir ni Esan mar 's àill leis — 

Gur h-ann an sud bhios do thàmh-san,- 

Is nach pill gu bràth thu gu Tuath ; 

Gu 'ma soraidh, 's gu 'm a slàn duit ! 

Is gu robh Criosd Fear do ghràidh-se, 

Leatsa tre thurus an fhàsaich ; 

Ged a th' f hàgadh sinne 'n duigh truagh. 



MAEBHEANN 



AIR 



DOCTAIR ALASTAIR STIUBHARD. 



I. 

Och, tha ar speuran ro-ghruamach ; 

Is goirt an sgeula ri luaidh e, 

Bhi toirt nan reul ud a suas uainn^ 

Bha, an tìr ar cuairt dhuinn, 'n an iùl 

Ciod tha na freasdalan cruaidh' so, 

Labhairt gun cheist anns an uair rinn ; 

Gu 'n deònaich an Tighearn, 'n a thruas dhuinn 

Cluasan chum èisdeachd na sgèil. 

Gu 'n toir e 'phobull, mar 's miann leis, 

Gu bhi do na freasdalaibh-s' strìochdadh ; 

Is gu bhi tuiteam gu h-ìosal, 

'S ann aig cosaibh Chriosd anns an ùir ! 

Seadh, agus peacaich gu riaghailt, 

Mu 'm bi an dorus air 'iathadh, 

'S na nithe bhuineas do 'n sìochaint 

Air 'm folach gu sìorruidh o 'n sùil ! 



MARBHRANN 



II. 

Thugadh air falbh na cinn iùil uainn, 

Bha aithnicht', iomraideach, fiùdhail, 

'S gu 'm b' ainneamh 'n leith'd 'n ar dùthchaibh, 

Mar luchd-stiùraidh 's beathachaidh threud. 

'S a measg a' chuid dhiubh bu chliùiteich', 

Bha Maighstir Alastair Stiubhard, 

— D' am b' ainm an Doctair mar 'b' f hiù e— 

Bha ainmeil 's na dùthchaibh 's gu lèir. 

Bha e ro-aithnicht' mar bhuachaìll, 

Is mar f hear-teagaisg ro-luachmhor ; 

Neach anns 'n do choinnich na buadhan, 

Gun teagamh ri 'n luaidh bha gun bheud. 

Bha e caomh, iriosal, suairce, 

Is mìn, maiseach, neo-fhuaimneach, 

An criosduidh deas, 's an duin' uasal 

'N a chridh', 'n a ghluasad, 's 'n a bheus. 



iii. 

Tha Inbhir-pheofaran cianail, 

Is neulach, gruamach a h-iarmailt, 

'S i mar gu 'm foluicht' a' ghrian oirr', 

'S gu 'n iathadh uimp' dubh-neul a' bhàis ! 

Aobhar na gruaim' ud cha 'n ioghnadh, 

Mar thuirt an sean-f hocal, 's fìor e, 

Gur h-ann 'n tra chaillear an riaghailt, 

Thig camadh 's fiaradh 's a' chlàr. 

Na 'm b' aithne 'n duigh dhi gu sònruicht', 

Ro-mheud a' challa 's an leòin ud, 

Shileadh gu goirt fad 's is beò i, 

Och, a leòn — c'uin nithear e slàn 

Gu 'n dèonaich Athair na glòire, 

Am meud a mhaitheis 's a thròcair, 

Gu 'n toir e cridhe ni bròn dhi 

'S gu 'n seòl i gu tobar na slàint' 



AJR DOCTAIR STIUBHARD. 



IV. 

A Mhaighstir Stiùbhard ro-ionmhuinn ! 

B' i mo dhùrachd bhi 'g iomradh 

Do chliù 's do bhuadhan ro-ion-mholt' 

Bha iomraideach, aithnicht' measg cheud : 

Ach bhi 'g an aithris mar dh' iomrainn, 

— Oir bha iad ro ainneamh is ainmeil — 

'S gu 'n cur an rannaibh no 'n seanachas, 

'S neo-iomchuidh mo theangaidh 's mo ghleus. 

Is ged a sheinninn ni b' f hèarr iad, 

Dhuits' cha bhiodh comain no stà ann ; 

Tha os-cionn molaidh do chàirdean, 

Is di-molaidh naimhdean fo ghrèin. 

Ach Es' tha saoibhir 'n a ghràsaibh, 

Gu naomhaich 's gu 'm beannaich an dàn so, 

Do iomadh, is dhoibh-san gu h-àraid, 

Do 'n cràdh nach faic iad thu fèin ! 



V. 

A thaobh do ghibhtean 's do phàirtean, 
'S do Bhuadhan urramach nàduir, 
Is ni tha saor dhomh ri ràdh e, 
Gu 'n robh iad sud làidir is treun ; 
Ach fhuair iad snaigheadh ro-àluinn 
Fo 'n fhoghlum bu ghlaine 'sab' airde, 
A thug dhoibh barrachd air àireamh, 
An àilleachd, is mìneachd, is sgèimh. 
Fhuair thu am foghlum a b' àirde, 
'S rinneadh 'm feum leat a b' fhèarr dheth, 
Bidh cuimhne bhuan air gu h-àraidh 
A measg chlann nan Gàidheal gu lèir, 
Beannaichidh cuid anns gach àl diubh, 
'N là ghabhadh earrann is pàirt leat 
An tabhairt focail na slàint' dhoibh, 
'S a' chànain a b' ionmhuinn leo fèin. 



MARBHRANN 



VI. 

Ach cha n' e foghlum no pàirtean, 

Ciod air bith feum tha, no stà annt', 

A rinn co feumail n' ar là thu, 

Is do d' shaothair ghràidh a thug buaidh ; 

Shaothraich 'm Fear-saoraidh le 'ghràs ort, 

— 'San t-àm ud, gu fior, gu' m' b' àm gràidh 

Is bha r 1 a fhaicinn o 'n là sin, 

Gu'n robh 'ghràs dhuit saoibhir is buan. 

Cha b' ann an toiseach do shaoghail, 

'N tra ghabh thu oifig an Aodhair, 

A f huair thu aithn' air Fear-saoraidh, 

'S air saothrachadh 'ghràis ort le buaidh ; 

Ach o f huair thu lèirs' air a ghaol-san, 

Chuir thu 'n cèill e do dhaoinibh, 

Is bheannaich Esan do shaothair 

Do iomadh aon measg an t-sluaigh. 



VII. 

Dh'aidich thu fèin dhuinn gu saor e, 
Gur f ìor gu 'n d'chaitheadh gu faoin leat 
Iomadh latha dheth do shaoghal 
Gun aithn' air an t-saors' bha thu luaidh ; 
'S gu 'n cuireadh tu seachad a dh-aonta, 
Gu teann, do sheirbhis mar aodhair, 
Chum leughaidh leabhraichean faoineil, 
D'am mò 'n robh do ghaol anns an uair. 
Ach an Ti 'n a mhaitheas a rùnaich 
Gu 'n deantadh deas mar fhear-iùil thu, 
'N tra bha thu gun eagal gun chùram, 
An sin thug e sùil ort 'n a thruas ; 
Rinn e do choguis a dhùsgadh, 
'S dh'f hosgail gu glan e do shùilean ; 
0, thug e t-anam mar spùinn dhuit, 
'S b' e sin an tra stiùireadh tu sluagh. 



AIR DOCTAIR STIUBHARD, 



VIII. 

Chuir sud gu h-ìosal 's an ùir thu, 

Chuir sud gu tric thu gu d' ghlùinibh , 

Nis bu tu 'n cìs-mhaoir 'n ad ùrnuigh, 

'S dhuit bu chleachdamh bha ùr sud 's an uair 

Is chunnaic thu nis le do shùil e, 

Gu 'm b' leisgean riamh thu gun chùram, 

Mu 'n treud gu ionaltradh 'stiùradh 

Ach gabhail an rùisg mar do dhuais. 

'S tra f huair thu aithn' air Fear-saoraidh, 

'N a ghràs 's 'na chaoimhneas ro-chaomh-san, 

Thug sud cridh' tìomhaidh is maoth dhuit, 

Is cumadh ro-naomh dhuit 's gach buaidh ; 

Fhuair thu nis aithn' air na caoraich, 

Tearc mar a bha iad, is sgaoilteach, 

Is cheangail t-anam an gaol riu, 

'S bu ghaol e bha maireannach, buan. 



IX. 

Och is truagh iad thug an leam ud, 
A steach do f hion-lios ar Dè-ne ; 
Gun ghairm a riamh uaithe fèin ac', 
'S gun aithn' air an sgeul tha 'd a' luaidh ; 
Seadh, tha gun aithn' air an sgeul ud, 
'N a glòir, 's 'n a toradh 's 'n a h-èifeachd, 
'0, cia mar bheathaichear treud leo, 
No bhitheas iad feumail do 'n t-sluagh ! 
Ach thugar Stìopan is Glìob dhoibh, 
Is tighean-còmhnuidh mar 's miann leo, 
'S tha ac' an àilghios a dh' iarr iad, 
Biodh Criosd is a shoisgeul 's an uaigh ; 
'S ann leam gun teagamh nach ioghnadh 
Ged nach èisd caoraich an Tighearn, 
An teagasg tioram is blion ac' : — 
Bha teicheadh riamh aca uath'. 



MARBIÌRANN 



X. 

An ggire Mhaoilin gu sònruicht', 

Nochd am Fear-saoraidh a Ghlòir dhuit : 

Is air do shluagh rinn e trocair, 

Le dòrtadh orr 1 Spiorad nan gràs : 

A chuir gu tuireadh is bròn iad, 

O bheachd air 'n cunnairt 's an dòruinn, 

'S gu bhi gu h-obann a feòraich' 

Cia mar gheibh sinn eòlas na slàint' ? 

Rinneadh 's an àm ud thu dìleas, 

An cur an cèill dhoibh na f ìrinn, 

'S an rathad gu ruigsinn air sìochaint, 

theisteas na fìrinn a mhàin ; 

Be sud àm foghair' do rìreadh, 

Araon dhuit fein is do d' sgire ; 

A leithid do àm, c' uin a chi sinn, 

'N ar sgìreachdaibh tioram is f às ! 



XI. 

Thàinig à* Maoilin gu tuath thu, 

Air cuireadh ìslean is uaislean, 

A chum a bhi dhoibh 'n ad bhuachaill, 

Air an robh, 's an uair ac' mòr fheum ; 

Ach leam is cinnt' gu 'm bu chruaidh leat 

Bhi dealachadh riamh ris an t-sluagh ud, 

Mar chaoraich 'm fàsach gun bhuachaill, 

'S a' mèilich, gu truagh, as do dhèigh. 

Gun fhios co thigeadh 'n a t-àit-se, 

'N e fear bhiodh tairis is tlà riu, 

A bheireadh dhoibh ionaltradh 's àrach, 

Air cluainibh tha slàinteil is mèith ; 

No 'n e an sionnach borb, làidir, 

A sgapadh 'n treud feadh an f hasach, 

Leis 'm bu choma ged bu bhàs doibh, 

Ach f àgar an Stìopan dha fdin. 



AIR DOCTAIR STIUBHARD. 



73 



XII. 

'S tra chual thu 'n dèigh sin, mar thàrladh, 

Nach d' f huair an sluagh ud ; 'n a t-àit-se, 

An neach a mheas iad bhi tèaruint' 

Mar bheath' no mar àrach do 'n treud ; 

Leam is cinnteach gu 'm b' chràdh leat, 

An sgeula brònach a chlàistinn ; 

Oir b' iad do chlann san tre gràs iad, 

'S do ghràdh dhoibh idir cha d' eug. 

'S chreidinn, gun teagamh, 's an uair ud, 

'N tra thugadh gairm o 'n taobh-tuath dhuit, 

Gu 'n d' iarradh comhairl' o shuas leat, 

Is mar dh' iarr gu 'n d' fhuair thu 'n ad f heum ; 

Oir 's ann air comhairl' a' Bhuachaill', 

A chuireadh air Sion a suas dhuinn, 

Thigeadh do'n teachdair bhi gluasad, 

'S gach uair air a stiùireadh leis fèin. 



XIII. 

Bha Sgir' Inbhir-pheotharan aoibhneach 
Tra dhealraich 'n reul ud le soills' oirr', 
I mar gu 'n teicheadh an oidhch' uaip' 
An oidhch' oirr' a luidh, fada, buan ! 
Bu reannag shoilleir is shoillseach, 
Reannag gun smal oirr', gun f hoill innt', 
'N Teachdair, a f huair iad mar roghnaich ; 
'N a chaoimhneas thug Dia sud mu 'n cuairt. 
'S mur d' thàinig na trom-f hrasan ùrail, 
No feartan cumhachd chum dùsgaidh, 
Nuas orra nis a bha dlùth dhuit, 
'S an ionad ùr 'n robh do chuairt. 
'S ann chionn gu 'n d' f hannaich ar dùrachd, 
'S gu 'n d' lasaìch spiorad na h-ùrnuigh 
Is o 'n ghlùn, ma bha i lùbadh, 
Nach robh dùrachd a' chridh' a' dol suas. 



MARBHRANN 



XIV. 

Gidheadh 'n ad theagasg bha èifeachd, 
Bheannaich an Tighearn do 'n treud e, 
Is ged bu mhìn, och bu gheur thu, 
Mar ealtainn ris 'n eucoireach chruaidh : 
'S mar thug an Tighearn dhuit lèirsinn, 
Chuir thu an soisgeul an cèill dhoibh 
'S bu ghrinn an Gaelig 's am Beurl' thu, 
An aithris na sgèile do 'n t-sluagh. 
Thaobh do ghlan-f hogluim 's do shuairceis 
Bha thu riamh measail aig uaislibh, 
Gidheadh cha 'n abair 's cha luaidh mi, 
Gur h-ann chionn fuaim aoibhneich do 'sgèil ; 
Ach 's ann bha meas aig an t-sluagh ort, 
'S aig na f huair aithn' air an f huaim ud, 
Chionn na sgèil' aoibhneich is bhuadhaich, 
A chual iad gu soillear o d' bheul. 



XV. 

0, chual iad fìrinnean luachmhoir ! 

Soisgeil na sìth' is afi t-suaimhneis, 

'N am brìgh, 's 'n an gloin' air an luaidh leat, 

Sud t' fhianuis air 'n t-sluagh ud gu lèir ; 

Sheirm thu dhoibh lagh agus soisgeul, 

Is sin gun chlaonadh, gun mheasgadh, 

'Fàgail gach anam gun lethsgeul, 

Nach gabhadh ri teisteas ar Dè. 

Thugadh dhuit tàlann, mar shaoil mi, 

'S theireadh àireamh measg dhaoin' e 

Bhi labhairt gu tlà is gu caoin riu, 

Air 'n do shaothraich gràs measg an t-sluaigh : 

Seadh, labhradh tu 'n tairisneachd chaomh riu, 

Mar neach 'n ad anam thug gaol doibh, 

'S bheireadh tu 'n lòn do gach aon dhiubh, 

Araon eadar chaoraich is uain. 



AIR DOCTAIR STIUBHARD. 



XVI. 

Bu tu an labhairteach ùrail, 

'N tra sheasadh suas thu an Cùbaidh ; 

Bhiodh smachd, is cudthrom, is cùram 

R' a thuigsinn o d' ghnùis anns an uair ; 

An guth bu bhinn', ach bu chiùin thu, 

An cainnt bha thu ealanta, mùirneach, 

'S 'n ad theagasg simplidh is cùbhraidh, 

'S a' sileadh mar dhrùchd orra nuas. 

Bu mhìn, 's bu mhaiseach, is b' àillidh, 

Riamh thu mar f hear-tigh' ann ad f hardoich, 

Bu tu an companach gràdhach, 

'S am pàrant ro-ionmhuinn is caomh ; 

Bu cheangailt 1 riamh ann an gràdh thu, 

Ri bochdaibh Chriosd air mhodh àraidfi, 

'S tra chitheadh tu aon do na Bràthraibh, 

Air t-eudan àillidh bhitheadh faoilt. 



XVII. 

Ach bha do shiubhal 's do ghluasad, 

'S do chaitheamh-beath' fad do chuairte, 

'N an dearbhachd shoilleir do 'n t-sluagh ud, 

Air a' bhuaidh bh' aig do theagasg ort fèin. 

Is mòr a' mhais' air an f hirinn, 

Bhitheas am fear-teagaisg ag innseadh, 

Tra tha a shiubhal co-shìnt' rith', 

Bithidh 'n tuilleadh brigh dhuinn 'n a sgeul. 

Bu sheasmhach, dìleas an Clèir thu, 

Air taobh na fìrinn bhiodh eudmhor, 

'N aghaidh gach neach bheireadh beum dhi, 

No do 'n treud a choisneadh le Criosd : 

Ach an dèigh chùig bliadhna deuga, 

ghabh thu cùram an treud ud, 

Chaidh thu gu deas, a thaobh t-euslain, 

'S cha d' phill o Dhun-Eidin thu riamh ! 



MARBHRANN AIR DOCTAIR STIUBHARD. 



XVIII. 

0, gu 'n deònaicheadh an t-Ard-Righ, 

Am mòrachd ion-mholt' a ghràidh dhuinn, 

Na frasan ùrail is gràsmhor, 

Gu pailt ann ar là leigeadh nuas ; 

A thogadh aognaidheachd bàis dhinn, 

A' ghoirt 's a' chaoil' dheth ar cnàmhaibh, 

'S a dheanadh ar Sion dhuinn àillidh, 

Air an do luidh fàsalachd bhuan. 

A bheireadh peacaich do nreadh, 

Tre bhioradh shaighdean na fìrinn, 

Gu bhi a' glaodh, " Ciod a ni sinn," 

Chum dol as o dhìteadh do-luaidh ? 

Is gu bhi glacadh na Rìoghachd, 

Le 'n uile neart agus dhìchioll, 

'S a' dìmadh ri Slànuighear prìseil, 

Gu bràth tha do-innseadh 'n a luach ! 



MR. ROBISON URRAMACH. 



77 



AN ROIMH-RADH. 



Chuireadh na Rainn so ri chèile air son Teachdair' ur- 
ramach, ris an robh mòr-cheangal aig an ùghdair, o'n 
cheud là riamh a chual e a theagasg — a nis o cheann 
fagus do dhà-f hichead bliadhna. 'Sea bhàs a bhi tigh- 
inn tric f' a chomhair 'inntinn, agus a toirt gu a 
chuimhne buadhan an f hir a dh'fhalbh, a ghluais idir e 
gu an cur ri chèile. Bu toigh ! le Ughdair a' Mharbhrainn 
bhi smuaineachadh air a charaid a nis nach faicteadh e 
tuilleadh ; agus bu toigh leis am bròn a bha na smuaintean 
s' a' toirt 'n an cois. Dhoibh-san a chuir eòlas air an 
teachdair fèin, bithidh e soilleir gu 'm bheil na chuireadh 
sìos anns na rannaibh so 7 'teachd fad na dèigh làimh air 
na dh' f heudadh bhi air a ràdh m'a thimchioll ; oir gun 
teagamh, bha " a chliù, 's an t-soisgeul, feadh nan Eag- 
laisean uile." Ach gèarr mar tha iad air a' chliti sin a 
bhuineadh dha, agus a fhuair e, araon an tuath 's an deas ; 
agus nco-iomlan mar tha iad air iomadh dòigh eile, 
chuireadh a nis a mach iad, air iarrtus càirdean an 
teachdair', agus cuid eil' aig an robh dlùth-cheangal ris, 
am fad 's bu bheò e. Agus 's i dùrachd an Ughdair 
gu 'm biodh iad air am beannachadh dhoibh, agus do 
iomadh a thuilleadh orra-san — ach gu h-àraidh do 'n 
mheud leis am bu mhiann bhi a' cuimhneachadh cliù, is 
teagasg, is beusan, an teachdaire o 'n do chual iad gu 
tric am f huaim aoibhneach — ach a nis nach cluinn iad 
tuilleadh — agus is e am bròn co beag feum 's a rinn iad 
deth, 'n uair a bha e aca, agus a theangaidh a nis 'n a 
tosd fo sheul a' bhàis ! 

E. D. 



78 FOCAL IQMRAIDH 



FOCAL IOMRADH 

AIR 

MR. ROBISON ITRRAMACH, 

D' AN RINNEADH AM MARBHRANN A LEANAS. 



Tha uiread air a chur sìos 's a' Mharbhrann fèin, nach 
ruig sinn a leas mòran tuilleadh iomraidh mu a chliù a 
chur sìos. Dhoibh san do nach b' aithne an duine 
caomh ; urramach so ? cha 'n 'eil againn ach ar fianuis a 
thoirt, nach 'eil aon ni 's a' mharbhrann, ach ni a dh' 
fhoillsicheadh 's a chaidh a dhearbhadh, gu soilleir, far- 
suing, 'n a chaithe-beatha, 'n a theagasg, 's 'n a shaoth- 
airibh gràidh, 's an fhion-lios. Feudaidh an t-ùghdair ; 
gun teagamh a ràdh, mar thubhairt bàrd àraid ann an 
co-dhùnadh marbhrainn a rinn e do dhuine measail, — 
<( Cha do luaidh mi mu 'n duin' ud ; ach buaidh a 
chunnaic mo shùilean." 

Rugadh Mr. Eoin Robison, 's a' bhliadhna 1757, ann 
anAchanahalraig, dlùth air Caisteal Gordan,an Siorram- 
achd Bhainbh. Fhuair e cothrom sgoile ann an làithibh 
'òige ; agus thog e a chuid ionnsuchaidh gu h-ealamh. 
Fhuair e bhi 'n a mhaighstir-sgoile 's a' bhliadhna 
1778 ; agus chuir an Comunn urramach an Dun-èidin e ; 
's an dreuchd so, do Sgìreachd Far, ann an Siorramachd 
Chataoibh, gu àite d' an ainm Ach-a-nis, am bràighe na 
sgireachd sin. Cha robh e ach ùine ghoirid 's an 
dreuchd, agus 's an àite so, gus am faca ministeir tuig- 
seach 's a' choimhearsnachd, ga 'm bu duin' òg e air an do 



AIR MR. ROBISON URRAMACH. 



79 



bhuilich an Tighearn tìodhlacan agus comasan inntinn 
a bha neo-àbhaiseach. Agas mhisnicbeadh e leis a' 
mhinisteir sin ; agus le ministeiribh eile ann an Clèir 
Thunga, gu dol air aghaidh ann am foghlum, agus amh- 
arc ri dreuchd na ministreileachd. Cha ruig sinn a 
nis air iomradh pongail a thabhairt mu 'n àm ; no mu 'n 
dòigh àraid 's an do thoilich an Tighearn obair nan 
gràs a thòiseachadh 'n a anam ; ach a mhàin làn- 
dearbhachd bhi againn gu 'n do thòisicheadh ann i, an 
làithibh 'òige, agus gu 'n do dhearbh a chaithe-beatha 
sin, anns gach ceum. Cha b' i gairm dhaoine a mhàin 
a f huair e ; agus dhearbhadh sin gu pailt, leis an tomhas 
mhòir agus fharsuing 's an d' aidich an Tighearn a 
sheirbhis an dèigh sin. An dèigh dha feitheamh air 
meadhonaibh an f hoghluim iomchuidh ann an Oil-thigh 
Dhun-èidin, fhuair e comas searmonachaidh 's a' 
bhliadhna 1788, agus air an ath-bhliadhna ghairmeadh 
e gu bhi 'n a fhear-teagaisg do choimhthional Acha- 
rainidh, ann an Gallaobh — cha b' Eaglais Sgìreachd i 
sin, ach àite Gàidhealach am bràighe na dùthcha sin ; far 
an robh e 'n a Mhissionary. An dèigh dha bhi mu 
chùig bhliadhna 's an àite sin ; f huair e an ath ghairm gu 
dol do chèarna eile do 'n fhion-lios, — Eìrioball, ann an 
Dùthaich Mhic-aoidh, far an robh aige bhi a' searmon- 
achadh do thrì coimhthionalaibh, an Sgireachd Thunga, 
an Sgìreachd Dhiùirinis, agus an Sgìreachd Eadar-a- 
chaolas. Agus an ceann chùig bliadhna a rìs, f huair e 
an ath ghairm, o 'n choimhthional Ghàidhealach ann am 
baile Bkòid. Shaothraich Mr. Robison 's a' choimhthi- 
onal sin mu aon bhliadhna deug ; agus f huair e an ath 
ghairm an dèigh sin, gu Sgireachd Chinne-ghiubsaich, 
am Bàideanach, far an do bhuanaich e 'n a shaothairibh ; 
mu ùime chùig bliadhna deug, gus an d'f huair e gairm an 
Ard-mhaighstir dol dachaidh ; air a' cheathramh là do 
mhìos meadhonach an earraich, 's a' bhliadhna 1825. 

Tha aon ni sònruichte r' a amharc air, ann am beatha 
an duin' urramaich so, — mar fhuair e co iomadh gairm, 
agus co iomadh atharrachadh a thaobh ionadan a shao- 
thrach, ann an seirbhis an t-soisgeil. Agus ged tha so 



80 



FOCAL IOMRAIDH 



ri amharc air 's a' choitchinn, mar rii nach tigeadh do 
'n Eaglais no do a luchd-teagaisg bhi an geall air gidh- 
eadh, feudar a ràdh le saorsa, nach b 1 ionann Mr. Èobi- 
son agus iomadh duin' eile. Agus ann an amharc air a' 
chùrsa 's an do ruith e rè làithean a chuairt ; bha, agus 
tha fathast, comharraidhean sònruichte air an tabhairt, 
gu 'n robh obair àraid aig an Tighearn r 1 a dhèanamh 
leis, anns gach àit agus cèarna far an do shaothraich e. 
Bu duine Mr. Robison, a bha a' tighinn beò do rìreadh, 
am fagus do 'n Tighearn. Bha a sheasamh aige ann an 
comhairle an Tighearn. Tha a rìm-san aig an dream 
d 1 an eagal e gu fìor : agus bha sin r 1 a fhaicinn air an 
duin' urramach so. Ged bha an Soisgeul air a shear- 
monachadh roimh dha dol ann ; anns a 1 cheud dà àite far 
an do shaothraich e, chunncas ath-bheothachadh ion- 
gantach air obair an Tighearn, an dèigh dha dol ann. 
Agus fhad 's a thoilicheas an Tighearn a shoisgeul 
glòrmhor fèin a ehumail air chois, agus fianuisean dha 
fein a measg an t-sluaigh, cha di-chuimhnichear gu 
bràth, teagasg agus saothar agus cìiù Mhr. Robison. 
Tha iad fathast r 1 am faotaiim anns na cèarnaibh ud mu 
thuath, gu 'n aithnicheadh tu air an gnùis, ri luaidh 
ainm an duine bheannaichte so, gu 'n do chuir an Tigh- 
earn do rìreadh buaidh dhoibh-san 'n a theagasg. 
il Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, chum gu 'm faigh iad 
fois o 'n saothair ; agus leanaidh an obre iad." Agus ged 
nach b 1 i sin beachd an t-saoghail, cha ghearain teaghlach 
a 1 chreidimh gu^n abradh sinn e, — a thaobh an dàchoimh- 
thionail mu dheireadh, far an do shaothraich Mr. Robi- 
son, — nach robh an Soisgeul, gu fallain no gu soilleir air 
a shearmonachadh 7 n am measg, gus an do stiùir an t- 
Ard-bhuachaill Mr. Robison d 1 an ionnsuidh, agus sin 
air slighe nach b 1 aithne dha fèin, gus an d 1 ràinig gacli 
gairm dhiubh sud fa leth e ; agus an sin, gu 'n d 1 f huair 
e breithneachadh gur h-ann o 'n Tighearn a bha iad. 
Eadar e fèin agus an coimhthional ann am baile Bhòid 
bha ceanglaichean ro-dhlùth, fo bhannaibh an t-soisgeil. 
Bu "lòchran làsarach agus dealrach e, 11 cha b 1 ann a 
mhàin ? s a 1 choimhthional sin fèin, ach air feadh nan 



AIR MR. ROBISON URRAMACH. 



81 



cèarnan timchioll : agus ged b 1 iomadh sàruchadh a 
fhuair e ; eadhon o luchd-dreuchd Eaglais, a bha coimh- 
each, bha an Tighearn 'g a aideachadh ; — bha an f hianuis 
aige-san ann fèin ; agus tha fianuis fathast a' leantuinn a 
shaothrach. Mu thimchioll a shaothrach agus mar dh' 
aidicheadh e ann an Sgìreachd Chinneghiùbhsaich — cha 
tig dhuinn labhairt gu farsuing ; ach ann am focal, a 
ràdh, gu 'n robh an Tighearna maille ris. Tha iad 
fathast a làthair 's an Sgìreachd agus air feadh na 
dùthcha sin, a dh' aidicheas, gu 'm b' e là an sonais 
dhoibh, an là, 's an d' fhosgail an Tighearn dorus dha 
gu a thighinn 'n am measg : — tha ; anama, agus tha 
dòchas nach ainneamh iad, d' am bi a chuimhne blasda, 
fhad 's a chaomhnas an Tighearn iad 's an fhàsach. 
Aidichear leo-san ; gur h-e an Tighearn a chuir ann e. 

Bu duine Mr. Robison, gu 'm b' ainneamh a leithid, 
air iomadh dòigh. Cha tuilleadh 's a' chòir dhuinn a 
ràdh, gu 'm b' urramach e eadhon a measg nan urram- 
ach ! Bha a chomasan, eadhon mar thìodhlacaibh nàd- 
urra, àrd, foghainteach, bunaiteach ; farsuing. Agus 'n 
uair dh' analaich an anail bheò orra sin ; 'n uair dheal- 
raich an solus a stigh orra, 'n uair bhaisteadh le teine 
iad, mar a rinneadh do rìreadh ; an sin, b' àillidh agus 
bu chumhachdach an t-inneal a dh'ulluich gràs ; air 
son na seirbhis a chum an do ghairmeadh e. Gun a 
dhùthchas bhi Gàidhealach, b' fhianuis do na tiodhla- 
caibh a chaidh a bhuileachadh air, mar choisiun e a' 
Ghaelig ; gu 'n d' fhuair e a leithid do ghreim oirre, 
eadhon mar chànain, nach aithnicheadh duine 's am bith 
nach b' i a chànain mhàthaireil, dhùthchasach i. 'S i 
eadhon bu roghnaiche leis fèin : agus bha iomadh, d' 
am bu choimh-dheis am focal èisdeachd anns a' chànain 
so no 's a' Bheurla, leis am bu roghnaiche Mr. Robison 
èisdeachd 's a' Ghaelig. Agus b' e fèin aig an àm cheudna 
idir nach do chaill a chuid Beurla, ach a dh' f heudadh a 
labhairt ri righribh. thùs na rèise a ruith e, 's ann 
a thàinig Mr. Robison a mach, ann an treunad neirt. 
Gheibhteadh 'n a theagasg saoibhreas do bhlasdachd nan 
gràs. Bha bunaiteachd, soilleireachd, farsuingeachd, 

d 5 



82 FOCAL IOMRAIDH 

agus ùghdarras r' am faotainn 'n a theagasg, a bha 
iongantach, ainneamh r' am faotainn. Bha tomud, brigh, 
agus farsuingeachd tuigse ann an cuartachadh 's ann 
an cuimseachadh nithe spioradail, ann an togail inntinn 
an Spioraid 's an fhocal ; bha so uile ann a leithid do 
thomhas air a bhuileachadh air, agus nach robh, their- 
eadh tu, focal a labhradh e, nach seasadh air a bhonn 
fèin : ach cha b' ann ! ach air bonn neo-ghluasadach na 
firinn a sheasadh 's a dhealraicheadh iad, ann am maise 's 
an sgèimh na fìrinn, mar tha i sin ann an Iosa Criosd. 
Chiteadh gu soilleir, gu 'n d' rinneadh 'inntinn do rìreadh 
'n a h-ìonmhas a bha saoibhir. Ann an sgoltadh 's ann 
an mìneachadh theagasgan bunaiteach an t-soisgeil, far 
am bu shoiìleir do a luchd-èisdeachd gu 'n d' f huair e fèin 
fois agus sòlas, bha soilleireachd, teas-ghràdh, mìneachd, 
agus ùghdarras mar a' co-choiseachadh a chèile : agus 
e gu dian agus gu dìleas a' trèorachadh a luchd-èisdeachd 
a chum na Caìrge bith bhuain, mar bhrigh agus mar 
shùim a theagaisg. Ma 's ceadaichte dhuinn sloinneadh 
an duinealais a thoirt do ghiùlan agus do ghnùis fhir- 
teagaisg ann an tigh 's ann an seirbhis Chè, cha b' 
aithne dhuinn idir, 's cha 'n fhaca sinn, c' ait an robh e 
mur ! ann an gnùis Mhr. Robison; agus so cha b' ann 
idir mar an-dànachd; ach fo fhiamh agus eagal diadhaidh, 
a chìteadh aig an àm cheudna eadhon'n a eudan cheanalt; 
— a thuigse agus a ghràdh araon mar ag iarruidh greim 
a dheanamh air anamaibh ; agus gu 'm faigheadh e an 
giùlan leis air falbh o dhìomhanas, 's o thruaillidheachd, 
's o dhìteadh ; 's a' foillseachadh a' ghràidh sin, chìteadh 
a shùil làn, agus cha b' ainmig a shileadh iad. Ach 's ann 
gu sònruichte, ann an co-fhaireachduinn ri cloinn na h- 
ath-bhreith ; 'n an àmhgharaibh agus 'n an anmhuinn- 
eachdaibh, a gheibhteadh araon a chaomhalachd, a 
dhìlseachd, agus a ghràdh, ann an spàirn cleachdaimh, 
'g an gairm, agus 'g an tàlaidh a dh' ionnsuidh ionaid 
am fasgaidh agus an suaimhneis. Is ann an so, 
cuideachd, a chìteadh fìor irioslachd agus fìor chaoimh- 
neas, a' cur dreach air a ghnùis a bheireadh fianuis do 
'n anam shàruichte, gu 'n robh an duine ud, e fèin, gun 



AIK MR. R0BISON URRAMACH. 83 

teagamh, air ionnlad ann an tobar a' ghràidh shìorruidh, 
a shuidheachadh aige ann an dearbh uchd a' ghràidh 
shìorruidh, agus e 'g a mhìneachadh 's 'g a mholadh. B' 
urramach, agus bu ghràdhach an scalladh, os ceann 
gach àit eile 's an seasadh e, Mr. Robison, aig ceann 
bòrd an Tighearn ; a chridhe làn, 'anam mar air a 
dhòrtadh a mach t ann am briathraibh spioradail, sèimhe, 
cudthromach, agus e mar ann an làthair a' chroinn- 
cheusaidh, a' moladh agus a' cliùthachadh an Uain. Is 
tric a shaoil sinn gu 'n f huair e an sud, air dhòigh àraid, 
èarlas an òrain nuaidh, 'n a uchd agus 'n a bhilibh ; agus 
a spiorad a' gèilleadh fo chumhachd a sheallaidh air 
ionmhasaibh do-rannsuichte gràidh Dhè ann an Criosd. 
A Mhr. Robison urramaich ! chuir Saor-ghràs an t-urram 
ort 'n ad latha, gu 'n do thionaileadh a stigh leat na caor- 
aich chaillte gu lìonmhor, — gu 'n do bheathaicheadh an 
treud leat ; gu 'n d' altruim thu naoidheana an teaghlaich, 
agus gu 'n d' f hàs iad suas fo 'n ionaltradh, a thugadh 
dhuit as an leth gu a roinn orra. Agus gu cinnteach 
b' e sin do shonas 's an fhàsach. T' f halluinn gu 'n 
tuit air do chloinn 's air cloinn do chloinne ! Gu 'n 
togadh an Tighearna suas do leithide, ann an àm feuma 
aobhair an Rùin shìorruidh, 'n ar n-Eaglais. 

