(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Operations of the Holy Ghost : a sermon"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/operationsofholy1800dodd 



Rfo» 13» 

OPERATIONS OF THE HOLY GHOST. 
A SERMON, BY P. DODDRIDGE, D. D. 

SEARMOIN. 



MU OBAIR 

AN 

SPIORAID NAOIMH. 

Le p. doddridge. 



Ann an labhairt mu 'n obair chudthromaich so, thugamaid, an 
toiseach, fainear, ciod an t-inneal leis am bheil an Spiorad ag 
oibreachadh. 

'Se leughadh, agus gu h-àraidh searmonachadh, an fhocail 
an t-inneal sònraichte a tha Spiorad Dhè a' gnàthach- 
adh, chum anama dhaoine iompachadh agus a thèarn- 
adh. " O'thoil fèin-ghin e sin le focal na f ìrinn :" Seum. 
i. 18. Le focal na fìrinn tha drùghadh spioradail air a 
dheanamh air a chridhe ; " oir tha focal Dhè beò agus 
ni's gèire na claidheamh dà f haobhair air bith :" Eabh iv. 
12. B' ann an uair a bha Pol a' searmonachadh, " a dh' 
fhosgail an Tighearna cridhe Lidia, ionnus gu 'n d' thug^ i 
aire do na nithibh a labhradh leis :" Gnìomh. xvi. 14. 
B' ann an uair a bha Peadar a' searmonachadh a bha na 
h-uighir " air am bioradh 'nan cridhe, agus a thubhairt iad 
ris fèin agus ris a chuid eile de na h-abstolaibh, " Fheara 
agus a bhràithre ciod a ni sinn?" Agus, ged tha daoine 
gu minic a' druideadh an cluasan agus a' cruadhachadh an 
sridheachan, tha Dia fathasd, — eadhon air an là 'n diugh, 
% toirt fianuis as leth 'fhocail. Tha uamhasan an Tigh- 
earna, agus saoibhreas a ghrais a' taiseachadh cridhea- 
dian mhìltean ; 'nuair a tha iad air an cur an cèill le minis- 
teiribh dìleas an t-soisgeil. Ged' tha searmonachadh a 
Chroinn-cheusaidh 'na amaideachd dhoibh-san a tha dol a 
dhìth, beannaichte gu'n robh 'ainm-san a bhàsaich air, tha 



Glasgow Religious Tract Society; Depositories, 158, Trongatej 
and 99, Buchanan Street. 



2 MU OBAIR AN lTT 

fuigheall ann fathasd d' am bheil e na " cbumhachd agus 
na ghliocas Dhè chum slàinte." 'Nuair a tha teagasg* an 
■ t-soisgeil air a mhìneachadh gu soilleir, agus air earalachadh 
]e cumhachd agus le caomhalachd : 'nuair a tha e air a 
chur an cèill mur so le ministeiribh a dh' f hairich a chum- 
hachd air an cridhe fèin, agus a tha miannachadh, os ceann 
gach ni, a bhi glic a chum anama a chosnadh, tha e'na 
n.headhon buadhach gu atharrachadh slàinteil a dheanamh 
air a chridhe. Feumaidh iadsan a tha miannachadh a blii 
'nan innil anns an obair mhaith so a thoirt air a h-agbaidh 
a bhi toileach a bhi air am meas, le saoghal mì-dhiadh- 
aidh, 'nan " amadan, chum gu'm bi iad glic :" 1 Cor. iii. 
18. Feurnaidh iad " 'na nithe a bhuineas d' an sìth," a 
chur air thoiseach air an luchd-èisdeachd leis gach uile 
dhùrachd ann am briathraibh soilleir so-thuigsinn, air eagal 
gu 'n " saothraich iad gu diamhain." Gu 'n d' thugadh Dia 
d' a phobull lèighean glic a sheòlas iad gu cungaidh-leighis 
a shlànuicheas an anama. 

'Se focal Dhè, mata, an t-inneal sònraichte ann an làimh 
an Spioraid, chum anama dhaoine iompachadh ; agus a 
L ->>ehum na crìche so, tha e cumhachdach. Air uairibh tba 



C^ t. '^ehid do bhriathran Sgriobtuir a' deanamh a leithid sin a 
'- '€rc^vf <QÌL*ùghadh cumhachdach air inntinn dhaoine 's nach urrainn 
3> Mà an smuaintean a shuidheachadh air ni air bith eile ; 

^£2Ii^agus sin, feudaidh e bhith, an uair nach 'eil fiòs cinnteach 
aca fèin co dhiubh a tha na briathran sinn a rinn an drùgh- 
adh orra anns a Bhìobal, no nach 'eil. Eadhon an uair a 
tha iad am measg cuideachd dhaoine baoghalta, agus ag 
iarraidh fois dhoibh fèin an ann sàimh a pheacaidh, theag- 
amh gu bheil earrann èigin do f hocal Dhè a' bioradh aa 
cridhe. Feudaidh gu bheil an leithid so a dh' earrannan — 
" an inntinn fheòlmhor is bàs i," — " a ta fearg Dhè air 
a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mhì-dhiadh- 
e achd agus eucoir dhaoine" — a' lot an coguis, — a' deanamh 
gaoir agus tàirneinich 'nan cluasaibh, — gan lìonadh le geilt, 
air chor 's gu bheil iad gu h-obann a' sgur d' an aighear, 
agus d' an ruidhteireachd, — a' tuiteam sìos air an glùin- 
ìbh, — a' cur suas ùrnuigh dhùrachdaeh aig cathair gràis, 
agus a' trèigsinn, a sin a mach, na slighe a ta treòrachadh 

chum sgrios Tha Spiorad Dhè, mar an ceudna, a' bean- 

nachadh do anamaibh dhaoine teagasgan agus earailean a 
th' air an tarruing o'n fhocal, — a tha gu soilleir a' co- 
chòrdadh ri firinn Sgriobtuir. Tha briathran d' an t-seòrsa 



1 15 SPIORAID NAOIMH. 3 

so, air an ìabhairt leis an Fhear-theagaisg ann an co-thineal 
tiam firean, no ann an còmhradh diadhaidh eadar duine agus 
duine, air uairibb, a' deanamh drùghadh slàinteil air an 
anam. 

