Skip to main content

Full text of "Profit and loss, no, Call agus buannachd"

See other formats


Digitized  by  the  Internet  Archive 
in  2013 


http://archive.org/details/profitlossnocall1800glas 


*  No.  47. 

PROFIT  AND  LOSS; 

NO 

CALL    AGUS   BUANNACHD. 


Tha  eòlas  aig  gach  ceannaiche  air  brìgh  nam  briathra 
Call  agus  Buannachd.  Is  tiodal  iad  oscionn  cunntas 
ann  a  leabhraichibh,  a  thà  taisbeanadh  staid  gnothuichibh 
agus  o'iin  faic  e  aig  aon  sealladh,  co  dhiùbh  a  tha  e  soirbh- 
eacha'  no  nach  eil.  'Nuair  bha  mis  a'm  òganach  anns  an 
scoil,  bha  e  glè  dhoilich  dhomh  a  thuigsinn  cionnus  a 
dh'f  heudadh  da  ni  co  mor  an  aghaidh  a  chèile  a  bhi  air  an 
cur  anns  an  aon  chunntas ;  agus  mhinich  a  Maighstir-scoil  an 
nì  so,  le  innseadh  dhomh  gu  robh  an  call  uile  a  dol  a  chum 
aon  taobh,  agus  a  bhuannachd  a  dol  a  chum  an  taoibh  eile. 

Tha  leabhar  ann  gu  mor  is  cudthromach  na  Lèdger* 
ceannuiche,  anns  am  bheil  na  briathra  cèudna  air  an  gnàth- 
acha'  a  thaoibh  cunntais  bu  choir  do  gach  duine  a  ghabhail 
dheth  fèin,  a  chum  a  thuigsinn  am  bheil  a  chùisean  ann  a 
staid  soirbbichidh  no  ann  an  staid  sgriosaidh.  'S  iad  na 
briathra,  Mata  xvi.  26.  "  Ciod  an  tairbhe  a  ta  ann  do 
dhuine,  ge  do  chosnadh  e  an  saoghal  uile,  agus  anam  fein 
a  chall  ?"  An  so  tha  ceist,  Caìl  agus  Buannachd,  gu  soil- 
leir  air  a  cur  sios.  Ata  i  air  a  cur  ris  gach  duine  agus  ris 
gach  inbhe  dhaoine  gun  eadardhealacha'  sam  bith,  do  bhri 
gu  bheil  na  h  uile  fillte  innte.  Tha  buannachd  an  t-saoghaii 
agus  call  an  anma  air  an  aon  taobh,  agus  buannachd  an 
anma,  le  feudaidh  e  bhi,  call  an  t-saoghail  air  an  taobh  eile. 
Shaoilte,  aig  e  chèud  sealladh,  gu  bheil  call  agus  buan- 
nachd  air  gach  taobh,  ach  an  uair  a  tha'  n  cunntas  air  a 
sgrùdadh,f  agus  air  dheanamh  suas,  chithear  gur  call  an 
t-iomlan  air  an  aon  taobh,  agus  gur  buannachd  an  t-iomlan 
air  an  taobh  eile : — oir  cha  bhuannachd,  buannachd  an 
t-saoghail  ma  chaillear  an  t-anam,  agus  cha  chall  call  an 
t-saoghail  ma  shaorar  an  t-anam. 

'Nuair  chuir  losa  Criosd  a  cheist  so  ra  dheisciobluibh, 
bha  e  làn  fhiosrach  air  a  cudthrom,  mar  luidh  i  dlù  r'am 
buannachd  shiorruidh.  Cha  neil  a  cheist  a  bheag  sam  bith 
*  Leabhar  cunntais.  f  Aìr  a  cheasnachadh. 


Glasgow  Religious  Tract  Society ;    Depositories,    158,  Trongate 
and  99,  Buchanan  Street. 


2  CALL  AGUS  BUANNACHD.  494 

n'is  lugha  cudthrom  do'n  neach  a  lèughas  an  leabhar  bheag 
so.  Tha  e  uimesin  air  earalachadh  an  gnothuch  a  ghabhal 
gu  cudthromach  gu  cridhe.  Dealbhadh  e  air  a  shon  fèin 
freagradh  do  n'  cheist,  Ciod  an  tairbhe  a  ta  ann  do  dhuine, 
ge  do  chosnadh  e  an  saoghal  uile  agus  anam  fèin  a  chall  ? 
Is  aithne  do  Iosa  Criosd  luach  an  t-saoghail,  oir  is  e 
chruthaich  e  agus  gach  ni  a  ta  ann;  agus  is  aithne  dha  luach 
anam  an  duine,  a  chruthaich  e  neo-bhàsmhor.  Tha  'n 
saoghal  air  a  dhealbh  do  nithe  truaillidh.  Tha  e  air  òr- 
duchadh  chum  sgrios  agus  ann  an  uine  gheàrr  bithidh  e  air 
a  losgadh  suas:  ach  bithidh  an  t-anam  beo  gu  bràth.  Cha 
neil  milte  do  mhilte  do  linnibh  ach  mar  a  mhoment  a  chaidh 
seachad  a  nuair  a  choimeasar  aid  ris  an  ùine  is  beo  an 
t-anam.  Cia  luachmhor  e  uimesin  !  Cha  chomasach  an 
t-iomlan  do  ainglibh  neamh  a  luach  àireamh. 

Luachmhor  do-chur-an-cèill  mar  a  ta  e,  chaìlleadh  e. 
'Seagh  a  Leughadair,  tha  anam  gach  fir  agus  mnatha  a  tha 
air  am  breith  a  chum  an  t-saòghail  cailte.  Cha  'n  ann  caillte 
thaobh  bith,  oir  cha  'n  f  heud  sin  gu  biàth  tachairt,  ach 
caillte  thaobh  gach  ni  tha  buannachdail  ann  am  bith. 
Caillte  thaobh  seilbh  ann  am  fabhar  Dè ;  agus  uimesin 
caillte  thaobh  sonais,  agus  buailteach  do  gach  ni  tha  uabh- 
asach  ann  am  fearg  an  Dè  Uilechumhachdaich.  'Se  so 
toradh  a  pheacaidh,  an  ni's  aobhar  do  gach  truaigh  agus 
bàs  a  tha  anns  an  t-saoghail.  Sgar  am  peacadh  an  duine  o 
Dhia,  an  sin  bha  e  caillte ;  agus  tha  gach  peacadh  a  tha  e 
cur  an  gniomh  na  thoradh  agus  na  f  hianuis  air  gu  bheil  e 
caillte.  "  Dbamhairc  an  Tighearn  anuas  o  nèamh  air  cloion 
nan  daoine  a  dh'fèuchainn  an  robh  neach  ann  a  bha  dean- 
arah  maith,  ach  cha  d'f  huar  e  aon ;— bha  aid  uile  caillte, 
oir  chaidh  aid  uile  air  seacharan,"  Salm  xiv.  1 — 3. 