M. M. 



84 



MARBHRANN 



MAEBHEANN 

AIE 

MR. EOIN ROBIS-ON* 



I. 

Tha Bàideanach an diugh fo ghruaim ; 
A teachdair' àillidh thugadh uaip'; 
'S e bhi g 1 a chàradh anns an uaigh ; 
Thug sgeula cruaidh r'a aithris dhuinn. 

ii. 

Ar leam gu 'n cluinn mi sean is òg ; 
Air feadh na tìr', ri gul is bròn : 
Is dhoibhs' d' am b' àbhaist bhi ri ceòl ; 
Cha 'n eòl an diugh bhi aighearach. 

iii. 

Cha 'n ioghnadh 'm bròn ud — 's i a chaill 
An solus àluinn bha gun fhoill, 
Bha tabhairt blàth's dhi agus soills', 
Gu tric rinn aobhneach ; subhach i. 

IV. 

An solus chuireadh gean is sùrd, 
Air luchd a' chridhe bhriste bhrùit', 
Is do 'n fhear-thuruis bheireadh iùl, 
A stiùireadh ceart gu Sion e. 

* Aixt fonn, Is tu mo luaidh, dsc, no fonn 's am bith eile' a 
bhitheas freagarrach. Agus an cois gach rainn fa leth. feudar 
an Luinneag so a sheinn :— 

Far och, is och, is och mo leon ! 

Tha fear mo ruin, an diugh, fo 'n f hoid ! 

Tha fear mo ruin, an diugh, fo 'n f hoid ! 

'S cha teid air ceol, no aighear leam ! 



AIR MAIGHSTIK EOIN ROBISON. 



V. 

Ach theich a nis an reannag shoills', 
Is dh' fhàg sud Bàideanach fo 'n oidhch', 
Och, dh' fhàg sud Bàideanach fo 'n oidhch', 
'S a h-aoibhneas phill gu dubhachas ! 

VI. 

'S cuireadh i uimp' a culaidh bhròin, 
Oir f huair i aobhar nis gu leòir, 
Och ; f huair i aobhar nis gu leòir ! 
Is mheud a leòin cha 'n aithne dhi ! 

VII. 

A Mhaighstir Robison na h-àill' ! * 
Bu ghoirt am buille dhuirm do bhàs ; 
Is iomadh neach do chloinn nan gràs, 
Rinn sud ro-chràiteach, muladach. 

Viii. 

Oir 's tearc iad b' urrainn domh a luaidh, 
Do theachd'ribh treun an Tiomnaidh Nuaidh, 
A rèir mo bheachds', a thigeadh suas, 
Riut fèin a'm buadhaibh urramach. 

IX. 

Bha agad gibhtean aithnicht', treun, 

Is buadhan nàduir bha d' an rèir ; 

Ach thug thu 'm barrachd measg nan ceud, 

An tuigse gheur, 's am breithneachadh. 

x. 

'S a thaobh gach buaidh dhiubh sud gu lèir, 
Bu chuimseach freag'rach iad r'a chèil' : 
Gach aon diubh deanamh gnìomh a dreuchd, 
'S gu grinn le chèil' ag oibreachadh. 

XI. 

Is mairg air gibhtibh dheanadh tàir, 
Tha teachd a nuas o 'n Ti a's Aird', 
Oir ged — dhiubh fèin— nach dean iad stà, 
IS'i cumhachd gràis 'n am beannachd iad. 



86 



MARBHRANN 



XII. 

Oir feuch, na cnàmhan bha 's a' ghleann, 
Bu bheag an stà 's am bladh 's an àm ; 
Ach shèid an anail bhlàth, neo-f hann, 
Is rinn, gu teann, i 'm beothachadh. 

XIII. 

Mar sin a thaobh do ghibhte treun-s', 
Ged nach robh stà annt, mar dhiubh fèin, 
Gidheadh rinn cumhachd gràis dhiubh feum, 
'n là 'n do shèid an anail orr'. 

XIV. 

Seadh, shèid an anail bheò is bhlàth, 

Air t-anam fèin, an tùs do là ; 

'S mu 'n deach thu steach do 'n dreuchd gu bràth, 

Thug Iosa gràs neo-chumant dhuit. 

xv. 

B'e t-àm — 's an uair ud — àm a' ghràidh, 
Tra thuirt e riut, " Bi beò gu bràth ;" 
'S tra " thilg e 'thrusgan ort mar sgàil'," 
A' dortadh 'ghràis mar thuiltibh ort. 

XVI. 

'S e sud thug cumadh ceart is gleus, 
Do d' bhuadhaibh urramach-s' gu lèir ; 
Rinn cneasd' iad riamh an obair Dhè, 
'S mar iolair speurthug siubhal doibh. 

XVII. 

Chuir sud ort maise naomh is snuadh, 
Nach d^fhag a riamh thu fad do chuairt ; 
'n ath-bhreith ghlan, thig toradh buan ; 
Is f huaireadh annads' soilleir sud. 

XVIII. 

Bu mhòr a' bheannachd dhoibh-s' gu lèir, 
A rachadh steach do f hion-lios Dhè, 
Mu 'n gabhadh iad orr' stiùradh threud. 
'S a' cheums' gu 'n leanadh t' eisimplir. 



AIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



87 



XIX. 

Oir ged a bhiodh ac' cuibhrionn gràis, 
'N an dol a mach, gu moch, mar b' àill, 
Theagamh fathast gu 'n tig an ]à, 
Gu 'm faigh sud sàr, nach aithne dhoibh. 

xx. 

'S e 'n tomhas gràis, is gibhte treun, 
A chunnaic Bràithrean annad fèin, 
A thug dhoibh comhairl' chur r' a chèil', 
A chum na dreuchd— gu t-ulluchadh. 

XXI. 

'S ged bha do chothrom mò is gann, 
Cha robh do dhìchioll idir fann ; 
Ghrad thog thu foghlum nach robh gann, 
'S do chùrs', gu teann, ghlan-ruitheadh leat. 

XXII. 

Ach bha m' Fear-saoraidh air do stiùir, 
A' fosgladh 'bhealaich dhuit 's an iùil, 
Is thug e dhuit-s' bhi leantuinn dlùth, 
Gach ceum do 'n iùl a nochdadh leis. 

XXIII. 

Is diomhair ròidean freasdail Dhè, 
A shuidhich e'na rùintibh fèin, 
'S a' chuan gu minic tha a cheum, 
'S e fèin a bheir gu solus e. 

xxiv. 

Co luath 's a dh' fhosgaileadh do bheul, 
Chum soisgeul Chriosd a chur an cèill, 
An àite leanaban deanamh sgèil, 
'S e theireadh 'n treud* gu 'm b Athair thu. 

* Leis an f hocal sin an treud, mar tha e air a ghnathachadh an 
so, agus an iomadh earrann eile do 'n dan, tha r' a thuigsinn, cha 
'n e an coimhthional, ach fior phobull an Tighearna, 'n am measg. 



MARBHEANN 



XXV. 

'S mar theireadh iadsan, amhluidh b' f hìor ; 
Oir 's i an obair ort rinn Criosd, 
Mu 'n deach' thu steach do 'n fhìonain riamh, 
Chuir iomadh bliadhn' a thoiseach ort. 

XXVI. 

Thug sud dhuit aithne ghlan is gheur ; 
Air beath' nan gràs, a'm pobull Dhè, 
Air chor 's tra chuireadh tu i 'n cèill, 
Nach robh do sgeul r'a sireadh leat. 

XXVII. 

Thainig thu mach mar ghaisgeach treun, 
An ainm 's an neart t' Fhir saoraidh fèin ; 
Bu tu an gaisgeach sgairteil, gleust', 
Oir rinn e fèin do dheasachadh. 

XXVIII. 

'S e rinn deasaicht' thu is gleust' 
Chum lagh is soisgeul chur an cèill ; 
'S gach aon diubh sud 'n a àite fèin, 
Gun troimh-a-cheiV ', gun mheasgachadh. 

XXIX. 

Och, b' òrdail, soilleir, sultmhor, rèidh, 
Dheanadh tu 'n làimhseachadh le chèil', 
lonnus gur neach gun tuigs', gun chèill, 
Nach deanadh feum no toradh dhiot. 

xxx. 

Is thugadh gibht' dhuit, mar an ceudn', 
Air samhlaibh dìomhar leabhair Dhè, 
Bhi deanamh iomraidh ghlain is rèidh, 
'S bhi nochdadh 'm feum gu soilleir dhuinn. 

XXXI. 

Seadh, nochdadh mach leat brìgh is feum, 
Gach samhl' is cosmhuileachd gu lèir, 
'S mheasadh iad sud leat mar a' chèis, 
'S e 'n seud bha 'n stigh, a leanadh tu. 



AIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



XXXIII. 

Ach thaobh gach fìrinn chuir thu 'n cèill, 
'n leabhar bheannaicht' ud gu lèir, 
Bu shoilleir aithnicht' e do 'n treud, 
Gu 'n d' fhuair thu fèin orr' faireaehadh. 

XXXIII. 

'S maille ri faireachadh is lèirs', 

Bu mhòr do bhreithneachadh 7 's bu gheur, 

An nithibh dìomhair Spiorad Dhè ; 

Oir bha e fèin 'n a sholus duit. 

xxxiy. 

Gu h-àraid anns an t-soisgeul shìor, 
Mar ann an sgàthan, soilleir, fìor, 
Chunnaic thu glòir is àillteachd Chriosd, 
B' e fèin a' ghrian a dhealraich ort. 

XXXV. 

Chunnaic thu 'n sud, le gnùis gun sgàil, 
'S e glòir a phears' is glòir a bhàis ; 
Seadh, glòir a chumhachd is a ghràis, 
Is glòir na slàint' a choisinn e. 

xxxvi. 

'S tra bhiodh tu 'g iomradh glòir na saors', 
— Mar thàrladh roimhe so do Mhaois — 
Bha cuid, aig uairibh, leis 'n do shaoil, 
Gu 'm fac iad t-eudan lasadh leath. 

XXXVII. 

Is truagh iad chuireas eòlas fuar, 
An àit an t-soluis tha o shuas, 
'S a ghabhas orr' bhi teagasg sluaigh, 
Le luaidh na sgèil nach aithne dhoibh. 

XXXVIII, 

'S fìor, gu 'm feud eòlas nach bi gann, 
Is tomhas foghluim bhi 's a' cheann, 
Seadh, 's feudaidh teangadh ealant, theann, 
Bhi ac', 's an àm, chum'Iabhairt leo. 



MARBHRANN 



XXXIX. 

Abair gur guthaich iad ro-bhinn, 

'S gur glan tha'n t-searmoin ac' 'n an cuimhn', 

Is air a snaidheadh leo co ghrinn, 

'S ged shinteadh ruinn an locair oirr'. 

XL. 

Ach cia-mar, idir, ni iad luaidh 

Air soisgeul Chriosd, 'n a ghlòir 's 'n a bhuaidh, 

Le tuigse dhuirch, is cridhe cruaidh, 

Is coguis thruagh gun mhothachadh. 

XLI. 

Oir ged ni 'n dall air dathaibh sgeul, 
Am maise riamh cha 'n f hac e fèin ; 
'S ged bheirear bruidhean as an eun, 
Cha tuig e fèin 'n a theirear leis. 

XLII. 

Is mar bha t' eolas, b 1 amhluidh t' eud, 
'S bu ghrinn a chòrd iad sud r' a chèil' ; 
Bha t' eòlas deanamh mach nan ceum, 
Is t'eud, gu teann, bha siubhal annt'. 

XLIII. 

Is faoin an t-eòlas tha gun eud, 
Mar sholus eugnaidh fuàr na Kè. 
Ach 's mòr an cunnart, mar an ceudn', 
Tra ghabhas eud an toiseach air. 

XLIV. 

Ionann 's mar luing air chuan gun stiuir, 
Le onf hadh gaoith, gu h-àrd, 's na siìùl ; 
'S e 'n cunnairt — 'n àit bhi ruith a ciirs', 
Gu 'm bris 'n a smùr air creagaibh i. 

XLV. 

Ach bitheadh eòlas air an stiìiir, 
Is bitheadh eud mar ghaoith 's na siu.il, 
'N sin ruithidh 'n long gu rèidh a cùrs', 
Is stiùirear ceart gu caladh i. 



AIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



XLVI. 

Ach cuiream m' fhianuis air do threud, 
Is air na chual a riamh do sgeul, 
Mur robh thu dian air taobh do Dhè, 
Is eudmhor anns na theireadh tu. 

XLVII. 

'S mar chaidh thu mach an ainm do Dhe, 

Bha esan leat ri fad do rè ; 

Is feartan tlàth a Spioraid fèin, 

Mar drùchd nan nèamh bha sileadh ort. 

XLVIII. 

Bu tric a leughtadh ann do ghnùis, 
Is tre do theagasg, sileadh 'n drùchd' ; 
Bhiodh deòir na leaghtachd ann do shùil, 
'S bu chùbhraidh, glan, na theireadh tu. 

XLIX. 

Bha 'n dealt ud sileadh ort-s' gu dlùth, 
là gu là, ri fad do chùrs ; 
'S e sud rinn riamh thu beothail, ùr, 
'S a chum ro-dhldth ri d' oifig thu. 

L. 

Is mar fhear-labhairt, 's tu bha glèust', 
Ro-ealant', faobharach, is geur, 
Sòluimnte, sòlasach, is sèimh ; 
Gun ri do sgeul, bhi fadalach. 

LI. 

Their iomadh leam-s' e, measg an t-sluaigh, 
Gu 'n d' f huair thu gibht' is comas luaidh, 
Araon bha taitneach do na chluais, 
'S a bhuaidhaicheadh air cridheachaibh. 

LII. 

Bu tric a fhuair thu pailteas saors', 
An deanamh luaidh air nithibh naomh' ; 
Ach f huair thu ciall bhi 'cleith do dhaors', 
'S bhi seirm, gu saor, an t-soisgeul dhuinn. 



MARBHRANN 



LIII. 

Bha agad innleachd thar nan ceud, 
A thaobh gach f ìrinn chuir thu 'n cèill, 
Bhi labhairt sud ri tuigs' an treud, 
Is mar an ceudn', ri 'm faireachduinn. 

LIV. 

Ach 'n àit bhi cumadh focail Dhè, 
Ri beachd no faireachduinn an treud, 
Nochdadh tu 'm focal dhoibh gu lèir, 
Mar riaghailt Dhè do 'n fhaireachduinn. 

LV. 

Ach b' e mo bheachd-s' ort, iomadh uair, 
Gu 'n robh an f hìrinn bhiodh tu luaidh, 
A' tighinn uait-s' le smachd is buaidh, 
Nach cualadh leam aig iomadh neach. 

LVI. 

Oir rèir nan nithe bhiodh tu luaidh, 
Chiteadh 'n a t-eudan faoilt' no gruaim ; 
'S bha sud a' faighinn tuilleadh buaidh, 
Air cridhibh 'n t' sluaigh bha feitheamh ort. 

LVII. 

Is fìor, nach faigh am focal buaidh, 

A dh' aindeoin achd an tèid a luaidh, 

A dh' easbhuidh cumhachd Dhè nan sluagh, 

A bhi, 's an uair', 'g a chuideachadh. 

LVIII. 

Ach far 'n do chuir e roimhe fèin, 
A bhi le 'shoisgeul deanamh feum, 
'N sin bheir e deasachadh is gleus, 
Do 'n Inneal, rèir na h-oibre sin. 

LIX. 

'S tha cuid tre m' beannaich e an sgeul, 
A chionn gu 'n d' chuireadh iad leis fèin ; 
Ach cuid, 's cha dean e leo-san feum, 
Oir ruith iad fèin, 's cha d' chuireadh iad. 



AIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



LX. 

An cur an t-soisgeil leat an cèill, 
Gheibheadh am peacach, 's leanabh Dhè ; 
'S gach seòrs fa leth am measg an treud, 
An cuibhrionn fèin, mar bhuineadh dhoibh ; 

LXI. 

Eis a' pheacach bhitheadh tu geur, 
A' cur a chunnairt dha-s', an cèill ; 
'S a' deanamh mach o leabhar Dhè, 
A chiont, is 'fheum air teasairginn. 

LXII. 

Ach 's tu a thagradh ris gu dian, 
A chum a tharruing dh' ionnsuidh Chriosd, 
'S a chum a ghlacadh leat mar iasg, 
Gun dàil, an lìon a shoisgeul-san. 

LXIII. 

Bha cuid a shaoil — na 'm b' e 's gu'm b'f hìor, 
Gu 'n tugadh nàdur gaol do Chriosd — 
Gu 'n tàlaidh' tus iad, le do rian, 
Gu miannachadh dol maille ris. 

lxiv. 

'S tu chuireadh sgaireachduinn ro-gheur, 
Eadar an cealgair 's leanabh Dhè, 
A' deanamh soilleir dhoibh le chèil', 
Gach ceum d' an eadar-dhealachadh. 

LXV. 

Cha d' chuireadh riamh leat mòr do 'n ìiiri, 
No neart do theagaisg, air a chùis ; 
Gheibheadh an cealgair uait a chlù, 
Ach 's tu nach biodh fada ris. 

LXVI. 

Oir mheasadh leat-s' mar f hìrinn dhearbht', 
Gur ionann peacach 's fear na ceilg ; 
'S gu 'n robh gach neach dhiubh fo'n aon f heii 
Is sheirmeadh tu an soisgeul dhoibh. 



MARBHRANN 



LXVII. 

Ach b' e do dhùrachd, air gach dòigh, 
Do chlannaibh Dhe, bhi toirt an lòin ; 
Bhi toirt an sàth, do 'n aran bheò, 
A dh' òrduicheadh le 'n athair dhoibh. 

lxviii. 

Bu tric chuir sealladh dheth an gnùis, 
Gun dàil, air t-anam, fonn is sùrd ; 
Bhiodh deòir an aoibhneis ann do shùil, 
Is faoilt' do ghnùis a' lasadh riu. 

LXIX. 

'S tra rachadh steach thu 'n ceann na sgitiil, 
'N sin chìteadh beothachadh 's gach sùil, — 
'N sin chìteadh aighear air gach gnùis, 
Mar ùraileachd an earraich orr'. 

LXX. 

Ach 's tu a labhradh riu gu caoin, 
Mar neach bha ceangailt' riu an gaol ; 
'S bu tric f an comhar f huair tha saors', 
A' sgaoileadh mach dhoibh t'f haireachduinn. 

LXXI. 

Cha b'e do thlachd, mar chuid 's an là, 
Bhi lot' no bruanadh chloinn' nan gràs, 
No rùsgadh 'n laigsean 'm fìanuis chàich, 
'S a' tabhairt sàthaidh leth taoibh dhoibh. 

LXXII. 

Ach labhradh tu ri cor gach seòrs', 
'N am measg-san uile thugadh beò, 
A rèir gach cneadh bhiodh orr' is leòn, 
Is b' eòl duit ciod a theireadh tu. 

LXXIII. 

— Labhradh tu ris an anam leònt', 
Gu caomh, 's gu tairis, mar bu chòir, 
'G 'a sheòladh, air son neirt is treòir, 
Gu Leighich glòrmhor Ghilead. 



AIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



LXXIV. 

— Labhradh tu ris an anam fhann, 
A' toirt dha misneich nach bu ghann, 
'S cha shaoilteadh nis gur h-e a bh' ann, 
Ged 's gann gu 'n robh an anail ann. 

LXXV. 

— Labhradh tu ris an anam sgith, 
A' cur an ceill da fois is sìth, 
'S a' tabhairt sgeula dha mu 'n tìr, 
Anns nach eil sgìos no an-shocair. 

LXXVI. 

— Labhradh tu ris an anam thruagh, 
D' an cràdh 's d' an gearan cridhe cruaidh, 
As-creidimh, 's f àsaidheachd ro-bhuan, 
Gun bhuaidh aig lagh no soisgeul air. 

LXXVII. 

D' am faireachadh — ma f huair e gràs — 
Gu 'n shearg gach.toradh bh' ann is blàth 
Ach tre do theagasg tairis, tlàth-s' 
Bhiodh coslas blàthan fathast air. 

LXXVIII. 

— Ach labhradh tu ri cloinn a' bhròin, 
'S ri bochdaibh Shioin du gach seòrs' ; 
Is sheinneadh tu — 's ann duit a b' eòl, 
An ceòl a dheanadh subhach iad. 

LXXIX. 

— Sheinneadh tu'n ceòl a chuireadh fonn, 
Air cridhibh airsnealach is trom, 
Is ris an deanadh 'n t-anam fann, 
Seadh, danns' s' an àm gu h-aighearach. 

LXXX. 

Bha agad toiseach air an treud, 

An doimhneachd faireachduinn is lèirs', 

Is labhradh tu gu soilleir, reidh, 

Ri cor, is feum, gach anam diubh. 



MARBHRANN 



LXXXI. 

Ach ris an anam bhochd bha 'n sàs ; 
Is, mar leis fèin, an deigh chàich, 
Bha annad truacantas neo-ghnàicht, 
'S cha 'n f hàgadh tu air dheireadh e. 

LXXXII. 

Oir tra theid ainmhidh fòdh' a'm blàr ; 
Cha 'n e bhi leagadh air nan stràc, 
A bheir a chaoidh e as an t-sàs ; 
'S ann dh' fhàsgas sud gun tapadh e. 

LXXXIII. 

Ach spìonar fraoch, is gearrar fàil, 
'S cuirear fo 'chosaibh sud gun dàil : 
'N sin ni 'n t-ainmhidh bochd ud spàirn, 
Is sud ; 's a' bhlàr ; 'n a sheasamh e. 

LXXXIV. 

Tha cuid chaidh dheanamh ealant', gleust' ; 
Air lagh is soisgeul chur an ceill ; 
Is cuid, d' an gibht' bhi deanamh sgèil, 
Air coraibh geur na faireachduinn : 

LXXXV. 

Ach 's e mo bheachd-sa ; na f huair le'irs', 
Gu 'n aidich leams', 's gu 'n cuir an cèill, 
Gu 'n robh gach buaidh dhiubh sud le chèii', 
'S ann anad fèin a' coinneachadh. 

LXXXVI. 

Bu chòmhnard, seasmhach, thu 'n ag ghluas'd 
Bu chiallach, faicilleach, 's bu stuam ; 
Seadh, b'fhaoilteach, fearail, thu, 's bu shuairi 
'S cha chuireadh gruaim ach peacadh ort. 

lxxxvii. 

Cha d' leig thu as do shealladh riamh, 

Gu 'm bu tu Oglach 's Teachdair Chriosd ; 

Is choisinn sud duit meas is fiamh, 

'S gach cuideachd riamh 's an suidheadh tu. 



AIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



LXXXVIII. 

'S bu mhòr a' mhais e air do sgeul, 
Gu 'n robh do ghluasad riamh d'a rèir ; 
'S bu ghrinn a chòrd iad sud r' a chèil' 
Mar cheum is làmh a' chuireadair'. 

LXXXIX. 

Gun teagamb, bheannaich Dia nan gràs, 
Gu saoibhir pailt do shaothair ghràidh ; 
Bidh iomradh oirr' ri fad ar là, 
Is cluinnidh 'n t-àl nach d' rugadh uimp'. 

xc. 

Is iomadh anam fhuair dhi feum, 
'S a chuireadh o 'm faireachadh 'n cèill, 
Gu 'n robh, gun teagamh, cumhachd Dhè, 
'Cur èifeachd bha neo-chumant' innt'. 

xci. 

B' e Criosd gu sònruicht' brìgh do sgeòil ; 
'S ann air a cheann-san 'chuir thu 'n crìm 
'S o thug thu dha-s' a' ghlòir s' an cliù, 
Thug esan gnùis do t' obair-san. 

xcn. 

Is chuir e comain ort, 'n a ghràdh, 
A chum do sholus riut gu slàn, 
A riamh gu àm, is uair, do bhàis ; 
'S e sud 'n tra smàl a' choinneal as. 

XCIII. 

Tha luchd an f hoghluim 'cur an cèill, 
A thaobh na gealaich is nan reul, 
Gu 'm bheil an solus ac' o 'n ghrèin. 
Tra tha i fèin a 'm folach uainn. 

xciv. 

Bha thusa soilleir, glan, mar reul, 
A' tabhairt soluis fad do rè ; 
Ach bha do sholus-san gu lèir, 
neart na grèin' a dhealraich ort. 



MARBHRANN 



XCV. 

Ach tha thu nis 's na speuraibh shuas ; 
Oir 'n reul chaidh as an t-sealladh uainn, 
'S ann 'dhealras i le tuilleadh buaidh, 
An speuraibh buan na bith-bhuantachd ! 

xcvi. 

Seadh, dealraidh si le barrachd soills', 
'S na speuraibh ud nach faic an oidhch' ; 
'S na speuraibh chaoidh nach faic an oidhch', 
Thaobh soills' na grèine maireannaich ! 

xcvn. 

Do d' thaobhs' cha dean sinn gul no bròn, 
— Na 'n rachadh leam, 's e dheanainn ceòl — 
Oir 'm bàs bha dhuit-s' 'n a bhuannachd mòr, 
'S co dheonaicheadh gu 'm pilleadh tu ? 

XCVIII. 

Ach ged bu bhuannachd dhuits' am bàs, 
Dhuinne bu chall e, 's b' aobhar chràidh : 
Oir ann ar Sion rinn e bearn, 
Nach slànaichear an cabhaig dhuinn. 

xcix. 

Abair gu 'm faighteadh neach 's an uair, 
A sheirmeadh 'n soisgeul glan do 'n t-sluagh, 
Ach c' àit am faighteadh, 'n deas no 'n tuath, 
'S e Mhagistir buadhach Ròbìson f 

C. 

Cha 'n ioghnadh cridhe gort is fann, 

Bhi aig do Bhantraich, is do chloinn, 

Is bròn nach dealaich riu gu teann ; 

Oir dhoibhs' bu Cheann nam beannachd thu. 

cr. 

Ged f huair do bhantrach iomadh bliadhn', 
Do d' chomunn brìgheil, blàth, is dìon, 
'S e theireadh i umad aig a' chrìoch, 
11 Nach lughad pian an dealachduinn." 



AIR MÀIGHSTIR EOIN ROBISON. 



CII. 

Ach cuireadh iadsan uil' an doigh, 
Ann am Fear-saoraidh, thug an leòn, 
'S thug esan dhachaidh uath' gu glòir ; 
'S fa-dheoidh bithidh iadsan maille ris. 

cm. 

Air feadh gach àit an robh do chuairt, 
— Oir bha ort meas an deas 's an tuath — 
Bithidh do bhàs 'n a naidheachd chruaidh, 
A measg gach sluaigh bha taghal ort. 

CIV. 

Bithidh pobull Ghatt, is dhuttìch Mhic-Aoidh, 
Is Eilein Bhòid, gu lèir ri caoidh ; 
Ach Baideanach — ciod nis a ni ? — 
Bu ghorta dhise 'n t-saighead ud ! 

cv. 

Tha iomadh innt-se 'n diugh ro-chiùirt' 
A chionn nach faicear leo do ghnùis, 
'S nach cluinn iad tuilieadh 7 'n inneàl-chiùil, 
'S a' chùbaidh 'chuireadh aighear orr'. 

cvi. 

Tha cuid dhiubh dh' aidicheas ri 'm beò, 
Gu 'n robh iad uair-eigin 's a' cheò, 
Is gur h-e teagasg grinn do bheòil-s', 
Thug eòlas air an t-soisgeul doibh. 

CVII. 

Is och, a chuideachd — 's goirt an ni, 
Bhi faicinn naoidheanan dol dhìth ! 
'S a 'm beul bhi spìonadh mach na cìch, 
Tra shìneadh iad air taghal rith' ! 

CVIII. 

Ach as na naoidheanaibh ta fann, 
Dia gu 'n gabh cùram anns an àm ! 
Gu 'n nochd e tròcair dhoibh nach gann, 
'S gu 'n roinn e fein an t-aran doibh ! 



MARBHRANN 



CIX. 

'S gu 'n deònaich e bhi pailt 'n a ghràs, 
Do 'n teachdair chaomh tha nis 'na t' àit ; 
Gu 'n dean e feumail e 'n a là ; 
'S gu h-àraidh dhoibhs' 'n a Bhan-altruim ! 

cx. 

Tha cuid f huair naidheachd chruaidh do bhàis ; 
Mar shaighead gheur dol annt' an sàs ; 
A' ruigsinn steach gu smiòr nan cnàmh ; 
'S a' gabhail tàimh ro-mhaireann annt'. 

CXI. 

'S e th' ac'-sa 'm bròn nach tiormaich trà, 
Cha 'n ann mar bhròn no tuireadh chàich, 
Rè tamuill dh' èireas suas gu h-àrd, 
'S cha luaith' a bha — no shiubhail e. 

CXII. 

Ionann 's mar dhrùchd na h-oidhch' air sliabh, 
Ri maduinn ehiùin, mu 'n d'èirich grian ; 
Ghrad-theich e mar nach robh e riamh, 
Tra thilg a' ghrian a gathan air. 

CXIII. 

Mar sin ni cuid, rè tamuill bròn ; 
Ach coinnicheadh aighear riu is ceòl, 
'S gach ni a thaitneas ris an fheòil — 
Sud uath' am bròn ! 's cha 'n fhaighear e. 

cxiv. 

Ach feuch, an t-uisge frasach, trom, 
Cha ghabh e tàmh mar sud air thom ; 
Ach theid e domhain anns an f honn, 
'S mar 's doimhne, 's ann a's maireannaich'. 

cxv. 

Mar sin aig cuid, tha 'm bròn-s' a' fàs, 
'N uair tha e teireachduinn aig càch ; 
Is 's e bhi teireachduinn aig càch, 
Tha tabhairt sàthaidh leasaich' dhoibh ! 



AIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



CXVI. 

'S o chualadh leam-s', an tùs mo là ; 
Do theagasg buadhach, cùbhraidh, tlà, 
Thug thu am barrachd dhomh air càch, 
A measg nam bràithrean urramach. 

CXVII. 

A'm aignibh 'n uair sin, fhuair thu àit ; 
'S cha deach' thu asd' ri fad do là, 
'S o thugadh dhachaidh thu le bàs, 
Tha t-àit-se fathast falamh annt. 

CXVIII. 

Ghlan chreid mi gu 'n robh ceangal dian 
Aig m' anam ruit, mar theachdair Chriosd : 
Ach cha do chreid mi e bhi riamh, 
Cho dian, 's an dèigh an dealaehduinn. 

CXIX. 

'S na 'm bitheadh ni ann dheanamh nèamh, 
Dhomh fèin na b' iarrtanaich' na chèil', 
— A mach o chomunn sìor mo Dhè, — 
'S e thusa fèin bhi romham ann. 

cxx. 

Chuir iad do dhuslach dlùth do 'n àit' 
'S an robh do sheasamh iomadh là ; 
'S mar bha do bheath', tha nis do Tbhàs, 
Gach Sàbaid deanamh teagaisg dhoibh. 

cxxi. 

Tha cuid, gun teagamh, a bheir sùil, 
Le cridhe trom, is spiorad ciùirrt', 
Gu minic, air a' mhìr do 'n ùir, 
Tha cùbhraidh dhoibh, o luidh thu ann. 

CXXII. 

'S nach cluinn mi neach-eigin dhiubh luaidh, 
Mar so, ris fèin, os ceann na h-uaigh' ; 
11 Och dh'fhalbh a nis gach dreach is snuadh, 
'n eudan uasal, f hearail ud ! 



