Skip to main content

Full text of "An Ròsarnach"

See other formats


Presentedto  the 

LlhKAKY  qf  tht 

fNlVERSITY  OF  TORONTO 

h 

IR.  MALCOLM  GAMPBELL 


♦JlCaicotm    v^amnocU 


n 


fp^ 


l-'r^ 


Ci 


vU- 


r        r  r 


AN    RÒSARNACH 


Jeanne  d'Arc:     A'Mhaighdean  Urleanach 


AN   ROSARNACH 


ALASDAIR  MAC   LABHRAINN  AGUS  A  MHIC 
GLASCHU 


IV 


■^JSSC 


\^7^ 


Clo-bbiuUlU  aans  a'   Bbliadhna  1917 


1501 

Ihhr.l 


CLAR-INNSIDH 


TMbh. 

Chiineic 

Na  Ceiltich.     Le  Aonghas  Mac  Eanruig,        1 

Innis  Deoin-a'-Chridhe.      Le  D.M.N.C.,           14 

Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall.      Le  Lachlann 

Mac  Bheathain,      16 

Na  Trì  Orain.     Eadar-theangaichte  ie  Uisdean  Laing,  33 

Jeanne  D'Arc.      Le  Aonghas  Mac  Eanruig,    34 

Rob  Ruadh  Mac  Griogair.      Le  Maighstir  Dòmhnuill 

Mac  Caluim,            68 

Dàn-Cluiche  Cinneachail  Gailig.      Le  Maighstir  Niall 

Ros,              76 

Oran.     Eadar-theangaichte  le  Uisdean  Laing,           ...  95 

Bean  a'  Bhocsa  Bhuidhe.      Le  lain  Mac  Cormaig,   ...  96 

Tòir  na  Maiseachd.      Le  Ruaraidh  Arascain  is  Mhàirr,  125 
An  Uair  Dheireannach  aig  Faustus.    Eadar-theangaichte 

le  Uisdean  Laing, 157 

Uamh  an  Oir.     Le  D.M.N.C, 159 

Cuairt  anns  an  Fhrith.     Le  Niall  Mac  Gille  Sheathaniach,  171 

Ros  Aluinn.    Le  D.M.N.C,         192 

Gille-Criosd,  Morair  Mhàin*.       Le  Ruaraidh  Arascain 

is  Mhàirr,            194 

Beachdan  am  measg  nam  Blathan.      Le  T.  D.  Mac 

DhòmhnuiU,            209 

Nighean  Rìgh-fo-Thuinn.       Seann-sgeulachd  fo  làimh 

lain  Mhic  Aoidh, 211 


DEALBHAN 


Taobb- 
DuilleiK 

Jeaiine  D'Arc,  a'Mhaighdean  Orleanach.       Le  A.  Sgott 

Mac  Fhraing,  Ceann-Dealbh 

Seumas  L,  Rìgh  nan  Albannach,  36 

Tearlach  VI L  Rìgh  nam  Frangach,      54 

Rob  Ruadh  Mac  Griogair,  68 

"  Thàinig  dreag  de  bhoireannach  òg  sgiobalta  rathad  an 

t-Srath."     Le  A.  Sgott  Mac  Fhraing,    104 

"  Thoir  an  tigh  ort ;  ach  beir  an  toiseach  às  an  abhainn 
an  nid  a  chuir  t'ìoraltan  innte."  Le  A.  Sgott 
Mac  Fhraing,  122 

"  'Na  h-asgaill,  tha  Leanabh,  aig  am  bheil  ball  òir  'na 

Làimh."     Le  Aodh  Mac  an  Rothaich, 168 

Sealg  nan  Damh  Donna.      Le  Aodh  Mac  an  Rothaich,  182 

Dealbh-Dùthcha  Mhàirr, 200 

"  Ràinig  i  Diarmaid,  agus  dh'èigh  da  a  leigeil  a  stigh." 

Le  A.  Sgott  Mac  Fhraing,  212 

"Chuir  i  Diarmaid  anns  a*  bhoitean,  's  thug  i  leatha 

air  a  muin  e  I "     Le  A.  Sgott  Mac  Fhraing,      ...  220 

"  Mu'n  do  leig  e  am  focal  às  a  bheul,  sheas  duine  beag 
ruadh  am  meadhon  an  uillt."  Le  A.  Sgott  Mac 
Fhraing,       224 


Na  Ceiltich. 

M   bheil    cunntas   mionaideach 
agus    fìrinneach     againn    air 
c'uine  no    ciamar  a  thàinig 
na   Ceiltich  a  staigh   do  na 
h-eileinean   so  ?       Am  bheil 
eolas    soiUear     agus    coimh- 
Uonta     againn     air     sean     each- 
draidh   ar  cinnich  ?      Dè  cho  fad 
agus  is  urrainn  dhuinn  dol  air  ar 
n-ais   an   eachdraidh    ar   sìnnsre  ?      Bu 
mhiann  leam  na  ceistean  so  a  fhreag- 
airt  ann  am  beagan  fhacal. 

Taing  do  àrd  sgoilearan  Gearmailteach, 
Sasunnach,  Frangach,  Eadailteach,  Albann- 
ach,  Eireannach,  agus  Cuimreach,  thèid 
againn,  a  nis,  air  beachdan  a  thoirt  seachad 
le  tomhas  mòr  de  dhearbhachd  agus  de 
chinnt.  Cha  ruigear  leas  na's  faide  a  bhi  a' 
labhairt  air  thuaiream.  Is  urrainn  dhuinn 
dol  air  ar  n-ais  gu  Linn-na-Cloiche-Nodha. 
Anns  na  làithean  sin,  bha  an  t-eilean  ris  an 
canar  an  diugh  Breatunn  air  àiteachadh,  cha 
b'ann  a  mhàin  le  aon,  ach  le  mòran  fhin- 
eachan.  C6  às  a  thàinig  iad  ?  No  dè  an 
daimh  no'n  ceangal  a  bh'  eatorra  ?  Is  i  a' 
bharail  is  fearr  a  th'  againn  gu'm  buineadh 


M 


2  An  Rdsarnach 

iad,  an  tomhas  air  chor-èigin,  do'n  chinneach  mhòr 
lìonmhor  sin  ris  an  abrar  na  h-Iberiaich.  B'iad 
so  seann  luchd-àiteachaidh  an  Rudha  Spàinndich 
agus  na  dùthcha  fharsuing,  àluinn  sin  a  tha  a' 
sìneadh  am  mach  eadar  na  beanntan  Pyrenees 
agus  an  abhuinn  Rhone. 

Cha  robh  na  h-Iberiaich  iad  fèin  de  aon  fhuil, 
oir  bha  iad  air  an  deanamh  suas  de  mhòran  threubhan. 
Bha  iad  ri'm  faotainn  air  còrsaichean  na  Mara 
Meadhonaich  fada  mu'n  d'rinn  iad  tuineachadh  aon 
chuid  san  Spàinnd  no  an  Gàidhealtachd  na  Frainge. 
Theagamh  nach  robh  càirdeas  dlùth  no  daingeann 
eadar  sean  mhuinntir  an  Eilein  Bhreatunnaich 
agus  an  sluagh  ris  an  abair  na  seann  sgrìobhadairean 
na  h-Iberiaich  ;  ach  faodar  a  thuigsinn  agus  a 
chreidsinn  gu'n  d'  thàinig  iad  le  chèile  o  choire 
mòr,  maiseach  na  Mara  Meadhonaich,  agus  gu'n 
robh  cuibhrionn  de'n  aon  fhuil  a'  ruith  'nan  cuislean. 
Tha  aon  nì  eile  am  mach  à  teagamh.  Mu'n  do 
chuir  na  Ròmanaich  riamh  cas  air  an  Rudha  Spàinn- 
deach,  bha  air  an  labhairt  anns  an  dùthaich  sin, 
a  bharrachd  air  s,'  chànain  Cheiltich,  dà  chainnt 
eile.  B'e  aon  dhiubh  Basc,  agus  b*e  an  t-aon  eile 
a'  chainnt  Iberiach — cainnt  a  gheibhear  an  seann 
sgrìobhaidhean  nach  deachaidh  fhathasd  a  leughadh. 
Cho  fad  sa  chaidh  a'  chùis  a  sgrùdadh,  chan  ei)  an 
daimh  is  lugha  ri  fhaicinn  eadar  a'  chainnt  Bhascach 
agus  a'  chànain  Cheilteach.  Tha  e,  an  tràsda,  air 
fàs  fasanta  a  bhi  cur  an  cèiU  na  barail  nach  robh 
eadar-dhealachadh  sam  bith  eadar  sluagh  na  Cloiche- 
Nodha  agus  na  Cruithnich.  Chaidh  am  f asan  so  a thoirt 
a  staigh  leis  an  Ollamh  Rhys  agus  an  OUamh  Zimmer. 


Na  CeilHch  3 

Tha  so  'g  ar  toirt  dh'  ionnsuidh  na  ceiste  nach 
eil  idir  furasd  a  fhreagairt — Cò  a  b'iad  na  Cruith- 
nich  ?  Gheibhear  a'  cheud  iomradh  orra  anns 
an  dàn  molaidh  eireachdail  a  chuireadh,  sa  bhUadhna 
296,  a  dh'  ionnsuidh  Constantius  Ceasar.  Tha  e 
air  aideach  gu  coitcheann  nach  deachcddh  sluagh 
na  Cloiche-Nodha  a  sguabadh,  aig  teachd  nan 
Ceilteach,  am  mach  às  an  eilean  so  an  aon  làtha  no 
an  aon  Unn.  Bha  iarmad  dhiubh  ri  fhaighinn  fad 
ùine  agus  cian,  cha  b'  ann  a  mhàin  sa  chuid  sin  de 
Albainn  a  bha  gu  buileach  an  seilbh  nan  Cruithneach, 
ach,  mar  an  ceudna,  an  iomadh  ceama  eile  de'n 
Eilean  Bhreatunnach.  Glè  choltach,  is  e  a  bh' 
anns  na  Cruithnich  ginealachd  na  Cloiche-Nodha 
air  a  measgadh  gu  pailt  le  fuil  Cheiltich.  Is  fiach 
e  fharraid  an  robh  na  Cruithnich,  an  seadh  àraidh, 
a'  riochdachadh  cinnich,  no  a'  labhairt  cainnt,  na 
Cloiche-Nodha — cainnt  nach  buineadh  idir  do'n 
chànain  Iranach.  Is  i  an  fhìrinn,  mar  a  thuirt 
mi,  gu'n  robh,  anns  na  treubhan  coimeasgta  ris  an 
abrar  na  Cruithnich,  mòran  de  fhuil  Cheiltich,  agus 
gu'n  robh  iad  a'  labhairt  na  cànain  Cheiltich.  Bheir- 
eadh  so  oimn  a  chreidsinn  gu'n  robh  Ceiltich  anns 
an  eilean  so  iomadh  Unn  roimh  àm  Chriosda.  De'n 
chinneach  so,  b'e  an  dream  do'n  goirear  na  Goideil 
a  thàinig  an  toiseach. 

Ann  a  bhi  rannsachadh  na  cùise,  bidh  e  feumail 
beachd  a  ghabhail  air  an  eadar-dhealachadh  a  th' 
eadar  caochladh  mheuran  de'n  chànain  Cheiltich. 
Ri  sean  Ghàidheil  na  Frainge  agus  ris  na  Breathan- 
naich  (o'n  d'  fhuair  na  Cuimrich  an  cainnt),  theirear 
na  'Xeiltich   P."    Ris  na  Goideil  (o'n  d'   fhuair 


4  An  Rdsarnach 

Gàidheil  na  h-Albann,  na  h-Eireann  agus  an  Eilein 
Mhanainnich  an  cainnt),  theirear  na  '*  Ceiltich  C." 
Dè  is  aobhar  do'n  eadar-dhealachadh  ?  Is  e  so  e — 
gu'n  d'atharraich  Gàidheil  na  Frainge  agus  na 
Breathannaich  an  fhuaim  aig  c  gu  p,  nì  nach  d'rinn 
na  Goideil  idir.  An  uair  a  thàinig  na  Ceiltich  an 
toiseach  do  Bhreatunn,  bha  a'  chànain  air  a  labhairt 
co-ionann — gun  mhùthadh,  gun  atharrachadh — anns 
gach  àite.  Cha  robh  gin  de  na  meuran  Ceilteach  a' 
cleachdadh  p  an  àite  c.  Fada  an  dèigh  an  àma  ud, 
rinneadh  an  t-atharrachadh  leis  na  Ceiltich  a  cheann- 
saich  Gàidhealtachd  na  Frainge — sìnnsre  na  muinntir 
a  cheannsaich  a  rithisd  an  t-eilean  Breatunnach. 

O'n  dàn  molaidh  ud  a  chuireadh  gu  Constantius, 
bhiomaid  ullamh  gu  a  thuigsinn  nach  robh  na 
Cruithnich  ri'm  faighinn  an  àite  sam  bith  aig  deir- 
eadh  na  treasamh  linn  ach  a  mhàin  an  ceann  tuath  na 
h-Albann — tuath  air  bàghan  Chluaidh  agus  Fhorchu. 
Tha  na  sgoilearan  is  ainmeala  ag  ìnnseadh  dhuinn 
gu  h-aon-sgeulach  nach  eil  an  so  ach  beachd  mear- 
achdach.  Aig  an  àm  ud,  bha  iad  ri'm  faotainn 
an  iomadh  àite  mu  dheas  ;  agus  tha  seann  Utreachas 
a'  toirt  iomradh  air  Cruithnich  a  bha  tuineachadh, 
an  sud  san  so,  air  feadh  na  h-Eireann.  Tha  so  a' 
nochdadh  gu'n  robh  iad  an  seilbh  air  na  h-Eileinean 
Breatunnach  gu  h-iomlan.  Chan  eil  an  teagamh 
is  lugha  aig  an  OUamh  Rice  Hohnes  nach  robh, 
adg  aon  àm,  an  dùthaich  gu  buileach  an  seilbh  nan 
Cniithneach.  Aon  dearbhadh  air  so  gheibhear 
an  ainm  a*  chinnich.  Am  measg  nan  Eireannach 
theirte  Cruthni  riu.  A  nuas  o  na  hnntean  meadh- 
onach  is  e  ainm  an  eilean  Bhreatunnaich,  anns  a' 


Na  CeiUich  5 

chainnt  Chuimrich,  ynys  Prydein.  Is  e  is  brìgh 
do  ynys  Prydein  innis,  no  eilean,  nan  Cruithneach — 
c  air  a  h-atharrachadh  gu  p.  Nis,  tha  Prydein 
a'  riochdachadh  sean  fhacal  Cuimreach  Priten, 
agus  bha  samhlachadh  nach  bu  bheag  aige  ris  an 
fhacal  Ghrèugach  Pretavoi.  Feumar  a  chumail  air 
chuimhne  nach  d'  fhuair  Cruthni,  Prydein  no  Priten 
àite  an  Utreachas  gu  fada  an  dèigh  àm  Cheasair. 
Ach  tha  daimh  shoiUear  eadar  Pretavoi  nan  Grèugach 
agus  Priten  nan  Cuimreach  ;  agus  b'e  Pretavoi  an 
t-ainm  fo'n  robh  aithne  aig  Ptolemi  agus  sgrìobh- 
adairean  Grèugach  eile  air  ''  Breatunn "  Bha 
Ptolemi  beo  anns  an  dara  linn  roimh  Chriosda. 
Tha'n  dlùth  cheangal  a  th'  eadar  an  t-ainm  Cuimreach 
agus  an  t-ainm  Grèugach  air  a  ghabhail  leis  na 
h-àrd  sgoilearan  mar  dhearbhadh  gu'n  robh  na 
Cruithnich,  aig  aon  àm,  'nan  uachdarain  air  Breatunn 
o  cheann  gu  ceann.  Tha  e  soiUear  gu'n  robh  an 
uachdaranachd  so  aca  an  uair  a  ghabh  Pitias  cuairt 
troimh  'n  eilean  a  suas  gu  ruig  Arcaimh.  Bha  so 
trì  cheud  bhadhna  roimh  Chriosda. 

Tha  aon  no  dhà  de  dheagh  luchd-eachdraidh 
a'  cumail  am  mach  gu'm  bu  Ghearmailtich  cuid 
de  na  Ceiltich  a  thàinig  do  Bhreatunn  agus  a  mheasg- 
aich  iad  fèin  leis  na  Cruithnich.  Chan  eil  an 
dearbhadh  is  lugha  air  a'  bharail  so  ach  a  mhàin 
na  briathran  ud  a  sgrìobh  Tacitus  gu'n  robh  '*  falt 
ruadh  agus  mòr  mheudachd  an  t-sluaigh  a  leigeadh 
ris  gu'n  do  shìolaich  iad  o  stoc  Gearmailteach."  Tha 
fios  aig  gach  neach  gu'n  robh  suaip  nach  bu  bheag 
aig  na  sean  Ghearmailtich  agus  na  sean  Cheiltich  ri 
chèile  'nan  coltas,  'nan  cruth,  agus  'nam  meudachd. 


6  An  Rdsarnach 

Ann  a  bhi  'g  oidhirpeachadh  air  a  dhearbhadh 
gu'n  robh  na  Cruithnich  tur  eadar-dhealaichte  o  na 
Ceiltich,  tha'n  t-OUamh  Rhys  a'  cumail  am  mach 
gu'n  robh  càirdeas  soiUear  eadar  cainnt  nan  Cruith- 
neach  agus  a'  chainnt  Bhascach — cainnt  nach  buin- 
eadh  idir  do'n  chànain  Iranaich.  A  rèir  'aidmheil 
fèin,  dh'  fhairtlich  air  riamh  dearbhadh  seadhail 
fhaighinn  air  son  na  barail  so.  Aig  a'  cheart  àm, 
tha  e  toirt  air  aghaidh  seann  sgrìobhadh  iomraiteach 
— sgrìobhadh  ogamach  a  fhuaireadh  'san  t-Sealtainn 
— ^agus  ag  ràdh  nach  eil  an  tuaileas  is  lugha  aige 
ris  a'  Ghàidhlig,  ris  a'  chainnt  Chuimreach,  no  ri 
cànain  Iranaich  sam  bith  eile.  Is  iad  na  facail  : 
— Xttocuhetts  :  ahebhtimnn  :  hccvvevv :  nehhtonn. 
Cò  nach  cuir  aonta  gu  togarrach  ris  na  briathran 
aig  an  Ollamh  Alasdair  Mac  Bheathain  nach  buin 
an  toimhseachan  so  "  do'n  chainnt  Chuimrich  no  do 
chainnt  sam  bith  eile  a  chaidh  riamh  a  labhairt  air 
an  talamh  !  "  A  rithisd  deiream  gur  e  beachd  nan 
sgoilearan  is  fiosraiche  agus  is  cinntiche  gu'm  b'i 
meur  de'n  chànain  Iranaich — eadhoin  a'  chainnt 
Cheilteach — a  bh'air  a  labhairt  leis  na  Cruithnich. 
Cho  fad  sa  nithear  am  mach,  bha  cainnt  nan  Cruith- 
neach,  a  thaobh  fuaim-chruth,  na  bu  choltaiche 
ris  a'  chainnt  Chuimrich  na  bha  i  ri  Gàidhlig  na 
h-Eireann  no  na  h-AIbann. 

C'uine  thàinig  na  Goideil — a'  cheud  bhuidheann 
de  mhuinntir  a  bha  labhairt  na  cainnt  Cheiltich — 
a  staigh  do  Bhreatunn  ?  Tha  cuid  a'  cumail  am  mach 
gu'n  d'rinn  iad  an  imrich  ri  Linn-na-CIoiche-Nodha, 
no  aig  toiseach  Linn-an-Umha — mu'n  cuairt  de 
dhà  mhìle  bliadhna  roimh  linn  Chriosda.      Tha'n 


Na  CeiUich  7 

t-àm  duilich  a  shocrachadh  le  cinnt,  agus  tha  e 
coltach  gu  leoir  gu'n  d'thàinig  cuid  dhiubh  mu'n  do 
chrìochnaich  Linn-an-Umha.  Is  i  a'  bharail  is 
feàrr  agus  is  diongmhalt  gur  anns  a'  chòigeamh  no'n 
t-seathamh  linn  roimh  Chriosd  a  cheannsaich  iad 
an  t-eilean  so.  Anns  na  h-àmanna  sin,  thòisich  na 
Gearmailtich,  a  bha'n  tàmh  air  taobh  an  ear  na 
h-abhunn  Elbe,  air  sàruchadh  agus  teannachadh  a 
dheanamh  air  na  Ceiltich,  aig  na  robh  an  dachaidh 
tuath  air  an  abhuinn  Main,  agus  an  ear  air  an  Rhine. 
Chaidh  gluasad  nach  bu  bheag  a  chur  fo  na  Ceiltich, 
agus  bhrùchd  iad  a  staigh  do'n  Rudha  Iberiach  (an 
Rudha  Spàinndeach) ;  ràinig  iad  geatachan  na  Ròimhe; 
ghabh  iad  seilbh  air  cuid  de  Mhacedonia,  agus  chaidh 
iad  thairis  do'n  Asia  Bhig  (Galatia).  Goirid  do'n 
cheart  àm,  agus  air  son  a'  cheart  aobhair,  thàinig 
laoman  tiugha  dhiubh  à  Gàidhealtach  na  Frainge 
a  staigh  do  na  h-Eileinean  Breatunnach.  Bha  iad 
cho  lìonmhor  agus  nach  bu  strìth  dhaibh  smachd 
agus  ceannsal  fhaighinn  thairis  air  a'  mhòr-chuid 
de  na  cinnich  a  bha  rompa.  Chan  eil  e,  mar  sin, 
iongantach  gu'm  bu  Cheiltich  an  àireamh  bu  mhò 
de  na  feachdan  a  choinnich  na  ceud  Ròmanaich. 

Thug  mi  tarruing  uair  no  dhà  air  na  Breathan- 
naich.  Dè  an  cinneach  a  bha  giulan  an  ainm  so  ? 
Bu  mheur  e  de'n  teaghlach  Cheilteach,  ach,  'na 
thighinn,  bha  e  deireannach  seach  na  Goideil.  An 
uair  a  bha  Pitias  (air  an  d'thug  mi  iomradh  cheana) 
a'  triall  gu  h-athaiseach  air  feadh  an  eilein  so, 
fhuair  e  na  Breathannaich  an  seilbh  am  mòran 
cheàmachan.  Bha  e  fèin  agus  iadsan  gu  tric  a' 
coinneachadh  agus  a'  conaltradh.      Aig  a'  chuid  a 


8  An  Rdsarnach 

b'  anamoiche,  rinn  iad  tuineachadh  an  so  còrr  is 
leth-cheud  bUadhna  mu'n  d'  thàinig  am  fear-turuis 
ainmeil  ud  an  rathad. 

B'  anns  a*  bhliadhna  55  roimh  Chriosda  a  thàinig 
Ceasar  do'n  Eilean  Bhreatunnach.  Am  feadh  sa 
bha  e  fuireach  an  ear-dheas  an  eilein  chuala  e  ionl- 
radh  air  sluagh  a  bha  tàmh  a  staigh  am  meadhoin 
na  dùthcha.  Chuala  e  gu'n  robh  iad  a'  cumail  am 
mach  gu'm  b'iadsan  prìomh  luchd-àiteachaidh  na 
tìre,  agus  nach  robh  anns  na  Ceiltich,  a  bha  chòmh- 
nuidh  mu  na  cladaichean,  ach  cinnich  a  thàinig, 
o  cheann  ùine  nach  robh  fada,  thairis  o  Ghàidheal- 
tachd  na  Frainge.  An  dèigh  do  Cheasar  tiUeadh 
dhachaidh,  chaidh  dà  fhichead  sa  seachd  de  bhUadh- 
nachan  seachad  mu'n  do  chuir  laochraidh  Ròmanach 
cas  a  rithisd  air  fearann  Bhreatuinn.  An  uair  a 
thàinig  iad  agus  a  theann  iad  ri  obair,  cha  robh  iad 
ieasg  no  màirnealach.  Mu'n  deachaidh  dà  fhichead 
bliadhna  seachad,  dh'  fhosgail  iad  suas  an  t-eilean  air 
fhad  agus  air  a  tharsuing — air  fhad,  o  chladach  na 
roinn  dùthcha  ris  an  abrar  Sussex  aig  an  làtha  diugh 
gu  bàghan  Chluaidh  agus  Fhorchu.  Choinnich  agus 
cheannsaich  iad  iomadh  cinneach  ;  ach,  cho  fad 
is  gu'n  deachaidh  iad  air  an  aghaidh  gu  tuath, 
ar  leo  gu'n  robh  na  treubhan,  a  thaobh  gineil,  gun 
mhòran  eadar-dhealachaidh  o'n  fheadhainn  air  an 
robh  iad  eolach  an  Sussex,  an  Kent,  agus  an  Essex. 
Theagamh,  ri  linn  Cheasair,  gu'n  robh  ri'm  faighinn 
àireamh  bheag  de  phrìomh  threubhan  a  bha  seasamh 
air  leth  leo  fèin  ;  ach,  mu  mheadhoin  ceud  linn 
Chriosda,  bha  iad  uile  air  am  measgadh  gu  buileach 
le  fuil  nan  Ceilteach.      An  tràth  bhris  Agricola  a 


Na  CeiUich  9 

staigh  air  a'  cheàma  sin  a  tha  tuath  air  bàghan 
Chluaidh  agus  Fhorchu,  b'e  an  sluagh  a  choinnich 
e,  mar  a  thug  sinn  cheana  fa  near,  '*  popuU  Cale- 
doniam  incolentes.  Rutilae  comae,  magni  artus 
Germanicam  originem  adseverant."  Bha  eadar- 
dhealachadh  nach  bu  bheag  eadar  iad  agus  na 
Ceiltich  Bhreathannach. 

O  laithean  Sheveruis  (anns  an  dara  linn  an  dèigh 
Chriosda)  bha  na  Cruithnich  'nan  dragh  agus  nan 
cunnart  do  cheannas  nan  Ròmanach  am  Breatunn. 
Bha  iad,  mar  an  ceudna,  'nan  eire  thruim  do  na 
Ceiltich,  a  bha  'nan  ìochdarain  aig  na  coigrich 
uaibhreach.  O  mheadhoin  'na  ceathramh  linn,  chinn 
cumhachd  nan  Cruithneach  na  bu  mhò  agus  na  bu 
mhò  an  lorg  a'  chuideachaidh  a  bha  iad  a'  faighinn 
o'n  coimhearsnaich  an  Eirinn.  Feumar  a  chuimh- 
neachadh  gu'n  d'fhuair  Agricola  cuireadh  o  aon  de 
chinnich  na  h-Eireann  gu  dol  thairis  do'n 
eilean  sin  agus  oidhirp  a  thoirt  air  a  cheannsachadh. 
Rinn  so  daimh  a  chruthachadh  eadar  Cruithnich  na 
h-Albann  agus  Sgottaich  na  h-Eireann.  Aig  toiseach 
na  còigeamh  Unn  chaidh  na  feachdan  Ròmanach  a 
tharruing  gu  buileach  air  falbh  à  Breatunn  ;  agus, 
an  sin,  chaidh  na  Cruithnich  agus  na  Sgottaich  an 
comh-bhoinn  an  aghaidh  nam  ''  Breatunnach  "  (na 
Ceiltich  Bhreathannach)  a  bh'  air  am  fàgail  'n  an 
aonar,  a  dh'  easbhuidh  neart  agus  a  dh'  easbhuidh 
armachd.  Leth-cheud  bliadhna  'na  dhèigh  sin, 
thàinig  cùisean  mu'n  cuairt  a  thug  air  na  fineachan 
a  bha  tuath  air  Callaid  Hadrian — callaid  a  bha  a 
sìneadh  eadar  an  Abhuinn  Tees  agus  Bàgh  Sholabha 
— sìth  a  dheanamh  'nam  measg  fèin  agus  dol  gu 
siirdail,  gramail  an  ieth-sgeul  a  chèile. 


10  An  Rdsarnach 

Air  còrsa  na  h-àirde  n-ear  agus  air  an  dà  thaobh 
de  Challaid  Hadrian,  thòisich  Sasgunnaich  Ghear- 
mailteach  ri  socrachadh  agus  ri  tuineachadh,  agus 
stèidhich  iad  an  Stàid  chumhachdach  sin  ris  an 
canta  "  Northumbria."  Anns  a'  chuid  sin  de  chòrsa 
na  h-àirde  n-iar  ris  an  abrar  an  diugh  Earra-ghàidheal 
theann  Eireannaich  o  Antrum  agus  o  Dhùn  ri 
dachaidh  a  dheanamh  dhaibh  fèin,  agus  chruthaich 
iad  Stàid  ùr  do'n  d*  thugadh  an  t-ainm  "  Dalriada." 
Thug  na  h-Eireannaich  gach  oidhirp  air  na  Cruithnich 
a  bha  'g  àiteachadh  na  dùthcha  tuath  air  Cluaidh 
agus  Forchu — thug  iad  gach  oidhirp  air  an  dream 
so  a  thoirt  fo  chìs  agus  fo  smachd.  Aig  a'  cheart 
àm,  bha  na  Sasgunnaich  Ghearmailteach  a'  deanamh 
strìth  agus  saothair  chum  an  làmh-an-uachdar 
fhaighinn  thairis  air  na  fineachan  Breatunnach  a 
bha  sa*  choimhearsnachd  aca. 

Anns  an  t-seachdamh  linn,  bha  Albainn  air  a 
roinn  mar  a  leanas  : — Tuath  air  Cluaidh  agus  Forchu 
bha  dà  rioghachd  a  bha  dealaichte  o  chèile  le  monaidh- 
ean  corruch  Dhruim  Albainn.  Air  an  taobh  an 
iar  bha  rioghachd  nan  Sgottach  Eireannach,  agus 
air  an  taobh  an  ear  (a  bha  gabhail  a  staigh  Arcaimh), 
bha  rioghachd  nan  Cruithneach.  Deas  air  a*  chrìch 
a  dh'  ainmich  mi,  bha,  mar  an  ceudna,  dà  rioghachd. 
Air  an  taobh  an  iar  bha  na  Sgottaich  Eireannach, 
agus  air  an  taobh  an  ear  bha  na  Sasgunnaich  Ghear- 
mailteach. 

Aig  deireadh  na  h-ochdamh  linn,  thàinig  na 
Lochlannaich,  agus  an  sin  bha'n  ceol  air  feadh  na 
fìdhle.  Anns  an  ùdaig  a  bh'ann,  fhuair  an  righ 
Sgottach,  Coinneach  Mac  Ailpein,seilbh,  sa'  bhliadh- 


Na  CeiUich  11 

na  844,  air  righ-chathair  nan  Cniithneach,  agus 
chuir  e  air  bonn  rioghachd  Sgottach-Cruithneach  air 
an  taobh  tuath  de  Chluaidh  agus  de  Fhorchu. 
Theirig  na  Cruithnich  mar  chinneach  air  leth.  Còig 
fichead  bUadhna  'na  dhèigh  so,  thàinig  crìoch  air 
an  Stàid  Bhreatunnaich  a  bh'anns  an  àirde  n-ear 
de'n  dùthaich  sin  a  bha  deas  de'n  chrìch  a  dh' 
ainmich  mi  cho  minig.  Chaidh  so  a  thoirt  mu*n 
cuairt  le  ìnnleachdan  an  t-Sasgunnaich,  Eadmund, 
aig  an  robh  seilbh  air  Northumberland,  agus  Chaluim, 
a  bha  riaghladh  na  ceama  a  bhuineadh  do  na  Cruith- 
nich  agus  do  na  Sgottaich  Eireannach.  Roinn 
Eadmund  agus  Calimi  fearann  nam  Breatunnach 
eatorra. 

Rè  chòig  cheud  bliadhna — o  mheadhoin  na 
ceathramh  linn  gus  an  do  thuit  gu  buileach  rioghachd 
nan  Cruithneach — bha  daimh  dhlùth  agus  làidir 
eadar  an  dà  chinneach  do'm  buineadh  àirde  n-iar 
na  h-Albann.  An  toiseach,  bha  na  Sgottaich  Eir- 
eannach  'nan  luchd-cuideachaidh  leis  na  Cruithnich, 
agus  an  sin  bha  iad  'nan  aoidhean  draghail  aig  nach 
robh  guth  air  tilleadh  dhachaidh.  Spàrr  iad  orra 
an  creideamh  Criosdail  agus  a'  chainnt  Ghàidhlig 
(mar  a  bha  i  air  a  labhair  t  an  Eirinn) .  Ma  dheireadh , 
thug  iad  uatha,  mar  a  chunnaic  sinn,  gach  cumhachd 
agus  neo-eisimeileachd  air  an  robh  iad  thuige  sud 
an  seilbh. 

A  thaobh  nan  Sgottach  Eireannach,  feumar  a 
chuimhneachadh  nach  robh  ach  an  earrann  bu 
lugha  dhiubh  'nan  Ceiltich  Iranach.  Air  son  na 
cuid  bu  phailte  is  e  a  bh'  annta  prìomh-shluagh  a 
chaidh  amladh  a  suas  leis  na  coigrich  Cheilteach, 


12  An  Ròsarnach 

agus  a  dh'  fhoghlum  an  cànain.  Tha  so  a*  cur 
soluis  air  a  bhuaidh  callachaidh  agus  iompachaidh 
a  bh'aig  na  h-Eireannaich  a  shocraich  a  sìos  an 
àirde  n-iar  na  h-Albann  thairis  air  na  fineachan 
Cruithneach  a  bha  mu'n  cuairt  daibh.  B'  iad  na 
Sgottaich  Cruithnich  na  h-Eireann. 

Comh-dhùnaidh  mi  le  bhi  toirt  seachad  am 
beagan  fhacal  suim  agus  brìgh  na  thuirt  mi. 

Bhuineadh  a'  cheud  chinneach  is  urrainn  dhuinn 
a  lorgachadh  am  Breatunndo  chòrsa  na  Mara  Meadh- 
onaich.  Ri  Linn-na-Cloiche-Nodha,  thàinig  iad 
do'n  eilean  so  rathad  na  Spàinnde  agus  na  Frainge. 
Is  e  bh'  annta  meur  de'n  chinneach  lìonmhor, 
fhoghainteach  sin  ris  an  canar  na  h-Iberiaich. 

B'e  an  ath  chinneach  mòr  a  cheannsaich  an 
dùthaich  a'  mheur  sin  de'n  teaghlach  Cheilteach  ris 
an  abrar  na  Goideil — dream  a  bha  labhairt  na 
cànain  sin  o'n  do  shruth  a  nuas  thugainn  Gàidhlig 
na  h-Eireann,  na  h-Albann  agus  an  Eilein  Mhan- 
ainnich.  Gheibh  sin  a'  cheud  fhorbhais  orrasan 
roimh  chrìch  Linn-an-Umha, — abramaid  san  chòig- 
eamh  no'n  t-seathamh  Unn  roimh  Chriosda. 

B*  ann  mu  thoiseach  Linn-an-Iaruinn — trì  cheud 
bliadhna  roimh  Chriosda — a  thàinig  na  Breathann- 
aich,  dream  a  bha  labhairt  meur  de'n  chànain 
Cheiltich  o'n  do  chinn  a'  chainnt  Chuimreach. 

Bha  an  cinneach  Cruithneach  air  a  dheanamh 
suas  de  mhòran  threubhan,  cuidh  dhiubh  a  bha  tur 
eadar-dhealaichte  a  thaobh  ginealachd  agus  sìlidh. 
Bha  deagh  bhoinne  de  fhuil  Cheiltich  annta ;  ach, 
mu'n  àm  san  d'  thàinig  na  Ròmanaich,  rachadh  aca 
air  càirdeas  dlùth  a  thagradh  ri  muinntir  na  Cloiche- 


Na  CeiUich  13 

Nodha.  An  cuid  de  cheàmachan  iomallach  (mar  a 
bha  ceann  tuath  na  h-Albann),  theagamh  gu'n  robh 
iad  a'  labhairt,  aig  an  àm  ud,  cainnt  air  chor-èigin 
nach  buineadh  do'n  chànain  Iranaich ;  ach,  le'n 
gabhail  thar  a  chèile,  bha  iad  air  an  toirt  fo  bhuaidh 
agus  fo  chumhachd  nan  Ceilteach.  Bha  iad  a' 
labhairt  na  cainnt  Cheiltich,  air  a  measgadh  an 
tomhas  sònruichte  le  an  sean  chainnt  fèin. 

Anns  gach  cearn  de  Bhreatunn,  tha  an  gineal 
aosda  fhathasd  air  mhaireann.  Is  ainneamh  Cuim- 
reach,  Eireannach  no  Albannach  is  urrainn,  le  fìrinn 
agus  eolas,  a  ràdh  nach  eil  a  chuislean  làn  de  fhuil 
nan  gaisgeach  smearail,  curanta  a  bhuineadh  do 
Linn-an-Umha,  agus  nan  Ceilteach  mhòra,  flathail  a 
chathaich  an  aghaidh  Cheasair,  agus  a  thugadh, 
ma  dheireadh,  fo  ghèiU  le  treun-laoich  Agricola. 
Agus,  eadhoin,  an  Sasunnach,  ma  tha  eadar-dhealach- 
adh  sam  bith,  a  thaobh  gnè,  càil,  agus  biuthais, 
eadar  esan  agus  a  dhlùth  chàirdean,  na  Gearmailtich 
Thuathach,  faodaidh  e  buidheachas  a  thoirt  do'n 
bhoinne  phailt  de  fhuil  chraobhaich,  Cheiltich  a  tha 
fhathasd  a'  ruith  'na  cholainn  agus  a'  blàiteach- 
adh  a  chridhe. 

AONGHAS   MAC   EaNRUIG. 


T^ 


^^T^ 


Innis  Deoin-A'Chridhe. 

Tha  Mac  nan  Speur  gu  h-èibhinn,  aoibhinn 

Triall  do  Roinn  na  Sìth  ; 

Tha  copan  nèamh  fo  sgèimh  a  shoillse 

Dreacht'  an  aoibhneas-rìomh. 

Tha  seirm  a'  chuain  a'  luaidh  air  sòlas, 

'S  tonn  ri  pògadh  tuinn : 

'S  mo  chridhe  fèin  air  sgèith  a'  seòladh 

Dh*  Innis  Deòin-a'-Chrìdh' 

O,  siar — O,  siar  thar  chian  nan  cuantan  ; 

NuU  thar  chuairt  an  là, 

Tha  uidh  mo  chridh  is  tìr  mo  bhruadair 

Suaimhneach,  suaint'  an  Adh. 

Tha  Gaol  is  Boidhche  's  Ceol  a'  Honadh 

Aros-miann  nam  bàrd, 

Is  Aoibhneas  pòsd'  ri  Oig'  a'  riaghladh 

'Chaoidh — gu  sìor — gu  bràth. 

Mu'n  cuairt  d'a  fhonn  tha'n  tonn  ag  èirigh 

'N  cèum  ri  sèist  nan  dàn. 

'S  o  chruitean  còisir  'og-lunn  èutrom 

Beò-ghuth  rèidh  gun  tàmh. 

'Na  sgàil-bhrat  ùr  mu'n  cùl  ag  iadhadh 

Suas  gu  'niallaibh  tlàth — 

A'  falach  rùn  nan  Dùilean  Siorruidh  ; 

Draodh-cheo  siant'  an  Dàin. 


Innis  Deoin-A'Chridhe  15 

O,  thìr  mo  ghaoil  'tha  daonnan  Uaine  ; 

Thìr  nam  buadhan  còrr, 

'S  e  deoin  mo  chlèibh  do  shlèibhtean  buana 

'S  soiUse  nuadh  do  lò. 

Do  shruthan  caoin  's  do  bhraon  de'n  fhior-mhil ; 

Dibh  bu  mhiann  leam  òl. 

Is  deò  gach  ciùil  'tha  d'  chùirtean  dìomhair ; 

Cagar  sior  mo  leòin. 

Do  bhlàthan  nèamhaidh  'ghnè  nam  bruadar 

Sgaoilt'  air  t'  uachdar  ciùin  : 

Do  luibhean-fais  le'n  àileadh  buadhmhor  : 

Aluinn,  buan  fo  dhriùchd. 

Do  Cheòlraidh  naomh  le  gaol  'tha  dìleann 

'Seinn  air  pìoban  cliù  : 

Is  t'  anail  ùr  mar  thùis  'ga  ìobradh 

Suas  do  Righ  nan  Dùl. 

O,  beannachd  uam  o  Thìr  nam  Beò 

Thar  cuain  a'  cheò  do'n  I  ; 

Far  bheil  mo  shìnnsir  caoidht'  is  bròn 

Gun  dragh,  gun  deòir,  gun  dìth. 

Mo  dhùrachd  fèin  gu'n  tèid  mi  fòs 

A  mtill  thar  sgleòthan  Tìm 

A  mhealtuinn  Aoibhneis,  Soillse  's  Glòir 

An  Innis  Deòin-a'-Chrìdh'. 

D.  M.  N.  C. 


!^^^^==e> 


Buaidh  na  Gaidhlig  air  Beurla  nan  Gall. 

LBA  bheag  an  dà  chànain !  Beag  am 
measg  rìoghachdan  an  domhain,  tha  i 
mòr-chridheach,  fialaidh,  agus  is  iomadh 
cainnt  do'n  d'thug  i  riamh  caidreamh. 
Fad  còrr  agus  dà  cheud  bUadhna, 
chualas  an  Laidionn  air  sràidean  a  bailtean 
gu  deas  o  Shruibhle  ;  f ad  mhòran  de  cheudaibh 
labhradh  a'  chànain  Chuimreach  anns  na  srathan 
mu  Chluaidh  ;  rè  iomadh  linn  bha  teanga  gharg 
Lochluinn  a'  fuaimneach  air  feadh  nan  eileanan  ; 
agus  an  Fhraingis  mhìn  'g  a  sanas  le  a  rìgh  agus  a 
tigheaman. 