Nuair  a  tha  na  scriobtuire  a  cur  an  cèill  gu  bheil  na  h-uile 
dhaoine  caillte,  cha'n  ann  chum  an  treòracha'  gu  ea-dòchas, 
mar  gu  'm  biodh  e  neo-chomasach  an  call  a  leasachadh  ; 
oir  tha  iad  cur  an  cèill  gun  d'thanig  Mac  an  Duine  a  shir- 
readh  agus  a  theàrnadh  a  ni  sin  a  bha  caillte.  Chaidh  sinn 
uile,  mar  chaoraich  air  seacharan ;  thionndaidh  sinn,  gach 
aon  g'a  shlighe  fein ;  agus  leag  an  Tighearn  air-san  aingidh- 
eachd  gach  aoin  dinn.  Isa.  liii.  6.  Ghiùlain  e  peacanna  an 
iomlain  a  chreid,  no  a  chreideas  ann  gu  bràth.  Air  an 
doigh  so  rinn  e  ullachadh  arson  saoradh  a  ni  sin  bha  caillte : 
agus  mar  thoradh  air  na  rinn  agus  na  dh'f  huiling  e,  tha 
sluagh  doà-ireamh   do   pheacich  chaillte  air  an  saoradh. 


495  CALL  AGUS  BUANNACHD.  S 

Thug  e  a  bheatha  fein  na  h-èirig  arson  na  droing  a  bha 
caillte.  Mar  sin  a  tha  sinn  a  cluinntinn  abstol  ag  radh 
"  Ghiùlan  e  ar  peacanna  'na  chorp  fèin  air  a  chrann,  cliura 
air  dhuinne  bhi  marbh  do  n'  pheacadh,  gu'm  bitheamaid  beò 
do  dh'fhireantachd :  neach  a  tha  sibh  air  bhur  slanuchadh 
le  bhuillibh :  Oir  bha  sibh  mar  chaoraich  a  dol  air  seacharan : 
ach  philleadh  sibh  anis  chum  Buachaille  agus  Easbuig  bhur 
n-anaman,"   1  Phead  ii.  24,  25. 

Ann  ar  staid  nàdurra  tha  sinn  uile  fuidh  fhiachaibh  do 
lagh  agus  do  cheartas  Dè,  oir  "  is  malluichte  gach  aon 
nach  buanaich  anns  na  h-uile  nithe  a  ta  sgriobht  ann  an 
leabhar  an  lagha  chum  an  deaneamh,"  Gal.  iii.  10.  Uime 
sin  is  uabhasach  an  t-suim  a  tha  seasamh  'nar  'n  aghaidh  'sa 
chunntas  sìn.  Is  fiachaibh  ciont  agus  neo-fhireantachd  iad 
nach  comasach  do  dhuine  air  bith  ìocadh  gu  bràth  air  a 
shon  fèin,  no  crèutair  sam  bith  eile  as  a  leth :  ach  an  nuair 
a  tha  Criosd  a  tabhairt  peacach  caillte  air  bith,  gu  bhi  cur 
a  dhòchas  Annsan,  agus  gu  cùl  chuir  ris  gach  dùil  bh'aige 
ri  fhiachaibh  fein  iocadh  ;  tha  fireantachd  iomlan  Chriosd 
air  a  meas  do  n'  pheacach  sin  mar  làn  f  hreagradh  do 
agartas*  lagh  agus  ceartais  'na  aghaidh.  Air  do  Dhia, 
Athair  agus  Breitheamh  nan  uile  a  bhi  làn  toilichte  le 
fireantachd  a  Mhic  ghràdhaich  tha  e  ga  measf  don  pheac- 
ach  chreideach  mar  fhireantachd, — tha  e  maitheadh  fiach- 
adh  na  neo-f  hireantachd  a  bha  na  aghaidh,  agus  tha  e  ga 
aisig  chum  a  dheadh-ghean,  an  ni  se  beatha.  An  sin  their- 
ear  ma  leithid  sin  do  neach,  "  Bha  e  marbh  agus  tha  e  beò 
arìs,  agus  bha  e  caillte,  agus  fhuaradh  e." 

"  Is  ann  mar  sin  a  ghràdhaich  Dia  an  saoghal,  gu'n  d'  thug 
e  aon-ghin  Mhic  fein  chum  's  ge  b'è  neach  a  chreideas  ann 
nach  sgriosar  e,  ach  gu  'm  bi  a  bheatha  shiorruidh  aige." 
Eoin  iii.  16.  Thainig  Criosd  a  chum  an  t-saoghail  marair 
a  chur  leis  an  Athair,  agus,  an  uair  a  thoisich  e  ag  àm  air 
bith  air  labhairt  mu  ghnothuichibh  Athair,  's  ann  mar  ri 
daoine  caillte  a  labhair  e  ri  peacachaibh.  "  Chuireadh 
mise,''  deir  e,  "  chum  caoraich  chaillte  tighe  Israel." 
"  Thainig  mise"  (oir  bu  Teachdaire  toileach  Criosd)  "  cha  'n 
ann  a  ghairm  nam  fìrean  ach  nam  peacach  a  chum  aithreach- 
ais."  Rinn  na  Scriobhuichean  agus  na  Phairisich  gearan 
'na  aghaidh,  ag  radh,  "  Tha'n  duine  so  a  gabhail  pheacaich 
do  ionnsuidh,  agus  ag  itheadh  maille  riu."  Ghabh  Criosd 
ri  so  mar  fhìrinn,  gu  h-ealamh  agus  dh'fhìrinnich  6e  e  fèin 
•  larrtas.  f  Tha  e  ga  cur  ri  cunntas  a  pheacaich. 