A rìs, Tha ùrnuigh dhùmchdach 'ua mheadhon èifeach- 
dach gràis, chum an cridhe cruaidh a thaiseachadh, agus 
an t-anam marbh a mhosgladh. Tha gach neach a tba 
leughadh an fhocail le aire agus dùrachd diadhaidh a' gnàth- 
achadh dleas-dnais na h-ùrnugh. Cha 'n e mhàin gu 
bheil ùghdarras againn san f hocal air son a bhi ri ùrnuigh : 
tha focal Dhè ag earalachadh agus a' sparradh oirnn an 
dleasdnas feumail so a ghnàthachadh. Tha ùrnuigh 'na 
mheadhon buadhach chum ar n' intinn a mhosgiadh gu bhi 
toirt aire ghuathaichte do " na nithibh a bhuineas d' ar 
sìth." Tha 'n t-aideachadh a tha sinn an sin a' deanamh 
a thaobh buaidhean giòrmhor Dhè, a chliù-mholaidh a tha 
sinn a' tairgse d' a mhòrachd, an t-aideachadh iriosal a tha 
sinn a' deanamh a thaobh ar peacaidh iomarcaich, agus ar 
cionta antromaichte ann an làthair a naomhachd, an gul 
agus an caoidh a tba sinn a' deanamh air an son, an tag- 
radh dùrachdach iarrtanach a tha sinn a' deanamh air son 
bheannachdan lìonmhor san t-saoghal a ta làthair, agus 
anns an t-saoghal a ta ri teachd : ann an aon f hocal, an 
dòigh sam bheil aignean blath an anama air an lasadh suas 
ann am broilleach an neach a tha ri ùrnuigh, an dian- 
aslachadh a tha e deanamh as leth peacaich neo-iompaichte, 
an dòigh 'sam bheil e cur an cèill 'eagail a thaòbh an cuu- 
nairt, agus an atlichuinge dhùrachdach a tha e cur suas 
gu 'm bi gràs o 'n àirde air a bhuileachadh orra, chum 
gu 'm bi co-chomunn aca an am beatha spioradail nan 
naomh: tha na nith so uile, agus ioma ni eile a tha brùch- 
dadh a mach a beul nam fìrean an àm ùrnuigh, air an 
leantainn le beannachach an Spioraid Naoimh. Am feadh 
a tha pobull Dhè mur so a' labhairt ris, tha E-san gu gras- 
mhor ag èisdeachd riu. 

Thugamaid a nis fanear an t-eadar-dhealachadh oibreach- 
aidh leis am bheil an Spiorad Naomh -a' deanamh drùgh- 
aidh air cridheachaibh pheacach, — na caochladh cothroman 
no meadhonan, agus na caochladh dòighean leis am bheil 
e 'g am foisrachadh air mhodh slàinteil. 

I. Tha Spiorad Dhè ag iompacbadh dhaoine aig caoch- 
ladh àm.^ — Tha cuid air an gairm 'nan leanabaidheachd ; — 
cuid mhòr 'nan òige ; agus cuid ro-bheag 'nan sean aois. 



4 MU OBAIR AN 116 

1. Tha 'n Spiorad Naomh ag gairm cuid gu h-èifeachdach 
r» linn an leanabaidheachd. 

Tha so gu tric a' tachairt ; agus, nam biodh pàrantan 
(lìchiollach 'nan dleasdanas a thaobh an gineil, bhiodh e ni 
bu trice na tha e. So urram a tha Dia gu minic a' cur 
air oilean diadbaidh. Le so tha e toirt misneach do phàr- 
antaibh an clann àrach suas ann 'n slighe na naomhachd ;-+> 
mur sin, a' toirt duais dhoibh, san àm a ta làthair, air son 
an saothair ghraidh. Tha Dia gu h-àraidh a' beannachadh 
saothair na màthar diadhaidh chum na crìche so. Thug 
e do 'n mhnaoi cridhe tiom, agus innigh chaomhalachd 
dha cìochran maoth agus teanga fhileanta dheas-bhriathrach 
gu 'gràdh dha chur an cèill. Tha cothroman agus buaid- 
hean freagarrach aice, uime sin, chum eòlas slàinteil a 
thoirt d' a sliochd, — chum drùghadh spioradail a dhean- 
amh air inntinn a leinibh. 

Tha aobhar againn a chreidsinn gu bheil cuid ann a tha, 
mar gu b' ann, air an naomhachadh o 'n bhroinn ; anns am 
bheil sìol gràis Dhè air a chur, mu 'm bheil iad a' teachd 
gus an aois anns an tuig iad searmonachadh follaiseach an 
f hocail ; air chor 's gu bheil an duine urramach diadhaidh 
sin, Bacster, ag ràdh, " gu bheil e creidsinn, nam biodh 
pàrantan dìchiollach ann an oilean diadhaidh a thoirt d' an 
sliochd, nach b' e searmonachadh an f hocail am meadhon 
gnàthaichte a dheanadh Dia feum dheth chum anama 
iompachadh ; ach gu 'm biodh drùghadh naomh air a 
dheanamh air a chuid a bu mhò, mu 'm biodh comas aca 
air searmoin a thuigsinn." Feudaidh clann, gle thrath, 
beachd a ghabhail air nithibh diadhaidh. Feudaidh iad 
urram a bhi aca air Dia, — gràdh dha mar an Athair a rinn 
iad, an t-Athair caomh a tha toirt dhoibh gach ni a tha 
iad a' mealtainn ; eagal a bhi orra corruich a chur air le 'n 
easumhlachd. Feudaidh iad beachd a ghabhail air Criosd 
mar Mhac Dhè a thàinig chum na talmhainn, chum 
daoine agus clann a dheasachadh air son rioghachd nèimh ; 
beachd a ghabhail air mar an Ti a thug gradh do chlann 
nan daoine, a rjnn maith dhoibh gach là, agus a bhàsaich, 
ma dheireadh, a chum an saoradh o bhàs, agus o ifrinn. 
Feudar an cridheachan maoth a thaiseachadh le 'n leithid 
so a smuaintean, air chor 's gu 'm bi miann aca bhi air an 
teagasg mu Chriosd, mu' theasgasg, mu 'ghnìomharan, 
agus mu ùmhlachd d' a àitheantan — Far am bheil a ghna 
inntinn so, tha sìol na diadhaidheachd air a chur cheanna 



117 SPIORAID NAOIMH. 5 

anns an anam, ged' tha 'n tomhas eòlais, agus an comas 
saothrach beag. — Tha 'n Spiorad Naomh, mata, a' gabhaiì 
leanabanna fo 'theagasg. " A beul naoidhean agus chìoch- 
*an tha Dia ag òrdachadh neirt', " a' foillseachadh do 
»eanabaibh nithe a dh' fholaich e o dhaoinibh eagnuidh 
agus tuigseach." Tha leanabanna ann a tha, o thoiseach 
an làithean, a' gràdhacbadh nan Sgriobtuirean, a' gabhail 
tlachd ann am meadhonaibh nan gràs, agus ann an còmhradh 
diadhaidh. Agus is tric a tha iad, cosmhuil ri Samuel, 
Obadiah, Ieremiah, Iosiah, agus Timoteus, a' fàs suas gu 
bhi 'nan lòchrain dhealrach, — 'nan innil urramach ann an 
eaglais Dhè. Tha'n leithid so a' fàs suas anns gach linn, 