Ach  b'i  a'  GhàidhUg  o  chian  cànain  ar  gineal,  agus 
'n  a  h-ionmhais  iongantaich  gheibhear  fhathast — 
seudan  lom-chaithte  a  fhuair  i  mar  thiodhlacan- 
dealachaidh  o  gach  aon  diubh  sud ;  seadh  agus  a 
theagamh  smùimeanan  crìon  o  theangaidhean  eile  a 
fhuaras  'n  ar  crìochaibh — o  chainntean  nan  Ibhearach 
agus  nam  Fear-bolg,  aguso  chainnt  nan  Cruithneach, 
an  sliochd  lìonmhor  sin  o'n  d'thàinig  cuid  mhòr 
de  ar  cinneach  Albannach. 

Ach  ma  chaidh  bloighdean  beaga  diubh  so  a 
ghleidheadh  tha  iad  uile  air  am  muthadh  gu  dreach 
na  Gàidhlig,  oir  b'ise  deagh  chànain  dhualach 
na  dùthcha,  a  tha  'n  a  neart  agus  'n  a  caomhalachd 
fior  shamhlachail  dì.  A  nuas  o  Hnntean  dorcha, 
fad  o  chuimhne,  gus  an  là  an  diugh,  chualas  ann  an 
Albainn  a  guthan  iomadach,  air  monadh,  air  tràigh, 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall        17 

agus  am  measg  àrosan  dhaoine.  Is  ann  à  anam 
ar  cinnidh  a  fhuair  i  a  beatha,  a  fàs  agus  a  cruth. 
Is  iad  a  briathran  a  ghiùlain  bròn  agus  sòlas,  dòchasan 
agus  dealbhan-inntinn  ar  sluaigh,  agus  a  thug 
dhaibh  uile  an  cumadh  agus  an  cuimse.  Oir  is 
iad  a  facail-se  na  clachan  beò  de'n  do  thogadh 
lùchairt  allail  bàrdachd  nan  Gàidheal,  aitreabh  buan 
a  sheasas  'n  a  mhaise  nuair  a  bhitheas  gach  càm- 
cuimhneachain  faicsinneach  'n  a  laighe  anns  an  smùr. 
Thall  mu  choinnimh  na  Gàidhlig,  cha'n  'eil 
Beurla  nan  Gall  ach  òg  ann  an  Albainn.  Gidheadh 
tha  ise  cuideachd  air  tighinn  gu  ìre  agus  cliti.  Tha 
nise  mìle  agus  cuig  ceud  bUadhna  o'n  àm  anns  an 
robh  i  suidhichte  ann  an  Innis  Thorc  mu  thuath, 
agus  à  sin  agus  à  tìrean  eile  bha  i  fad  iomadh  linn  a' 
tadhaU  agus  a'  toUadh  a  steach  air  crìochaibh  nan 
Cruithneach.  Cha  bu  tric  a  bha  blàr  cogaidh  ann  an 
Albainn  anns  nach  d'èirich  a  caithream.  Mu 
dheireadh,  chomh-mheasgaich  i  briathran  Loch- 
luinneach,  Shasunnach,  Fhriseanach,  agus  Olainteach 
'n  an  aona  chainnt,  bhrùchd  i  oimn  o  dheas  agus 
fhuair  i  dol-a-steach  gu  cùirt  an  rìgh.  Mar  so 
thòisich  i  air  ionad  agus  còir  na  GàidhUg  agairt 
di  fèin.  Thionail  i  neart.  Le  mòr  chleachdadh, 
dh'  fhàs  i  'na  h-inneal  deas  ealamh  air  son  bàrdachd 
agus  eachdraidh,  agus  rinn  daoine  comasach  feum 
di  ann  an  sgeulachdan  agus  òrain  ghaoil.  Uidh  air 
n-uidhe,  thàinig  ise  cuideachd  gu  bhi  'n  a  cànain 
Albannaich,  làn  agus  lùthmhor  le  beatha  ar  cinnidh. 
Ach,  cha'n  abair  na  Gàidheil  rithe  fhathast  ach 
'  Beurla,'  is  e  sin  beul-ràdh  no  dòigh-labhairt,  agus 
riutha-san  a  labhras  i  their  iad  '  na  GoiU/  is  e  sin 


18  An  Ròsarnach 

coigrich  no  eilthirich  a  tha  a'  tuineachadh  anns  an  tìr. 

Is  iad  so,  ma  ta,  ar  dà  chànain  ;  cànain  Cheilteach 
agus  cànain  Thiutach.  Air  cho  fada  agus  a  tha  iad 
'n  an  còmhnuidh  còmhla  ruinne  agus  ri  chèile  cha'n 
fhaicear  mòr  choltas  eatorra.  Gidheadh,  le  beagan 
fiosrachaidh  chì  sinn  nach  'eil  iad  gu  tur  eugsamhlach. 

Ann  an  sealbhgach  aoin  diubh  gheibhear  ainmean 
air  son  nithean  àraidh  na  beatha,  agus  anns  an  dà 
chànain  tha  na  h-ainmean  sin  cosmhuil — *  Faither  ' 
agus  '  athair/  '  mither  '  agus  '  màthair/  '  brither  ' 
agus  *  bràthair ' — mar  gu'm  b'iad  fuigheall  de 
sheann  àimeis  theaghlaich  a  fhuair  iad  le  chèile 
o*n  aon  shinnsireachd.  Fo  thriall  nam  bUadhna,  le 
luasganadh  agus  le  cion  toigh,  chaiU  na  facail 
aosda  so  an  coslas  ri  chèile,  ceart  mar  a  chaiU  iad 
an  ceud  dhreach.  A  thuilleadh  air  sin,  bha  aig 
gach  hnn  àbhaist  fèin  ann  am  briathran,  agus  bu 
tric  leotha  a  bhi  a'  snaidheadh  agus  a'  snagaireachd 
air  sean  àimeis  an  teaghlaich  a  rèir  gach  nòis  ann- 
asaich  a  bhiodh  an  uachdar.  Thàinig  uair  anns 
nach  b'fhiù  leis  na  Gàidheil  an  Utir  '  p '  an  toiseach 
facail  sam  bith,  agus  le  sin  sgath  iad  i  o'n  phrìomh 
fhacal  '  pater,'  agus  nuair  a  bhogaich  iad  an  Htir 
'  t '  gu  '  th  '  is  e  bha  aca  '  athair.'  Air  an  làimh  eile, 
bha  sinnsear  nan  Gall  ag  aomadh  an  Htir  '  p  '  gu 
'  ph  '  no  '  f,'  agus  nuair  a  chiùinich  iad  '  t '  gu 
'  th  '  is  e  bha  aca-san  '  faither.'  Mar  so  dh'  fhuiHng 
gach  facal  ciorram  no  cuaig  air  choireigin,  toU  an 
làimh  nan  Gàidheal,  agus  tulg  an  làimh  nan  Gall, 
agus,  mu  dheireadh,  cha  b'  fhurasda  an  aithneachadh 
air  a  chèile.  Cha  d'  fhan  iad  comh-ionnan  a  chionn 
nach  d'  fhan  iad  coimhlionta. 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall        19 

Ach,  a  dh'  aindeoin  so,  chithear  an  diugh  a 
bheag  no  mhòr  de  choslas  eadar  facail  sean  a  bha 
an  seilbh  an  dà  chànain  so,  mar  a  tha — be,  bi  ; 
birth,  breith  ;  eat,  ith  ;  he,  laigh  ;  meer,  muir  ; 
facail  air  son  àireimh  mar — ane,  aon  ;  twa,  dà  ; 
three,  trì  ;  na  riochd-fhacail  coitchionta — me,  mi  ; 
thou,  thu  ;  he,  e  ;  na  roimh-bhriathran  is  trice  a 
chluinnear — to,  do  ;  over,  far  ;  through,  troimh. 
Dearbhaidh  na  nithean  so  gu  soiUeir  gu'n  d'  fhuair 
an  dà  chànain  so  oighreachd  maraon,  dìleab  a 
shealbhaich  iad  o'n  aon  shinnsireachd,  agus  gur 
iad  da  rìreadh  oghachan  an  dà  bhràthar. 

Gidheadh  nuair  a  thachair  a'  GhàidhUg  agus 
Beurla  nan  Gall  air  fonn  na  h-Albann,  cha  b'ann 
le  fàilte  no  le  furan.  Cha  d'thàinig  am  bàigh  an  cois 
an  dàimh,  oir  bha  eadar-dhealachadh  'n  an  àladh 
agus  'n  an  eachdraidh.  Ach,  thuit  orra  a  bhi  anns 
an  aon  tìr  mar  choimhearsnaich,  agus  tha  a  buaidh 
fèin  aig  a'  choimhearsnachd.  Is  fheudar  do'n 
chomh-ursainneach  a  bhi  'n  a  chomh-mharsannach, 
agus  a  bhi  a'  maiairt  eismeil  agus  choingheall. 

Eadar  an  dà  chànain  so,  ma  ta,  tha  a'  choimh- 
earsnachd  fada,  agus  ged  nach  'eil  a'  mharsannachd 
anabarrach  tha  a  luach  fèin  aice.  Ghabh  a'  Ghàidh- 
Ug  iomadh  nì  o'n  GhaUdachd,  agus  gu  tric  gun  fhàth 
sam  bith  ach  neònachas,  agus  cha  do  dhiùlt  a' 
Bheurla  gu  buileach  dol  an  eismeil  na  Gàidhealtachd. 
Cha  robh  i  idir  gionach,  agus  gu  dearbh  cha  do 
ghlam  i  air  na  facail  is  fheàrr  a  tha  againn.  Anns 
an  fhoclair  GhàidhUg,  tha  mòr  shaibhreas  de  nithean 
a  bhuineas  do  inntinn  agus  aigne  an  duine,  ach  cha 
do  shanntaich  a'  Bheurla  dad  dheth,  ach  an  aon 


20  An  Rdsarnach 

fhacal  *  tuig/  agus  sin  mar  gu'm  b'ann  mar  abhcaid. 
Ni  mò  a  roghnaich  i  ar  facail  air  son  maise,  ged  a 
tha  pailteas  againn  diùbh  so,  mar  a  tha — sgiamhach, 
dreachmhor,  grinn,  bòidheach,  briagh,  àluinn,  lagh- 
ach  ;  no  ar  facail  a  tha  annta  fèin  taitneach  leinne, 
mar  a  tha — ^mùim,  tlàth,  caomh,  caoin,  binn,  òir- 
dhearc ;  no  ar  facail  làidir  gramail,  mar  a  tha — treun, 
gasda,  gaisgeil.  Cha  b'iad  an  leithid  sud  a  bha  a 
dhìth  air  a'  Bheurla  Ghallda,  agus  cha  ghabhadh  i 
iad.  Is  e  so  cothrom  nan  ceannaichean  air  feadh  an 
t-saoghail,  gu'n  tagh  iad  an  nì  a  thoihcheas  iad 
fèin,  agus  cha'n  iad  idir  na  nithean  is  luachmhoire  a 
tha  aig  an  reiceadair. 

Nuair  a  dhùisg  Beurla  nan  Gall  do  a  h-uireas- 
bhuidh  fèin  anns  an  tìr  àilhdh  so,  dh'  fhairich  i  feum 
air  facail  freagarrach  air  son  aghaidh  na  dùthcha. 
Bha  ionmhas  diubh  so  aig  a'  Ghàidhhg,  agus  às  an 
ionmhas  sin  ghabh  i. 

Srathan  leathann,  uaine  na  h-Albann,  nach 
àluinn  iad,  le  aonaich  ùrar  agus  uisgeachan  sèimhe  ! 
C'  àite  am  faighear  ainm  iomchuidh  do'n  fhar- 
suinneachd  agus  do'n  stròdh  agus  an  stràiUe  sin,  ach 
am  facal  Gàidhhg — srath  ? 

An  gleann  caol,  cas,  cumhang,  a  tha  ag  aomadh 
o  thaobhan  nam  beann,  c'  àite  am  faigh  an  claonadh 
sin  ainm  na's  iomchuidh  na — an  gleann  ? 

An  cnoc  cnapach,  cnodach  cneasmhor,  nach 
'eil  'n  a  thom  no  'n  a  thulach,  nach  math  an  t-ainm 
dha — an  cnoc  ? 

Agus  mar  sin  le  facail  dùthchasach  eile — a' 
chreag  charraigeach,  chruaidh  ;  an  càrn,  an  coire, 
an  loch,  an  linne,  agus  a'  bheinn — ^ghabh  a'  Bheurla 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall       21 

gu  a  h-uchd  iad  uile,  agus  a  nis  labhraidh  na  Goill 
gu  fileanta  mu  straths,  bens,  glens,  bogs,  crags, 
knocks,  corries,  lochs,  agus  linns,  mar  gu'm  bu 
leotha  riamh  iad. 

Tha  na  coingheallan  ud  aca  am  feum  gach 
latha,  ach  tha  iasadan  eile  nach  cluinnear  cho  tric, 
ged  a  leughar  iad  air  uairibh  ann  an  leabhraichibh 
Beurla,  mar  a  tha — tor,  dune,  glack  (is  e  sin  glaic), 
schluchlan  (is  e  sin  sloc  eadar  dà  bheinn),  reesk 
(riasg),  pow  (poll),  lerroch  (làrach),  agus  clachan. 

Tha  aithris  againn  air  "an  àirde  'n  ear,  's  an 
àirde  'n  iar,  an  àirde  tuath  is  deas,"  ach  cha 
robh  an  smuain  so  aig  na  GoiU,  agus  mar  sin  cha 
robh  ainm  coitchionta  aca  dhaibh  gus  an  cual'  iad 
am  facal  am  beul  nan  Gàidheal,  agus  o  sin  b'  urrainn 
doibh  seinn  mu  ''  a'  the  airts." 

A'  sealltuinn  am  mach  air  aghaidh  na  tìre, 
chunnaic  na  Goill,  mar  chunnaic  na  Gàidheil,  a' 
chraobh  iriosal  is  tric  a  sgaoileas  a  sgàil  thar  an 
uillt  agus  luaidh  iad  a  h-ainm  Gaidhealach,  '  the 
am,'  an  fheàma.  Fhuair  am  preas  aitinn  freumh 
anns  a'  Bheurla  mar  '  etnagh ' ;  raineach  a'  mhonaidh 
agus  canach  an  t-sleibh,  mar  '  ronach  '  agus  '  canna.' 
Aig  taobh  na  mara  labhraidh  na  Goill  mu  '  claddoch  ' 
agus  '  partan.'  Anns  a'  mhuir  gheibh  iad  '  pollack  ' 
agus  '  glassock.'  Am  measg  eunlaith  an  athair 
bheir  iad  ainmean  GàidhUg  do'n  phitheid  (pyat), 
do'n  chlochaire  (clocharet),  agus  do'n  chapuU-coille 
(caper-cailzie).  Agus  innsidh  iad  gu'm  bheil  na 
h-achaidhean  '  riach  '  (riabhach),  agus  na  cluaintean 
'  lachtone  '  (lachduinn). 

Is  ann  o  aire  a  gheibhear  ainmean,  agus  o  spèis 


22  An  Rdsarnach 

a  dh'èireas  aire.  Thug  na  Gàidheil  aire  gheur 
do'n  bheag  agus  do'n  mhòr  a  chionn  gu'n  do  dhrùidh 
air  am  mac-meanmna  mothachail  an  sgèimh  ion- 
gantach  a  tha  a'  crùnadh  a'  chruthachaidh  gu  lèir ; 
agus  bha  ainm  aca  do  gach  taisbeanadh  de'n  ghlòir 
sin.  Ma  tha  ann  dream  eile  nach  robh  a  ghnàth 
cho  faireachail,  is  iomchuidh  gu'n  ìoc  a'  GhàidhUg 
dhoibh  briathran  cearta  nuair  a  mhothaicheas  iad 
feum  daibh. 

Fhuair  a'  Bheurla  sreath  eile  de'n  GhàidhUg 
toirbheach — ^na  facail  a  bhuineas  do'n  dachaidh.  Mar 
mhuinntir  dhualach,  dhìleas,  chòir,  bha  na  Gàidheil 
toigheach  mu'n  dachaidh  agus  mu'n  teaghlach, 
agus  bha  ainm  deas  aca  air  son  gach  nì  a  bhuineadh 
dhaibh.  Ar  facal  '  clann  '  ghabh  a'  Bheurla  mar 
'  clan  '  ;  '  ogha  '  mar  '  oe  '  (her  ain  oe,  Nanny — 
Ramsay)  ;  agus  '  iar-ogha  '  mar  4ar-oe  '  (wee  curly 
John's  iar-oe — Bums).  Ghabh  i  gu  sgiobalta  ris 
an  fhacal  '  tochar '  oir  bu  bheag  air  an  aiteam  ud 
'  a  tocher-less  lass.'  Rinn  na  GoiU  '  bothy  '  de 
bothan,  agus  '  body  '  de  bodach.  Mu  bhun  an  teine 
chual  iad  am  facal  '  aingeal,'  agus  mhol  iad  an 
'  ingle-neuk.'  De'n  ghrìosaich  rinn  iad  '  grie- 
schoch  '  ;  de  Uc-an-teine  '  leck  '  ;  de'n  chabar  am 
muUach  an  taighe  '  kebbar  '  ;  de'n  chuaich  '  quaich,' 
de'n  spàin  chutaich  'cutty,'  de'n  chrùisgean 
'  cruisie,'  de  brìgh  '  bree,'  de'n  ghreadan  '  graddan,' 
de  bonnach  '  bannock,'  de  mulchaig  '  muUachan,'  de 
blàthach  '  bleddoch,'  de  sùghan  'sowens,'  agus  de 
uisge-beatha,  '  whisky.'  Is  mòr  a  shluig  an  GaU  de 
bhiadh  agus  de  dheoch  a'  GhàidheU  ! 

Seadh,  agus  dh'  uigheamaich  se  e  fèin  ann  an 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall       23 

ciotagan  de  ar  n-aodach  dùthchail — '  plaid  '  agus 
'philabeg/  'brats'  agus  'brogues/  'sporran'  agus 
'  mogan/ 

Air  taobh  muigh  an  taighe  Ghallda  cluinnear 
ainmean  Gàidhhg  anns  an  iodhlainn — '  croo,'  is  e  sin 
crò  ;  '  buil '  is  e  sin  buaile  ;  '  bourock.'  is  e  sin 
buarach  ;  '  sock/  is  e  sin  soc  a'  chroinn  ;  '  ure/ 
is  e  sin  ùr,  no  talamh  ;  '  caib,'  is  e  sin  caibe  ;  '  davoch' 
is  e  sin  dabhach  ;  '  mart/  is  e  sin  mart  no  bò 
mharbhaidh ;  '  capuU '  ;  '  garron,'  no  gearran ;  agus 
'  messan  '  no  measan. 

Cha'n  e  an  tuathanachas  an  aon  chèaird  anns  a' 
Ghalldachd  anns  am  faighear  ainmean  Gàidhlig. 
A  chionn  gu'm  bi  am  figheadair  a'  breabadh  air  a' 
bheairt  their  sinn  ris  am  breabadair,  no  am  breab- 
anair,  agus  is  e  so  an  t-ainm  a  thug  na  Goill  dha — 
braboner,  agus  a  nis  is  e  Braboner  an  sloinneadh 
ann  an  iomadh  teaghlach.  Is  e '  savorcoU  '  (sàbhair- 
coille)  fear-cèaird  eile  a  chum  ainm  Gàidhealach, 
agus,  còmhla  ris,  an  gille  snasmhor  sin  an  cèard 
fèin,  oir  is  math  is  aithne  do  na  Goill  '  the  caird  ' 
agus  is  iomadh  Gall  urramach  do'm  b'ainm  '  Mr. 
Caird.' 

Tha  gairmean  eile  anns  a'  Ghalldachd  a  chum 
còrr  fhacal  GàidhUg.  Aig  an  t-saor  Ghallda  tha 
e  'n  a  shean-fhacal  "  It's  a  ticht  'caber'  that  has 
nae  '  knap ',"  agus  "  Him  that  hews  abune  his  heid 
may  get  a  '  speal '  in  his  e'e."  Ni  na  h-iasgairean 
Gallda  feum  de'n  tomhas  Gaidhealach,  '  mais,'  maois 
no  mèis,  sè  ceud  sgadan,  agus  cha'n'eil  iad  aineolach 
air  *  faddis,'  no  bàta  fada,  agus  'curach,'  bàta  beag. 

Anns  na  làithean  o  shean  bha  dreuchdan  na's 


24  An  Ròsarnach 

inbhiche  na  iad  so  a  fhuair  ainmean  Gàidhlig — am 
maormor,  an  tòiseach,  '  toshach/  an  òg-thighearn, 
'  ochiem,'  agus  am  breitheamhan,  *  brehon.' 

Tha  againn  ann  an  so,  ma  ta,  ainmean  GàidhUg 
air  son  lìonmhoireachd  de  ghnothuichean  gasda — air 
son  dreach  agus  aogais  na  tìre,  air  son  dachaidhean 
dhaoine  agus  gach  saothair  a  bhitheas  iad  a'  cleachd- 
adh — ^nìthean  sìtheil,  feumail,  còire.  Ach,  cha  robh 
na  Gàidheil  gu  tur  aineolach  air  cogadh,  no  mi- 
chomasach  air  iad  fèin  a  dhìon,  nì  a  thàinig  GoiU 
nàimhdeU  gu  bhi  a'  tuigsinn  uair  no  uaireigin.  Is 
ann  uatha  a  fhuair  na  GoiU  ainm  air  son  a'  chlaidh- 
eimh  mhòir,  '  claymore  '  ;  an  'dorlach  '  anns  an  do 
ghiùlain  iad  na  saighdean  ;  an  *  cro '  no  dìol  na 
fola  ;  an  sluagh-ghairm,  '  slogan ' ;  an  crois-tara  no 
crann-taraidh  ;  '  kerne '  agus  '  cateran ' ;  ceathairn 
no  ceathamach  ;  *  spreagh  '  no  '  spreith,'  is  e  sin 
sprèidh  a  thogteadh  le  làimh  làidir  ;  '  kane  '  no  càin 
a  dh'ìobreadh  mar  chìs ;  '  sauch  '  no  sàmhach  ; 
*  fecht '  no  feachd,  agus  '  yaUoch  '  no  ioUach  a' 
chatha. 

Ach,  a  thuiUeadh  air  iasadan  mar  so,  mothaichear 
anaU  na  GàidhUg  ann  an  cumadh  cuid  de  bhriathran 
na  Beurla  agus  fuaim  an  guth.  Agus  cha'n  iong- 
antach  gu'm  mothaicheadh.  Oir  ma  bhitheas  feadh- 
ainn  a'  fuireach  fada  còmhla  bithidh  iad,  gun  fhios 
daibh  fèin,  a*  leantuinn  a  chèile  ann  an  gluasad 
am  beòil  agus  an  dòighean  an  cainnt.  Bu  mhinig 
a  chaidh  Gàidheal  a  chòmhnuidh  anns  a'  GhaUdachd, 
agus  thàinig  na  GoiU  gu  bhi  eòlach  air  dòigh  labhairt 
na  Gàidhlig.  Agus  tha  nì  eile  nach  còir  dhuinn  a 
dhì-chuimhneachadh.      Cha  do  bhàsaich  luchd  àit- 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall       25 

eachaidh  na  tìre  nuair  a  chaochail  iad  an  cànain. 
B'iad  an  aon  chinneadh  a  bha  roimhe  a*  bruidhinn 
na  GàidhUg,  agus  a  tha  a  nis  a'  bruidhinn  na  Beurla. 
Agus  lean  riutha  nì-eigin  de  nòs  na  Gàidhlig.  Coltach 
ri  Abel,  ged  fhuair  i  bàs  tha  i  fhathast  a'  labhairt. 

Theagamh  gu'n  d'  fhuair  a'  Ghàidhhg  Albannach 
mòran  de  a  binneas  agus  a  taiseachd  o  na  Cruithnich 
a  labhair  i.  Ge  b'e  air  bith  mar  a  tha  sin  is  cinn- 
teach  gu'm  bheil  a'  Ghàidhhg  Albannach  'na  canain 
mhìn,  mhàlda,  cheòlmhoir,  agus  gu'm  bheil  Beurla 
nan  Gall  againn  na's  mìne,  na's  màlda  agus  na's 
gleusda  na  a'  chainnt  Shasunnach.  Tha  an 
t-aobhar  soilleir  gu  leòir. 

Tha  Beurla  nan  Gail  gu  mòr  fo  chumhachd  nan 
litrichean  fuaimneach,  agus  a'  seachnadh  faobhar 
nan  comh-fhuaimneach.  Thàtar  ag  innseadh  gu'n 
robh  ceannaiche  anns  a'  Ghalldachd,  agusnuaira  dh' 
fhoighnicheadh  ris  an  e  an  aon  chlòimh  a  bha  's  an 
aodach,  fhreagair  e  ''  Oh,  aye  ;  aye  a'  a'e  'oo'." 
Sèimhidh  na  Goill  '  love  '  gu  *  lo'e,'  '  pull '  gu  '  pu',' 
agus  '  from '  gu  '  frae,'  na  comh-fhuaimnich  a' 
leaghadh  air  falbh  ceart  mar  a  leaghas  iad  'n  ar 
beul-ne  nuair  a  dh'  abras  sinn  '  u  '  ri  '  ubh,'  '  ha  ' 
ri  '  tha,'  '  èi '  ri  '  fhèidh  '  agus  '  u-a  '  ri  '  umha.' 

Ann  an  so,  tha  a'  Bheuria  Ghallda  a'  leantuinn 
na  GàidhUg,  agus  cha'n  e  idir  an  nòs  Shasunnach. 
Maothaichidh  sinne  '  màthair '  gu  '  ma-hur,'  agus 
an  cuid  de  cheàmaidhean  their  na  GoiU  '  wa'er  ' 
ri  '  water  '  agus  '  bu'er  '  ri  '  butter.'  Is  toigh  leinn 
anns  a'  Ghàidhhg  an  Utir  f  an  àit'  an  *  w  '  Shasunnach 
(fìon — wine  ;  fàs — waste ;  feaU — wile)  agus  their  cuid 
de  na  Goill  '  fan  '  agus  '  f ar  '  ri  '  when/  '  where.' 


26  An  Ròsarnach 

Anns  a'  Ghàidhlig  their  sinn  '  orom/  *n  a  dhà 
lide,  ri  '  orm  '  ;  agus  their  an  Gall '  farum  '  ri '  farm.' 
Their  sinn  '  cnoc/  gach  litir  dheth  gu  toigheach, 
agus  their  an  fhìor-Ghall  '  knock,'  ged  nach  amais 
an  Sasunnach  air  a'  cheud  '  k  '  idir.  Thèid  againn 
air  '  tnùth  '  a  ràdh,  agus  gun  dragh  sam  bith  their 
an  Gall  '  tnee  '  nuair  bu  leoir  'knee.'  Cha'n  'eil 
againn  anns  a'  GhàidhUg  am  fuaim  '  th  '  mar  ann 
an  '  three '  agus  their  aon  Ghall  ris  an  fhacal  sin 
'  chree '  agus  fear  eile  '  tree.' 

Tha  dà  rùn  sònruichte  aig  an  t-seann  GhàidhUg. 
Cha  toigh  leatha  an  litir  '  p  '  agus  is  ro  thoigh  leatha 
an  litir  '  c'  Thug  na  Cruithnich  beagan  fhacal  le  '  p ' 
a  steach  do'n  GhàidhUg,  mar  a  tha  '  preas  '  agus 
*  pailt,'  ach  bu  docha  leis  na  Gàidheil  Utir  eile. 
Anns  an  nì  so,  leanaidh  Beurla  nan  GaU  gu  tric 
ann  an  ceum  na  GàidhUg.  Tionndaidhidh  i  '  peep  * 
gu  '  teet '  agus  '  trump  '  gu  '  trumf.'  Ach  is  ann 
an  taghadh  na  Utir  '  c  '  (no  '  k ' )  is  fhaisge  a  coltas 
ris  a'  GhàidhUg.  Their  sinne  '  cas  '  agus  '  clann  ' 
far  an  abair  an  Laidionn  '  pes  '  agus  '  planta.'  Air 
an  dòigh  cheudna,  their  an  Gall  '  keek  '  far  an  abair 
an  Sasunnach  '  peep.'  Cha'n  e  an  Utir  '  p  '  a  mhàin 
a  chuirear  air  cùl  air  son  '  k  '  Their  sinne  '  rachk  ' 
agus  '  lochk  '  an  àite  '  reachd  *  agus  'lochd,'  agus 
their  na  GoUl '  ack,  fack  '  an  àite  '  act,  fact.'  Bheir 
sinne  fuaim  cruaidh  '  rak  '  do'n  fhacal  '  rag,'  agus 
cuiridh  na  GoiU  '  c '  an  àite  '  g '  ann  a  '  grease ' 
(creesh),  agus  an  àite  '  chalk '  their  iad  '  cauk.' 
Mur  leòir  sin  spadaidh  iad  an  iitir  am  meadhon 
no  aig  crìch  fhacal — '  sklate  '  an  àite  '  slate,' 
'  windok  *   an  àite  '  window.' 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall       27 

Nuair  a  thachras  ar  dèidh  air  an  litir  '  c  *  agus 
ar  dèidh  air  a  bhi  taiseachadh  Htrichean  cruaidh 
gheibh  sinn  am  fuaim  tùchanach  '  ch/  is  e  sin 
'  c  '  bhog.  Tha  am  fuaim  so  mòran  na's  pailt  anns 
a'  Ghàidhhg  Albannaich  agus  ann  am  Beurla  nan 
Gall  na  tha  e  ann  an  cànainean  eile  mu  ar  timchioll. 
Their  sinn  anns  a'  Ghàidhhg  "  mo  chreach,  gach 
neach,  a  mach  's  a  steach/'  agus  their  na  Goill 
"  Baith  heich  and  laich  it's  rouch  and  teuch  eneuch." 
Ach  cha'n  'eil  e  idir  soiUeir  gu'n  d'fhuair  a'  Bheurla 
a'  mhodh  labhairt  so  o'n  Ghàidhhg,  no  idir  a' 
Ghàidhhg  o'n  Bheurla. 

A  thaobh  nan  htir  fhuaimneach  ris  an  goir 
sinn  na  foghairean,  tha  ni  no  dhà  anns  am  bheil 
Gàidhhg  agus  Beurla  na  h-Albainn  a  cumail  an 
aona  cheum.  Tha  iad  le  cheile  dèidheil  air  an 
fhuaim  '  a  '  an  àite  '  o.'  Their  sinn  '  là,  cas,  facal,' 
an  àite  '  lò,  cos,  focal.'  An  àite  'off,  drop,  soft, 
song,'  their  na  Goill  '  aff,  drap,  saft,  sang.'  Ach 
cha'n  'eil  againn  cinnteas  sam  bith  cia  às  a  fhuair 
an  dà  chànain  an  claonadh  so. 

Nochdar  buaidh  aon  chànain  air  cànain  eile 
cha'n  e  a  mhàin  ann  am  facail  agus  fuaimean  nam 
facal,  ach  gu  tric  ann  an  dòigh  labhairt  agus  dòigh 
smaoineachaidh.  Anns  an  dà  nì  so  cha  do  ghèarr 
muiimtir  na  Machrach  iad  fèin  saor  o'n  Ghàidhlig 
fhathast. 

'  We  winna  let  on  '  a  deir  iad  nuair  a  tha  nì- 
eigin  g'a  chleith.  Is  e  sud  seòl  na  GàidhUg — *  cha 
leig  sinn  oimn.'  Tha  e  a'  ciallachadh  nach  leig 
sinn  gu'm  faicear  oimn  coltas  an  md  a  tha  'n  ar 
n-inntinn. 


28  An  Ròsarnach 

'  Tha  fearg  orm  m/  their  an  Gàidheal.  '  I  am 
angry  with  him/  their  an  Sasunnach.  '  Fm  angered 
at  him  '  their  an  Gall,  a'  leantuinn  na  GaidhUg 
ann  an  so — gur  ann  ris  agus  nach  ann  idir  leis  a 
tha — an  fhearg. 

'  Ask  him/  their  an  Sasunnach.  '  Spier  at  him/ 
their  an  Gall.  C'ar  son  ?  A  chionn  gu'n  abrar  anns 
a'  GhàidhUg  '  foighnich  ris.'  Tha  a'  cheisd  a'  dol 
a  null  chuige. 

*  Do  you  remember  ?  *  foighnichear  'san  aon 
chànain ;  '  hae  ye  mind  ? '  's  a'  chànain  eile  ;  ceart 
mar  theirear  anns  a  Ghàidhlig  "  am  bheil  cuimhn' 
agad?" 

'  I  am  hopeful/  their  an  Sasunnach.  '  I  am  in 
hopes '  their  an  Gall,  ceart  mar  a  their  an  Gàidheal 
'  Tha  mi  an  dòchas/  Oir,  seall,  tha  gach 
tionnsgnadh  agus  gnìomh  inntinneach  a'  seasamh 
a  mach  fa  chomhair  a'  Ghaidheil  mar  nì  laimh- 
seachail  faicsinneach.  Cha'n  e  ar  n-àbhaist  a'  ràdh 
gu'm  bheil  sinn  feargach,  no  dòchasach,  ach  gu'm 
bheil  sinn  aig  an  àm  an  dochas  no  fo'n  fheirg 
a  tha  mar  neul  m'ar  timchioll ;  no,  theagamh,  gu'm 
bheil  dùil  againn,  no  dòchas  againn,  is  e  sin  mar 
shealbh  'n  ar  glac.  Is  e  so  ar  dearbh  smaoin,  ar 
dòigh  labhairt,  agus  an  so  tha  Beurla  nan  Gall  a* 
leantuinn  na  Gàidhlig. 

'  I  smell,'  their  an  Sasunnach.  '  Tha  mi  a* 
faireachadh  fàile,'  their  an  Gàidheal.  '  I  feel  a 
smell,'  their  an  Gall. 

'  He  was  cripple,'  their  an  Gall,  an  àite  '  he  was 
lame '  oir  abrar  anns  a'  Ghàidhlig  '  bha  e  crùbach.' 

'  Roasted  cheese,'  their  e,  an  àite  'toasted',  oir 
their  sinne  '  càis  ròiste.' 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall       29 

*  Auld  by  me/  their  e,  a  chionn  gur  e  a'  Ghàidhlig 
*  sean  seach  mise/  Ciallaichidh  am  facal  '  seach  ' 
air  uairibh  '  than  '  agus  air  uairibh  eile  '  by/ 

'  Better  nor  me/  their  e,  an  àite  '  than  me  '  air 
an  aobhar  cheudna.  Tha  na  facail  'no'  agus 
'  na  '  a'  ciallachadh  *  nor  *  agus  '  than  ' — '  an  e 
mise  no  thusa  ?  '     '  Is  fhèarr  thusa  na  mise.' 

*  A  bit  bread,'  their  na  GoiU,  mar  their  na 
Gàidheil  '  mìr  arain.' 

An  àite  '  to-day  '  their  iad  '  the  day,'  oir  theirear 
anns  a'  Ghàidhlig  '  an  diugh.' 

O'n  Ghàidhlig,  cuideachd,  is  coltach  gu'n 
d'ionnsuich  na  Goill  an  crìochnachadh  '  ock '  no 
'  ack,'  is  e  sin  ar  Hde  '  ag,'  a'  ciallachadh  '  beag/ 
Theagamh  gu'n  d'  fhuair  a'  Ghàidhhg  fèin  e  o'n 
fhacal  '  òg.'  Their  sinne  '  caileag,'  is  '  Annag,' 
agus  their  na  GoiU  '  wifock,'  is  '  bittock.' 

Ann  an  eachdraidh  fhada  na  h-Albann,  cha 
b'  ainmig  a  bha  bàrd  agus  seanachaidh,  luchd-cèaird, 
agus  luchd-teòma  air  chuairt  am  measg  nan  Gall, 
a*  craobh-sgaoileadh  eòlais  agus  càldachd  nan 
Gàidheal  air  dhìol  aoigheachd.  Mar  so,  fhuair  na 
facail  so — bard,  crowder  (is  e  sin  cruitear) ,  senachie, 
clarsach,  duan,  rane  (no  rann)  agus  coronach 
— aoigheachd  ann  an  cànain  nan  Gall.  Thug  an 
luchd-turuis  sud  do'n  taobh  deas  sgeulachdan 
agus  dàin  mu  na  gaisgich  a  shoirbhich  o  shean  'n  ar 
tìr,  le  binn  luaidh  air  misneach  agus  mìlse  nan 
aimsir  a  dh'fhalbh.  O  na  cèilidhean  ud  fhuair  na 
GoiU  cuspairean  foghluim  ùra,  rùintean  dùthchasach, 
agus  dian  dhèidh  air  saorsa  agus  tapachd,  agus  thàinig 
Cuchulainn  agus  Fionn  gu  bhi  'nam  fìor  shinnsear 
do  Ualas  agus  do  Bhrus. 


30  An  Rdsarnach 

Cha  b'iad  na  fuinn  Ghàidhealach  an  tìodhlac 
bu  lugha  a  fhuair  na  GoiU  o'n  coimhearsnaich  mu 
thuath,  oir  an  cois  a'  chiùil  dh'  èirich  gu  dealrach 
'n  am  measg  na  h-òrain  agus  na  dàin  a  bha  an  ceòl 
ud  a'  deachdadh.  Air  tùs,  cha  d'  fhuaradh  na 
facail  Beurla  ro  fhreagarrach  air  son  nam  fonn,  agus 
b'  fheudar  gu  tric  am  meudachadh  le  iomadh  *  ie ' 
agus  *  o  '  aig  ceann  nan  sreath. 

Ach  fhuaras  rian  air  facail  freagarrach  fhaotainn 
o'n  Ghàidhlig  fèin.  Nuair  a  bha  Raibeart  Bums 
a'  sgriobhadh  aoir  mu  neach-èigin  air  son  a  sgallais 
agus  a  '  sgeibn,'  air  son  a'  bhlaomadh  agus  a' 
'  bhlialum  '  rinn  e  deagh  fheum  de'n  Ghàidhlig — 

She  tauld  thee  well  thou  wast  a  skellum, 
A  blethering,  blustering,  drunken  blellum. 

Cha  b'e  Bums  an  aon  bhàrd  Gallda  a  bheartaich 
a  bhàrdachd  le  facail  smearail  o'n  Ghaidhlig. 
Ghabh  na  Goill  am  facal  '  smear  '  fèin  agus  sgrìobh 
iad  e  *  smer '  agus  '  smergh.'  Am  facal  làidir 
*  taom,'  is  e  sin  tuil  gharg  feirg,  sgrìobh  iad  '  tawm  ' ; 
'  gul '  sgrìobh  iad  '  gowl,'  '  sglaidse  '  mar  '  sklatch,' 
'  beadaidh  '  mar  '  beddy,'  '  seang  '  mar  '  shangie  '  ; 
'  glamaich  '  mar  '  glamach  '  ;  '  sgaoil '  mar  '  skale  ' 
no  '  skail '  ;  '  cleith  '  mar  '  clyth,'  agus  '  bradach  ' 
mar  '  wratack.'  '  Ablach  '  agus  '  agairt '  ghabh  iad 
gun  atharrachadh. 

Leis  a'  bhrosnuchadh  agus  a'  chobhair  so  dh'fhàs 
suas  ann  am  bàrdachd  nan  Gall  aigeann  agus 
suidheachadh  ùr,  le  smuaintean  farsuing  agus  briath- 
ran  cuimseach   d'an   rèir.      Bha  buaidh  na  seann 


Buaidh  na  Gàidhlig  air  Beurla  nan  Gall       31 

chànain  anns  a'  ghnothuch,  agus  nuair  a  dhealbh 
Bums  fa  chomhair  nan  Gall  Ceòlraidh  uasal  na 
h-Albann  is  ann  mar  rìbhinn  fhìnealta  Ghàidhealach, 
ann  am  falluing  rìomhaich  de'n  chadamh — 

Down  flowed  her  robe,  a  tartan  sheen. 

Tha  e  dearbhte,  ma  ta,  gu'm  bheil  an  còir  fèin 
aig  na  Gàidheil  ann  am  Beurla  nan  Gall — faclan 
ceart  air  son  maise  na  dùthcha,  air  son  maitheis  an 
dachaidh,  air  son  oibre  feumail  agus  euchdan  ghaisg- 
eil ;  fuaim  binn  an  còmhraidh  agus  dòighean  an 
smuain  ;  geurachadh  tuigse  agus  meudachadh  eòlais  ; 
beothachadh  bàrdachd  agus  rùn  àrd  a'  chridhe. 
Agus,  tha  a'  chòir  so  a'  sìor-fhàs  na's  treasa. 