MARBHRANN 



CXXIIJ 

" Och, cas no làmh an diugh cha ghluais, 
Tha iad 'n an tàmh, fo smachd na h-uaigh' ! 
Cha labhair beul 's cha 'n eisd a' chluais, 
'S cha chluinnear fuaim fìr-tuiridh leath 1 ! 

cxxiv. 

" Tha 'n t-sùil bha soilleir, beò, is blàth, 
'S gu tric chuir faoilt' air cloinn nan gràs, 
— An t-sùil tre 'n leughtadh 'n cridhe tlàth, — 
Fo sheul a' bhàis, 's cha 'n f hosgail i ! 

cxxv. 

" An teangaidh uair-eigin bha gleust', 
A' cur an t-soisgeil dhuinn an cèill, 
Tha nis i ceang'lt' fo ghlas an eig, 
'S cha dean i sgeula tuilleadh dhuinn ! 

cxxvi. 

" Och, a luchd-àiteachaidh na h-uaigh' ! 
'n d'fhalbh gach àilleachd nis, is snuagh, 
'S ann oirbh a luidh an tosdachd bhuan ! 
! c'uin a ghluaiseas idir sibh ! 

cxxvii. 

" Coidlidh an durrag anns an ìiir, 

Is gabhaidh 'chuileag fois an cùil, 

Ei doinninn gheamhraidh 's gaillionn dhlùth ; 

Ach dùisgear leis an earrach iad. 

CXXVIII. 

" Ach c'uin 'thig earrach thogas suas, 
Luchd-còmhnuidh thosdach chiùin na h-uaigh ? 
! c'uin a dhùisgear iad à 'n suain ? 
Is fada, buan, an codal e ! 

CXXIX. 

" Eiridh duilleach fathast air ghèig, 
Ged 'eil an diugh i lom gun sgèimh ; 
Is pillidh grian an astar speur, 
An ddigh dhol as an t-sealladh uainn. 



ÀIR MAIGHSTIR EOIN ROBISON. 



103 



cxxx. 

" Ach c'uin a chithear orr'-san sgèimh, 
An diugh tha seargt' fo làimh an èig, 
! c'uin a thig na gathan grein', 
Bheir èirigh dhoibh o 'n leabaidh ud ! 

cxxxi. 

" Seadh, pillidh blàth's an dèigh an f huachd, 
Is pillidh là 'n dèigh oidhche bhuan ; 
Ach c'uin a bhriseas là air uaigh, 
'S a h-oidhche bhuan theid thairis uaip' ?" 

CXXXII. 

Ach anam ! — coisg do thuireadh truagh ; 
Oir brisidh fathast là air uaigh, 
Roimh 'n teich gu sìor a h-oidhche bhuan, 
'S gach gruaim a riamh bha ceaugailt' rith'. 

CXXXIII. 

Is èiridh 'dhuslachsan a suas, 
Os-ceann 'n do ghuil thu iomadh uair, 
Le tuilleadh àilleachd, mais', is buaidh, 
No ged, 's an uaigh, nach luidheadh e. 

cxxxiv. 

Is Uaigh ! lean thus' a mach an diugh do bhuaidh, 
Oir f huair thu cead o Righ nan sluagh ; 
Seadh, imich romhad, lean do bhuaidh, 
Is sluig-sa suas na fineachan. 

cxxxv. 

Ach as do chumhachd na dean uaill, 

Oir ged is maireann da, cha bhuan, 

Oir, chean', thug Gaisgeach treun nam buadh, 

A mach a' bhuaidh gu suthainn ort. 

cxxxvi. 
Is ànn-san togar suas a mhairbh, 
'N an cuideachd ghlòrmhor — 's iad a sheilbh 
'S an teanga tuilleadh cha bhi balbh, 
Oir dh' fhalbh gach ni a cheangail iad. 

/A6 verses- 



RAINN 

A 

RINNEADH LEIS AN UGHDAIR 

AIR A 

THUEUS DO EILEAN H-IOETA 

ANNS a' bhliadhna 1822. 



AN ROIMH-RADH.— Chuireadh narainn aleanas r' 
a chèile, leis an Ughdair rè a cheud thuruis do Eilean 
h-Iorta 's a' bhliadhna 1822. Anns an Dàn, tha e a' 
deanamh iomraidh aira'chùram a mhothaichemu staid 
an t-sluaigh ; mu'n d' fhuair e gairm dol g' am faicinn. 
Ach air dha gairm f haotainn o 'n Chuideachd an Dun- 
èidin a tha chum sgaoileadh Eòlais Chriosd feadh 
Ghàidhealteachd na h-Alba ; ghabh e a thurus gun dàil. 
Agus anns anDàn tha e a'cur sìos mar ghabh an sluagh 
ris agus ri a shaothair'n am measg, re ochd-là-deug: — 
saothair tha e ag earbsadh a bheannaich an Tighearn do 
chuid do 'n t-sluagh. Bha e o 'n uair sin, trì chuairt 's 
anEilean. Agus bha toileachas-inntinn aige gach cuairt 
dhiubh sin ; ann bhi fiosrachadh an t-sluaigh. Ach 's 
ann air a cheud turus a tha an Dàn a' deanamh iom- 
raidh. 



TURUS AN UGHDAIR 

DO 

E I L E A N H-I R T A. 



I. 

Air toirt leam smuain air an Eilean, 
Tha fad o gach fearann mu 'n cuairt ; 
Ghrad-dhùisg mo chùram 's mo mhulad, 
Ri cuimhneachadh cunnairt an t=sluaigh. 

ii. 

Tha iad mar chaoraich gun bhuachaill, 
An nochdas dhoibh cluaine no iùl ; 
'S do mhilleadh sìorruidh tha buailteach, 
Och, 's cruachasach cianail an cùis ! 

iii. 

No mar an luing th' air a luasgadh 
Le garbh-thonnaibh cuain, 's i gun stiùir ; 
Gun f hios ciod an taobh gus an gluais i, 
No 'm buail i air creagaibh 'n a smùir ! 

IV. 

An cor mar sin tha ro-bhrònach ; 
Tha 'd buailteach do dhòruinn gun chrìoch 
Gun neach ann idir bheir còmhnadh, 
'S a nochdas an ròd dhoibh gu Criosd. 

E 



TURUS AN UGHDAIR 



Abair, tha cùmhnant nati gnìomh ac', 
No iarmad, co-dhiubh, dheth 'n an gnè ; 
Is sud an stèidh air an iarr iad, 
Gu 'n tugadh an Tighearn dhoibh spèis. 

VI. 

Ach tha iad bàitht' ann am fiachaibh 
'S an gnìomhran 'n an luideagaibh breun ; 
Is as a' chùmhnant cha snìomh iad, 
An deilbhidh bheir dìon dhoibh no sgèimh. 

VII. 

Thug briseadh 'n lagha 's a' Ghàradh, 
Sliochd Adhaimh fo 'n mhallachd gu lèir, 
Fo chumhachd peacaidh is Shatain, 
Is fo 'n bhàs a bhagradh mar phèin. 

VIII. 

Am bàs a leag sinn co ìosal, 
'S nach d' fhàg againn iarrtus no treòir, 
Gu pilleadh chaoidh ris an Tighearn, 
Mar thobar an f hìor-uisge bheò. 

IX. 

Tha againn sùilean — 's cha lèir dhoibh ; 
Is cluasan — 's cha 'n èisd ris a' chòir ; 
7 S cridheachan cruaidh', th' air an seuladh, 
Fo chumhachd an Eig — gu ar bròn ! 

x. 

Oir theich, gun dàil, uainn an Tighearn, 
'N tra chreid sinn an diabhul 'n a àit ; 
Is dh'-f halbh, an sin, a bheath' dhiadhaidh, 
Is rìoghaich am peacadh chum bàis ! 

XI. 

'S ann a tha nis sinn mar chnàmhaibh, 
A dh' f hàgadh tur-sgaoilteach 's a' ghleann, 
Ged thigeadh gu chèil' iad an òrdugh, 
Fathast anail bheò cha 'n 'eil annt'. 



DO EILEAN H-IORTA. 



XII. 

Gidheadh, ged a chaili sinn ar comas, 
Air obair a dheanamh do Dhia, 
Cha ghabhar sin uainn mar ar lethsgeul ; 
A chòir-san tha seasmhach gu sìor. 

XIII. 

Oir, 's ann a mhill le ar toil sinn, 
Gach comas a fhuair sinn o Dhia; 
Is thug sinn thairis gu slàn iad 
Do Shatan 's d' a obair gu dian. 

XIV. 

Is chionn ar ciont' is ar n-eucoir, 
Mar thrèigeadh leinn Tighearn nan sluagh, 
'S nach tugamaid urram no gèill dha, 
Thainig binn lagh' Dhè oirnn a nuas ; 

xv. 

A dh' f hàg e gu lèir sinn fo 'n mhallachd, 
Gun chòir bhi air beannachd no truas ; 
Ach dhruid a suas sinn fo 'n chorruich, 
'S fo dhoinninn na feirg' tha do-luaidh ! 

XVI. 

'S am bàs ud luidh air na h-Iortaich 
— Oir co a chaidh as uaith fo ghrèin ? — 
Is rinn an cùis-san ni 's measa, 
Bhi gun aithne', gun f hios air ; iad fèin. 

XVII. 

An cor, gun teagamh, is truagh e ; 
Gun neach ann a luaidheas an sgeul, 
O chian, am Betlehem 'chualadh, 
Le buachaillibh faire an treud. 

XVIII. 

Sgeul a mhòir-aoibhneis do dhaoinibh, 
Gu' 'n d' thàinig Fear-saoraidh do 'n f heòil, 
A chosnadh beath' agus saorsainn, 
'Ni 'n saoradh 's an tabhairt gu glòir. 



TURUS AN UGHDAIR 



XIX. 

'M bheil sinn gun choire 's gun diteadh V 
'S an sluagh ud dol dìth fa ar còir, 
Mur seirm sinn soisgeul na sìth' dhoibh, 
Mar 'n innleachd tre 'n tigeadh iad beò. 

xx. 

'S fìor, chaidh an àirearah an tainnead, 
thainig an galar mar sgiùrs, 
A thug luchd-cuain leo do 'n Eilean, 
Is nach d' f hàg dhiubh fear as an triùir. 

XXI. 

Air ged chaidh 'n àireamh an tainnead, 
Cha lughad an t-anam 'n a luach : 
Tha còrr ann 's cùig-fichead anam ; 
'S co chanadh nach air' iad air truas ? 

XXII. 

Bu cridhe cruaidh mar an ailbhinn, 
Nach leaghadh, 's nach fair'cheadh ri 'n càs ! 
Och, gun sgiathaibh a' Cholumain : 
'S mi dh' f halbhadh air iteal gun dàil ; 

XXIII. 

Ghiùlaininn ocras is cruadal, 

Is cunnartan cuain agus gaoith' : 

A chionn gu 'm faicinn an sluagh ud : 

'S gu 'n luaidhinn dhoibh naidheachd na sìth. 

XXIV. 

An naidheachd ait agus aoibhneach, 
Do oighreachaibh ifrinn 's a' bhàis ; 
A bheireadh beath' dhoibh, is saoibhreas, 
Seadh, oighreachd nach teirgeadh gu bràth. 

XXV. 

Gu bheil Iehobhah 'n a ghaol duinn, 
— 'S is gaol e, nach gabh cur an cèill — 
Ann an Criosd mar ar Fear-saoraidh 
A rèiteach an t-saoghail ris fe'in. 



DO EILEAN H-IORTA. 



XXVI. 

Is co nach seirmeadh an naidheachd, 
èirigh gu luidhe na grèin' ? 
co, ach esan nach d' f hairieh, 
'S nach d' aithnich a cumhachd e fèin ! 

XXVII. 

Is mòr an t-ioraart 's an t-saothair, 
Gheibhear aig cloinn-daoin' anns gach àl, 
A' tional ionmhasan saoghalt' ; 
'S air 'n ionmhas nach caochail, cur tàir'. 

XXVIII. 

Thèid cuid dhiubh astar air chuantaibh ; 
'S air thurusaibh buan', o nach pill : 
A dh' iarruidh ionmhais nach buan doibh, 
Is gu 'n luathachadh fèin do 'n chill I 

XXIX. 

C' uime nach bithinn-s' co eudmhor, 
'S tha iadsan tha 'n dèidh air an òr ? 
'N gnothuch gun teagamh ni 's feumail', 
Is gu 'n abradh Beuson, gu 'm chòir. 

XXX. 

Seadh, ann an gnothach Fir-saoraidh, 
A ghràdhaich clann-daoine gu bàs, 
Is bheir an saoibhreas nach caochail, 
Tra theid saoibhreas 'n t-saoghail 'n a smàl ! 

XXXI. 

Air dhomh mar so bhi fo chùram, 
Mu thimchioll na cùis' anns an àm, 
Cha b' fhad tra fhuair mi mo dhùrachd, 
Le cothrom is iùl gu dol ann. 

XXXII. 

Oir ris an Tighearn bha m' ùrnuigh 

A thaobh meud mo chùraim mu 'n t-sluagh ; 

Gu 'n deanadh Esan mo stiùradh, 

Gu ionad mo dhùrachd 'n a thruas. 



110 



TURUS AN UGHDAIR 



XXXIII. 

Tha Cuideachd urramach, ainmeil, 
'N Dun-èidin, tha dearbhta 'n an eud, 
Is bha riamh feumail, mar dh' earbtadh, 
Feadh Ghàidhealtachd Alba gu lèir. 

xxxiv. 

A bha ri dìchioll 's ri saothair, 

Gun chlaonadh 'n an eud, no 'n an truas, 

A chum eòlas an Fhir-shaoraidh 

A sgaoileadh, rèir uireasbhuidh 'n t-sluaigh. 

xxxv. 

Is chionn an truais ris na h-Iortaich, 
'S an cridhe bhi fosgailt' d' an càs, 
Thug iad dhomh gairm dol do h-Iorta, 
A dh' f hiosrachadh cuideachd an àit. 

xxxvi. 

Seadh, 's a shearmonachadh 'n t-soisgeil 
Mar an sin, gun cheist, bh' orr' a dh' fheum ; 
'S gach meadhon, òrduicht' a chleachdamh, 
Chum beachd a thoirt dhoibh agus lèirs' — 

XXXVII. 

Cha bu luaith' a thugadh 'n tairgs' dhomh, 
Na mheas mi a mar ghairm dol n' a thriail ; 
Sin thog mi— thruis mi — is dh' fhalbh mi, 
Ag earbsadh mo chrannchuir ri Dia. 

XXXVIII. 

Is ged bha aimsir ro-gharbh ann, 
Leam shoirbhich an Tighearn, gu f ìor ; 
Dh' ulluich e caidreamh is càirdean, 
Gach là dhomh air mhuir is air thir. 

XXXIX. 

Ach f huair, fo dheireadh, mi sealladh 
Do 'n Eilean, — an sealladh bha uam ; 
Is thog sud sùrd orm, is ogan, 
'S do m' spiorad thug togail a suas. 



DO EILEAN H-IORTA. 



XL. 

Ach ge b' e chitheadh an t-Eilean, 

'N a sheasamh gu bidrach 's a' chuan, 

Le a sgorra-chreagaibh corrach, 

Is a bheanntaibh neo-thorrach gun snuagh ; 

XLI. 

Seadh, le a gharbh chladach uaine, 
Is borb-thonnaibh uaibhreach na fairg', 
Cladhach gu domhain mu 'n cuairt dha, 
Is g' a bhualadh le ionnsuidhibh garg' ; 

XLII. 

'S an t-Eilean a' seasamh, gun strìochdadh, 
Do 'n t-sèisd tha gu h-ìosal r' a bhonn ; 
Ged tha a shealladh air ciaradh, 
Le caitheamh is liath-cheo nan tonn. 

XLIII. 

Is ge b' e chitheadh an sealladh, 
Ris theirinn, gun teagamh, 's an àm, 
Gu 'm bu ehùis-gheilt dol 'n a choinneamh, 
'S nach gabhainn, gun chuireadh dol ann : 

XLIV. 

Seadh, bu chùis-gheilt e gun teagamh, 
Dol fagus, no idir 'n a dhàil : 
'S mur bitheadh gairm dhomh o Fhreasdal, 
Cha chuirinn mo chos air an tràigh. 

XLV. 

Ach tra tha cuireadh o dhaoinibh, 

Mu ghnothuch Fir-saoraidh, 'g ar gairm, 

Tha againn aobhar bhi saoilsinn, 

Gu 'n glèidh e gu caomh sinn tre 'ainm. 

XLVI. 

Bu mhaith bhi siubhal 'n a cheumaibh, 
'S e fèin a chur romhainn gach là ; 
Oir cha 'n f hàg e, is cha trèig e, 
Na dh'earbas iad fèin ris, tre ghràs. 



112 



TURUS AN UGHDAIR 



XLVII. 

Ach 's an àm ud bha an sealladh, 
'N a theagasg ro-shoilleir dhomh fèin, 
Air Eaglais Dhè air an talamh, 
'N a turus gu cala nan nèamh. 

XLVIII. 

Oirr'-san tha tuiltean a' bualadh, 
'S na tonnan 'g a luasgadh gu garbh 
'S tha iad aig uairibh a' bagairt 
A sguabadh gu h-obann air falbh. 

XLIX. 

Ach aon diubh sud cha 's f haigh buaidh oirr', 
'S cha ghluais iad chaoidh as a h-àit ; 
Chuireadh gu daingean a suas i, 
Air buan-charraig chinnteach nan àl. 

L. 

Seadh, tha a bunait air carraig ; 
Is carraig tha domhain 's a' chuan ; 
Eadhon am Buaidhibh na Diadhachd, 
'S an rùintibh tha dìomhair is buan l 

LI. 

Is cha 'n 'eil cunnart tha 'n dàn di, 
No sàruchadh gheibh i 'n a cùrs', 
Air nach faigh thairis gu slàn i ; 
Oir 's e Fear-a-graidh th' air ar stiùir. 

LII. 

'S am feadh, mar so, bha mo smuaintean, 
Air 'n aitreabh o shuas 'gabhail tàimh, 
Feuch' sud ri brollach na tìr' sinn, 
Is ar bàt' 'g a sìneadh air tràigh. 

LIII. 

Ach 's gann a chuireadh mo chos leam, 

No sheas mi air sgeiribh na tràigh', 

'N tra chitheadh tu 'n sluagh ud 'n an teas ruith, 

Gun lasachadh, 'tigheachd a' m' dhàil : 



DO EILEAN H-IORTA. 



LIV. 

Is sud gu cas iad cur fàilt' orm, 
'S a sìor-chrathadh làmh rium gu lèir ; 
Mar gu 'm biodh aithne sheachd bliadhna, 
Gu fior ; aig an t-sluagh ud orm fèin. 

LV. 

Ach an tra chual iad mo naidheachd, 
Is aobhar mo thigheachd do 'n àit, 
Teann mar a ruitheas tein-athair, 
Las aighear 's gach eudan gun dàil. 

LVI. 

Nis an ni dh' iarradh leam, f huair mi, 
'S biodh glòir, gu buan, do mo Righ ! 
Chunnaic mo shùilean an sluagh ud, 
Is luaidh mi dhoibh soisgeul na sìth'. 

LVII. 

Seadh, shearmonaich mi an soisgeul, 
'Nam measg san, rè ochd làithe deug ; 
Sin fòs a Shàbaid, 's a sheachduinn ; 
Gun neach dhiubh a sheachnadh mo sgèil. 

LVIII. 

Sheirmeadh an lagh learn, 'n a àite, 
A dh' f hàg sinn fo throm-mhallachd Dhè, 
A chionn ar tuiteam an Adhamh, 
'S o 'n là sin, ar pecanna fèin. 

LIX. 

'S mar dh' f hàg am peacadh sinn buailteach, 
Do thruaighibh tha do-chur-an-cèill ; 
Gun seòl no rathad gu tèarnadh 
Mur seasadh, 'n ar àite, Mac Dhè, 

LX. 

Ach sheas gu toilleach 's a' bhèarn e ; 
Is dh'àrdaich e 'n lagh bh' oirnn an tòìr ; 
Thug e do cheartas làn-dhìoladh, 
'S air buadhaibh na Diadhachd chuir glòir. 



114 



TURUS AN UGHDAIR 



LXI. 

Tha 'n t-sligh' nis rèidh, agus fosgailt', 

Is tha e ro-cheart ann an Dia, 

A bhi f Vreanachadh pheacach, 

Tha creidsinn, gun teagamh, an Criosd. 

LXII. 

Labhair mar so mi, mar dh' f haod mi, 
Mu innleachd na saorsa, tre ghràs ; 
Mu Phears' is obair Fir-saoraidh, 
Is buadhaibh a'ghaoil is a bhàis. 

Lxin. 

Is ann an seirm a chroinn-cheusaidh, 
Is caoimhneas ar Dè dhuinn an Criosd, 
Chitheadh tu 'n cridheachan 'g èirigh, 
Mar ri sgeul nach cualadh leo riamh. 

LXIV. 

'S gun cheist, an naidheachd bha ùr dhoibh ; 
'S tra bha cumhachd an Ughdair 'n a lorg ; 
Bha cuid a' nochdadh mòr-dhurachd 
'Bhi dùnadh rith' — 's teicheadh o 'n f heirg. 

LXV. 

'S e searmonachadh an t-soisgeil, 
Air teisteas is ùghdarras Dhè, 
Is sin gun easbhuidh, gun mheasgadh, 
An teagasg a bheannuich's e fèin. 

LXVI. 

Oir chuir an Spiorad an cèill e, 

— Is thugamaid geur aire dha — 

Gur h-e teagasg a' chroinn-cheusaidh, 

A mhàin, cumhachd Dhè dhuinn chum slàint' 

LXVIL 

'S bha sud, 's an àm, dhomh ro-shoilleir ; 
Oir 'n tra theirinn sgeul rin mu Chriosd, 
Is iomadh sùil bhitheadh sileadh, 
Is cuid dhiubh a' tuireadh gu dian. 



DO EILEAN H-IORTA. 



LXVIII. 

Oir cha b' mhuinntir gun chùram, 
'S gun dùrachd, ag èisdeachd na sgèil, 
Bha 's a' chruinneachadh ùr ud : 
Gach gnùis chuireadh sud dhuit an cèilì. 

LXIX. 

Cha 'n ionnan dhoibh sin 's do iomadh, 
Tha fo shileadh 'n t-soisgeil gach là ; 
'G- am bheil an cruas dol ann teinnead, 
'S an codal ni 's truim' orra f às ! 

LXX. 

Mar chuireadh gu minic an cèill e, 
'S tha fiosrachadh geur air gach là, 
An tein' tha leaghadh na cèire, 
Gu bheil cruas na crèidh' leis a' fàs. 

LXXI. 

'S mur robh ac' fathast mòr eòlas 
Air na fìrinnibh sònruicht' chaidh luaidh, 
Thaisbeanadh dìchioll, is deòin leo, 
Chum togail an eòlais bha uath'. 

LXXII. 

'S cha chaillinn idir mo dhùil dheth, 
Gus 'n dùinear mo shùil anns a' bhàs, 
Nach 'eil cuid dhiubh f huair dùsgadh, 
Is cuid a chaidh dhùsgadh f huair slàint. 

LXXIII 

A nis, a shluagh Ealain Iorta ! 

Is fiosrach gach aon dhibh gu lèir, 

Gu 'n chuir mi 'n cèill dhuibh Fear-saoraidh, 

Is saorsa, troimh 'ainm-san, gu rèidh. 

LXXIV. 

0, gabhaibh uile gu saor ris ! 
Seadh, gach anam aosd' agus òg ; 
Gabhaibh, gabhaibh gun dàil ris ; 
'S bhur 'n anam-na gu bràth bithidh beò ! 



TURUS AN UGHDAIR DO EILEAN H-IORTA. 



LXXV. 

Mu'm fac' mo shùilean a riamh sibh ; 
Bha iarrtus aig m' anam is deòin, 
Gu 'n seirminn slàinte ; tre Chriosd dhuibh ; 
Mar an t-sligh' gu sìochaint is glòir. 

LXXVI. 

Tha 'n latha 'tighinn a dh' innseas, 
'N e saoradh no dìteadh bhios ann ; 
Gu 'n robh mi rè uin' ann bhur n-Eilean 
'G ur teagasg mar dh' fheudainn 's an àm. 

LXXVII. 

'S a nis, mur faic mi sibh tuilleadh, 
Mo shoraidh dhuibh uile 's mo ghràdh ; 
Is, gu 'm bu slàn dhuibh fa dheireadh, 
Aig am cur na cruinne 'n a smàl ! 



IOMKADH AIK BEATHA 

a' 

CHRIOSDAIDH LEIS AN UGHDAIR. 



Rinneadh an Dàn a leanas air duine àraidh d'am b' 
ainm Seumas Dòmhnullach, Athair an ùghdair ; neach a 
bha 'n a chriosduidh urramach, aithnichte 'n a linn. 
Rugadh e ann an Sgìre Chill-donnain an Cataobh, 's 
a' bhliadhna 1735 ; no mar theireadh e fèin, deich 
bliadhna roimh bhliadhn' a' Phrionnsa. — Mu aois dheich 
bliadhna fichead chaidh e do Ghallaobh, do 'n Sgìre d'an 
goirear Sgìre Mhiora, (Reay,) far an robh a chòmh- 
nuidh a' chuid eile d' a làithibh. Ghairmeadh null air 
Iordan e, 's a' bhliadhna 1830 ; is mar sin, aig aois 
cheithir fichead bliadhna 's a' cùig deug ! — aois air nach 
'eil ach ro-thearc a' ruigsinn ! — Mu ochd bliadhna mu 
'n do chaochail e dh'fhàilnich a fhadharc e, ach bha a 
chuimhne, 's a thuigse, 's a chomasan eile, air an cumail 
ris, gu slàn ; gus a' chrìch. Fhuair e aithne air an Tigh- 
earn, mar chuala mi e fèin ag ràdh, aig aois ochd 
bliadhna-deug. Agus mar sin fhuair an criosduidh ud 
turus buan ann am beatha a' chreidimh, mu 'n d'ràinig 
e Iordan — trì fichead bliadhna 's a' seachd-deug !— - Bu 
neach e a thug barrachd air iomadh do chloinn Dhè ann 
an solus tuigse, ann an geurachd breithneachaidh, ann 
an caomhalachd cridhe, is ann an anmhuinneachd 
coguis. — Agus maille riu sin uile, fhuair e tàlann a bha 
ainneamh, a bhi a' cur an cèill a smuainte ann an tearc 
do bhriathraibh. Bu tearc do rìreadh, is bu taght' a 
bhriathra anns gach dleasdanas uaigneach no fhollais- 
each mu 'm biodh e ; ach bu mhòr am brigh 's an 
tomad ! Air Di-h-aoine Orduigh, gu minic, aig co-dhùn- 
adh na seirbhis, an tra bhiodh feum air cuimseachd an 



118 IOMRADII ATR BEATHA A CHRIOSDAIDII 

ùrnuigh, bhiodh gairm air Seumas ! — Goirid an dèigh 
dha thighinn do Sgìre Mhìora, rinn an Teachdair 's an 
sluagh roghainn dheth, gu bhi 'n a Fear-ceasnachaidh ; 
— dreuchd air son an do mheasadh e ro iomchuidh. 
Is choimhlion e dleasdanasan na dreuchd ud fad tuille 
is dà-fhichead bliadhna, air mhodh a bha taitneach d' 
an t-sluagh, agus, tre bheannachadh Dhè, feumail do 
iomadh. — Bha e do nàdur mìn agus tairisneach, is 
bha e a' nochdadh sin 'n a mhodh labhairt ris an t- 
sluagh. Is a chionn so, bha cuid a' saoilsinn nach robh 
e garbh gu leòr riu ; agus air do neach àraidh sin a' 
ràdh ris, "Na 'n rachadh tusa agus mis," ars esan, " do 
'n bheinn a ghlacadh nan each fiadhaich — thusa le 
cuipe agus mise le badan coirce, co againn a' 's mò a 
bheireadh dhachaidh dhiubh ? Glac an toiseach leis a' 
choirc iad, agus an sin gabh a' ckuip dhoibh mar a bhios 
feum air. Ann an teagasg an t-sluaigh, is fèarr gu mòr 
a bhi g' an tàlaidh na bhi 'g an gràineachadh." Bu 
mhòr a mheas air na meadhonaibh follaiseach. Oir bha 
e a' faicinn gu 'n robh ìighdarras Dhè sgrìobht'orra. 
Agus ged a bha cuid 'g an trèigsinn, a chionn nach robh 
iad a' faghail annta na nithe a bha freagarrach ri 'm 
blas fèin, cha b'urrainn esan an eisimplir sin riamh a lean- 
tuinn. 'S an tra theireadh cuid dhiubh ris, " a Sheu- 
mais, c' arson a tha thu a' fantuinn 's an Eaglais?" 
Fhreagradh e " co a dh' iarr oirbhse a f àgail ? Dh'iarr 
an Tighearn oirnn' e, ars iadsan. " Ro-mhaith ; agus 
aig an latha mhòr 'n uair a chuireas Criosd a' cheist 
ribhse, their sibh ris gu'n d'iarr a fèin oirbh an Eag- 
lais fhàgail ; ach na 'n robh mis' air a f àgail, is gu 'n 
cuireadh e a' cheist rium-sa, cha b'urrainn mise a ràdh 
gu 'n d'iarr ; ach gu 'n d'iarr cuid do 'n phobull orm e." 
Air dha coinneachadh aig àm air leth, ri mnaoi àraidh 
a bha dhiubh-san a theich o 'n Eaglais, 's a bha air a 
meas gidheadh, 'n a mnaoi dhiadhaidb, ach bha do nàdur 
faobharach, cabhagach ; ars ise ris, " Och, is och ! is 
truagh an là a rug oirnne ! — teagasg tioram ! — pobull 
marbh ! — moll, moll, moll gun chruithneachd ! Dh' 
fhàg an Tighearn an Eaglais !" l< A bhean," ars esan, 



LEIS AN UGHDAIR. 



119 



u tha thus 1 an diugh a 1 fasgnadh, agus tha gaoth ro-àrd 
air an t-sabhal agad ; gheibhinnse gràinnean, tha agad-sa 
a' dol leis a' ghaoith dhe 'n deanainn sìol-cur." Chum i 
gu h-aithghearr a tosg. Ged bu mhòr a mheas air na 
meadhonaibh follaiseach, cha 'n èisdeadh e teagasg 
mearachdach ; is cha robh sin aige r' a dhèanamh 's an 
Sgìre 's an robh a chòmhnuidh. Bha an soisgeul aige 
ann am fallaineachd. — Chuir an Tighearn comain air os 

i cionn iomadh, gu 'n do chum e a sholus ris gun smal 
gus a' mhionaid dheireannaich ! 's ann aig dol a mach 
na h-anail a chaidh a 1 chionneal as. Bha e pòsda da 
chuairt. A 1 cheud chuairt mu 'n d' fhàg e Cataobh 

i Chaochail a cheud bhean 's a 1 bhliadhna 1773. Agus 
phòs e rìs 7 s a' bhliadhna 1775. Bha clann aige le 
gach aon diubh sud ; ach cha bheò neach dhiubh a nis, 
ach an t-ùghdair. B 1 esan an dara aon do chloinn an 
teaghlaich dheireannaich. 

Chuireadh an dàn a mach ann an trì earrannaibh. Is 
tha na h-earrannan air an cur sìos ^s an òrdugh a 's 
iomchuidh'. 

I. An Criosduidh air a thurus gu Iòrdan. 

II. An Criosduidh aig bruaich Iòrdain. 

III. An Criosduidh thall air Iòrdan. 

Anns a 1 cheud earrann tha eachdraidh a bheatha air a 
cur sìos o 'n eòlais a bh 1 aig an ùghdar air fein. ? S an 
dara earrann tha an criosduidh fèin mar gu b 1 ann a 1 
15 labhairt ; air iomadh do na nithibh a chuireadh sìos ann, 
; a bhi gu tric air an aithris leis. Agus anns an treas 
. r: earrann tha e nis a 1 labhairt ruinn o nèamh. — Bu tric a 
' labhradh e mu Iòrdan, mar an amhuinn a bha eadar an 
i f hàsach agus tìr a 1 gheallaidh — a 1 ciallachadh le sin, am 
* bàs, ? s ann air an aobhar sin tha am focal sin (Iòrdan) 
: 1 air a cho-^cheangal ris gach earrann do 7 n dàn. 

Gu 7 n dèonaicheadh an Tighearn dhuinne bhi 7 n ar 
, : | luchd-leanmhuinn air a' Chriosduidh, agus orra-san uile 
; J u a tha, tre chreidimh agus f hoighidin, a 1 sealbhachadh 
- si nan geallanna I 11 7 S e so dùrachd an ùghdaire d' a 
thaobh nan uile a leughas an dàn, agus gu h-araidh a 
\ thaobh gach criosduidh a ta li air an turus gu Iòrdan I 11 



AN CRIOSDUIDH 



A' CHEUD EARRANN : 

AN CRIOSDUIDH AIR A THURUS GU IORDAN. 



Air fonn. — <( 'Se fulangas mo Shlànaighir." 



i. 

Is cuirahne leam, is b' aithne dhomh, 

Am maduinn òig' mo là, 
Seadh, daoine treun' is aithnichte, 

A 'm beath 's an cath nan gràs, 
A chuireadh 'n crìm gu toilichte 

Air Ceannard mòr na slàint' ; 
'S a chaoidh nach roinneadh 'n onoir ris ; 

Ach bheireach 'n t-ùrram dha. 

ii. 