2. Tha cuid, (agus sin, theagamh, a chuid is mò,) air 
an iompachadh ann an làithibh an òige. — Tha mòran phàr- 
antan a' deanamh dearmad air oilean diadhaidh a thoirt 
d'an gineil ; agus eadhon an uair a tha cuid a shaothair air 
a ghnàthachadh chum na crìche so, tha 'n drùghadh fann a 
rinneadh orra, gu minic, air a shiabadh air falbh ann am 
faoineas an leanabaidheachd agus an òige — Tha iad air am 
mealladh' le 'n anamiannaibh ; le droch eisempleir, agus le 
mealltaireachd a pheacaidh. An sin tha iad " a' leantainn 
dìomhanais, agus a' fàs dìomhain :" " air a charraig a ghin 
iad tha iad a' fàs mì-chuimhneachail, agus a' dì-chuimh- 
neachadh an Dè a dhealbh iad." Ach le meadhon èigin 
tha Dia, 'na thròcair, a' cur stad orra 'nan cùrsa cunnar- 
tach. Tha òrduighean an f hocail, no ni-eigin a tha tach- 
airt ann an cùrsa freasdail 'g am mosgladh à suain a pheac- 
aidh, — a' toirt orra seasamh, agus pilltinn a dh' ionnsuidh 
na slighe a thrèig iad. Tha saighdean an Uile-chumhach- 
daich 'gan lot : " tha uamhasan Dhè 'g an cur fèin an 
òrdugh catha 'nan aghaidh :" no tha 'chaomh thròcair a' 
taiseachadh an anama ; agus tha iad air an tarruing, mar lo 
bannaibh gaoil, gu gluasad ann an slighe na naomhachd. 
Tha iad, an sin, a' coisrigeadh an cridheachan blàth do 
Dhia le 'n uile neart. An sin tha iad 'nan sliochd gu seir- 
bhis a dheanamh dha, 'nan ginealach urramach, 'nam " po- 
bull sònraichte, eudmhor mu dheagh oibre." 

3. Tha gràs Dhè a' fiosrachadh cuid an dèigh dhoibh fàs : 
tha 'n t-àireamh so tearc. Cha 'n 'eil ach àireamh beag a 
tha ruigheachd sean aois ; agus, do 'n aireamh bheag sin, 's 
tearc iad a th' air an iompachadh. Agus cha ruig sinn a 
leas iongantas a gabhail thaobh so, ma bheir sinn fainear 
am freumh dhaingean a tha droch chleachdadh a' gabhail 



6 MU OBAIR AN 118 

ann an nàdur an duine, air clior 's gu bheil e cho deacair 
dhoibh-san a tha cleachda ri olc, maith a dheanamh, 's a 
tha e do 'n Etiopach a chraicionn a mhuthadh, no do 'n 
ljopard a bhreice, Jer. xiii. 23. Tha inntinn an c'uine, 
an sin, air a fiaradh : tha e cho deacair a mhosgladh gu aon 
drùghadh blàth caoimhneil, tha 'aigne cho fuar, agus tha 
chuimhne cho fann, righinn, 's nach eile e idir cho furasta a 
dhùsgadh gu cùram diadhaidh, 's a bha e ann am blàth a 
làithean ; eadhoin ged tha barrachd tuigse, barrachd fios- 
rachaidh, agus sealladh is faisge air sìorruidheachd aige nis 
na bh 7 aige an tùs a bheatha. Tha sinn a' faicinn gu bheil 
e 'na ni a tha ro ainmic a' tachairt, — daoine air am mosgladh 
agus air an naomhachadh 'nan sean aois ; gu h-àraidh, mn 
fhuair iad oilean diadhaidh, agus ma rinn iad mòr aid- 
mheil, 'nan òige ; agus ma bha iad air an tàladh le gràdh 
an t-saoghail agus le ana-miannaibh na feòla gu'n aidmheil 
a thrèigsinn. Tha 'n leithid so gu coitchionn a' caitheadh 
am beatha, agus a 'faighinn bàis 'nan cuimhneachain air feirg 
Dhè, — a' gìulan, mar gu b' ann, ann an litiribh soilleir, 
sgrìobhadh muladach na muinntir sin " a thrèig Dia, agus 
a th' air an trèigsinn leis." Tha iad cosmhuil ri craobhaibh 
tirim a tha dà uair marbh agus anns nach 'eil feum air bith, 
ach a bhi air an spìonadh as am freumhaibb, agus air an 
tilgeii anns an teine. 

Gidheadh, a leigeil ris dhuinn buaidh agus cumhachd a 
ghrais, tha Dia, air uairibh, a' taiseachadh eadhon cridh- 
eachan an leithid so a dhaoine. Tha e beantainn ris a 
eharraig chruaidh, agus tha na h-uisgeachan a' brùchdadh 
a mach : tha e 'g ràdh ris na cnàmhaibh tirim, " bithibh 
beò," agus tha iad umhal d'a guth : tha iad air an èideadh 
le mais, — air am beothachadh le beatha ; agus tha iad a' 
6easamh suas Ie treise an òige air 'athnuadhachadh gu 
saothrachadh ann an dleasdnasaibh na diadhaidheachd, agus 
gu cath math a chreidimh a chur. — Tha cunntas againn 
mu chor shean pheacach ris am bheil Dia, mur so, a' bun- 
tàinn gràsmhor ; ach tha 'n àireamh ro-thearc. 

II. Thugamaid, a nis, fainear na caochladh cothromac 
no meadhonan a tha Dia a gnàthachadh gu' f hocal a dhean- 
amh èifeachdach le 'Spiorad, chum tuigse an duine a shoill- 
seachadb, agus a chum a chridhe ath-nuadhachadh. 

1. Tha Dia, 'na fhreasdal, a' buntainn ri cuid le tròcair, 
ri cuid eìle le àmhghar, chum an iompachaidh agus an 
tèarnadb.. 



119 SPIORAID NAOIMH. 7 

air òrdughaibh nan gràs, agus nach 'eil tairbhe a' teachd 'nan 
lorg, tha Dia a' gnàthachadh mheadhonan sònraichte ague 
comharraichte eile, a chum a spìonadh mar aithinne as an 
teine. — Air uairibh tha Dia a' coimhlionadh obair a ghràis 
le tròcair, no saorsa chomharraichte èigin. 'Nuair a tha 
mothachadh aig a pheacach gu bheil e mì-airidh air a 
chuid is lugha de thròcairibh f hlathanais, tha deagh-ghean 
Dhè 'g a lionadh le nàire, a' leaghadh a chridhe, agus 'g a 
cho-èigneachadh gu pilltinn a dh' ionsuidh an Tighearna, a 
tha, gach Ta, 'g a luchdachadh le 'thiodhlacaibh. 