Tha  na  leabhrana-treòrachaidh  anns  am  faighear 
ainmean  luchd-àiteachaidh  nam  bailtean  mòra  a' 
nochdadh  gu'm  bheil  na  h-ainmean  Gàidhealach  a 
ghnàth  a'  dol  an  lìonmhoireachd.  Far  an  robh 
aon  ainm  Gàidhealach  anns  a'  cheud  ri  linn  Ban-righ 
Màiri,  bha  aon  's  an  leth-cheud  ri  Unn  a'  cheud 
Deòrsa,  agus  tha  aon  ann  an  deich  an  diugh.  Tha  e 
mar  fhiachan  air  na  Gàidheil,  ma  ta,  gu'n  cum 
iad  suas  ceòl,  cànain,  foghlum  agus  litreachas  an 
sinnsir.  Cha  chòir  dìmeas  a  dheanamh  air  cliù 
no  air  cànain  sluaigh  eile.  Na  h-uile  urram  daibh 
uile.  Ach,  is  e  ar  dUghe-ne  aire  a  thoirt  do'n 
dleasnas  so — ^gu'n  aisig  sinn  do'n  chinneadh-dhaonna 
an  tairbhe  a  bhuineas  duinne. 

Tha  an  diugh  mòr  abhainn  na  cànain  Shasunn- 
aich  mar  dhìle  leathainn  air  a  h-at  le  uisge  o  iomadh 
eileach,  agus  air  a  h-uallachadh   agus  a  tacadh  le 


32  An  Ròsarnach 

cònlach  tiugh  de  nithibh  gun  àireamh  a  tha  a' 
snàmh  air  a  h-aghaidh — ionnsachadh  is  innealan 
iongantach  nan  làithean  a  tha  ann.  Cha  dean 
sinn  tàir  air  an  tuil  ud,  no  idir  air  allt  eòlach  na 
Beurla  Ghallda  a  tha  a'  glugan  agus  a'  crònan 
mu  dhorus  cèardaich  a'  bhaile  bhig.  Ach,  tha 
fìor-uisge  na  GàidhUg  mar  shruth  fallan  nam  beann, 
a'  sìor-mhonmhur  mu  na  nithibh  àrda  o'n  d'thàinig  e, 
agus  làraichean  ar  n-aithrichean.  Ma  tha  sinn 
duineil  agus  dualach,  òlaidh  sinn  a  ghnàth  ùr  neart 
agus  slàinte  à  lànachd  an  t-sruith  so.  Ma  bhitheas 
sinn  dleasnach  agus  dhgheil  'n  ar  ginealach,  le  tùr 
tionnsgalach,  bheir  sinn  fa  near  gu'n  cumar  an  sruth 
so  làn  agus  glan,  gu  bhi  a  ghnàth  mar  amar- 
àiteachaidh  a'  comh-roinn  beartais  a  bheatha  am 
fad  agus  am  fagus,  ionnus  gu'm  buanaich,  cha'n  e  a 
mhàin  Albainn,  ach  iomadh  sluagh  agus  teanga  o 
bhuaidh  àghaich  na  Gàidhlig,  oir  is  deimhin  gu'm 
faigh  iad  feartan  uaithe-se  nach  fhaigh  iad  gu  bràth 
à  fuaran  eile. 

Lachlann  Mac  Bheathain. 


"Na  Tri  Orain." 

[Eadar-theangaichte  o'n  Ghearmailt  aig  Uhland]. 

An  coinneamh  nan  uaislean  thuirt  Sifrid  an  rìgh, 
"Co  sheinneas  dhomh   duanag  bhios  luaineach  is 

binn  " 
Bha  òigear  an  làthair,  's  grad  dh'  èirich  e  suas, 
Clarsach  'na  làimh,  agus  claidheamh  's  an  truaiU. 

'*  Tri  òrain  gu  seinn  mi ;    a  cheud  fhear  dhiubh 
Chuala  tu  cheana,  agus  dhi-chuimhmich  thu  : 
'  Dhìt  thu  mo  bhràthair  gu  bàs  le  d'  cheilg, 
Dhìt  thu  mo  bhràthair  gu  bàs  le  d'  cheilg.' 

An  dara  h-òran,  rè  oidhch'  na  h-anshìd' 

Is  tric  mi  gu  sheinn  le  dùrachd  mo  chridh'  : 

'  Na  smaointich  gur  mise  a  mhaitheas  sid  dhuit 

Na  smaointich  gur  mise  a  mhaitheas  sid  dhuit.'  " 

A  chlarsach  gun  d'  rinn  e  thilgeil  uaith' 

'S  bha  claidhtean  dithis  ruisgte  gu  luath  ; 

Bu  ghleusd'  agus  b'  fhileanta  'n  iomairt  's  an  t-strith 

Gus  'n  do  thuit  an  rìgh,  's  cha  dh'  èirich  e  rìs. 

**  Se'n  treas  fear  an  t-òran  is  ceolmhoire  leam 
'S  cha  sgithich  mi  dheth  gu'm  bi  mi  's  an  ùir : 
'  Tha  rìgh  Sifrid  sinnte  'na  fhuil,  'na  fhuil ; 
Tha  rìgh  Sifrid  sinnte  'na  fhuil,  'na  fhuil.'  " 

UlSDEAK   LaING. 


Jeanne  D'Arc. 


^^s  mòr  a  b'  fheàrr  leam  tàmh  aig  baile  gu 
Qf  bhi  fuaigheal  agus  a'  calanas  maiUe  ri 
'm  mhàthair.  Chan  i  an  obair  so  mo 
roghainn,  ach  feumaidh  mi  dol  'ga 
deanamh  o'n  is  i  sin  toil  mo  Thigheam." 
Mar  so  labhair  a'  Mhaighdean  Or- 
leanach  ris  an  oifigeach  spailpearra  a  bha  toirmeasg 
dhi  dol  air  a  h-aghaidh  gu  cùirt  an  Dauphin. 

A'  Mhaighdean  Orleanach — Jeanne  d'Arc — ain- 
nir  nam  buadh,  a  chathaich  gu  fuil  agus  a  sheas 
gu  bàs  air  son  a  gràidh  d'a  dùthaich  agus  a 
h-ùmhlachd  do  àitheantan  nèimh,  a  rèir  mar  a  bha  i 
'gam  faighinn  agus  'gan  tuigsinn.  Cho  fad  sa 
chuirear  meas  air  misnich,  gaisge,  agus  banalas, 
bidh  a  h-ainm  air  mhaireann,  agus  a  cKu  air  aithris. 
Air  boireannach  a  b'eireachdala  an  teist  agus  an 
gniomh,  chan  eil  leabhar  cuimhne  an  domhain  a' 
toirt  iomraidh. 

Chum  beachd  cothromach  fhaighinn  air  beatha 
agus  obair  na  Maighdine,  feumaidh  sinn  sealladh 
a  ghleidheadh  air  nithean  a  thachair  fada  mu'n  d' 
thàinig  ise  am  follais.  Chan  uilear  dhuinn  dol  air 
ar  n-ais  gus  a'  cheathramh-linn-deug,  an  uair  a  bha 
Eideard  III.  air  righ-chathair  Shasuinn,  agus  Tear- 
lach  IV.  air  righ-chathair  na  Frainge.  Aig  bàs 
Thearlaich,  ruith  teaghlach  Chapet  am  mach  gun 


Jeanne  D*Arc  35 

oighre,  agus  theann  Eideard  ris  a'  chathair  rioghail 
a  thagradh  mar  an  caraid  bu  dlùithe,  a  chionn  gu'm 
b'e  mac  peathar  an  fhir  a  dh'  fhalbh.  Bha  an 
tagradh  so  air  a  thilgeadh  gu  taobh,  agus  air  a  dhiult- 
adh  leis  an  lagh  ShaHanach — lagh  a  tha  deanamh 
dìmeas  agus  tàir  air  càirdeas  bhoireannach — agus 
b'e  Philip  à  Valois,  nach  robh  idir  cho  daimheil,  a 
bh'air  a  chrùnadh  an  àite  Thearlaich.  Gu  grad, 
thòisich  an  cogadh  ruighinn,  sgriosail  sin  eadar 
an  dà  dhùthaich  —  cogadh  a  bh'air  a  dheanamh 
ainmeil  leis  na  cathan  gailbheach  a  bh'air  an  cur 
aig  Crecy,  Calais,  agus  Poictiers.  Anns  na  trì 
cathan  so,  bha  glòir  an  latha  le  feachdan  Shasuinn. 
Fad  an  dèigh  sin,  thug  iad  buaidh  shònruichte  am 
mach  aig  Agincourt. 

Tha  e  feumail  a  thoirt  fa  near  nach  robh  an 
Fhraing,  o  cheann  chòig  cheud  bHadhna,  'na  h-aon 
chinneach  mòr,  aonaichte,  mar  a  tha  i  air  an 
latha  diugh.  An  uair  a  bha  i  fèin  agus  Sasunn 
ri  strìth  agus  cogadh,  bha  i  air  a  roinn  'na  mòran 
bhuidhnean,  agus  cha  robh  iad  uile  air  an  aon 
taobh  anns  an  iomairt.  Bha  eadhoin  prionns- 
achan  a  bhuineadh  do'n  aon  teaghlach  ag  altrum 
rùintean  naimhdeil  do  chàch  a  chèile  ;  agus,  an 
àite  seasamh  gu  dìleas  guala  ri  guala,  bha  cuid 
dhiubh  daonnan  a'  toirt  gach  còmhnaidh  is  cobhair 
a  bha  'nan  cumhachd  do  na  h-armailtean  coimheach. 

An  tràsd  agus  a  rithisd,  bha  Albainn  air  a 
h-amladh  anns  an  spàim  sheirbh,  fhadalaich.  Bha 
bann-còrdaidh  daonnan  eadar  i  fèin  agus  an  Fhraing 
gu  a  chèile  a  neartachadh  agus  a  chuideachadh  an 
aghaidh  Shasuinn.      Chaidh  a'  cheud  nasgadh  de'n 


36  An  Ròsarnach 

t-seorsa  so  a  dheanamh  am  meadhoin  na  dara-linn- 
deug,  agus  chaidh  a  h-ùrachadh  aig  toiseach  na 
ceathramh-Unn-deug,  agus  aig  caochladh  àmannan 
eile. 

Mu  thoiseach  na  còigeamh-linn-deug,  bha  Eanruig 
V.,  righ  Shasuinn,  a'  cathachadh  gu  dìon,  buadhmhor, 
air  machraichean  na  Roinn-Eorpa,  agus  bha  e  an 
dèigh  ceann  a  tuath  na  Frainge  a  chur  gu  buileach 
fo  a  chois.  Bha  cùisean  cho  cunnartach  agus 
gu'n  do  chuir  an  Dauphin  àrd-theachdairean  a  nall 
do  Albainn  a  dh'  asluchadh  cuideachaidh  o  a  sheann 
chàirdean.  Dh'  aontaich  Pàrlamaid  na  h-Albann  dean-' 
amh  mar  a  bh'  air  a  shireadh  oirre.  Aig  an  àm  so, 
bha  Seumas  I.  'na  leanabh,  agus  b'e  Diuc  Albani 
a  b'  fhear-ionaid-righ.  Chuir  an  Diuc  air  falbh 
do'n  Fhraing  a  mhac  fèin,  Sir  lain  Stiubhard  (Morair 
Bhochain),  air  ceann  seachd  mìle  de  threun  fhir 
smearail,  chalma.  Bha  iad  air  an  giulan  thairis 
le  luingis  Fhrangaich.  Thug  na  Sasunnaich  gach 
oidhirp  air  a'  chabhlaich  a  ghlacadh,  ach  cha  deach- 
aidh  leo.  Ràinig  na  h-Albannaich  Normandi  gu 
sàbhailte,  agus,  gun  dàil,  cheangail  iad  iad  fèin  ri 
armailt  an  Dauphin,  a  bha  a'  feuchainn  ri  Languedoc 
a  bhuntainn  o  an  naimhdean.  Chathaich  na 
coigrich  gu  sùrdail,  gaisgeil,  agus,  an  ùine  gun  a  bhi 
fada,  dh'  earbadh  riu  a'  cheam  ris  an  abrar  Anjou  a 
dhìon  an  aghaidh  Dhiuc  Chlarence,  bràthair  Righ 
Shasuinn.  Choinnich  na  feachdan  aig  Baugè,  agus 
abhuinn  Choesnon  eatorra.  Air  thoiseach  nan 
Sasunnach  mharcaich  Diuc  Chlarence,  air  a  sgead- 
achadh  le  mòr  ghreadhnachas  agus  a'  giulan  m'a 
cheann  coran  òir  a  bha  sònruichte  fìnealta.      Chuir 


SEUMAS    I..   Rìgh  nan   Albannach 


Jeanne  D*Arc  37 

e  spuir  san  each,  agus  thàinig  e  'na  leum  dh'  ionnsuidh 
na  drochaide.  'Na  choinneamh  thriall  na  ridearan 
Albannach,  agus,  an  tiota,  fhuair  an  Diuc  fad  a 
dhroma  de'n  talamh.  Mar  a  bha  e  a'  feuchainn  ri 
èirigh  agus  faighinn  air  ais  do'n  dioUaid,  fhuair  e 
buille-bhàis  o  chuaille  trom  a  bh'air  a  ghiulan  le 
Morair  Bhochain.  Thuit  ceithir-cheud  deug  de 
na  Sasunnaich,  chaidh  mòran  diubh  a  ghlacadh,  agus 
chuireadh  an  ruaig  air  a'  chòrr. 

Cha  do  shoirbhich  leis  na  h-Albannaich  cho 
math  an  còmhdhailean  eile.  ChaiU  iad  cHu  an 
latha  an  toiseach  aig  Crevant,  agus  a  rithisd  aig 
Vemeuil.  'Na  dhèigh  sin,  thairg  Albainn  tuillidh 
feachd  a  chur  thairis  do'n  Fhraing,  ach  cha  d'ràinig 
i  leas  sin  a  dheanamh,  chionn  gu'n  do  thionndaidh 
cuibhioll  an  fhortain  gu  riochdail  an  aghaidh  nan 
Sasunnach. 

Nochd  an  Dauphin  (Tearlach  VII.)  an  dòigh 
no  dhà  gu'n  robh  e  'ga  mhothachadh  fèin  fad  an 
comaine  na  h-Albann  air  son  a  còmhnaidh  agus  a 
dìlseachd.  Thug  e  dreuchdan  agus  inbhean  sòn- 
ruichte  do  Mhorair  Bhochain,  agus  do  àrd  oifeagach 
eile,  Sir  Raibeart  Stiubhard.  Thug  e  seachad, 
mar  an  ceudna,  àithne  rioghail  gu'm  biodh  gach 
Albannach  a  rachadh  a  chòmhnuidh  do'n  Fhraing 
an  seilbh  air  gach  cothrom  agus  sochair  a  bhuineadh 
do  shluagh  na  Frainge  fèin.* 

♦  A  thaobh  nan  sochairean  so,  mheasadh  iomchuidh  sgriobh- 
adh  dh'  ionnsuidh  Fear-ionaid  na  Frainge,  an  Lunainn,  a 
dh'  fheuchainn  am  bheil  iad  fhathasd  rì'm  faighinn  an  seann 
laghanna  na  Frainge.  Fhreagair  an  t-uasal  sin  air  an  6mh 
de'n  luchar,  1916,  agus  thuirt  e : — 

"  As  far  as  the  Embassy  is  aware,  no  special  '  Status  '  exists 


38  An  Ròsarnach 

B'  ann  mu  na  h-àmanna  so  a  rugadh  Jeanne  d* 
Arc.  Am  feadh  is  a  bha  i  fhathasd  'na  caileig, 
bha  i  cluinntinn  gu  math  mar  abha'n  Righ  Sasunnach, 
Eanruig  V.,  a'  Uodairt  agus  a'  sàruchadh  Thearloich 
VI.,  ceart  mar  a  bha  Eideard  III.  a'  deanamh  roimhe 
sud  air  PhiUp  à  Valois.  Bha  i  a'  cluinntinn  gu'n 
robh  suidheachadh  Thearlaich  eadhoin  na  bu  mhiosa 
na  suidheachadh  PhiUp,  oir  bha  e  air  a  threigsinn 
gu  tàmailteach  le  a  chàirdean,  agus  le  'ìochdarain. 
Thionndaidh  eadhoin  a  bhean  am  foiH  air,  agus 
thàinig  i  gu  còrdadh  agus  cùmhnanta  ris  an  nàmh- 
uid  aig  an  robh  a  chuid  luingis-chogaidh  an  acar- 
saidean  an  Frainge.  Thug  am  boireannach  carrach, 
lùbach,  a  h-ighean  mar  mhnaoi  do  Eanruig,  agus, 
le  Cùmhnanta  na  Troyes,  thug  i  crùn  na  Frainge  do 
leanabh  a  phòsaidh  so,  an  àit  a  aiseag  air  aghaidh 
do'n  Dauphin,  Tearlach,  neach  a  bha  i  deonach  a 
dheanamh  dìolain.  Dà  bhUadhna  an  dèigh  a' 
chomh-cheangail  so  bhi  air  a  sheulachadh,  chaochail 
Eanruig  V.,  agus,  an  ceann  bheagan  sheachdainean, 
Tearlach  VI. 

Dè  a  thachair  an  dèigh  sin  ?  Chaidh  an  Dauphin, 
Tearlach,  èigheach  'na  righ  aig  Mehun,  agus,  aig  a' 
cheart  àm,  chuireadh  an  cèill  le  Diuc  Bhedford, 
fear-ionaid  an  Righ  Shasunnaich,  gu'm  b'e  an  naoidh- 
ean,  bUadhna  dh'  aois,  mac  Eanruig  V.,  a  bu 
righ  air  an  Fhraing  agus  air  Sasunn,  agus  gu'n 
gabhadh  e  an  dreuchd  fo  ainm  Eanruig  VI. 

in  France  in  favour  of  living  Scotsmen.  The  privileges  granted 
to  Scotsmen  by  King  Charles  VII.  evidently  fell  in  abeyance 
at  the  time  of  the  French  Revolution  ;  and  the  Napoleonic  code, 
on  which  French  civil  hfe  is  founded,  does  not  discriminate 
between  foreigners  where  the  French  State  is  concerned." 


Jeanne  D'Arc  39 

Bha'n  iorghuiU  gu  grad  air  a  h-ùrachadh.  Aig 
an  àm  so  bha  gach  òirleach  de'n  Fhraing  tuath  air 
an  Loire  gu  buileach  an  làmhan  nan  Sasunnach. 
Aig  Bedford  bha  a  chairtealan  am  Paris.  B'  ann 
às  a'  bhaile  sin  a  bha  e  toirt  seachad  reachdan  agus 
òrduighean  chum  peanais  agus  dioghaltais  a  dhean- 
amh  air  gach  neach  nach  aidicheadh  gu  h-ealamh 
gu'm  b'e  mac  a  bhràthar  an  righ  dUgheach — rex 
Franciae  et  Angliae,  Dh*  fheumadh  an  sluagh  a 
bhi  cho  bì,  umhail,  ri  luchan  fo  ladhar  chat,  air 
neo  bhiodh  iad  buailteach  do  gach  ciorram  agus 
droch  ghiollachd. 

De  bhailtean-mòra  iàidir,  foghainteach,b'e  Orleans 
a  mhàin  na  bha  an  làmhan  chàirdean  Thearlaich. 
Bha  cumhachd  Shasuinn  mòr,  ach  bhiodh  e  air  a 
mheudachadh  gu  h-anabarrach  nam  faigheadh  i  seilbh 
air  an  daingnich  cheutaich  so.  An  dèigh  sin, 
chailleadh  feachdan  na  dùthcha  an  lùths  agus  an 
leann-tàth,  agus  bhiodh  iad  gu  buileach  am  meinn 
nan  coimheach.  B'e  Orleans,  air  an  aobhar  sin, 
iuchair  a'  chogaidh.  Do*n  bhaile  so  chuir  Bedford 
a  bhràthair,  SaUsburi,  le  armailt  làidir,  agus  ràinig, 
mar  an  ceudna,  Diuc  Bhurgundi,  a  bha'n  càirdeas 
agus  an  co-bhoinn  ris  na  Sasunnaich.  Chaidh 
Orleans  a  chuartachadh  agus  a  shèisdeadh,  agus 
air  a  chuartachadh  agus  air  a  shèisdeadh  bha  e  rè 
mhòran  mhìosan.  Làn  geilt  agus  gioraig,  theann 
Tearlach  ri  cobhair  a  shireadh,  an  toiseach  o  Albainn, 
agus  a  rithisd  o  Naples.  Leum  e  dh'  ionnsuidh  a 
chomhdhùnaidh  nach  gabhadh  bacadh  cur  air  na 
naimhdean,  agus  gu'n  robh  an  Fhraing  caiUte. 
Anns  a'  bharail  so  dh'  fhalbh  e  le  cabhaig  is  dhùin  e  e 


40  An  Rdsarnach 

fèin  an  taobh  a  staigh  de  bhallachan  Chion.  A  thaobh 
na  h-Albann  agus  na  h-Eadailte,  mu'm  b*  urrainn 
a  h-aon  dhiubh  leum  às  ùr  gu  lethsgeul  na  Frainge, 
thachair,  mar  a  thuirt  mi  cheana,  nithean  mòra 
agus  iongantach  ris  nach  robh  dùil  no  fiughair— 
nithean  a  leig  ris  nach  ruigeadh  iad  leas  tuiUidh 
feachd  a  chur  do'n  iomairt. 

B'ann  aig  an  àm  chunnartach,  chiogailteach  so 
a  chualas  an  toiseach  mu'n  mhaighdin  chUuitich, 
mhòdhair,  Jeanne  d'Arc,  a  bh'air  a  deachdadh  le 
spiorad  na  saorsa  chum  faochadh  agus  còmhnadh 
a  thoirt  do'n  Fhraing.  Bha  a  h-athair  'na  thuath- 
anach  beag,  iorasal,  am  baile  Domremi,  air  a'  chrìch 
eadar  Lorraine  agus  Champagne.  Dlùth  do  a 
dhachaidh  bha  coiUtean  mòra  Vosges,  agus,  fo  an 
sgàile,  bu  ghnàth  le  cloinn  a'  chlachain  a  bhi  a' 
cluich,  a'  leum,  a'  mire,  agus  a'  deothal  spiorad  na 
bàrdachd — spiorad  a  bha  gu  dlùth  a'  tathaich  gach 
tolman  uaine  agus  cluaineig  shàmhaich.  Bhiodh 
iad  ag  aithris  do  a  chèile  seann  sgeulachdan  an 
cinnich  mu  shìthichean,  mu  ghisean,  agus  mu 
thaibhsean.  Cha  robh  cnocan  gun  a  bhruth,  no 
sruthan  gun  a  ghruagach. 

Bha  Jeanne  'na  h-ighinn  shnasaU,  ghràdhaich, 
agus  b'e  a  tlachd  agus  a  h-àbhuist  a  bhi  cuideachadh 
le  a  màthair  gus  an  fhàrdach  a  chumail  air  dealbh. 
Dh'  ionnsuich  i  glè  thràth  obair  snàthaid  agus 
cuigeU.  Bha  i  caomhail,  suairce,  ri  luchd  na  triob- 
laid,  agus  daonnan  frithealach  air  meadhoinean 
nan  gràs.  Bha  aice  triuir  bhràithrean  agus  aon 
phiuthar.  Bha  sàmhchair  a  chlachain  air  a 
briseadh  gu  minic  le   ùnaich   is  connas  nan  arm. 


Jeanne  D'Arc  41 

Bha  eagal  nan  Sasunnach  anns  gach  dachaidh ; 
bha  misneach  agus  dòchas  an  t-sluaigh  air  an  lag- 
achadh,  agus  bha  gach  tubaisd  is  dosgaidh  air  an 
cur  air  mhanadh  do*n  Fhraing.  Air  uairean, 
rachadh  feuchainn  ri  comhfhurtachd  a  tharruing 
o  ghnàthfhocail  dhoillear,  a  bh'air  an  aiseag  o 
mhàthair  gu  leanabh  troimh  iomadh  Unn.  Bha 
seann  fhiosachdan  air  an  cuimhneachadh,  agus  air 
an  ùrachadh.  Nach  d'rinn  MerUn  fàisneachd  mu 
mhàldaig  bharrail  a  bha  ri  tighinn  o  dhoireachan 
daraich  Lorraine  ?  Nach  robh  e  air  a  chreidsinn 
leis  na  seann  daoine,  ceart  mar  a  chailleadh  an 
Fhraing  air  tàilleamh  boireannaich,  gu'n  rachadh 
a  saoradh  gu  foghainteach  le  oidhirpean  maighdine  ? 
Nach  fada  o  na  bha  e  air  ìnnseadh  gu'n  tigeadh  ainnir 
bhòidheach  o  chòmhnardan  Lorraine  a  thilleadh  air 
an  ais  naimhdean  na  tìre  ?  Eadar  na  h-iomraidhean 
fìora  agus  na  h-uirsgeulan  neonach,  bha  Jeanne 
air  a  deagh  uUachadh,  faodaidh  sinn  a  chreidsinn, 
chum  cluas  fhosgailte  thoirt  do  fhiosan  dìomhair 
a  bha  i  a'  faotainn. 

Thòisich  i  ri  *'  fiosan  "  spioradail  fhaighinn  an 
uair  a  bha  i  trì-bUadhna-deug.  An  toiseach,  thàinig 
d'a  h-ionnsuidh  an  t-àrd-aingeal  Gabriel,  agus  dh' 
earalaich  e  oirre  tighinn  beo  gu  h-ionraic,  naomh, 
beusach,  agus  i  fèin  a  choimhead  gun  smal  o'n 
t-saoghal.  An  dèigh  sin,  fhuair  i  taisbean  de'n 
Oighe  Muire,  de'n  Bhan-naomh  Caitrìona,  agus  de'n 
Bhan-naomh  Mairearad,  agus  thug  iad  uile  dhi 
aithne  shoiUear  i  fèin  'uidheamachadh  gu  teannadh 
am  mach  an  aghaidh  luchd-fòimeart  a  dùthcha. 
Gu  minic  labhair  rithe  mar  an  ceudna  an  t-àrd- 


42  An  Ròsarnach 

aingeal  Mìcheil,  is  e  daonnan  air  a  sgeadachadh  le 
trusgan  de  sholus  dealrach.  Thug  esan  teann 
sparradh  dhi  seasamh  am  mach  gu  gramail  às  leth 
na  cathrach  rioghail. 

"  Chan  eil  annamsa  ach  caileag  bhochd,"  fhreag- 
air  ise  ;  "  chan  aithne  dhomh  each  a  mharcachd 
no  feachdan  a  threorachadh.'' 

Thill  an  t-àrd-aingeal  a  thoirt  misnich  dhi. 
Thuirt  e  gu*n  robh  neamh  a'  beachdachadh  le  iochd 
agus  truas  air  tir  agus  sluagh  na  Frainge. 

Ghuil  an  nìonag.  B'e  a  miann  agus  a  dùrachd 
gu'n  giulaineadh  an  t-aingeal  leis  i ;  ach,  aig  a  cheart 
àm,  chunnaic  i  gu'n  robh  a  dleasnas  agus  a  h-obair 
gu  soiUear  fa  comhair.  Chuir  i  roimpe  a'  ghairm 
neamhaidh  a  fhreagairt. 

Rè  thrì  bhadhna  bha  Jeanne  a'  faicinn  nan 
"seallaidhean"  agusa'  cluinntinn  nan  ''guthannan;  " 
agus,  rè  na  h-ùine  sin,  cha  do  labhair  i  umpa  ri 
caraid  no  coimheach.  Mu  dheireadh,  mhothaich 
i  gu'm  feumadh  i  a  h-inntinn  a  leigeadh  ri  neach 
air  chor-èigin.  Roghnaich  i  mar  a  fear-dìomharais 
an  duine  aig  piuthair  a  màthar,  Durand  Laxart,  a 
thachair  a  bhi  air  aoidheachd  an  Domremi.  Dh' 
iarr  i  air  a  toirt  dhachaidh  leis,  agus  a  ràdh  ri  a 
h-athair  agus  a  màthair  gu'n  do  chuir  a  bhean  fios 
oirre.  Bha  Laxart  'na  dhuine  còir,  cothromach, 
agus  bha  aige  tuathanachas  beag  dlùth  do  Vaul- 
couleurs.  B'e  ceannard-airm  a'  bhaile  sin  a  bh'air 
òrduchadh  do  Jeanne  a  ruigheachd  anns  a'  cheud 
dol  am  mach.  Dh'  aontaich  a  caraid  le  mòr  thog- 
radh  ris  gach  nì  a  dh'  iarr  i  air,  agus,  an  ceann 
latha  no  dhà,  thriall  iad  am  mach  air  an  turus. 


Jeanne  D'Arc  43 


II. 


Bha  a'  mhaduinn  ceutach,  agus  òg-ghathan  na 
grèine  ag  òradh  nan  rèidhlein  agus  nan  sHos.  Bha 
gach  stùchd  is  mullach  air  an  leth  fhalach  le  sgàile 
de  cheo  tana  anns  an  robh  an  gorm,  an  donn,  agus 
am  buidhe,  air  am  measgadh  gu  maiseach.  Aig 
ìochdar  a'  mhonaidh  bha  a'  choille  mhòr  dharaich 
a'  sìneadh  am  mach  gu  fada  mar  bhrat-ùlair  uaine, 
beartach.  Cha  d'rinn  ceolraidh  nam  preas  an  cadal- 
maidne.  Bha  an  lòn-dubh,  an  smeorach  agus  am 
bruideargan  le  mòr  dheothas  a'  taomadh  am  mach 
an  ceilearadh  bòidheach,  miUs.  Bha  uiseag  no 
dhà  a'  cur  nam  both  dhiubh  gu  h-àrd  anns  na 
speuran,  agus  bha  iomadh  eun  eile  a  gabhail  pàirt 
anns  a'  chomh-sheirm  èibhinn.  Bha  an  drùchd  a' 
dearrsadh  air  gach  sop  is  gagan  mar  shradagan 
drillseach  daimein.  Rathad  mòr  cha  robh  ann 
no  iomradh  air  a  leithid,  agus  b'ann  le  socair  agus 
faiciU  a  dh'  fheumadh  luchd-diollaid  triall  feadh 
nam  monaidhean.  Bha  a'  Mhaighdean  agus  a 
caraid  a'  conaltradh  a  h-uile  uair  a  gheibheadh 
iad  cothrom.  An  tràth  fhuair  iad  a'  cheud  sealladh 
de  an  ceann-uidhe,  sheas  iad  a  dh'  aon  togradh  a 
ghabhail  beachd  air  an  dùthaich  eireachdail  a  bha 
mu'n  timchioU. 

"  Tha  cor  brònach  na  Frainge  air  a  leigeadh 
fhaicinn  gu  ro  shoiUear,"  deir  Jeanne,  "  leis  na 
thachair  aig  Blàr  nan  Sgadan — is  e  sin  an  t-ainm 
fo'n  tèid  an  cath  a  sios  an  eachdraidh." 


44  An  Ròsarnach 

"  Cha  chuala  mi  facal  mu  a  leithid  de  chath/* 
fhreagair  bràthar  a  màthar. 

"  Fhuair  mise  brath  air  an  dòigh  nach  aithne 
dhuibhse.  Is  leoir  dhiubh  a  chluinntinn  gu'n  do 
chuir  Sir  lain  Fastolfe  le  prasgan  Shasunnach  an 
ruaig  air  armailt  Fhrangaich.  Is  leoir  gu'n  d'fhuair 
na  naimhdean  an  cuid  sgadain  dh'  ionnsuidh  an 
càirdean  a  tha  o  cheann  ràidhe  a'  cuartachadh  baile 
Orleans.  Is  leoir  i  gu'm  bheil  spiorad  agus  misneach 
ar  luchd-feachd-ne  air  tuiteam  cho  ìosal  is  gu'n  cuir 
ceudan  de  shaighdearan  Bhedford  aii  teicheadh  air 
mìltean  dhiubh.  Is  muladach,  gun  teagamh,  suidhe- 
achadh  ar  dùthcha." 

"  Am  bheil  fiughair  agad  gur  comasach  dhuitse 
cùisean  a  chur  ceart  ?  " 

"  Tha  e  comasach  dhomh  deanamh  mar  a  dh' 
iarradh  orm  leis  an  àrd-aingeal." 

Air  an  ath  latha  chaidh  Jeanne  agus  Laxart  a 
dh'fhaicinn  caiptean  Vaulcouleurs.  Rinn  esan  tàir 
air  a  taisbeanan,  agus  fochaid  air  a  tograidhean. 

"  Cuir  dhachaidh  i,  agus  iarr  air  a  h-athair  a 
deagh  sgiursadh." 

B'  iad  so  briathran  sgallaiseach  a'  chaiptein. 

''  Tha  e  mar  fhiachaibh  orm  dol  chum  an  Righ,*' 
thuirt  a'  chaileag  bhochd,  "  agus  feumaidh  mi  a 
ruigheachd  ged  a  chaithinn  mo  chasan  gu  ruig  na 
glùinean.  Is  mòr  bu  docha  leam,"  thuirt  i  a 
rithisd,  "  tàmh  aig  baile  gu  bhi  fuaigheal  agus  a' 
calanas  maiUe  ri'm  mhàthair.  Chan  i  an  obair  so 
mo  roghainn,  ach  feumaidh  mi  dol  'ga  deanamh  o'n 
is  i  sin  toil  mo  Thighearn." 

"Co  do  thigheam?  " 


Jeanne  D*Arc  45 

"  Is  e  Dia  !  '' 

Bu  dìomhain  gach  nì  a  b'urrainn  Jeanne  a  ràdh. 
Chan  fhaigheadh  i  raodh  no  meas  o'n  chaiptean, 
agus  b'èiginn  dhi  tilleadh  dhachaidh.  Bhuanaich 
i  air  comhluadair  a  chumail  ris  na  h-aingil,  agus 
bhuanaich  iadsan  air  a  dreuchd  agus  a  dleasnas 
a  chumail  m'a  coinneamh. 

Mu  thoiseach  an  earraich,  1429,  thiU  an  nìonag 
a  rithisd  do  Vaulcouleurs,  agus  chur  i  an  cèill  le 
m6r  dhùrachd  gu'm  feumadh  i  an  Righ  fhaicinn 
roimh  mheadhoin  a'  Charghuis.  Mu  dheireadh, 
ràinig  a  briathran  sìmplidh  cridhe  a'  chaiptein, 
agus  gheall  e  dhi  air  fhacal  gu'n  toireadh  e  i  an 
làthair  an  Dauphin.  An  uair  a  ràinig  i  a'  chùirt 
bha  i  a  rithisd  air  a  coinneachadh  le  teagamhan 
agus  amharuis.  Dhearbh  na  diadhairean  o  'n 
cuid  leabhraichean  gu'n  robh  i  gu  buileach  air  a 
mealladh. 

**  Tha  tuiUidh  an  leabhar  Dhè  na'n  leabhar  sam 
bith  a  th*  agaibhse,"  fhreagair  Jeanne  gu  mìn,  ciuin. 

Coma  co  dhiubh,  fhuair  i  am  fianuis  an  Dauphin. 

"  A  Dhauphin  ghaolaich,"  labhair  a'  Mhaighdean, 
*'  is  e  is  ainm  dhomh  Jeanne,  agus  chuireadh  mi 
le  Righ  nan  Neamhan  a  chum  is  gu'n  ìnnsinn  dhuibh 
gu'm  bi  sibh  air  bhur  n-ungadh  agus  air  bhur  crùnadh 
aig  baile  Rheims.  An  sin  bidh  sibh  nur  fo-uachd- 
aran  aig  Righ  nan  Neamhan,  an  ti  sin  is  e  mar 
an  ceudna  Righ  na  Frainge.'* 

An  dèigh  iomadh  deasbud  agus  cath-labhairt 
chaidh  aontachadh  mu  dheireadh  gu'm  faigheadh 
Jeanne  air  cheann  an  airm.  Chaidh  ^at  majeur, 
no  àrd  oifigich,  a  thoirt  dhi,  agus  a  chur  fo  a  facal ; 


46  An  Rdsarnach 

agus  chaidh  a  sgeadachadh  leis  gach  cumhachd 
agus  ùghdarras  a  bha  dUgheach  agus  feumail.  Thuirt 
i  gu'n  robh  claidheamh  air  a  thìodhlacadh  air 
cùlaibh  na  h-àrd  altair  an  eaglais  a  bh'anns  a' 
choimhearsnachd,  agus  gu'm  bu  mhaith  leatha 
fhaighinn.  Fhuaireadh  e  mar  a  dh'  innis  i.  Ged 
nach  do  chuir  i  riamh  gu  feum  e,  ghiulain  i  leatha  e, 
agus  cha  do  dhealaich  i  tuiUidh  ris.  Chuireadh 
e  an  truaiU  de  shìoda  molach,  crò-dhearg,  a  bh'air 
a  dheanamh  riomhach  le  òr  agus  airgead.  Dh' 
uUaich  Bàn-righ  ShiciU  air  a  son  armachd  gheal, 
loinnearach,  a  chuid  bu  phailte  air  a  dheanamh 
de  airgead.  Bha  a'  chulaidh  so  a'  dealradh  gu 
ceutach  an  gathan  na  greine,  agus  a'  còmhdach 
Jeanne  o  a  muUach  gu  a  bonn — de  toutes  pièces  sauve 
la  teste.  Bha'n  dùthaich  còmhnard  mar  chridhe 
na  boise,  agus  bha  an  cruth  boisgeach  so  ri  fhaicinn 
fad  mòran  mhìltean  air  gach  taobh.  Bhiodh  e  cur 
an  cuimhne  a'  phobuiU  na  dealbhan  a  b'aithne 
dhaibh  de'n  àrd-aingeal  Mìcheil,  air  an  robh  an 
rìbhinn  òg  so  cho  eolach.  Chuir  i  uimpe  èideadh 
fireannaich. 

B'  ann  air  an  27mh  de'n  Ghiblein,  1429,  a  bha 
crìoch  air  gach  uUachadh,  agus  a  theann  Jeanne 
am  mach  air  cheann  a  cuid  feachd  chum  cobhair 
agus  furtachd  a  dheanamh  air  Orleans.  B'e  a  h-aois 
aig  an  àm  seachd-bUadhna-deug.  Thugadh  dhi 
inbhe  seanaileir,  agus  bha  'na  cuideachd  mòran  de 
sheanailearan  eile  agus  de  chaipteanan.  Bha  ise 
air  steud-each  geal,  agus  a'  giulan  brataiche  air 
a  deanamh  de  anart  grinn,  geal,  le  oir  shìoda. 
Bha  innte  mar  shuaicheantas  dealbh  an  t-Slànuighear, 


Jeanne  D*Arc  47 

agus,  air  gach  taobh  dheth,  aingeal  'ga  shleuchdadh 
fèin  an  suidheachadh  aoraidh.  Thriall  am  feachd 
air  aghaidh  ri  taobh  na  Loire  gu  Tours,  agus  às  a 
sin  gu  ruig  Blois.  An  so  dh'  fheitheadh  beagan 
laithnean  gus  an  d'  thàinig  biadh  agus  goireasan 
eile  air  an  aghaidh. 

Bha  Jeanne  cheana  an  dèigh  atharrachadh  iong- 
antach  a  thoirt  air  beusan  agus  cleachdaidhean 
na  h-armailte  bige  a  bha  fo  a  facal.  Roimhe  sud, 
cha  robh  mòran  eolais  no  aithn  aice  air  dòighean 
no  cleachdaidhean  shaighdearan.  Gidheadh,  chaidh 
i  am  mach  agus  a  staigh  air  am  feadh  gun  fhiamh 
gun  eagal,  agus  chronuich  agus  thoirmisg  i  iomadh 
amhlaireachd  choirbte  a  bh'air  am  meas  làn  chead- 
aichte  do  luchd-airm.  Chuir  i  grabadh  gu  buileach 
air  gach  mionnan  agus  toibheum  a  bha  thuige  sud 
cho  coitcheann,  agus  bha  eadhoin  cuid  de  na  h-àrd 
cheannardan  am  feum  bòideachadh  air  am  bdton, 
o  nach  faodadh  iad  ainmean  naomha  a  thoirt  an 
dìomhanas.  Bha'n  t-atharrachadh  cho  iongantach 
agus  a  bha  e  coimhUonta.  A'  boisgeadh  gu  ceutach 
'na  h-èideadh  airgid,  bha  Jeanne  daonnan  air  a  h-ais 
agus  air  a  h-aghaidh  am  measg  nam  fear  colgarra, 
agus  bha  gach  teanga  neo-gheamnuidh  tosdach, 
balbh  an  uair  a  thigeadh  i  am  fradharc.  Cha  robh 
sgàth  sam  bith  oirre  a  thaobh  a  banalais.  Mar 
a  shiubhail  an  armailt  air  a  h-aghaidh  b'  iad 
laoidhean  agus  ceol  naomh  a  bu  chaismeachd 
dhaibh.  Feachd  a  b'iongantaiche  cha  d'imich 
riamh  air  rathad — 'a  cho-sheirm  ghasda,  na  brat- 
aichean  le'n  croisean,  agus  an  cruth  dealbhach, 
sneachd-gheal  ud  am  marcachd  air  a  cheann.     Chuir 


48  An  Rdsarnach 

Jeanne  a  thaobh  mòran  de  a  saidealtas  agus  de  a 
h-aillealachd,  agus  thug  i  seachad  gach  òrdugh 
agus  àithne  am  briathran  àrda,  smachdail.  Mar 
bu  trice,  bha  i  a'  giulan  na  brataiche  le  a  làimh  fèin. 