4    **  CALL  AGUS  BUANNACHD.  496 

anns  an  ni  a  bha  e  deanamh  le  cosmhalachd  na  caorach 
caillte,  a  bhuinn  airgid,  agus  a  Mhic  struidheil.  Lucas  xv. 
Mar  gu'n  abradh  e,  'se  mo  gnothuich  àirid-sa  peacaich  a 
shirreadh*  amach  agus  gabhail  riù.  C'àite  am  bu  chòir  do 
fhear-teagaisg  a  bhi  ach  ameasg  nan  aineolach — do  leigh  a 
bhi,  ach  ameasg  nan  daoine  tinne — do  fhear-saoraidh  a 
bhi,  ach  ameasg  nam  muinntir  chaillte  ?  Air  dha  obair  a 
chriochnachadh  air  thalamh  trid  a  bheath  a  leagadh  sios 
arson  a  chaorach  caillte, — dhèirich  e  o  na  marbhaibh,  agus 
thug  e  ùghdaras  d'a  abstolaibh  gu  dol  feadh  an  t-saoghail  gu 
h-iomlan  agus  an  soisgeul  a  shearmonacha  do  gach  dùil,-|-  a' 
gealltuinn  ge  be  chreideadh  gu  'rn  biodh  aid  air  an  saoradh. 

Am  feadh  a  tha  aig  na  peacaich  a  thig  dh'ionnsuidh 
Chriosd,  gach  ni  a  chaill  aid  air  a  làn  aisig  dhoibh  annsan  : 
's  èigin  dhoibhsan  leis  nach  àill  teach.4  da  ionusuidh  buan- 
achadh  mar  a  tha  aid,  'n  an  staid  chaillte.  Cha  neil  aid  a 
mochachail  'san  àm  ta  làthair,  air  am  fior  staid,  ach  tha  'n 
t-àm  a'  teachd  anns  am  bi  e  neo-chomasach  dhoibh  buan- 
achadh  ann  an  aineolas  air.  Nuair  chur  Criosd  a  cheist, 
"  Ciod  a  bhuannachd  a  ta  ann  do  dhuine,  ge  do  chosnadh 
e  an  saoghal  uile,  agus  anam  fein  a  chall  ?" — cha  be  call 
dhaoine  's  an  àm  a  ta  làthair  amhàin  a  bh'aig  na  bheachd, 
ach  gu  h-àirid  call  siorruidh  nan  uile  a  dhùilteadh  èisdeachd 
ris,  agus  a  bhi  umhal  dhà.  Bheir  iadsan  uile  leagas  do  là  na 
slàinte  dhol  seachad,  agus  gheibh  bàs  nam  peacanaibh,  call 
on*a  fein  a  bhitheas  neo-chriochnichte  agus  do-leasaichte, — 
eadhon  calldachd  siorruidh  an  anma  fein.  Càit  an  sin  am 
bheil  am  buannachd  ged  do  chosnadh  iad  an  saoghal  uile  ? 

A  Lèughadair,  tha  a  cheist  so  air  a  cur  riutsa.  Is  ni 
cinnteach  e,  gu  bheil  anam  neo  bhàsmhor  agad  ;  agus  co 
cinnteach,  gun  chailleadh  e  a  thaobh  a  pheacaidh  ;  tha  e 
cinnteach  mar  an  cèudna  gun  d'thainig  Criosd  a  shirreadh 
agus  a  thearnadh  a  ni  sin  a  bha  caillte.  Mu  chreideas  tu  an 
ni  a  deir  esan  uime  fein,  agus  mo  thig  thu  da  ionnsuidh  arson 
slàinte,  teàrnar  thu  gn  cinnteach  ;  buithinnidhj  tu  t-anam 
fein, — agus  seiìbhichidh  tu  sonas  siorruidh.  Ach  mar  àill 
leat  teachd  gu  Criosd  arson  slàinte,  raa  ghràdhaicheas  tu 
an  saoghal  a  ta  làthair  agus  gu'n  roghnaich  thu  e,  an  sin  gu 
cinnteach  bithidh  t-arjam  caillte,  agus  caillte  gu  siorruidh. 

Ann  an  cur  an  cèill  na  nithe  cinnteach  so,  cha  neil  mi 
labhairt  ann  an  teagamh  :  Tha  focal  an  Tighearna  tabhairt 
fianuis  orra  uile,  agus  cha  neil  ui  air  bith  is  cinntiche  na 
*   Iarruidh.  f   Creutair.  \   Buannaichidh. 


497  CALL  AGUS  BUANNACHD  5 

gur  firìnn  an  ni  deir  Esan. — An  ti  a  chreideas  anns  a  Mhac> 
tha  bheatha  mhaireanach  aige ;  agus  cha  d'thig  e  chura 
dìtidh.  An  tì  a  thig  am  ionnsuidhse  cha  tilg  mi  air  chor 
sam  bith  amach  e.  An  tì  nach  eil  a  creid-sinn  anns  a 
Mhac,  cha'n  fhaic  e  beatha ;  ach  tha  fearg  Dhè  gabhail 
comhnuidh  air.  Agus  an  uair  a  dh'fhoillsichear  an  Tigh- 
earna  Iosa  o  neamh  maille  ri  ainglibh  cumhachdach,  ann 
an  teine  lasarra,  a  deanamh  dioghaltais  air  an  droing  aig 
nach  eil  eòlas  air  Dia,  agus  nach  eil  umhal  do  shoisguel  ar 
Tighearna  Iosa  Criosd :  Muinntir  air  an  deanar  peanas  Je 
sgrios  siorruidh  o  lathair  an  Tighearn  agus  o  glòir  a 
chumhachd.     2  Thesal.  i.  7,  8,  9. 

Nuair  tha  a  eheist  air  a  cur,  "  Ciod  an  tairbh  a  ta  ann 
do  dhuine,  ge  do  chosnadh  e  an  saoghal  uile,  agus  anam 
fein  a  chall?"  tha  e  soilleir  gu  'm  bheil  so  a  filleadh  ann  gu' 
bheil  an  saoghal  a  seasamh  calg-dhireach  an  aghaidh  buan- 
nachd  an  anma;  agus  gu'm  fèud  an  t^anam  a  bhi  caillte  am 
feadh  a  tha  'n  saoghal  gu  dian  air  a  leantuin,  agus  moran 
deth  air  a  bhuithinn.  Tha  e  co  soilleir,  's  a  tha  e  gu  bheil 
an  saoghal  ann,  gur  e  'n  saoghal  agus  a  nithe,  a  tha  chuid 
rahor  do  mhuinntir  gu  sònraicht  a  leantuin  agus  ag  iarraidh 
le  'n  uile  chridhe  mar  na  cuispearau  is  roghnuich  leò.  Ciod 
is  ciall  do  'n  bhuaireas  agus  do  'n  chabhaig  a  chi  sinn  ma  'n 
cuairt  duinn  gach  là?  Tha  e  gu  h-iomlau  arson  buannachd 
an  t-saoghail  so,  arson  càrnadh  suas  a  shaibhreis,  arson  àite 
inbheach  ann,  no  seilbh  ann  a  shòlasaibh. 