Ach 's e àmhghar am meadhon is trice a tha Dia a' 
gnàthachadh, chum na crìche bheannaichte so. Le àmhg- 
har tha Dia a' coimhiionadh a rùin ghràsmboir a thaobh 
mliòran : agus a' toirt aobhair dhoibh a làimh a bheannach- 
adh, a tha eadhon, le meadhonaibh searbh, 'g an saoradh 
o na lasraichibh a bh' air am fadadh mu 'n cuairt orra, agus 
a' taisbeanadh an Tighearna bhì gràsmhor dhoibh. Cosm- 
huil ri Ionas anns ann luing, tha iad air am mosgladh le 
stoirm gu gairm air an Dia. Cosmhuil ri Manaseh tha 
iad air an toirt a mach as an droighnich, agus air an cean- 
gal le slabhraidhibh, chum gu n iarr iad an Tighearna Dia, 
agus gu 'n gabh iad eòlas air. Cosmhuil ri fear-gleidhidh 
a phrìosain, tha iad air an crathadh le crith-thalmhainn ; 
agus, air dhoibh a bhi air chrith, agus làn iongantais, tha 
iad 'g an lùbadh fèin sìos, agus a' fiosrachadh ciod a ni iad, 
a 'chum a bhi air an tèarnadh. Tha eagal a bhàis, no 
teanntachd lèigin a tha bagradh an slugadh suas 's 'm 
milleadb, 'g am mosgladh gu aire thoirt do na fìrinnibh 
diadhaidh sin a dhì-chuimhnich iad o cheann fada, agus a' 
fosgladh leabhair an coguis far am bheil an cionta sgrìobhta, 
leabhar a rinn iad dìchioll, roimhe so, air a sheuladh suas. 

Agus cha'n 'eil àmhghar ann is trice a tha Dia a' gna- 
thachadh chum na criche so na tinneas. 'Nuair a tha Dia 
a' toirt o dhaoinibh comas gu frithealadh air an gnothuchaibh 
saoghalta, agus a' milleadh an càil gu suaimhneas a mheal> 
tainn ; nuair a tha e 'g an leagail sios air leaba na h-eus- 
lainte, agus " a' dheanamh an sìabhraidh teann agus trom.* 
Tuir. iii. 7. 'Nuair a tha e bagradh an toirt air falbh 
ann 'am meadhon an laithean, agus fuigheall am bliadhnan 
a thoirt uatha, agus an toirt gun dàil an làthair cathair a 
bhreitheanais, am feadh a tha'n coguis fèin ag innseadh 
dhoibh nacli 'eii iad deas air a shon ; an sin tha briathran 
Eiihu air an coimhlionadh, " Smachdaichean e le pein air 



S MU OBAIR AN 120 

a leabaidh, " agus lionmhaireachd a cnnàmh le pèin làidir; 
air chor as gu 'n gabh a beatha grain do aran, agus 'anam 
do biadh deagh-bhlasda. Caithear 'f heòil air chor as nach 
taicear i; agns a chnàmhan nach facas seasaidh a mach. 
Agus tàirngidh' anam am fagus do 'n uaigh, agus a bheatha 
do na milltearaibh. Ma bhios teachdair aige, eadar- 
theangair, aon am measg mhile, a nochdadh' ionracais do 
dhuine an sin gabhaidh e truas deth, agus their e, " Saor e 
o dhol sios do 'n t slochd ; f hnair mi èiric." Iob xxxiii. 
19-24. Fo làimh an Lèigh uile-chumhachdaich, tha tin- 
neas a chuirp, mar so, air uairibh a' slànachadh an auama. 
a' cur air aghaidh glòir Dhè, agus math na muinntir a bha 
" rè ùine bhig fo thuirse." 

Ach feumar a thoirt fanear gu bheil an doilghios a tha 
daoine a' cur an cèill air leaba na h-euslainte gu tric, 
cosmhuil ris an neul mhoch, no ri drùchd na maidne, 
cosmhuil ri doilghios an fhir a chaidh dhiteadh air son 
droch-bheairt ; ach, air dha mathanas f haotainn, thilg e 
dheth gach coslas aithreachais leis an do mheall e, roimhe 
so, e fèin agus daoine eile ; agus tha e nis, as ùr, a' cur an 
gniamh drochbheairt ; agus, feudaidh e bhith, a' fulang a 
bhàis air a shon gnn aon chomhar aithreachais, air d' a 
chridhe a bhi air a chruadhachadh le 'ath philleadh a dh' 
ionnsuidh a pheacaidh, antromachadh a chionta. Ma tha 
daoine, aon uair, a brosgladh suas gu mothachadh, a' 
gabhail eagail, ag aideachadh am peacaidh, agus a' rùnach- 
adh an trèigsinn ; gidheadh, an dèigh so uile, ma tha iad 
a' pilltinn a ris gu amaideachd — a' " pilltinn leis a mhuic a 
chaidh nigheadh, chum aoineagraich san làghaich," tha aob- 
har aca criothnachadh. Tha gach là a tha Dia a' tais- 
beanadh faighidinn d' an leithid so 'na chùis iongantais. 
Agus ma tha Dia fathasd 'g an saoradh a ioma cunnart ; 
am feadh a tha iadsan gun mhothachadh agus gun taingeil- 
eachd, tha soilleir gu'n d'thug Dia thairis iad do dhorchadas 
nach soillsich ni air bith ach lasraichean ifrinn, agus do 
chruadhas cridhe air nach dean ni air bith drùghadh ach 
an teine nach mùchar agus a chnuimh nach bàsaich 

2. Tha Dia a' riaghladh gnothuichean beaga ann 'am 
beatha 'n duine, chum atharrachadh slàinteil a dheanamh 
air 'anam. — Mar bha ionmhas a 'n t-soisgeil air a chur an 
toiseach ann an soithichibh creadha, a chum gu 'm biodh 
òirdhearceas a chumhachd o Dia, agus cha'n ann o dhuine ; 
mar sin tha Dia, & chum a chliù a dheanamh glòrmhor, a' 