Mu  dheireadh,  chaidh  Orieans  a  ruigheachd. 
Gu  grad,  fhuair  a'  Mhaighdean  am  mach  gu'n  deach- 
aidh  a  treorachadh  a  staigh  do*n  bhaile  air  rathad 
cùil,  ged  a  bha  fios  agus  cinnt  aig  a  companaich  uile 
gu'n  robh  i  deonach  air  a  bhi'm  bad  nan  Sasunnach 
gun  dàil  mionaide.  Cha  robh  an  so  ach  toiseach 
nan  cuilbheartan  a  bh'air  an  cleachdadh  leis  na 
seanailearan  a  chum  a  h-oidhirpean  a  mhiUeadh 
agus  a  thoirt  gu  neo-bhrìgh.  Bha  eud  agus  diomb 
air  na  seann  laoich  so  ri  bhi  'gam  faicinn  fèin  air  an 
tilgeadh  gu  taobh  air  tàiUeamh  caileig  fhaoin, 
bhathaisich,  o  na  h-achaidhean  còmhnard  (une 
pèronnelle  de  bas  lieu).  An  e  gu'n  deanadh  ise  an 
nì  sin  a  dh'  fhairtUch  orrasan  ?  Nighean  an  dubh 
oibriche  'ga  coimeas  fèin  ri  ridearan  eireachdail  a 
chaith  am  beatha  an  cleasachd  nan  arm  !  Bu 
thàmailte  leo  i  bhi  idir  'nan  comunn. 

Air  an  ath  fheasgar  an  dèigh  faighinn  gu  Orleans, 
chaidh  Jeanne  am  mach  le  buidhinn  bhig  an  aghaidh 
aon  de  dhaingnichean  nan  Sasunnach.  Chaidh  i 
gu  ìochdar  a  bhalla,  agus  ghairm  i  air  na  naimhdean 
teannadh  gu  grad  air  falbh  mu'm  biodh  e  tuiUidh 
is  anamoch.  B'e  an  fhreagairt  a  fhuair  i  sruth  bras 
de  chainnt  spìdeil,  neo-chneasda,  agus  cha  robh 
ainm  bu  mhiosa  na  chèile  nach  deachaidh  èigheach 
rithe. 

Air  feasgar  na  ceud  Sàbaide,  thachair  nì  comh- 
arraichte  is  fiach  aithris.     An  dèigh  na  dinnearach, 


Jeanne  D'Arc  49 

leig  Jeanne  i  fèin  'na  sìneadh  a  dheanamh  tacan 
cadail.  Bha  cuid  de  na  h-oifigich  eile  'nan  cadal 
mar  an  ceudna,  agus  bha  sàmhchair  a*  riaghladh 
feadh  an  taighe.  As  a  tonn  tàmha,  leum  Jeanne 
air  a  h-uiHnn  le  cUsgeadh  agus  eagal.  Chaidh  a 
dùsgadh  leis  na  "  guthanna "  air  an  robh  i  cho 
eolach. 

"  Tha  e  air  iarraidh  orm,"  deir  ise,  "  dol  am 
mach  an  aghaidh  nan  Sasunnach." 

Uidh  air  n-uidh,  thàinig  i  gu  bhi  'na  geal  fhair- 
eachadh. 

"  Tha  fuil  ar  saighdearan  'ga  dòrtadh,"  ars  ise  ; 
"  cha  d'innis  a  h-aon  agaibh  dhomh  gu'n  robh  a 
leithid  a'  dol  air  aghaidh.  Thoiribh  dhomh  mo 
chlaidheamh  agus  mo  bhratach." 

A  sìos  an  staidhir  ghabh  i,  agus  leum  i  le  cabhaig 
air  muin  an  eich  a  bha  nis  'ga  feitheamh  aig  an  dorus. 
Mharcaich  i  air  falbh  le  a  leithid  de  astar  is  gu'n 
robh  cruidhean  an  eich  a'  cur  teine  às  na  clachan 
ged  a  bha  ghrian  fhathasd  gu  math  àrd  anns  an  adhar. 
'Na  dèigh  thàinig  a  cuid  feachd  cho  luath  sa  bha 
'nan  comas.  Fhuaireadh  am  mach  gun  mhòran 
moille  gu'n  robh  cùisean  ceart  a  rèir  an  rabhaidh 
a  thug  na  "  guthannan  "  do  Jeanne.  Dh'  fhalbh  cuid 
de  na  seanailearan,  gun  fhios,  an  aghaidh  nan 
Sasunnach,  agus  iad  an  geall  air  buadhan  na  Maigh- 
dine  a  chur  gu  feum  gun  i  fèin  a  bhi  'n  làthair.  B'e 
am  miann  glòir  a'  chatha  a  ghleidheadh  uaipe-se,  agus 
a  ghlacadh  dhaibh  fèin.  Cha  do  shoirbhich  leis 
an  ionnsuidh  so  dad  na  b'fheàrr  na  leis  na  h-ionn- 
suidhean  eile  a  thugadh  le  muinntir  Orleans. 

Mar  a  bha  Jeanne  a'  rèiseadh  a  sìos  am  bruthach 

D 


50  An  Ròsarnach 

— a  bratach  a'  crathadh,  agus  a  h-armachd  gheal  a' 
dearrsadh — thachair  i  air  na  trèin-fhir  a'  teicheadh 
dhachaidh,    agus   na   Sasunnach   gu   dlùth   air   an 
luirg.      Bha'n  ruaig  'ga  cur  gu  teth,  bras,  an  rathad 
Orleans.     Mar  ioma-ghaoth  nan  speur  ghabh  Jeanne 
air  a  h-aghaidh,  agus  stad  no  moille  cha  d'rinn  i 
gus  an  d'ràinig  i  balla  na  daingnich  Shasunnaich. 
Chuir  na  Frangaich  mu'n  cuairt,  agus  thill  iad  'na 
dèigh.     Thòisich   an   cath  às  ùr,  agus  bha  e  ana- 
barrach  dìon,  fuileachdach.      Far  am  bu  teotha  an 
strìth  bha  Jeanne  daonnan  ri  a  faicinn,  a'  cumail  an 
àird  a  brataich  àluinn,   agus  a'   toirt  earail  agus 
misnich   do  a  càirdean.       Air  a  son  fèin,  cha  do 
tharruing  i  claidheamh,  agus  cha  do  bhuail  i  buiUe 
o   thoiseach   gu   deireadh   na   strìthe.       ChaiU   na 
Sasunnaich   an   càil   agus   an   sùrd.       Bha  iad   a* 
mothachadh  gu'n  robh  an  oidhirpean  air  an  lagachadh 
le  cumhachd  neonach  nach  b'urrainn  iad  a  thuigsinn. 
Bha  an  spiorad  a'  fàiUingeachadh  ceart  mar  a  bha 
spiorad  agus  càil  nam  Frangach  air  an  ùrachadh. 
Mu'n  deachaidh  a'  ghrian  fodha,  bha  an  daingneach 
air  a  glacadh,  agus  bha  na  bh'air  mhaireann  de  na 
naimhdean  air  an  cur  fo  ghlais  agus  fo  iuchair  am 
baile    Orleans.        Air    an    latha    màireach    chaidh 
daingneach  eile  a  thoirt  gu  talamh,  agus  mar  sin 
aon  an  dèigh  aoin,  gus  an  robh  Orleans  air  a  shaoradh 
o  làmhan  nan  Sasunnach. 

Mhair  an  sèisdeadh  o  thoiseach  gu  a  dheireadh 
rè  seachd  mhìosan,  ach  chuir  Jeanne  crìoch  air  an 
ochd  laithean.  Is  cleachdadh  fhathasd  le  muinntir 
a'  bhaile  coinneamh  a  ghleidheadh  gach  bhadhna 
air  an  ochdamh  latha  de'n  Chèitein,  agus  an  taing- 


Jeanne  D*Arc  51 

ealachd  a  chur  an  cèiU  air  son  mar  a  theasairg 
Dia  an  athraichean  an  1429.  An  dèigh  na  buaidh 
iongantaich  ud,  fhuair  a'  Mhaighdean  ainm  ùr.  Bha 
muinntir  a'  labhairt  uimpe  tuillidh,  cha  b'ann  mar 
Jeanne  d'Arc  ach  mar  La  Pucelle  d'  Orleans. 

Bha  na  seanailearan  toileach  fuireach  car  tamail 
anns  a'  bhaile,  ach  chan  fhòghnadh  sin  le  Jeanne. 
Bha  dhìth  oirre  tiUeadh  gu  grad  dh'  ionnsuidh  an 
Dauphin,  agus  fhaighinn  air  aghaidh  gu  Rheims, 
far  an  robh  e  ri  bhi  air  a  chrùnadh.  Chaidh  tiUeadh 
mar  a  dh'iarr  i.  An  so  a  rithisd  bha  gach  cùirtear 
agus  neach  eile  a'  comhairleachadh  dàil.  Mu 
dheireadh,  chaidh  aontachadh  gu  gluasad,  agus 
chaidh  Gien,  Troyes,  agus  àireamh  de  bhailtean 
mu'n  cuairt  a  ghlacadh  agus  a  thoirt  fo  cheannsal. 
Fhuair  am  feachd  buadhmhor  air  aghaidh  gu  ruig 
Rheims  ;  agus,  mar  a  bha  e  a*  siubhail  troimh 
shràidean  a'  bhaile  sin,  bha  Jeanne  am  marcachd 
ri  taobh  an  Dauphin.  Bha  gach  sùil  air  a'  chruth 
dhreachmhor,  gheal  a  bha  giulan  na  brataiche,  agus 
bha  boireannaich  a'  cruinneachadh  mu'n  cuairt  dhi 
a  chum  is  gu'm  faigheadh  iad  iomall  a  h-aodaich 
a  phògadh.  Cho  luath  is  a  bha  gach  ullachadh 
deanta,  chaidh  an  Dauphin  a  chrùnadh  leis  gach 
greadhnachas  agus  mòralachd  a  bha  iomchuidh  agus 
dligheach. 

Bhrùchd  an  sluagh  a  staigh  às  gach  cearn  a  dh' 
fhaicinn  nam  modhannan  iongantach  agus  a  bheachd- 
achadh  air  na  trusgannan  eireachdail  leis  an  robh 
an  luchd-dreuchd  air  an  sgeudachadh.  Am  measg 
mhìltean  eile,  thàinig  daimhich  Jeanne  chum  a' 
bhaile — a  h-athair  agus  a  dà  bhràthair.       Bha'm 


52  An  Ròsarnach 

pobuU  làn  dealais  agus  aoibhneis,  agus  bha  biadh 
agus  deoch  air  an  taomadh  am  mach  gun  sòradh. 
Mu'n  d'  fhàg  athair  Jeanne  Rheims,  thugadh  dha, 
le  àithne  an  righ  agus  a  luchd-comhairle,  barantas 
laghail  nach  rachadh  cìs  no  càin  a  thogail  gu  bràth 
tuillidh  ann  an  sgìreachd  Domremi.  Chaidh  an 
t-sochair  a  mhealtainn  a  nuas  troimh  na  Unntean 
gus  an  d'thàinig  Ar-am-mach  na  Frainge. 

III. 

Aon  uair  is  gu'n  deachaidh  an  crùn  mu  cheann 
an  righ,  mhothaich  Jeanne  gu'n  robh  a  h-obair  agus 
a  dleasnas  air  tighinn  gu  crìch,  agus  air  an  coimh- 
lionadh.  Bhuanaich  na  *'  guthannan ''  agus  na 
"  seallaidhean "  air  tighinn  'ga  h-ionnsuidh,  ach 
cha  robh  na  seolaidhean  a  bha  iad  a'  toirt  seachad 
cho  rèidh  no  cho  soiUear  is  a  b'  àbhuist  dhaibh  a  bhi. 

"  O,  Righ  ghaolaich,"  thuirt  i,  "  tha  ceann  is 
crìoch  air  mo  shaothair,  agus  b'  fheàrr  leam  gu*m 
faodainn  tiUeadh  do  Domremi.  Ach  tha  slighe 
eile  air  a  comharrachadh  am  mach  dhomh,  agus 
feumaidh  mi  a  leantainn  gus  an  òirleach  mu 
dheireadh." 

An  ceann  trì  laithean  theann  an  Righ  air  falbh 
a  chum  seilbh  a  ghabhail  air  Paris.  Fhuair  e  fàilte 
agus  furan  o  gach  baile  troimh'n  robh  e  'siubhal, 
agus  cha  robh  neach  a  thuirt  facal  'na  aghaidh. 
Aig  Chàteau-Thierry  thàinig  Tearlach  agus  Diuc 
Bhurgundi  gu  còrdadh  air  son  fosadh-còmhraige 
rè  chòig-la-deug,  agus  gheall  an  Diuc  gu'n  Uubhradh 
e  thairis  Paris  aig  ceann  na  h-ùine  sin,      Cha  do 


Jeanne  D*Arc  53 

thaitinn  an  cùmhnanta  so  ri  Jeanne.  oir  thuig  i  sa* 
mhionaid  gur  e  bh'aig  an  diuc  anns  an  amharc  ùine 
fhaighinn  chum  tuilUdh  feachd  a  chruinneachadh. 
Bha  i  ceart  'na  barail.  Mìosan  an  dèigh  sud  thog 
an  obair  an  fhianuis. 

B'  ann  mu'n  àm  so  a  chaill  i  a  claidheamh — am 
ball-airm  sin  a  ghiulain  i  anns  gach  cath  a  chuir 
i,  ged  nach  d'thug  i  riamh  e  às  an  truaill  an  aghaidh 
duine.  Air  latha  sònruichte,  thàinig  i  gun  fhios 
air  droch  bhoireannach  am  measg  nan  saighdearan. 
Ghabh  Jean  a  leithid  de  chorruich  agus  gu'n  do 
bhuail  i  an  creutair  dona  le  bas  a'  chlaidheamh. 
Bhris  e  'na  sgealban,  ceart  mar  a  dheanadh  slat 
de  ghloine.  Chuir  an  tachartas  so  dragh  agus 
smalan  air  inntinn  na  Maighdine.  Ar  leatha  gu'm 
bu  dhroch  mhanadh  e,  agus  gu'n  do  chaiU  i,  maille 
ris  a*  chlaidheamh,  mòran  de  a  seoltachd  agus  de  a 
cumhachd. 

Cha  robh  am  fosadh-còmhraige  agus  an  dàil  a' 
tighinn  ro  mhath  ri  càil  Jeanne,  agus,  an  ùine  gun 
a  bhi  fada,  thàinig  crìoch  air  a  foidhidinn. 

"  Beau  duc,'*  thuirt  i  air  maduinn  àraid  ri  aon 
de  na  seanailearan  a  bha  càirdeil  rithe,  "  uUaich  an 
trup,  agus  faigh  do  chaipteanan  an  òrdugh.  En 
mon  Dieu,  par  mon  martin,  tha  mi  cur  romhan 
deanamh  air  Paris  gun  an  còrr  fuirich." 

Cha  ghabhadh  i  bacadh.  Chaidh  falbh  le 
cabhaig,  chaidh  Paris  a  ruigheachd,  agus  chaidh 
geata  St.  Honorè  a  ghlacadh  mu'n  d'  fhuair  na 
Sasunnaich  dol  'nan  tarruing.  Air  an  taobh  a 
staigh  de'n  gheata  bha  clais  leathan,  dhomhain, 
làn  uisge.      Cba  robh  fios  aig  Jeanne  air  so  roinih 


54  An  Rdsarnach 

làimh,  agus  b'èiginn  dhi  tilleadh  air  falbh  chum 
ullachadh  feumail  a  dheanamh  gu  faighinn  thairis. 
Maj  a  bha  i  dol  air  a  h-aghaidh  air  an  là  màireach, 
thàinig  teann  sparradh  o'n  Righ  nach  robh  i  ris  an 
còrr  dragh  a  chur  air  Paris,  ach  gu'm  feumaidh  i 
dol  air  a  h-ais  do  St.  Denis,  far  an  robh  e  fèin.  Bu 
dìomhain  do'n  Mhaighdin  a  chur  an  gèill  gu'n  robh 
an  ceann-bhaile  furasd  a  ghlacadh,  agus  gu'n  deanadh 
aon  oidhirp  threubhach,  dhiongmhalta  a  chur  an 
làmhan  Thearlaich.  B'e  an  t-òrdugh  rìoghail  gu'n 
robh  i  ri  tiUeadh  do  St.  Denis,  agus  cha  robh  tuillidh 
ri  ràdh  no  ri  dheanamh. 

B'e  tilleadh  a  bh'ann,  agus  bha  sin  fada  an  aghaidh 
miann  agus  inntinn  Jeanne.  Thug  e  uaipe  mòran 
de  a  misnich — bha  a  cridhe  air  a  mheatachadh. 
Am  b'ann  an  nasgaidh  a  bha  gach  ionnsuidh  a  thug 
i  air  a  dùthaich  agus  a  cinneach  a  shaoradh  agus  a 
theasairginn  o  chumhachd  nan  naimhdean  ?  Bu 
choltach  gu'm  b'ann.  Bha  aon  nì  sònruichte  a' 
toirt  dhi  sòlais  agus  comhfhurtachd.  A  dh'  aindeoin 
co  theireadh  e,  chaidh  Tearlach  a  chrùnadh  aig 
Rheims !  Bha  i  f athasd  air  a  t athaich  le  ' '  gu thannan ' ' 
agus  "  seallaidhean,"  agus  bha  iad  so  'ga  seoladh 
gus  an  strìth  a  chumail  air  a  h-aghaidh,  gun  laiseach- 
adh,  gun  mhoille. 

Ged  a  bha'n  Righ  daonnan  a'  cur  impidh  oirre 
fois  a  ghabhail  agus  foidhidinn  a  chleachdadh,  cha 
do  sguir  e  riamh  de  bhi  nochdadh  dhi  gu  pearsanta 
gach  caoimhneas  agus  deagh-ghean.  Thug  e  dhi 
taigh  mòr,  eireachdail,  le  grèidhean  sheirbhiseach 
— mar  a  fhreagradh  do  àrd  sheanailear.  Thug  e 
dhi,  mar  an  ceudna,  cleoca  àluinn  òir,  a'  fosgladh 


TEARLACH    VII..    Rish    nam    Prangach 


Jeanne  D'Arc  55 

air  an  dà  chliathaich,  gu  bhi  air  a  chaitheamh 
thairis  air  a  h-armachd.  Cha  robh  meas  no  modh 
a  ghabhadh  toirt  do  bhan-diuc  nach  d*thug  e  dhi, 
agus  bha  e  a'  nochdadh  gu  soillear  gu'n  robh  e  'na 
comaine  air  son  a  h-oidhirpean  foghainteach  às  a  leth 
fèin  agus  a  luchd-leanmhainn.  Gidheadh,  bha  e  a 
ghnàth  a'  diultadh  gu  snasail,  cùirteil  gach  asluchadh 
a  bha  i  deanamh  chum  an  cogadh  a  chumail  air 
aghaidh.  B'  ann  air  èiginn  a  fhuair  i  a  chead  gu 
dol  am  mach  a  chum  St.  Pierre-le-Moutier  a  bhun- 
tainn  o  làmhan  nan  naimhdean. 

Dè  a  their  mi  mu  na  h-euchdan  a  rinn  Jeanne 
aig  a'  bhaile  so  ?  Chan  urrainn  mi  ni  a  ràdh  ach 
gu'n  robh  iad  anabarrach  agus  mìorbhuileach.  Cha 
do  shoirbhich  ro  mhath  leis  a'  cheud  ionnsuidh  a 
thug  i  fèin  agus  a  feachd,  agus  bhrùchd  na  trèin- 
fhir  air  an  ais — 'nan  ceudan  agus  nam  mìltean. 
Bha  Jeanne  cho  dlùth  do'n  daingnich  is  a  b'urrainn 
dhi  faighinn,  agus  mu  dheireadh  cha  robh  leatha 
ach  còignear  no  seathnar  a  dh'  fhuirich  dìleas  dhi. 
Dh'èigh  neach  èiginn  rithe  teicheadh  le  a  beatha. 
Thug  i  dhi  a  clogaid,  agus  fhreagair  i  nach  faJbhadh 
i  gus  am  faigheadh  i  seilbh  air  a'  bhaile.  Bha 
dhìth  oirre  maidean  agus  connadh  a  thional  chum 
gu'n  lìonta  an  dìg  a  bha  mu'n  cuairt  do'n  bhalla. 
Ma  mhothaich  i  gu'n  robh  i  ach  beag  'na  h-aonar, 
cha  d'  thuirt  i  smid  mu  dhèighinn. 

"  Drochaid,  drochaid,"  dh'èigh  i ;  "  aux  /agots 
et  aux  claies  tout  le  monde!*' 

B'ann  dìomhain  a  bha  gach  earail  gu  i  a  theich- 
eadh. 

"  Tha  agam  fhathasd,"  ars  ise,  "  leth-cheud  mlle 


56  An  Ròsarnach 

fear ;  oibricheamaid  uile  mar  nach  d'  oibrich  sinn 
riamh  roimhe." 

Bha  guth  a  beoil  mar  fhuaim  thrompaid  airgid, 
agus  bha  a  gnùis  air  lasadh  le  àrd  dhealas.  Làn 
faiteachais,  tha  eachdraidh  ag  ìnnseadh  dhuinn  gu'n 
d'  thug  Jeanne  am  mach  Pierre-le-Moutier  'na 
h-aonar.  Is  e  is  feàrr  leinn  a  chreidsinn  gu'n  do  thill 
an  armailt  a  ghabh  an  ra-treud,  agus  gu'n  d*  thug 
i  cuideachadh  feumail  seachad.  Eadhoin  aig  a  sin, 
tha  a'  chùis  ach  beag  cho  iongantach  is  a  bha  i 
roimhe,  agus  chan  urrainn  sinn  a  ràdh  ach  gu'n  robh 
i  mìorbhuileach. 

Bha  St.  Pierre-le-Moutier  air  a  ghlacadh  do'n 
Righ.  Gun  dàil  bha  an  ceol  air  feadh  na  fìdhle. 
Chunnacas  gu  soillear  gu'm  faodadh  Paris  a  bhi  air 
a  chosnadh  nan  d'  fhuair  Jeanne  cumail  air  a 
h-aghaidh,  agus  cha  b'àm  e  do  na  Sasunnaich  gu  cadal 
air  an  raimh.  Bha  Diuc  Bhedford  a'  siubhail  air 
feadh  na  dùthcha  mu'n  cuairt,  agus  e  a'  creachadh 
agus  a'  losgadh,  gun  truas  gun  mheachainn.  Bha 
e  a'  glacadh  air  an  ais  mòran  de  na  bailtean  a  thug- 
adh  uaithe  le  Jeanne.  So  rinn  e,  agus  bha  Righ 
Tearlach  'na  thàmh — a'  cur  seachad  na  h-ùine 
gu  sòghmhor,  sunndach  am  measg  a  chùirtearan 
miodalach.  Bha  a  ghiulan  agus  a  dhol  am  mach 
a*  cur  mòr  champar  air  a'  Mhaighdin,  agus  'ga 
toirt  ach  beag  gu  eu-dochas.  Mu  dheireadh  chuir 
i  roimpe  a'  chùis  a  ghabhail  'na  làimh  fèin. 

Gun  fhacal  a  ràdh  ri  duine,  dh'  fhàg  i  an  caisteal. 
Bha  builsgean  a'  chogaidh  a  nis  aig  Melun,  agus 
bha  am  baile  sin  air  a  bhagradh  gu  searbh  leis  na 
Sasunnaich.      Cha  robh  a'  chuideachd  a  dh'  fhalbh 


Jeanne  D'Arc  57 

le  Jeanne  ro  lìonmhor — cha  robh  annta  ach  àireamh 
bheag — ach  'nam  measg  bha  a  dà  bhràthair.  Thug 
na  *'  guthannan  "  a  nis  dhi  rabhadh  gu'm  biodh  i  air 
a  glacadh  agus  air  a  deanamh  'na  prìosanach  uair- 
eigin  roimh  Lath  Fhèill-eathain.  Rinn  i  aon  ùmaigh 
eagalach  gu'n  leigeadh  Dia  leatha  bàs  fhaghail  an 
uair  a  rachadh  a  toirt  am  braighdeanas.  Do'n 
athchuinge  so  cha  d'fhuair  i  freagairt.  Chuala  i 
gu'n  robh  Compiègne  an  gearr  chunnart. 

*'  J'irai  voir  mes  bons  amis  de  Compiègne,*' 
thuirt  i. 

Ràinig  i,  agus  an  toiseach  chaidh  leatha  gu  math. 
Ar  leatha  gu'n  toireadh  i  buaidh  am  mach  ach  ionnas 
'na  h-aonar,  ceart  mar  a  rinn  i  aig  St.  Pierre-le- 
Moutier.  An  uair  a  bha  choltas  oirre  gu'm  bu 
leatha  gun  teagamh  cliu  an  latha,  ghabh  earrann 
de  a  cuid  feachd  eagal  agus  giorag  gu'n  robh  iad 
dol  a  bhi  air  an  cuartachadh.  Theann  iad  air  an 
ais  an  deannaibh  'nam  bonn.  Fhuair  na  naimhdean 
chìocrach  iathadh  mu  Jeanne. 

"  Rendez  vous,"  ghlaoidh  iad  gu  feargach,  a' 
caitheamh  oirre  iomadh  ainm  gairisneach,  breugach. 
Rinn  ridire  sònruichte  greim  air  cirb  a  cleoca,  agus 
spìon  e  i  thar  an  eich.  Bha  i  a  nis  gu  tur  am  meinn 
a  cuid  naimhdean.  Bha  i  air  a  trèigsinn  leis  na 
cladhairean  a  bha  i  thuige  so  a'  treorachadh.  An 
robh  i  air  a  trèigsinn,  mar  an  ceudna,  le  cumhachdan 
nan  neamhan  ?  Mu'n  toir  sinn  breth  luath,  lochd- 
ach  mu'n  ghnothach  sin,  feumaidh  sinn  a  chuimhne- 
achadh  nach  d'  thuirt  na  "  guthannan  "  riamh  rithc 
— * '  Rach  agus  dean  cobhair  air  Compiègne. ' '  Thàinig 
i  am  mach  do'n  chath  so  gu  buileach  às  a  làimh 


58  An  Ròsarnach 

fèin,  agus  gun  ghealladh  sam  bith  ach  gu'm  biodh 
i  air  a  glacadh  roimh  Lath  Fhèill-eathain. 


IV. 

Mar  fhalaisg  ris  na  slèibhtean  casa,  ruith  an 
naigheachd  air  feadh  na  Frainge  agus  Shasuinn  gu'n 
robh  a'  "  bhan-bhuidseach  "  air  a  toirt  fo  cheannsal. 
Bha  sòlas,  sùgradh  agus  aighear  an  cùirt  Righ 
Eanruig  VI.  Cha  lèir  dhuinn  mòran  de  threubh- 
antas  no  de  uaisle  anns  a'  ghioUachd  a  fhuair 
Jeanne  o  a  naimhdean,  aon  uair  is  gu'n  d'fhuair 
iad  greim  oirre.  Chaidh  a  glacadh  mar  sheanailear 
air  ceann  a  cuid  feachd.  Bu  phrìosanach  cogaidh 
i.  Anns  na  Unntean  a  b'aineolaiche  agus  bu  bhuirbe 
bha  a  leithid  sin  de  phrìosanach  saor  a  chunnart 
a  bheatha.  Bha  e  riamh  air  a  thuigsinn  gu'm  b' 
fhiach  e  tuilUdh  beo  no  marbh — theagamh  gu'm 
faighte  èirig  mhath  air  a  shon  no  gu'n  leigte  prìos- 
anaich  eile  ma  sgaoil  'na  iomlaid.  B'  ann  cruaidh- 
chridheach  thar  coimeis  a  bha'n  càramh  a  thugadh 
do  Jeanne. 

B'e  umpaidh  Frangach  a  ghlac  i ;  ach,  and  dèigh 
a  toirt  o  dhaingnich  gu  daingnich,  chaidh  mu  dheir- 
eadh  a  Uubhairt  thairis  do  làmhan  nan  Sasunnach. 
Uathasan  cha  b'  ion  fiughair  a  bhi  ri  mòran  iochd 
no  ceanail.  Dhruid  iad  i  a  suas  am  prìosan  duaich- 
nidh  Rouen.  Chaidh  buntainn  rithe  air  dòigh 
nach  robh  gu  cUu  nan  Sasunnach.  Ceart  mar 
a  rinneadh  air  Baintighearn  Bhochain  le  Eideard  I., 
chaidh  a  cur  a  staigh  do  crò  iaruinn,  a  ceangal  eadar 
làmhan,  chasan  agus  amhaich  ri  posta  làidir,  dain- 


Jeanne  U Arc  59 

geann,  ionnas  nach  b'urrainn  dhi  carachadh  no 
amharc  a  nunn  no'n  nall.  Chaidh  còignear  de 
shaighdearan  borba  Sasunnach  a  chur  a  staigh  do'n 
aon  t-seomar  rithe  chum  freiceadan  a  dheanamh 
oirre  a  latha  agus  a  dh'  oidhche.  Theagamh  gu'm 
b'e  80  am  peanas  bu  mhiosa  bh'aice  ri  fhulang, 
oir,  'na  cadal  no  'na  faireachadh  cha  robh  i  mionad 
à  sealladh  nam  fear  so  rè  thrì  mìosan. 

Aon  uair  is  gu'n  deachaidh  a  toirt  gu  deuchainn 
air  beulaibh  nam  breitheamhnan  chaidh  a  leigeadh 
am  mach  às  a'  chrò,  ged  a  bha  i  daonnan  ceangailt 
air  chois  ri  casan  a  leapa.  Ach,  car  aoin  tiota, 
cha  d'fhuair  i  à  fianuis  nam  fear-faire  gus  an  latha 
san  deachaidh  crìoch  air  a  beatha.  Is  dòcha  gu'n 
robh  a'  ghioUachd  so  comh-shìnte  ri  spiorad  dìoghalt- 
ach  nan  Sasunnach.  Cheannaich  iad  Jeanne  o 
na  Frangaich  a  ghlac  i  air  son  sè  mìle  franc — an 
t-suim  a  rachadh  a  phàigheadh  air  son  àrd  phrionnsa. 
Bha  iad  a'  cur  rompa  gu'm  biodh  luach  am  peighinn 
aca.  Bha  iad  air  an  gluasad  leis  an  spiorad  a  bha'n 
Shylock. 

Bha  tuiU  air  an  deanamh  am  ballachan  an 
t-seomair  troimh'm  biodh  na  seanailearan  agus  na 
tigheaman  ag  amharc  oirre  gun  fhios  dhi.  Gu  minic 
bhiodh  a'  chòignear  fhear  ud  a  bha  daonnan  'na  cuid- 
eachd  ri  spòrs  agus  fanaid,  agus  a  toirt  dhi  gach  mì- 
mhoidh  agus  maslaidh  a  ghabhadh  toirt  do  chaileig. 
Cha  b'ann  gun  deagh  aobhar  a  lean  i  ri  aodach  firean- 
naich.  Eadhoin  an  uair  a  bha  i  ro  thinn — ri  cluais 
bàis — air  tàilleamh  mìr  de  iasg  mì-fhallain  a  thugadh 
dhi,  cha  d'  fhuasgladh  a  casan  agus  cha  d'  thugadh 
boireannach  gu  frithealadh  dhi.      Bha  gach  fritheal- 


60  An  Ròsarnach 

adh  air  a  dheanamh  leis  na  saighdearan  fiadhaich, 
mì-chneasd  ud. 

C'arson  a  chaidh  càramh  cho  aingidh,  neo- 
bhàigheil  a  thoirt  do'n  Mhaighdin  mhi-fhortanaich 
— ^nìonag  mhàlda  nan  naoi-bhadhna-deug  ?  Chaidh 
a  chionn  gu*n  robh  eagal  agus  uamhunn  air  feachdan 
Shasuinn  roimpe,  agus  gu'n  do  dhiult  iad,  às  is  às, 
carachadh  no  gluasad  à  Calais  gus  an  rachadh  cur 
às  dhi. 

Ma  dheireadh  chaidh  a  toirt  gu  a  deuchainn. 
B'e  talla  a  bhreimheanais  caipeal  a'  Chaisteil  an 
Rouen,  agus,  air  a'  cheud  latha,  b'e  àireamh  nam 
breitheamhnan  dà  fhichead.  Bha  iad  uile  àrd  an 
inbhe  agus  am  foghlum — easbuigean,  oideachan- 
oilein  agus  an  leithidean  sin.  Dè  an  cothrom  a 
bh'aig  caileig  nan  naoi-bhadhna-deug,  a  bha  buileac 
aineolach  a  thaobh  eolas  Utreach,  an  aghaidh  na 
h-uiread  so  de  cheud  sgoilearan  na  Roinn  Eorpa  ? 
Rè  shè  laithean  bha  i  air  a  dlùth  cheasnachadh  le 
fear  ma  seach  o  mhoch  gu  dubh.  Cha  robh  seolt- 
achd  no  ìnnleachd  nach  do  chleachdadh  a  chum  a 
ribeadh  agus  a  miUeadh.  Fhreagair  i  gach  ceist 
gu  simphdh  ach,  gidheadh,  gu  cùirteil,  agus  cha 
b'urrainnear  cearb  facail  fhaighinn  oirre.  Riamh 
cha  do  ghabh  i  giorag  no  breisleach  ;  agus  ar  leam 
gu'n  robh  a  giulan  an  staid  a  h-irioslachaidh  mòran 
na  b'iongantaiche  agus  na  bu  mhìorbhuiUche  na 
bha  e  an  uair  a  bha  i  aig  àird  a  cumhachd  agus  ri 
cath  agus  strìth  air  cheann  na  marc-shluaigh. 

Cha  deachaidh  cùis  dhìtidh  sam  bith  a  leughadh 
am  mach  'na  h-aghaidh,  ach  bha  e  air  a  thuigsinn 
gu'n  robh  iomadh  droch-bheart  air  a  chur  às  a  leth 


Jeanne  UArc  61 

— breugan,  toirt  an  t-sluaigh  air  seachran,  fiosachd 
agus  gisreagan,  mealltaireachd,  toibheum  an  aghaidh 
Dhè,  buidseachas,  iodhal-aoraidh,  comhluadair  ri 
deamhain,  agus  trèigsinn  an  fhìor  chreidimh.  B'e 
suim  agus  brìgh  nam  freagairtean  a  bh'air  an  toirt 
seachad  le  Jeanne  gu'n  robh  i  a'  làn  chreidsinn  san 
Eaglais  a  bhos,  ach,  a  thaobh  a  deanadais  agus  a 
briathran,  gu'n  robh  i  a'  toirt  gèill  agus  ùmhlachd 
do  Dhia  a  mhàin  ;  nach  sguireadh  i  de  bhi  a'  caith- 
eamh  aodaich  fireannaich  gus  am  faigheadh  i  àithne 
o  a  Tigheam — uaithe-san  a  dh'  iarr  oirre  an  toiseach 
a  leithid  sin  de  sgeadach  a  ghabhail ;  nach  d'rinn  i 
toibheum  riamh  an  aghaidh  Dhè  no  a  chuid  naomh  ; 
nach  robh  aice  ri  ràdh  ma  dhèighinn  nan  "  guth- 
annan  "  agus  nan  "  seallaidhean ''  a  bh'  air  an  deon- 
achadh  dhi  ach  gu'n  robh  a  comunn  gu  minic  ris 
an  aingeal  Mìcheil  agus  ris  na  naoimh  Caitriona 
agus  Mairearaid.  Thuirt  i  nach  b'urrainn  i  an  còrr 
freagairt  a  thoirt  seachad  ged  a  shlaodadh  iad  a 
corp  às  a  chèile  eadar  eachaibh  no  ged  a  thilgeadh 
iad  beo  i  an  teine  lasrach. 

Bha'n  deuchainn  agus  an  ceasnachadh  so  air 
an  deanamh  gu  follaiseach — am  fianuis  gach  neach 
a  thogradh  dol  a  dh'  èisdeachd.  Bha  clèirich  an 
làthair,  agus  chum  iad  cunntas  air  gach  ni  a  chaidh 
a  ràdh  agus  a  dheanamh.  Bha  a'  chùirt  air  a  suidh- 
eachadh,  cha  b'ann  air  son  ceartais,  ach  air  son  na 
Sasunnaich  a  thoileachadh  le  Jeanne  a  dhìteadh. 
A  dh'  aindeoin  an  cuid  chuilbheartan,  cha  robh  nan 
comas  cearb  fhaighinn  oirre,  agus  chaidh  an  deuchainn 
fhoUaiseach  a  thoirt  gu  crìch.  B'e  beachd  nan  uile 
aig  an   robh  inntinnean   fosgailte   nach  do  nochd 


62  An  Ròsarnach 

Jeanne  dad  de  nàdur  uilc  ach  gur  ann  a  nochd  i, 
mur  e  nàdur  aingil,  co  dhiubh  nàdur  maighdin 
bheusaich,  chaomhail,  a  chum  i  fèin  buileach  glan — 
gun  smal  o'n  t-saoghal. 

Ged  nach  b'urrainn  na  breitheamhnan  coire  sam 
bith  fhaighinn  innte,  cha  robh  nam  beachd  idir  a 
leigeadh  ma  sgaoil.  Mar  thachair  do  Phìlat,  bha 
eagal  an  t-sluaigh  orra,  eadhoin  eagal  nan  Sasunnach. 
Chaidh  a  rùnachadh,  uime  sin,  gu'n  rachadh  a  cur 
air  a  deuchainn  a  rithisd — an  turus  so  gu  dìomhair 
anns  an  t-seomar  bheag  a  bh'aice  sa  phrìosan.  Rè 
shè  làithean  cianail,  fadalach,  chaidh  an  ceas- 
nachadh  air  aghaidh  aon  uair  eile.  Chaidh  ascaoin 
agus  mallachd  na  h-Eaglais  a  bhagradh,  a  rithisd 
agus  a  rithisd,  air  an  nìonaig  eireachdail  mur  aidich- 
eadh  i  gu'm  b'ann  o  ifrinn  agus  nach  b'ann  o  neamh 
a  bha  na  '*  guthannan"  agus  na  "  seallaidhean  "  san 
robh  i  a'  cur  na  h-uiread  de  ùigh.  B'  fhaoin  da- 
rìreadh  mòran  de  na  ceistean  a  bh'  aice  ri  fhreagairt. 
Chan  urrainn  mi  ach  aon  no  dhà  a  thoirt  seachad 
mar  eisimpleir  air  an  iomlan.  Bha  e  air  a  shìor 
fharraid  dè  an  àirde  bh'anns  an  aingeal  Mìcheil ; 
dè  cho  fad  sa  bha  'fhalt ;  an  robh  sgiathan  air, 
agus  dè  a'  chuma  bh'  orra  ;  dè  an  trusgan  a  bha 
uime,  agus  dè  a  bha  e  a'  giulan  ma  cheann.  A 
chuid  bu  mhò  dhiubh  so  dhiult  i  a  fhreagairt,  do 
bhrìgh  nach  robh  gnothach  aca  ris  na  ciontan  a 
bh'air  an  cur  às  a  leth.  Dh'  ainmich  i,  co  dhiubh, 
gu'n  robh  aige  ma  cheann  crùn  òir  a  bha  anabarrach 
bòidheach  agus  luachmhor.  Chrìochnaich  an  ceas- 
nachadh  dìomhair  amhuil  mar  a  rinn  am  fear  foU- 
aiseach — gun  nì  sam  bith  a  bhi  air  a  dhearbhadh 
an  aghaidh  Jeanne  a  bha  toiUtinn  peanais. 


Jeanne  D'Arc  63 

An  robh  na  Sasunnaich  a  nis  riaraichte  ?  B'iad 
nach  robh.  Dh*  fheumta  a'  chaileag  bhochd  a  chur 
air  a  deuchainn  às  ùr.  Thòisich  an  ceasnachadh 
a  rithisd — an  uair  so  an  talla  mòr  a'  chaisteil — agus 
mhair  e  o  dheireadh  a'  Mhàirt  gu  toiseach  a'  Chèitein. 
A  rithisd  fhreagair  Jeanne  gach  ceist  air  mhodh  a 
chur  gu  amhladh  na  breitheamhnan  a  b'  àirde  am 
foghlum  agus  na  seoltachd,  agus  a  thug  air  prìomh 
chlèireach  na  cùirte  sgrìobhadh  gu  minic  an  dèigh 
bhriathran  na  Maighdine — Responsio  Johannae  sup- 
erba.  Mu  dheireadh,  dhiult  i  an  còrr  a  ràdh,  agus 
chaidh  am  mòd  ma  sgaoil. 

V. 

Eadhoin  fhathasd,  cha  do  strìochd  cumhachdan 
Shasuinn,  agus  chaidh  teannadh  ri  ìnnleachdan  a 
dheilbh  air  son  dearbhaidhean  eile  chur  air  seas- 
mhachd  na  Maighdine.  An  àite-mhargaidh  chaidh 
sgàlan-losgaidh  a  thogail,  an  connadh  air  a  chàramh 
gu  sgoinneil,  deas,  ullamh  gu  dol  ri  bhuidealaich 
cho  luath  sa  gheibheadh  e  an  t-sradag.  Bha  àite 
na  h-ìobairt  air  a  dheagh  uidheamachadh.  Cò  a 
bha  ri  ìobradh  ?  Am  bi  Maighdean  mhaiseach 
nam  feartan  agus  nam  buadh  ?  Bha  mìltean  sluaigh 
cruinn,  air  an  tarruing  astair  fhada  às  an  dùthaich 
mu'n  cuairt.  'Nan  suidhe  air  cathraichean  àrda, 
le  cleocanna  àluinn  bha  na  breitheamhnan  gruamach, 
neo-bhàigheil  — dà  fhichead  sa  dhà  dhiubh.  Thàinig 
fosadh  air  a'  chuideachd  an  uair  a  chunnacas  a 
tighinn  air  aghaidh  an  carbad  cuglach  a  bha  giulan 
na  h-ighine  mhòdhair,  shìobhalt  a  dh'  fheumta  a 


64  An  Ròsarnach 

dhìteadh  a  dheoin  no  dh'  aindeoin.  Shearmonaich 
aon  de  na  pearsachan-eaglais  gu  snas-bhriathrach, 
fileanta.  Thug  e  rabhadh  do  Jeanne  mur 
h-aidicheadh  i  gur  ann  o  Shatan  a  bha  na ' '  guthannan ' ' 
a  bha  labhairt  rithe  gu'm  biodh  i  am  meinn  a  bhi 
air  a  losgadh  air  an  sgàlan  ud,  agus,  an  dèigh  a  bàis, 
nach  robh  leaba  feitheamh  oirre  ach  teine  ifrinn. 