A  Leughadair,  an  e  'n  saoghal  an  cuspair  anns'  a  bheil  do 
thlachd  is  àirde  ?  Am  bheil  do  chridhe  suidhichte  gu  dian 
air  a  bhi  beartach  ?  An  ann  air  a  so  a  tha  do  smuaintean 
's  an  là,  agus  t-aislingean's  an  oidhche  ?  Tha  mòran  na'n 
innseadh  iad  an  f  hirinu,  a  dh'aidicheadh  so  a  bhi  f  ìor  ma  'n 
tiomchiol  fein.  Tha  mòran  a  saothrachadh  gach  là,  agus  rè 
an  là  gu  h-iomlan,  agus  nach  eil  an  cridheachan  aig  fois  anns 
an  oidhche.  Cha  neil  ùin  sam  bith  aca  gu  smuanachadh 
mu  shaoghal  eile.  Cha  là  fois  eadhon  sàbaid  naomh  an 
Tighearna  dhoibhsan.  Cha'n  àill  leo  an  cridhe  a  thionnda 
o'n  t-saoghal  car  aon  uair ;  no,  ma  tharlas  do  'n  corpaibh 
bhi  car  uair  ann  an  tigh-aoraidh,  tha  'n  cridheachan  agus 
an  anamaibh  aig  gnothuichibh  an  t-saoghail.  Leis  a  leithid 
80  do  dhichioll  agus  do  shaothair  's  glè  chosmhuil,  gu  'ca 
buithinn  iad  an  ni  air  am  bheil  iad  an  tòir.  Bithidh  an 
tuarasda*  aca.  Ged  nach  buithinn  aid  an  saoghal  gu  h-iom- 
lan,  tha  e  comasach  mòran  tuille  a  shealbhacha  dheth  na 


6  CALL  AOUS  BUANNACHD.  498 

dh'  f  hèumar  a  cbum  gach  anmiann  feolmhor  a  shàsacha',  co 
fad  'sa  tha  e  comasach  an  sàsachadh.  Ach  na  dhèidh  so 
gu  lèir,  càit  am  bheil  a  bhuannachd  an  uair  a  dh'iarras  Dia 
an  anam  uatha?  Feudai'  sin  a  bhi  gu  h-aithghearr.  Bith- 
idh  e  ann  an  uair  nach  saoil  aid.  Feudai'  e  bhi  air  an 
oidhche  so  fein — air  an  uair  so.  A  lèughadair  smuainich 
na  'm  bè  so  do  chorsa,  ciod,  an  sin,  a  bhuannachd  a  bhiodh 
ann  do  shaibhreas  uile  ?  Ciod,  an  sin,  b'  urrinn  an  saoghal 
a  dheanamh  dhuit,  ged  bu  leat  e  uile  ?  Tha  t-anam  caillte, 
an  sin  tha'n  t-iomlan  caillte,  agus  caillte  gu  siorruidh. 

Smuainich  air  na  nitbe  so  mum  bi  e  tuille  is  anmoch. 
Cha  neil  e  comasach  dhuit  seirbhis  a  dheanamh  do  Dhia 
agus  do  Mhamon.  Ma  '3  e  Mamon  do  roghain,  cha  neil 
teagamh  nach  dean  thu  seirbhis  dà,  agus  am  feadh  a  thoilich- 
eas  tu  do  choguis  le  coslas  diadhachd,  cuiridh  tu  cùl  ri 
seirbhis  an  Dia  f  hior.  Ach  am  bheil  Mamon  comasach  air 
do  shaoradh  ?  'Nuair  a  ghairmeas  tu  air  ann  an  là  do 
thrìoblaid  am  freagar  e  thu  ?  An  cuidich  e  leat  ann  an  uair 
a  bhsis,  no  'n  saor  e  t-anam  ?  Tha  fios  agad  nach  saor, — 
nach  comasach  e,  oir  cha  Dia  e.  Ach  tha  aig  an  Dia  f  hior 
gach  cumhachd  air  nèamh  agus  air  talamh :  an  Dia  sin,  a  tha 
thusa  cur  cùl  ri  sheirbhis,  a  rinn  thu  a  lagh  a  bhristeadh, 
agus  tha  thu  cur  cùl  ri  shoisgeul,  mar  ni  neo-airidh  air  do 
thlachd,  anieasg  nithe  a  tha  thusa  meas  gu  mòr  n'is  cud- 
thromaiche:  tha  esan  comasach  air  saoradh  agus  air  sgrios: 
tha  e  comasach  air  thusa  shaoradh  ma  thig  thu  d'a  ionnsuidh 
trìd  Iosa  Criosd  mu'm  bi  e  tuille  's  anmoch:  ach  ma  leagas 
tu  là  na  slàinte  seachad,  sgriosaidh  e  thu  le  sgrios  siorruidh. 
"  Is  e  nis  an  t-àm  taitneach  'se  'n  diu  là  na  slàinte." 

Cha  neil  na  nithe  so  air  an  cur  an  cèill  amhàin  dhoibhsan 
a  tha  saibhir,  no  a  tha  stri  ri  bhi  saibhir.  Tha  iad  co  freag- 
arach  do  gach  aon  aig  am  bheil  a  chridhe  suidhichte  air  an 
t-saoghal,  no,  air  an  tomhas  a  tha  e  sealbhacha  dheth,  ma 
tha  e  beag  no  mòr.  Tha  daoine  saibhir  anns  an  t-saoghal 
agus  daoine  bochda,  daoine  struidheasach  agus  daoine 
criombach,*  agus  tha  ìadsan  tha  anns  gach  staid  diubh  so 
air  dhoìbh  ann  saoghal  a  ghradhachadh,  anns  an  aon  chun- 
nart  an  anam  a  chall.  Tha  cuid  do  dhaoine  saibhir  ann  aig 
am  bheil,  trìd  gras  Dè,  an  ionmhas  air  nèamh,  agus  an  cridh- 
eachan  an  sin  ;  am  feadh  a  tha  iad  a  meas  an  t-saibhreas 
shaoghalta  a  tha  iad  a  sealbhachadh,  mar  thiolac  o'n  Tigh- 
earn,  a  chum  a  bhi  air  a  gnàthacha'  'na  sheirbhis.  Agus 
•  Penurious—  ninseac/u 