'S a measg an àireimh bheannaicht' ud, 

A ruith gu glan an reis, 
Bha fear, is dheanain aithris air 

Gu dealaicht' ann mo sgeul ; 
Is dhomhs' bu chomain sònruicht' sud, 

'S bu deòin leam 'chur an cèill 
B'e m' athair thaobh na feòla e, 

'S mo chòmhnadh 'n tùs mo re'. 



AIR A THURUS GU IORDAN. 
III. 

Bha 'n Tighearn dha ro-thròcaireach, 

An làithibh 'òig' gu f ìor ; 
'Einn ath-bhreith ghlan, is ghlòrmhor air 

'S thug eòlas dha air Criosd ; 
A dhòirt a Spiorad Naomh-san air, 

Roimh aois nam fichead bhliadhn' ; 
'Chuir seul is sult na naomhachd air, 

Nach d'f heud e chall a riamh. 

IY. 

Bha buadhan aithnicht' nàduir aig 1 ; 

Is pàirtean beothail, treun ; 
Ach beothail treun mar bha iad sud, 

'S e gràs a rinn dhiubh feum : 
'S e sud thug gleus, is cumadh dhoibh, 

Is togail glan ri nèamh : 
'S a chuir gu lèir air obair iad, 

Mar uisg' air muilionn gleust'. 

v. 

Ni iomadh uaill a tàlannaibh, 

ls gibhtean làidir cinn : 
Ach ciod, mo thruaigh', an tàbhachd-san, 

Gun anail bhlàth bhi annt' ! 
Ceart ionann 's mar na cnàmhaibh ud, 

Tha sgaoilteach, f às' 's a' ghleann : 
An cnaimh a's mò, cha'n fhèarr e dhiubh 

Na 'm fear a's tàir' a th'ann. 

VI. 

Ach thigeadh 'n anail chaoineil orr', 

cheithir ghaoithaibh nèimh' ; 
Is sud na cnàmhan sgaoilteach ud, 

Gach apn diubh teachd gu chèil'. 
'N sin èiridh suas mar armailt iad, 

'S mar an'maibh beò — gu lèir ; 
Mar sud bidh gibhtean iomraiteach, 

Fo obair ion-mholt' Dhè. 



AN CRIOSDUIDH 



VII. 

Ach thug an Tighearn ungadh dha ; 

— Seadh, ungadh glan nan gràs — 
Gun idir a bhi cunntadh ris ; 

No 'g ionndran na thug dha. 
Bha 'n ola chaomh ud drùthadh air ; 

Mar dhrùchd, o là gu là ; 
'S gu minie, tomhas dùbailt dhi ; 

'N tra bhiodh na glùinean sàs. 

' VIII. 

'S bu tric a bha na glùinean ud ; 

A' lùbadh gach aon là ; 
Is 'anam faigheil ùrachaidh, 

Gach ùin' aig caithir gràis. 
Oir thugadh spiorad ùrnuigh dha ; 

'Chum dlùth e rith', gu bràth, 
'S maith 's cuimhne leam gu 'n lùbadh e ; 

A ghlùin air sliabh is blàr. 



Ach 's e an t-ungadh cùbhraidh ud ; 

Bha drùthadh air gach àm, 
Thug anmhuinneachd is brùiteachd dha, 

'S rinn ùrail e 'n a chainnt. 
Rinn sud e cneasd 's gach dleasdanas ; 

— 'S bu deas e dol 'n an ceann — 
'S an aobhar Chriosd, bu sheasmhach e ; 

Gun dol a leth-taobh ann. 

x. 

Gu h-àraidh, 'n dreuchd a' Cheasnachaidh 

'S an d' sheas e ; iomadh bliadhn' ; 
Bu dìleas e 's an dleasd'nas ud ; 

Gun lasachadh no sgìos ; 
Cha bhitheadh chaoidh e fadalach ; 

No rag, an ceann a' ghnìomh', 
'S cha b' fhurasd duit g' an coidleadh tu, 

Fo 'theagasg-san a riamh. 



AIR A THURUS GU IORDAN. 



; b' èasgaidh anns an dleasd'nas e, 

'N tra sheasadh e measg sluaigh ; 
A' tabhairt tuigs' is teagaisg dhoibh, 

'n cheist a rachadh luaidh. 
Gun idir bhi 'g an sàruchadh ; 

Le ceistibh àrd is cruaidh ; 
Ach tabhairt teagaisg slàinteil dhoibh, 

'S am bitheadh stà ; is buaidh. 

XII. 

Ach thugadh gibht gu sònruicht' dha ; 

— 'S cha chòir a cleith' 'n ar sgeul — 
Gach smuain bhi soilleir, òrdail aig', 

'S gu 'm b' eòl da 'n cur an ceill. 
Bu chuimir, taght', 'n a bhriathraibh e ; 

'S na thigeadh riamh o 'bheul ; 
Ach ; bu luchdmhor, ciallach e ; 

'S na briathraibh ud gu lèir. 

XIII. 

B' e 'n criosduidh suilbhir, faoilteach e ; 

— Biodh saorsa stigh, no cruas — 
Tra bhitheadh 'm fianuis dhaoine e, 

Cha 'n f haict' air 'eudan gruaim : 
Oir mheas e chaoidh mar f hiachaibh air ; 

Bhi moladh Chriosd do 'n t-sluagh ; 
'S bhi 'nochdadh mach na diadhuidheachd 

'N a maise ; riamh, 's 'n a snuadh. 

XIV. 

Bu tric, do chuid, a dh' innis e ; 

Gu 'n d' shir e sud o shuas, 
Bhi cumail eudain shubhaich air, 

's ceann a' chridhe chruaidh. 
'S tha iomadh bheireadh fianuis air, 

Mar dh' iarr e sud, gu 'n d' f huair, 
'S gun cheist, rinn sud, 's an f hìonain e, 

Ni b' fheumail', riamh do 'n t-sluagh. 



124 



AN CRIOSDUIDH 



XV. 

Bu bheag air riamh an lùbaireachd ; 

'S an eudan mhùgach, bhalbh ; 
'S na h-osnaidh chneadach, chiùchranach, 

Gun sùgh annt' ach an dealbh. 
Ach dh'aithn'chteadh 'n anail chùbhraidh leis, 

Seach dùbailteachd is cealg : 
Is far am faicteadh bhrùiteachd leis, 

Bu dlùth e dhoibh, gu dearbh. 

XVI. 

Bu shoilleir, geur, a bhreithneachadh, 

Air obair ghlan nan gràs : 
Is b'aithne dha an dealachadh, 

Tha eadar beath' is bàs. 
Ach b' e a mhiann bhi carthannach, 

An tabhairt breith air càch, 
'S bhi fàgail dha-s', d' am buineadh e, 

Bhi deanamh sgaraidh slàn. 

XVII. 

Cha b' toigh leis riamh bhi fasganadh, 

Le gaoith bhiodh bràs, is dian ; 
'S le srannaibh àrd', 's a h-osagan, 

A chasadh 'n cruithneachd sìos. 
Bu mhò, gu mòr, bu shàbhailt' leis, 

Bhi fàgail muill 's an t-sìol ; 
Na 'n sìol— gu 'n rachadh gràinnean dheth, 

Le moll, gu bràth a sìos. 

XVIII. 

Ach, thaobh na beatha spioradail — 

Tre chreidimh bha e gluas'd ; 
'S cha b' ann air beath' na faireachduinn, 

No 'n t-seallaidh, bha e suas. 
'S e Criosd, 's an teisteas firinneach, 

Tha 'm Bìoball dhuinn a' luaidh, 
Bu bhunait creidimh rìreadh dha, 

'S cha b' e gach ni a f huair. 



AIR A THURUS GU IORDAN. 
XIX. 

Bu toigh leis riamh, mar theireadh e, 

'N a f haireachduinn bhi beò ; 
Ach e bhi beò ; air faireachduinn, 

Bu bhochd leis sud, mar lòn. 
Ach tra bha 'n creidimh seilbheachadh, 

Bhiodh doirbheas aig an f heòil ; 
Bhitheadh 'n f haireachduinn a' soirbheachadh 

Is cuirm aic' air a' bhòrd. 

xx. 

Ach f huair e 'n creidimh aithnicht' ud, 

A dh'oibrich Spiorad Dhe 
'S ri Criosd gu dlùth, a ghreimicheadh ; 

Air barrant' 'f hocail fèin ; 
A rachadh mach le 'f halamhachd 

A dh' aindeoin air gach èis, 
'S tiach pilleadh idir dhachaidh e, 

Gun naidheachd mhaith 'n a bheul. 

XXI. 

An creidimh beò, is luachmhor ud, 

A f huair na naoimh a riamh : 
A sheas ri aghaidh chruachasan, 

'S a bhuanaich gus a' chrìoch. 
Nach gabhadh guth no taisbeanadh, 

An àit an teisteis f hìor ; 
Ach ghabhadh fois 's an teisteas ud, 

'S gheibheadh faisg air Dia. 

XXII. 

'S e 'n creidimh ud a f huaireadh leis, 

Bha buadhach ann-s', tre Chriosd, 
Ri aghaidh ciont', is truaillidheachd, 

Is buairidhean o shìos : 
A sheas gu treun, 's gu maireannach, 

Ri cathaibh geur' is dian : 
Is ris gach gaoith is doinninn dhiubh, 

A shèid air 'anam riamh. 



AN CRIOSDUIDH 



XXIIL 

Cha b' choigreach do 'n as-creidimh e ; 

Mar dh' aidicheadh e fèin : 
Gidheadh cha tug e caidreamh dha, 

'S cha chreideadh e a sgeul. 
Ach chuireadh teist a' gheallaidh leis, 

Fa choinneamh 'n fhàidhe bhreig'. 
'S' tra chuireadh, sud 'n a ghealtair e, 

Gun chomas fosgladh bèil. 

XXIV. 

Ach riamh tre chreidimh ghluaiseadh leis, 

Gu seasmhach 7 suaimhneach, dian : 
Gu faicilleach, neo-bhruaidleanach 

'S gach smuain, is guth, is gnìomh. 
Gu h-uaigneach, is gu follaiseach, 

Bha chomunn-san ri Dia ; 
B' e gràdh is tlachd a phobuill e, 

'S b' iad sluagh a chomuinn riamh. 

XXV. 

Cha d' leig a riamh a 'shealladh e, 

Gu 'm b' choigreach is fear-cuairt, 
Mar 'aithrichibh — air thalamh e, 

'S gu 'n robh a dhachaidh shuas ; 
A là gu 'n robh a' teireachduinn, 

'S a' giorrachadh gach uair ; 
'S gu 'm buineadh dha bhi 'g ulluchadh 

Air son a dhachaidh bhuain. 

XXVI. 

Ged thugadh làithean lìonmhor' dha 

— Cùig-fichead bliadhn', ach cùig — 
Kè fad nan là 's nam bliadhna ud, 

Cha d'f hàilnich riamh a threòir. " 
Is mar bha àm an dealachaidh, 

A' tarruing faisg 'n a chòir, 
Bha 'n t-anam, teann, ag abuchadh, 

'S fo f hadachd, gu bhi 'n glòir. 



AIR A THURUS GU IORDAN. 



XXVII. 

'S e 'n Tighearn chuir an comain air, 

chionnich ris e -n tùs ; 
A chum a riamh gach comas ris, 

'S gu fallain ghlèidh a chliù ; 
A chura gu slàn a sholus ris, 

Mar choinneil dhealraich ùr : 
'S aig àm toirt suas na h-anail leis 

Bu choinneal ud gun smùid. 



AN CRIOSDUIDH 



AN DARA EARRANN. 



AN CRIOSDUIDH AIG BRUAICH IORDAIN. 



Air an Fhonn cheudna. 



I. 

Is dlhth air amhainn Iòrdain mi, 

'S tha 'n fheoil a' gabhail sgàth ; 
Bu mhaith a nis an dòchas ud, 

Nach cuir gu bròn no nàir' — 
An dòchas fhuair na h-aithrichean, 

Air carraig bhuan nan àl ; 
Tre 'n d' fhuair gu tèaruint' dhachaidh iad, 

A steach do thìr Chanàin. 

II. 

An dòchas fòs 's an creidimh ud, 

Tre 'n d' aidich iad 's an àm, 
'S an t-saoghal so, gu'm b' choigrich iad 

Gun chaidreamh bhi ac' ann : 
Tre 'n d' iarradh dùthaich shaoibhir leo, 

Is oighreachd nach bu ghann ; 
'S tre 'n d' f huair iad sin chuir aoibhneas orr', 

'3 a boillsg' dhi, bhàrr nam beann. 



AIG BRUAICH IORDAIN. 



III. 

Tha 'n f heòil a' crith ; 's cha 'n ioghnadh e, 

Dol sìos gu Iòrdan bàis ; 
Tha sgàil na h-oidhch' ag iathadh orm, 

'S tha cianalas a' f às ; 
Oir 's e tha romham sìorruidheachd, 

Nach tomhais grian no là ; 
An cuan a ta neo-chrìoehanach, 

Gun ìochdair ann no tràigh ! 

IV. 

Is dlùth an snaidhm, 's is dìomhair e, 

A cheangail riamh r'a chèil', 
Anam is corp gu mìorbhuileach ; 

— Och 's dian an ceangal e ! — 
Ach sgaoilidh 'm bàs e uair-eigin, 

Is gheibh an uaigh 'cuid fèin ; 
Is siubhlaidh 'n sin an tuathanach 

Bh' air chuairt 'n a phàilliunn crèidh. 

v. 

Thaobh fuigheall ciont' is truaillidheachd, 

Tha fuaighte rium gach àm, 
'S e 's mulad trom aig uairibh dhomh, 

Nach 'eil mo ghluas'd ach mall ; 
'S e eagal 's mò gu h-àraidh leam, 

— 'S tha 'n diugh 'g am f hàgail fann— 
Na th' eadar so 's am bàsa dhomh, 

Na aon ni tha 'n taobh thall. 

VI. 

Ach tha mo shùil ri Slànaighear 

Bha gràsmhor fad mo chuairt ; 
'S a threòraich troimh an f hàsach mi, 

Nach f àg e mi 's an uair ; 
Ach f òs gu 'n dean e teasairginn 

Dhomh fèin, 's an t-seasamh chruaidh, 
'S gu 'n sgoilt e dhomh na h-uisgeachan ; 

Gu ruig mi null, le buaidh. 



AN CRIOSDUIDH 



VII. 

'S ann ann-san tha mo mhuinighinn, 

A chuir an cath bha cruaidh, 
Ei naimhdibh làidir, fuileachdach, 

'S a thug a mach a' bhuaidh ; 
Thugadh buaidh air Satan leis, 

Air peacadh, bàs, is uaigh ; 
'S do thaobh an t-sluaigh a ghràdhaich e 7 

Am bàs do shluig e suas. 

VIII. 

Do cheartas thug e riarachadh, 

Is dìoladh mar bu'chòir ; 
'S an lagh ro-naomh cho-lìonadh leis, 

Bha orms' gu dian an tòir ; 
Is choisneadh saorsa shìorruidh leis, 

Air bhuaidhibh Dhia chuir glòir, 
'N tra ghlaodh e, 11 Tha e crìochnaichte" — 

'S e sud mo dhìon, 's mo threòir. 

IX. 

Na rinn 's na dh' f huiling Slànaighear, 

Mar sud an àit a shluaigh, 
'S e mhàin is bunait thèarnaidh dhomh, 

'S cha 'n e gach gràs a f huair — 
'S e sud is dìon 's is tèarmunn domh, 

Dol 'n coinneamh bàis is uaigh, 
'S e sud bheir clhachaidh sàbhailt mi, 

Do 'n àit' am faic mi 'n t-Uan. 

x. 

Ach ! 'm faigh neach co ghràineil rium, 

'S do nàdur co mi-naomh, 
A chaoidh a steach 'n a làthair-san, 

Tha àillidh, glan, gun ghaoid ! 
Ach glanaidh fuil an t-Slànaigh-fhir, 

Mo ghràinealachd gu saor ; 
Is gheibh mi 'n sin do 'n àros ud, 

'S am bheil muir-làn a Ghaoil. 



ÀXG BRUAICH IORDAIN. 



131 



XI 

Theann dhlùthaich laigsean nàduir orm, 

Is shearg mar sgàil mo shnuadh, 
Mo neart tha tur 'g am f hàilneachadh, 

'S gach comas tha dol uam ; 
Tha 'n deilbhidh fight' gu snàitheann dhi, 

'S tha 'n spàl a' ruith gu luath ; 
'S an corpa dìblidh, bàsmhor so, 

Dol sìos gach là do 'n uaigh. 

XII. 

Ach cridhe cruaidh is dò-bheirteach, 

Is inntinn f heòlmhor, thruagh, 
S as-creidimh fuilteach, fòirneartach, 

'S iad sud mo bhròn 's an uair ! 
N t-as-creidimh 's olc gu h-àraidh e, 

Tha toirt mo shàr gu cruaidh ; 
Air m' anam tarruing fàsachaidh, 

'S air Fear mo ghràidh cur gruaim. 

XIII. 

'S e sud an t-olc rinn crìonach dhiom, 

A' 'm fionain nan saor-ghràs ; 
Och 's e a dh'f hàg mi-sgiamhach mi 

Am fìanuis Fhir-mo-ghràidh ! 
Mo thurus rinn e cianail dhomh, 

'S mo thriall ro mhall gach là ; 
S e m' eagal 'n deireadh bhliadhnach e, 

Gur crìonadh dhomh, 's nach fàs. 

XIV. 

Is i mo bheachd, is theirinn e, 

A thaobh a' chreidimh bheò, 
Gu 'm bheil — 's gach àit 'n do ghineadh e 

'N t-as-chreidimh air a thòir : 
Is iadsan riamh nach d' f hairich e. 

'N a èire thruim, 's 'n a bhròn, 
Nach 'eil— ge bith a theirear leo — 

'N an creidimh-san ach sgleò. 




AN CRIOSDUIDH 



XV. 

Is dìomhaireachd o 'n Ard-Righ e, 

Thaobh clarm nan gràs gu lèir, 
Am peacadh bhi air 'f hàgail annt', 

'S gun d' thug e gràdh dhoibh fèin ; 
'S gur eagal iomadh là dhoibh e, 

— Ged 's nàir leo'chur an cèill — 
An àit e annt' bhi bàsachadh, 

'N am beachds', bhi fàs ni 's treun'. 

XVI. 

Ach 's comharradh do-àicheidh e, 

Air gràs bhi faigheil buaidh, 
'N tra bhitheas corp a' bhàis mar sud, 

Dhoibh fèin 'n a chràdh 's an uair ; 
Is feudaidh sud bhi foillseachadh 

Dhoibh saoibhreas gràis do-luaidh ; 
'S bhi 'g abuchadh nan oighreachan, 

Ni 's mo chum aoibhneis bhuain. 

XVII. 

Ach 's mòr mo thruas ri àireamh dhiubh, 

'San làth s', tha 'g aidmheil Chriosd ; 
Nach d'fhuair an aithne thàbhachdach, 

Air beath' no bàs gu fior : 
Ciont' cha 'n 'eil 'n a chràdh dhoibh sud, 

No corp a' bhàis 'n a phian ; 
Is tòir cha 'n 'eil aig Satan orr' : 

Cha d' f hàg iad e a riamh. 

XVIII. 

Och, 's mealladh mòr, 's is cràiteach e, 

Th' air àireamh measg an t-sluaigh, 
Le aideachadh gun ghràsaibh ac', 

Dol 'n coinneamh bàis 'n an suain, 
Gun eagal orr' roimh shìorruidheachd 

A dh' iathas ump' gu luath ! — 
33idh gul is gìosgan f hiacal ac', 

A chaoidh mar dhìoladh duais ! 



AIG BRUAICH IORDAIN. 



XIX. 

Ach bheirinn comhairF àmail orr' 

Mu'n tèid mo cheann 's an ùir, 
Gu 'm pilleadh is gu 'n tionnd'adh iad ; 

Gu teann gu Righ nan dùl ; 
Is ghuidhinn air a' phàirt ud dhiubh 

Bha fad mo là dhomh dlùth ; 
Gu'n dùineadh iad ri Slànaigh-f hear ; 

Gun dàil a chuir 's a' chùis. 

xx. 

Oir theirinn, 's thogainn fianuis air, 

Thaobh Iosa ; Fear mo ghràidh, 
Gur Ceannard caomh is fialaidh e, 

'S gu 'n d' f huair mi riamh e tlàth. 
Gu bheil e truacant', tròcaireach ; 

Is pailt gu leòr 'n a ghràs : 
'S a mheud 's a chuireas dòchas ann ; 

Gu 'm bi iad beò gu bràth. 

XXI. 

Is bheirinn comhairl' shònruichte, 

Do ghineil òg ar là ; 
Am fad 's tha 'n cothrom òirdheirc ac', 

Is aignidh bheò is bhlàth ; 
Am fad 's tha toil so-lùbaidh ac', 

Is ùin' gu iarruidh gràis ; 
Is èasgaidheachd 'n an glùinibh ac', 

Gu lùbadh sìos gach là ; 

XXII. 

Air Criosd gu 'n cuirteadh eòlas leo ; 

'S air sòlasaibh a shaors' ; 
'N sin bhiodh e 'n a Fhear-pòsda dhoibh ; 

Is dh'òladh iad deth 'gbaol : 
Oir àm na h-òig' gu 'iarruidh-san, 

'S gu mealtuinn Chriosd gu saor ; 
Is mis' nach tugadh mìos dheth sud, 

Air bliadhn' an diugh do m' aois. 



134 



AN CRIOSDUIDH 



XXIII. 

Ach cor na h-aois, 's ro chràiteach e, 

A chaith an là gun fheum ! — 
Nach teicheadh iad gu Slànuigh-f hear 7 

Aig trà dol fodha grèin' ! 
Oir 's ni ro chianail, eagalach, 

Gun teagamh, e ann fèin ; 
'S e aois, is bàs, is aineolas, 

Bhi coinneachdadh a chèil' ! 

XXIV. 

Tha comain chuir an Tighearn orm, 

Is dh'iarrainn chur an cèill, 
Gu 'n d'f holaich e gu mìorbhuileach, 

Mo lochdan dìomhair fèin ; 
Gu 'n d'cheadaich e, 'n a f hàbhar dhomh, 

Air 'ghràs bhi deanamh sgèil ; 
Mo lochda chur 'n a làthair-san. 

'S do chàch bhi 'g 'àidmheil fèin. 

xxv. 

Thaobh 'f hreasdail anns an t-saoghal dhomh 

Bu chaomh e, 's cha bu shearbh ; 
Oir f huair mi biadh is eudach ann 7 

Mur d' f huair mi maoin is ainm ; 
An t-aran làitheil dh'òrduich e 7 

'N a thròcair dhomh gu dearbh ; 
Ach chum e suas air dòchas mi, 

'S cha b' ann air stòras seilbh. 

XXVI. 

Chunncas cuid do dhaoinibh leam 7 

Bha saoithreachadh gu teann, 
'S a' tasgaidh suas, mar dh'fheudadh iad, 

Mòr mhaoin dhoibh fèin 's d' an cloinn : 
Ach chunnaic mi 'n stòras saoghalt' ud 7 

Dol leis a' ghaoith mar mholl : 
Is mhol mi 'm freasdal caomh ud dhomh, 

Nach d'thug dhomh maoin r' a chall. 



AIG BKUAICH IORDAIN. 



XXVII. 

Tha sluagh mo ghaoil 's mo bhràithreachais, 

— Na bràithrean caomh' is treun — 
A shiubhail troimh an fhàsach leam 7 

Air m' fhàgail nis gu leir. 
Is dh'fhàg sud aon'rach, cianail, mi, 

Mar eun air sliabh leis fèin, 
'S o dh'f halbh an comunn tìorail-san, 

Tha m'aigne triall 'n an dèigh. 

xxvin. 

Tha m'aigne triall — 's e mhiannaichinn, 

Bhi mar ri Criosd 'n a Ghlòir ; 
'S tha togradh, mar air sgiathaibh ann ; 

Ag iarruidh bhi 'n a chòir ; 
Ach cudthrom ciont' tha 'g iathadh orm 

Mar cheap ri sgiath an eòin, 
Teann leagaidh sud gu h-ìosal mi 

Ri talamh sìos gun treòir. 

xxix. 

Àch feitheamh-s' àm an Tighearna, 

— An t-àm, gu fior, a 's fèarr ; 
'S d' a thoil ro-naomh-san strìochdar leam, 

Thaobh riaghlaidh beath' is bàis ; 
'S tra thig an t-àm a dh' orduich e, 

An rùintibh 'ghlòir' 's a ghràis, 
Feuch, sud a null thar Iòrdain mi — 

'S a Ghlòir dha fèin gu bràth. 

XXX. 

Sud thairis air gach buaireadh mi ; 

Gach cunnart cuain is gaoith, 
Gach laigs', is ciont, is truaillidheachd, 

Gach pian, is gruaim, is caoidh ; 
Is sud a steach do'n luehairt mi, 

'S am faic mi gnùis an Righ ; 
'S 'n a chomunn iomlain, ùrail-san, 

Gu seinn mi 'chliù a chaoidh ! 



AN CRIOSDUIDH 



AN TKEAS EAERANN. 

AN CRIOSDUIDH THALL AIR IORDAN. 



Air an Fhonn cheudna. 



An Criosduidh ud bha uair-eigin, 

Ri bruaich nan uisge dlùth ; 
'S d' am b' ghearan an bha thruaillidheachd, 

Eo-fhuaight' ris fad a chùrs' ; 
Nis f huaireadh steach do 'n t-suaimhneas leis, 

Bha fad a chuairt 'n a shùil ; 
'S tha spiorad-san a' cuairteachadh 

Na caithreach shuas, le cliù. 

ii. 

Ach 0, cha tig e dh' aithris dhuinn, 

Na dh' f hairich e 's an uair, 
'N tra bha a spiorad dealachadh, 

Ri talamh, is dol suas : 
No meud, is glòir an t-sonais ud, 

Th' aig 'anam nis gu buan ! 
'S ged thigeadh — 's i mo bharail se, 

Nach gabhadh 'n t-aithris luaidh. 

iii. 

Ach creideamaid, d' a rìreadh e, 

Air teisteas flor-ghlan Dhè, 
Gu 'n labhradh rèir na flrinn e 

Ged thigeadh rìs e fèin. 
Is ged nach tig o'n tìr ud e, 

'S am bheil a shìochaint rèidh, 
Ar leam, gidheadh, gu 'n cluinn mi e 

Mar so, toirt brigh na sgèil — 



THALL AIR IORDAN. 



IV. 

" Nis f huaireadh null air Iòrdan leam ; 

'S a' ghlòir do Righ nan dùl ! 
Oir thug e aiseag glòrmhor dhomh, 

Chuir lordan air mo chùl. 
Seadh, sgoilt e dhomh na h-uisgeachan, 

Bha tric fa chomh'r mo shùl ; 
'S aig uairibh bha 'n an clisgeadh dhomh, 

Ri àm dhomh ruith mo ehùrs'. 



" Ach cia mar f huaireadh dhachaidh leam ; 

Thar astar dorch nam beann ; 
No cia mar sheas mo chosan rium, 

Gun tuisleachadh 's a' ghleann ? 
Cha 'n urrainn dhomh sud aithris duibh ■ 

Cha ghabh e cur an cainnt : 
Ach IosA riamh bha tairis rium, 

Gu 'm b' Charaid e 's an àm. 



" Bu ghann chaidh as an t-sealladh uam, 

An talamh, is na bh' ann, 
'N tra thàinig 's thug e coinneamh dhomh, 

Gu h-ullamh anns an àm. 
'Sroimh 'aghaidh fhaoilteich bhuadhaich-san 

Gach uamhann theich gu teann ; 
Gach neul is ceò, a chuairtich mi, 

'S gach gruaim a bha 's a' ghleann. 

VII. 

" Fhuair m' anam beachdan soilleir dheth 

Air thalamh, rè mo chùrs' ; 
Seadh, beachdan bha'n am beannachd dhomh, 

'S rinn 'anail dhomh ro chùbhr' ; 
Ach 0, thaobh glòir' an t-seallaidh ud ! 

— Bu shealladh e bha ùr — 
A' ghrian, bu ni gun solus i, 

An coimeas ri a ghnùis ! 



AN CRIOSDUIDH 



VIII. 

" Is sona 'n sluagh gu sònruicht' iad, 

Fhuair eòlas air 'n an là : 
Fhnair aithne ghlan is shòlasach, 

Air Glòir a Phears' 's a ghràis ! 
'S e sud a dheanadh ullamh iad, 

Gu coinneamh thabhairt dha : 
'S a dh'easbhuidh sud 's neo-chomasach 

Do anam dol 'n a dhàil ! 



" An dol o ùin' gu bith-bhuantachd ; 

B' e 'n t-iteal a bha teann ! 
Gu deimhin fèin cha b'fhiosrach mi. 

Air tiota a bhi ann : 
Cha b' luaith' a d'fhalbh an anail ud, 

Bha goirid agus fann ; 
No sud an làimh mo Cheannaird mi, 

Is sud an t-anam thall ! 



" Bha amhainn Iòrdain eagalach, 

Gun teagamh, dhomh 's an uair ; 
Och 7 b' aobhar gheilt an sealladh ud 

A ghabh mi dhi o 'bruaich ! 
Ach theich an sruth gu cabhagaeh, 

Roimh Shagart treun nam buadh : 
Is pianta 'bhàis, chuir eagal orm, 

Sud thairis iad gu luath ! 

XI. 

" Ach 's amhainn i bhios uamhasach, 

Do 'n anam thruagh gun Dia ; 
'N tra bheanas e ri 'bruachaibh-san, 

Och, sud gu luath e sios ! 
'S is ni e bhitheas cràiteach dha, 

Nach d' chreid, 'n a là, e'riamh, 
Gur uisge domhain bàthaidh sud, 

Do 'n neach gheibh bàs gun Chriosd. 



THALL AIR IORDAN. 



XII. 

a o Och, 's truagh iad theid gun ulluchadh ; 

An coinneamh bàis is uaigh' ; 
Gur chòir an Criosd, gun chumadh ris, 

Gun f haireachadh air truaigh' ! 
A theid an coinneamh sìorruidheachd 

Gun dìon, tre f huil an Uain ; 
A dh' f hulang rèir an gnìomhara, 

Fo phiantaibh feirge buain ! 

XIII. 

" Ach fhuaireadh null air Iordan leam ! 

Is dh'f hàgadh 'n fheòil air chùl ; 
Gu minic, bha 'n a dòruinn dhomh, 

'S a chòmhdaich mi le mùir ; 
Thug, iomadh latha, tuireadh dhomh, 

Is sileadh air mo shùil ; 
A' milleadh riamh mo sheallaidh orm, 

Is comuinn Fhir mo rùin ! 

XIV. 

" Cha bheag an t-s\th's a' bheannachd dhomh, 

Bhi dealaicht' ris an f heòil : 
Oir dh' f halbh, 'n a cois, gach an-shocair, 

Air m' anam riamh bha 'n tòir. . 
'N tra dhealaich rium mo thruailiidheachd, 

'N sin theich gach truaigh' is bròn ; 
Gach olc, is laigs', a chuairtich mi ; 

'S am Buaireadair fa-dheòidh. 

xv. 

11 Is fhuaireadh steach gu tèaruint leam, 

Do thìr Chanàain shuas : 
An tìr am bheil na bràithrean ud, 

'S an f hasach bha air chuairt ; 
An tìr am bheil mo Shlànaigh-f hear, 

A thug dhomh gràdh ro-bhuan. 
'S an sealladh dheth, 's an sàsuchadh, 

Th' aig m'anam, tha do-luaidh. 



AN CRIOSDUIDH 



XVI. 

" Ach cia mar nithear aithris leam, 

# Air beannachdaibh na tìr' ? 
Oir 's tìr a tha cur thairis i, 

Le bainn' is mil gu fior. 
Tha sùil ro-chaomh an Tighearn oirr', 

thùs na bliadbn', gu crìch : 
'S an sluagh a th'innt, sàr-lìonar iad, 

Le maitheas sìor, gun gìth. 

XVII. 

" Cha 'n abair am fear-àiteachaidh, 

Gu bràth gu 'm bheil e tinn ; 
'S cha ghearain e air fàsalachd, 

No gainne sàth' bhi innt' : 
Is mar bu mhò a shàruchadh, 

Fo chorp a' bhais, r' a linn ; 
Is mò, gu mòr, a ghairdeachas, 

'S is àirde nis a sheinn. 

XVIII. 

" O, seinnear nis gu h-àrda leis ; 

'S le cloinn nan gràs gu lèir ; 
Do'n Ti, o chian, a ghràdhaich iad, 

'S a thug dhoibh slàinte rèidh ! 
Cha bhi iad tuilleadh 'm Bàbilon, 

No 'n Clàrsaichean gun ghleus : 
Ach seinnidh iad le gàirdeachas, 

'S cha 'n fhàilnich guth no teud, 

XIX. 

" Ach O, nach b'fhios do 'n àireamh ud, 

Tha 'g àiteach ghleann nan deur, 
An sonas buan, 's an sàsuchadh 

Tha romp' an làthair Dhè ! 
Dheanadh e 'n aigneadh fhuasgladh dhoibh, 

shaoghal truagh an cèin' ; 
'S bheireadh e gloine gluasachd dhoibh, 

Is tuilleadh luath's do 'n ceum. 