Aig  deireadh  na  searmoin,  thòisich  an  ceasnach- 
adh.  Bha  Jeanne  an  àmhghar  agus  an  cruaidh-chàs. 
Bha  a  spiorad  air  a  shàruchadh  agus  air  a  chlaoidh. 
Bha  i  air  a  trèigsinn  leis  an  Righ,  leis  an  arm,  agus 
leis  an  t-sluagh  do'n  do  choisinn  i  fuasgladh  agus 
saorsa  o  chuing  na  nàmhuid.  Bha  i  a  rèir  coltais 
air  a  trèigsinn  le  cumhachdan  nam  flaitheas — leis 
na  h-aingil  agus  na  naoimh  do'm  b'àbhuist  tighinn 
chum  a  misneachaidh.  Cha  robh  sùil  ri  fhaicinn  a 
bha  gabhail  truais  dhi,  agus  cha  robh  làimh  sìnte 
chum  cobhair  a  dheanamh  oirre.  Bha  i  a'  saltairt 
an  amair-fhìona  'na  h-aonar,  agus  cha  b'ioghnadh 
a  h-anam  a  bhi  air  a  leagadh  a  sios  fo  dhìomhail 
misnich.  Bha  a  naimhdean  ag  iathadh  gu  dlùth 
ma  timchioll,  agus,  ged  a  shaor  i  daoine  eile,  i 
fèin  a  shaoradh  cha  b'urrainn  dhi.  B'ann  fo  a 
shamhuil  so  de  shuidheachadh  a  bha  eadhoin 
Slànuighear  an  domhain  air  a  cho-èigneachadh  gu 
èigheach  am  mach  agus  fharraid  le  mòr  dhoilgheas 
c'  uime  thrèigeadh  E. 

Am  b'  ioghnadh  gu'n  do  bhris  Jeanne  bhochd 
a  sìos  an  uair  a  theannadh  aon  uair  eile  ri  a  ceas- 
nachadh  ?  Thuirt  i  gu'n  robh  i  toileach  anns 
gach  nì  a  bhi  air  a  stiuradh  leis  an  Eaglais,  agus 
gu'n  cuireadh  i  uimpe  aodach  boireannaich   gun 


Jeanne  D'Arc  65 

tuille  dàlach.  Air  a'  bhonn  so  fhuair  i  às  le  a  beatha. 
B'i  a  bhinn  a  thugadh  am  mach  nach  robh  i  ri  a 
losgadh,  ach  ri  a  cumail  ri  'maireann  am  prìosan 
daingeann,  air  aran  agus  uisge. 

"A  mhuinntir  na  h-Eaglaise  {gens  d*Eglise),*' 
thuirt  i,  '*  thoiribh  mi  do  bhur  prìosan  fèin,  agus  na 
fàgaibh  mi  na's  faide  an  làmhan  nan  Sasunnach." 

Bha  dhìth  oirre  faighinn  air  falbh  o'n  t-slabh- 
raidh  iaruinn  agus  o  chomunn  piantach  a  luchd- 
coimhead.  Chaidh  ìnnseadh  dhi  gu'm  bu  nithean 
sin  nach  gabhadh  deanamh,  agus  gu'm  b'ann  an 
làmhan  nan  Sasunnach  a  dh'  fheumadh  i  fuireach. 

Chuir  i  uimpe  deise  boireannaich,  ach  cha  b' 
fhada  rinn  i  a  mealtainn.  Air  an  ath  latha  b' 
aithreach  leatha  gu'n  do  ghèill  i  do  luchd  a  geur- 
leanmhainn.  C'arson  a  rinn  i  an  nì  mì-cheutach 
so  gun  chead  iarraidh  no  fhaighinn  o  a  *'  guthannan ?  " 
Gun  dàil  thill  i  air  a  h-ais  dh'  ionnsuidh  na  culaidh 
a  bha  mar  fhiachaibh  oirre  chaitheamh  le  àithne 
nan  naomh  agus  nan  aingeal. 

Fhuair  na  Sasunnaich  so  am  mach.  An  còrr 
fathamais  cha  robh  ri  thoirt  dhi.  Air  an  30mh  de'n 
Chèitein,  1431,  chaidh  a  giulan  a  rithisd  do  mheadh- 
oin  na  sràide,  agus  bha  sluagh  anabarrach  mòr  an 
làthair.  An  uair  a  chunnaic  i  an  connadh  thàinig 
tiomadh  air  a  h-anam. 

"  Cha  deachaidh  mo  chorp  riamh  a  thruaiUeadh, 
ach  tha  e  an  diugh  ri  bhi  air  a  losgadh  gu  luaithre." 

Mar  so  dh'  èigh  Jeanne  bhochd  agus  a  corp  agus 
a  spiorad  a'  criothnachadh  agus  a'  fàillingeachadh. 

"  B'  fhearr  leam,"  thuirt  i  a  rithisd,  "  an  ceann 
a  bhi  air  a  chur  dhiom  seachd  uairean  na  bhi  aon 


66  An  Rdsarnach 

uair  air  mo  losgadh.  Tha  mi  a'  togail  mo  chùis 
gu  Dia  an  aghaidh  na  h-eucoir  a  th'air  a  deanamh 
orm." 

Chaidh  an  leus  a  chur  ris  a'  chonnadh,  agus,  an 
ùine  ghoirid,  bha  an  toit  dhòmhail,  dhubh  a'  dorch- 
achadh  an  adhair.  Dh'  iarr  i  crois  a  thoirt  am 
mach  às  an  eaglais  a  chum  is  gu'm  biodh  a  sùil  oirre 
mar  a  bhiodh  i  dol  gu  bàs.  Chaidh  so  a  dhiultadh 
dhi ;  ach  ghlac  aon  de  na  saighdearan  Sasunnach 
sgonn  de  shlait,  bhris  e  i  ri  a  ghlùn  na  dà  leth,  agus 
cheangail  e  an  dà  mhìr  gu  cabhagach  ri  chèile. 
Chaidh  a'  chrois  so  a  chumail  suas  ma  choinneamh 
na  caileige  mar  a  bha  na  lasraichean  'ga  cuartachadh. 
Chualas  i  gu  tric  a  gairm  air  losa ;  agus,  leis  an  ainm 
naomh  so  air  a  bilean,  thug  i  suas  a  spiorad.  Thuirt 
lain  Tressat,  fear-ionaid  Righ  Shasuinn — *'  Tha  sinn 
uile  caillte,  oir  loisg  sinn  ban-naomh  !  " 

Fhuair  na  Sasunnaich  an  toil,  agus  a  nis  dh' 
fhaodadh  am  feachdan  dol  air  an  aghaidh.  Cha 
robh  mòran  buaidh  leo  an  dèigh  a'  ghniomh  chiorr- 
amaich  ud ;  agus,  mar  a  dh'  ìnnseadh  roimh  làimh 
leis  a'  Mhaighdin,  chaidh  an  sgiursadh  gu  h-ealamh 
am  mach  às  an  Fhraing. 

An  ceann  fhichead  bUadhna,  chaidh  cùirt  ùr  a 
chur  air  bonn  air  son  fior  chUu  na  Maighdine  fhaighinn 
am  mach.  Cha  robh  buaidh  na  b'  fhaide  aig  na 
Sasunnaich  thairis  air  na  Frangaich,  agus  dh' 
fhaodadh  ciall,  ceartas  agus  onair  an  guthannan 
a  thogail.  Bha  cuid  de  na  breitheamhnan  marbh, 
ach  bha  mòran  dhiubh  fhathasd  air  mhaireann. 
Chaidh  gathan  de  sholus  dealrach  a  thilgeadh  air 
beatha  agus  giulan  Jeanne  o  a  breth  gu  a  bàs,  agus 


Jeanne  D'Arc  67 

cha  robh  ri  fhaicinn  ach  caomhalachd,  banalas, 
bàighealachd  agus  eireachdas.  Chaidh  a  chur  am 
mach  à  teagamh  gu'n  d'  fhuiUng  i  gu  neo-chiontach  ; 
agus,  a  bharrachd  air  a  beatha  bhi  ionraic,  gur  i  a 
bha  'na  meadhoin  air  an  Fhraing  a  theasairginn  o 
chumhachd  nan  Sasunnach.  Chaidh  a  h-ainm  agus 
a  cHu  a  ghlanadh  o  gach  sgleo  agus  smal,  ach  bha  e 
eu-comasach  am  marbh  a  thoirt  beo.  Chaidh  a 
bràthair  a  dheanamh  na  ridire,  agus  chaidh  a 
càirdean  fhiosrachadh  le  iomadh  meas  agus  urram. 
An  dèigh  Ar-am-mach  na  Frainge,  is  beag  gu'n  robh 
baile  anns  nach  deachaidh  carragh  a  chur  a  suas  mar 
chuimhneachan  air  a'  Mhaighdin. 

Thug  mi  seachad  am  briathran  aithghearr  eachd- 
raidh  iongantach  Jeanne  d'Arc.  Is  alladh  gun 
chliu  am  feasd  air  baile  Rouen  gu'm  b'ann  an  taobh 
a  staigh  de  a  bhallachan  a  chuireadh  i  gu  bàs.  Is  e 
an  t-ionad  san  robh  i  air  a  cumail  an  cuibhreach 
Gethsemane  na  Frainge,  agus  is  e  an  t-àite  san  do 
losgadh  i  Calbhari  na  h-àirde  n-iar.  Bidh  a  luchd- 
dìtidh  air  an  cumail  air  chuimhne  mhaireann  sa  cheart 
rathad  sam  bheil  Caiaphas,  Herod,  agus  Pilat. 

AONGHAS    MaC   EaNRUIG. 


Rob  Ruadh  Mac  Griogair. 

HA*N  eil  mi  cho  amaideach  is  gu'm  bheil 
mi  an  dùil,  ann  a  bhi  sgrìobhadh  nam 
briathran  so  mu  thimchioll  Roib  Ruaidh, 
gu'm  bheil  mi  a'  cur  clach  'na  chàrn. 
Cha  bhiodh  sin  ach  mar  gu'm  fàgadh 
faoileann  slige  ghuileig  air  muUach 
beinne.  Tha  'ainm,  mar  tha,  cho  dealrach ;  a 
ghnìomharra  cho  iomraideach ;  a  chliù  cho  sgaoilte  is 
nach  dean  moladh  a  thogail  suas,  no  càineadh 
a  leagail  sìos. 

Is  e  a  b'àill  leam,  math  ri  m'  chomh-luchd-turuis, 
ar  n-anail  a  ghabhail  car  mionaid  ri  taobh  an  ròid 
gu  bhi  g'abhail  sonas  'na  àileachd,  ionadh  'na  threun- 
achd,  misneach  'na  bhuaidh. 

'*  Labhraidh  na  marbh."  'S  e  so  a  tha  Rob 
Ruadh  'na  bheatha  ag  ràdh  :  '*  Is  iad  àmhgar, 
cruaidh-ghleac,  ìobairt,  rongaisean  an  fhàraidh  air 
an  èirich  'anam  gu  glòir." 

Am  measg  nan  daoine  mòra  a  thug  glòir  do 
Albainn  tha  dà  Rob — aig  na  Goill,  Rob  Burns,  am 
bàrd;  aig  na  Gàidheil  Rob  Ruadh,  an  curaidh. 
Agus  cha'n  ann  air  son  gu'm  bheil  e  air  dheireadh  air 
ann  am  mòrachd  a  tha  cuimhne  Roib  Ruaidh  air 
a  leigeil  bàn,  am  feadh  a  tha  cuimhne  Roib  Burns 
air  a  chumail  uaine ;  ach  do  bhrìgh  gur  ann  am  facal 
a  bha  Rob  Bums  mòr,  am  feadh  is  ann  an  gniomh 
a  bha  Rob  Ruadh  mòr.  Tha  fios  aig  an  t-saoghal 
nach  eil  uiread  oilbheum  ri  fhaotainn  ann  an  gèiread 


*^ 


^%; 


ROB    RUADH    MAC    GRIOGAIR 


Rob  Ruadh  Mac  Griogair  69 

facail  agus  tha  ri  fhaotainn  ann  an  cudrom  gnìomh. 
Bithidh  Maois  sàbhailte  gu  leòir  cho  fada  's  nach 
dean  e  ach  labhairt  an  aghaidh  an  droch  mhaoir 
Eiphitich  ;  ach  an  uair  a  mharbhas  se  e,  agus  a 
dh'  fhalaicheas  e  a  choluinn  's  a'  ghainmhich  thèid 
a  bhrath  do'n  tigheama  leis  an  Israeleach  a  shaor  e, 
agus  feumaidh  e  teicheadh  le  bheatha  do'n  fhàsaich. 

Ann  a  bhi  labhairt  air  Rob  Ruadh,  buinidh  dha 
samhladh  mòr.  Air  an  aobhar  sin,  gabhaidh  sinn 
a'  bheinn  a  dhealraicheas  a'  ghrian  air  a  h-aghaidh, 
am  feadh  a  bhitheas  na  slèibhtean  mu'n  cuairt  air 
an  slugadh  suas  's  a'  cheò  luasgaich. 

Ann  am  mòrachd  stèidh  na  beinne  sin  feuch 
mòrachd  an  dream  o'n  d'èirich  ar  curaidh.  Troimh 
na  linntean  cèin  gun  àireamh  tha'n  cinneadh  do'm 
buineadh  e  air  am  faotainn  cruaidh,  falain,  treun 
mar  a'  chraobh-ghuthais  is  suaicheantas  dhaibh, 
a  dh'  aindeoin  stoirm,  foimeart,  beum-slèibhte  mol- 
achaidh,  tuil  làmhchas-làidir,  is  tric  a  thàinig  orra, 
agus,  le  còir  a'  chlaidheamh,  an  aghaidh  sgrios  nam 
banna-sgrìobhta  rìoghail,  a'  gleidheil  an  oidhreachd, 
mar  fhuair  siad  i  o'n  athraichean,  a  chum  is  gu'm 
biodh  an  shochd  beò  's  an  tìr.  *'  Cnuic  is  sluic  is 
Arthuraich,  ach  c'àit'  an  d'fhàg  thu  Alpainich." 
Cha'n  eil  e  air  iarraidh  oimn  ar  sinnsearachd  a 
thaghadh  ;  ach  tha  e  am  fiachaibh  oirnn  a  bhi 
dlleas  do  chhù  ar  n-athraichean,  agus  a  bhi  leanail 
dlùth  'nan  ceum.  'Nar  cùrsa  's  a'  bheatha  so,  bith- 
eadh  e  air  aithneachadh  oimn  gur  iad  na  Gàidheil 
thrèin  air  nach  cuireadh  nàmhaid  cuing,  nach 
trèigeadh  caraid,  a  bha  riamh  misneachail  ann  an 
cmadail,  seirceil  ann  an  là  na  buaidh,  dhilis,  chaoin, 
ar  n-athraichean. 


70  An  Ròsarnach 

Mar  aois  na  beinne,  tha  maireanachd  cliù  Roib 
Ruaidh.  Nuair  a  bha  e  beò  air  thalamh,  cha  do 
shaoil  a  chompanaich  mòran  dheth.  Tha  aobhar 
math  air  a  shon  sin.  Ann  a  bhi  dlùth  dha  bha 
iad  a'  faicinn  a  lochdan,  a  bha  mòr  agus  lìonmhor 
gu  leòir,  'nan  uile  shoiUeireachd  gach  là,  a'  milleadh 
glòir  a  mhaith.  Nuair  a  tha  sinn  dlùth  do'n  bheinn, 
chì  sinn  na  creagan  cruaidh  agus  na  slochdan  domh- 
ain  a'  cur  droch  shealladh  oirre  ;  ach  nuair  a  tha  i 
fada  bhuainn  tha  iad  sin  air  an  slugadh  suas  ann 
an  glòir  a'  phurpuir  anns  am  bi  i  a'  dealradh.  Is 
ann  fada  uaipe,  is  cha'n  ann  dlùth  dhith,  a  chì  thu 
dè  cho  àrd  's  a  tha  a'  bheinn. 

Is  i  a'  bheinn  dà  chuid  a  bheir  fasgadh  air  thalamh, 
agus  beannachadh  o  nèamh.  "  Togaidh  mi  mo 
shùilean  chum  nam  beann  o'n  tig  mo  chobhair.*' 
Ann  am  meadhon  fàsaich  Shahara  bheireadh  aon 
bheinn  air  tìr  uaine  èirigh  suas  mu  timchioll.  Air 
na  Gàidheil,  cha  d'  thàinig  là  riamh  is  motha  mhaoidh 
air  an  cur  à  bith  na  là  Roib  Ruaidh  ;  agus,  ged  is 
beag  taing  a  tha  aige  air  a  shon,  cha  robh  duine 
riamh  ann  is  motha  bha  'na  bhalla-dìon  na  esan. 

Cha'n  eil  na  siantan  a'  miUeadh  dreach  na  beinne  ; 
is  ann  a  tha  iad  a'  meudachadh  a  h-àilleachd.  Na 
sgoran  geur  tha  iad  a'  grinneachadh.  A'  mhòin- 
teach  dhubh,  an  talamh  dearg,  an  sgàmach  bhreachd — 
seadh  a'  bheinn  gu  lèir — tha  iad  ag  èideadh  le  trusgan 
air  a  lasadh  le  goirm  is  geal,  le  buidhe  is  uaine  cho 
òirdheirc  is  nach  fhaod  e  bhi  air  a  shamhlachadh 
air  aodach-cainbe  leis  an  tì  is  grinne  làmh.  Am 
fasgadh  an  t-sneachd  a  chrùnas  i,  mar  neamhnaidean 
's  a'  choron  rìoghail,  gheibh  thu  dìdheanan  grinn  an 


Rob  Ruadh  Mac  Griogair  71 

earraich  a*  sealltuinn  am  mach  air  an  t-saoghal  le 
sùil  cho  gàireach  thoiUichte  's  a  gheibh  thu  anns  a' 
ghleann  is  fasgaiche  's  an  tìr.  Na's  mò  na  sin  cha 
do  dhrùidh  na  h-euceartan  a  dh'  fhulaing  Rob 
Ruadh  air,  no  na  còmhragan  's  an  do  ghabh  e  pàirt 
gu'n  tilleadh,  gu  bhi  g'a  dhèanamh  'na  dhuine 
crosda,  gulmach,  dùr.  Is  ann  a  bhris  iad  a  sìos 
e  gu  bhi  'na  dhuine  simplidh,  ciùin,  caoimhneil. 
Cha  robh  e  na  bu  teinne  air  fear  na  fòimeart  gu 
luigheachd  iomchuidh  a  thoirt  dha,  na  bha  e  caoin 
ris  an  dìobrach,  aig  gach  àm,  a'  deànamh  na  bha 
'na  chomas  air  son  na  bantraich,  agus  an  dìlleachdan 
a  chuideachadh  'nan  èiginn. 

A  rèir  a  sholuis,  a  neirt,  agus  a  chothruim,  bha 
Rob  Ruadh  'na  là  aig  gach  àm  air  fhaotainn  dìleas, 
seasmhach,  cruaidh  ;  agus  is  e  ar  cuid-ne  a  nis  'nar 
là  fèin,  le  uile  dhìchioll  ar  dà  làimhe,  a  bhi  cur  air 
aghaidh  na  h-oibre  a  chaidh  a  chur  am  mach  dhuinn. 

Ann  am  shùilean-sa,  cha'n  eil  nì  air  bith  's  an 
t-saoghal  so  cho  mìorbhuileach  ri  fuar-chràbhadh 
coitcheann  na  tìre  so.  A  rèir  a'  chreidimh  so, 
tha  e  'na  nì  diadhaidh  dhuit  do  chòir  a  thagradh 
air  nèamh,  ach  'na  nì  aingidh  a  leigeil  ort  gu'm 
bheil  thu  a'  faicinn  an  talaimh  idir. 

"  Nach  ann  agaibh  tha  am  bàrr  math  am  bliadh- 
na  ?  "  thuit  mi  ri  croiteir  là. 

"  B'  fheàrr  leam,"  fhreagair  e,  *'  nach  robh  e 
cho    math." 

"  Carson  sin  ?  " 

"  Tha  e  toirt  m*  aire  còrr  uair  thar  an  leabhair." 

Is  aoibhneach  leam  a  bhi  fòghlum  gu'n  do  sheas 
ar  curaidh  gus  a  chrìch,  agus  gur  ann  mar  so  a  bha, 


72  An  Rdsarnach 


DoL  Seachad  Roib  Ruaidh. 

Air  leabaidh  a*  bhàis  bha 

Gu  sàmhach  Rob  Ruadh, 
'S  le  cridheachan  cràiteach 

Shuidh  'chairdean  mu'n  cuairt, 
A  steach  orr'  do'n  fhàrdaich 

Gu  fàilidh,  gun  fhuaim, 
Giir  òg  nuair  a  thàinig 

'S  e  'g  ràdhtuinn  nan  cluais: 

**  MacLabhrainn  thug  òrdadh 

Dhomh  fheòraich  am  bì 
Mac  Griogair  'toirt  còir  dha 

Tigh'nn  fòs  ann  an  sìth, 
Gun  chuimhne  na's  mò  bhi 

Air  dòmhlas  na  strì 
A  bh'  aca  gu  leòmh'nta 

Dol  còmhladh  's  an  t-slìgh'." 

Deir  Rob  :    ''  Faighibh  m'  èideadh," 

'S  e  'g  èirigh  le  spàirn, 
"  Mo  bhreacan  is  m'  fhèile, 

'S  ri  m'  shlèisd  biodh  an  t-arm  ; 
An  nàmhaid  a  lèir  mi 

Le  h-euceart  a  ghnà 
Gu  m'  fhaicinn  am  shlèitrich 

Cha'n  fheum  bhi  gu  bràth." 


Rob  Ruadh  Mac  Griogair  73 

Gach  nì  mar  a  dh'  iarr  e 

Bha  dèanta  's  an  uair, 
'S  MacLabhrainn  chaidh  fhiachadh 

Am  fianuis  Roib  Ruaidh  ; 
Ach  feuch  mar  an  t-iarunn 

An  iargain  bha  cruaidh, 
*S  a  dh'  aindeoin  deadh  bhriathran 

lad  riarach'  cha  d'fhuair  : 

"  A  Ghriogaraich  ghràdhaich, 

Ged  bha  sinn  'nar  rè 
Ri  agaidh  nam  blàraibh 

A  ghnà  'n  aghaidh  'chèil' 
An  diugh  ghabh  mi  dhànachd 

Tigh'nn  làmh  riut  chur  seul 
Air  sìorr'eachd  ar  càirdeis 

O'r  'n  àit'  sinn  mu'n  tèid." 

"  MhicLabhrainn,  mo  mhùimean, 

Air  chùl  biodh  gu  bràth 
Gach  aimhreit  is  tnù   bha 

'Nar  cùrsa  'g  ar  cràdh, 
'S  'nan  àite  deadh  rùintean, 

As  ùr  dhuinn  gu'm  fàs 
Gu  dearbhadh  mo  dhùrachd 

Cha  diùlt  mi  mo  làmh/* 

MacLabhrainn  do  thriall  e 

Trom,  cianail,  gu  leoir, 
Le  mhuilcinn  's  e  siabadh 

O  fhiasaig  na  deòir  ; 


74  An  Ròsarnach 

B  *e  fìor  chuir  am  fiachadh 
Gu'n  dèanamh  aon  stoirm 

A  chraobh  thoirt  o  fhriamhan 
'Rinn  bliadhnachan  mòr. 

"Am  filidh,"  Rob  Ruadh  thuirt, 

'*  Bheir  nuall  air  a'  phiob, 
Toirt  dhuinn  a'  phuirt  uaibhreach, 

Mar  fhuair  e — '  Cha  till, 
Cha  till  mi  o'n  chuairt  so 

La  tuasaid  no  sìth' — 
Is  m'  anam  bith'  gluasad 

Gu  suaimhneas  gun  chrìch." 

Am  port  thogt'  an  àird  dha 

Gu  tlàth-theirmeach,  grinn — 
*'  Le  buaidh  o  na  blàraibh 

Gu  bràth  cha  tig  mi " — 
'S  am  builsgean  a'  mhànrain 

Bho  àit*  ann  an  tim, 
Ghabh  spiorad  an  àrmuinn 

Gu  Pàrras  a  shlìgh'. 

*S  e  sud  mar  a  chriochnaich 

Gu  sitheil  an  sàr 
A  chùrs'  'bhi  's  'na  mhiorbhuil 

*S  an  tir  so  gu  bràth ; 
A  shaorar  's  a  dhitear, 

'Gheibh  mi-run  is  gràdh, 
Ach  glòir  do  nach  diobair 

Na  rioghalachd  stàid. 


Rob  Ruadh  Mac  Griogair  75 

Air  lic  ainm  is  aois-san 

Be'n  fhaoineis  bhi  geàrrt' ; 
Càm-cuimhne  gun  chlaochladh 

Beinn  Laomainn  ni  dha, 
Gim  sgriobhadh  na  h-aonaich 

Tha  daonan  ag  ràdh — 
"  Rob  Ruadh  chaith  a  shaoghal 

Le  dhaoine  fo  m'  sgàil'." 

Neo-choireach  an  treun  bhi 

Mo  shèisd-sa  cha  luaidh  ; 
Ach,  feuch  !    mar  ghath-grèin'  air 

Na  slèibhtean  'cur  snuadh, 
Tha'n  caoimhneas  do'n  èigneach, 

E  fèin  'nochd  gach  uair, 
A'  dèanamh  dhuinn  èibhinn 

Gur  Cèilteach  Rob  Ruadh. 

DOMHNULL   MacCaLUIM. 


Dàn-Cluiche  Cìnneachail  Gailig. 

u  mhiann  leam  an  seadh  is  farsuinge 
a  thoirt  do  na  facail  "  Dàn-Cluiche 
Cinneachail."  Cha'n  eil  mi  a'  cleachd- 
adh  nam  briathran  a  thaobh  dàin- 
chluiche  a  tha  a  deanamh  sgeòil  air 
earann  bheag  a  mhàin  de  eachdraidh 
cinnich.  Ni  mò  tha  mi  a  ciallachadh  tighean- 
cluiche  air  an  cumail  suas  air  chosguis  na  stàta. 
Ach  is  e  an  seadh  a  bheirinn  do  na  facail,  meur 
de  litreachas  a  ghabhas  cur  an  riochd,  agus  a  tha 
aig  an  àm  cheudna  a  deanamh  ath-aithris  eagnuidh 
air  gach  cor  agus  priomh-chleachdadh  ann  an 
eachdraidh  nan  Gàidheal.  Is  ann  de'n  cheart 
ghnè  so  a  bha  dàn-chluiche  na  Grèige  bho  shean. 
Chaidh  solus  ùr  a  chur  air  na  h-ursgeulan  aosmhor 
le  luchd-dealbh  nan  dàn-chluiche — le  Aeschylus, 
Sophocles,  agus  Euripides.  Fo  làimh  nan  ughdaran 
ainmeil  sin  thugadh  beatha  nuadh  do  bheul-aithris 
nan  Grèugach.  An  tlachd  a  bha  aig  na  diathan 
ann  an  sluagh  agus  fearann  na  Grèige ;  cliù  nan 
gaisgeach  air  bilean  nam  bàrd  ;  eachdraidh  nan 
tighean  rioghail  a  bha  'g  an  sloinneadh  fèin  air 
cumhachdan  a  b'  àirde  n'  an  cinneadh-daonnda — 
is  ann  bho  chuspairean  mar  iad  sin  a  fhuair  muinntir 
na  h-Aithne  fearachadh  air  beatha  chinneadail  aig 
an  robh  a  sinnsireachd  cian  nan  cian  air  ais  roimh 
thoiseach  eachdraidh. 

Anns  an  t-seadh  fharsuing  so,  cha'n  eil  cluich- 


Dàn-Cluiche  Cinneachail  Gailig  77 

dhàn  Shasuinn  de'n  ghnè  chinneachail.  Tha  luchd- 
àitichidh  Shasuinn  an  diugh  air  an  tamiing  bho 
iomadh  treubh  ;  agus  cha  d'thug  a*  mhòr-chuid 
de'n  t-sluagh  aire  shònruichte  do'n  bheul-aithris 
aig  treubh  dhiu  sin  seach  a  chèile.  Is  e  Beowulf 
*n  a  aonar  an  aon  dàn  a  tha  a  nis  air  sgialthaobh  de 
fhior  sheann  Utreachas  nan  Sasunnach.  Gidheadh 
cha  b'ann  le  beul-aithris,  ach  le  sgrìobhadh  a  chaidh 
a  chumail  air  chuimhne.  Agus  cha  d'  rinneadh 
feum  dheth  ann  an  cluich-dhàin  Shasuinn.  Tha 
sin  a  nochdadh  nach  eil  cluich-dhàin  Shasuinn  a' 
gabhail  suim  de  sheann  eachdraidh  na  dùthcha. 
Mar  thoradh  air  an  dearmad  sin,  tha  cUù  nan  linnt- 
ean  gaisgeil  a  dol  bàs ;  tha  ursgeulan  agus  bàrd- 
dachd  na  seann  aimsir  a'  dol  air  dìchuimhe  ;  agus 
tha  an  sluagh  miosgaichte  a'  call  èud  agus  iomradh 
a  thaobh  gach  nì  a  bha  ionmholta  'n  an  sinnsir. 
Chithear  an  dearmad  so  gu  soiUeir  anns  na  dàin- 
chluiche  Beurla  a  chaidh  a  sgriobhadh  ri  Unn  Ban- 
righinn  Ealasaid.  An  uair  a  bhiodh  na  h-ùghdaran 
foghainteach  a  bha  beò  's  an  latha  sin  a*  sireadh 
cuspair  an  taobh  a  mach  de'n  ginealach  fèin,  thagh- 
adh  iad  ni-èigin  a  bhuineadh  do  na  Linntean  Meadh- 
onach,  ar  neo  bhiodh  iad  air  an  treòrachadh  air 
ais,  fo  bhuaidh  ath-bheothachadh  an  fhoghluim,  gu 
fiosrachadh  nan  Ròmanach  agus  nan  Grèugach. 
An  dà  dhàn-cluiche,  Lear  agus  Cymbeline,  a  tha  a 
mhàin  air  an  dealbh  air  sean  ursgeulan  nan  eilean 
so  fèin,  tha  iad  air  an  tarruing,  cha'n  ann  bho 
eachdraidh  nan  Sasunnach,  ach  bho  eachdraidh 
nan  Cuimreach.  Agus  ma  bha  na  h-ursgeulan 
Cuimreach  sin  freagarrach  gu  bhi  air  an  suidheachadh 


78  An  Rdsarnach 

ann  an  cruth  dàn-cluiche,  carson  nach  biodh  na  seann 
sgeulachdan  Gàidhealach,  an  Eirinn  agus  an  Alba, 
a  cheart  cho  iomasglach  anns  an  t-seadh  so  ri  ur- 
sgeulan  nan  Cuimreach  ?  Tha  na  h-uile  coltas  gu 
bheil  iomradh  Chuchulainn  agus  ghaisgich  na  Crao- 
ibhe  Ruaidhe  dluth  air  dà  mhile  bUadhna  dh'  aois. 
Faodaidh  an  Gàidheal  da  rìreadh  a  bhi  taingeil  gu 
bheil  eachdraidh  a  shinnsir  air  a  cumail  air  chuimhne 
bhuan  le  beul-aithris  nan  ginealach. 

Ach  cia  mar  a  bheirear  an  Utreachas  a  tha  toirt 
cunntas  mu  na  linntean  gaisgeil  sin  gu  bhi  a  chum 
ùrachadh  do  mhuinntir  an  latha  'n  diugh  ?  An 
deanar  sin  le  bhi  beachdachadh  air  cuibhrionn 
de'n  t-sean  bhàrdachd  a  mhàin  ?  An  deanar  e 
le  bhi  a'  sònruchadh  earrannan  a  tha  ro-bhinn  agus 
maiseach  ?  Cha  deanar  !  Cha'n  eil  rainn  thaghta 
de*n  t-sean  bhàrdachd  ach  mar  neamhnuidean 
a  tha  toirt  eàrlas  air  luach  an  ionmhais  litreachail. 
Ni  mò  a  bheirear  beachd  cothromach  air  luach  an 
ionmhais  le  sgeulachd  air  a  h-innse  no  air  a  sgriobhadh 
anns  an  dòigh  choitchionn.  Cha'n  eil  modh  na 
sgeulachd  èifeachdach  gu  leòr,  oir  tha  e  'buntainn 
ris  a'  chluais  a  mhàin.  A  chum  gu'm  bi  aire  a' 
Ghàidhil  air  a  glacadh  cha'n  uilear  gu'm  bi  a  shùil 
air  a  cleachdadh  cho  math  ri  'chluais.  Cha'n  uilear 
gu'm  bi  macmeanmna  air  a  bheothachadh  le  riochd 
nan  ginealach  a  chaidh  seachad  ;  le  dealbh  cleachd- 
aidhean  nan  sinnsir  air  a  cur  gu  Utireil  an  gniomh 
fa  chomhair  nan  sùl.  Agus  a  chum  na  crìche 
shònruichte  so,  cha'n  eil  meadhon  is  freagarraiche 
na  an  dàn-cluiche  GàiUg.  Chuireadh  am  meadhon 
so  gu  h-eagnuidh  an  cèiU  maraon  cruth  nan  sean 


Dàn'Cluiche  Cinneachail  Gailig  79 

ghinealach  do'n  t-sùil,  agus  beartas  an  t-seann 
litreachais  do'n  chluais.  Bhiodh  buaidh  agus 
beatha  as  ùr  air  am  buileachadh  air  na  seann  sgeòil ; 
gheibhte  eunntas  ceart  air  na  rinn  ar  n-athraichean 
anns  an  àm  a  chaidh  seachad  ;  agus  bheirte  beachd 
misneachail  air  na  dh'  fhaodamaid  a  dheanamh 
anns  na  bhadhnaichean  ri  teachd.  Ann  a  bhi 
'beothachadh  na  cuimhne  chinneachail  bhithte  aig 
a'  cheart  àm  a'  dùsgadh  dòchas  cinneachail  mar  an 
ceudna. 

Faodar  aideachadh  nach  biodh  dàn-chluiche 
cinneachail  a  chum  buannachd  shaoghalta  do'n 
Ghàidheal.  Cha  chuireadh  sud  òr  no  airgiod  'na 
char.  Ciod  e,  mata,  am  feum  a  dheanadh  an  nì 
so  dha  ?  Is  e  am  feum  sònruichte  a  dheanadh  so 
dha,  gu'm  biodh  a  leithid  so  de  nì  'na  mheadhon 
air  a  dhion  bho  dhà  chunnart  a  tha  gu  mòr  a'  bagairt 
air.  Is  e  a'  cheud  chunnart  diu  sin  gu  bheil  e 
buailteach  air  e  fèin  a  chall,  agus  a  bhi  air  a  shlugadh 
suas  am  measg  chinneadh  eile.  Ann  a  bhi  a  dear- 
mad  a  chànain  mhàtharail  tha  e  maille  ri  sin  a  dear- 
mad  "  na  carraig  bho  'n  do  bhuinneadh  e."  Is  e 
an  nì  is  riatanaiche  do'n  Ghàidheal  an  diugh  gu'm 
biodh  e  an  còmhnuidh  a'  cumail  air  chuimhne  spiorad 
a  shluaigh  fèin,  air  eagal  mu'n  caiU  e  a  chòir-bhreith. 
Cia  dìblidh,  tàireil,  an  neach  sin  a  chaiU  a  mheas 
air  spiorad  a  shinnsir  !  Cha  Ghàidheal  e,  agus  cha 
Ghall  e.  Agus  cha  ghabh  Sasunnach  duineil  ris 
mar  Shasunnach.  Their  a  leithid  sin  de  neach 
gur  e  an  saoghal  mòr  a  dhùthaich,  agus  an  cinneadh- 
daonnda  air  fad  a  shluagh.  Ach  is  tearc  a  rinn  a 
leithid  sin  de  neach  mòran  feuma  riamh  d'a  mhuinntir 


80  An  Ròsarnach 

no  d'a  dhùthaich.  Tha  crìoch  nàdurrach  air  a 
tarruing  eadar  cinneach  is  cinneach.  Chithir  an 
t-eadar-sgaradh  ann  an  cainnt,  an  cleachdadh,  agus 
an  litreachas.  Agus  anns  an  t-seadh  so  tha  an 
Gàidheal  eadar-dhealaichte  bho  gach  muinntir  eile. 
Cha'n  eil  mi  idir  a,'  dol  cho  f  ada  is  gu'n  canainn  gu'm 
bu  chòr  an  t-eadar-dhealachadh  mòr  so  a  bhi  'seasamh 
ann  an  gnothuichean  riaghlaidh  siobhalta ;  ach 
tha  e  iomchaidh  aig  an  àm  cheudna  gu'm  biodh  an 
Gàidheal  a'  cumail  greim  daingean  air  na  nithibh 
is  luachmhoire  ann  an  nàdur  a  mhuinntir.  Agus  is 
e  am  feum  sònruichte  a  dheanadh  dàn-chluiche 
Gàilig — a  bhi  'cur  gu  riochdail  an  gniomh  fa  chomhair 
a  shùl  nam  feartan  agus  nan  subhailcean  a  bhuinneadh 
d'  a  shinnsir. 

Is  e  an  dara  cunnart  a  tha  bagairt  air  a'  Ghàidheal 
— gu  bheil  e  so-aomta  gu  bhi  call  neart  agus  fior- 
ghlaine  a  mhacmeanmna.  Is  e  an  t-aobhar,  gu  bheil 
e  mar  is  trice  air  a  chuartachadh  le  strì  agus  ùpraid 
an  tòir  air  saoibhreas.  A  latha  agus  a  dh'  'oidhche 
is  gann  gu  bheil  nì  is  ionmholta  a'  tighinn  gu  a  shùil 
agus  gu  a  chluais  na  malairt  agus  buannachd  aim- 
sireil.  Tha  na  nithibh  sin,  mar  is  math  tha  fios 
againn  uile,  glè  fheumail  'n  an  àite  fèin.  Ged  a 
tha  iad  an  còmhnuidh  'nam  buaireadh  anns  gach 
suidheachadh,  gidheadh  tha  iad  'n  am  buaireadh  agus 
'n  an  cunnart  comharraichte  do'n  Ghàidheal.  Tha 
sin  mar  sin  a  thaobh  a'  chor  anns  am  bheil  e  'g  a 
fhaotainn  fèin  an  diugh.  An  uair  a  tha  an  Gàidheal 
ag  ionnsachadh  foghluim  agus  iomadh  ni  prìseil 
bho  mhuinntir  eile,  is  e  a'  bhochduinn  gu  bheil  e 
aig  a'  cheart  àm  a  call  a  ghreim  agus  a  mheas  air  na 


Dàn-Cluiche  Cinneachail  Gailig  81 

nithibh  is  gUce  agus  is  prìseile  a  bhuinneadh  d'  a 
mhuinntir  fèin.  Nochdaidh  mi  ciod  e  tha  mi  a' 
ciallachadh  le  bhi  a  beachdachadh  air  eisimpleir 
a  tha  tuilleadh  is  cumanta.  Seallamaid  air  òganach 
a  chaidh  a  bhreith  is  àrach  ann  an  ceàm  anns  am 
bheil  fathast  an  t-sean  chainnt  air  a  labhairt, 
agus  na  sean  chleachdaidhean  air  an  cumail  suas. 
Gabhaidh  an  t-òganach  a  thurus  gu  Galldachd,  agus 
cha'n  fhada  gus  an  tog  e  dòighean  a'  bhaile-mhòir. 
Tha  e  measgachadh  leis  a'  chomunn,  agus  a  fàs 
eòlach  air  na  gnàthan  ùra  a  tha  tachairt  air.  Ann 
an  ùine  gun  a  bhi  fada  bidh  e  cho  foghainteach, 
seòlta  ris  gach  dala  fear  ann  an  comh-dheuchainn 
na  beatha  so.  Tha  gnothuichean  saoghalta  a' 
dol  leis  gu  math,  agus  is  aobhar  uaiU  d'a  chàirdean 
gu  bheil  e  cho  soirbheachail.  Ach  mo  thruaighe, 
is  ro  choltach  gu  bheil  beud  agus  call  ag  èirigh  dha 
fèin  aig  an  àm  cheudna.  Tha  e  'call,  a  chuid  's  a 
chuid,  nam  faireachdaidhean  tiorail  agus  am  mac- 
meanmna  beothsdl  a  bha  buailteach  dha  ann  an 
làithean  'òige.  Aig  toiseach  a  thurais,  bha  e  cleachd- 
ta  ri  bhi  cluinntinn  nan  sgeulachd  agus  na  bàrdachd 
a  thàinig  a  nuas  le  beul-aithris  nan  ginealach.  Tha 
fios  gu  math  gu  bheil  buaidh  air  leth  aig  na  nithibh 
sin  gu  bhi  foghlum  nam  faireachdaidhean  agus  am 
macmeanmna.  Ach  a  nis,  air  do'n  òganach  so 
fàs  'na  dhuine  anns  a'  bhaile-mhòr,  tha  na  h-uile 
coltas  gu'n  do  leig  e  na  nithibh  sin  air  dìchuimhne. 
Tha  beàma  mhòr  eadar  an  cor  anns  am  bheil  e 
nis  agus  an  cor  anns  an  robh  e  uaireigin.  Tha  sin 
fìor  a  thaobh  obair  cinn  agus  obair  làimhe.  Ach 
tha  e  mar  an  ceudna  fìor  a  thaobh  na  nithibh  anns 


82  An  Rdsarnach 

am  bheil  e  faotainn  fuasglaidh  agus  toil-inntinn 
bho  a  shaothair.  Tha  an  fhearas-chuideachda  anns 
am  bheil  e  a  nis  a'  gabhail  tlachd  gu  tur  eadar- 
dhealaichte  'n  a  gnè  bho  'n  cheòl-gàire  a  bheireadh 
subhachas  dha  an  tùs  'òige.  Tha  beatha  an  duine 
so  uime  sin  air  a  roinn  'na  dà  earrainn — a'  cheud 
chuid  dhith  air  a  cumadh  fo  bhuaidh  na  Gàidheal- 
tachd,  agus  a'  chuid  eile  fo  riaghladh  spiorad  a' 
GhoiU.  Is  ann  aig  a  leithid  sin  a  dh'  uair  a  bhiodh 
dàn-chluiche  Gàihg  a  chum  cuideachadh  agus  ùrach- 
adh  dha.  Bheirte  air  an  ais  gu  a  chuimhne  làithean 
'òige  le  'n  uile  ghreadhnachas  ;  bhiodh  a  chridhe  air 
a  cheangal  as  ùr  r'a  dhùthaich  fèin ;  agus  bhiodh 
fhaireachdaidhean  agus  a  mhacmeanmna  air  an 
cumail  gun  bheud  am  measg  malairt  is  còmhstri 
a'  bhaile-mhòir. 