121 SPIORAID NAOIMH. 9 

toirt mu 'n cuairt nithe cudthromach le meadhonaibh beag 
agus anmliunn. Tha e iongantach a bhi faicinn cia beag 
an siol o 'm bheil an luibh nèamhaidh so a' cinntinn suas, 
agus cia beag aire, air uairibh, a ghabhas i, an dèigh do 
Phol planndachadb gu faoin, agus do Apollos uisgeachadh 
gu faoin. Feudaidh gur e facal no dbà as a Bhiobul, no 
a leabhar math èigin eile, am meadhon trid am bheil an 
duÌDe air a bheannachadh. Feudaidh gu bheil earrann air 
'am bheil an t-sùil a sealtainn gun aon dùil ri buanachd a' 
bualadh a chridhe mar shaighead o bhogha Dhè e fcin, an 
dèigh do mheadhonaibh, a shaoileamaide bhiodh na b' èif- 
eachdaiche, a bhi air an gnàthachadh gu faoin. — Air uair- 
ibh, tha facal air a labhairt ann an còmhradh, air dha bki 
rèir briathar Dhè, a' dheanamh drùghaidh air a chridhe 
nach d' rinneadh riamh air leis na h-òrdughibh is solemnte. 
Tha so a' toirt misnich dhuinn gu buanachadh ann an còmh- 
radh diadhaidh : tha Dia, air uairibh 'g a ghnàthachadh, 
chum anama a thèarnadh o 'n bhàs. 

III. Tha Spiorad Dhè ag gnàthachadh caochladh dòigh- 
ean, chum atharrachadh spioradail a dheanamh ann an 
nadur dhaoine. — 'Nam measg-san a th' air an dùsgadh 
le focal Dhe, tha cuid ann a tha criothnachadh le eagal : 
tha cuid eile ann a th' air an lionadh le doilghios : tha aon 
f heaghainn air an tarruing, mar gu b' ann, ann am bràigh- 
deanas le sealladh air gràdh Dhè ann an Chriosd ; agus tha 
feaghainn eile air an treòrachadh uigh air n-uigh air dòigh 
co ciùin, sèimh ; 's nach urrainn iad fein a chuimhneachadh 
cionnus a thòisich an obair bheannaichte so 'nan anamaibh. 

1. Tha cuid air an dùsgadh gu mothachadh le eagaL — 
Tha mothachadh peacaidh, ann an tomhas èigin, feumail, 
chum gu 'n dean an soisgeul drùghadh naomh air an anam ; 
ach tha tomhas is mò aig cuid do 'n mhothachadh so, na 
aig cuid eile. A thaobh an dream mu 'm bheil sinn a nis 
a' labhairt, tha Dia " 'g an cronachadh, agus a' cur am 
peacaidh an òrdugh fa chomhair an sùl"; air chor 's gu 
bheil iad 'g am faicinn fèin gun tearmunn aca, air an cuar- 
tachadh le naimhdibh, ullamh gu sgrios a tharruing orra. 
Seadh, tha Dia e fèin, an Dia mòr, uamhasach, siorruidh 
agus uile-chumhachdach " 'g an cur," mar gu b' ann y 
" mar chomhar air son nan saighdean nimheach sin a tha 'g 
òl suas an Spioraid." Tuir. iii. 12. Iob vi. 4. Tha e 
dhoibh mar mhatbghamhuinn, no mar leomhann a tha 
ullamh gu sgairt an cridhe a reubadh. Hos. xiii 8. Tha 



10 MU OBAIR AN 122 

kid air teachd gu sliabh uamhasach Shinai, — chum duibnre, 
agus dorchadais, agus doinionn. Eabh. xii. 18. Maille 
ri 'm mothachadh cionta, tha beachd aca air olcas, agus air 
toillteanas a pheacaidh; agus tha sin 'g an lionadh le geilt 
agus uamhunn, agus a' toirt orra bhi miannachadh, ann an 
seirbhe an anama, nach d' rugadh riamh iad. Tha tàir- 
neinich an lagha, car ùine, a' stararaich 'nan cluasaibh. Tha 
fuaim eagalach an ditidh fèin, agus mallachadh an Dè uile 
chumhachdaich a ni diòghaltas air peacaich, " a' teachd a 
steach mar uisge 'nan com, agus mar oladh 'nan cnàmhaibh." 
Tha'n agartas coguis a'toirt orra a shaoilsinn nach robh 
ciontariamh cho antromaichte ri 'n cionta fèin, agus nach bi 
peanas .airUbith cho eagalach ri 'm peanas. 'S gann a tha 
leus soluis no dòchair aca a thaobh saoirse : 's ann a tha 
fiugfhair aca bhi, ann an ùin ghearr, air an seuladh suas 
fo f heirg. 'Nuair a chluinneas iad mu thairgsibh agus mu 
gheallaibh an .t-soisgeil, cha'n urrainn iad an gabhail 
dhoibh.fèin, na combf hurtachd f haotainn uapa ; ach tha iad 
a' saoilsinn, gu bheil gach bagradh agus gach mallachadh a 
tha anns a Bhiobul air an son fèin.—Tha iad gach là agus 
gach. oidhche a' feitheamh ri sgrios o Dhia, a tha nis 'na 
uamhas dhoibh, — sgrios a shluigeas suas iad gu buileach, — 
a dh' f hàgas iad gun f hurtachd, agus gun dòchas. Tha 'n 
lagh, mur so 'na oid-f hòghluim dhoibh, 'g an treòrachadh 
gu Criosd; agus tha e 'gan smachdachadh, agus 'gan sgiùrs- 
adh gu searbh. Seadh, tha leomhann ifrinn a' beucadh 
tharta, ged nach 'eil comas air a thoirt dha, gu 'n slugadh 
suas * tha e cur sgàth orra, 'nuair a b' àill leo teachd am 
fagus do, Dhia, mar gu 'n tachradh cunnart èigin orra aig 
cathair gràis, an t-aon àit san urrainn iad cobhair f haot- 
ainn.« 'Nuair a tha iad, air chrith feudaidh e bhith, a' cur 
suas^urnuigh an làthair Dhe, tha iad a saoilsinn gu bheil e 
'g a druideadh.a mach — Tuir. iii. 8. — gu bheil i air a 
tionndadh gupeacadh. Gidheadh, arms gach eagal anns am 
bheil iad, tha iad a' fireanachadh Dhè, 'nuair is seirbhe a 
tlia e buntainn riu; agus tha iad, o 'n uile chridhe, a' cur 
an cèill fgu bheil a bhinn ceart a tha 'g an diteadh gu 
milleadh siorruidh. 