THALL AIR IORDAN. 
XX. 

u 'N sin b' f hurasd peacadh f huathachadh; 

'S do 'n Uan bhi tabhairt gràidh ; 
Is seasamh 'n aghaidh Bhuaireadair ; 

'S bhi cruadalach 's a' bhlàr. 
Seadh, chuireadh e 'n cuid eagalan, 

'S as-creidimh, tur gu nàir'. 
Is chumadh, chaoidh 'n an sealladh iad, 

Gun teagamh, tìr Chanàain. 

XXI. 

" Ach dheanadh sud iad comasach, 

'Bhi togail fianuis thrèin, 
An aghaidh lochdan follaiseach ; 

'S bhi labhairt & leth Dhè. 
Seadh, dheanadh sud iad coguiseach, 

'S gach gnothuch tha fo ghrèin : 
Is cheangladh sud, gu maireannach, 

Gach anam dhiubh r' a chèil'. 

XXII. 

i( Tha iomadh ni mu 'n dealaich iad, 

'N am barail, eatorr' fèin : 
Oir fathast, 's clann air thalamh iad, 

Air ghainne tuigs' is cèill'. 
Gidheadh, tra bhios 'n an daoinibh iad, 

Bidh caochladh orr' gu lèir : 
Is chi — gu 'm b' nithe faoin' iad sud, 

A sgaoil iad riamh o 'chèil'. 

XXIII. 

Ach shiùbhladh an dluth-chomunn iad, 

Mar choigrich is luchd-cuairt ; 
A' tarruing as na tobraichibh, 

A dh' ulluich dhoibh an t-Uan : 
Ag ith' an sàth, gu togarrach, 

Do'n aran bheò is bhuan : 
'S cha mhearachd, ged a theirinn e, 

Bhiodh 'n aigneadh romp' dol suas. 



AN CRIOSDUIDH THALL AIR IORDAN. 



XXIV. 

" Is ged bhiodh sgìos, is ocras orr', 

Is tart, an tìr an cèin' ; 
'N tra gheibh iad steach, cha 'n acain iad, 

Na bh' aca riamh do phèin. 
Cha chuimhnich iad aon uireasbhuidh, 

A dh' f hluing iad, fo ghrèin. 
Oir tha gu leòr a' feitheamh orr', 

An tigh an Athar fèin. 

XXV. 

" Ach f huair mi nis na dh'iarradh leam ; 

Is m ? uile mhiann gu bràth ! 
Le naomhachd rinneadh sgiamhach mi, 

An coslas Chriosd gu slàn : 
Le soills' na glòir', shàr-lìonadh mi, 

'S mi dlùth do Dhia, gun sgàil. 
Is caithear leam an t-sìorruidheachd, 

A' snàmh gu sìor, 'n a ghràdh. 

XXVI, 

" Is fior e, nach 'eil uireasbhuidh, 

Air 'f haireachadh leam shuas ; 
Ach fathast 's e mo spiorad th'ann ; 

Tha earrann dhiom 's an uaigh. 
Ach tha mo shùil, le gàirdeachas, 

Ri teachd an là, 's na h-uair', 
'S am bi an corp comh-pàirteachadh, 

Do lànachd glòir' an Uain ! 

XXVII. 

Ach co an cridh' a bhreithnich e, 

No 'n t-sùil a chunnaic riamh, 
Mòr mheud is gnè an ulluchaidh, 

D' a phobull fèin, rinn Dia ! 
Ach 's sona dhoibh, 's is beannaicht' iad 

Fhuair aithne ghlan air Criosd : 
Oir mealaidh iad, 'n a chomunn-san, 

An sonas ud, gu sìor ! 



IOMRADH AIK OBAIR AN SPIORAID 

ANN AN SLUAGH DHE. 



AN ROIMH-RADH. — Tha Criosd, roimh dha dol suas> 
ag innseadh d' a dheiscioblaibh, gu 'm bu bhuannachd 
dhoibh Esan a dh'fhalbh ; " Oir mur falbh mi," deir e, 
" cha tig an Comhf hurtair do bhur 'n ionnsuidh-sa ; ach 
ma dh' f halbhas mi, cuiridh mi esan do' bhur 'n ionn- 
suidh," Eoin xvi. 7. Agus tha e ag innseadh, 'n uair a 
thigeadh e, ciod i an obair a dhèanadh e. Faic rinn 
8-15. — Faic, mar an ceudna, Eoin xiv. 26, agus xv. 26. 
Tha e soilleir o na h-earrannaibh so, maille ri iomadh 
earrann eile air feadh an Sgriobtuir, gu 'm bheil obair 
mhòr agus ghlòrmhor aig an Spiorad r'a dheanamh, a 
reir suidheachaidh co-cheangail nan gràs ; cha lugha i 
na bhi a' glòireachadh Chriosd, ann an tarruing pheac- 
ach do ionnsuidh, agus cumail suas, is toirt air a 
h-aghaidh, na beatha spioradail ann an cloinn Dhè, gus 
am bi iad air an abuchadh air son glòire. Ach, tha 
aobhar eagail gu 'm bheil an obair so, ann an tomhas 
mòr, dol as ar sealladh, eadar theachdairean agus pho- 
bull. Agus a dh' easbhuidh an teagaisg so, bitheadh an 
soisgeul air a shearmonachadh 'n ar measg, ann an 
gloine, o là gu là ; ach bithidh e gun bhrigh dhuinn. 
Fanaidh peacaich mar bha iad, agus cha bhi fàs, ach 
dol air ais, ann an gràs, aig pobull Dhè, mur tig an 
Spiorad a nuas ! Faic Isai. xxxii. 13-17. 'S ann, uime 
sin, chum bhi toirt beachd dhuinn air obair an Spio- 
raid, mar tha i air a foillseachadh 's an Fhocal ; agus sinn 
a ghluasad gu bhi ri dian-thagradh gu 'n tigeadh an 
Spiorad glòrmhor ud a nuas oirnn, eadar theachdairean 
agus phobull, mar Spiorad dùsgaidh, soillseachaidh, 
iompachaidh, sòlasachaidh, agus naomhachaidh, — a 
chuir an t-ùghdair na rainn so r' a chèile. Agus 's i 
a dhùrachd agus 'ùrnuigh ri Dia, gu'm beannaicheadh 
Esan an " t-iomradh" do 'n leughadair ! 

Tha beagan do rainn air an cur ris an dàn a nis 
nach robh 's a' cheud chlò-bhualadh ; a mheasadh leis an 
ùghdair bhi feumail : agus aithnichear iad leis a' chomh- 
arradh-so-(") ; aig toiseach gachrainn. — E. D. 



OBAIR AN SPIORAID 



IOMKADH, &c. 



Air fonn. — u '£ e fulangas mo Shlànaighir 



0, dheanainn luaidh — 'n am b' urrainn mi, 

Air obair Spioraid Dhè ! 
Mar tha i chaoidh r' a h-aithneachadh, 

'N a toradh is n' a beus. * 
'S fior ; tha a freumh tur-fholuicht' uainn ; 

Mar chraoibh 's an talamh shèimh, 
Ach innsidh 'chraobh le 'toradh dhuinn, 

Gu 'm bheil aic' bun is freumh. 

II. 

Ach, Ughdair mhòir na h-oibre ud ; 

'S a thobair beath' na slàint', 
An cridheachaibh do phobuill-se ; 

O, cuidich leam 's a 'chàs ; 
Is deònaich saors' is solus dhomh, 

Is breithneachadh^ tre ghràs, 
Air t' obair, chum gu'm b' aithne dhomh, 

A h-aithris ann mo dhàn ! 



* Matt. vii, 20. 



ANN AN SLUAGH DHE. 



III. 

0, thàinig mùthadh gàbhaidh oirnn ; 

'S ro chràiteach e r'a luaidh ; 
Oir thuit gu leir an Adhamh sinn, 

Is dh' f hàgadh anns' sinn truagh : 
Ged chruthaicheadh gu glòrmhor sinn, 

0, chaill an t-òr a shnuagh ; 
'S tha obair ghrinn an òr-cheird nis 

Gu brònach, millt', is truaillt' ! 

IV. 

A steach do 'n t-saoghal thàinig sinn — 

Fo bhinn a' bhàis gu truagh ! 
Do'n pheacadh nis is tràillean sinn, 

'S do Shatan', thug oirnn buaidh ! 
'S na h-uile 's an staid bhrònaich ud, 

Mar mhairbh gun deò 's an uaigh ; 
Gun chuideachadh, gun dòchas ac', 

Ach rùisgt' do dhòruinn bhuain. 

v. 

Ach rùnaich Dia, o shìorruidheachd, 

An dìomhaireachd a ghràidh, 
Seadh, peacaich chaillt', gu mìorbhuileach, 

Tre Chriosd, a thoirt gu slàint' : 
'S mar choisinn Esan saorsa dhoibh ; 

Tha Spiorad Naomh nan gràs 
A' teachd a mach gu 'n naomhachadh, 

'S cur riu na saors' gu slàn. 

VI. 

'S gun cheist is iad an t-àireamh ud 

A gràdhaicheadh le Dia ; 
'S a thaghadh air mhodh ghràsmhor leis, 

Air son 'n do bhàsaich Criosd.* 
'S ann riu-s' a mhàin 'chomh-pàirticheas 

An Spiorad slàinte shìor ; 
Is anam dhiubh cha 'n fhàgar leis, 

Gu dol gu bràth a sìos. 



* Eoin x. 11, 28. 



OBAIR AN SPIORAID 
VII. 

'N an d' bhàsaich 'n àit nan uile e, 

— Is sud tha cuid ag ràdh — 
Am bitheadh anam fulang dhiubh, 

Fo ghuin an dara bàis ? 
No 'n agradh lagh is ceartas dhiubh 

Na fèich, gu beachd, bha pàidht' V 
0, 's truagh gach sluagh is Teachdair dhiubh, 

Do 'n bheachd ud a bheir àit ! 

VIII. 

Is fior, tha gairm ar soisgeil-ne, 

Gum leth-bhreth, do gach sluagh,* 
Is thaobh nan uile chreideas e, 

Bidh ac'-san saors', le buaidh : 
Is firinn sud ; ach aidich 'mid 

Gu'n seas an taghadh buan ; 
Oir 'n dà chuid 's ponca creidimh iad, 

Air teisteas Kigh nan sluagh. 

IX. 

Tha rùintean Dhè 'n an dìomhaireachd ; 

'S cha 'n ioghnadh leinn an sgeul ; 
Dha fèin a mhàin is riaghailt iad, 

'N a ghnìomharaibh gu lèir. 
Ach 0, cha b' iad na rùintean ud, 

'Bha dtiint' 'n a uchd o chèin, 
'Thug e mar riaghailt ùmhlachd dhuinn ; 

Ach 'Fhocal cùbhraidh fèin.f 

x. 

An sud, tha gairm an t-soisgeil dhuinn, 

— 'S gun cheist, o chridhe Dhia — 
Gun dàil, air bonn a theisteis-san, 

Bhi teicheadh dh'ionnsuidh Chriosd. 
Tha 'n soisgeul teachd le ùghdarras, 

D' am buin dhuinn lùbadh sìos : 
'S e sud a 's riaghailt ùmhlachd dhuinn, 

'S cha 'n e na rùintean sìor ! 



* Marc xvi. 15, 16. t Deut. xxix. 29. 



ANN AN SLUAGH DHE. 



XL. 

'S an cur na saorsa glòrmhoir riu, 

Eeir òrduigh sìorruidh Dhè, 
Ni 'n Spiorad obair òirdheirc orr', 

Mar òr ro-dhearbht'n a ghnè ; 
Bidh Criosd 'n a bhunait dòchais dhi ; 

'S 'n a chòmhnadh buan gach re. 
'S an ath-bhreith tha i tòiseachadh, 

'S tha glòir a' teachd 'n a dèigh ! 

XII. 

Is thaobh gur obair ghràsmhor i, 

Mar tha i innte fein, 
Is ionnan chaoidh 'n a nàdur i, 

An cloinn nan gràs gu lèir ; 
Oir ge b'e eadar-dhealachadh 

A gheibhear measg an treud, 
Is caoraich d' an aon olainn iad, 

'S gu h-uile d' an aon ghnè. 

XIII. 

Ach 's obair tha ro dhìomhair i, 

Am pobull Chriosd 's gach àl ; 
Tre 'm bheil iad 'giùlan 'ìomhaigh-san, 

'S le 'n anam strìochdadh dha ! 
O 'n t-saoghal thruagh tha 'n obair ud 

Tur-f holuicht', seadh, do ghnàth : 
'S am pàirt, is obair f holuicht' i 

'n anam fèin, f huair gràs.* 

XIV. 

Tha 'm Focal, anns gach Tiomn^idh dheth, 

Toirt iomraidh shoilleir, f hìor, 
Mu'n obair ghlòrmhor ion-mhòlt 7 ud, 

Tha ionmhuinneach le Criosd. 
Is cumamaid ri 'theisteas-san 

Tha seasmhach, buan, gu sìor ; 
Is foghlumaid an teagasg uaith', 

Tre 'n tuig sinn obair Dhia. 



* Col. iii. 3. 



148 



OBAIR AN SPIORAID 



XV. 

'S e 'n Spiorad Naomh is ùghdair dhi 7 

Araon 'n a tùs, 's 'n a f às ; 
Is 's e fa dheireadh, chrùnas i, 

'Chum cliù an Triath gu bràth. 
'S tra thig an Spiorad uasal ud 

A nuas air cloinn a' bhàis, 
Fìor-nochdaidh e, gu buadhach annt', 

Ard-uachdranachd a ghràis. 

XVI. 

'S e dhearbhas orr' am peacaidhean ; 

Seadh, peacadh gin is gnìomh' ; 
'S gur h-e a riamh bu chleachdamh dhoibh, 

Bhi briseadh reachda Dhia ; 
Gu 'n d' tharruing sud gach truaighe orr', 

Seadh, truaighean trom' is sìor ; 
'S gu b' e an ciont' a b' uamhasaich', 

Gach uair, bhi diùltadh Chriosd !* 

XVII. 

Tra bheir e bioradh 's dùsgadh dhoibh, 

Is cùram mu 'n staid chaillt',f 
Bidh mothachadh air ciùrradh ac', 

'S bhi rùisgt' do'n f heirg a thoill : 
Oir falbhaidh, 'n aon uair cuideachd uath', 

Gach luideag is fèin-fhoill ; 
Is gheibhear sin ri tuireadh iad, 

Gun chuideachadh, gun soills'. 

XVIII. 

Ach anns an luidhe bhrònach ud, 

'S tra theich gach dòchas brèig', 
An Spiorad bheir 'n a thròcair dhoibh, 

An dòchas, chaoidh, nach trèig. 
Ach lotaidh e, mu 'n slànuich e ; 

'S bidh 'n sàthadh, theagamh, geur : 
Ach mar is doimhn ùn sàthadh ud, 

Bidh 'n slànuchadh d'a rèir. 



# Eoin xvi. 8. 



f Gniomh. ii. 37, 



ANN AN SLUAGH DHE. 
XIX. 

Gidheadh, fo'n lot cha 'n fhàg e iad ; 

— Cha b' e, gu bràth, a rùn 
'Se 'n tarruing chum an t-Slànuighf hir, 

Gu h-àraidh tha 'n a shùil : 
Is ni e obair ghràsmhor orr', 

'Cur tàbhachd annt' is lùth's ; 
A chum gu 'n creid, 's gu'n tèarnar iad, 

'S do ghràs gu 'n toir iad cliù. 

XX. 

Seadh, ni e obair ghràsmhor orr' ; 

An nàdur ni e nuadh : 
D' an ghoireadh, leis an t-Slanuighf hear, 

An ath-bhreith tha o shuas. * 
'S tra ni an Spiorad glòrmhor ud 

An tabhairt beò 's gach buaidh, 
Ri Criosd, an sin, dlùth-chòrdaidh iad, 

Le creidimh beò, 's an uair. 

XXI. 

Cha ghabhar ach tre chreidimh ris ; 

'S cha chreid sinn chaoidh dhinn fèin ; 
Oir anam marbh, co theireadh e, 

Gu 'n creid e teisteas Dhè ? 
Ach ceart mar tha ar sàbhaladh 

O chumhachd gràis gu lèir, 
Tha 'n creidimh beò, is slàinteil ud, 

O ghràs dhuinn mar an ceudn'. 

XXII. 

Tha mearachd mhòr — 's is cràiteach i — 

San là s' a' dol mu'n cuairt ; 
Ach taitnidh chaoidh ri nàdur i, 

Seadh, nàdur fèineil, truagh ! 
Gu 'm bheil creidimh anns an t-Slànuighear, 

Trid am bheil slàinte bhuan, 
Dol roimh an ath-breith ghràsmhor ud, 

'S o nàdur 'g èirigh suas ! 

* Eoin iii. 3. 



OBAIR AN SPIORAID. 
XXIII. 

Is fior, gu cinnt, gur dleasdanas, 

Bhi creidsinn ann an Criosd ; 
'S bhi gabhail ri a theisteas-san ; 

Oir tha, gun cheist, e fior ; 
Is gur e ciont' nam mìltean e, 

A chual an f hìrinn riamh, 
Nach d'thug iad aire 'rìreadh dhi, 

'S nach d' chreid iad i o Dhia. 

xxiv. 

Ach 's aon ni sud mar dhleasdanas, 

Tha taisbean' ùghd'rais Dhè, 
'S a chòir a tha o pheacaich aig', 

Do 'reachd bhi 'g agairt gèill : 
'S is ni gu h-iomlan eile e, 

'M bheil comas ac', dhiubh fèin, 
Bhi gairm gu bith a' chreidimh ud 

Aon anam tha fo 'n eug ! 

xxv. 

Na bitheadh neach ag innseadh dhomh, 

Gur firinn sud o Dhia ; 
Oir àicheadhaidh a phobull e, 

'thùs gu 'chrìch a sìos. 
An creidimh, 's lus nach d'àraicheadh 

An gàradh nàduir riamh ; 
Dh'f heumadh e fonn a b' f hèarr na sud, 

Chum fàs thòirt dha is gnìomh. 

XXVI. 

Ki Criosd, a deiream, còrdaidh iad, 

Le*creidimh beò gu saor : 
Is gheibh iad ceangal pòsaidh ris, 

Am pòsadh chaoidh nach sgaoil. 
Is bheir e dìon is stiùradh dhoibh, 

'S fior chomunn dlùth, is caomh ; 
'N sin their a chèiF, le dùrachd ris, 

'S tu " fear mo rùin, 's mo ghaoil." 



ANN AN SLUAGH DHE. 
XXVII. 

'S e Criosd an f hìonain f hìrinneach, 

Mu'n d' innseadh dhuinn Ieis fèin ; 
'Chomhpàirticheas gun dìobradh riu, 

Am beath' 's am brigh gu lèir ; 
* Tha aonadh dlhth is diòmhair ac' 

Ei Criosd,* tre Spiorad Dhè, 
Air nach cuir ùin' no sìorruidheachd 

Chaoidh crìoch, no idir sgeul. 

XXVIII. 

'S e 'n t-aonadh bonn a' chomuinn ud, 

Th' aig 'phobull-san ri Dia, 
'S tre 'm builich e, gu h-ullamh orr', 

A chomunn blàth is fior ; 
Araon 's e bonn nan còirichean, 

Gu sònruicht', th' ac' an Criosd, 
Tre 'm faigh iad, mar is dòchas dhoibh, 

An oighreachd ghlòrmhor shìor. 

XXIX. 

Ach 0, nach aonadh beannuicht' e, 

Th' aig 'n anam nis ri Criosd ! 
Tre chreidimh, chaoidh, o 'n tarruing e 

An toradh nach bi blìon ; 
Oir 'fhireantachd tha uime-san, 

Tre 'n ghabhadh ris le Dia, 
Is Criosd bidh mar na h-uile dha, 

Gu h-uile, is gu sior. 

XXX. 

Bidh 'n Spiorad Naomh a threòraich iad, 

Gu sònruicht', dh'ionnsuidh Chriosd, 
O'n là sin gabhail còmhnuidh annt', 

Mar Spiorad sòlais shìor. 
Is ni e Teampull àluinn dhiubh, 

Mar àite-tàimh do Dhia ;f 
'S oibrichidh e gu gràsmhor annt', 

Gach là, an toil 's an gnìomh. 
* Eoin xv. f 1 Cor. iii. 16. 



OBAIR AN SPIORAID 



XXXI. 

'S e 'n Spiorad ceudn' a naomhaicheas* 

Gach aon fa leth do'n treud, 
A' tabhairt cumaidh, 's aomaidh dhoibh, 

A dh' aondann ri toil Dhè. 
Ts anns an obair dhìleas ud, 

'S e firinn', Fhocail fèin 
Am meadhon tre an saothraich e, 

'S ann air gach aon gu lèir. 

XXXII. 

'S fo obair ghlan na naomhachd ud, 
Bidh gràdh gach aoin do Chriosd ; 

Oir thearbadh nis o 'n t-saoghal iad, 
'S o chomunn dhaoin' gun Dia. 

lagh a' pheacaidh shaoradh iad,f 
'S o dhaors' gach ana-mhiann : 

Tha corp a' bhàis 'n a dhaorsa dhoibh,f 
Ach gheibh iad saors' 's a' chrìoch. 

XXXIII. 

Is fior, bidh cathan piantail ac' 

A riamh o f huair iad gràs ; 
Oir 'n f heòil bidh chaoidh a' miannachadh, 

'S ag iarruidh rìs a h-àit. || 
'S an cogadh ud cha chrìochnaich e 

Gu sìor gu uair a' bhàis ; 
Ach sguiridh 'n sin gu sìorruidh e, 

Oir choisinn Criosd am blàr ! 

xxxiv. 

Ach maille ris gach sàruchadh, 

Is cràdh a th' ac' o 'n f heòil, 
Thig saighdean geur o Shatan chuc,'§ 

Gu bràth, tha orr' an tòir. 
'S bheir daoine fuath bhios dearbhta dhoibh, 

Is deochan searbh r' an òl ; 
An so bithidh geur-leanmhuinn orr', 

Is garbhlachd ac' 's an ròd. 

1 Pead i. 2. f Rom. viii. 2. t Rom. vii. 24. 

|| Gal. v. 17. § Ephes. vi. 17. 



ANN AN SLUAGH DHE. 



153 



XXXV. 

Ach gheibli gach neach do 'n àireamh ud, 

Gun teagamh, gràs is glòir : 
Oir chionn gur beò an Slanuighf hear, 

Gu bràth bidh iadsan beò.* 
'S e gealladh cinnt' an Tighearn dhoibh, 

Gu 'n siab e uath' na deòir ; 
'S bidh es' 'n a chuibhrionn shìorruidh dhoibh, 

'S thig crìoch air làithibh 'm bròin.f 

xxxvi. 

0, leanamaid an naomhachd ud ; 

Ni 'n t-anam aon ri Criosd, 
An coslas is a' chaomhalachd, 

'S an comunn saor is sìor ! 
Do'n pheacadh is fior nàmhaid i, 

'S is bàs i dha 's a' chrìoch ! 
'S e mais' glòir a nàduir i, 

'S tre 'm meal gu bràth sinn Dia ! 

XXXVII. 

'S e Spiorad Naomh na firinn e, 

A mhìnicheas a ciall,J 
'N sin gabhaidh iad do rìreadh rith', 

Mar 'n f hìrinn tha o Dia. 
Is bithidh si, tre 'n fhasach, dhoibh 

Mar sgàthaibh soilleir, fior, 
'S am faic iad glòir an t-Slànuighf hir, 

Tha àillidh mar a' ghrian ! 

XXXVIII. 

Bidh Focal Chriosd mar sgàthan doibh, 

'S am faic iad 'ailleachd fèin ; 
'S ni 'n sealladh mùthadh àluinn orr 7 , 

Gu 'n nàdur-san, 's a sgèimh. || 
'S ma thugadh sùilean fosgailt' dhoibh, 

Is sgoltadh tuigs' is lèirs', 
'Chum faicsinn glòir' a' chuspair ud ; 

Sud obair Spioraid Dhè. 

[* Eoin xiv. 19. f -Isa. lx. 20. \ 1 Cor. ii. 10, 12. |[ 2 Cor. iii )m 

G 5 



OBAIR AN SPIORAID 



XXXIX. 

Bidh 'm Focal naomh 'n a lòchran dhoibh, 

Fo sheòladh 'n Spioraid cheudn', 
Tre 'm bi iad air an treòrachadh 

Gu tìr na glòir' gu rèidh.* 
Bu chianail, dorch, an turus dhoibh ; 

— 'S cha b' turus e gu nèamh — 
Mur bitheadh 'n lòchran dealrach ud, 

Toirt soluis dhoibh 'n an ceum. ' 

XL. 

'S i 'n f hìrinn 's bonnchar creidimh dhoibh, 

M#r theisteas f hìor-ghlan Dhè ; 
Tre 'm fairich, is an aidich iad, 

Gur coigrich iad fo ghrèin ; 
Tre chreidimh 'n f hocail-gluaisidh iad, 

'N an turus suas gu nèamh ;f 
7 S an Spiorad cumaidh suas annt' e, 

Tre bhuaidh a' chroinne-cheus'. 

XLI. 

'S e an crann-ceus' gu sònruichte, 

An lòn, 's an dìon, 's an stèidh ; 
An sud, tha seasamh glòrmhor ac', 

Air carraig chòmhnard rèidhj 
'S a mheud 's a fhuair an creidimh ud, 

'S a ghlacas teisteas Dhè, 
'S iad-san gu fior a dh'aidicheas, 

Gun saidealtas, e fèin. 

XLII. 

Seadh, aidichidh, 's cha 'n àicheadh iad.; 

Gun nàire air an gruaidh, 
Fìor-ghlòir is crùn an t-Slanuighfhir, 

'Chuir cuid, 'n ar là, 's an uaigh ! 
Oir chuir iad cùl — 's cha chiùirteach leo — 

Ki ùghd'ras Chriosd 's an uair, 
Is roghnaicheadh, le dùrachd leo, 

Au rùsg an àit an Uain. || 

x Salm cxix. 105. f 2 Cor. v. 7. J Salm xl. 2. 
!i Eoin x. 12, 13. Esec. xxxiv. 11-20. Jer. xii. 7-12. 



ANN AN SLUAGH DHE. 



XLIII. 

Och ! sud gu lagh is Cùirtibh iad, 

Gu ciùrradh oighreachd Dhia ! 
'S do dhaoinibh thugadh ùmhlachd leo, 

A' lùbadh dhoibh roimh Chriosd : 
Is ruag iad as a' ghàradh e, 

'S an robh a thàmh o chian ; 
Is dh'f hàgadh nis mar f hàsach e, 

'N a ghàradh tioram, blìon ! 

XLIV. 

'S ma tha iad measg an àireimh ud, 

A mhothaich gràs a riamh : 
Riu theirinn — Ged nach fàidh mi — 

Gu'm faigh sibh cràdh is pian. 
Is ni e nach gabh àicheadh dhuinn, 

G'an d' chràidh sibh Spiorad Dhia ; 
'S gu 'n luidh orr' doille 's f àsalachd, 

An teagasg dh'f hàgas blion ! 

XLV. 

Ach ge b' e fhuair an creidimh ud, 

A ghreimicheas ri Criosd, 
Dhoibh bheirear neart gu 'aideachadh, 

'S gu seasamh leis gu dian : 
Oir 'n Spiorad, tha 'n a thròcair-san, 

'Na chòmhnuidh annt' gu sìor 
An creidimh cumaidh beò e annt', 

Seadh, beò annt' gus a' chrìoch. 

XLVI. 

'S e Spiorad na h-uchd-mhacachd e, 

Am macaibh Dhè nan sluagh, 
A theagaisgeas le acarachd 

Dhoibh Aba ghlaodh 'n a chluais ;* 
Oir bheir e muinghinn cloinne dhoibh ; 

Is aithne ghlan, le buaidh, 
Air Dia, 'n a aogas athaireil, 

'N sin theid an Aba suas ! 



* Rom. viii. 14. 



1Z6 



OBAIR AN SPIORAID 



XLVII. 

Bithidh e 'n a f hear-tagraidh annt', 

Ag eadar-ghuidh' le buaidh ; 
'G an teagasg gu bhi 'g asluchadh, 

Le osnaibh tha do-luaidh* 
Seadh ; ni e pobull ùrnuigh dhiubh, 

'S gach dùth'ch am bheil an cuairt : 
Is gheibh iad neart is ùrachadh, 

'N tra thig an drùchd a nuas. 

xlviii. 

Air uairibh, an tra lùbas iad 

An glùn, aig caithir gràis, 
Thig frasan blàth, is ùrail orr', 

Mar dhrùchd a bheir orr' fàs. 
Is ruithidh 'n sin gu sùrdail iad ; 

An cùrs', o là gu là ; 
Is gheibh thu 'n anail chùbhraidh ac', 

'S a 'ghnùis bhios geanail, tlàth. 

XLIX. 

Ach, ; nach robh mar Iacob sinn ; 

Le spàirn a ghleac gu dian ; 
Gus 'n d 1 f huair e 'bheannachd àraidh ud ; 

A dh' f hàg e àir a rian ! 
Oir ged bha 'n t-aingeal gràsmhor ud, 

Tur làidir gu 'chur sìos ; 
'S ann chuir e neart is tàbhachd ann ; 

Rinn Iacob treun 's a' ghnìomh. 

L. 

'S ,e gealladh Dhia do Israel, 

A dh' fhiosraich e le 'ghràs ; 
Gu 'm bi e mar an t-uisge dhoibh, 

Mar uisge mìn is tlàth. J 
Ach 's minic thug e dòirtidhean,|| 

A chòrr air 'fheartaibh ghàth'cht', 
Tre 'n chuireadh aois is òigridh leis, 

Gu sònruicht', dh' iarruidh slàint'. 



* Rorn. viii. 26. f Gen. xxxii. 24-20. \ fTos. xiv. 5. || Isa. xliv. 3. 



ANN AN SLUAGH DHE. 



157 



0, c'ait an diugh, 'm bheil cuimhneachas 

'N an linn chaidh seachad uainn ? 
'S an robh e do ar sinnsearaibh 

Toirt Cuingeis iomadh uair ! 
'N tra bha an Spiorad glòrmhor ud, 

'G a dhòrtadh chean a nuas, 
'S gu Slànuighf hear 'g an treòrachadh, 

'S an d' f huair iad sòlas buan ! 

LII. 

Bu shealiadh ait do Thròcair sud, 

— D' am b' bhròn gun cheist ar truaigh'- 
'N tra thigeadh 'n Spiorad glòrmhor ud, 

'N a dhòirtidhean a nuas ; 
'S tra ghlacadh e na ceudan dhiubh, 

Seadh, ceudan an aon uair ! 
'G an tarruing leis gu h-èifeachdach, 

Gu treud is chrò an Uain. 

LIII. 

An sin, bha làithean samhraidh ac', 

'S an dannsadh iad gu gleust' ; 
Chaidh thairis nis an geamhradh uath' 

'S chluinnt' òran binn nan eun : 
'S 'n a measg-san, chluinnt', gu suilbhireach 

Guth a' cholumain shèimh' : 
Chitht' lus is geug fo thoradh 'n sin ; 

'S an talamh fein fo sgèimh !* 

LIV. 

7 S cha 'n e g'an cual, ach chunnaic sinn ; 

'S bu shealladh beannuicht' e ! 
'S e peacaich thruagh', gu muladach, 

Ri tuireadh 's sileadh dheur ! 
Oir mhothaicheadh an cunnart leo, 

'S bhi nis fo mhallachd Dhè, 
Air 'n d'thug an Spiorad urramach, 

Le' chumhachd-san, dhoibh lèirs'. 



* DaTi Sholairah ii, 11—31. 



OBÀIR AN SPIORAID 



LV. 

'S e rinn 'n a shealladh beannuicht' e ; 

Am focal bhi dol sàs 
Am peacaich làidir cheannairceach, 

'S g' an leagadh sìos gu làr : 
'S an Spiorad leis 'n do leònadh iad ; 

'G an treòrachadh gu slàint' ; 
Air Slànuighf hear toirt eòlais dhoibh, 

'S 'g am pòsadh ris gu bràth. 

LVI. 

Tha cuid f huair dhachaidh sàbhailt dhiubh, 

S' air leabaidh 'm bàis rinn sgeul, 
Air cumhachd 's gràdh an t-Slànuighf hir, 

A nochd a ghràs dhoibh fèin : 
Is anns a' chreidimh bhàsaich iad ; * 

An dòchas slàinte rèidh, 
'N tra chuireadh 'thaobh is dh'f hàgadh leo, 

Am pàillunn talmhaidh crèidh.f 

LVII. 

'S tha chuid dhiubh fathast dh'fhàgadh dhuinn, 

Tre chaoimhneas ghràidh ar Dè ; 
Nis beò tre chreidimh 'n t-Slànuighf hir, 

'S a gluas'd gach là d'a rèir. 
Is Dia gu 'n glèidh gu sàbhailt iad 

O Shatan, 's uatha fèin ; 
'S o shaoghal coimheach, àrdanach ! 

'S gu 'n cuir e an t-àireamh 'meud ! 

LVIII. 

Is truagh gach neach a dh'àicheadhas 

Gur obair ghràis a bh' ann ! 
'S gu 'm b' shoilleir do na Bràithribh i ; 

'S do chàirdibh Chriosd 's an àm ; 
A thaobh na sheallas tàireil oirr', 

Ag ràdh gur e bh' innt' moll, 
No chuireas à" leth Shatain i ; J 

Bidh cràdh ac' dheth is call ! 

* Eabh. xi. 13. f 2 Cor. v. 1. t Mat. xii. 24, 31, 32. 



ANN AN SLUAGH DHE. 
LIX. 