Mhothaich  cuid  de  sgriobhaichean  glice  gu  bheil 
air  uairibh  adhart  iongantach  a'  tighinn  air  litreachas 
cinnich  a  thàinig  troimh  dheuchainn  cogaidh.  Is 
ann  mar  sin  a  thachair  anns  a'  Ghrèug  an  dèidh 
a'  chogaidh  an  aghaidh  na  Peairse,  agus  ann  an 
Sasuinn  an  dèigh  a  gleachd  ris  an  Spàinn.  A  rèir 
an  eisimpleir  cheudna  is  coltach  gu'n  tig  iomadh 
atharrachadh  air  litreachas  nan  dùthchannan  Eòrpach 
a  tha  an  diugh  a,'  cur  an  cèiU  an  uile  neart  ri  uchd 
catha.  Anns  an  rioghachd  so  fèin  chithear  a  cheana 
gu  bheil  fèin-aicheadh,  agus  iomadh  subhailc  eile 
'g  an  nochdadh  fèin  as  ùr  mar  thoradh  air  na  h- 
àmghairean  gus  am  bheil  an  sluagh  air  an  gairm. 
Is  dualach  mar  an  ceudna  gu'm  faicear  cuid  de  na 
subhailcean  sin  'gan  deanamh  aithnichte  air  mhodh 
nuadh  anns  na  litreachais  Eòrpach.      Chithear  gun 


Dàn-Cluiche  Cinneachail  Gailig  83 

teagamh  an  caochladh  so  anns  an  dàn-chluiche  mar 
anns  gach  meur  eile  de  litreachas.  Dh'  fhaodte 
uime  sin  dàn-cluiche  GàiHg  a  mhisneachadh  anns  an 
linn  ùir  a  tha  dlùth  air  làimh — linn  anns  am  bidh 
(tha  sinn  'an  dòchas)  gnàthan  agus  beusan  air  an 
àrdachadh  an  dèidh  gach  trioblaid  troimh  an  d' 
thàinig  an  shiagh.  Air  an  latha  'n  diugh,  an  uair 
a  tha  beatha  agus  inntleachd  na  Roinn  Eòrpa  a 
caochladh  air  dhòigh  nach  fhacas  riamh  a  comharta, 
tha  cothrom  ùr  aig  a'  Ghàidheal  gu  bhi  'taisbeanadh 
nam  buadhan  inntinn  is  spioraid  a  tha  cho  dualach 
dha.  Ann  an  ùine  ghoirid,  bidh  tuigse  agus  aig- 
nidhean  an  t-sluaigh  deas  gu  bhi  deanamh  greim 
air  nìthean  annasach  ris  nach  robh  iad  cleachdta. 
Is  e  sin  an  cothrom  a  bu  chòr  a  ghlacadh  gu  bhi 
cur  fo  chomhair  a'  Ghàidhil  nan  smuaintean  agus  nan 
iarratus  a  bha  uaireigin  cho  beò,  blàth,  ann  an 
uchd  a  shinnsir.  Tha  aon  ni  cinnteach — gu  bheil 
a'  bhreug  agus  an  fhoill  an  diugh  air  fàs  cho  suarach, 
neo-mheasail  agus  gu'm  feumar  luach  as  ùr  a  chur 
air  bòid  agus  briathar.  Ri  Unn  ar  sinnsir  b'  àbhaist 
do  fhacal  gaisgich  a  bhi  cho  urramach,  seasmhach, 
ris  a'  ghaisgeach  fèin.  Agus  is  ann  mar  sin  a  dh' 
fheumas  a  bhi  anns  an  àm  ri  teachd,  ma  tha  onair  a' 
dol  a  mhairsinn  air  thalamh  am  measg  dhaoine. 
Dheanadh  dàn-chluiche  GàiHg  seirbheis  shònruichte 
le  bhi  càradh  cudthrom  air  soluimteachd  a'  mhionnan 
a  chaidh  a  dhaingneachadh  le  bann  cùmhnanta. 
Is  ann  de'n  ghnè  sin  a  tha  na  moraltan  is  fearr  a 
tha  air  an  nochdadh  ann  an  litreachas  na  Gàilig. 
Anns  an  linn  ùir,  bidh  mar  an  ceudna  piUeadh  a 
chum  a  bhi  beachdacbadh  air  obair  Nàduir,  agus 


84  An  Rdsarnach 

bidh  àicheadh  air  a  dheanamh  air  iomadh  nì  feallsa 
gun  bhrìgh.  Is  gann  gu'm  b'  urrainn  caochladh 
teachd  a  bu  mhò  a  gheibheadh  a  dh'  fhàilt  na  sin, 
am  measg  luchd  labhairt  na  GàiUg  co  dhiù — maise 
agus  diomhaireach  Nàduir,  air  muir  is  tìr,  air  cuan 
is  raoin  is  beinn,  mar  a  chaidh  gach  maise  dhiu  sin 
a  sheinn  is  a  luaidh  ann  am  bàrdachd  agus  ann  an 
sgeòil  nan  Gàidheal. 

Cha'n  eil  fada  bho  na  b'àbhaist  do  bhàird  is  do 
sgrìobhaichean  a  bhi  cur  feum,  araon  ann  an  rann 
is  an  rosg,  air  comhsamlachdan  bho'n  t-seann 
litreachas.  Beagan  is  mu  leth-cheud  bUadhna 
air  ais  cha  bhiodh  tiUeadh  sam  bith  air  na  bàird 
a  bhi  tarruing  bho  na  seann  sgeòil  mu  Chuchulann, 
mu  Fhionn,  agus  mu  Dhiarmad,  gu  bhi  cur  solus 
air  a'  phuing  a  bhiodh  iad  a'  laimhseachadh.  Is 
tric  a  rinneadh  sin  gu  h-eirmseach,  abartach,  agus 
bhiodh  an  luchd-leughaidh  a'  tuigsinn  gu  math  ciod 
a  bhiodh  an  t-iomradh  a'  ciallachadh.  Leis  a' 
mheadhon  so  bha  dlùthcheangal  air  a  chumail  suas 
eadar  an  seann  Utreachas  agus  an  ginealach  a  ta 
beò ;  agus  bha  rann  is  rosg  na  h-aimsir  a  ta  làthair 
a'  faotainn  snas  is  inbhe  le  earrannan  taghta  bho  na 
seann  sgeòil.  Ach  mu  mheadhon  an  naoidheamh 
linn  deug  thòisich  an  cleachdadh  so  ri  dhol  gu  mòr 
air  dearmad,  gu  h-àraidh  ann  an  Alba.  B'e  an 
t-aobhar  gun  teagamh  air  an  atharrachadh  sin  gu 
bheil  gnàth  is  dòigh  na  Beurla  a'  faotainn  làmh 
an  uachdar  am  measg  nan  sgrìobhaichean  GàiUg. 
Ach  cia  b'e  air  bith  an  t-aobhar,  tha  e  soiUeir  gu 
bheil  rosg  is  rann  air  an  lagachadh  agus  a'  call 
mòran  de'm  brìgh  mar  thoradh  air  an  dearmad  sin  ; 


Dàfi'Cluiche  Cinneachail  Gailig  85 

agus  gu  bheil  mar  an  ceudna  an  dlùthcheangal  a 
bu  chòr  a  bhi  eadar  saothair  ar  sinnsir  is  ar  saothair 
fèin  'g  a  shior-fhuasgladh  agus  a'  dol  am  mugha. 
Ach  bhiodh  e  comasach  do  dhàn-cluiche  Gàilig 
an  dearmad  mi-fhortannach  so  a  leasachadh.  Bhiodh 
ùigh  agus  aire  nam  bàrd  air  an  tionndadh  a  ris  gu 
bhi  deanamh  feum  de  chuibhrionn  de  na  seann 
dàin  ;  bhiodh  aonachd  is  càirdeas  air  am  buileachadh 
maraon  air  na  seann  sgeòil,  agus  air  saothair  litireil 
a'  ghinealaich  so  fèin  ;  agus  bhiodh  an  inntinn 
choitchionn  air  a  beartachadh  le  tachartais  is 
iomraidh  bho  eachdraidh  nan  linntean  gaisgeil. 

Is  fìor  gu  bheil  earrann  mhòr  de  lìtreachas  na 
Gàilig  air  a  ghlasadh  suas  ann  an  cruth  cainnte  a 
tha  dorcha  do  Ghàidhil  an  latha  'n  diugh.  Ged  a 
thuigeas  Gàidhil  Albann  is  Eirinn  cànain  an  ath- 
raichean  mar  a  tha  i  air  a  labhairt  aig  an  àm  so, 
gidheadh  is  e  àireamh  ro  bheag  dhiu  a  shaothraich 
gu  bhi  faotainn  eòlas  air  a  cheart  chànain  mar  a 
bha  i  air  a  labhairt  is  air  a  sgriobhadh  bho  chionn 
còrr  is  mìle  bUadhna  air  ais.  So  mata  seirbheis 
àraidh  a  bhiodh  e  comasach  do  dhàn-cluiche  a 
dheanamh  do  ar  ginealach  fèin.  Dh'  fhaodte,  air 
a'  mhodh  so,  na  briathran  aosmhor  a  tha  air  an 
tasgadh  anns  na  seann  rolaichean  a  chruth-ath- 
arrachadh  gu  cainnt  an  fhicheadamh  hnn.  Is 
cinnteach  gu'm  biodh  so  annasach  air  a'  cheud 
oidheirp,  ach  cha  'n  eil  fhios  carson  nach  biodh 
am  meadhon  sin  measail  aig  an  t-sluagh.  Tha  e 
dearbhta  gu'n  do  nochd  an  Gàidheal  iomadh  uair 
a  chomas  air  a  bhi  gabhail  eòlais  air  litreachais 
muinntir  eile.     Ghlac  e  ann  an  tomhas  mòr  greim 


86  An  Rdsarnach 

làidir  air  litreachas  nan  Sasunnach,  nan  Ròmanach, 
agus  nan  Grèugach.  An  uair  a  bha  a  Htreachas 
dùthchasail  fèin  air  a  ghlasadh  suas  mar  a  thubhairt 
mi,  rinn  e  greim  air  an  ionnsachadh  sin  a  bha  fos- 
gailt  dha.  Rinn  e  greim  air  an  ionnsachadh  sin, 
cha  b'ann  a  chionn  gu'n  robh  e  ni  b'  àirde  na  foghlum 
a  shinnsir  fèin,  ach  a  chionn  nach  robh  e  cho  duilich 
dha  na  cainntean  sin  a  thogail  a  bha  coitchionn  do 
iomadh  cinneach  eile  mar  an  ceudna.  An  dèidh 
na  h-uile  nì,  is  e  a  ghUocas  dùthchasail  fèin  is  nà- 
durraiche  gu  mòr  do'n  Ghàidheal.  Tha  an  seann 
eideachadh  Gàidhealach  a'  taisbeanadh  gu  soilleir 
nam  buadhan  àraidh  a  tha  comhcheangailte  ris  a' 
Ghàidheal.  Bu  chòr  gu'm  biodh  sud  cho  taitneach 
leis  agus  cho  buannachdail  dha  ri  gaoth  fhiorghlan 
nam  beann.  Ged  a  ni  Beurla  a'  chùis  do'n  Ghàidheal 
ann  an  gnothuichean  malairt,  gidheadh  tha  nì  èiginn 
'n  a  nàdur  nach  urrainn  do  chainnt  nan  Gall  a 
shàsuchadh.  An  trusgan  cainnte  anns  an  robh 
spiorad  a'  Ghàidhil  air  èideadh  air  tùs,  am  bheilear 
a  nis  a'  dol  a  thilgeadh  an  trusgain  sin  air  falbh 
mar  nì  nach  fiù,  agus  an  dean  sinn  oidheirp  air 
spiorad  a'  Ghàidhil  èideadh  ann  an  culaidh  nach 
eil  dualach  dha  ?  Ged  a  tha  litreachas  nan  Gall 
gun  teagamh  mòr  agus  cumhachdach,  gidheadh  tha 
buadhan  anns  a'  Ghàidheal  nach  eileas  idir  a'  gairm 
am  follais  le  litreachas  nan  Gall.  Agus  is  ann  mar  a 
bhios  an  Gàidheal  ann  am  beò-cheangal  ri  inntinn 
a  shinnsir  fèin  a  bhios  e  comasach  air  a  bhi  'nochd- 
adh  a  bhuadhan  sònruichte — mar  a  ta  deòthas  a 
mhacmeanmna,  is  an  loinn  neo-thalamhaidh  a 
bhuineas  do  shaothair  nam  bàrd  bho  shean.      Ma 


Dàn-Cluiche  Cinneachail  Gailig  87 

tha  Gàidhil  an  latha  'n  diugh  riaraichte  gu'm  biodh 
iad  air  an  dùnadh  a  mach  bho  na  nithean  sin  a 
tha  cho  dualach  dhaibh,  agus  mur  a  bi  na  ceart 
bhuadhan  a  dh'  ainmich  mi  air  an  cur  gu  feum, 
is  fior  gu'n  tèid  na  buadhan  sin  bàs  a  chion  cleachd- 
aidh.  Ach  air  an  làimh  eile,  n'  am  bithte  le  dàin- 
chluiche  GàiUg  a'  toirt  nan  nìthean  luachmhor  sin 
fo  chomhair  ginealach  an  latha  'n  diugh,  bhiodh  e 
buailteach  gu'm  biodh  cridhe  a  Ghàidhil  a'  freagairt 
'n  a  chom  ri  cuimhneachadh  na  dìleab  a  dh'  fhàgadh 
aige  ;  bhiodh  a  thoil  is  a  dhealas  air  am  brosnuchadh  ; 
agus  le  bhi  a'  cur  a  chomasan  inntinn  gu  na  buil  a  b' 
àirde,  bhiodh  e  nì  bu  choltaiche  gu  'n  gabhadh  an 
Gaidheal  'àite  fèin  am  measg  nan  cinneach  fogh- 
lumaite. 

Tha  trì  nìthean  a  tha  iomchaidh  gu  sònruichte 
airson  dàn-cluiche  Gàihg  anns  am  biodh  suspainn 
agus  cudthrom.  Is  e  a'  cheud  nì  dhiu  sin  an 
sgriobhaiche  a  bhiodh  comasach  air  na  seann  sgeòil 
a  chur  ann  an  alt  cothromach.  Is  e  an  dara  ni 
am  fear-gniomha  a  chuireas  e  fèin  ann  an  cruth  is 
riochd  neach  eile ;  agus  an  treas  nì  an  cànain,  a  tha 
mar  inneal  ann  an  làimh  an  sgriobhaiche  gu  'bhi 
a'  cur  an  cèill  gu  cothromach  seadh  is  brìgh  nan 
sgeul.  Cha'n  uilear  a  bhi  a'  toirt  fa  near  uime  sin 
co-dhiu  a  tha  an  Gàidheal,  mar  dhuine,  foghain- 
teach  gu  leòr  gu  bhi  a  sgriobhadh  agus  a  riochachadh 
dàin-cluiche  ;  agus,  a  thuiUeadh  air  sin,  co-dhiu  a 
tha  a'  Ghàilig  'n  a  meadhon  freagarrach  airson  na 
crìcbe  ceudna. 

Tha  cuid  de  na  h-ùghdaran  Sasunnach,  mar  a 
ta  Matthew  Amold,  a'  cantuinn  gu  bheil  lethsgod 


88  An  Ròsarnach 

nàdurrach  air  a'  Cheilteach  (an  Gàidheal  agus  an 
Cuimreach  maraon).  Is  e  an  lethsgod  sin  eadhon, 
gu  bheil  na  faireachaidhean  a  riaghladh  tuiUeadh 
mòr  is  a'  chòir  ann  an  nàdur  a*  Cheiltich.  Tha 
sin  a'  ciallachadh  gu  bheil  lagachadh  air  na  comasan- 
inntinn,  a  chionn  gu  bheil  na  mothaichidhean  agus 
na  h-aignidhean  ro-luaineach.  Tha  Amold  a*  cur 
as  leth  a*  Cheiltich  nach  eil  breithneachadh  no 
foghaidean  gu  leòr  aige  airson  na  gnè-oibre  is  àirde 
ann  an  inntleachd.  Agus,  ro  thric,  bha  na  Ceiltich 
riaraichte  leis  an  dìteadh  so,  a  chionn  gu'n  robh  an 
ràdh  air  a  chomhlachadh  le  briathran  brosgulach  a 
thaobh  nìthean  a  tha  ionmholta  ann  an  nàdur  a' 
Cheiltich.  Ma  tha  na  thubhairt  Arnold  uile  fìor, 
cha  'n  fhaodar  a  bhi  cur  earbsa  air  bith  anns  a' 
Ghàidheal  mar  ùghdar  dàn-chluiche.  Cha  'n  eil 
mi  idir  ag  aideachadh  gu  bheil  an  fhirinn  aig 
Amold.  Cha  'n  eil  an  Gàidheal  a  dh'  easbhuidh 
nan  toimhsean  agus  na  foghaidean  a  tha  iomchaidh 
airson  obair  sgileil  ann  an  litreachas  de  ghnè  air  bith. 
Tha  saothair  nan  sgriobhaichean  Eirionnach  agus 
Albannach,  a  sgriobh  iomadh  dàn-cluiche  bho  chionn 
beagan  bhUadhnaichean  ann  an  GàiHg,  a'  dearbhadh 
nach  eil  iad  idir  faoin  agus  socharach  a  thaobh  am 
beachd  air  cor  agus  beusan  a'  chinne-dhaonnda.  Agus 
ma  shònmicheas  sinn  eisimpleir  àraidh  de  Ghàidheal 
Albannach,  gheibhear  ann  an  oibribh  an  Ollaimh  Niall 
Mhic  an  Rothaich  na  ceart  nìthean  a  dhearbhas  gu  bheil 
Amold  meallta  anns  a'  bhreith  chlaoin  a  thug  e. 
Anns  an  leabhar  lain  Aluinn  gheibhear  na  buadhan 
is  feumaile  airson  dàn-cluiche.  Cha'n  eil  èis  gUocais 
air  an  ùghdar  ann  a  bhi  a'  sgaoUeadh  fa  chomhair 


\  Dàfi'Cluiche  Cinneachail  Gailig  89 

aa  leughadair  dòigh  agus  gnè  nam  pearsachan  fa 
leth  anns  an  leabhar.  Ni  mò  tha  cion  foghaidean 
no  breithneachaidh  air  ann  a  bhi  cur  nan  tachartas 
an  ahan  a  chèile.  Dh'  fhaodte  dàn-cluiche  a  dhealbh 
as  an  leabhar  ud  cho  grunndail,  tonuisgeil  's  a  chaidh 
a  sgriobhadh  eadhon  ann  am  Beurla  fèin,  anns  an 
linn  so.  Faodar  a  bhi*  comhdhùnadh  gu  bheil  an 
t-eisimpleir  so  a  toirt  fiannuis  calg-dhìreach  an 
aghaidh  a'  bheachd  aig  Amold. 

A  chionn  's  gu  bheil  faireachaidhean  beothail 
aig  a'  Cheilteach,  tha  coigrich  air  uairibh  a  smaoin- 
eachadh  gu  bheil  e  gu  tùr  fo  bhuaidh  a  chuid  fair- 
eachaidhean.  Cha  'n  eil  sin  mar  sin  ;  gidheadh  tha 
aignidhean  blàtha  cho  feumail  ri  reusan  fèin  ann  a 
bhi  toirt  breith  cheart  air  beatha  an  duine.  Tha 
e  ro-bhuailteach  gu'm  bi  am  beachd  a  bheirear  le 
reusan  a  mhàin  tuilleadh  is  fuar,  cruaidh,  agus 
neo-thruasail.  Tha  e  iomchaidh  uime  sin  gu'm 
biodh  faireachadh  agus  reusan  a'  còmhlachadh  a 
chèile  ann  an  sgriobhadh  an  dàin-chluiche.  Cha'n 
eil  a  mhothaichidhean  tiorail  'n  an  lethtrom  sam 
bith  do'n  Cheilteach  anns  na  dreuchdan  sònruichte 
anns  am  bheil  tuigse  làidir  agus  comasan  reusain 
ro-iomchaidh.  Oir,  an  uair  a  bha  na  rioghachdan  so 
fèin  ri  uchd  a  cruaidh-chàis  a  sireadh  duine  ceann- 
sgalach,  breithneachail,  a  chuireadh  a  luchd-oibreach 
an  òrdugh  a  chum  crioch  àraidh,  is  nì  iongantach 
leinn  nach  do  thagh  i  idir  Sasunnach,  ach  Ceilteach, 
gus  an  dleasdanas  cudthromach  so  a  choimhlionadh. 
Agus  mur  eil  faireachadh  'n  a  lethtrom  do'n  Cheilt- 
each  anns  na  dreuchdan,  carson  a  bhiodh  sud  'n  a 
lethsgod  dha  ann  an  toirt  breith  air  beatha  agus  cor 
an  duine  mar  ann  an  dàn-chluiche  ? 


90  An  Ròsarnach 

Is  e  an  dara  ni  a  tha  riatanach  airson  dàn-cluiche 
Gàilig  eadhon  am  fear-gniomha  a  chuireas  e  /èin 
ann  an  riochd  neach  eile.  A  chionn  nach  robh  an 
t-alt  so  air  a  chleachdadh  am  measg  nan  Gàidheal 
cha'n  eil  iomradh  mòr  sam  bith  ri'  chluinntin  mu' 
dheighinn  anns  a'  GhàiUg.  Ach  faodar  a  chantuinn 
le  làn  chinnt,  gu  bheil  comasan  sònruichte  aig  a' 
Ghàidheal  airson  soirbheachaidh  anns  an  alt  so. 
Tha  aignidhean  a'  Ghàidhil  so-ghluasadach.  Agus  a 
ris  a  chionn  gu  bheil  a  mhacmeanmna  beothail, 
tha  e  furasda  dha  sgeul  a  chur  fo  chomhair  inntinn 
fèin  gu  dian,  drùighteach.  Mar  sin,  an  uair  a  tha 
macmeanmna  beothail,  faireachaidhean  truasail, 
agus  dealas  dian  a  còmhlachadh  a  chèile  anns  an  aon 
phearsa,  cha  'n  eil  e  duilich  idir  d'a  leithid  sin  de 
neach  e  fèin  a  chur  gu  rianail  an  riochd  aoin  eile 
ann  an  dàn-cluiche.  Bha  mothachadh  soiUeir  aig 
ar  sinnsir  air  an  eadar-dhealachadh  a  tha  eadar  na 
pearsachan  a  tha  air  an  luaidh  anns  na  seann  sgeòil. 
Cha  bu  lugha  na  tuigse  fior-chothromach  air  a' 
chùis  a  chumadh  greim  air  gnè  is  dòigh  gach  pearsa 
fa  leth,  co-dhiu  is  e  Cuchulann,  no  Fionn,  no  Diarmad. 
Cha  'n  eil  nàdur  no  cleachdadh  gach  aoin  dhiu  sin 
air  am  measgachadh  gu  neo-iomchaidh,  ged  a  bha 
iad  uile  air  an  luaidh  anns  na  sgeòil  fad  cheudan 
bliadhna.  Agus,  air  an  làimh  eile,  tha  mòran  de 
litreachas  na  GàiHg,  maraon  an  rosg  is  rann,  air  a 
dhealbh  an  cruth  còmhraidh.  Tha  sin  a  nochdadh 
ciod  e  cho  nàdurrach  's  a  bhiodh  e  do  'n  Ghàidheal  e 
fèin  a  chur  gu  h-eagnuidh  ann  an  ionad  neach  eile 
ann  an  dàn-cluiche. 

Ach  a  thuiUeadh  air  na  nithean  sin,  tha  cothrom 


Dàft'Cluiche  Cinneachail  Gailig  91 

eile  aig  a'  Ghàidheal  a  thaobh  an  ùr-labhraidh  a 

thàinig  a  nuas  uige  mar  dhìleab  bho  na  hnntean  a 

dh'   fhalbh.       Cha  d'   thugadh  beachd  fior-choth- 

romach  riamh  air   a'  mhodh  bhlasda   anns  am  b' 

àbhaist  do  na  seanachaidhean  a  bhi  ag  aithris  nan 

sgeul  's  a  seinn  nan  dàn.      Le  bhi  an  còmhnuidh  a' 

sireadh   maise  cainnte  ràinig  iad  air  alt  ciatach, 

snasmhor,  air  chor  is  gu'n  d'  èisd  an  sluagh  le  tlachd 

is  toil-inntinn  ri  am  briathran.      Bha  sin  uile  aith- 

nichte  ann  an  riaghladh  an  gutha  agus  an  eugais. 

Agus  cha'n  eil  teagamh  nach  e  so  is  aobhar  air  a' 

mhodh  chùirteil,   agus    air    a'   ghiùlan   eireachdail 

a  chuireas  iongnadh  air  coigreach,  an  uair  a  labhras 

e    anns    a'    Ghaidhealtachd    ri    luchd-àitichidh    na 

dùthcha  sin,  ged  a  bhiodh  iad  aig  a'  cheart  àm  iosal 

gu  leòr  ann  an  crannchur,  agus  aineolach  gu  tur 

air  cainnt  a'  GhoiII.     An  uair  a  bheirear  fa  near 

gur  ann  glè  ainneamh  a  gheibhear  an  gnàthachadh 

suairce  so  am  measg  na  tuath  choitchionn  ann  an 

tirean  eile,  faodar  a  bhi'  comh-dhùnadh  gu  bheil 

na  beusan  flathail  ud  nàdurrach  do  'n  Ghàidheal. 

Is  mòr,  uime  sin,  an  cothrom  a  bheireadh  na  dòighean 

oileanach  so  dha,  a  chum  a  bhi  a'  fàs  deas  is  èif- 

eachdach  an  alt  an  fhir-gniomha.      Tha  mòran  an 

crochadh  air  an  dùrachd  leis  an  gabhair  an  gnothuch 

so  as  làimh  leis  a'  mhuinntir  a  tha  saoithreachadh 

ann   an   aobhar  na  Gàilig.       Rinn   sgoilearan   na 

h-Eirinn  brosnuchadh  mòr  a  thoirt  do  alt  an  dàin- 

chluiche   anns   a'    Ghàihg.       Tha   sgriobhadairean 

Albannach  a'  leantuinn  anns  a'  chois-cheum  cheudna, 

agus  tha  cuid  dhiu  a'  deanamh  suas  dàin-chluiche 

a  tha  lionneil,  beothail.      Is  mòr  am  beud  nach  eil 


92  An  Ròsarnach 

an  saoithreachadh  so  air  a  chur  an  riochd  aig  na 
coinneamhan  GàiUg.  Tha  an  dleasdanas  so  mar 
fhiachaibh  air  A'  Chomunn  Ghàidhealach.  Bu 
chòr  na  h-uile  cothroma  ghlacadh  air  a  bhi  'mis- 
neachadh  nan  sgriobhadairean  sin  a  dhearbh  an 
làmh  a  cheana.  Agus  bu  chòir  gu'm  biodh  duaisean 
air  an  tairgsinn  airson  deuchainn  ann  an  alt  an 
fhir-ghniomha.  Agus  tha  meadhon  eile  ann  tre 
am  faodadh  an  sluagh  fàs  eòlach  a  chuid  's  a  chuid, 
air  modh  an  dàin-chluiche.  Mhothaich  mi  gu 
tric  anns  a'  Ghàidhealtachd,  an  uair  a  nithear 
oidheirp  gu  bhi  'toirt  fearas-chuideachda  le  dàin- 
chluiche,  gu  bheil  sin  air  a  deanamh  anns  a'  Bheurla. 
A  nis  tha  so  'n  a  chall  is  'n  a  mheatachadh  mòr 
do'n  GhàiUg  am  measg  na  h-òigridh.  Bu  chòr 
gach  aon  oidheirp  de'n  t-seorsa  sin  a  bhi  air  a  dean- 
amh  anns  a'  Ghàilig.  Bhiodh  sin  a  toirt  cothrom 
do'n  luchd-gniomha  is  do'n  luchd-èisdeachd  a  bhi 
a  fàs  eòlach  air  alt  is  cleachdadh  an  dàin-chluiche. 

Is  e  an  treas  ni  iomasglach  a  chum  na  crìche  a 
ta  againn  anns  an  t-sealladh,  eadhon  a'  Ghàilig 
fèin  mar  inneal  ann  an  seirbheis  an  fhir-sgriobhaidh. 
A  thaobh  freagarrachd  na  GàiHg  do'n  ghnothuch 
àraidh  so,  cha  'n  eil  àicheadh  nach  eil  i  foghainteach  a 
thaobh  comas  aithris  is  beachdachaidh,  agus  cuid- 
eachd  a  thaobh  saoibhreis  a  foclair.  Tha  fear- 
sgriobhaidh  an  dàin-chluiche  a'  cur  feum  gu  sòn- 
ruichte  air  dealbh-bhriathar ;  is  e  sin,  air  beachd 
is  facail  a  tha  cho  so-thuigsinneach  do  thùr  an  luchd- 
èisdeachd  's  a  tha  dealbh  air  cairt  soilleir  do  an 
sùilean.  Agus  mar  sin  tha  am  fear-sgriobhaidh  a' 
cur  feum  air  inneal  a  tha  beairteach  ann  an  cainnt 


Dàn-Cluiche  Cinneachail  Gailig  93 

shamhlachail,  mar  a  ta  riochd-bhriathar,  coimeas, 
is  comhsamhlachd.  Faodaidh  gu  bheil  a'  Ghàilig 
cho  goireasach  ri  cànain  air  bith  anns  gach  cruth- 
cainnte  a  tha  riatanach  airson  dàn-cluiche.  Gun 
teagamh,  tha  i  saoibhear  anns  na  h-innleachdan  a 
chleachd  na  bàird  gu  bhi'  foiUseachadh  araon  maise 
Nàduir,  agus  aignidhean  an  duine.  Agus  tha 
rannachd  de  iomadh  gnè,  maille  ri  comh-Utireachd  is 
comh-fhuaimneachd,  na  'n  cuideachadh  mòr  gu 
bhi  cur  seadh  is  faireachadh  an  cèiU. 

Tha  a'  GhàiUg  'n  a  h-inneal  fhreagarrach  a  thaobh 
pailteas  anabarrach  a  foclair.  Tha  am  pailteas  sin 
ri'  fhaicinn  's  ri'  chluinntinn  an  diugh  fèin  an  Alba 
is  an  Eirinn.  A  rèir  cunntais  an  OUaimh  Dùghlas 
na  h-Ide,  tha  mu  thrì  mìle  facal  air  an  labhairt 
fathast  ann  an  Siorramachd  Roscomain,  le  muinntir 
do  nach  urrainn  leughadh  no  sgriobhadh.  Agus 
tha  an  t-oileanach  ceudna  a'  cantuinn  gu  bheil 
timchioll  air  còig  mìle  facal  air  an  uisneachadh  ann 
an  ceàm  iar-dheas  na  h-Eirinn.  Agus  ged  nach  d' 
rinneadh  cunntas  eagnuidh  mar  sin  le  sgoilear 
GàiHg  a  thaobh  roinn  air  bith  de'n  Ghàidhealtachd, 
tha  mi  a'  làn  chreidsinn  gu'  bheil  àireamh  nam 
facal  a  tha  air  an  cur  am  feum  bho  latha  gu  latha 
ann  an  cèamaibh  sònmichte  de'n  Ghàidhealtachd, 
a'  cheart  cho  àrd  ri  àireamh  an  fhoclair  a  tha  gu 
làitheil  air  a  chur  am  feum  anns  a*  Ghàilig  Eirions 
naich.  Gheibhear  beachd  soiUeir  air  beairtea- 
na  GàiUg  an  uair  a  bheirear  fa  near  nach  'eil  an 
tuath  choitchionn  aig  am  bheil  à'  Bheurla  mar 
chainnt  mhàtharail,  ag  uisneachadh  ach  mu  eadar 
trì  's  a  ceithir  de  cheudan  facal  a  mhàin.     Is  e  sin  rì 


94  An  Ròsarnach 

ràdh,  a  thaobh  na  tuath  Ghallda  agus  Ghàidhealaich, 
aig  am  bheil  an  crannchur  saoghalta  co-ionnan,  gu 
bheil  na  Gàidhil  ann  an  seilbh  air  seachd  facail 
eadardhealaichte,  mu  an  aon  fhacal  air  am  bheil  an 
Gall  eòlach.  Agus  is  e  an  t-aobhar  àraidh  mu  am 
bheil  a'  GhàiUg  cho  pailt  so,  gu  'n  robh  na  seanach- 
aidhean  a'  measgachadh  leis  an  t-sluagh  chumanta. 
Bha  e  'n  a  chleachdadh  aig  ar  sinnsir  a  bhi  faotainn 
fearas-chuideachda  ann  an  èisdeachd  ris  na  seann 
sgeòil  air  an  aithris  gu  fileanta  ;  agus  bha  na  sgeòil 
air  an  innse  le  daoine  a  bha  air  an  ionnsachadh  ris 
an  obair  sin  mar  dhreuchd  shònruichte.  Bha  na 
seanachaidhean  an  còmhnuidh  a'  labhairt  ann  an 
taghadh  nam  briathar,  agus  bha  sin  a'  buileachadh 
comas  cainnte  air  an  luchd-èisdeachd.  Agus  bha 
an  cleachdadh  ceudna  so  anabarrach  feumail  mar 
mheadhon  eòlais  is  foghluim,  a'  tabhairt  beothachadh 
do'n  mhacmeanmna,  agus  farsuingeachd  do'n  tuigse. 
Is  bochd  a  bhi  faicinn  a  leithid  so  de  mheadhon 
luachmhor  a'  dol  air  dichuimhne.  Ach  bheireadh 
cluich-dhàn  GàiUg  ùrachadh  mòr  air  an  t-sean 
chleachdadh.  Tha  a'  GhàiHg  air  leth  saoibhir 
anns  na  facail  a  dh*  fheumadh  sgriobhadair  an  dàin- 
chluiche — faccdl  a  bhuineas  do  chor  agus  aignidhean 
an  duine  ;  agus  a  thaobh  farsuingeachd  bhriathar 
agus  ùr-labhradh  deas,  tha  cainnt  nan  Gàidheal  an 
diugh  'n  a  h-inneal  fhoghaintich  airson  alt  is  iarratuis 
an  dàin-chluiche. 

NlALL  Ros. 


Oran. 

(Eadar-thean^aichte  o'n  Bheurla  aitf  C.  G.  Rossetti.] 

A  luaidh,  nuair  thèid  mo  sgaradh  bhuat, 

Na  biodh  do  chridh'  fo  ghruaim  ; 

Na  cuir-sa  ròsan  aig  mo  cheann 

No  sealach  air  an  uaigh. 

Ach  biodh  an  gorm-fheur  os  mo  chionn 

Fo'n  driuchd  a'  fas  an  sith, 

'S  ma's  e  do  thoil,  bi  cuimhneach  orm  ; 

'S  mur  e,  dì-chuimhnich  mi. 

Cha'n  fhaicear  leam  na  sgailean 

N'an  fhras  a'  cluich  's  na  loin  ; 

Cha  chluinn  mi  seirm  na  cumhaig 

Mar  osnaich  neach  fo  leon  ; 

Ach  ann  an  dusail  trom  na  h-urach, 

Tha  gun  tùs  's  gun  chrìch, 

Ma  dh'  fhaodte,  bi  mi  cuimhneach  ort ; 

'S  mur  fhaod,  cha  chuimhnich  mi. 

UlSDEAN   LaING. 


Bean  a'  Bhocsa  Bhuidhe. 

IDHCHE  NA  CoLUiNN.  Cha  'n  eil  trì 
f acail  an  Gàidhlig  a  thig  cho  sunndach 
's  cho  togarrach  à  beul  na  h-òigridh 
an  diugh  fathast  ri  "  Oidhche  na 
Coluinn/'  'S  e  àm  sunndach  de  'n 
bhliadhna  th'ann.  'S  e  do  'n  òigridh 
co-dhiùbh.  Ach,  mar  is  bitheanta  dhaibh-san  a 
fhuair  làithean  's  a  chaill  roinn  d'  an  cuideachd,  's 
e  àm  mulaid  a  tha  'n  àm  na  bliadhn-ùire.  Oidhche 
na  Coluinn !  'S  i  an  aon  oidhche  air  an  tuit  deòir 
a'  mhulaid  agus  deòir  a'  ghàire  chridheil  aig  an  aon 
bhòrd,  nuair  a  shuidheas  sean  is  òg  a  chur  am  mach 
na  sean  bhliadhna  's  a  thoirt  a  steach  na  tè  ùire. 
Cha  do  chuir  an  òigridh  am  bitheantas  de  bhliadh- 
nachan  thar  an  cinn  's  gu'n  toireadh  an  t-àm  sòn- 
ruichte  so  orra  sealltainn  'nan  dèidh  air  gach  bris- 
eadh  a  dh'  fhaodadh  tighinn  'san  teaghlach  rè 
nam  bliadhnachan  a  dh'  fhalbh.  Gu  àm  sòn- 
ruichte  'nam  beatha  cha  'n  eil  an  òigridh  ach  a' 
sealltainn  rompa  agus  a'  gabhail  toil-inntinn  anns 
gach  àm  cridheil  a  bheir  a'  bhliadhna  mu'n  cuairt : 
NoUaig  is  Samhainn  is  Faidhir  is  Càisg.  Ach  cha'n  e 
sin  dhaibh-san  a  fhuair  làithean  agus  a  ràinig  o 
chionn  iomadh  latha  an  t-àm  de  'm  beatha  a  bheir- 
eadh  amannan  sònruichte  na  bliadhna  orra  sealltainn 
'nan  dèidh,  agus  sealltainn  'nan  dèidh  le  bròn. 

Oidhche  na  Coluinn  !       Cha'n  eil  oidhche  eile 
'sa  bhliadhna  a  tha  cho  buailteach  air  sean  chuimh- 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  91 

neachain  a  dhùsgadh  an  uchd  neach  ri  Oidhche 
na  Coluinn.  Rè  na  bliadhna  chaidh  sgaoileadh  an 
teaghlaichean.  Chaidh  cuid  diubh  gu  dùthchannan 
cèine  ;  chaidh  cuid  eile  do  'n  ùir  far  nach  eil  sùil 
r'an  tilleadh  gu  bràth;  agus  nuair  shuidheas  na 
càirdean  mu  bhòrd  na  Coluinn  chithear  an  sin  a' 
chathair  fhalamh  ;  ionndrainnear  an  guth  cridheil 
a  chluinnteadh  aig  a'  bhòrd  an  uiridh  ;  èiridh  ìomh- 
aigh  mu  choinneamh  sùil  màthar,  gluaisidh  a  h-uchd 
agus  tuitidh  a  deòir. 

Oidhche  na  Coluinn  !  Nach  iomadh  smuain  a 
bheir  i  steach  !  Air  a'  bhliadhna  air  an  do  thogadh 
an  sgeul  so  thàinig  Oidhche  na  Coluinn  air  Srath- 
Chaomhain  cho  nàdurra  ri  aon  Choluinn  a  bh'  ann 
ri  cuimhne  an  neach  bu  shine  'sa  choimhearsnachd. 
Coluinn  le  sneachd  is  reothadh,  gach  lagan  làn  de 
shneachd  agus  gach  lochan  còmhdaichte  le  deigh  ; 
am  beachd  nan  seann  daoine  b'e  sin  Coluinn  no 
Nollaig  nàdurra. 