2. Thaxuid eile air an taiseachadh le mòr dhoilghios. 
Tha na deòir a' sruthadh o 'n sùilibh: tha iad ullamh gu 
mhiannachadh " gu 'm bu tobar dheur an sùilean, chum 
gu 'n guileadh iad a là agus a dh' oidhche." Tha iad a' 
faicinn olcas a pheacaidh agus an truaighe a tharruing e 



123 SPIOKAID naoimh. 11 

orra: agus, mar tha'n dream a chaidh leigeil ris anns a 
cheann ma dheireadh, a' criothnachadh, chionn nach urrainn 
iad gal, amhuil sin, tba iad so a' gal, a chionn nach urrainn 
iad criothnachadh. Tha iad ri caoidh, chionn nach 'eil iad 
a' faireachdain a mhòr eagail sim a dh' f hairich muinntir 
eile. Tha iad ag radh, " Mo tbruaighe mise! oir chaidh 
as domh :" " sgrios mi mi fèin." Agus feudaidh cuid a 
dh' ùine dol seachad rnu 'n urrakm iad a chreidsinn gu bheil 
cobhair ann o Dhia air an son. Tha fios aca gu bheil cob- 
hair annsan trid Chriosd air son pheacach aithreachail agus 
chreideach; ach cha'n'eil a chridhe aca fèin a ràdh gu 
bheil iad a' creidsinn, chionn nach 'eil iad a' faireachdain an 
earbsa làidir sin a tha dream eile a' faireachdain ann an 
ùine ghean'. Tha eagal orra nach 'eil 'nan aithreachas ach 
coslas nealtach, a' sruthadh o f hèin-ghràdb, agus o eagal 
nàduiTa a thaobh truaigfce ri teachd. Tha iad a' beach- 
dachdach a ris agus a ris air àirearnb an euceartan, agus 
air na h-earrannaibh do 'n Sgriobtur anns am " bheil fearg 
Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mhi- 
dhiadhaidheachd agus eucoir dhaoine ;" am feadh a tha iad 
mall an cridhe gu gabhail ris a chomh-f hurtachd àghmhor 
a tha geallanna saoibhir agus priseil an t-soisgeil a' frith- 
leadhadh dhoibh. 

'Nuair a tha 'n dream so air an soillseachadh air dòigh 
shlàinteil, tha 'n staid cosmhuil ris an talamh 'nuair a tba 
ceò agus deatach a' cur sgàil' air aghaidh na greine an 
dèigh dh' i èirigh; ach 's tric a tha e tachairt dhoibh, gu 
bheil na neòiì air an sgapadh air falbh, agus gu bheil là 
fioillseach a' fosgladh suas dhoibh. Tha iad air an sòlas- 
achadh le gathannaibh blàthais Ghrèin na Fireanteachd, 
a rèir na h-ùine anns an robh iad fo dhorchadas : tha iad 
air an deanamh aoibhneach a rèir nan là anns an robh iad 
air an cràdh. Tha iad, an sin, a dol air an aghaidh ann an 
eagal an Tighearna, agus a toirt gèill do ghuth a Sheir- 
bhisich ; agus, ged dh' imich iad fada 'san dorchadas, agus 
ged nach fac iad solus, tha iad, ma dheireadh, air am mis- 
neachadh le 'Spiorad a' sparradh orra earaiiean 'f hocail gu 
" earbsadh a ainm an Tighearna, agus gu n taice a leigeil 
r' an Dia." 

3. Tha cuid air an tarniing gu athnuadhachadh beatha, 
le sealladh iongantach agus tlachdmhor air gràdh Dhè ann 
an Iosa Criosd. 

Mar chaidh thoirt cheana fanear, tha mothachadh 



12 MU OBAIR AN 121 

peacaidh, agus eagal cunnairt anns gach anam a fhuair 
mosgladh: gidheadh, air uairibh cha luaithe a tha Dia a 
lot, na tha e a' slànuchadh; cha luaithe a tha e cur triob- 
laid, na tha e a' labhairt sith. Do chuid tha e gu gràs- 
mhor a' giorrachadh pèin na nuadh-bbreith, a' " toirt 
dhoibh maise an aite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, 
eididh mholaidh an àite Spioraid airsneil." Tha naigheachd 
na slainte trid fuil, agus fireanteachd, agus gras Chriosd, 
air a ghabhail le mothachadh cho taingeil, agus le ùmhlachd 
cho càirdeach, 's gu bhetl an t-anam a' mothachainn, as 
eugmhais amharuis air bith, gu bheil e gabhail le làn- 
dùrachd ri tairgse nan gràs : an sin tha e air a " lionadh le 
gàirdeachas do-labhairt, agus làn glòire :" " tha 'n cridhe 
ag àrdachadh an Tighearna, agus tha 'n Spiorad a' deanamh 
aoibhneis ann an Dia a Shlànuighear." Luc. i. 46, 47. 

B' e so, air dòigh chomharraichte, cor fir-gleidhidh a 
phriosain. Anns a cheart oidhche 'san robh e air iompach- 
adh, — 'san robh bunaitean a phriosain air an crathadh, — 
'san robh 'anam fèin air a luasgadh le crith-thalmhainn, air 
chor 's gu 'n robh e air ti e fèin a mharbhadh : 'sa cheart 
oidhche sin fèin, mu 'n do shiollsich an là, air dha bhi air a 
sheòladh gu creidsinn anns an Tighearna Iosa Criosd, agus 
air a chòghnadh le gràs Dhè gu gèill a thoirt do earail nan 
Abstol, tha e air innseadh dhuinn gu 'n " d' rinn e gàir- 
deachas maille r' a theaghlach uile, a' creidsinn ann an 
Dia." Gniomh. xvi. 34. Air an dòigh cheudna, tha e air 
innseadh dhuinn mu na Tesalonianich, ged ghabh iad am 
focal le mòr àmhghar, agus ged bha iad ann an cunnart am 
maoin agus am beatha chall air a shon ; gidheadh, gu 'n do 
ghabh iad ris le h-aoibhneas an Spioraid Naoimh. 1 Tes. 
i. 6. Agus ged nach e so an dòigh choitchionn anns am 
bheil. Dia a' buntainn r'a phobull; agus ged tha coslas 
mealltach a leithid so a dh' obair a' fàgail dhaoine gu minic 
ann an àireamh an luchd-èisdeachd a tha ar Tighearna a' 
skmhlachadh ri fearann creagach ; gidheadh tha e cinnteach 
gu bheil cuid air am fiosrachadh gu slàinteil air an dòigb 
so. Ach tha e feumail a thoirt fainear gu bheil an gàir 
deachas so a' teachd an co-chuideachd mòr-irisleachd, — gu 
bheil e a' mosgladh an anama le rùn dùrachdach gràidh 
" gu gluasad gu cubhaidh do 'n Tighearna chum gach uile 
thoileachaidh," — " air an neartachadh leis an uile neart a 
rèir a chumhachd ghlòirmhoir-san, chum an uile f haighdin 
agus f had-f hulangais maille ri gàirdeachas." Col. i. 10, 11. 