'S fior, bha iad measg an àireimh ud, 

Air 'n d' thàinig crith, is gluas'd 
Ach thuit air falbh o'n là sin iad : 

'S mo chràdh, tha 'd nis 'n an suain ! 
Ach c'ait' 'n robh 'n Spiorad saothrachadh 

Measg dhaoine riamh, le buaidh, 
Nach cuireadh Dia an t-saoghail so 

Faoin-dhealbh do 'n obair suas ? 

LX. 

Ach co, a chionn sin, dh-àicheadhadh 

Gu 'm b' obair ghràsmhor i ? 
No chuireadh a leth Shatain i ? 

Bu chràiteach, goirt an ni ! 
'San t-sìol a 's faillain' dh'f hàsas dhuinn, 

13idh diasan fàs gun bhrìgh ; 
Ach, a chionn sin, co 'chàineadh e, 

No 'leigeadh dha dol dhìth ? 

LXI. 

Ach chloinn na' h-oibre gràsmhoir ud, 

Na cràidhibh Spiorad Dhè ;* 
Tha annaibh 'na f hear-àiteachaidh, 

Mar Spiorad gràis gu rèidh ! 
Mu 'n tarruing e a làthaireachd, 

Kè iomadh là uaibh fèin, 
7 S gu 'm faigh sibh caoil' is fàsalachd, 

A dh'fhàgas sibh gun f heum ? 

LXII. 

Cha 'n e, gu tur, gu 'm fàg e iad, 

'S an d' ghabh e tàmh a riamh ; 
Oir seasaidh 'n ceangal gràsmhor ud, 

Gu bràth, th' ac' ri Criosd. 
Ach bidh mar phreas an gàradh iad, 

A dh'fhàsadh seac is crìon, 
A fhreumhan ged nach bàsaich iad, 

Air 'bhàrr cha 'n fhaic thu biadh. 
* Ephes. iv, 30. 



OBAIR AN SPIORAID 



LXIII. 

Ach 's truagh, gun cheist, gach anam dhiubh 

Do nach aithne am feum 
Air 'n obair mhòir is bheannuicht' ud, 

A dh'f hairich pobull Dhè ! 
Oir peacadh bithidh raighlaidh annt', 

'S an diabhuli mar an ceudn' ! 
Is fanaidh fearg an Tighearn orr', 

Do.Chriosd mur toir iad gèill ! 

LXIV, 

Bha cuid dhiubh 'n an suil-fhianuisibh 

Air obair Dhia 's an uair, 
'S iad fèin 'n an seasamh-diomhanach ; 

Do Chriosd gun tabhairt cluais, 
'N tra chaidh e mach 'n a charbad-san, 

Air anamaibh 'toirt buaidh' ! 
Ach nis ; an là ud dh'fhalbh e uath' ; 

'S an staid, gu dearbh, tha truagh ! 

LXV. 

'S e 'n Spiorad Naomh ni toileach iad, 

Bhi tabhairt ge'ill do Chriosd ; 
'S am bi gach saors' is sonas ac', 

Nach dealaich riu gu sìor. 
'S ! anam, thoir an obair dha ; 

A bhuineas dha mar Dhia ! 
Mu 'n tig am bàs gu h-obann ort, 

'G ad leagadh teann a sìos ! 

LXVI. 

'N sin dorus tròcair dùinear ort, 

Bha dlùth dhuit fad do là ; 
Tre 'n tugadh cothrom dùsgaidh dhuit, 

Gu cùram mu do shlàint' ; 
Ach chionn gu'n d' chuireadh cùl leat rith' ; 

Bidh cùradh agad 's cràdh ; 
Oir dh'f halbh a nis an ùin' ud uait ; 

An ùin' nach pill gu bràth ! 



ANN AN SLUAGH DHE. 



161 



LXVII. 

Acli fathast, 'm feadh 's tha ùin' ann dhuit, 

Is gairm as-ùr o Dhia, 
Mo thruaighe lèir, nach dùisgeadh tu ; 

'S nach dùineadh tu ri Criosd ! 
Tha 'ghàirdean fathast sìnte dhuit, 

O creid, gu cinnt', gur fior ! 
•S gun dàil, ma 's e, 's nach pill thu ris, 

Di-rahilltear thu gu sìor ! 

LXVIII. 

Mo thruaighe leir, cha 'n aithne dhuit 

Do chunnart no do chall, 
No mhallachd tha 'n a luidhe ort, 

Mar eallach tuilleadh 's trom ! 
'S cha 'n e a 's lugha cunnart dhuit, 

Do d' chunnart thu bhi dall ! 
Ach Dia gu 'n tog an dalladh dhiot, 

Mu 'n leagar thu fo 'n f honn ! 

LXIX. 

Is sibhse 'shluaigh mo chùraim-sa, 

O, b' e mo dhùrachd dhian, 
Ri Fear mo ghràidh gu 'n dùnadh sibh ; 

'S an ùir mu 'n luidhinn sìos ! 
Oir dhòirteadh e, 'n a ghaol-san oirbh, 

An Spiorad Naomh gu fìal : 
Gluaisibh ! — teichibh ! — aomaibh ris ! 

Seadh, aomaibh, — 's gabhaibh ciall ! 

LXX. 

Tha iomadh dhibhs' mi-chùramach ; 

— Is ciùrrtach leam a luaidh ! — 
! idir, c'uin a dhùisgeas sibh, 

'r dùsal trom, 's 'ur suain ? 
Oir, ma gheibh bàs is breitheanas, 

— Tha feitheamh air gach sluagh — 
Sibhse gun Chriosd 's gun maitheanas, 

Bhur seasamh bithidh truagh ! 



OBAIR AN SPIORAID 



LXXI. 

'S ma chi mi measg an àireimh sibh ; 

'S an là an nochdar Chriosd, 
Chum sgaraidh chaoidh o 'làthair-san, 

Na rinn air tàir a riamh : 
Is ni e 'n diugh ni deurach mi, 

— Ach sgeul e bhitheas fior — 
Ri 'r dìteadh-san gu 'm feumar leam ; 

Mo sheul a chuir gu sìor I 

LXXII. 

'S a' chuid 'n ur measg a ghràdhaicheadh 

Le Dia nan gràs o chian ; 
'S mar thoradh air a ghràdh-san dhuibh, \ 

A thàlaidh sibh gu Criosd ; 
Gu 'n robh a Spiorad gràsmhor-san ; 

Ghabh tàmh 'n a phobull riamh, 
Chaoidh maille ribh, 's 'g ur 'n-àiteaehadh — 

— Sud m' ùrnuigh ghnàth ri Dia — 

LXXIII. 

'S fo stiùradh 'n Spioraid uasail ud, 

A chuireadh nuas 's gach àl ; 
bithibh beò, is gluaisear leibh 

Seadh, gluaisibh ann gach là l* 
Faigheadh e tric a' lùbadh sibh, 

Is dlùth ri caithir ghràis ; 
Is cuimhnichibh 'n ur 'n-ùrnuighibh 

'M Fear-iùil le miann bhur slàint' ! 

LXXIV. 

Is tagairibh, gu dùrachdach, 

Gu 'n tigeadh 'n drùchd a nuas ; 
D' ar n-Eaglais, bheireadh ùrachadh, 

Is lùth's gu seasamh suas ; 
Gu seasamh le a Ceannard-san, 

A cheangal ris 's an uair ; 
Is bheirear dhuibh na beannachdan 

A cheannaich e d' a shluagh. 

* Gal. v. 25. 



ANN AN SLUAGH DHE. 
LXXV. 

" Gu 'n tigeadh àm ath-bheothachaidh ; 

A thogadh reothadh bài^, 
Dheth iomadh tha 'n am prìosunaich ; 

Aig ceartas Dhia an sàs ! 
Gun eagal roimh an t-sìorruidheachd, 

A dh' iathas ump' gun dàil ; 
Far am bi ceartas 'g iarruidh uath', 

An dìol nach toir gu bràth ! 

LXXVI. 

" Gu 'n tigeadh 'n anail chaoimhneil ud, 

O cheithir ghaothaibh nèimh,, 
A shèideadh air na cnàmhaibh dhuinn. 

Tha fad 'n an tàmh fo 'n eug ! 
0, 's tioram, seadh, 's is lìonmhor iad, 

Fo ghrian an t-soisgeil shèimh ; 
Is iomadh nis air liathadh dhiubh ; 

'N an slighibh cianail fèin ! 

LXXVII. 

" Gu 'n tigeadh 'n anail èifeachdach, 

Air oighreachd Dhè a nuas ! 
A thogadh goirt is caoile dhiubh, 

'S a chaochaileadh an snuagh. 
Oir na nithe ta làthair annt', 

Ghrad bhàsaicheadh gu luath, 
Mur bi an Spiorad glòrmhor ud ; 

'G an cumal beò gach uair. 

LXXVIII. 

" 'S e sud a bheireadh ath'rachadh, 

Seadh, earrach 'n dèigh an f huachd, 
'S a bheireadh aimsir shamhraidh dhuinn 

'S an geamhradh theicheadh uainn. 
Ni ghaoth o dheas, tra shèideas i, 

An dèigh na gaoith o thuath, 
Ar lios 's ar spìosraidh ùraichidh, 

'S bidh àileadh cubhraidh uath\ 



OBAIR AN SPIORAID 



LXXIX. 

" 0, Spioraid, thugadh èisdeachd leat, 

Is spèis do ghlaodh do shluaigh ; 
Tha là 's a dh' oidhch' ag e'igheachd riut, 

Le osnaibh gheur do-luaidh ! 
Gu 'n tigeadh àman ùrachaidh, 

Atr cloinn a' chùmhnaint, nuas ; 
An anail dheanadh sùrdail iad, 

Chum ruith an cùrs le buaidh. 

LXXX. 

" An anail dheanadh gnìomhach iad, 

Am fion-lios Dhè gach là ; 
'S a dheanadh seasmhach, eudmhor, iad, 

Is treun, 's an latha-bhlàir : 
A dheanadh Criosd ro-phrìseil dhoibh, 

Is iads' ro-dhìleas dha' : 
A bheireadh 'n inntinn spioradail, 

'S d' a spiorad'lachd bhi fàs ! 

LXXXI. 

'S a theachdairean an Tighearna, 

'N a Fhionan-san fhuair dreuchd, 
'S 'n a thigh a ghàbh r' a riaghladh-san ; 

'S tha 'g iarruidh maith an treud ; 
! chuireadh leis fo fhiachaibh sibh ; 

Bhi biathadh 'phobuill fèin, 
Is peacaich 'ghairm gu strìochdadh dha, 

'S am bi ac 'dìon gach rè ! 

LXXXII. 

Air drùchd an Spioraid ghlòrmhor ud, 

Biodh eòlas agaibh 's leirs' 
Is thugaibh àite comhnuidh dha, 

Gu sònruicht', annaibh fèin. 
Oir 's e bheir saors is comas dhuibh, 

Ni ullamh sibh 's an dreuchd ; 
'S a dh'easbhuidh 'ghnùis 's a chomunn-san, 

Bhur 'n obair tha gun f heum ! 



ANN AN SLUAGH DHE. 



LXXXIII. 

bithibh chaoidh mar sholusaibh, 

Ro-dhealrach measg an t-sluaigh * 
Is cuimhnichibh gur salann sibh, 

Do 'n talamh 'm bheil bhur cuairt.f 
Is seirmear glòir Fear-saoraidh leibh, 

— A ghaol, a bhàs, 's a bhuaidh — 
'S fo dhrùchd an Spioraid, saothraichibh 

'S bhur saothair-san gheibh duais. 

LXXXIV. 

Ach Dia nan gràs gu'n deònaicheadh, 

A Spiorad dhòirteadh nuas ! 
Ghum tional steach nam fògarach, 

'S gach sean is òg a ghluas'd ! 
Gu 'n dùisgeadh e na codalaich, 

Gun eagal tha'n an suain ! 
'S gu neartaicheadh e 'phobull-san, 

Gu cogadh leis an Uan ! 

LXXXV. 

Ach, cia mar nithear sgeula leam, 

Air Spiorad Dhè, gu slàn' ! 
'N a obair dhìomhair èifeachdaich 

Air 'phobull fèin 's gach àl ! 
Is obair shruth o'n Diadhachd i ; 

'S an Diadhachd tha a tàmh ! 
Seadh, obair air son sìorruidheachd ! 

'N so crìochnaicheam mo dhàn. 

* Phil. ii. 15. f Matt. v. 13. 



166 



IOMRADH AITHGHEARR 



IOMRADH AITHGHEARR 

AIR 

ME. IAIN CEANADAIDH UEEAMACH, 

Ministeir a' Chaisteil Ruaidh, 
DO 'n RINNEADH AM MARBHRANN A LEANAS. 



Rugadh Mr. Iain Ceanadaidh, 's a' bhliadhna 1772 ; ann 
an Cis-Uirn, an Sgìreachd na Comraich, an Siorramachd 
Rois. Ach, ged b' ann do Sgìreaehd na Comraich a bha 
Cis-Uirn, is ann ri Sgìreachd Loch-Caruinn bu mhò agus 
bu dlùithe dàimh an t-sluaigh ; agus b' f hìor sin gu h- 
àraid mu theaghlach athar Mhr. Iain Ceanadaidh, gu 
sònruichte f had 's a bha Mr. Lachunn Urramach air 
cheann na seirbhis agus na treuda an Loch-Caruinn. Bha 
Dòmhnull Ceanadaidh, athair Mhr. Iain, 'n # dhuine air 
an robh mòr mheas, mar dhuine diadhaidh. Chaidh a 
thogail 'n a òige le iarrtus air taobh a phàraintean, agus 
nach d'àicheadh e fèin, gu 'm biodh e 'n a mhinisteir 
an Eaglais na h-Alba ; ach an dèigh dha dol air aghaidh 
rè seal 'n a fhoghlum, thàrruing e air ais, gun fhios 
cinnteach bhi a nis againn ciod an impidh shònruichte 
fa leth fo 'n do chumadh air ais e. Agus mu thimchioll 
a chaithe-beatha, is leòr mar theisteas, a ràdh, gu 'n 
robh mòr mheas aig Mr. Lachunn Loch-Caruinn air. An 
dèigh d' a mhac, Mr. Iain, bhi air cinntinn 'n a òganach, 
's e a' dol air aghaidh 'n a fhoghlum chum na ministreil- 
eachd, theireadh Mr. Lachunn iomadh uair r' a athair, 
na briathran a chaidh a labhairt ri Daibhidh mu 'n 
teampull, agus mu Sholamh a mhac, — u A chionn gu 'n 
robh e 'n ad chridhe tigh a thogail do m' ainm-se, is 
maith a rinn thu gu 'n robh e ann do chridhe : gidheadh 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 167 



cba tog thusa an tigh, ach do mhac, — togaidh esan an 
tigh do m' ainm-sa." Cha 'n fheud sinn bhi an teag- 
amh, nach faca Mr. Lachunn Urramach deadh chomhar- 
raidhean air obair nan gràs ànn an Iain Ceanadaidh, 
mu 'n rachadh e an fhad so : agus tha fios aig pobull 
an Tighearn, air feadh na Gàidhealtachd mu thuath, gu 
'm bu duine Mr. Lachunn, 'n a ghinealach, d' an robh 
rùn an Tighearn air a foillseachadh, gu h-iongantach, 
ni bu mhò na fhuair duine eile 's am bith r' a linn, air 
an cualas lomradh leinne, 'n ar n-Eaglais. Agus cha 
mhò is fiosrach sinn, ga 'n robh an deigh sin, duine 's 
am bith eile an Albainn, 'n a' làithibh no 'n a ghinealach 
fèin, bu dlùithe a ràinig, na Mr. Iain Ceanadaidh fèin, 
air sealladh soilleir bhi aige air rùn an Tighearn, ann an 
co-chomunn a' chreidimh agus a' ghràidh r' a Ard- 
mhaighstir fèin. 

Tha fios gu maith aig co-aoisibh Mhr. Iain Ceana- 
daidh a tha fathast a làthair, gu 'n do thaisbeanadh gu 
ro mhoch, eadhon an làithibh 'òige, comharraidhean air 
obair nan gràs ann, air mhodh sònruiehte, shoilleir : agus 
bha iomadh saorsa iongantach 's an f hreasdal air am 
buileachadh air. Fhad 's a bha e fathast 'n a naoidh- 
ean, thàinig a' Bhreac a stigh air an dùthaicb, aon 
gheamhradh, gu trom, bàsmhor. Bha dithis do theagh- 
lach 'athar, bu sheana na Iain, air an gairm air falbh 
leatha. Bha Iain fèin air maduinn àraid air a thoirt co 
ìosal, 's nach b' urrainn doibh a bha timchioll a leapa a 
ràdh, am bu mharbh no 'm bu bheò e. Thàinig an 
luchd-cèirde gu an cistean-mairbh ulluchadh air chionn 
na cloinne a chaochail cheana ; na càirdean, trom, 
muladach, deurach ; agus 's e a dh'fhoighnich an luchd- 
cèirde, an gabhadh iad a nis tomhas an treasaimh fir, 
agus e gu soilleir, a rèir am beachd-san, air siubhal. 
" Cumaibh oirbh" ars an t-athair ; "feudaidh sibh bhi 
a' falbh : teasairgear mo leanabh o 'n bhàs so ; agus 
aidichear fathast leis an Tighearn e." 

Mu aois nan cùig bliadhna, bha e air a thabhairt gu mòr 
do ùrnuigh uaigneich ; agus cha 'n e sin a mhàin, ach 
dh' innseadh dhuinn air ùghdarras nach gabh diùltadh 



168 



IOMRADH AITHGHEARR 



dhuinn, eadhon mu 'n àm sin (" A beul naoidhean 

agus chiochran, dh'òrduich thu neart,") gu 'n do bhean- 
naich an Tighearn e mar inneal. Chuir a mhàthair, aon 
là e, a mach do 'n chruaich mhòine, a thoirt ultach mòine, 
a stigh leis. Thachair gu robh còs 's a' chruaich, a 
thug fasgadh agus folach do 'n leanabh ; chrùb e a stigh 
do 'n chòs ; agus thòisich e air athchuingibh a chridhe 
a dheanamh aithnichte do Fhear-èisdeachd na h-ùrnuigh. 
Thachair gu 'n d' thàinig bean bhochd an rathad, d' am 
b'àbhaist bhi ag iarruidh dèirce ; agus aig nach robh 
deadh ainm roimh 'n àm so, a measg a luchd-eòlais. 
Chual i fuaim bruidhne 's a' chruaich mhòine ; tharruing 
i am fagus, chum 's gu 'n cluinneadh i : chuir i a cluas 
ris a' chruaich : chual i na h-uile focal a labhair an ' 
leanabh ; lìonadh le h-iongantas a h-inntinn ; ach cha 
b' ann le h-iongantas a mhàin ; bhuaileadh a coguis ; 
agus riamh an dèigh an là sin, tha e air 'aithris, le 
h-iomadh, gu 'm facas atharrachadh soilleir, co dhiubh, 
'n a giùlan 's 'n a comhluadar, air an robh coslas, gur 
h-ann o chumhachd a bha e. 

Cha ghiìdain an t-iomradh aithghearr so dhuinn 
mòran a thoirt air aghaidh mu chaithe-beatha Mhr. 
Iain Ceanadaidh ann an làithibh 'òige, mar bha e a' 
tighinn air aghaidh ; ach a mhàin a ràdh, a rèir gach 
cunntais agus iomraidh a fhuair sinn uime, uatha-san d' 
am b' eòl e o a cheud dol a mach, ann an sgoil ! 's an 
Oil-thigh, gu 'n do nochd e gu soilleir, taitneach, sòn- 
ruichte, 'inntinn agus a chridhe bhi fo riaghladh gràis, 
le a ghiùlan bhi do rèir sin. 

Fhuair e comas searmonachaidh o Chlèir Loch-Car- 
uinn an dèigh dha a dhol tre riaghailtibh foghluim na 
h-Eaglais, agus Mr. Lachunn air cheann na Clèire. Dh' 
innis neach àraid dhuinn, o chionn ghoirid, ni a thuirt 
Mr. Lachunn, agus aobhar aige bhi a' labhairt mu dhuin' 
òg eile a fhuair comas searmonachaidh o 'n Chlèir 
cheudna, an dèigh do Mhr. Iain Ceanadaidh 'fhaotainn. 
Ars Mr. Lachunn, — " Rinn an Spiorad Naomh Mr. Iain 
Ceanadaidh 'n a mhinisteir : ach tha eagal orm, gur h-e 
Mr. lain agus mi fèin a rinn ministeir do Mhr. ." 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 169 



Àn dèigh do Mhr. Iain Ceanadaidh bhi a nis 'n a 
shearmonaiche 's an Eaglais, fhuair e gairm air tùs, 
gu bhi 'n a f hear-cuideachaidh do mhinisteir Sgìreachd 
Loch-Bhraoin. Cha 'n 'eil e a nis 'n ar comas 'ainmeach- 
adh ciod an ùine a dh' fhàgadh an sin e. Àch na 'n 
ceadaicheadh giorrad ar n-iomraidh e, dh' fheudadh sinn 
iomadh dearbhadh a thoirt, nach b' ann an dìomhanas a 
shaothraich e 's an Sgìreachd fharsuing sin. Chaidh 
a ghairm 's an ath àit, gu bhi 'n a fhear-teagaisg, ann 
an JEireabull, an Duthaich Mhic Aoidh, far an robh Mr. 
Robison ainmeil, agus Mr. MacBride urramach 'n a 
dhèigh, roimh 'n àm so. Bha, gun teagamh an dithis siu 
'n an daoinibh air leth 's an Eaglais ; agus aig an robh 
an saothair ga mòr air a h-aideachadh leis an Tighearn. 
Bu shòlas do na coimhthionalaibh 's 'a chèarna ud, 'n 
uair thàinig Mr. Iain Ceanadaidh 'n am measg, gur 
h-ann a fhuaireadh e a' daingneachadh na h-oibre a 
chaidh a thòiseachadh fo 'n dithis a bha roimhe. Agus 
tha iad fathast r' am faotainn 's a' chèarna cheudna, 
fàsaichle nis mar tha i, an coimeas ris mar bha i an uair 
ud, neach agus neach, a dh' aidicheas, f had 's is mair- 
eann doibh 's an f hàsach, agus tha sinn a' creidsinn 's an 
t-sìorruidheachd fèin, gu 'm b' e Mr. Iain Ceanadaidh 
an Teachdaire fo an do dhùisgeadh 's an do shoills- 
icheadh iad a chum eòlais air slighe na beatha mairean- 
naich. Bha aige, f had 's a bha e an Eireabull, bhi a' sear- 
monachadh do chiomhthionaìaibh ann an tri sgìreachd- 
aibh fa leth, Sgìreachd Dhiùirinis, Eadar-a-chaolais, 
agus Thunga. Anns na Sgireachdaibh sin, tha fathast, 
ainm agus cuimhne Mhr. Ceanadaidh, cùbhraidh agus 
blasda do phobull an Tighearn. 

Fhuair Mr. Ceanadaidh, a rìs, gairm gu bhi 'n a f hear- 
cuideachaidh do Mhinisteir Sgìreachd Asaint. Bha e 
seachd bliadhna 's an dreuchd sin ; agus cha b' ann 
dìomhain, gu cinnteach ; ach a shaothar gu mòr agus gu 
farsuing air a h-aideachadh. Bha c soilleir gu 'n robli 
an Tighearna maille ris. Bha an Sgìreachd farsuing, 
agus bha i an uair sin fo thuath lìonmhor, 's cha b' ann 
fàsaichte, mar tha a' chuid mhòr dhi an diugh. Agus 

H 



170 



IOMRADH AITHGHEARR 



tha sinn a' creidsinn a rèir na h-ùine a bha e 's an 8 

Sgìreachd sin, gu 'n robh a shaothar air a beannachadh : ■ 

air dhòigh co soilleir 's a chunncas riamh i. Bha a * 

dheuchainnean fèin aige 's an Sgìreachd, ach 's ann o r - 
dhaoinibh abha iad. Bha gràdh an t-sluaigh air a 

tharruing a mach d' a ionnsuidh gu h-anabarrach. | " 

Chronaicheadh so dhoibh, ach b' ann le cumhachdaibh an j 

t-saoghail so, 'n uair dh' iarr, s' a dh' oidhirpich iad e i 1 

bhi aca mar mhinisteir, an dèigh bàis an duine do 'n ! ^ 

robh e 'n a fhear-cuideachaidh. Cha 'n fheud sinn, 

agus cha toigh leinn idir, connsachadh 's am bith an 1 

aghaidh luchd-riaghfaidh aimsireil a mholadh : 's ann a \ 

dhìteadh sinn e. Ach cha mhò a dh'fheudas sinn cruaidh- 1 

smachd agus ain-tighearnas na buidhne sin a mholadh, 2 

ach an dìteadh gu trom, leis an d' rinneadh 's a' chùis 1 

so, tàir, air athchuingibh an t-sluaigh, 'n uair dh'iarr iad c 

uile mar leis an aon ghuth, Mr. Ceanadaidh bhi aca mar ! ì 

mhinisteir. Agus tha sinn a' creidsinn, gun tàmailt 's am ' 

bith do luchd-teagaisg eile, gur lìonmhor iad ann an ' 

Asaint mu thuath, gus an an là an diugh, nach d'fhuair \ j 
fathast o 'n dh' fhàg Mr. Ceanadaidh iad, beathachadb 

no cuideachadh d' an anamaibh, mar fhuair 's mar 1 

mhothaich iad r' a linn-san 'n am measg. Cha b'iad ' 

sluagh na Sgìreachd sin a mhàin, ach nan sgireacbdan t 

dlùth dhi, air an do luidh mulad nach b' eutrom, 'n uair 1 ( 

mhothaich iad Mr. Ceanadaidh bhi air a dhiultadh do |m 

Asaint. [ 

Ach bha rìin an Tighearn a' stitiireadh an duine y 

chaoimh, gu earrann eile do 'n fhìon-lios, far an robh [ 

obair a' feitheamh air. Fhuair e gairm agus cuireadh i 
gu Sgireachd a' Chaisteil Ruaidh, ann an Clèir na 
Canaich, an Siorramachd Rois. Rinn an Tighearn 

aithnichte, ceum air cheum, obair, do rìreadh, bhi aige r' < 

a dhèanamh leis, 's an Sgìreachd ud, agus ann an crìoch- ' 

aibh farsuing na coimhearsnachd timchioll, am fàgus ' 

agus am fad. Bha sgìreachdan àraid gun bhi fad o 'n ! 

Chaisteal Ruadh, far nach robh an soisgeul 's an àm ud. ' i 

Bha Eaglais a' Chaisteil Ruaidh, a nis, air tighinn gu bhi < 

'n a fasgadh, 's na furtachd do anamaibh uireasbhuidh- ! I 



AIR MAIGHSTIR lAIN CEANADAIDH. 171 

each, bochd, nan Sgireachdan ud ; agus chìteadh, 
gach sàbaid na ceudan dhiubh sud, nach faigheadh a 
stigh, a' dòmhlachadh nan dorsan 's nan uinneagan 
timchioll na h-Eaglais. 

Cha 'n f hurasd dhuinn labhairt gu saor, mu 'n tomhas 
soirbheachaidh a fhuair obair an Tighearn fo làimh Mhr. 
Ceanadaidh an Sgìreachd a' Chaisteil Ruaidh. Tha iom- 
adh dhiubh fathast a làthair, a measg an do shaothraich e. 
Cha bhuin dhuinne breth a thoirt orra. Ach a' toirt breth 
orra fein, cha chreid sinn nach lìonmhor an sin iad, a dh' 
aidicheas, ma bha buaidh do rìreadh dhoibh-san 's an fho- 
cal, gur h-ann leis-san, mar inneal, a mhothaich an anama 
i. Agus is iomadh iad, do f hìor phobull an Tighearn, ann 
an iomadh Sgìreachd agus coimhthional eile, o Rutha- 
Stòir, an Asaint mu thuath, gu ruig crìochaibh Bhàidean- 
aich agusLoch-Abair mu dheas agus an iar, a dh'aidicheas 
gu 'n do shoillsich solus an t-soisgeil shìorruidh 's a' 
Ghaisteal Ruadh } gu saoibhir, dealrach, pailt, ri linn 
Mhr. Ceanadaidh ; agus a mholas an Tighearn, gu 'n do 
dhealraich e a mach as sin, gus an d' ràinig e orra-san, 
'n uair bha iad 'n an suidhe an dorchadas, agus fo sgàil 
a' bhàis. Agus is iomadh uair a thachair, r' a linn, aig 
àmaibh sòluimte Comunnachaidh, nach robh aon choimh- 
thional an taobh stigh do na crìochaibh farsuing ud, 
(agus à iomadh cèarna eile a thuilleadh orra), nach 
faighteadh neach agus neach dhiubh 'n an suidhe ann 
an coimhthional a' Chaisteil Ruaidh. Bha ainmean an 
Luchd-comunnachaidh, aon bhliadhna, gu sònruichte, air 
an togail, agus fhuaireadh cuid dhiubh a thàinig o dhà 
fhìchead Sgìreachd 's a deich. 

Ach a mhàin aon duin' eile, agus 's e sin ùghdair a' 
Mharbhrainn a leanas, cha robh ministeir air feadh na 
Gàidhealtachd r' a linn, a shaothraich co farsuing 's a 
rinn Mr. Iain Ceanadaidh. Is gann a bha Sgìreachd an 
taobh stigh do na crìochaibh a dh' ainmich sinn cheana, 
agus far am faigheadh e dorus fosgailte, far nach robh e 
a' dol o àm gu h-àm, agus gu h-àraid aig tràthaibh 
comunnachaidh. Is e mhàin là a' bhreitheanais a dh' 
f hoillsicheas a' bhuaidh a thàinig an lorg a shaothrach 



172 



IOMRADH AITHGHEARR 



air feadh nan coimbthional ud. Ach bha e soilleir ; 
gidheadh, rè aimsir a shaothrach, nach robh coimhthion- 
al dhiubh sud uile, far nach faighteadh comharraidhean 
taitneach, gu 'n robh an Tighearn maille ris. Bha a' 
bhuaidh shònruichte so air searmonachadh Mhr. Ceana- 
daidh, os ceann gach duine 'n a dhreuchd air an do 
chuir sinne eòlas, ged bu choigreach do choimhthional 
Mhaigstir Ceanadaidh e 's an àm, gu 'n robh smachd 
agus ùghdarras a theagaisg a' cur ràthadh air aire luchd- 
èisdeachd, 's 'g a fhàgail soilleir dhoibh ; nach b' ann 
uaithe fèin a bha e a' labhairt riutha, ach do rìreadh o 
Dhia ; ag innseadh dhoibh an cliùtha 's an cor. Bha a' 
bhuaidh so 'n a theagasg : san ; a ruigheachd a stigh air 
dìomhaireachdaibh spioradan dhaoine, 'g an rùsgadh ; 's 
'g an dearbhadh, 's 'g am f àgail gun lethsgeul. 

Ach is ann do phobull an Tighearn gu h-àraid a b'- 
àbhaist do Mr. Ceanadaidh, 'n uair thigeadh e 'n am 
measg, bhi 'n a aobhar gean agus subhachais. Ma bha 
anam sàruichte 's am bith ; — anam brùite, leònta, no fo 
thrioblaid, anam ann an dorchadas, no ann an geimhlibh, 
— anfhann, tinn, lag-chridheach, falamh, no fo dhìobhail 
misnich, bha focal aige o 'n Tighearn r' a thoirt dhoibh, 
's r' a roinn a mach orra, leth air leth. Ann an roinn an 
f hocail so orra, dheanadh se e le cuimse spioradail, agus 
ann am bannaibh a' ghràidh, a' chaoimhneis, agus na dìls- 
eachd sin, a bha do rìreadh a' foillseachadh gu 'n d' 
f hòghluim e fèin iad o Chriosd. Is iad na h-euslain, na 
daoine ciurramach, na bochdan, na bacaich, na doill, a 
dhòmhlaich mu thimchioll Chriosd 'n uair bha e fèin air 
thalamh a bhos. Agus far an do f hrithealadh a Spiorad- 
san gu saoibhir d' a sheirbhisichibh fèin, chithear an ni 
ceudna, 's an t-seadh spioradail, a' tachairt. Agus cha 
b' aithne dhuinn idir, c'àit, 'n a latha fèin, a b' fharsuinge 
a nochdadh so, na ann am pearsa, agus fo shearmona- 
chadh Mhr. Ceanadaidh. B' iad sud an dream a mho- 
th'aicheadh, fo a mhinistreileachd, na feartan, air an robh 
an anama am feum, a' tighinn d' an ionnsuidh mar o 'n 
Tighearn ; — an Tighearna gu tric, le a sheirbhiseach, a' 
pilleadh am bruid, mar shruth 's an àirde deas. Cha b' 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 173 



iad na gluasadan eutrom, fuaimneach, farumach, falamh, 
a gheibhteadh a' leantuinn na saothrach beannaichte 
air an d' fheith an leithide so ; ach an oladh 's am fìon air 
an dòrtadh a stigh air creuchdaibh domhain agus dìomh- 
air an anama, troimh làimh an t-seirbhisich theò-chridh- 
eich, aig an robh co-fhulangas maille riutha 'n an 
deuchainnibh ; agus e fèin air a leigheas 's air 'eiridneadh 
fo làimh an Ard-lèighe, d' an aithne dìomhaireachd a' 
chridhe stigh. 