499  CALL  AtSUS  BUANNACHD.  7 

tha  coid  do  dhaoine  bochd,  aig  am  bheil  an  cridhe  anns  an 
t-saoghal  amhàin,  a  mianachadh  saibhreas  a  chum  a  chaith- 
eadh  air  an  anmiannibh ;  agus  a  sanntachadh  an  ni  a  tha  e 
neo-chomasach  dhoibh  a  sheilbhachadh. — Ma  tharlas  gu  'n 
lèughar  an  leabhar  beag  so  le  cuid  don'  mhuintir  sin,  thug- 
adh  iad  fainear,  ma  tha  na  daoine  saibhir'an  cunnart  an 
anmaibh  a  chall,  nach  eil  iadsan  ann  an  staid  thearuinte  do 
bhii  gu  bheil  iad  bochd.  Cha  neil  nis  mò  do  thearuinteachd 
'san  aon  staid  no  'san  staid  eile.  'Se  gradh  an  t-saoghail 
agus  cha  'n  e  bhi  'n  seilbh  air,  anns  am  bheil  an  cunnart. 
Tha  e  co  neo-chomasach  do  neach  Dia  agus  an  saoghal  a 
ghràdhacha',  agus  a  tha  e  seirbhis  a  dheanamh  do  Dhia  agus 
do  Mhamon  ;  "  oir  mo  ghràdhaicheas  neach  air  bith  an 
saoghal,  cha  neil  gràdh  an  athair  ann."  A  lèughadair  bheil 
thu  fiosrachf  gu  bheil  thu  gradhachadh  nithe  an  t-saoghail 
nis  mo  na  Dia  ?  ma  tha  's  ni  cinnteach  gur  e  'n  saoghal 
amhàin  thà  thu  a  gràdhachadh,  agus  gu  bheil  thu  folamh 
do  ghràdh  Dhe.  Smuanich  air  cunnart  do  staid.  Ciod  a 
ni  thu  a  nuar  a  ghairmear  thu  gu  seasamh  an'  làthair  cathair 
breitheanais  an  Dè  sin  do  nach  eil  gradh  agad  ?  Le  saothar 
chruaidh  agus  criombarachd,f  fèudaidh  tu  ruigheachd  air 
cuibhrionn  do'n  ni  sin  da  'm  bheil  gràdh  agad ;  ach  ged  a 
chàrnadh  tu  suas  na  dh'iarradh  do  chridne,  agus  t-anam 
fein  a  chall,  càit  am  biodh  a  bhuannachd  ? 

Is  beag  an  tomhas  do'n  t-saoghal  so  is  comasach  duine 
air  bith  a  bhuithinn  le  uile  shaothar.  'Nuair  roinnear 
ionmhas  an  t-saoghail  ameasg  cheudan  do  mhilleanaibh,  is 
beag  an  earrainn  thig  air  gach  aon.  Ach  tha  Criosd  a'cur 
an  cèill  ge  do  bhiodh  e  comasach  do  dhuine  an  saoghal  uile 
bhi  fo  a  chumhachd;  ciod  a  dheanadh  e  dhà?  Ma  chailleas 
e  anam  càit  am  bheil  a  bhuannachd  ?  A  lèughadair,  tha  ni 
agad  ann  do  sheilbh  is  luachmhoire  na  'n  saoghal  uile ;  'se 
sin  t-anam  neo-bhàsmhor  fèin. 

Tha  mòran  do  nithe  luachmhor  anns  an  t-saoghal,  ach 
ciod  is  fiù  iad  uile  dhuitse,  ma  chailìear  t-anam  ?  Is  maith 
gach  ni  a  chruthaich  Dia;  ach  'sluachmhoire  dhuitse  t-anam 
na  iad  uile.  Is  cuspairean  mòr  agus  maiseach  a  ghrian,  a 
ghealach  agus  na  reultan  ;  ach  'smo  dhuitse  t-anam  na  iad 
uile.  Smuainich  mata,  ge  do  bhiodh  e  eomasach  gu  'n 
seilbhicheadh  tu  mìle  saoghal,  agus  sin  rè  mìle  bliadhna, 
càit  am  biodh  a  bhuannachd  fa<ìheoidh,  na  'n  cailleadh  tu 
t-anam  ? — Lèughar  agus  molar  na  nithe  so  le  mòran,  agus 
*  Coinseasach.  f  Pehury — bochdainn,  biastalachd. 


8  0A1,L  AGIJSBUANNACHD.  dOO 

air  dhoibh  an  leabhar  so  a  chur  seachad,  nach  smuainich 
tuilleadh  mu'n  chuis,  ach thèid  iad  agus  leanaidh  iad  an 
saoghal  co  dian 'sa  rinn  iad  riamh.  Aontaichidh  iad  leis 
na  fìrinnean  a  dh'ainrnicbeadh  mu  luacjimhorachd  an  anama, 
agus  cha'n  urra  iad  gun  aontachadh  ìeis  nach  eil  fèum  sam 
bith  anns  an  t-saoghal  do  neach  a  tha  ga  f  hagab  agus  dol 
a  chum  siorruidheachd.  Ach  cha  neil  buaidh  fhabharach 
sam  bith  aig  an  aidmheil  so  air  an  inntin  no  air  am  bèus- 
aibh.  Is  fearainn  fo  dhruidheachd  an  saoghal.  Tha  e  làn 
do  dhiomhanasaibh  breugach,  leis  am  bbeil  an  inntinn  air 
a  mealladh ;  agus  a  neach  a  thci  air  a  lionadh  le  gràdh  an 
t-saoghal,  tha  e  air  a  mhealladh  le  falasaibh  an  àite  fior 
nithe,  tha  inntinn  suidhichte  air  diomhanasaibh  na  beatlia 
ta  làthair,  agus  a  deanamh  dèarmad  air  na  nithe  cudthrom- 
ach  a  bhuineas  do  shiorruidlieachd. 