Bha  sluagh  mòr  an  Srath-Chaomhain  nan  craobh 
's  nan  allt.  Bha  òigridh  shùnndach,  chridheil  ann  ; 
agus  seachdainean  roimh  an  àm  bhatar  ag  ullachadh 
mu  choinneamh  na  NoUaig.  Bha  na  h-ingheanan 
a'  strìth  r'a  chèile  feuch  c6  'n  tigh  a  bu  rìonxhaiche 
am  muigh  's  a  stigh  ;  agus  cha  d'  thàinig  Nollaig 
no  Coluinn  air  Srath-Chaomhain  riamh  bho'n 
thogadh  a'  cheud  smùid  ann,  a  chunnaic  tighean 
cho  rìomhach,  glan  's  a  bha  iad  air  a'  bhliadhna  so, 
an  dà  chuid  am  muigh  's  a  stigh  ;  am  muigh  le  aol 
geal  air  a  ruith  gu  mìn,  agus  a  stigh  le  paipeirean 
naidheachd  's  le  dealbhan.  Bha  na  gillean,  'nan 
àite  fèin,  cho  strìtheil  ris  na  h-ingheanan  ;     agus, 

0 


98  An  Ròsarnach 

fada  mu'n  do  thòisich  an  duilleach  air  tuiteam  a 
bhàiT  nan  craobh,  chìteadh  iad  gach  latha  a'  tighinn 
dachaidh  as  a'  choille-chaman ;  's  cha  bhiodh 
teintean  an  Srath-Chaomhain,  fad  a'  gheamhraidh, 
air  nach  biodh  an  seileach  's  am  beithe  's  a'  challd- 
uinn  a'  dìosganaich  a  chum  's  gu  'm  biodh  e  na  b' 
fhusa  an  cumadh  a  b'  fhèarr  a  thoirt  air  bas  is  cas 
a'  chamain — 's  e  sin  a  rèir  beachd  nan  iomainichean 
a  bha  'n  Srath-Chaomhain.  Bha  gillean  ann, 
guii  teagamh,  aig  an  robh  làmhan  grinne  ;  agus, 
fada  mu'n  tigeadh  an  NoUaig,  chuireadh  iad  camain 
air  an  fharadh  g'  an  sùghadh,  a  bhiodh  'nan  culaidh 
fharmaid  do  iomainichean  mìltean  mu'n  cuairt 
air  Srath-Chaomhain.  Cha  bhiodh  fear  aig  an  robh 
ainm  iomainiche  nach  toireadh  a  bheachd  air  na 
camain  a  b'  fhèarr.  Bhiodh  an  caman  so  maith  air 
cùlaig;  bhiodh  am  fear  so  maith  air  beulaig;  's 
am  fear  nach  biodh  barraichte  air  cùlaig  no  air 
beulaig,  bhiodh  e  taghte  air  fìdeig.  Leis  an  sin, 
mar  na  tighean  fèin,  cha  robh  caman  a  rachadh, 
latha  NoUaig,  gu  dail  na  h-iomanach  an  Srath- 
Chaomhain  nach  rachadh  ann  le  theisteanas  gu 
diongmhalta  'na  chuideachd. 

Sin  mar  a  thàinig  a'  Choluinn  a  steach  air  Srath- 
Chaomhain  :  gach  neach  ag  ullachadh  roimhe  bho 
chaillich  a'  phocain  a  suas.  B'  e  sin  riamh  an  cleachd- 
adh  ;  ach  air  a'  cheart  bhUadhna  so  bha  aon  tigh 
'san  t-srath  anns  nach  robh  mòran  f iughair  ri  NoUaig 
no  ri  Coluinn,  no  tnùth  ris  na  coimhearsnaich  a 
thaobh  an  gàirdeachais  ris  an  fhleadhachas  bhliadh- 
nail.  B'e  sin  tigh  a'  ghreusaiche  'sa  Phort-bhàn. 
Am  mach  o  thigh  an  tàilleir  cha  robh  tigh-cèilidh 


Bean  a'  Bhocsa  Bhuidhe  99 

an  Srath-Chaomhain  a  bu  shunndaiche  na  tigh  a' 
ghreusaiche  ;  ach  thàinig  dreag  an  caraibh  an  tighe 
a  chuir  smal  air,  agus,  fad  greis  mhòir,  ged  a  thach- 
radh  do  'n  òigridh  coinneachadh  ann  le  tuiteamas 
oidhche  seach  oidhche,  cha  robh  sìon  de  'n  làn- 
aighear  a  b'  àbhaist  a'  dol  air  aghaidh  ann  ;  's  ged 
a  thigeadh  iad  a  dh'  iarraidh  bhròg  no  g'an  càradh, 
cha'n  fhanadh  iad  na  b'fhaide  na  chumadh  an  gnoth- 
uch  iad — agus,  air  uairibh  cha  b'  fhada  sin. 

Air  a'  Choluinn  so  bha  tigh  a'  ghreusaiche  gu 
maith  aonaranach,  trom.  Bha  a  shuidheachadh 
leth-oireach  co-dhiùbh,  an  oir  na  tuinne  'sa  Phort- 
bhàn,  air  an  robh  cnuic  phreasach  a'  cumail  fasgaidh 
bho  na  gaoithean.  Ged  a  bha'n  t-àite  uaigneach 
an  dòigh,  bha  e  sunndach  gu  leòir  an  dòigh  eile,  a 
chionn :  a  bhàrr  air  gach  rathad  'san  t-Srath  a  bhi 
tighinn  chuige,  bha  a'  mhuir  gu  h-ìosal,  agus  na 
cnuic  le  an  cuid  phreas  àluinn  gu  h-àrd,  mar  innealan 
cìuil  nàdurra  'san  oidhche  dhuaichnidh  gheamh- 
raidh.  Air  uairibh,  ged  bha  sin  mar  sin,  chuireadh 
na  nithean  sin  mulad  air  neach,  dìreach  a  rèir  a 
shuidheachaidh  'san  àm  ;  agus  air  an  àm  so  bha 
an  smuaintean  fèin  aig  a'  ghreusaiche  chòir  's  aig 
a  mhnaoi. 

Bha  dlreach  dòrcba  nan  tràth  ann.  Bha  'n 
greusaiche  'na  shuidhe  air  an  fhurm-ghreusachd 
mu  choinneamh  na  h-uinneige,  's  e  fuaigheal 
buinn  ri  balt.  Bha  toll  an  dèidh  tuill  'ga 
dheanamh  leis  a'  mhinidh.  Rachadh  frioghan 
a  steach  air  gach  taobh,  is,  leis  an  reothadh  a  bhi 
ann,  bhiodh  sgread  thioram  aig  an  t-sreing  ròiseid, 
agus  dh'  atadh  gach  feithe  an  gàirdeanan  rùisgte 


100  .    An  Ròsarnach 

cruaidh  a*  ghreusaiche  a'  teannachadh  greama  an 
dèidh  greama  ;  's  an  sin  bhiodh  dìosgan  aig  an  t- 
sreing  nuair  a  leigeadh  e  na  duail  a  bhàrr  a  dhòm  a 
chur  a  steach  a'  mhinidh  a  rithis.  Cha  robh  fo 
chromadh  an  tighe  aig  an  àm  ach  an  greusaiche 
fèin  's  a  bhean  ;  ach  cha  robh  facal  'ga  sgoltadh 
eatorra.  Bha  a'  bhean  'na  suidhe  air  cathair  mu 
choinneamh  an  teine,  's  i  ri  trom  smuaintinn.  An 
nochd  bha  a  cridhe  trom ;  ach  am  measg  nan  èibhlean 
a  bha  cnàmh  air  an  teintean  bha  i  faicinn  culaidh 
aoibhnis  'nan  làithean  a  dh'  fhalbh.  Thuiteadh 
èibhleag  a  sìos  am  measg  chàich  is  thionndaidheadh 
fòid.  Thigeadh  an  sin  lasag  am  mach  as  ùr  is 
dhealraicheadh  i  air  na  soithichean  a  bha'n  òrdugh  cho 
bòidheach  glan  aig  a'  bhean-thighe  phongail.  Bha 
gach  atharrachadh  a  bha  tighinn  air  an  teine  mhòna 
mu  choinneamh  a  sùla  a'  toirt  dhith  seallaidh,  mar 
gu'm  biodh,  air  cor  beatha  an  duine  'san  t-saoghal  : 
togail  is  leagail ;  atharrachadh  an  dèidh  atharrach- 
aidh ;  is  aoibhneas  is  doilgheas  a'  gabhail  àite  an 
dèidh  a  chèile,  gus,  mu  dheireadh,  mar  a  dh'  èireadh 
do  'n  teine  fèin,  an  tigeadh  a'  chrìoch. 

Le  osainn  thruim  dh'  èirich  Mòr  chòir,  bean  a' 
ghreusaiche,  is  chaidh  i  a  shealltainn  am  mach  gu 
ceann  an  tighe.  Bha  feasgar  ciùin  bòidheach  ann, 
's  e  reothadh  gun  stad.  Cha  robh  gluasad  air 
muir  ach  an  fheamainn  a'  gliongail  'sa  phort  gu 
h-ìosal  nuair  ghluaiseadh  an  tuinne  i  air  tighinn  an 
lìonaidh.  Fad  air  astar  chluinnteadh  fuaim  nan 
cairtean  a'  tighinn  o'n  bhaile  mar  a  b'  àbhaist  air 
oidhche  Coluinn  ;  agus  an  sud  's  an  so,  fad  air 
falbh,  guileag  air  òran.    Chual  i  ceum  coiseachd ;  ach 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  101 

cha  robh  ann  ach  caora  a'  sireadh  tòm  an  fhasgaidh, 
's  an  sneachd  cruaidh  a'  cnagail  fo  a  cròdhain. 
Chiinnaic  i  coltas  duine  tighinn  a  bhàrr  an  àrdain. 
Cha  bu  shealladh  annasach  sin  ;  a  chionn  cha  b'e 
h-uile  tigh  air  an  robh  taghal  tigh  a'  ghreusaiche. 
Chuinahnich  i  air  a  liuthad  feasgar  a  chunnaic  i 
Murachadh,  a  h-aona  mhac,  a*  tighinn  an  ceart 
rathad.  Chuimhnich  i  a  lìon  oidhche  anmoch  a 
dh'  fheith  i  ris,  'na  seasamh  'sa  cheart  àite  ud. 
Chuimhnich  i  nach  fhaiceadh  i  gu  bràth  tuilleadh  e, 
agus  ghluais  a  h-uchd  is  shil  a  sùilean  mar  mhàthair 
chaoimh  ag  ionndrainn  a'  mhic  nach  fhaic. 

B'  i  so  oidhche  na  Coluinn,  cuideachd  :  an  aon 
oidhche  a  bheireadh  sean  chuimhneachain  a  steach. 
Thàinig  an  duine  na  bu  dlùithe.  Chrom  Mòr,  's  i 
cur  sgàil  air  a  sùilean  le  a  làimh  ;  sheall  i  eadar  i 
's  leus.  '*A  Mhoire,  Mhoire  ;  tha  am  fear  so  ann 
an  nochd  a  rithis  !  "  ars  ise  rithe  fèin.  Theirinn  an 
neach  a  bh'ann  leis  a'  bhruthach  ;  sheas  Mòr  gus 
an  robh  ùine  aige  air  tighinn  am  fradharc.  Ach 
nuair  nach  d'thàinig  e  ris,  choisich  i  nunn  gu  bràigh 
a'  bhruthaich.  Sheall  i  mu'n  cuairt  dith  ;  ach  alt 
no  ial  de  'n  duine  cha  robh  r'a  fhaicinn.  An  sin 
choisich  i  steach  le  ceum  cabhagach. 

"  Am  bheil  fhios  agad,  a  Sheumais  :  chimnaic 
mi  'n  saighdear  ud  an  nochd  a  rithis ;  's  cha'n 
urrainn  gur  e  duine  saoghalta  a  th'ann,  a  chionn 
cha  b'  urrainn  da  dol  as  an  t-sealladh  cho  goirid 
na's  lugha  na  shluigeadh  an  talamh  e.  Chunnaic 
mi  an  nochd  e  cho  soilleir  's  a  ghabhadh,  le  bhoineid 
mhòir,  's  le  bhreacan,  's  le  mhàileid,  's  an  t-èibhleadh 
a'  dol  bho  thaobh  gu  taobh  leis  a  h-uile  ceum ;    's 


102  An  Ròsarnach 

b'e  sin  an  ceum  fuasgailteach,  foghainteach  gu 
dearbh  fèin.  'S  fhada  bho  nach  fhaca  mi  gille  cho 
calma  ris.  Saoil  thusa  air  an  t-saoghal  so  cò 
th'ann  ?  " 

Am  fad  's  a  bha  Mòr  ag  ìnnseadh  na  naidheachd 
bha  a  com  's  a  làmhan  air  shiubhal  a'  cur  soilleir- 
eachd  air  an  t-sealladh  a  chunnaic  i.  Dh'  èirich 
Seumas  a  bhàrr  an  fhuirm  ghreusachd,  's  e  'g  èisd- 
eachd  am  fad  's  a  bha  e  cur  seachad  na  h-acfhuinn, 
's  a'  cur  dheth  an  aparain.  Cha  robh  e  fèin  saor 
is  mulad  air  an  oidhche  a  bh'ann,  agus  cuimhne  a 
mhic  a'  teachd  a  steach  air,  cuideachd. 

"  An  dà,  gu  dearbhadh,  cha  'n  urrainn  mi  breath- 
nachadh  a  thoirt  air  an  rud  idir.  Tha  'n  sin  tri 
uairean  a  chunnaic  thu  e  nis.  Ma  tha  leithid  de 
rud  is  tamhasg  ann,  's  e  tamhasg  a  chunnaic  thu  ; 
is  ma  tha  oidheam  aig  tamhasg  feumaidh  gu'n  tig 
sin  air  a  chois  luath  no  mall,''  arsa  Seumas  air  a 
shocair  fèin.  '*'S  ma  thig  a  leithid  de  dhuine  an 
so  cha'n  ann  gun  ghnothuch.  Cha  'n  eil  duine 
againne  'san  arm.  Fuireamaid  r'a  dheireadh. 
C6  'sam  bith  a  th'ann  cha  toir  e  ar  n-ionndrainn-ne 
dachaidh  dhuinn.      Cha  toir  gu  bràth,  a  rùin.'* 

Shuidh  Mòr  air  a'  chathair  mu  choinneamh 
an  teine  a  rithis,  a  h-uilnean  air  a  glùinean,  's  i 
garadh  a  làmhan  's  a  mèananaich.  Bha  Seumas 
ag  uUachadh  roimh  an  fheusag  a  thoirt  deth,  's  e 
air  a  shocair  fèin  a'  suathadh  an  ealtainn  air  ais  's 
air  aghaidh  air  a  bhois  chruaidh,  's  e  'na  sheasamh 
ris  a'  bhòrd.  Chualas  ceum  coise.  Cha  b'  ìon- 
ghnadh  sin  air  àm  'sam  bith ;  ach  an  dèidh  na  bruidh- 
ìnn  a  bh'  aca,  's  an  sealladh  a  chunnaic  M6r  fathast 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  103 

ùr  'nan  inntinnean,  bhioraich  iad  le  chèile  an  cluasan, 
's  an  sùilean  air  an  dorus.  Bha  Seumas,  *s  an  ealt- 
uinn  air  a  bhois  gun  a  thionndadh  an  taobh  eile  ; 
is  thionndaidh  Mòr  air  a  cathair,  's  a  làmhan  ris  a' 
ghealbhan  mar  a  bha  i ;  's  iad  a'  feitheamh  le 
ìonghnadh  mar  nach  b'  àbhaist,  feuch  cò  thigeadh  a 
steach.  Cha  b*  fhada  gu  uair  fios.  Co  bh'  ann 
ach  Màiri  Bheag  a'  chìobair,  mar  a  theirteadh  rithe 
'san  t-srath ;  agus  ged  a  rinneadh  f iughair  gu  leòir 
ri  Màiri,  's  ann  a  bha  Seumas  is  Mòr  air  am  mealladh 
nach  b*  e  cuideiginn  eile  bh'  ann  :  seadh,  coigreach 
air  choireiginn  a  dheanadh  seòrsa  daingneachaidh 
air  an  t-sealladh  a  chunnaic  Mòr. 

"  Ciod  e  mar  tha  sibh  an  nochd  ;  tha  sibh  leibh 
fèin  ?  "  arsa  Màiri  ;  's  cha  b'  e  fuaim  a  gutha  dad 
a  b'  eutruime. 

"Tha  sinn,  a  ghalad,  mar  is  dùth  dhuinn  air  an 
àm  a  th'ann.  Dean  suidhe.  Tha  fios  againn  nach 
leigeadh  tu  an  Nollaig  seachad  oimn  gun  tighinn 
g'  ar  faicinn  :  an  Nollaig  mu  dhehreadh  a  bhios 
tu  'nad  nighinn  òig." 

Thainig  rachd  goirt  am  muineal  Mòire  mu'n 
do  chrìochnaich  i  na  facail.  Thog  Màiri  a  h-aparan 
r'a  sùilean  agus  chaoin  i.  Thionndaidh  Seumas  a 
cheann  air  falbh  le  osainn  agus  shuath  e  'n  deur 
trom  a  bhàrr  a  shùla.  Fad  mhionaidean  cha  robh 
diog  fo  chromadh  an  tighe  ach  neagaid  ghoirid 
ghoirt  aig  na  mnathan,  's  iad  'gan  tacadh  le  mulad. 
Bha  Seumas  a'  cur  seachad  a  chuid  fèin  de  'n  bhròn  le 
bhi  rùrach  rudeiginn  feadh  an  tighe,  is  srann  fead 
aige.  Fhuair  na  mnathan  am  brùchd  ud  seachad, 
is  thog  iad  an  cinn  is  shuath  iad  an  sùilean. 


104  An  Ròsamach 

"Ach,  a  ghalad,  a  Mhàiri,  cha  leighis  bròn  an 
lot  a  fhuair  sinn  le  chèile  ;  's  cha  toir  e  air  ais  chug- 
ainne  na  bheil  'gar  dìth  an  nochd  ;  agus  cò,  rùin, 
a  gheibheadh  coire  dhuitse  a  thaobh  a*  cheum  a  tha 
thu  a'  tabhairt.  Cha  ^obh  e  'san  dàn  gu'm  biodh 
tu,  rùin,  a'd  bhan-chliamhainn  againne,  ged  a  tha 
'n  t-àm  a  th'  ann  ag  ùrachadh  dhuinne  an  leòin  a 
fhuair  sinn  an  latha  chaidh  ar  mac  neo-chiontach 
a  sgobadh  bhuainn.  Agus  cha  'n  e  sin  uile  e  ;  ach 
nuair  a  bha  cheuman  saor  gu  bhi  aige,  e  bhi  air  a 
leagadh  a  sìos  le  tinneas  ;  's  an  àite  dorus  athar 
's  a  mhàthar  a  bhi  fosgailte  roimhe  a  thighinn  gu'm 
broilleach  caomh  aon  uair  eile,  's  ann  a  tha  beul 
sanntach  na  h-uaighe  fosgailte  dha  ;  agus  tha  e 
glè  choltach  nach  fhada  gus  an  tèid  e  'na  craos. 
Cha'n  eil  fiughair  ris  a'  chòrr  againne  gu  bràth  tuill- 
eadh  ;  mo  luaidh,  mo  luaidh  !  "  Agus  bhris  an 
triùir  am  mach  an  caoineadh  goirt. 

"  Ged  tha  mise  dol  air  m'  aghaidh,*'  arsa  Màiri, 
"  cha'n  eil  ach  cas  a'  falbh  is  cas  a'  fuireach  agam. 
Tha  mi  nis  air  m'aghaidh  am  bliadhnachan,  is  cò 
gheibheadh  coire  dhomh,  mar  thuirt  sibh  f  èin,  a  thaobh 
tairgse  a  ghabhail,  ged  nach  eil  e  'gam  lìonadh  ;  a 
chionn,  an  toU  a  rinn  Murachadh  'nam  chridhe-sa 
cha  ghabh  e  lìonadh  gu  bràth  an  t-saoghail." 

'*  Tha  sinne,  'ghalad,  a'  creidsinn  nach  gabh  ; 
agus  's  e  ar  luaidh  a  bhi  air  a  sgobadh  bhuainn, 
's  e  neo-chiontach,  is  mò  tha  cur  cràidh  air  mo 
chridhe.  Ach  thig  an  fhìrinn  's  an  ceartas  an  uachdar 
nuair  bhios  sinne,  math  dh'  fhaodteadh  a'  cnàmh 
*san  ùir.  Tha  mo  mhac-sa  neo-chiontach.  'S  esan 
tha  sin.    Ach  ciod  e  'm  feum  a  bhi  bruidhinn  ?  " 


Thàlnig  dreag  de  bhoireannach  òg  sgiobalta  rathad  an  t-Srath 


Bean  a!  Bhocsa  Bhuidhe  105 

Chaidh  a'  choinneamh  bhròin  so  mu  sgaoil  nuair 
dh'  fhalbh  Màiri ;  agus  shuidh  an  greusaiche  's  a 
bhean  mu  choinneamh  an  teine  gu  sàmhach,  tosdach, 
ag  ràdh  beagain,  ach  a'  smuaintinn  mòrain. 


A  chum  beagan  soilleireachaidh  a  chur  air  na 
chaidh  seachad  de  'n  sgeul  so,  faodar  aig  an  àm  so 
innseadh  nach  robh  ach  an  aona  cheann-teaghlaich 
aig  a'  ghreusaich  ;  agus  b'e  sin  Murachadh  a  chaidh 
ainmeachadh  cheana.  Bha  Murachadh  'na  ghille 
cho  gasda  's  a  bha  eadar  dà  cheann  na  dùthcha, 
agus  's  mòr  am  facal  sin,  's  a  liuthad  òganach  gaisgeil, 
sgairteil,  eireachdail  an  t-Srath-Chaomhain  'san 
àm  ud.  Cha  robh  nighean  'san  t-Srath  nach 
toireadh  Murachadh  a'  Ghreusaiche  dhachaidh  do'n 
Phort-bhàn  ;  agus  bu  lìonmhor  iad  a  bha  an  eud 
r'a  chèile  da  thaobh.  Ach  b'i  Màiri  Bheag  a'  chìob- 
air  roghainn  Mhurachaidh,  agus  chaidh  iad  cho 
faisg  air  là  am  bainnse  ri  oidhche  'n  rèitich.  Ach 
chuir  an  oidhche  sin  fèin  crìoch  air  pòsadh  na  càraid 
a  bha  'n  gaol  cho  mòr  air  a  chèile.  'Na  shuidhe 
aig  bòrd  an  rèitich  chaidh  Murachadh  bochd  a  chur 
an  greim  a  thaobh  cionta  nach  bu  lugha  na  mort ;  's 
cha'n  fhac  e  fèin  no  Màiri  a  chèile  tuilleadh  bhuaithe 
sin  gus  an  so.  B'e  bu  cheann  aobhair  do  'n  driodart, 
so  :  Thàinig  dreag  de  bhoireannach  òg  sgiolta  rathad 
an  t-Srath  aon  uair,  agus  bu  thighinn  beò  dith  a 
bhi  siubhal  na  dùthcha  le  bocsa  beag  buidhe  fo  a 
h-achlais ;  anns  a'  bhocsa  so  bha  h-uile  seòrsa 
usgraichean  a  fhreagradh  air  mnathan  an  t-Sratha, 


106  An  Ròsarnach 

sean  agus  òg  mar  bha  iad  ann.  Cha  robh  gille 
òg  'sa  cheàrn  dùthcha  nach  robh  an  strìth  ri  fear- 
èiginn  eile  a  chum  na  h-usgraichean  a  b'  àille  a  bh' 
aig  a'  bhean-shiubhail  a  bhi  deàrrsadh  am  broiUeach 
a  leannain.  Mar  sin  bha  a'  bhean-shiubhail  a' 
deanamh  cosnaidh  mhaith  dheth  am  measg  òigridh 
Srath-Chaomhain. 

Ach  mu  dheireadh  thall  chailleadh  sealladh  air 
a*  mhnaoi  gu  h-obann.  Chaidh  i  aon  latha  air 
chuairt  mar  a  b'  àbhaist  dith,  agus  cha  do  thill  i. 
Cha  d'  thugadh  umhail  'sam  bith  air  na  ceud  làithean  ; 
ach  nuair  a  shhi  air  an  ùine,  's  nach  robh  sgeul-bheò 
shìos  no  shuas  air  a*  bhean-shiubhail  chaidh  an 
dùthaich  uile  troimh-chèile.  Chaidh  an  sgeirmse 
fad  na  sgìre  ;  ach  cha  robh  eadar  a  dà  chloich  na 
chunnaic  dath  no  aogasg  na  mnatha  ;  agus  cha  robh 
an  sin  ach  gu'n  d'thàinig  rudeiginn  rithe. 

Chaidh  an  lagh  an  lorg  na  cùise  ;  shealladh  shios 
is  rannsaicheadh  is  cheasnaicheadh  shuas  ;  agus 
nuair  chaidh  gach  comharra  a  chur  ri  chèile  cha 
robh  ach  gu'n  deach  a'  bhean  a  mhort  air  cheann  a 
codach,  agus  a  corp  a  chur  as  an  t-sealladh.  Fhuaras 
badan  d'a  h-aodach  an  cladach  an  Loch-mhòir. 
Fhuaras,  cuideachd,  comharran  air  bruachan  an 
loch.  Chaidh  an  Loch-mòr  a  sgrìobadh  gu  mean 
*s  gu  mionaideach  agus  fhuaradh  corp  ann. 
B'e  corp  boireannaich  a  bh'ann  cuideachd,  ach 
bha  e  air  a  mhilleadh  cho  mòr  le  easgannan,  's  nach 
gabhadh  e  deanamh  am  mach  gu  ro  mhaith  co  bh' 
ann ;  ach  gu  nàdurra,  bha  e  air  a  chreidsinn  gu'm  b'e 
a'  bhean-shiubhail  a  bh'ann,  ged  nach  robh  e  'na  ni 
a  bha  idir  annasach  corp  a  bhi  air  fhaotainn  'san  Loch 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  107 

mhòr.  *S  iomadh  neach  a  chailleadh,  gu  sòmnichte 
coigrich  air  nach  cuireadh  an  dùthaich  ionndrainn, 
nuair  a  bhitheadh  tuil  'san  abhainn  a  bha  tighiim 
a  nuas  as  na  glinn  am  braigh  na  dùthcha,  agus  is 
tric  a  fhuaradh  an  cuirp  'san  Loch-mhòr,  far  an  do 
ghiùlain  an  tuil  iad,  iomadh  mìle  air  astar.  Ach 
co-dhiùbh,  fhuaradh  corp  an  uair  so  ri  Hnn  ionndrainn 
a  bhi  air  neach,  agus  cha  robh  ach  gu'm  b'e  corp  an 
neach  a  dh'  ionndrainneadh  a  bh'ann.  Bha'n  sud  a' 
cheud  cheum  aig  an  lagh  air  a  thoirt ;  's  cha  robh  a 
nis  ach  dol  an  gnìomh  a  chum  an  ath  cheum  a  thoirt. 
Cò  thàinig  ris  a  mhnaoi  ?  B'i  sud  a'  cheist.  Chaidh 
adheanamham  mach  gu'm  b'e  Murachadh  a'  ghreus- 
aiche  an  neach  mu  dheireadh  a  bha'n  cainnt  na 
nmatha.  Am  feasgar  a  chailleadh  sealladh  oirre 
thachair  i  air  Murachadh  taobh  an  locha.  Bha, 
cuideachd,  mòran  de  a  cuid  bathair  aig  Murachadh  ; 
bha  fiach  airgead  dà  cuid  aige  a  rèir  nam  prisean 
a  bha  i  cur  asda  ;  agus  leis  an  sin  leagadh  amharus 
trom  air  Murachadh  bochd. 

Cha  d'  àicheidh  Murachadh  nach  do  thachair 
a'  bhean  air  am  beul  an  anmuich  faisg  air  an  Loch- 
mhòr.  Cha  d'  àicheidh  e  nach  do  reic  i  mòran  d'a 
cuid  bathair  ris  air  saor  chùnnradh,  a  chionn  's  gu'n 
robh  e  'na  beachd  stoc  ùr  fhaotainn.  Cha  do 
shàsaich  an  deagh  àicheadh  ud  an  lagh,  agus,  am 
beagan  ùine,  agus  air  oidhche  a  rèitich,  cuid  bu 
duilghe,  chaidh  Murachadh  a  chur  an  greim.  Dh* 
fheuchteadh  h-uile  ìnnleachd  a  chum  toirt  air  a 
chiont  aideachadh.  Chaidh  a  thoirt  dh'  ionnsaigh 
an  Locha-mhòir  far  an  robh  dùil  gu'n  do  thilgteadh 
corp  na  mnatha,  feuch  an  toireadh  e  aideachadh 


108  An  Ròsarnach 

'sam  bith  as  ;  ach  sheas  Murachadh  aig  a'  cheud 
fhacal  a  thuirt  e — ^b'e  sin  "neo-chiontach/*  Cha 
robh  mòran  'san  t-srath  a  bha  creidsinn  atharr- 
achaidh,  ged  a  bha  feadhainn  ann,  mar  tha  'sa 
h-uile  àite,  feadhainn  a  ni  gàirdeachas  ri  neach  an 
staing,  a  bha  toileach  creideamh  a  chur  an  cionta 
an  coimhearsnaich  chòir.  Co-dhiùbh,  chaidh  Mur- 
achadh  an  dèidh  ùine  shònruichte  a  thoirt  gu  cùirt 
do  Dhun-Eideann,  agus,  cuid  bu  duilghe,  fhuaradh 
ciontach  e  le  mòr-àireamh  an  luchd-breith.  B'e 
bhinn  :  e  bhi  air  a  chrochadh  ;  ach  le  fàbhar,  a 
chionn  's  nach  robh  an  luchd-breith  aon-sgeulach, 
chaidh  a'  bhinn  atharrachadh  gu  prìosan  r'a  bheò. 
Chaidh  còig  bliadhna  deug  seachad,  agus  bha  a 
cheumannan  saor  gu  bhi  aig  Murachadh  bochd  aon 
uair  eile.  Mu'n  cheart  àm  a  bha  fiughair  dachaidh 
ris,  agus  a  mhàthair  a'  dol  gach  feasgar  a  rachadh 
thar  a  cinn,  gu  ceann  an  tighe  feuch  am  faiceadh  i 
mullach  a  chinn  a'  tighinn  ris  a  nuas  an  rathad, 
's  ann  a  thàinig  fios  a  leag  an  greusaich  's  a  bhean  gu 
bròn  aon  uair  eile.  Bha  Murachadh  ri  uchd  bàis 
'san  tìgh-eiridinn.  Bha  e  a'  caitheadh  as  gu  luath, 
's  cha  robh  fios  cò'n  uair  seach  a'  mhionaid  'san 
ruigeadh  naidheachd  a  bhàis  Srath-Chaomhain.  B'e 
so  a  chuir  an  greusaiche  's  a  bhean  cho  trom  muladach 
air  Oidhche  na  Coluinn  so,  còmhla  ris  gu'n  robh 
Màiri  Bheag,  seann  leannan  am  mic  ri  rèiteach  ri 
fear  eile  a*  cheart  oidhche  ud ;  agus  maille  ris  a  h-uile 
trioblaid  a  bh'  ann  bha  sin  fèin  a'  toirt  cuimhneachais 
ghoirt  a  steach  air  a'  chàraid  thruaigh  aonaranaich. 


Bean  a'  Bhocsa  Bhuidhe  109 

Nuair  a  dh'  fhalbh  Màiri,  ma  tà,  shuidh  an 
greusaiche  's  a  bhean  mu  choimieamh  an  teine  ;  cha 
robh  facal  thall  no  bhos  eatorra,  ach  iad  a'  feitheamh 
nan  èibhlean  gus  an  tigeadh  a'  bhliadhna  ùr  a  steach, 
agus  an  sin  dol  a  laighe  gu  sàmhach  socrach  a 
bhruadar  air  an  àm  a  dh'  fhalbh,  's  air  a'  mhac 
nach  fhaiceadh  iad  tuilleadh  an  tìr  nam  beò.  Bha  'n 
oidhche  dol  seachad.  Cha  robh  tigh  'san  t-srath  anns 
nach  robh  uinneagan  a'  boillsgeadh.  Cha  robh  tigh 
ann  anns  nach  robh  bòrd  brèagha  air  a  shuidheachadh 
agus  cuideachd  shunndach  mu'n  cuairt  air  a'  cur 
seachad  na  Coluinn  anns  an  dòigh  àbhaistich.  Ach 
an  tigh  a'  ghreusaiche  cha  chluinnteadh  ach  fuaim 
na  gaoithe  ris  an  t-similear,  no  a'  chlach-mheallain 
mhìn  a'  griogail  ris  an  uinneig,  agus  an  clog  mòr 
a  bha  'n  crochadh  ris  a'  bhalla  a'  crìochan  gun  stad 
agus  ag  ràdh  : — 

"A'  Choluinn  so,  'Chaluinn  so  ; 
A'  Chaluinn  so,  'Choluinn  so." 

Chualas  tartaraich  air  a'  chabhsair  agus  guth 
òrain.  Thog  Mòr  is  Seumas  an  cinn  is  dh'  èisd  iad. 
Gun  ghnogadh,  gun  rabhadh,  thogadh  crann  an 
doruis  is  chluinnteadh,  an  dorcha  na  catha,  guth 
air  nach  b'  eòlach  iad  a'  dranndail  òrain  : — 

"Air  a'  Choluinn  ;    O,  'n  dram  ! 

'S  i  Choluinn  a  th'  ann  ; 

Air  a'  Choluinn  ;  O,  'n  dram  ! 

Leis  na  facail  so  'na  bheul  thàinig  an  ceatham- 
ach  an  làthair  gu  sunndach.      Dh'  èirich  Seuma$ 


110  An  Rdsarnach 

is  Mòr  'nan  seasamh  agus  sùil  air  a  chèile  is  sùil 
eile  air  a'  choigreach. 

"A  Mhoire  ;  Mhoire  !  Sheumais,  thàinig  am  fear 
so  mu  dheireadh,  co-dhiùbh  is  ann  's  nach  ann  a 
thaobh  an  t-saoghail  so  e.'' 

Bha  'n  sud  saighdear  'na  dheise  Ghaidhealaich 
bho  mhullach  gu  làr,  le  bhoineid  mhòir,  le  bhreacan, 
's  le  criosan  rìomhach  nam  bucal  geala.  Thilg  e 
pasgan  uaine  a  bha  fo  achlais  air  a'  bhòrd,  is  chualas 
duis  chnàmhach  na  pìoba  a*  glagraich.  Thàinig 
an  coigreach  iongantach  air  aghaidh  's  a  làmh 
shite  gu  càirdeil,  's  e  fad  na  h-ùine  a'  gabhail  an 
òrain : — 

Air  a'  Choluinn  ;  O,  'n  dram  ! 

'S  i  Choluinn  a  th'  ann  ; 
Air  a'  Choluinn  ;  O,  'n  dram  ! 

*'  Nach  fhad  o'n  dà  la  dheug  sin,  a  Sheumais, 
a  charaid.  Cha'n  aithnich  a  h-aon  agaibh  mise  ; 
ach,  co-dhiùbh,  ann  an  sud  i,  agus  bliadhna  mhaith 
ùr  dhuibh  nuair  thig  i,  agus  mòran  diubh,  agus  gach 
tè  dhiubh  na's  sunndaiche  na  a'  chòig  deug  a  chaidh 
seachad  mu  dheireadh.  Ann  an  sud  i,  Mhòr,  a 
ghalad,  tha  mi  toilichte  gu'n  deach  agam  air  ur 
ceann-teine  thoirt  am  mach  an  nochd,  agus  cha  b' 
ann  gun  iomadh  ceum  garbh  a  chur  as  mo  dhèidh, 
agus  sneachd  gu  mo  ghlùinean.  Fàilt  oirbh  le 
chèile !  " 

"Air  a'  Choluinn  ;    O,  'n  dram  !  " 

"An  dà,  'ille  chòir,"  arsa  Mòr ;  '*  c'  àite  'sam 
bith  a  dh'  ionnsuich  thu  a'  Ghàidhlig,  cha  b'ann  an 


Bean  a'  Bkocsa  Bhuidhe  111 

Srath-Chaomhain.  Cha'n  aithnich  mi  gu'm  faca 
mi  riamh  air  mo  dhà  shùil  thu  anns  an  fheòil ;  ach 
chunnaic  mi  do  thamhasg  tri  uairean  air  an 
t-seachdain  so  fèin,  agus  an  nochd  fèin  an  treas 
uair." 

"  Sibh  bu  chòir  m'  fhaicinn  ;  's  iomadh  uair 
fad  na  seachdain  so  a  bha  mi  'gam  òrduchadh  fèin 
aig  ur  tigh  ;  's  tha  mi  toilichte  gu'n  d'  thug  mi 
mach  e  mu  dheireadh : — 

"Air  a'  Choluinn  ;   O,  'n  dram 
'S  i  Choluinn  a  th'  ann  ; 
Air  a'  Choluinn  ;   0,  'n  dram  !  " 

"Rinn  mi  oidhirp  mhaith  a  bhi  leibh  an  nochd 
a  chum  agus  gu'm  biodh  Nollaig  chridheil  agaibh 
agus  agam  fèin  leibh  "  : — 

"Air  a'  Choluinn  ;   O,  'n  dram  I 
'S  i  Choluinn  a  th'  ann ; 
Air  a'  Choluinn  ;   O,  'n  dram  !  " 

Leis  an  so  thug  an  coigreach  tarruing  air  botul 
a  bh'  aige  'na  mhàileid.  Fhuair  Mòr  gloine.  Dh' 
èirich  an  saighdear  'na  sheasamh  air  an  ùrlar. 

'*  Nis,"  ars  esan,  "  mu'm  bi  'n  còrr  eadarainn, 
òlaidh  sinn  air  a  chèile  ann  an  deagh  chàirdeas. 
So  dhuibh,  a  bhean  an  tighe  :  toiseach  dibhe  do  na 
mnathan  is  deireadh  a'  bhùim-ionnlaid." 

"Air  do  dheagh  shlàinte  fèin,  ma  tà,"  arsa  M6r, 
"  agus  's  i  chòmhdhail  so,  còmhdhail  is  iongantaiche 
a  chuala  duine  riamh.  Ged  tha  thusa,  charaid, 
a'  cur  aithne  oimne,  cha'n  eil  fhios  aig  a  h-aon 


112  An  Rdsarnach 

againne  c6  de  shluagh  an  t-saoghail  thusa  ;  ach  tha 
mi  'm  beachd  gu'm  bheil  naidheachd  thoilichte 
agad  duinn  ;  agus  air  do  dheagh  shlàinte  ;  's  am 
fortan  a  chur  na  bliadhn-ùire  seachad  oimn  gu 
maith  :   na  bheil  againne  's  'gar  dìth." 

Thàinig  reachd  am  muineil  Mòire  nuair  a  thubh- 
airt  i  so.  Nuair  chaidh  an  gloine  mu'n  cuairt 
air  an  triùir,  shuidh  an  saighdear  agus  ars  esan  : 
*'A  nis,  tha  fios  agamsa  ciod  e  tha  cur  ealaich  air 
ur  cridheachan-sa  o  chionn  iomadh  bliadhna.  Cha'n 
eil  ach  tri  mìosan  o'n  chuala  mi  e  ;  agus  chuir  mi 
romham  nuair  gheibhinn  fòrlach  gu'n  tiginn  a  thoirt 
an  ealaich  dhìbh.  'S  e  sin  a  thug  mise  air  mo  shean 
eòlas  do  Shrath-Chaomhain  mu'n  deach  mi  dh' 
fhaicinn  m'  athar  's  mo  mhàthar  fèin  nach  fhaca 
mi  o  chionn  fichead  bliadhna.  Dh'  fhuiling  ur 
mac-sa  gu  neo-chiontach.  Dearbhaidh  mise  sin. 
Tha  'm  boireannach  a  bhatar  a'  cur  as  a  leth  a  mharbh 
e,  beò  slàn  an  diugh  fathast.  Tha  i  na's  beotha 
*s  na's  slàine  na  bha  i  riamh  'na  beatha.  'S  mise 
am  boireannach  a  bh'  ann,"  ars  an  saighdear,  's  e 
'g  èirigh  'na  sheasamh  air  an  ùrlar  a  rithis  cho  dìreach 
ri  luachair  ;  '*  's  mise  am  boireannach  air  an  do 
thogadh  an  sgeul ;  mise,  lain  Bàn  Camshron  à 
Loch-abar,  Pìobaire  mòr  na  Rèisimid  Duibh." 

Cha  robh  fios  aig  Mòir  no  aig  Seumas  ciod  e  'n 
saoghal  a  bha  'gan  giùlan  nuair  chual  iad  so.  Thug 
iad  anns  a'  mhionaid  creideas  do  chainnt  an  duine 
dhìomhair  so  ;  oir  thuig  iad  gu'm  b'  fhear-eòlais 
e  ged  nach  buineadh  e  do'n  dùthaich.  Ach  ciod 
e  an  t-èolas  a  bh'  aige  orrasan  cha  b'  urrainn  daibh 
a  bhreithneachadh  air  dòigh  'sam  bith. 