125 SPIORAID NAOIMH. 13 

4. Tlia cuid, (agus sin, theagamh, a chuid is mò dhiubh- 
san a fhuair oilean diadhaidh,) air an treòrachadh uigh 
air n-uigh, air dòigh cho sèimh ciùin, 's nach urrain iad cùis 
chomharraicte air bith a chuimhneachadh a thainig an 
co-chuideachd an iompachaidh, no 'n t-àm anns an do 
thacair e ainmeachadh. 

Tha Dia, air uairibh, anns a chuairt-ghaoith, anns a 
chrith-thalmliainn, agus ann an teine ; ach tha e mar an 
ceudna, gu tric anns a ghuth chiùin chaoì. 1 Righ xix. 
11, 12. Tha e gu tric deacair dealachadh a dheanamh 
eadar oibreachadh reusonta ar smuaintean fèin, agus oib- 
reachadh an Spioraid Naoimh chionn gu bheil an Spiorad 
ag oibreachadh le smuaintean agus beachdan ceart a gliin- 
tinn annainn, agus le aignean ceart a mhosgladh annainn : 
oir, ge b' air bith cho faoin agus cho mearachd^ch' a labhra* 
daoine aineolach saobh-chràbhach mu 'n ghnothach chud- 
thromach so, cha 'n eil aon ni is reusouta na smuaintean 
agus gnè inntinn anama ath-nuadhaichte; — smuaintean ceart 
agus gnè naomh gus am bheil an Spiorad Naomh, ann an 
obair na h-ath-ghinmhuinn, 'g ar tarruing. 

Far am bheil oilean diadhaidh, tha obair an Spioraid gu 
tric a' tòiseachadh tràth ; ach tha 'n inntinn cho anmhunn 
agus cho furast a lùbadh a null 's a na naìl, s' gu bheil 
drùghadh naomh, air uairibh, a' caitheadh air falbh. Ann 
an cuid tha e, aon uair, ag ath-bheothachadh, agus a rìs a* 
failneachadh : aig aon am tha 'n t-anam dùrachdach agus 
iarrtanach ; aig am eile tha e cìd-sleamhnachadh agus a' fas 
neo-chùramach; agus feudaidh gu bheil an gleachd so eadar 
an f heòil agus an Spiorad a' mairsinn rè ùin f hada. Ach 
ma dheireadh, fo chaochladh meadhonan Freasdail agus 
Grais, tha 'n t-anam a' fas ni's seasmhaiche, agus a faotainn 
na buaidh ni's trice thar fuigheall a pheacaidh a tlia fathasd 
a' mairsinn ann. Feudaidh e bhi ro-dheacair, (air uairibb, 
eucomasach) an t-am aithneachadh, am feadh atha'n t-an- 
am anns a ghleachd so, anns an robh e air ath-ghinmhuinn, 
Feudaidh e bhi decair, seadh, eucomasach, aithneachadh 
am b' ann aig a leithid sud no leithid so a mhosgladh a 
hha 'n t-anam air iompachadh no 'n robh aun ach athbhr 
eothachadh a dearmad agus neochùram ann an anam a bha 
roimhe, air ath-nuadhachadh. 

Tha na cùl-sleamhnachaidh agus na ath-bheothachaidh so. 
inar tha iad o am gu h-am a' teachd an dèigh a chèile, a' 
lionadh a chridhe le buaireadh agus iomguin. Tha 'n leithid 



14 MU OBAIR AN 126 

so a dh' iompachain gu tric a tuiteam sios le diobhail mis- 
nich, chionn nach urrainn iad eachdaireachd am faireach- 
aidh spioradail innseadh cho pòngail agus cho soilleir 's a dh' 
innseas muinntir eile ; — gu h-araidh, chionn nach 'eil iad 
a' faireachdain an eagail agus an riaslaidh inntinn sin a tha 
dream eile a' faireachdain a thaisbein tuillidh truaillidheachd 
aduir, 's a thaisbein iadsan, Gidheadh, ge b' e neach a 
tha leagail a thaice air son slainte air fìreanteachd, ùmhlachd, 
agus iobairt rèite Chriosd a' dìoladh agus a glòrachadh 
lagh agus ceartas Dhè; agus a tha taisbeanadh fìor thoraidh 
agus buaidh èifeachdach a chreidimh ann an cridhe agus 
beatha ath-nuadhaichte, feudaidh e bhi cinnteach gu n robh 
e, air dòigh èigin, air a bhreth o 'n Spiorad. 

Chaidh nis oidhearp a thoirt gu leigeil ris, gu bheil 
Spiorad Dhè ag oibreaehadh air a chridhe aig caochladh 
am, le caochladh chothroman agus dhòighean. 

Feudaidh sìnn f hòghlum o na chaidh a radh, gun ioghnadh 
bhi oirnn, no mi-mhisneach a gabhail, ged nach urrainn 
dhuinn an t-aite, no 'n t-am, no 'n dòigh, ainmeachadh anns 
an deach' an iompachadh ;■ — ged nach d' f hairich sinn an 
uamhuinn, an doilghios, no am mòr ghairdeachas a dh' 
f hairich muinntir eile. " Tha a' ghaoth a' seideadh far an 
aill leatha," agus tha'n Spiorad a' deanamh drùghaidh 
anns an aite, agus aig an am, agus air an dòigh, agus anns 
an tomhas is aill leis; ach, am feadh atha'dhòigh oibreach- 
aidh gu tric diomhair, tha toraidh 'oibreachaidh soilleir agus 
faicsinneach. Cosmhuil ris a ghaoith, " tha thu a' cluinn- 
tinn a fuaim, ach cha 'n 'eil f hios agad cia as a tha i a' 
teachd, no c' aite a tha i dol : is ann mar sin a tha gach 
neach a tha air a bhreith o 'n Spiorad." Eoin, iii. 8. 
Theagamh nach urrain dhuit am t' iompachaidh ainmeach- 
adh, no na caochladh ceumanna anns an robh e air a thoirt 
mu'n cuairt a nochdadh: air, " mar nach 'eil fhios agad 
ciod i slighe an Spioraid, no cionnus a dKfhasas na cna- 
mhan am broinn na mnatha bhios torrach, is amhuil sin 
nach 'eil fhios agad air oibribh Dhè, mar a ni e na h-uile 
nithe," Ecles. xi. 5. Ach ged nach urraiun dhuit an doigh 
oibreachaidh a thoirt faineai', feudaidh thu an toradh a 
mhothachainn an taobh a stigh dhiot : oir leis an toradh 
aithnichear e. Tha e fior gu bheil e 'na ni taitneach a bhi 
comasach air cunntas a thoirt seachad mu thoiseach agos 
fàs oibre Dhè anns an anam, mar is urrainn cuid a chaidh 
iompacadh a dheanamh: ach cha'n'eil so feumail chum 