Cha 'n  ann  amhàin  o  gliràdh  do  shaibhris  a  tha'n  staid 
inntinn  mhuladach  so  a  sruthadh.  "  Tha'n  inntinn  fheòl- 
mhor  na  naimhdeas  an  aghaidh  Dhia  cha  neil  i  umhal  da 
lagh  Dhe,  is  cha  mhò  a  tha  e  'n  comas  di  bhi.  Tha  daoine 
nan  coimhich  do  bheath  Dhè,  thaobh  an  aineolas  a  ta  annta, 
tre  chruas  an  cridhe."  Se  so  am  fior  aobhar  o'm  bheil  iad 
a  cur  an'  aghaidh  na  firinn,  a  cur  cùl  ris  an  t*soisgeuI,  agus 
a  taisbeanadh  mishuim  da 'm  buannachd  shiorruidh.  Tha 
iad  a  gràdhacha'  a  pheacaidh,  agus  uime  sin  tha  gràdh  aca 
do  'n  t-saoglial  a  tha  taisbeanadh  agus  ag  ullachadh  dhoibh, 
cothromaibh  agus  meadhonaibh  a  chum  an  anamhianna  a 
shàsachadh.  Is  teagasg  a  rèir  diadhachd  an  soisgeul,  uime 
sin  tha  iad  a  cur  cùl  ris ;  is  i  an  t-slighe  chum  na  beatha 
maireanaich,  slighe  na  naomhachd,  air  an  aobhar  sin  cha'n 
àill  leo  gluasad  innte ;  is  e  is  crioch  do  'n  t  slighe  so  foir- 
feachd  ann  an  naomhachd,  saorsa  o  'n  pheacadh,  agus  seilbh 
air  sonas  iomlan  an'  làthair  an  Ti  ta  naomha ;  ach  cha  neil 
maise  sam  bith  's  an  staid  so  'nam  beachdsan  agus  cha  neil 
iad  ga  miannachadh.  An  àite  bhi 'g  iarraidh  Dhè  agus  a 
bhi  sealbhachadh  a  làthaireachd,  si  is  cainnt  doibh.  "  imich 
uainn,  cha'n  àill  leinn  eòlas  a  ghabhal  air  do  shlighe." 

"  Ach  's  aid  so"  a  deir  sibh  "  na  h-aingidh."  'S  iad  ; 
ach  co  iad  nach  eil  aingidh  ?  Tha  sibh  a  smuanachadh, 
fendaidh  e  bhi,  air  daoine  bèusach,  measail,  a  tha  'g  iocadh 
am  fiachan,  nach  eil  a  deanamh  èucoir  air  duine  sam  bith, 
agus  eadhon  a  tha  fèumail  ann  an  gnothuichibh  na  beatha 
so.  Tha  lethid  so  do  dhaoine  anns  an  t-saoghal,  agus  nar 
leigeadh  Dia  gun  abrainnse  nach  cil  eadar-dhealachadh  sam 


501  CAI.L  AGUS  BUANNNCHD.  9 

bith  eadar  iadsan  agus  na  daoine  tha  gu  follaiseach  eucor- 
ach.  Tha  e  soilleir  do  gach  neach  gu  bheil  eadar-dhealacha' 
mòr  eadar  giùlan  aon  duine  agus  giùlau  duine  eile  a  thaobh 
nithe  an  t-saoghail  so.  Ach  ma  tha  na  daoine  measal  so 
ag  earbsa  aste  fèin  gu  bheil  iad  fìreanta,  agus  a  cur  cùl  ri 
soisgeul  Chriosd  ;  ma  tha  an  cridheachan  co  lan  do  chùram 
agus  do  smuaintean  mo  nithe  na  beatha  so  agus  gu  hheil 
iad  a  leigadh  dearmad  air  na  nithe  a  bhuineas  do'n  t-sior- 
ruidheachd ;  ciod  sam  bitli  a  meas  a  tha  orra  measg 
dhaoinibh,  is  naimhdcan  iad  do  Dhia,  seadh  tha  iad  co 
aingidh  na  làthair,  agus  an  staid  co  ccnnartach,  agus  gu  bheiì 
Criosd  ag  ràdh  mu'n  leithidibh  sin  "  gun  d'theid  na  strio- 
paichean  a  steach  do  rioghachd  nèamh  air  thoiseaeh  orrasan.M 
Cha  'n  f  haic  an  Tighearna  mar  chì  duine  :  amhaircidh  an 
duine  air  coslas  an  taobh  a  muigh,  ach  amhaircidh  an 
Tighearna  steach  air  a  chridhe.  Arson  crìochan  glice, 
shuidhich  an  Tighearna  ann  an  cridheachibh  dhaoine  gu 
coitchionn  gràin  d.o  na  ciontaibh  sin  a  tha  ciurramach,* 
dhoibh  fein  mar  tha  morta,  adhaltranas,  misg,  gaduigheachd, 
agus  an  leithidibh  sin.  Bithidh  an  droing  a  ni  an  leithidibh 
sin  air  am  meas  gràineil,  leòsan  uile  tha  bèusach  ;  agus  is 
ceart  gu'ra  biodh  a  chùis  mar  sin.  Ach  tha  aig  daoine,  gu 
cumanta,  beachd  fior  iosal  air  peacanaibh  mar  air  an  cuir  an 
gniomh  an  aghaidh  Dhia.  Tha  iad  a  dichuimhneachadh  gur 
i  chèud  àithne  agus  an  àithne  mhòr,  Dia  a  ghràdhachadh  leis 
an  uile  chrìdhe  agus  anam;  agus  gur  e  bristeadh  na  hàitbne 
so  is  mò,  am  peacadh  is  mò.  Tha  an  nì  so  air  a  dhearmad- 
acha  gu  cumanta  le  daoine,  ach  cha  neil  a  chuis  mar  sin 
maille  Risan  leis  am  bheil  smuaintean  co  maith  re  gniomh- 
ara  air  an  colhromachadh,  an  Ti  aig  am  bheil  a  bhreith- 
eanas  a  ghnà  a  rèir  firinn,  agus  a  bheir  breth  air  gach  duine 
aig  an  Jatha  mhòr.  A  thuilleadh  air  a  so,  thug  Dia 
foillseachadh  glòirmhor  air  a  ghràdh  do  dhaoinibh,  ann  an 
cur  a  Mhic  uaithe,  gu  bàs  fhulang  air  an  son.  Tha  e 
'g  àithne  do  dhaoine  anns  gach  àite,  agus  tabhairt  cuireadh 
dhoibh,  a  bhi  umhal  dà,  agus  iad  do  chreidsinn  an  fhianuis 
a  tha  air  a  tabhairt  ma  thiomchail  anns  na  scriobturaibh  le 
gealladh  ge  bè  chreideas  gun  teàrnar  è.  Anis  ge  bè  nach 
creid  an  fhianuis  so  mu  thiomchiol  Chriosd,  agus  nach  bi 
umhal  dà  mar  an  Slànuighear,  tha  iad  cha'n  e  mhàin 
aingidh  an  lathair  Dhe,  ach  mar  an  ceudna  air  an  dìteadh 
arson  an  aingidheachd,  agus  gu  h-àirid,  a  chionn  nach  do 
*    Cronal. 