Cha b' ainmic le anamaibh fo thrioblaid a thighinn do 
'n Chaisteal Ruadh astar nan ceud mìle, a' sireadh na 
furtachd agus an fhuasglaidh air an robh iad am feum. 
Agus tha fios againn gu 'n robh iomadh neadh àraid, a 
ghairmeadh air tùs fo mhinistreileachd Mhr. Ceanadaidh, 
a bha a' tighinn aig amaibh suidhichte gach bliadhna, a 
sgìreachdaibh lìonmhor, g' a èisdeachd, aig amaibh 
coinnimh agus searmoin, air chùl amaibh sòluimte com- 
unnachaidh ; — anama a fhuair, mar dh' aidicheas cuid 
dhiubh fèin fathast, gu tric, an soithichean falamh bhi air 
an lionadh ; — an t-uisge beò a' tighinn a stigh, a' tais- 
eachadh 's ag ùrachadh an fhuinn, agus eadhon a' chainnt 
bheannaichte 's an do ghiùlaineadh an teagasg, a' sileadh 
mar an drùchd air buadhaibh an anama. Bu ni comh- 
arraichte mu an leithidibh so gu tric, gu' 'n tigeadh 's 
gu 'm falbhadh iad, gun aon f hocal a labhairt ris an duine 
bheannaichte fèin, an anama air faotainn riarachaidh 
o a theagasg, agus an inntinn fo thomhas do f hiamh, le 
doimhneachd a bhreithneachaidh mu an cùisibh 'n a 
ioghnadh dhoibh. Is ann a shaoileadh neach gu 'n 
robh e gach là ag èisdeachd an osnaidhean uaigneach, 
agus 'n a fhianuis air spàirn nan anama ud a' gearan ris 
an Tighearn. 

Ged bha saothairean Mhr. Ceanadaidh, mar so, fars- 
uing, lìonmhor, o 'n bhaile, — gidheadh b' e 'n t-aodhair e 
aig an àm cheudna nach do dhearmaid an treud a dh' 
earbadh gu sònruichte ris fèin. Is fianuisean iomadh 
dhiubh fèin fathast air so. Agus cha b' ann an lnghad, 
ach an lionmhoiread bha na saothairean so 'n am measg 
a' dol, o bhliadhna gu bliadhnà, mar shaothairibh sàbaid 



171 



IOMRADH AITHGHEARR 



agus seachduin. An t-seachduin mu dheireadh d' a 
chuairt air thalamh, shearmonaich e dhoibh na h-uile là 
do 'n t-seachduin sin. Agus mar bha e a' pilleadh 
dhachaidh an uair mu dheireadh a labhair e riutha, agus 
e a' faicinn a' choimhthionail a' sgaoileadh ri solus na 
gealaich, — sheas e, agus e a' sealltainn air ais orra. " Mo 
phobull caomh ! Mo phobull bochd !" ars esan, an èisd- 
eachd aoin d' a nigheanaibh, a bha 'n a seasamh r' a 
thaobh, — 's a mhothaich, ged bu bheag a smuainich i 's 
a' cheart àm c' air son a bha e, gu 'n robh a bhriathran 
air an labhairt gu h-anabarrach sòluimte agus cudthrom- 
ach, agus e an uair sin 'n a làn shlàinte àbhaiseich. Is 
ann a sheas e ; — a shùil a' foiseachadh air an t-sluagh, 
gus an robh iad a' dol as an t-sealladh ; — cheumnaich e, 
an sin ; air a shocair, a stigh, gun fhocal tuilleadh a labh- 
airt 's an àm. Agus a nis, à teis-meadhon a shaothair- 
ean, mar theireadh sinne, fhuair e gairm an Ard- 
Mhaighstir a dh'ionnsuidh a shuaimhneis shìorruidh. 
Duine a bha a riamh, o thùs a shaothrach, eudmhor ; 
dian, dìleas, agus cumhachdach, ann an tagradh ri an- 
amaibh as leth Chriosd, cha b' fhurasd 'fhaicinn roimh- 
làimh, cia mar b' urrainn ath-bheothachadh a thighinn 
air, 'n a eud agus 'n a ghràdh. Gidheadh, chunncas, 
agus dh' aithnich a choimhthional fèin air, goirid roimh 
dha bhi air a ghairm air falbh uatha, gu robh lasadh an- 
abarrach air tighinn air ; 'n a eud, agus 'n a thagradh 
riutha. 'S ann bha e mar nach b'urrainn e dealachadh 
riutha, gus am faiceadh e ni-eigin do dhearbhadh mu 
gach aon fa leth dhiubh, Criosd bhi air a ghintinn annta. 
Bha e soilleir gu 'n robh e a' faicinn na h-ùine nis bhi 
goirid. Agus cha b' iongantach idir roimh-f hios bhi aig 
Mr. Iain Ceanadaidh, o 'n Tighearn, an t-àm bhi air tigh- 
inn 's an gairmteadh a suas e. B'iomadh dearbhadh a 
thug e, rè aìmsir a chuairt, an Tighearn bhi a' toirt dha 
aithne roimh-làimh mu nithibh a bha fathast neo-aith- 
nichte do dhaoinibh eile. Cha b' e uaill, 's an t-sochair 
neo-àbhaiseach so a chìteadh, 'n a bhriathraibh, no 'n a 
ghiùlan ; — cha b' urrainn, gu cinnteach gu 'm b' e, ann 
an duine a fhuair co fagus 's a f huair esan, air uchd agus 



AIR MÀIUHSTIR IAIN CEANADAIDH. 175 

comhairle a Thighearn. Is e a gheibhteadh ann-san, 
irioslachd-inntinn, sèimheachd, macantas, eagal diadh- 
aidh, fiamh na naomhachd air a spiorad, 'n uair bu 
shoitheach e a bha làn do nithibh doimhne Dhè. Mar 
b' àirde a chitheadh pobull an Tighearn e ag eirigh suas 
mar air sgiathaibh, 's a' gabhail seallaidh air glòir na 
Diadhachd agus na rìoghachd a ta shuas ; — is ann a b' 
ìsle a mhothaicheadh iad e a' tighinn, ann am beò-thrua- 
cantas gràidh, a' nochdadh a cho-fhulangais ri cor nan 
anama a bha an sàs ; agus a' seòladh shlighe an fhuasg- 
laidh dhoibh-san a bha ceangailte. Bha an tomhas 's 
an robh rùn an Tighearn air a thoirt dha, a' foillseachadh 
cuid do nithibh a bha fathast gu teachd, — air a dhean- 
amh aithnichte air mhodh shònruichte ann, goirid roimh 
àm a chaochlaidh. Eè na bliadhna sin fèin, ann an 
caochladh àit, dh'innis e gu sòluimte do choimhthional- 
aibh fa leth, gu 'm b'i sin an uair mu dheireadh a labhradh 
e riutha. Agus mu thimchioll nan gluasadan agus an 
atharrachaidh a bha 's an àm a' tighinn dlùth air Eaglais 
na h-Alba ; b'iomadh rabhadh, earail, agus sanas 7 a thug 
e d' a choimhthional fèin. " Tha an là dlùth oirbh," 
ars esan, aon uair, " ged nach faic mis' e, anns am faic 
sibhse, am feur a' fàs ann an dorsaibh an tighe so ; anns 
am faic sibh sagart Pàpanach, feudaidh e bhi ; no neach 
is co-ionann dhuibhse ri sagart, 'n a sheasamh far am 
bheil mise an diugh." 

Cha chomharradh air mhaith mu chor na h-Eaglais ; gu'n 
cuireadh, an Tighearn bhi a' buileachadh a leithìd so do 
thìodhlaic gràis, — iongantas air neach 's am bith. Ach 
is truagh do rìreadh an comharradh e, ma 's e spiorad 
farmaid, no àicheadh nan nithe so ; a gheibhear a' gluasad 
ann an uchd cuid do luchd-aideachaidh, ri cluinntinn an 
iomraidh so. Agus is dearbh leinn gur h-e an teisteas 
a bheir pobull an Tighearn a fhuair sochair an fhior 
eòlais air an duin' urramach so ; eadhon nach b' urrainn 
dhoibh fèin bhi fad no goirid 'n a chomhluadar, no 'n a 
chuideachd, gun làn-dearbhadh a thighinn a dh'ionnsuidh 
an tuigse, gu 'n robh mu 'n coinneamh, u Duine ro- 
ionmhuinn," — duine eadhon mar bha Daniel o shean, 



176 _ IOMRADH AITHGUEARR 

mu 'n dubhairteadh. 11 Tha thu air do ghràdhachadh \ 
gu ro mhòr." 

Cha 'n eutrom an gnothuch do dhuine 's am bith a ( 
ghabhail os làimh, buadhan agus feartan cliù Mhr. Iain ] 
Ceanadaidh a chur an cèill. Cha ghabh sinne os làimh i 
e. Gidheadh is dleasdanas e a dhlighear do 'n Eaglais, | f 
ni-eigin bhi air a chur sios mu an timchioll. 

gach iomradh a fhuair sinne mu Mhr. Ceanadaidh ì r 
o iomadh a chuir eolas gu moch air, agus aig an robh , 
tìodhlac breithneachaidh, is e an teisteas-san gu 'n d' f 
thàinig e a mach o thùs a chuairt mar Shoisgeulaiche, i . 
ann an lànachd neirt agus ulluchaidh, agus an lànachd 
sin o shuas ; agus gu 'm facas dearbhaidhean mar an 
ceudna o thùs a shaothrach 's an fhìon-lios, an Tighearn 
bhi maille ris ! agus an Tighearn bhi a' toirt dha toraidh- 
ean a shaothrach : agus tha cuid do na toraidhibh so 
fathast r' am faicinn, — eadhon ann an sgireachdaibh agus 
ann an coimhthionalaibh, far nach d' fhuair e fèin riamh 
dol a stigh. Chum luchd-fuath na fìrinn a mach e ; ach 
bhuadhaich saor-ghràs, a dh' aindeoin orra. Agus mar 
so, cha 'n aithne dhuinn, a rèir ar n-eòlais 's ar fiosrach- 
aidh, gu 'n robh air feadh na Gàidhealtachd, duin' eile 
r' a linn, is mò air an do chuir an Tighearn do 'n urram 
so, — buaidh shlàinteil do anamaibh bhi a' leantuinn a 
shaothrach. Tha so mar an ceudna r' a thoirt fainear 
mu chliù a shaothrach-san, 's a toradh ; gu 'n robh a 
leithid do shuidheachadh, do bhrigh, do rannsuchadh, 
agus do ghliocas spioradail 'n a theagasg, agus gu 'm 
feudadh neach comharraidhean air leth a theagasg aith- 
neachadh, ann an suidheachadh inntinn, 's ann an comh- 
lnadar na dreama a f huair an ceud dùsgadh, agus eadhon 
cuid d'an oileanachadh, fodha. Agus tha fios againn air 
so, gur h-iomadh uair a dh' aithnich aon neach dhiubh so, 
air neach eile dhiubh, gun eòlas 's am bith bhi ac' air a 
chèile roimh 'n àm 's an do choinnich iad, — " Gun teag- 
amh, is ann fo theagasg Iain Ceanadaidh a fhuair thusa 
buillean an ùird sin leis an do bhriseadh thu, agus eòlas na 
bunaite sin, air am b' àill leat a nis bhi air do thogail suas." 

Bhuilich an Tighearn air, air mhodh chorporra fèin, 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 177 

foghainteachd, neart, agus dealbhaehas pearsa,! a bha 
sònruichte, agus neo-àbhaiseach. Bha neo-sgàthachd, 
duinealas, agus aon-fhillteachd inntinn, — carthanachd ; 
caomhalachd, agus dìlseachd, 'n an tìodhlacaibh nàdurra 
dha ; agus 'n uair chaidh iad so uile, a mhaiseachadh 
le gràs, — agus am beothachadh, an ceann a chèìle, mar 
fheartaibh pearsa agus inntinn araon, mar chaidh a 
dhèanamh, leis an Tighearn, ann-san, gun teagamh, gu 
moch, — bha inneal air 'ulluchadh, mu 'm feudadh neàch 
a ràdh roimh làimh, gu cinnteach gu robh seirbhis 
shònruichte aig an Tighearna r' a dheanamh leatha. Bha 
aig Mr, Iain Ceanadaidh, mar thìodhlaic, gu nàdurra, 
farsuingeachd, soilleireachd, neart, agus gèiread tuigse 
agus bhreithneachaidh a bha ainneamh r' am faotainn. 
'N uair bha iad so air an ath-nuadhachadh tre ghràs, 
agus mar tha an fhìrinn ag innseadh dhuinn, — " An 
dream a tha a rèir an Spioraid, tha an aire air na nithibh 
sin a bhuineas do 'n Spiorad," — bha comas oibreach- 
aidh agus cleachdaimh aig an tuigse agus aig a' bhreith- 
neachadh ud, a bha air leth iongantach, prìseil ; a' dol a 
stigh, gu bhi a' ruigsinn air diomhaireachdaibh na fìrinn ; 
— 'g an aithneachadh, 'g an rannsuchadh, agus 'g an 
laimhseachadh — agus 'aignidhean agus a chridhe fèin 
'g am faotainn prìseil, glòrmhor ; agus gheibhteadh 
'inntinn ann an labhairt o 'n f hocal, agus 'g a mhìneach- 
adh, mar shoitheach a' cur thairis, agus e a' toirt a 
mach agus a' roinn gu cubhaidh, à* ionmhasaibh neo- 
chrìochnach na fìrinn, nithe, a dh' aithnicheadh anama fa 
leth, bhi a' luidhe r' an cor fèin. Bha na nithe so, gu tric os 
ceann seallaidh agus breithneachaidh, do anamaibh boch- 
da, mar mheas air àrd mheanglanaibh nan craobh, nach 
faicear os ìosal, — gus an d' f huair, mar gu 'n abradh tu, 
gàirdean an fhir-theagaisg, tre ghràs, neart agus comas 
sìnidh, leis an d'ràinig e air meas tarbhach chraoibh na 
beatha, a' lùbadh nan geug, agus a' buileachadh an tor- 
aidh, agus 'g a roinn ; gus an d' f huaireadh e, a rèir a' 
gheallaidh, a' leigheas anama dhaoine. Agus mar bha 
geurachd agus soilleireachd breithneachaidh air an tabh- 
airt do Mhr. Ceanadaidh ann an nithibh Dhè agus 

H5 



178 



IOMKADH AITHGHEARR 



Cliriosd ; mar sin, bha an tìodhlac agus an gràs ceudna 'g 
a fhàgail comasach bhi a' deanamh sgaraidh eadar a' 
mhaith agus an uilc, ann an suidheachadh, agus ann an 
coraibh anama fa leth. B' anam cruadhaichte do rìr- 
eadh 's a' pheacadh, a b' urrainn seasamh gun chrioth- 
nachadh agus gun fhèin-dhìteadh ri aghaidh faobhair 
an teagaisg ud, 'n uair ghabhadh am fear-labhairt claidh- 
eamh an fhocail 'n a làimh. Is ann an làimh an 
Spioraid shiorruidh, gun teagamh, is claidheamh dà- 
fhaobhair e : ach tha an Spiorad sin fèin ag altachadh a' 
chlaidheimh, le an inntinnibh-san ; mar innealaibh ; tre 'n 
deachaidh an claidheamh ceudna, cheana, a chur, Agus 
gu cinnteach ann an làimh Mhr. Iain Ceanadaidh, bu 
lìonmhor na h-anama d' an d' rinneadh " focal Dhè beò 
agus cumhachdach, agus ni bu ghèire na claidheamh dà 
f haobhair 's am bith ; a' ruigheachd eadhon chum ead- 
ar-sgaraidh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus 
nan smear, agus a' toirt breth air smuaintibh agus air 
rùnaibh a' chridhe." Agus, fo 'n teagasg chumhachd- 
ach, spioradail, bheò so, bha luchd-èisdeachd air an 
toirt gu bhi a' mothachadh gu 'n robh na h-uile nithe, 
eadhon annta fèin, — 'n an anamaibh, agus 'n an oibribh, 
" Lomnochd agus fosgailte do shùilibh an Ti sin, d' am 
feum sinn cunntas a thabhairt." Theireadh an fheòil 
teagasg cruaidh r' a theagasg ; — a' rùsgadh gach cuil- 
bheirt, a' leagail sìos ga làr nan dìdeanan-brèigè, — a' tar- 
ruing na fèin-fhìreantachd gu solus an fhocail, 's 'g a 
cur gu nàire fo thuairisgeul a gràinealachd fèin. Gheibh- 
teadh an teagasg ud a' bearradh 's a' lomadh an anama, 
'g a fhàgail gun chùl-taic, gun fhasgadh, ri aghaidh 
ceart bhreitheanais Dhè, agus fo bhinn-dìtidh a lagha. 
Ach cha b' e iarrtus no tlachd an fhir-theagaisg chaoimh 
ud ; anama dhaoine 'fhàgail 's an luidhe sin. 'S ann 
a ghabh 'anam fèin tlachd, 's a fhuair e suaimh- 
neas, ann an òirdheirceas iomlanachd an Aoin ungta ; 
agus is ann ann an Criosd a shearmonachadh do pheac- 
achaibh caillte a ghabh e do rìreadh tlachd ; agus 'g a 
mholladh do 'n spiorad bhrùite. 'S ann an sin a chìteadh 
gu sònruichte a thagradh 's a dhian-dhùrachd, agus e ann 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 179 



an spàirn anama, a' co-fhreagairt an tuairisgeil bhean- 
naichte sin, — " Uime sin, is teachdairean sinne air son 
Chriosd, mar gu 'n cuireadh Dia impidh leinne : tha sinn 
a' guidheadh oirbh as uchd Chriosd, bithibh rèidh ri 
Dia. " 'S ann 's an tagradh ud ri anamaibh a chìteadh 
an gràdh sin 7 — an gràdh saor, sìorruidh, — a b' e a mhiann 
's a thlachd a ghnàth bhi a' moladh, — a' dealradh a 
mach, eadhon 'n a ghnùis fèin, agus e mar gu 'm biodh e a' 
leaghadh fo chumhachd a' ghràidh sin, a bha an Spiorad 
Naomh, gun teagamh, a' giùlan a stigh air 'anam. Cha b' 
ainmic a chunnaic cuid, an fhìrinn phrìseil sin air a leigeil 
ris, eadhon gu faicsinneach 'n a shnuadh, — ann an teas 
a thagraidh, — " Air bhi dhuinne, le aghaidh gun f holach 
ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, 
tha sinn air ar-n-atharrachadh chum na h-ìomhaigh 
ceudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna." 
'S cinnteach sinn nach 'eil sinn a' dol thar an tomhas chead- 
aichte, ged theireadh sinn nach b' urrainn do anam 
creidmheach, agus e ann am beò-chleachdamh 's am bith, 
suidhe, fo èisdeachd Mhr. Ceanadaidh, gun 'fhaicinn gu 
'n robh aige-san comh-pàirt gu firinneach, 's an t-soch- 
air mhòir ud, a shealbhaich seirbhisich Chriosd anns na 
linnibh o shean. 

Cha mhò a b' ann 'n a dhleasdanasaibh follaiseach 
a mhàin, a chìteadh maraon smachd agus maise na 
diadhachd a' dealradh ann. 'N a chomhluadar, 'n a 
ghiùlan, 'n a ghluasadaibh, bha comharraidhean an 
duine nuaidh co so-aithnichte ann, agus ged nach b' urr- 
ainn do neach 's am bith eòlas a chur air gun spèis agus 
gun urram bhi aige dha, mur dhuine ; gidheadh b' e cliù 
agus giùlan an duine nuaidh a chìteadh a' toirt bar- 
rachd, 's a gheibhteadh a' tarruing gràidh phobuill an 
Tighearn d' a ionnsuidh. Dh' fheudadh cuid, eadhon 
dhiubh-san, ni-eigin do f hiamh bhi orra 'n a chuideachd, 
no 'n a chomhluadar, roimh dhoibh mòran eòlais a chur 
air. Cia mar b' urrainn iad ach ni-eigin sgàtha bhi 
orra roimh dhuine a ràinig air a leithid do sheasamh 
ann am beatha na diadhachd, agus a mhothaich iad bhi 
co àrd os an ceann fèin ; agus dearbhachd aca gu 'm bu 



180 



ÌOMRADH AITHGHEARR 



leanabaibh a mhàin iad fèin fo a làimh, 's gu 'm bu dligh? 
each dhoibh urram a nochdadh dha. Àch mar bu 
dluithe a thigeadh iad dha ; is ann bu mhò a chitheadh, 's 
a choinnicheadh iad ann-san, an tairisneachd iriosal, an 
caoimhneas gràidh, agus a' chaomhalachd bheannaichte 
sin, a mhisnicheadh 's a thàlaidheadh iad ; 's a dh' fhàg- 
adh dearbhadh prìseil 'n an uchd, — eadhon mar is 
gràdh Dia 7 — mar sin, an dream a 's dlùithe a gheibh 
teachd am fagus dha-san, gur h-iad sin a 's mò 's an 
dealraich fìor ghràdh a mach, maille ris an f hìor irios- 
lachd sin, a mheasas gur f èarr gach aon neach eile na e 
fein. Cha b' ann gu neo-bhreithneachail a bha so. Cha 
b' aithne dhuinn duine, bu chumhachdaiche o'n tigeadh 
cronachadh, eadhon le a thosdachd, do 'n aideachadh 
anns am faiceadh a gheur-f hradharc gu 'n robh giamh 
na mi-fhallaineachd ann. 

Na 'n rachadh sinn a dheanamh iomraidh air buadh- 
aibh a shearmonachaidh, cha bhiodh dhuinn 's a' cheud 
àit, ach a ràdh, gu 'n tuigeadh tu fèin air ; o a dhol a 
mach, gur h-i a b' inntinn dha — " So chuir mi romham, 
gun eòlas a ghabhail air ni 's am bith 'n ur measg, ach 
air losa Criosd, agus esan air a cheusadh." Chitheadh 
tu e eadhon 's an dol a mach, agus a spiorad luchd- 
aichte, mar fo chudthrom na teachdaireachd glòrmhoir 
a ghiùlain e, agus a prìsealachd do anamaibh dhaoine. 
Mar a rachadh e air aghaidh, chitheadh tu, gu'm b' e 
gràdh, an gràdh sìorruidh, an gràdh saor, an ni sònruichte, 
leis an d'rinneadh greim air 'anam fèin ; agus gu 'm b' e 
an gràdh sin, bu mhiannach leis, gu 'n tnigeadh, 's gu 'm 
breithnicheadh, gach dùil. B' i glòir pearsa an Eadar- 
mheadhonair, Emanuel, an Dia-duine ; aon do theagasg- 
aibh piìseil an t-soisgeil shìorruidh, anns am faighteadh 
a bhriathran, farsuing, sòlasach, geur-sheallach, cumh- 
achdach, drùidhteach. Agus ann am mìneachadh an 
rathaid 's am bheil am peacach, fo theagasg an Spiora ; d 
Naoimh, air a tharruing uaithe fèin, no a mach as fèin, 
gu bhi a' gabhail aithne air a' Phearsa ghlòrmhor so, 
agus gu bhi a' deanamh greim air tre chreidimh, gus 
am faighear ann e ; còmhdaichte le 'fhìreantachd-san ; — 



AIll MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDII. 



181 



bu shoilleir, agus bu tharbhach a theagasg. Obair an 
Spioraid 's an anam ; — obair na h-ath-ghineamhuinn 's 
na h-ath-bhreith, agns obair ghlanaidh na fola, is ann mu 
'n dèighinn sin, 'g am uiìneachadh, 'g an lorgachadh, 's 
an anam shàruichte, 'g an dearbhadh, agus anns gach 
ceum a' cur dealachaidh le glan fhaobhar an fhocail 
eadar an glan agus an neo-ghlan, eadar an f hìor obair 
agus a coslas a mhàin, — 's ann an so ? gu ro shònruichte, 
a gheibhteadh Mr. Iain Ceanadaidh ; a' dol a stigh gu 
dìomhaireachdaibh a' chridhe, agus a' toirt a leithid do 
shealladh do thuigse agus do choguis a' chreutair air 
'uile cheumannaibh fèin, agus gu 'n smuainicheadh tu 
nach bu chomasach do 'n chealgair dol as 's am bith bhi 
aige ; agus far an robh ni 's am bith do 'n f hìor obair 
ud, gu 'm feumadh gu 'm buaileadh 's gu 'n dealradh 
an solus ud a stigh oirre, eadhon ged bhiodh i foluich- 
te gu sin o 'n anam fèin, — agus gu 'm feudadh e mis- 
neachd a ghlacadh. Na 'm feudadh sinn a ràdh gu 'n 
robh neach seach neach do f hìor sheirbhisichibh Chriosd 
bu mhò na chèile a thug urram do 'n Spiorad agus d' 
a obair 's an anam, ann an claoidh na truaillidheachd, 
theireadh sinn gu 'm b' e Iain Ceanadaidh an duine. 
Ach cha 'n 'eil. Gidheadh tha eadar-dhealachadh thìodh- 
lacan ann ; agus b' e so aon air leth do na tìodhlacaibh 
sònruichte — a fhuair esan tre ghràs. Bha gèiread a 
bhreithneachaidh spioradail a' faotainn dol a stigh 's an 
obair dhìomhair, ghlòrmhor so, air a leithid do dhòigh, 
agus nach b' urrainn, theireadh tu ; a measg a luchd- 
èisdeachd 's an do thòisich an obair idir, aon ni bhi air 
'fholach o aon dhiubh, a bhiodh cunnartach, cronail ; no 
'n a bhacadh do 'n obair sin. Bha, mar so ; an creutair 
nuadh, — a' bheatha spioradail, ann am pobull Dhè, 'n 
an cùram air spiorad an fhir-theagaisg ud. Gu cinn- 
teach, b' i a' bhan-altrumachd fhallain a fhuair gach 
anam a bhlais, fo a theagasg-san ; an Tighearn bhi gràs- 
mhor. Chìteadh air a ghnùis, ann an laimhseacbadh 
dheuchainnean agus uallaichean an anama, an cùram fo 'n 
robh e, gur h-ann ri oighreachd Chriosd, agus ri toradh 
saothiach 'anama-san, a bha a ghnothuch. 0, is ann an 



182 



IOMRADH AITHGHEARR 



so a mhothaicheadh pobull an Tighearna, caoimhneas, 
carthannachd, dìlseachd Chriosd, a bhi air an ulluchadh 
dhoibh fèin, agus air an nochdadh, troimh inntinn agus 
troimh chridhe an aodhaire. Bu tric a thug, na f huair 
iad mar so, air iomadh, bhi ri ioghnadh agus ri moladh, air 
son mar dh'ulluich an Tighearn dhoibh, fear-iùil 's an 
f hàsach : agus tharruing so air mhodh àraid, agus cha 
b' iongantach e, gràdh na h-oighreachd d' a ionnsuidh. 
Anns na ceumannaibh sin, tre 'm bheil aig an obair 
dhìomhair a dhol air a h-aghaidh 's an duine 's an leth 
stigh, ann am fìor phobull Dhè ; tha sinn a' creidsinn gur 
gann, co f had 's a chunla sinne, no a leugh sinn, — a f huair 
fear-teagaisg 's am bith, barrachd soilleireachaidh, 's, a 
fhuair Mr. Ceanadaidh : — an dealachadh a chuireadh e 
gu tric, agus gu dìleas, soilleir, cumhachdach, eadar na 
nithe a bha do 'n f heòil agus do 'n Spiorad, agus eadar 
na nithibh a bha 'n am buaireadh o 'n eascaraid ; agus a 
bha 'n an deachdaimhibh, a' tighinn o 'n inntinnibh 
fèin, ris an labhradh e. Bu shoilleir 'n a theagasg, gu 
'm feudadh e do rìreadh a ràdh, 'n a thomhas fèin, mar 
deir an t-abstol ris na Corintianaichibh — 11 Oir cha 'n 'eil 
sinn aineolach air innleachdaibh Shatain." Agus cha b' 
e so a mhàin, ach cha b' ainneamh uair, a f huair iomadh 
neach do 'n phobull e, a' toirt rabhaidhean roimh làimh 
dhoibh, mu bhuairidhibh sònruichte a bha gu a thigh- 
inn orra ann an ùin' aithghearr an dèigh an àma 's an 
do labhair e riutha. Agus is aithne dhuinn neach agus 
neach, do 7 n deachaidh na rabhaidhean ud a bheann- 
achadh gu pailt agus gu gràsmhor. Cha 'n fheud sinn 
bhi 'n teagamh, nach b' iomadh cor 's an robh anama 
fa leth, 'chaidh 'fhoillseachadh dha gu sònruichte, — cha 
'n abair sinn gu mìorbhuileach ; ach gidheadh, ann an 
cumhachd Dhè, 's an uaignidheas, 'n a fheitheamh air 
an Tighearn ; agus esan mar so, o 'n uaignidheas a' dol 
a mach, air 'ungadh tre ghràs, gu bhi a' gairm sìthe 
agus fuasglaidh, agus comhfhurtachd, do 'n dream a bha 
'n sàs, no an cunnart fàilneachaidh agus tuiteim. Dh' 
aithnicheadh iomadh air a ghnùis fhlathail, 's an dol 
a mach, gu 'n robh teachdaireachd phrìseil air a shiubh- 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 183 



al, d' an ionnsuidh fèin. Àgus tha sinn a' creidsinn 
gur h-iomadh aon do phobull an Tighearn ; a thuig 'n 
am faireachduinn fèin, 'n an suidhe fo a theagasg, ciod e a 
tha àir a chiallachadh, le gnùis Mhaois bhi a' dealradh 'n 
uair thàinig e a nuas o 'n bheinn ; agus mar tha 'm focal a' 
cur an cèill gu 'm bi frithealadh an Spioraid ni 's ro-gblòr- 
mhoire, — le bhi eadhon a' dearcadh air gnùis an Teachdair' 
urramaich so, agus e a' tighinn a mach air a luchdachadh 
le lànachd bheannachd shoisgeil na sìthe. Cha b' ann o 
mhullach na beinne a loisg le teine, a ghiùlain e sud leis, — 
ach o 'n uaignidheas, agus e ann an sìneadh agus ann an 
spàirn anama, 'n achochomunn tre chreidimh ris an Tigh- 
earn, — a' tagradh as a leth fèin, agus as leth na h-oigh- 
reachd agusan aobhair. B' ann do rìreadh ann "an gleann 
na h-irioslachd" a fhuair esan bhi mar so air 'àrdachadh, 
agus air a lìonadh, mar shoitheach taghta, le lànachd 
gràis. Is ann 's an uaignidheas a bha a thlachd. Agus 
is fianuis chudthromach so, a tha sinn cinnteach a dh' 
fhàgadh le Mr. Iain Ceanadaidh, 's a tha mar f hiachaibh 
oirnn a thabhairt do Luchd-teagaisg agus do Luchd-èisd- 
eachd, — meud na h-ùine a bhuilich e 's an uaignidheas. 
Ma bha a thìodhlacan agus a ghràs a 'toirt barrachd air 
mhodh co sònruichte os ceann na chunncas 's a' chuid 
mhòir ; a rèir sin, bha fios aca-san d' am b' eòl a ghiù- 
lan o là gu là, — a rèir sud, gu 'n robh an tomhas 's 
an deachaidh an ùine a bhuileachadh leis gu h-uaigneach, 
ann an co-chomunn ris an Tighearn. 

Bha dol a mach, agus cuairt, agus saothairean an duine 
urramaich so, uile, comharraichte, soilleir, neo-àbhais- 
each. Bha 'aithne agus 'eòlais air dìomhaireachdaibh an 
fhocail, — air dìomhaireachdaibh an rùin shìorruidh, ann 
an tomhas ; air dìomhaireachdaibh peacaidh, agus buair- 
idh, air dìomhaireachdaibh a' chridhe 's an anama, agus 
oibre an Spioraid Naoimh, — bha iad uile, anns-an, 'n an 
nithibh comharraichte, a dh' ulluich an Tighearn, ann 
san, a chum leas a phobuill agus 'aobhair fèin. Cha b' ann, 
mar so, tartarach, farumach, agus cruaidh-sgalanta, a 
gheibhteadh a theagasg fallain, spioradail, beannaichte ; 
cha b' ann gu h-ioghnadh chreutairean a tharruing chuige 



184 



IOMRADH AITHGHEARR. 



fèin, mar gu 'm biodh e ag iarruidh molaidh agus cliùtha 

chreutairibh bàsmhor, peacadh, agus a' deanamh 
spùinnidh air Dia, ann an seirbhisibh a thighe 's a riogh- 
achd fèin. Agus mar dh' ainmich sinn cheana, cha b' 

1 a' bhuaidh a chiteadh a' leantuinn a theagaisg, straidh- 
lich a meaeg nan cnàmhan tiorma, agus iad a' tuiteam 
sìos a rìs, co tioram 's co cruaidh 's a bha iad riamh : 
cha b' ann a' ruith, a bha a theagasg air uachdar, mar 
chithear am fath-losgadh 's an earrach, a ghabhas thairis 
air uachdar nan cnoc, 's nan uchdach, 's nam monaidh- 
ean, agus d' am faicear lasraichean mòra, mar gu 'm biodh 
iad beò, agus deatach a chuireas eagal air neach ; ach 
gidheadh, nach d'rinn aon deargadh air an fhonn. Pill 
a rìs an ath bhliadhna ; agus chi thu am fonn ud, ach 
beag mar bha e ; cha do thionndaidheadh, cha do 
threabhadh e, cha do chuireadh le sìol e ; agus cha mhò 
chithear an toradh a' f ks. Ach 's ann bha an teagasg so, 
cha 'n ann a 'ruith air uachdar, 's a losgadh ; ach mar is 
tric a thubhairt e fèin, " A 1 tarruing nan claisean domh- 
ain" agus a' cur an t-sìl phrìseil, a mhain o 'n cinn 's o 
'n abuich, " na sguaban troma," mu 'm bheil am focal a' 
deanamh iomraidh dhuinn. Agus 's an là sin anns am 
" pill saor dhaoine an Tighearn, agus 's an tig iad gu 
Sion le caithream, agus aoibhneas sìorruidh air an cinn : 
'n uair gheibh iad gàirdeachas agus aoibhneas, agus 'n 
uair theicheas bròn agus osnaich air falbh ;" is dearbhta 
leinn, 's an là sin, — bochd mar mheasar suidheachadh 
agus cor an aobhair agus na h-Eaglais 'n ar làithibh, gur 
h-iomadh iad, o fharsuingeachd na Gaidhealtachd mu 
thuath, a dh'f hoillsichear, mar choron aoibhneis 's an 
Tighearna, do Mhr. Iain Ceanadaidh. 