127 SPIORAID NAOIMH. 15 

firinn grais an iompachaidh a dhearhhadh. Is sona es-an is 
un-ainn a radh leis an duine dhall anns an t-soisgeul, " air 
aon ni tha f hios agam, air dhomh bhi dall, gu bheil mi nis 
a' faicinn," Eoin, ix. 25. Mar tha fios agad gu bbeil teine 
ann 'nuair a chi thu 'n lasair, ged nach 'eil fios agad c' uin 
no cionnus a thoisich e ; mar sinn feudaidh tu aithneachadh 
gu 'n d' rioneadh athanachadh slainteil annad, ged nach 
'eil fios agad c' uin no cionnus a rinneadh e. Feudaidh 
mor mhosgladh, mor eagal, agus mor ghairdeachas a bhi 
ann, 'nuair nach 'eil aon obair shlainteil o Dhia air an anam ; 
ach far am bheil iomhaigh Dhè air a dealbh, agus far am 
bheil an t-anam da rireadh air athnuadhachadh, tha cinnt 
againn gu bheil gras Dhè an sin ag oibreachadh, ged nach 
'eil f hios againn c' uin, no c' aite, no cionnus a thoisich e, 

Gu co-dhunadh : gnathaichimid gu dichiollach na meadh- 
onan a dh' orduich Dia, chum gu 'n gabhamaid r' a ghras. 
Cha'n'eil ach andanadas ann do neach air bith fiughair a 
bhi aige ri buaidh shlainteil Spioraid Dhè, am feadh a tba 
e dearmad gnathachadh dichiollach a dheanamh air meadh- 
or.aibh òrduichte nan gras. Tha e faoin agus saob-hchrabh- 
ach a bhi 'g altrum fiughair gu 'n oibrich an Spiorad air 
dòigh shlainteil air an inntinn as eugmhais mheadhonan a 
th' air an òrdaichadh le Dia, chum toraidh shlainteil a 
thoirt a mach. Leughamaid gu cùramach focal Dhe, frithea- 
lamaid air 'òrdughibh, agus deanamaid ùrnuigh gu minic, a' 
guidhe gu'm bi meadhonan nan gras air am beannachadh d' ar 
n anamaibh leis an Spiorad. Tha sinn uile, a thaobh naduir, 
" mai'bh ann am peacaidh agus ann an euceartaibh ;" agus is 
ann tiid cumhachd an Spioraid amhain is urrainn dhuinn 
a bhi air an n-ath-nuadhachadh, agus air ar naomhachadh. 

Rugadh ann an euceart sinn, mhi-ghnathaich sinn ar soch- 
airean, chuir sinn doilghios air an Spiorad, rinn sinn dimeas 
air an t-Slanuighear; ach tha guth na trocair fathasd a' 
teachd g' ar n ionnsuidh o 'n Righ-caithir, " Pillibh, Pillibh, 
c arson a bhasaicheas s'bh?" Tha Dia a' deanamh eadh- 
oin a chumhachd 'na argumaid trocair, a cur an ceill gu 
bheil a shlighean os ceann slighean duine ; air chor agus, 
<. e b' air bith cho eagalach 's a bhios ar mothachadh cionta, 
gu 'm feud sinn comhfhurtachd fhaotainn o no briathraibh 
60, " Iarraibh an Tighearna, am feadh a ta e r' a f haotainn : 
gairmibh air, am feadh a ta e 'm fagus. Treigeadh an t- 
aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuainte ; agu« 
pillidh e ris au Tighearaa, agus nochdaidh e trocair dha; 



16 MU OBAIR AN SPIORAID NAOIMH. 

agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt : oir 
Cha 'n iad mho smuainte-sa bhur smuainte-sa, cha mo is iad 
*ur shlighean-sa mo slighean-sa, deir an Tighearna : oir mar 
a ta na neamhan ard seach an talamh; mar sin tha mo 
shligheansa ard seach bhur sligheansa, agus mo smuainte- 
sa." Isa. lw 6-9. Na saoileadh neach air bith gu h- 
andana gur urrainn dha bhi air a thearcadh ach ann an 
rathad a bhios cho f hreagarrach do cheartas neo-chaocbluidh- 
each Dhè, — do riaghladh glic a rioghachd, agus d' a reach- 
daibh glan agus naomh. Tha 'n rathad sin air f hoillseach- 
adh ann am focal Dhè. Cha 'n urrainn dhuinn slainte a 
cheannach le 'r n-oibribh fein. Tha creidimh gun oibre 
marbh. Tha Criosd air a chur an ceill dhuinn mar an 
t-aon Fhear-saoraidh : leagamaid ar t-aice air 'f hireanteachd- 
san, agus air a bhàs, a tha toirt dioladh do cheartas Dh* 
air arson : 'se so ar dleasdnas agus ar buanachd. Agus na 
hidheaniaid toilichte le creidimh air bith, ach an creidimh sin 
o 'm bheil a' struthadh gradh d' ar Slanuighear, agus gradh 
d' ar co-bhrathribh, irisleachd, doilghios diadhaidh, agus 
aideachadh peacaidh ; — an creidimh sin a tha " glanadh a 
chridhe, agus a' toirt buaidh air an t saoghal." 

Mur èisd sinn a nis ri earailibh durachdach Dhè 'na 
f hocal, labhraidh e ruinn ma dheireadh anns na briathraibh 
eagalach so : — " A chionn gu 'n ghairm mise, agus gu 'n do 
dhiùlt sibhse, gu 'n do shin mi mach mo làmh, agus nach 
d' thug duine sam bith an aire; ach gu 'n do chuir sibh an 
neo-bhrigh m' uile chomhairle, agus nach b' aill leibh a 
bheag do m' achmhasan ; ni mise mar an ceudna gaire ri 'r 
egrios-sa: ni mi fanoid 'nuar a thig bhur n-eagal." Gnath- 
t'hoc i. 24—26. Ach ma chuireas sinn ar n earbsa ann an 
Oiosd, fairichidh sinn gu 'n glan 'f huil o gach uile phea- 
adh. " Bithibh dichiollach, chum gu 'm faighear le Dia 
ann an sith sibb, gun smal agus neolachdach." 2 Pead. 
iii. 14. 



GLASGOW; 

Printed by J. Nlven <£• Son, Glassford Street, 
*or the Glasgow Religious Tract Society, and Sold at tfceir 

Depositories, 158, Trongate, and 99, Buchanan Street. : 

And in Edinburgh, at the Religious Tract Society's Depository, 

6, East Register Street.