10  CALL  AGUS  BUANNACHD.  502 

chreid  iad  ann  an  ainrn  Mhic  Dhe.  Feudaidh  an  leithidibh 
BO  de  dhaoine  a  bhi  glè  chliùteach  ameasg  an  co-chrèu- 
tairibh,  gidheadh,  tha'n  staid  uamhasach  gun  teagamh. 
Tha  iad  nan  ceannaircich  an  aghaidh  Righ  na  nèamh,  do 
bhri  gu  bheil  iad  a  diùltadh  do  Dhia  an  urram  sin  a  tha 
dligheach  dha ;  tha  iad  a  deanamh  di-meas  air  an  tiodhlac 
as  mò  a  dh'ulluich  gràdh  Dhè,  air  dhoibh  a  bhi  diùltadh 
Slànuighear  an  domhain  ;  agus  soisgeul  na  slàinte  tha  trid 
Chriosd :  agus  mar  sin  tha  iad  cionntach  do'n  dànadas 
uamhasach  sin,  eadhon  a  bhi  cur  suarach*  teisteas  Dhè  na 
firinn  mar  gu'm  bhrèug  a  bhiodh  innte. 

O  gu'n  gabhadh  iadsan  a  bha  gus  an  àm  so  neo-shuimeil 
mu  na  nithe  so,  anis  gu  cridhe  iad !  gu  h-àraid  iadsan,  a 
tha  'g  iarraidh  an  cuibhrionn  anns  a  bheath  ta  làthair, 
agus  leagadh  dèarmad  air  an  aon  ni  f  hèumail,  gun  smua*:n- 
ichidh  iad  gu  cùramach  air  briathra  Chriosd,  "  Ciod  an 
tairbh  a  ta  ann  do  dhuine  ge  do  chosnadh  e  an  saoghal  uile, 
agus  anam  fein  a  chall  ?" 

Agus  ma's  àill  leis  an  Spiorad  Naomh  am  beannachadh 
do  pheacach  air  bith, — dearbh-shoillearachd  a  thabhairt  dà 
m'a  staid  pheacach  fèin,  agus'  mu  fhireantachd  iomlan 
Chriosd,  bithidh  e  mar  neach  air  a  thabhairt  gu  saoghal 
nuadh.  Chi  e  na  h-uile  nithe  air  doigh  nuadh.  Aidichidb 
agus  mothaichi'  e  gur  peacach  thoill  sgrios  e  fèin  ;  ach  air 
dha  guth  trocaireach  Iosa  a  chluinntinn, — "  Thigibh  a'm 
ionnsuidhse  sibhse  uile  a  ta  ri  saothar,  agus  fuidh  throm 
uallach,  agus  bheir  mise  suaimhneas  dhuibh,"  tha  e  teicheadh 
arson  tearmunn  a  chum  an  dòchais  a  chuireadh  roimhe ; 
agus  aig  earbsa  anns  an  Tighearna  amhàin  arson  fireantachd, 
agus  neart,  agus  slàinte. 

Air  dha  bhi  air  a  thabhairt  gu  staid  nuadh,  caithidh  e 
beath  nuadh.  Anns  an  àm  a  chaidh  seachad  bha  e 
smuanachadh  air  a  bhi  beò  dhà  fèin  ach  a  nis  bithidh  e 
beò  do  Dhia.  Am  feadh  a  bha  gràdh  an  t-saoghail  a 
riaghladh  na  chridhe,  bha  e  co  cinnteach  na  fhear  iodhal- 
aoraidh  agus  a  tha'n  dream  a  tha  deanamh  aoradh  do 
Bhrama  no  Juggernaut  ;f  ach  anis  tilgidh  e  iodhalaibh 
airgid  agus  òir  a  chum  nan  ialtag  agus  nam  famh  :  cha'n  e 
gun  tilg  e  air  falbh  gu  neo  shuimeil  an  t-ionmhas  air  an 
d'fhuar  e  seilbh,  ach  mar  iodhal,  cuiridh  e  eùl  ris  gu  biàch; 
agus  measaidh  e  ionmhas  amhain,  mar  mheadhon  a  chum 

*  Deanamh  tair  air.         f  Iodhalaibh  a  measg  nan  Hindooach. 


503  CALL  AGDS  BUANNACHD.  11 

seirbhis  a  dheanamh  do  Dhia,  agus  a  rioghachd  agus  a 
ghlòir  a  chuir  air  aghaidh  anns  an  t-saogbal. 

Feudaidh  e  taehairt,  gum  faic  an  Tighearna  ìomchuidh, 
gach  seilbh  thalmhaidh  aicheadh  dhà,  agus  fhàgal  co  bochd 
agus  co  lomnochd  'sa  thanig  e  chum  an  t-saoghail ;  ach  cha 
d'thoir  an  call  so  air  a  bhi  ri  bròn,  mar  iadsan  aig  nach  eil 
dòchas,  cha  mho  bheir  e  uaith  fior  chof  hurtachd  air  bith 
oir  tha  anam  air  a  shaoradh,  agus  tha  e  faghail*  gach  uile 
shaibhreas  ann  an  Criosd. 

Tha  gnothach  àraid  aig  luchd  aidmheil  an  t-soisgeul  ris 
a  cheist  so  thaobh  call  is  buannachd.  Bha  i  air  a  cur  ri 
dheisciobuil  le  Criosd  fein,  agus  tha  i  gu  freagarach  air  a 
cur  riù  anis.  Beagan  ùine  an  dèigli  cur  na  ceiste  so  air 
thùs,  thilg  aon  do  na  deisciobuil  air  falbh  anam  arson 
beagan  do  nithe  an  t-saoghail,  agus  chailleadh  e.  Bhrath 
agus  reic  a  Mhaighster  arson  deich  buinn  f  hichead  airgid ; 
agus  fhuar  e  ainm  ro  mhaslach  nach  bi  gu  bràch  air  a  dhi- 
chuineachadh — "  Mac  an  sgrios." 