Ghairmeadh Mr. Ceanadaidh dhachaidh, air an deich- 
eamh là do mhios mu dheireadh a' gheamhraidh, 's a' 
bhliadhna 1841, agus ann an aois nari Trì fichead 's a 
naoidh ; agus e ann an tomhas mor, mar bha Maois o 
shean, gun f hàilneachadh 's am bith, ach beag, a thighinn 
air a neart no a threòir. 

Chòmhdaicheadh le dubhachas aghaidh na duthcha • 
timchioll. Mhothaich, eadhon, a 1 chuid a b' eutruime 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 



185 



giùian, 's a sheas a mach an aghaidh an t-soisgeil, 
gu 'n " do thuit uachdaran agus duine mòr an diugh 
ann an Israel." Agus bu ro-aithnichte e, air feadh na 
duthcha timchioll, gu 'm b' iomadh anam bochd, bruite, 
eadhon a ghlaodh, 'n uairchual iad an naidheachd mhul- 
adach, — " M' athair ; m' athair! carbad Israeil, agus a 
mharc-sluagh !" Air son a cboimhthionail chaoimh fein, 
a bha prìseil aige, agus leis àm bu phrìseil esan ; is ann a 
nis a mhothaich iad do rireadh co pnseil 's a bha e. Agus 
buinidh dhoibh gu cinnteach, an teisteas a thoirt dhoibh, 
gu 'n do nochd iad an urram agus an gràdh do 'n aodh- 
air bheannaichte agus urramach a thugadh a nis uatha, 
air dhòigh ; a bha do rìreadh ion-mholta, mar ghiùlan cubh- 
aidh, caomh, agus dàimheil. Ach b' iomadhan Sgìreachd 
's an coimhthional a thuilleadh orra-san, a nochd d' an 
f haireachduinn cheudna. Bha an aimsir, mu àm a bhàis, 
doinionnach, stoirmeil, sneachdaidh : agus gidheadh, bha 
tuilleadh agus Cùig ceud deug neach, a thàinig, cuid 
dhiubh astar làithean, a dh' fhaotainn aon sealladh d' a 
dhuslach, mu 'ri rachadh a chur fo 'n ùir. Bha a theagh- 
lach fèin, 's beag a ruigeas sinn a leas sin a chur an cèill, 
ann an doimhneachdaibh a' bhròin ; agus cuid diubh ann 
an trom euslaint 's an àm ; agus ged bha an uiread ud 
do shluagh a' dol agus a' tighinn a là 's a dh' oidhche, 
cha chluinnteadh guth no gluasad 'n am measg ; cha 
mhothaichteadh an cos air urlair, — tuirseach, trom, mar 
bha iad. Is e gràdh a bha 'g an tarruing ; — agus bha fiamh 
r' a aithneachadh air an gnùis, agus iad a' beachdachadh 
a' bheàiru a rinneadh orra fèin, agus 'n am measg. 

Bu mhuladach am buille do Eaglais na h-Alba, agus 
do aobhar an t-soisgeil 'n ar Tìr. Mr. Iain Ceanadaidh bhi 
air a thoirt air falbh ; agus gu h-àraid mu àm 's an robh 
deuchainnean troma dluth air an Eaglais. Cha bhuin 
dhuinne breth a thoirt, cia mar thuig mòran an guth 
so, agus an gnìomh a rinneadh leis an Ard-Uachdaran. 
Mu thimchioll na bha gu a thighinn air an Eaglais, dh' 
innis sinn cheana, ciod i a' bheachd 's an robh e fèin mu 
a thimchioll. Dh' fhag e an fhianuis sin 'n a dhèigh. 
Is ann do 'n Tighearn a bhuineas na h-inuealan a dh' 



186 



IOMRADH AITHGHEARR, ETC. 



ulluich e fèin ; agus is ann 'n a làmhaibh-san a tha an 
aimsirean gu lèir. Ach, 's i a' cheist dhoibh-san a 's 
maireann fathast, am bheil iad fèin do rìreadh 'n an 
luchd-leanmhuinn orra-san a tha a nis tre chreidimh 
agus fhoighidinn a' sealbhachadh nan geallana. Far am 
bheil an Tighearn a' beannachadh, gheibhear cuimhne 
mu 'oibribh-san a' tighinn a stigh, agus a' toirt cleachd- 
aimh do 'n inntinn. Agus is i comhairle an Spioraid 
dhuinn, " Bithibh cuimhneachail air bhur cinn-iùil, a 
labhair ribh focal Dhè ; leanaibh an creidimh-san, a' 
beachdachadh air crìch an caithe-beatha, Iosa Criosd, 
an dè, an diugh, agus gu sìorruidh an Ti ceudna." 

Tha ar n-iomradh-ne anf hann. Ach cha 'n ann mar 
sin a gheibhear cuimhne Mhr. Iain Ceanadaidh, ann an 
cridhibh phobuill an Tighearn. Is i ar dùraehd, agus 
dùrachd Ughdair a' Mharbhrainn a, leanas, gun teag- 
amh, gu 'm biodh iad so le chèile, 'n an cuideachadh, an 
t-iomradh agus am Marbhrann, araon, dhoibh-san a 
dh' iarraidh bhi a' cuimhneachadh a' mhaitheis a dh' 
nlluich an Tighearn, 's a nochd e dhoibh fèin, agus do 'n 
oighreachd timchioll orra, ann am pearsa, 's ann an tìodh- 
lacaibh an Teachdair urramaich so. Is iomchuidh gu 'm 
biodh fianuis air oibridh Dhè d' ar n-Eaglais, air a toirt 
leinn. Agus a nis 's i ar n-ùrnuigh 's ar n-iarrtus, gu 
'm bu toigh leis an Tighearn an t-iomradh beannachadh. 

'S a' cho-dhùnadh, tha e mar f hiachaibh oirnn a chur 
an cèill, agus air chuimhne ; sinn bhi 's a' bheachd so, 
agus làn-f hianuis againn air, nach robh dithis bhràitbrean 
'n an luchd-seirbhis 's an fhìon-lios, lui ghràdhaiche aig a 
chèile, na bha Mr. Iain Ceanadaidh agus Dr. Iain Dòmhnul- 
laich Ughdair a' Mharbhrainn. Nochdaidh am Marbhrann 
fèin so, 's c' àit am faighteadh dithis, 'n an là, a bha cosmhuil 
riutha! Gu togadh an Tighearn suas an leithid eile. 

M. M. 



MARBHRANN 



AIR 

MR. IATN CEANADAIDH, 

Ministeir Sgire a' Chasteil Ruaidh. 



AN LUINNEAG. 

Ochan is ochan mar tha mi ! 

Thug do bhas dhomh 'n lot a tha geur ; 
Is lot gu h-aithghearr nach slanuich ; 

's craiteach mi 'n diugh as do dheigh ! 



I. 

Is iomadh beum thug am bàs dhuinn, 
'S thug beuma ro-chràiteach 's an uair ; 
A' gearradh as uainn nam Bràithrean, 
Bha feumail, tre ghràs, fad an cuairt. 

II. 

Seadh, toirt nan Reul uainn bu shoillèir 1 , 
A dhealraich 'n ar speuraibh 's an oidhch' ; 
A bha toirt iùil dhuinn air thalamh, 
Le solus bha glan, is gun f hoill. 

iii. 

Tharruing sud neul air ar n-iarmailt, 
Is cha 'n ioghnadh idir an leòin ; 
Oir chuir sinn gruaim air an Tighearn. 
'S cha d' ìoc sinn dha 'n cliù mar bu chòir. 



MARBHRANN 



IV. 

0, chuir sinn cràdh air Fear-saoraidh ! 
Is dh'earb sinn à daoinibh 'n a àit ; 
Cha robh sinn 'g amharc na grèin' ud, 
'n d' f huair Keultan solus do ghnàth. 

v. 

Seadh, cha d' thuig sinn mar a dh' theumadh, 
Thaobh gach Reul' dhiubh sud thugadh uainn, 
Gur h-ann o dhealradh na Grèine 
Bha 'n solus gu lèir, teachd a nuas. 

VI. 

Gu 'n togadh 'n Tighearn a suas dhuinn, 
Àn doimhneachd a thruais is a ghràis, 
Fianuisean treun' agus buadhach, 
'N àit na thugadh uainn leis a' bhàs. 

VII. 

Oir tha ar Ceannard nis àrdaicht' ; 
'S tha lànachd anns-an, tha do-luaidh, 
Gun aig' ach an Spiorad a dhòrtadh, 
'S bidh fìanuisean beò ann gu luath. 

VIII. 

'S a thaobh gur h-ainm dha gu h-àraidh, 
Fear-leasachaidh 's càraidh nam bèarn, 
Rachadh ar n-athchuinge suas ris, 
'S thig furtachd is fuasgladh gun dàil. 

IX. 

O, gu 'n tigeadh nuas oirnn na frasan, 
A thaisicheadh cridheachan cruaidh', 
A bheireadh aiteadh air reòiteachd, 
Is beò iad, tha 'n diugh mar 's an uaigh. 

x. 

'S Dia gu robh saoibhir 'n a ghràs-san ; 
Ris 'n iarmad a dh' fhàgadh air chùl, 
'S 'g an deanamh spioradail, sgiamhach, 
Is gnìomhach 'n an dreuchd, mar luchd-iùil. 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 



XI. 

Tha fear air leth do na Bràithribh,, 
Air 'n do leag am bàs a làmh f huar 7 
Bha soilleir, aithnicht', 'n a là-san, 
Is a chliù-san b' àill leam bhi luaidh. 

XII. 

'S e tha 'n am shealladh gu h-àraidh, 
Teachdair àillidh a' Chaisteil-Ruaidh, 
'S rè iomadh latha d' a shaoghal, 
A shaothraich 's an Sgìr' ud le buaidh. 

XIII. 

Is cinnt' gur dealrach an reul e, 

Ann an speuraibh na h-Eaglais shuas 

'S an eaglais bhos bha co feumail, 

'N a dhreuchd-san fad làithean a chuairt. 

XIV. 

Oir tha sinn leughadh d' an taobh-san, 
A thionndaidheas peacaich gu Criosd, 
Gu 'm bi iad dealradh mar reultaibh, 
An speuraibh na Glòire gu sìor. 

xv. 

'S gun cheist, bu lìonmhor an t-àireamh, 
ghràs tre 'n d' rinneadh leis feum ; 
Uime sin, 's reannag ro-àluinn, 
Gu bràth e, an iarmailt nan nèamh. 

XVI. 

A mhaighstir Iain ro ionmhuinn ! 
Is b' ionmhuinneach leams' thu o thùs ; 
B' i mo dhùrachd a bhi 'g iomradh, 
Do bhuadhan, is t-iomchar, 's do chliù. 

XVII. 

Is f ìor, chaidh dàil air do mharbhrann, 
Gidheadh, " Labhraidh balbhachd ri cèill ; 
'S theagamh nach 'eil e ro-anmoch, 
Bhi 'g iomradh do chliù-s' ann mo sgeul. 



MARBHRANN 



xvnr. 

Tha cuid 'leig tur as an cuimhne, 
Na chual iad r' ad linn-san uait fèin ; 
'S b' f heumail chum iadsan a dhùsgadb, 
Bhi 'g ùrachadh fathast na sgèiP. 

XIX. 

Ach, tha cuid, muladach, cianail, 

O leagadh leo riamh thu 's an ùir, 

D' am miann gun teagamh, 's d' an dùrachd, 

Bhi 'g ùrachadh iomraidh do chliù. 

xx. 

Gheibh iadsan teagasg air uairibh, 
Ag amharc na h-uaigh' 'm bhèil do chèis, 
A bheir gu cuimhne gu luath dhoibh, 
Iomadh ni a chual iad uait fèin. 

XXI. 

'S toigh leo bhi cumail air chuimhne, 
Na linn' ud a f huair iad 's a dh' f halbh ; 
'S bhi foghlum, 'g amharc na h-uaghach, 
Ge tosdach an uaigh ud, nach balbh. 

XXII. 

Fhuaireadh leam iomradh ro-f hìor air, 
Gu 'm b' tu sìol f hìor-chlann nan gràs, 
A shrùth o aithrichibh diadhaidh, 
A riamh a bha soilleir 'n an là. 

XXIII. 

Fhuair uath-san thu eisimplir dhiadhaidb, 
'S is beannachd o Dhia sin, innt' fèin, — 
Ach a' chuid gheibhear leath' riaraicht' 
Bidh 'n diadhachd ac' uile 'n am beul. 

XXIV. 

Ach cha d' f heud thus' a bhi riaraicht', 
Le creidimh an iasad o chàch, 
Dhòirteadh an Spiorad o Chriosd ort, 
Chuir 'ìomhaigh air t-anam gun dàil. 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 



XXV. 

'N sin f huair thu aithn' ann am f ìrinn, 
Air 'n ath-bhreth do rìreadh, o shuas ; 
Is phòs an Spiorad ri Criosd thu ; 
'S an aonadh tha sìorruidh, 's do-luaidh. 

XXVI. 

'S f huair thu an Spiorad mar thìodhlaic, 
Tre t-aonadh ri Criosd anns an uair ; 
Chum a bhi annad 'n a ehòmhnuidh, 
'S 'n a threòir anns gach ceum do do chuairt. 

XXVII. 

Is truagh, gun teagamh, gach teachdair, 
A chaidh steach gu ladarn' 's an dreuchd, 
Gun aithne riamh air Fear-saoraidh, 
No naomh-obair Spioraid ar Dè. 

XXVIII. 

Labhairt na f ìrinn nach eòl doibh, 
Oir a glòir tha foluicht' uath' fèin : 
0, ciod a 's feàrr iad na 'm Pioraid, 
Gun tuigs' air na their e e 'bheul. 

XXIX. 

No fòs mar bhuachaill gun sùilibh, 
A ghabhadh air stiùireadh nan treud, 
An deanadh esan fear-iùil dhoibh ? 
'S ann chuireadh iad cùl ris, fhuair lèirs'. 

xxx. 

'S truagh iad, le gionaich an t-saoghail, 
'S air barrantas dhaoin', chaidh 's an dreuchd 
Bithidh an roghainn ud daor dhoibh, 
Ged nach saoil iad 'n diugh e, 's nach èisd. 

XXXI. 

Ach dheasaicheadh thus' leis an Tighearn, 
Tre obair ro-dhìomhair a ghràis ; 
'S chuir e a steach thu d' a fhìon-lios, 
Is lìon thu do dhreuchd ann gach là. 



MARBHRANN 



XXXII. 

Thug e dhuit cumadh bha àluinn, 
Anns gach buaidh, is tàlann, is rùn ; 
'N a t-anam riamh a chuir tàbhachd, 
'S a chuir snuagh nan gràs air do ghnùis. 

XXXIII. 

'S ann thàinig mach thu mar ghaisgeach 
'S an t-soisgeul, bha deasaicht' is treun ; 
Is cha b 1 ann idir mar leisgean, 
A chuireadh tu 'n teisteas an cèill. 

XXXIV. 

Air t-anam riamh bhitheadh faobhar ; 
'S bu shaoithreach thu labhairt do sgèill ; 
Oir bka thu an neart an Fhìr-shaoraidh, 
A' labhairt ri daoin' as leth Dhè. 

xxxv. 

Air 'n t-soisgeul 'chuireadh an cèill leat, 
Fhuair thu aithn' is lèirsinn 'n a ghlòir ; 
'S bu shoilleir dhoibh-san bhiodh 'g èisdeachd, 
Ga 'n d' f hairich thu èifeachd do sgeòil. 

XXXVI. 

Thugadh dhuit aithne gu sònruicht', 
Air innleach ro-ghlòrmhor na saors' ; 
Bha ann an cridhe na Diadhachd, 
'S d' am b' tobar o shìorruidheachd — Gaol ! 

XXXVII. 

Eadhon, gaol-taghaidh 7 is saoraidh, 
Is naomhachaidh, fòs mar an ceudn', 
'N gaol a thug Dia do chloinn daoine ; 
Bu chaomh leats' a riamh chur an cèill. 

XXXVIII. 

Thugadh dhuit aithne bha fìor-ghlan, 
Air co-cheangal gnìomh' agus gràis ; 
'S is glàn a shloinneadh tu mach iad, 
Is gach aon fa seach dhiubh 'n a àit. 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 



XXXIX. 

'S a thaobh a' chùmhnaint 's a' ghàradh, 
A rinneadh ri Adhamh o thùs ; 
Gu 'n do bhris e fe'in is a chlann e 
Chionn ann-san gu 'n d' rinneadh e riù-s'. 

XL. 

Uime sin, sheirm thu do pheacaich, 
An staid-san, gun teagamh, bhi truagh ; 
Ach 's tu a ghuidheadh gu dian orr', 
Gu 'n teicheadh gu Criosd iad ga luath. 

XLI. 

Dhearbhadh tu 'n cunnart o 'n reachd dhoibh 
Am briathraibh bha tearc, — ach bu gheur, — 
Fàgail gach aoin dhiubh gun lethsgeul, 
Nach gabhadh ri teisteas do Dhè. 

XLII. 

Is tric a ghabhadh leam beachd, air 
A' chaoir a bha lasadh 'n ad ghnùis, 
'N àrn dhuit cur sèisd ris a' pheacach, 
Gu a sheasamh thoirt uaith 's a lùth's. 

XLni. 

Oir mheasadh leatsa, mar Theachdair, 
An labhairt ri peacaich gach àm, 
Gu 'n robh e crocht' riut mar Inneal, 
'N e pilleadh no bàthadh bhiodh ann. 

XLIV. 

Cha 'n e gu 'm b'urrainn thu èifeachd, 
A chur anns an sgeul bha thu luaidh ; 
'S ann a dh'earb thus' ri Fear-saoraidh, 
Bhi crùnadh do shaothrach le buaidh. 

XLV. 

Gidheadh, cha d' mheas thu mar lethsgeul, 
Bhi creidsinn o Chriosd gu 'n robh 'bhuaidh ; 
Bha thu co dian ann do shaothair, 
'S ged dh' earbt' riut saoradh an t-sluaigh. 

I 



MARBHRANN 



XLVI. 

Ach ann an searm'nachadh 'n t-soisgeil, 
A rèir teisteas Spioraid ar Dè, 
Bha thu a riamh aig do dhachaidh, 
'S bu tlachd leat bhi labhairt na sgèih 

XLVII. 

Seadh, gràdh Iehobha do dhaoinibh, 
A nochd e gu saor dhoibh an Criosd, 
Pears' agus glòir an Fhir-shaoraidh, 
A choisinn dhuinn saorsainn tha sìor. 

XLVIII. 

A dh'ungadh le h-ola an aoibhneis, 
Chum oighreachan ifrinn 's a' bhròin, 
A thugadh dha-san 's a' chùmhnant, 
'A stiùireadh gu cala na glòir'. 

XLIX. 

'S e Spiorad sìorruidh Iehobha, 
'N ol' ungaidh a dhòirteadh air Criosd, 
Chum dhreuchdan urrais, 's Fir-saoraidh ? 
A lìonadh, do chaomh phobull Dhè. 

L. 

Seadh, chum gu 'm bitheadh 's gach àl e, 
'N a fhàidh, 'n a shagart, 's 'n a Righ, 
'N cosnadh 's an co-chur na slàinte, 
Ri taghadh nan gràs anns gach linn. 

LI. 

Mar sud, shearmonaicheadh Criosd leat, 
Mar thìodhlac do-labhairt ar Dè, 
'N a phears', 'n a chumhachd, 's 'n a lànachd, 
Mar Shlànuigh-f hear iomlan thar sgèil. 

LII. 

Sheirm thu teagasg na h-ath-ghineamhuinn, 
'N a nàdur ro-ion-mholt', 's 'n a buaidh; 
Oir fhuair thu aithn' oirr', mar dh'iomradh, 
'S cha b' leanaban thu idir 'g a luaidh. 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH, 



LÌIT. 

Is chuireadh 'n cèill leat gu saor e, 
Do chlannaibh na daors' is a' chruais, 
Nach rachadh anam, gun naomh-bhreith, 
A chaoidh steach do 'n naomh-ionad shuas. 

LIV. 

'S maille ri ath'rrachadh nàduir, 
Is naomhachadh gràsmhor 'n a lorg, 
Gu 'm feum iad trusgan Fir-saoraidh, 
G-u 'n saoradh gu sìorruidh o 'n f heirg. 

LV. 

An trusgan bhitheadh 'n a dhìon dhoibh, 
dhian-ehorruich shìorruidh ar Dè, 
Chionn brisidh 'n lagha mar chùmhnant, 
Rinn rùisgt' iad d' a f heirg-san gach rè. 

LVL 

Is luaidh thu gu soilleir 's gu slàn dhoibh ? 
Nach b' e ath'rrachadh nàduir, ann fèin, 
Air an t-saors' bheireadh còir dhoibh, 
Ach Fìreantachd ghlòrmhor mhic Dhè. 

LYU. 

'N f hìreantachd iomlan is shìorruidh, 
A chrìochnaich e air a' chrann-cheus', 
Anns an robh ceartas làn-riaraicht', 
Is àrdachadh sior aig Lagh Dhè. 

LVIII. 

Gur e sud as trusgan gu sònruicht', 
A chòmhdaicheadh an'manna truagh', 
Air beath' na slàint' bheireadh còir dhoibh, 
'S air an oighreachd ghlòrmhor is bhuan. 

LIX. 

ìs a thaobh obair na naomhachd, 
A dh' f heumadh gach aon mar an ceudn' 
Gu 'n robh i co-sheasamh gu h-àraidh, 
Ann an ìomhaigh àluinn Mhic Dhè 



MARBHRANN 



LX. 

Is dhuitse b' aithne,fior naomhachd, 
shaothrachadh Spioraid do Dhè, 
'S a cruaidh-chath làitheil ri peacadh, 
Bha gleachdadh ri gràs ann ad chrè. 

LXL 

B' aithne dhuit innleachdan Shatain, 
'N a shàthaidhean guineach is garbh ; 
Bhi tilgeadh shaighdean is gnàth leis, 
Air a' cheannard 's àirde 's an arm. 

LXII. 

Ach 's ann rinn sud thu ni b' f heumail', 
Do 'n treud, anns na bhiodh tu a' luaidh, 
Oir thug sud faireachduinn gheur dhuit, 
Air coraibh an treud, measg an t-sluaigh. 

LXIII. 

Thug sud dhuit comas gu sònruicht', 
Bhi labhairt ri leòintich gu tlàth, 
'S riu-san 'n an spiorad bha brùite, 
'S gu h-ùir a bha cromadh gach là. 

LXIV. 

0, 's tu a labhradh gu f òil riu, 
A' toirt do gach seòrs' an cuid fèin ; 
A' seirm dhoibh sìth' agus solais, 
shoisgeul ro-ghlòrmhor Mhic Dhè. 

LXV. 

Bha iad a measg do luchd-leanmhuinn, 
'N an spiorad bha anmhuinn is brùit', 
Leo-san bu toigh bhi 'g ad èisdeachd, 
Oir 's minic a rèitich thu'n cìiis. 

LXVI. 

Chu d' leig thu riamh as do shealladh, 
Gu 'm b' e Spiorad geallaidh nan gràs ; 
'Dheanadh do theagasg dhoibh buadhach 
Ach 's truagh iad nach tabhair dha àit. 



AIR MAIGHSTTR IAIN CEANADAIDH. 



LXVII. 

Oir ghabh e tàmh ort gu saoibhir, 
'S rinn sud dhuinn ro-aoibhneach do sgeul ; 
Seadh, bha do theagasg leis cùbhraidh, 
'S a' sileadh mar dhrùchd air an treud. 

LXVIII. 

'S a chionn gu 'n tugadh leat àit dha, 
Mar fhear-càraidh na saors' ris 'n treud, 
Mhòr-bheannaich Esan do shaothair, 
Fad bhliadhnaidh do shaoghail 's an dreuchd. 

LXIX. 

Bu dian, 's bu tric thu a' lùbadh, 
Air d' ghlùinibh aig righ-chait'hir gràis, 
A' gleac ri Aingeal a' chùmhnaint, 
Gun diùltadh a ghabhail gu bràth. 

LXX. 

Is 's ann gu tric air do ghlùinibh, 
Fhuair thu inntinn 's rùn Fhir do ghràidh ; 
'S tu fèin f huair fagusachd dhlùth dha, 
Seach iomadh dhiubh-san f huair gràs. 

LXXI. 

Seadh, shaoil mi riamh, 's b' e mo bheachd e, 
'S co bhacadh dhomh idir a ràdh ? 
Gu 'n d' f huair thu tomhas bha dùbailt, 
Do Spiorad na h-ùrnuigh 's nan gràs. 

LXXII. 

Och ! 's iomadh osnadh is ùrnuigh, 
Is dùrachd gu dian chuir tha suas, 
Seadh, ann an spiorad na brùiteachd, 
na glùinibh an diugh tha 's an uaigh. 

LXXIII. 

'Togaidh gach ùrnuigh dhiubh fianuis, 
'N an aghaidh riamh nach tug cluais, 
Aon chuid do thagradh no sgeula, 
A chual iad o d' bheul-s' iomadh uair. 

i 3 



198 



MARBHRANN 



LXXIV. 

'S mur faigh iad fiosrachadh tràthail. 

Air peacaibh an nàduir 's an gnìomh, 

'S air peacadh diùltaidh na slàinte ; 

b' fhèarr dhoibh nach beirteadh iad riamh ! 

LXXV. 

Thugadh air falbh thu gun f hios dhuinn, 
Cha b' f hiosrach air iomadh do 'n t-sluagh ; 
Thugadh air chabhaìg thu dhachaidh. . 
Mu 'n ruigeadh ar n-athchuingean suas. 

LXXVI. 

Bhliadhn' nan Ochd-ceud-deug 's dà f hichead, 
Seadh bhliadhn' an Dà fhichead 's a h-aon, 
Ghairmeadh thu suas le Fear-saoraidh. 
Mu aois nan Trì fichead 's a naoidh. 

LXXVII. 

'S aig àm do dhuslaich ro àluinn, 
A chàradh gu h-ìosal 's an uaigh ; 
Is iomadh sùil a bha deurach, 
Is cridhe bha reubt' agus truagh. 

LXXVIII. 

A chionn nach cluinneadh iad tuilleadh, 

na bilidh nis tha fo 'n fhòid, 

Sin a chuir fonn orr' gu minic, 

'S cha 'n ioghnadh leinn idir am bròn. 

LXXIX. 

Bithidh ort ionndrain feadh dhùthchan, 
Gu h-àraidh feadh dhùthchan 'n taoibh Tuath, 
Oir shèideadh trompaid na slàint' leat, 
Air bhràigh' 's air mhachair do 'n t-slungh. 

LXXX. 

Ach 's ann aig Sgìre ChilMùrnain, 
Tha aobhar bhi dubhach gu leòr ; 
Oir thugadh lot, le do bhàs dhi, 
Nach slànuich, do chuid, gu nuig Glòir. 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 199 



LXXXI. 

Gu 'n deònaich Criosd ann a thròeair, * 
Do 'n òganach thàinig 'n ad dhèigh, 
Tomhas do spiorad a phàraint, 
Bheir dha-san bhi gluas'd ann ad cheum. 

LXXXII. 

Gu 'm bheil fear eile do d' chlann-san, 
Nach 'eil fann ann an iomradh na sgèil ; 
An Tighearn gu 'm beannaich na h-òig-f hir, 
'S gu soirbhich gu mòr leo 'n an dreuchd. 

LXXXIII. 

Bu tu an companach àillidh, 
'S an t-athair a ghràdhaich do chlann ; 
Is mar fhear-tigh' ann ad f hàrdoich, 
Bu shon' thu gu bràth air an ceann. 

LXXXIV. 

Bithidh do bhantrach 's do chlann-san, 
A' tuireadh 's an àm na chaidh uath', 
Oir am briseadh rinn do bhàs orr', 
Cha shlànuichear dhoibhs' e gu luath. 

LXXXV. 

Is iadsan iarmad na h-ùrnuigh ; 
Bu dlùth air an son bha thu 'n sàs ; 
Chaoidh air do spiorad 'g an giùlan, 
'S air do ghlùinibh aig righ-chaithir gràis. 

LXXXVI. 

'S tha aobhar againn bhi saoilsinn, 
Thaobh an teaghlaich chaoimh ud gu lèir, 
Gu 'n d' thàinig toradh na h-ùrnuigh, 
A nuas orr' mar dhruchd air an f heur. 

LXXXVII. 

Thigeadh do aithrichibh diadhaidh 

A bhi dian aig righ-chaithir gràis, 

Air son an cloinne 's an iarmaid, 

Gun f hios ciod ni 'n Tighearn 'n an là-s'. 



MARBHRANN 



LXXXVIII. 

'Sea chuir mais' air do sgeul dhuinn, 
Do ghiùlan gu lèir bhi fo 'buaidh, 
Chionn gu 'n robh cumhachd na diadhachd, 
A' dealradh riamh ann do ghluas'd. 

LXXXIX. 

An aoradh Dhè ann ad f hàrdoich, 
Bu bheothail, bu bhlàth thu, 7 s bu chùbhr' ; 
Oir thigeadh tu mach as do sheòmar, 
Fo dhòrtadh na h-ol' ort as-ùr. 

xc. 

Is iomadh cruinneachadh Orduigh, 
Aig 'n robh sinn ga sònruicht' le chèil' ; 
'S dh' f hàg sud do chomunn 's do chòmhradh, 
Ni 's brònaich' mi nis as do dhèigh. 

XCI. 

A riamh o chuir mi ort eòlas, 
thilgeadh 's an Tòis'eachd mo chrann, 
'S e f huair mi annad-s' am bràthair, 
Bha sàbhailt gu dòchas chur ann. 

xcn. 

Fhuair mi do chomunn 's do chòmhradh, 
Gu sònruichte spioradail, 's blàth ; 
Oir bha do chainnt air a sailleadh 
Gu soilleir le salann nan gràs. 

XCIII. 

'S cha d' fhuair Satan a mhiann oirnn, 
Teachd eadarainn riamh le gaoith fhuair ; 
'S ann bha ar dlùthachadh a' f às dhuinn, 
Mar a b' fhaisg 7 air bàs thu, 's air uaigh. 

XCIV. 

'S cha 'n ioghnadh dhomhs' bhi 'g ad ionndrain, 
Oir mar thuirt an sean-f hocal 's fior, 
" Is lom a' ghualainn gun bhràthair," 
Is dh 7 f hàg sud mi mall ann mo thriall. 



AIR MAIGHSTIR IAIN CEANADAIDH. 



XCV. 

Ach bheirinn moladh do 'n Tighearn, 
Gu 'm bheil iarmad 'g èirigh dhuinn suas, 
Tha togail fathast na fianuis ; — 
Gu lìonar leo àit na chaidh uainn. 

xcvi. 

Is iomadh athair is bràthair, 
thàinig do 'n tir-s' mi air thùs, 
A thugadh dhachaidh le bàs uainn, 
'Is dh' f hàgadh leo mis' air an cùl. 

XCVII. 

Is tha mi uime sin, ciànail, 
Mar eun air an t-sliabh tha leis fèin ; 
'S tha togradh 'n uairibh is iarrtus, 
Aig m' anam, bhi triall as an dèigh. 

XCVIII. 

Ach fàgam a' chùis aig an Tighearn, 
A riaghlas gach ni dhomh air chòir ; 
Gus 'm faigh mi dhachaidh gu sàbhailt, 
'N sin dha-san gu bràth bithidh glòir. 

xcix. 

Is, Iain ! tha nis thu 's an Aros. 
Far 'm faic thu na bràithrean chaidh uainn, 
Seadh, agus Criosd, fear do ghràidh-san, 
'S am bi t' anam sàsuicht' gu buan. 

c. 

Far nach bi àmhghar no mulad, 

No peacadh, no mallachd, no bas ; 

Ach far an òl thu gu sìorruidh, 

As a' chuan tha gun ìochdar, gun tràigh. 

01. 

Oir chaidh do gheamhradh nis thairis, 
'S do shamhradh cha teirig gu bràth, 
'S a chaoidh do ghrian cha teid sìos ort, 
'S i siorruidheachd tomhas do là. ' 



MARBHRANN AIR MAIGHSTIR GEANADAIDH. 
CII. 

Is co a dh' iarradh gu 'm pilleadh, 
Gu talamh thu rithis chum tàimh ? 
Seadh co e idir a dh' iarradh, 
Do spionadh à uchd Fhir do ghràidh ? 

CIII. 

Ach a nis thigeam gu dùnadh, 
Le dùrachd gu 'm beannaicheadh Dia 
An dàn so, neo-iomlan mar tha e ; 
'S a' ghlòir gu robh dha-san gu sior. 



À' CHRIOCH. 



I 




* 



p. 




t Z> £ 7 ' ■ / è /r T 

%u}rf^ ^ lf^ i t^ /p^ S'/i. 



I 



J%ùM - bà&Àui, F / 5", V %