Cha  mhor  gu  bheil  peacadh  ann,  a  tha  co  tric.  a  faotuinn 
uiread  do  dh'uachdranas  air  luchd  aidmheil  is  tha  gaol  an 
t-saoghail,  do  bhri  gur  peacadh  e  anns  am  bheil  e  comasach 
dhoibh  dol  air  an  aghaidh  gun  meas  an  co-chrèutairibh  a 
chall,  no  eadhon  deagh  bharail  na  droing  a  tha  'g  aidmheil 
maille  riù.  Cha'n  f  haigh  misgeir,  no  neach  mi-bhèusach  rùm 
ann  an  co-chomunn  criosduidh  sam  bith  a  th'air  a  dheagh 
riaghladh ;  ach  cha  neil  mòr  chomhara  dimeas  air  a  chur 
air  sannt,  no  gràdh  do  shaibhreas :  cha  neil  e  gu  cumanta 
dùnadh  dhaoine  o  àite  measail  ameasg  chriosduighean,  agus 
sinn  ann  an  cuid,  do  bhri  gur  peacadh  cridbe  e,  nach  urrain 
a  bhi  air  fbaicinn  le  dream  eile  na  uile  thombasaibh  agus 
antromachaibh ;  agus  ann  an  cuid,  do  bhri  gu  bheil  crios- 
duighean  gu  cionntach  a'  caogadhf  ris  eadhon  far  am  bheil 
comharan  soilleir  e  bhi  buadhachadh,  mar  gum  bu  ghann  a 
mheasadh  iad  e  na  pheacadh. 

Tha  so  'ga  dheanamh  nis  fèumail  gu  m  biodh  focal  Dè 
air  a  labhairt  r'an  cridheachaibh  agus  r'an  coguisibh  gu 
soilleir  agus  gu  dilis,  a  cbum  gu  faiceadh  iad  an  ciont, 
agus  gu'm  biodh  an  cunnart  air  a  leagadh  ris  doibh.  Biodh 
an  leithidibh  sin  cinnteacb,  gur  diomhan  a  bhi  saoilsinn  rèite 
a  dheanamh  eadar  seirbhis  Dhè  agus  seirbhis  Mhamoin. 
Chan  eil  seirbhis  Dhe  idir  an  aghaidh  aire  iomchuidh  do 
chofhurtachd  duine  fèin  agus  a  theaghìaicb,  anns  an  t- 
*   Faotuinn.  f  Winking. 


12  CALL  AGUS  BUANNACHD.  504< 

saoghal  so.  Seadb,  tha  focal  Dè  g  àithne  suim  iomchuidh 
do  na  nithe  so,  agus  cha  neil  e  toirmeasg  toradh  saothair 
dhligheach  a  shealhhacha' ;  ach  's  èigin  do  na  nithe  so  àite 
iomchuidh  f  haotuinn  ann  an  intinn  fior  chriosduigh.  Fèum- 
aidh  e  'n  saoghal  a  ghnàthacha,  mar  gun  hhi  ga  mhi-ghnàth- 
acha';  fèumaidh  e  ionmhas  a  hhi  air  nèamh ,  agus  aigne  a 
bhi  'n  suim  agus  ciod  air  bith  an  tomhas  a  tha  e  sealbhacha 
do  shaibreas  an  t-saoghail,  measaidh  e  nach  leis  fein  e, 
ach  gur  tàlann  e  tha  air  earbsa  ris.  gu  bhi  air  a  ghnàthacha 
'na  sheirbhis-san  a  bhuilich  air  e.  Ach  's  diomhan  aidmheil 
an  duine  aig  am  bheil  a  chridhe  air  an  t-saoghal  a  tha  làth- 
air,  agus  aig  am  bheil  barachd  gràidh  d'a  shaibhreas ;  aig 
am  bheil  beag  suim  do  onair  Chriosd,  do  shoirbheacha  an 
t'soisguel,  do  uireasbhuidh  nam  bochd  a  leasacha' ;  nach 
d'thoir  ni  sam  bith  arson  nam  fèumaibh  mòra  so,  no  ma  bheir 
e  beagan  seachad,  's  ann  gu  doilgheasach  ;  mar  gu'm  biodh 
e  deaìachadh  ri  fuil  a  chridhe.  Feudaidh  tuigse  shoilleir 
a  bhi  aige  a  leithid  sin  do  dhuine  air  mòran  do  fhirinnibh 
an  Tighearna,  feudaidh  e  bhi  èudmhor  mu  theagasg  fallain, 
sgus  meas  mor  a  bhi  air  ameasg  Chriosduìghean  :  ach  am 
feadh  sa  tha  a  chridhe  aig  an  t-saoghal,  'seigin  àireamh 
ameasg  na  muinntir  a  tha  fad  as  o  Dhia,  a  tha  ann  an 
domblas  na  seirbhe,  agus  fuidh  chuibhreach  na  h-eucorach 
Gniomh  viii.  23. 

"  'Se  gaol  an  airgid  frèumh  gach  uilc ;  ni  am  feadh  a 
mhiannich  drèam  àraidh,  chaidh  iad  air  seacharan  o'n 
chreidimh,  agus  throimh-lot  siad  iad  fèin  le  iomadh  cràdh  : 
agus  an  drèam  le'n  àill  bhi  beartach,  tuitidh  iad  ann  am 
buaireadh,  agus  ann  an  ribe,  agus  ann  an  iomad  anamhiann 
amaideach  agus  ciurrail  a  bhàthas  daoine  ann  am  milleadh 
asus  ann  an  sgrios."      1    Tim.  vi.   9,    10. 

Mo  thruaigh  !  cia  mòr  an  cuspair  truais  do  Chriosduigh- 
ean  anns  gach  linn,  am  fear  aidmheil  sin  mu  'n  do  labhair 
Pol,  2  Tim.  iv.  10.  "  threig  Dèmas  mi,  air  dha  an  saoghal 
so  ta  làthair  a  ghràdhacha'."  Ge  do  mheasadhmaid  gu'n 
dt;  bhuithinn  Dèmas  cuspair  a  ghràidh,  càit  an  robh  a 
bhuannachd,  ma  chaill  e  anam  fèin  ? 


GLASGOW: 
Printed-by  J.  Niven  $  Son,  Glassford  Street, 
For  the  Glasgow  Religious  Tract  Society,  and  Sold  at  their 

Depositories,    158,  Trongate,  and  99,   Buchanan  Street. 

And  in  Edinburgh,  at  the   Iieligious  Tract   Society's  Depository, 

6,  East  Register  Street.