Bean  a'  Bhocsa  Bhuidhe  113 

"An  dà,  mo  mhìle  beannachd  ort,  'ille,  c6  air 
'bith  thu.  Thog  thu  ealach  dhinne  nach  robh 
aotrom/'  arsa  Mòr. 

"  Gu  dearbh  rinn  thu  sin,"  arsa  Seumas,  's  e  a* 
breith  air  làimh  a  rithis  air. 

'*  Tha  ar  mac-ne  'na  shìneadh  le  tinneas  cràit- 
each ;  agus  ma  's  e  's  gu'n  tèid  e  do  'n  ùir  bithidh 
de  thoileachadh  againn  agus  aige  fèin,  ma  bheireas 
an  sgeul  air,  gu'n  tèid  a  dhuslach  ri  duslaich,  agus 
fios  aig  an  t-saoghal  gu'm  bheil  a  làmhan  glan,  mo 
rùn." 

"Agus,  a  charaid  chaoimh,"  arsa  Seumas,  "  's 
leatsa  da  cheann  an  tighe  so  gu  bràth  ;  agus  ged 
nach  biodh  againne  ach  biadh  na  faochaig  ri  roinn, 
is  leatsa  do  chuid  deth  na'm  biodh  tu  'na  eismeil." 

"  Tapadh  leibhse,  chàirdean,"  ars  an  saighdear, 
"  agus  mòran  taing.  Bha  fios  a'm  gu'n  deanadh 
sibh  mo  bheatha,  ciod  e  'sam  bith  mar  thiginn 
chugaibh.  'S  iomadh  coibhneas  a  rinn  sibh  rium 
ged  nach  eil  sibh  'gam  thuigsinn  ;  ach,  a  chàirdean, 
tha  mise  mar  a  thubhairt  Donnchadh  Bàn  nan  òran  : 
'  Rinn  Nighean  Deòrsa  an  t-aran  dhomh.'  " 

'*  'S  maith  leinn  a  chluinntinn,"  arsa  M6r,  's 
i  nis  a'  cur  air  dòigh  a'  bhùird  ;  "  agus  a  nis,  ni  mise 
rud  nach  do  rinn  mi  o  chionn  iomadh  bliadhna  : 
Coluinn  shunndach  a  chur  air  dòigh." 

"An  dearbhadh,  tha  mo  chead  agad,  a  bhean," 
arsa  Seumas  ;  "  agus  gu  dearbhadh  fèin,  'ille  chòir, 
's  beag  smaointinn  a  bh'  agam,  toiseach  na  h-oidhche, 
gu'm  bithinn  cho  toilichte  mu'n  tigeadh  a  deireadh." 

"  Nach  d'  thubhairt  mi  ribh  gu'n  togainn  an 
leann-dubh  dhibh,"  ars  an  saighdear  ;    "  agus  nuair 


114  An  Ròsarnach 

a  bhios  bòrd  na  Coluinn  deas  aig  Mòir,  *s  a  shuidheas 
sinn  mu'n  cuairt  air  'nar  triùir,  ìnnsidh  mi  mo  sgeul 
dhuibh  bho  thoiseach  gu  deireadh  "  : —     - 

"Air  a*  Choluinn  ;    O,  'n  dram  ! 
'S  i  Choluinn  a  th'ann  ; 
Air  a*  Choluinn  ;   0,  'n  dram  !  *' 

Shuidh  an  triùir  mu  bhòrd  na  Coluinn  agus 
liubhair  an  saighdear  a  sgeul. 

"  Cha  robh  mise,''  ars  esan,  '*  ach  a'm  bhalach 
caol,  glas,  agus  glè  òg  nuair  chaidh  mi  do'n  arm. 
Chluichinn  a.'  phìob  gu  h-innich  ;  ach  le  bhi  faicinn 
ghiUean  gasda  eile  de  mhuinntir  mo  dhùthcha — 
's  e  sin  Loch-abar  nan  craobh — a'  tighinn  dachaidh 
le'n  deiseachan  rìomhach,  bha  mi  smuaintinn  nach 
robh  rud  air  an  t-saoghal  a  b'  àill  leam  na  bhi  tighinn 
dachaidh  a  dh'  fhaicinn  mo  chuideachd  anns  an 
èideadh  bhrèagha  ud.  Bha  cuid  diubh  'nam 
pìobairean  'san  arm,  agus  b'  ann  riutha-san  a  bu 
mhotha  bha  dh'  eud  orm.  Bha'n  deise  cho  àluinn 
leam  :  an  t-èibhleadh  sgiobalta,  am  breacan  fuasg- 
ailteach,  na  criosan  bucalach,  's  a'  bhoineid  iteach, 
uaibhreach.  Nuair  bhithinn  a'  buachailleachd  nan 
laogh  air  bruachan  Loch-abair,  bha'm  feadan  beag 
a'm  phluic  bho  mhoch  gu  dubh,  's  cha  robh  meur 
chruaidh  am  port  annasach  ùr  a  chluinninn  nach 
bithinn  a'  strìth  rithe  leam  fèin  taobh  an  tuim  gus 
an  deanainn  gu  fileanta  glan  i.  Bha,  mu  dheireadh, 
na  h-eòin  cho  cleachdte  ri  m'  cheòl  *s  gu'n  suidh- 
eadh  an  druid  's  am  brù-dhearg  air  meanglan  làmh 
rium  a  dh'  èisdeachd,  agus  a  rèir  mo  bharail  fèin 
a  dh'  aithris,  a  chiùil  'san  doire.      Co-dhiùbh  thog 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  115 

mi'n  ceòl  cho  maith  agus  nuair  nach  robh  mi  ach 
a'm  fhìor  bhalachan,  bha  mi  a*m  chulaidh  ìon- 
ghnaidh  aig  gach  còmhdhail  am  biodh  pìob  r'a  cluich. 
Mu  dheireadh  thall,  bha  Loch-abar  tuilleadh  is 
cumhang  dhomh  a  rèir  mo  bheachd  fèin.  Cha 
deanadh  feum  ach  an  t-arm  fheuchainn  ;  agus 
do'n  arm  ghabh  mi.  Bha  mi  nis  a'm  phìobair  airm 
'san  Rèisimid  Duibh  ;  agus  cò  ach  mise  !  Cha  robh 
mi  trì  mìosan  a'm  shaighdear  nuair  dhùraicinn 
dol  dachaidh  a  chum  's  gu'm  faiceadh  m'  athair  's 
mo  mhàthair  's  mo  chàirdean  air  fad  cho  innich  's 
a  bha  mi  sealltainn  an  deise  pìobaire,  agus  pìobair 
airm  aige  sin.  Ach,  a  chuideachd,  mu'n  d'  thàinig 
ceann  na  bliadhna  fhuair  mi  mo  shùilean  fhosgladh. 
Bha'n  t-arm  tuilleadh  is  teann  dhomh,  agus  mhiann- 
aich  mi  gu  làidir  frìthean  agus  saorsa  Loch-abar 
nan  craobh,  agus  a  bhi  tighinn  dachaidh  a'm  luidean- 
ach  gu  teintean  m'  athar  's  mo  mhàthar ;  agus  's  e 
rinn  mi,  teicheadh.  Theich  mi,  agus  bha  mi  air 
chomhach  'nam  èalaidheach.  Na'n  robh  mi  cho 
eòlach  's  a  bha  mi  cho  aineolach  dheanainn  strìth 
ri  m'  dhreuchd  a  leantainn ;  ach  bha  mi  amaideach 
agus  rinn  mi  èalaidheach  dhiom  fèin. 

Ach  co-dhiùbh,  mar  thubhairt  mi  niibh,  bha 
lain  Bàn  'na  èalaidheach,  agus  cha  robh  sgeul  shìos 
no  shuas  air.  Bha  fios  agam  gu'm  biodh  an  tòir 
as  mo  dhèidh,  's  cha  robh  maith  dhomh  m'  aghaidh 
a  thoirt  air  Loch-abar.  Cha  robh  maith  dhomh 
falbh  follaiseach  an  àite  air  bith  agus  rinn  mi,  le 
cuideachadh  feadhnach  a  ghabh  truas  dhiom,  dol 
an  aodach  boireannaich.  Bha  iomradh  air  Cogadh 
na  Ruise  'san  àm,  agus  bhatar  cho  geur  air  lorg 


116  An  Ròsarnach 

feadhnach  a  bhiodh  a'  teicheadh  's  gu'm  feumteadh 
falach  fodha  a  dheanamh  air  dòigh  no  dòigheiginn. 
Cha  robh  dòigh  a  b'  fhèarr  na  dol  an  riochd  mnatha, 
agus  air  m'  fhocal  bu  mhi  an  nighean  sgiobalta 
ghlan." 

Aige  so  bhris  a'  chuideachd  gu  gàireachdaich. 

"An  dà,  gu  cinnteach/'  arsa  M6r,  *'  's  ann  duit 
is  fìor  a  ràdh." 

"  Bha  thu  dìreach  cho  sgiolta  's  a  bha  'san 
dùthaich,"  ars  a'  ghreusaiche  fèin  nuair  fhuair  e 
seachad  ruith  gàireachdaich  is  casadaich. 

**  Nach  robh  mi  loinneil,  a  nis  !  "  ars  an  saighdear 
fèin.  "Am  bheil  cuimhn'  agaibh  mar  a  bha  Eachann 
Iseabail  as  mo  dhèidh  ?  Ho  !  hò  !  phòsadh  Eachann 
anns  a'  mhionaid  mi  na'n  toirinn  a'  mhisneach  bu 
lugha  dha."  Agus  ghàir  an  triùir  gus  an  gann  a 
bha  iad  a'  suidhe  air  an  cathraichean. 

'*Ach,  co-dhiùbh,  cha'n  eil  air  an  sud  ach  sud  fèin. 
Fhuair  mi  air  m'  aghaidh  am  fad  ud  ;  ach  ciamar 
nis  a  bha  mi  dol  a  dheanamh  mo  bheò-shlainte  ? 
Dh'  èirich  mòran  nithean  a  suas  nach  do  smuainich 
mi  an  toiseach  orra,  agus  b'e  h-aon  diubh,  agus  an 
t-aon  bu  chudtromaiche  :  Ciod  e  mar  gheibhinn  mo 
theachd-an-tìr.  Cha  robh  mi  idir  falamh  de  airgead  ; 
ach  na'n  tòisichinn  air  as  a'  cheann  chaol  cha  b' 
fhada  mhaireadh  e.  Ach  bhuail  ìnnleachd  mhaith 
a'm  cheann,  agus  b'  e  sin :  na  bh'  agam  air  cùl  mo 
làimhe  a  chur  am  bathar  marsantachd.  B'e  sud 
a  rinn  mi.  Lìon  mi  'm  bocsa  buidhe  air  am  b' 
eòlach  sibh,  le  usgraichean  rìomhach,  agus,  mo  riar 
fèin,  's  ann  a  bha  'n  gnothuch  a'  pàigheadh  dhomh 
gu  h-urramach  maith.      Ach,  co-dhiùbh,  dh'  fhàs 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  117 

mi  sgìth  de'n  bhreug-riochd  is  de'n  t-siubhal  's 
de'n  t-suidheachadh  'san  robh  mi,  agus  chuir  mi 
romham  mi  fèin  a  thoirt  a  suas  do  'n  arm. 

"Am  feasgar  a  dh'  fhàg  mi  'n  dùthaich  thachair 
ur  mac-sa  orm.  Reic  mi  cuid  mhòr  de  na  bh' 
agam  ris  air  saor  chùnnradh,  's  mi  ri  stoc  ùr  fhaotainn. 
Reic,  a  chàirdean,  agus  bu  bheag  a  bha  dùil  agam 
gu'n  deanadh  a'  mhalairt  a  bh'ann  a  bheatha  chur 
an  cunnart,  no  gu'n  coisneadh  i  dha  a'  chuid  a  b' 
fhèarr  de  a  bheatha  a  chur  seachad  am  prìosan. 
An  dèidh  dealachadh  ri  Murachadh  bochd  chaidh 
mi  a  bhàrr  an  rathaid.  Dh'  fhan  mi  'n  tom  coille 
gus  an  do  dhorchaich  i,  agus  an  sin  chuir  mi  dhiom 
mo  luideagan,  agus  bha  mi  aon  uair  eile  an  aodach 
fir.  Bha  mi  'n  sin  co-dhiùbh  ;  a  chionn,  fad  nan 
trì  mìosan  a  bha  mi  'n  Srath-Chaomhain  bha  m' 
aodach  fèin  fo'n  aodach  fhuadain.  Thill  mi  agus  dh' 
fhàg  mi  pàirt  de  m'  aodach  taobh  an  locha.  Cha'n 
eil  fhios  agam  c'  ar  son.  Ach  rinn  mi  e  co-dhiùbh, 
agus  a  dheanamh  sgeul  goirid  de  sgeul  fhada,  thug 
mi  mach  Struibhle,  far  an  robh  an  Rèisimid  ;  agus 
is  iomadh  rud  a  thàinig  mise  troimhe  bho'n  latha 
sin,  eadar  cogadh  a'  Chrimèa  agus  cogadh  nan 
Innsean  's  a  h-uile  dad  a  bh'  ann.  Ach,  co-dhiùbh, 
thàinig  mi  troimh  a  h-uile  gàbhadh  dhiùbh, 
agus  tha  mi  ro-thoilichte  gu'n  robh  e  'san  dàn 
domh  a  bhi  air  mo  chaomhnadh  a  chum  dearbhadh 
a  thoirt  seachad  gu'm  bheil  Murachadh  a'  ghreusaiche 
cho  neo-chiontach  ri  leanabh  na  cìche.  Sin  agaibh 
a  nis  driodartan  lain  Bhàin  Chamshroin,  piobaire 
mòr  na  Rèisimid  Duibh." 

Dh'  fhàs  na  bha  'sna  copaichean  fuar  a    dhà 


118  An  Ròsarnach 

no  trì  de  uairean  am  fad  's  a  bha'n  saighdear  ag 
ìnnseadh  a  sgeòil,  agus  bha  Mòr  is  Seumas  ag  èisd- 
eachd  mar  gu'm  biodh  iad  air  beulaibh  a'  mhinisteir. 
Fad  na  h-ùine  bha  iad  a'  faicinn  an  lìon  'san  robh 
Murachadh  air  a  ghlacadh,  a'  togail  dheth,  mogul 
an  dèidh  moguil,  agus  an  dealbh-chluich  dìomhair 
air  a  shoilleireachadh  beagan  an  dèidh  beagain,  a 
rèir  *s  mar  a  bha  sgeul  an  t-saighdeir  a'  togail  cirb 
an  dèidh  cirbe  de  'n  sgàil  a  bha  falach  na  cùise  bho 
cheartas  an  t-saoghail  fad  chòig  bhliadhna  deug. 

*'An  dà  ;  mo  mhìle  beannachd  ri  d'  bheò  ort, 
a  charaid,*'  ars  an  greusaiche,  's  e  'g  èirigh  'na 
sheasamh,  's  a*  beirsinn  'na  dhà  làimh  air  làimh 
dheis  an  t-saighdeir  ;  ''  agus  gu'm  b'e  an  turus 
so  a  thug  thu  do  Shrath-Chaomhain  car  is  miosa 
a  chuireas  tu  dhiot  gu  bràth." 

'*  Bidh  mo  bheannachd  a'd  chuideachd  gu  bràth/' 
arsa  Mòr,  's  i  suathadh  nan  deur  leis  an  robh  a 
sùilean  aoibhneach  làn.  *'  Tha  ur  mac-ne  gle  ìosal, 
ma  tha  e  idir  an  làthair  an  nochd  ;  ach  ma's  bàs 
dha  e,  nach  toilichte  leam  e  dhol  a  dh'  ionnsaigh 
na  sìorruidheachd  bhuain,  agus  fios  aig  an  t-saoghal 
uile  gu'n  deach  a  dhuslach  ri  duslaich,  's  e  neo- 
chiontach  'san  gnìomh  a  dh'  fhuiling  e  air  a  cheann. 
Ach  nach  e  am  fulang  sin,  's  e  neo-chiontach,  a  bheir 
air  an  t-saoghal  uile  a  nis  a  chrùnadh'  nan  cridh- 
eachan  le  crùn  is  òirdhearca  na  ged  a  gheibhteadh 
neo-chiontach  aig  a'  chùirt  e,  's  gun  an  còrr  a  bhi 
air." 

Ach  chaidh  an  oidhche  seachad  gun  fhios  daibh. 
Thòisich  an  clog  mòr  air  bualadh  gu  socrach  a  h-aon, 
a  dhà,  a  tri — ^agus  thàinig  a'  bhliadhn*-ùr  a  steach. 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  119 

Dh'  èirich  an  triùir  air  an  ùrlar  a  rithis  a  chur  fàilte 
na  bliadhn'-ùire  air  a  chèile  ;  's  cha  robh  comunn 
'san  t-Srath  cho  sunndach  riutha,  ged  a  bha  'n  sùilean 
a'  snàmh  'nan  deòir. 

"  Bliadhna  mhath  ùr  dhuibh,  a  Sheumais.  Bliadh- 
na  mhath  ùr,  a  Mhòr  !  ''  ars  an  saighdear. 

"  Mar  sin  duitse,  agus  mòran  diùbh,  agus  guma 
buan  thu,  a  charaid,"  ars  an  greusaiche. 

"  Làmh  air  do  bhotul  a  nis,  a  Sheumais,"  arsa 
Mòr  ;  *'  agus  ar  doilgheasan  uile  leis  a'  bhliadhna 
dh'  fhalbh.'' 

Chaidh  slàinte  dh'  òl  air  gach  taobh.  Chaidh  na 
copaichean  a  lìonadh  as  ùr,  agus  am  fad  's  a  bha 
iad  a'  gabhail  a*  chòrr  de'n  Choluinn  bha  iad  ag 
èisdeachd  nan  urchraichean  leis  an  robh  Srath- 
Chaomhain  uile  a'  toirt  a  steach  na  bliadhn'-ùire, 
is  dh'  aithnicheadh  Mòr  is  Seumas  gach  fear  a  loisg- 
eadh  làmhach  a  rèir  an  taoibh  bho'n  tigeadh  an 
fhuaim ;  agus  chuimhnicheadh  an  saighdear  air 
an  ainm  feadhainn  a  b'  aithne  dha. 

"A  nis,"  ars  an  saighdear,  *'  bho'n  thionndaidh 
a'  Choluinn  cho  maith  is  cho  toilichte  dhuibh,  nach 
cluich  mi  port  air  a'  phìob  los  gu'n  cluinn  sibh  meur 
pìobaire  mhòir  na  Rèisimid  Duibh  ?  " 

*'  Cha  d'  fhuair  mi  riamh  na  b'  fheàrr,"  ars  an 
greusaiche  ;  "agus  gu  dearbhadh,  's  fhad  bho  nach 
robh  sunnd  cho  maith  orm  a  chum  èisdeachd  ris  a' 
phìob  's  a  tha  orm  an  nochd  fèin." 

**  Càraibh  dìreach  a  suas  i,  rùin,  mar  gu'm  bu 
tu  mo  mhac  fèin.  Tha  mi  cheana  mar  gu'm  biodh 
e  eadar  mo  dhà  làimh,  ged  tha  fhios  agam  gu'm  bheil 
a  thaobh  glè  losal,"  arsa  Mòr. 


120  An  Rdsarnach 

"  Biodh  agaibhse  foighidinn,  a  chàirdean  ;  cuiridh 
lain  Bàn  Camshron  crìoch  urramach  air  an  rud  a 
ghabh  e  os  làimh/'  ars  an  saighdear,  's  e  fuasgladh 
na  pìoba  as  a'  phasgan. 

Dh'  fhuasgail  lain  a'  phìob  ;  thug  e  mach  fear 
an  dèidh  fir  de  na  gothaichean  ;  shèid  e  iad  is  dh' 
fheuch  e  'm  fuaim  's  e  a'  canntaireachd  aig  an  àm 
cheudna.  *'  Thig  mar  so,  a  ghalad,  gus  an  cluinn 
sinn  do  ghuth  binn,"  ars  e  fèin,  's  e  tilgeil  nan  dos 
thar  a  ghualainn  is  fuaim  an  aoibhnis  aig  an  glag- 
raich.  Chnìodaich  lain  am  màl  le  bhois  is  lìon 
gach  lag  a  bh'  ann  le  gach  sèideadh.  Ràn  na  duis, 
sgreuch  am  feadan  ;  chaidh  am  màl  gu  socrach  'na 
àite  fèin  fo  ghàirdean  a'  phiòbaire,  is  lìonadh  an  tigh 
le  ceòl.  Bu  cheòl  taitneach  ceòl  a'  ghleusaidh  fèin  ; 
ach  nuair  thòisich  am  port  's  gann  nach  do  stad  na 
craobhan  a  bha  'm  muigh  de  chrathadh  anns  a' 
ghaoith  a  dh'  èisdeachd  ri  loinneileachd  nam  meur. 
Chaidh  an  fhuaim  fad  air  astar,  agus  's  iomadh 
gaotharan  a  bha  dol  dachaidh,  is  tuaineal  'na  cheann, 
a  dh'  iimis  sgeul  gu'n  cual  e  gu  fìrinneach  na  sìdh- 
ichean  aig  fleadhachas  'san  t-sìdhean. 

Ach  sguir  an  ceòl ;  shuidheadh  greis  taobh  an 
teine  a'  bruidhinn  thall  's  a  bhos.  Chaidh  tigh  a' 
ghreusaiche  an  sin  mu  thàmh  ;  ach  mu'n  deach  lain 
d'a  leabaidh  an  ceann  eile  an  tighe  dh'  earailich  e 
air  Mòir  's  air  Seumas  gun  fhacal  a  ràdh,  beag  no 
mòr,  uime-san  gu  ceann  latha  no  dhà. 

"  Tha  mi  tuigsinn,"  ars  esan,  *'  nach  eil  mo 
ghnothuch  idir  ullamh  fathast,  agus  ged  a  chluinneas 
sibh  mi  ag  èirigh  's  a'  dol  am  mach  roimh  latha,  an 
dèidh  an  là  màireach,  no  'n  ceann  latha  no  dhà, 


Bean  a*  Bhocsa  Bhuidhe  121 

cha  ghabh  sibh  dad  oirbh.  Tha  rud  beag  eile 
agam  r'a  dheanamh  fathast/' 

An  là-ama-mhàireach  dh'  fhosgail  là  na  NoUaig 
gu  brèagha  air  Srath-Chaomhain.  Cha  robh  deò 
à  adhar.  Ghabhadh  a'  mhin  a  criathradh  air  a' 
chuan.  Bha  reothadh  geur  cruaidh  ann,  's  a'  ghrian 
a'  dealradh  air  an  t-sneachd  a  bha  còmhdach  an 
t-Srath  bho  bhràigh  gu  ìochdar. 

Chaidh  a'  mhòr  chuideachd  mar  a  b*  àbhaist 
gu  dail  na  h-iomanach.  Bha  lain  ann  cuideachd, 
's  cha  robh  f ios  aig  muinntir  an  t-Srath  o  shluagh  an 
t-saoghail  c6  'n  saighdear  innich  a  bh'  ann  ;  agus 
bha  e  'na  ìonghnadh  le  gach  neach  ciod  i  an  t-sùrd 
a  bha  'n  cinn  a'  ghreusaiche  's  a  mhnatha,  nuair 
thàinig  iad  cho  sunndach  do  chuideachd  air  an 
Nollaig  so  seach  mar  a  b'  àbhaist  daibh  o  chionn 
iomadh  bliadhna.  'S  iomadh  barail  a  chaidh  a 
thabhairt  an  uaigneas  anns  gach  cùil  air  an  dail 
iomanach,  agus  aig  gach  bòrd  a  bha  'san  t-Srath 
nuair  shuidheadh  mu  bhòrd  na  suipeireach  'san 
oidhche. 

Chaidh  an  NoUaig  seachad.  Latha  no  dhà  'na 
dèidh  ghabh  lain  sràid  leis  fèin  a  suas  taobh  na 
h-aibhne.  Aon  mhaduinn  an  sin,  dh'  èirich  e  roimh 
bhriseadh  an  latha.  Lean  e  roimhe  taobh  na  h- 
aibhne  gus  an  do  ràinig  e  àite  sònruichte  far  an  robh 
an  sruthan  a'  miolaranach  anns  an  tanalachd.  Bha 
tom  mòr  seilich  an  sin  agus  shuidh  e  'na  fhasgadh. 
Goirid  do  'n  àite  'san  robh  e,  agus  air  bruthach 
bòidheach  os  cionn  na  h-aibhne,  bha  tigh  Màiri 
Dhuibh  a'  bhuidseachais,  agus  bha  lain  an  tràth-sa 
's  a  rithis  a'  toìrt  sùl  troimh  'n  dorcha  'na  rathad. 


122  An  Ròsarnach 

Cha  robh  gluasad  *na  shealladh  no  'na  èisdeachd, 
agus  bha  'n  srath  uile  fathast  anns  a'  mheadhon- 
oidhche. 

Bha  amhraichean  an  latha  nis  ann,  is  chìteadh 
lanndair  an  sud  's  an  so  a'  dol  do  bhà-thigh. 
Chum  lain  sùil  gheur  rathad  tigh  Màiri  Dhuibh  ; 
ach  cha  robh  duine  r'a  fhaicinn.  Thug  e  sùil  a 
sìos  do  'n  abhainn  is  chrath  e  a  cheann. 

"  Ma  chaidh  an  t-seilg  as  orm  an  diugh  cha  tèid 
am  màireach  ;  ach  tha  ìonghnadh  orm  ma  chaidh  ; 
air  neo  cha'n  eil  Màiri  Dhubh  mar  a  b'  àbhaist  dith," 
ars  esan  ris  fèin,  's  e  sealltainn  gu  fòilidh  bho  thaobh 
an  tuim.  Chunnaic  e  'n  sin  dùradan  dubh  a'  snàgan 
gu  socrach  a  nuas  am  bruthach,  is  theann  e  na  bu 
dlùithe  do'n  tom  sheilich.  Chrùbain  se  e  fèin  cho 
ìosal  's  a  b'  urrainn  da,  's  e  ach  gann  a'  cumail  air 
anail.  Bha  phlabartaich  a*  tighinn  na  bu  dlùithe, 
's  mu  dheireadh  thàinig  Màiri  Dhubh  seachad  cho 
faisg  air  's  nach  mòr  nach  do  shuath  i  ris.  Ràinig 
i  oir  na  h-aibhne.  Sheas  i  greis  is  sheall  i  mu'n 
cuairt.  Thug  i  ceum  no  dhà  am  mach  do'n  uisge 
is  chrom  i  sìos.  Thug  i  bior  as  a  broilleach,  agus 
thòisich  i  air  brodadh  brodadh  anns  an  uisge,  agus 
aig  an  àm  cheudna  i  a'  monmhur  rithe  fèin. 

Cha  d'  èisd  lain  na  b'  fhaide.  Leum  e  chuice 
gun  fhios,  agus  a'  breith  air  chùl  amhaich  oirre  's 
'ga  crathadh  gus  nach  mor  nach  do  thuit  i  as  a 
h-aodach : 

"A  nighean  an  uilc !  "  ars  esan,  *'  am  bheil  thu 
fathast  ag  obair  air  do  shean  iobartan.  Beir  am 
mach  as  an  uisge  an  rud  a  th'  agad  ann,  neo  cuiridh 
mi  do  cheann  fodha  gus  am  bi  thu  bàthte.  A 
nighean  an  uilc  !  " 


Thoir  an  ti({h  ort :    ach  beir  an  toi&cach  às  an  abhalnn 
an  rud  a  chuir  t'  ìoraltan  innte 


Bean  a'  Bhocsa  Bhuidhe  123 

An  uair  a  mhothaich  i  greim  'ga  dheanamh  oirre 
bho  thaobh  a  cùil  thug  Màiri  sgreuch  aisde  a  chuir 
sgaoim  air  gach  eun  a  bha  'sna  preasan  mu  leth- 
mhìle  mu'n  cuairt. 

"  O,  Mort,  mort !  Mathanas  ;  mathanas  !  C6 
thu  ?  C6  thu  ?  Leig  as  mi  's  cha  dean  mi  gu 
bràth  e.      Obh  ;    obh  !      Mathanas  ;    mathanas  !  " 

'*  Mathanas,  a  dhroch  bhuidseach  !  'S  eòlach 
ort  mi.  Am  bheil  cuimhn'  agad  air  '  Bean  a' 
bhocsa  bhuidhe,'  mu'n  d'  thuirt  thu  fèin  e.'  Am 
bheil  thu  gealltainn  dhòmhsa  nach  dean  thu  a 
leithid  gu  bràth,  agus  as  a  dhèidh  so  gu'n  imich  thu 
air  sHgheannan  cearta.  Geall  e  neo  cha'n  fhàg  do  bheò 
an  làrach  'sam  bheil  thu  ?  Geall  e,  a  bhuidseach, 
geall  e  ;  geall  e  !  "  ars  lain,  's  e  toirt  crathaidhean 
garbha  air  Màiri  Dhuibh. 

"  Obh  ;  6bh  !  Leig  as  mi,  eudail,  's  cha  dean  mi 
gu  bràth  e.  Cha'n  eil  an  so  ach  mo  thoilltinneas. 
Mathanas  ;  mathanas  !  Tha  mo  chridhe  as  a 
chochul !  Ce  b'e  c6  thu,  leig  mo  bheatha  leam 
's  cha  chluinnear  an  còrr  de  ghisreagan  Màiri." 

"  Thoir  an  tigh  ort,  a  bhuidseach.  Na  'n  do 
phòs  Murachadh  do  nighean  cha  bhiodh  a  chorp 
creadha  'ga  chaitheamh  le  uisge  na  h-aibhne  nuair 
chual  thu  gu'n  robh  a  cheumannan  saor  a'  dol  a  bhi 
aige.  Thoir  an  tigh  ort ;  ach  beir  an  toiseach  as  an 
abhainn  an  rud  a  chuir  t*  ìoraltan  innte.     Beir  as  e." 

Chaidh  Màiri,  's  i  air  chrith  leis  an  uamhas 
a  ghabh  i,  gu  a  glùinean  do'n  abhainn.  Rùisg  i  a 
gàirdean  buidhe  preasach,  agus  thog  i  à  grunnd  na 
h-aibhne  an  corp  creadha.  Thaosnaich  Màiri  e 
gus  an  robh  a'  chreadh  'na  staid  nàdurra   mar  a 


124  An  Rdsarnach 

chladhaicheadh    à    bruach    na    h-aibhne    i,    agus 
thilg  si  air  an  làr  i. 

"  Maduinn  mhaith  leat  a  nis/'  ars  lain  nuair 
thilg  Màiri  a'  chreadha  bhuaipe,  's  i  'g  ospagaich. 
"  Maduinn  mhaith  leat,  a  bhiasd  ;  agus  as  a  dhèidh 
so  imich  air  sligheannan  cearta." 

Dh'  fhalbh  Màiri  dachaidh  'na  ruith,  's  i  toirt 
buidheachais  do  'n  fhortan  gu'n  d'  fhuair  i  a  beatha 
leatha.  Chum  lain  a  shùil  oirre  gus  an  deach  i  a 
steach  an  dorus  ;  's  mu'n  do  ràinig  i  an  stairsneach 
sheall  i  as  a  dèidh  air.  Mhaoidh  lain  le  dhòm 
oirre,  agus  nuair  a  chual  e  glag  aig  an  dorus  'ga 
dhùnadh  thug  e  tigh  a'  ghreusaiche  air. 

'Sa  mhaduinn,  dh'  innis  e  mar  dh'  èirich  dha  ; 
agus  feadh  an  latha  rinn  lain  e  fèin  aithnichte  do  'n 
lagh  's  do  'n  dùthaich.  Bha  na  dearbhaidhean  cho 
soilleir  's  gu'n  deach  Murchadh  a'  ghreusaiche  a 
ghlanadh  uile  gu  lèir  bho'n  chionta  a  dh'  fhuiling 
e  air  a  cheann.  Fhuair  e  a  shlàinte  's  a  shaorsa,  agus 
deagh  dhìoladh  bho'n  Chrùn  as  leth  claonbhreith. 

Bha  lain  Bàn  Camshron  riamh  tuilleadh  mar  a 
h-aon  de  theaghlach  a'  ghreusaiche. 

Is  fada  bhuaithe  sud  ;  ach  tha  cuimhne  an  Srath- 
Chaomhain  gus  an  là  'n  diugh  air  mar  thogadh  an 
sgeul  so,  ged  tha  na  pearsachan  'nan  tosd  'sa  chill, 
is  clachan  fo  chòintich  a'  cumail  cuimhne  air  an 
ainmeannan. 

Iain  Mac  Cormaig. 


Tòir  na  Maiseachd. 

NNS  an  leabhar  ciatach  ud  a  chuir  M.  Guizot 
ri  chèile,  agus  d'  an  d'thug  an  duine 

ainmeil  sin  Le  Vrai,  le  Beau,  le  Bien 
■^mar  ainm,  thatar  ag  ràdh  gur  iad  a' 

mhaiseachd  agus  am  maitheas  àrd- 
chùspair  na  fìrinne — nì  a  dh'  ionnsaigh  am  bheil 
a  h-uile  fear  againn  a'  sior  thriall,  ged  nach  ionann 
comas  do  gach  aon  an  ceann-uidhe  ionmholta 
sin  a  thoirt  gu  buadhmhor  am  mach.  Is  mòr, 
is  cruaidh,  agus  is  fada  an  triall  sin,  arsa  M.  Guizot, 
ach,  an  dèidh  a  h-uile  rud,  nach  cubhaidh  agus 
ceart  an  nì  gu'm  bheil  ?  Nan  rachadh  againn  air 
a  bhi  air  ar  rugadh  a  staigh  do  shaoghal  anns  am  bheil 
an  fhìrinn  air  a  stèidheachadh  gu  dionmhalta  mar 
tha,  a'  mhaiseachd  aithnichte,  agus  am  maitheas  air 
a  thoirt  gu  coimhlionachd,  an  sin  is  gann  gu'm  biodh 
an  còrr  againn  ri  dhèanamh :  cha  bhiodh  dad  tuilleadh 
ann  ri  shireadh,  agus,  an  cois  sin,  cha  bhiodh  gluasad 
no  mùthadh  spiordail  air  bith  ri  fhaicinn  air  aghaidh 
an  domhain. 

B'e  Platon  a  thuirt  so :  "  So  agad  (ars  esan),  an 
ràdh  is  fìrinniche  chaidh  riamh  a  dhealbhadh,  no  a 
thèid  a  dh'  innseadh  'na  dhèidh  so — gur  cubhaidh 
bunnachdail  gach  nì  tha  urramach  :  gur  cronail 
mi-shealbhach  gach  nì  tha  aingidh  dìblidh."  Gu 
cinnteach,  còrdaidh  an  ràdh  ciatach  so  a  leig  Platon 
seachad  ris  a  h-uile  neach  a  ghabhas  beachd  air. 
Cban  eil  nì  is  furasda  a  dhèanamh  na  seula  ar  molaidh 


126  An  Rdsarnach 

a  chur  air.  Ach  rud  nach  èirigh  leinn  cho  soirbh 
sin,  is  e  sin  socrachadh  nar  n-inntinnean  fèin  gu  dè 
idir  an  nì  anns  am  bheil  am  maitheas  a'  co-sheasamh 
agus  an  cron  air  a  dhèanamh  suas. 

A  nis,  b'ann  aghaidh  ri  aghaidh  ris  a*  mhac- 
samhail  cruaidh-cheist  so  a  dh'ainmich  mi  a  bha  na 
Grèugaich  o  shean.  Thug  iad  iomadh  sàr  ionnsaigh 
air  i  a  dh'  fhuasgladh  gu  an  làn  deòin.  Thug  iad 
spèis  anabarrach  do'n  mhaitheas,  agus  laidhe  a' 
mhaiseachd  daonnan  anabarrach  dlùth  d'an  cridhe. 
Thug  iad  gràdh  sònruichte  do  gach  nì  air  am  biodh 
iad  a'  sealltuinn  mar  mheadhon  earbsach  gu  cuid- 
eachadh  leò  gu  aithne  a  b'fheàrr  na  bh'aca  mar  tha 
a  chur  air  nàdur  na  maiseachd,  no  an  t-eòlas  a  fhuair 
iad  cheana  air  a  cuid  fhreumhaichean  a  chur  am  meud. 
Chan  e  cus  e  ri  ràdh  gu'n  robh  iad,  mar  shluagh 
an  còmhnuidh  air  tòir  na  maiseachd.  Chan  eil 
dream  no  sluagh  air  a  bheil  cunntas  earbsach  againn 
is  mò  a  nochd  de  dhealas,  no  is  mò  a  rinn  de 
ghniomh,  air  sgàth  cùis  na  maiseachd  agus  aobhar 
na  fìrinne.  B'  annsa  leo  riamh  ban-dia  eir- 
eachdail  na  loinne  a  lorgachadh,  ceum  air  cheum, 
air  a  h-ais  a  dh'  ionnsaigh  a  dachaidh  mhiòrbhuileach, 
fad  air  astar,  an  glac  nam  beann  iol-chruthach,  far 
am  bheil  spiorad  na  meanmnachd  agus  nan  àrd- 
smuaintean  a'  sior-ghabhail  tàmh. 

Ach,  a  dh'aindeoin  gach  spàim  a  rinn  iad,  agus 
seol  a  chleachd  iad,  cha  do  èirich  an  tòir  urramach 
so  a  chuir  na  Grèugaich  air  bonn  cho  maith  leo  sa  bha 
dùil  aca  gu'n  rachadh  aca  air  soirbheachadh  innte. 
Dh'  fhairtlich  gu  buileach  air  Platon  tighinn  gu  co- 
dhùnadh  seasmhach  air  bith  mu'n  rud,    Cha  robh  e 


Tòir  na  Maiseachd  127 

riamh  'na  chomas-san  a  ràdh:  ''So  agad  an  fhìor  mhais- 
eachd  ;  sguir  air  ball,  mata,  de  bhi  sireadh  na's  fhaide 
air  a  son/'  Faicear  leis  na  sgrìobh  Grote  air  stèidh- 
sgrìobhaidh  "  roghadh  is  taghadh  nan  uile  Grèugach  " 
gu'n  robh  an  duine  ainmeil  sin  an  iomadh  chomhairle 
nach  beag  mu  fhìor  nàdur  na  maiseachd.  '*  What  is 
kept  before  the  reader's  mind  more  than  anything 
else  (arsa  Grote)  though  not  emhodied  in  any  distinct 
formula,  is  the  Good  and  Beautiful  considered  as 
objects  of  love  and  attachment/'  Theagamh  gu'n 
robh  am  "  maighstir  "  ud  eile  d'an  d'thug  Platon 
uiread  de  spèis — Socrates — beagan  na  bu  shuidhichte 
is  na  bu  dìorrasachaiche  'na  bheachd  na  bha 
an  deisciobul  a  b'ainmeile  a  fhuair  e  riamh  ;  ach, 
ged  a  bha,  chan  fhaodar  a  ràdh  gu'n  d'fhuair  na 
beachdan  a  leig  esan  seachad  làn  aontachadh  an 
fhir  eile.  Cha  mhò  is  urrainn  duinn  a  chantuinn 
gu'n  robh  Socrates  e  fèin  an  comhnuidh  a  dh'aona 
bheachd  mu  fhìor  nàdur  na  maiseachd,  o'n  a  bu 
ghnàth  leis  na  baralaichean  is  na  beachdan  a  chuir 
esan  an  cèill  a  dh'  atharrachadh  cho  tric,  ach  beag, 
sa  bhiodh  e  gan  leigeil  air  an  adhart. 

Ach,  a  dh'aindeoin  so  is  gu  lèir,  cha  b'iad  na 
Grèugaich  ainmeil  so  'nan  aonar  a  rinn  sàr  oidhirp  air 
flor  nàdur  na  maiseachd  fhaighinn  am  mach,  agus 
an  t-eolas  a  fhuair  iad  mar  sin  a  stèidheachadh  air 
bonn  seasmhach  maireannach.  Anns  a'  char  so, 
bha  iad  air  an  dlùth  leantuinn  le  cho  iomadh  fear 
comasach  eile  de  an  co-luchd-dùthcha  is  gu'm 
bheil  cead  againn  a  ràdh  gu*n  robh  an  cinneach 
Grèugach  gu  h-iomlan  air  an  stiuradh  is  air  an 
gluasad  le  mòr   thogradh   air  dol   air  aghaidh    an 


128  An  Rdsarnach 

co-bhann  a  chèile,  gus  crìoch  urramach  agus  shoirbh- 
eachail  a  chur  air  an  t-sireadh  ionmholta  sin  air  an 
robh  iad  uile  an  geall.  Bha  taobh  blath  aig  gach 
Grèugach  d'on  mhaiseachd,  agus  bha  an  dealas  àrd 
a  nochd  iad  do  nìthean  spioradail  daonnan  gan 
comharrachadh  am  mach  air  dhòigh  nach  eil  a  leithid 
r'a  fhaicinn  aon  chuid  roimh  na  h-àmannan  sin  no 
'nan  dèidh.  "  Their  sense  of  beauty  (arsa  Mr.  R. 
W.  Livingstone)  ran  through  their  whole  Hfe,  and  Uke 
a  ferment  transformed  it."  Cha  d'oibrich  riamh 
annta-san  am  mòr  thogradh  so  a  dh'  fhiosraich  iad 
mar  a  chìthear  gu'm  bheil  e  gar  gluasad  fèin  tuiUeadh 
is  tric.  Bha  an  spèis  a  thug  iad  do'n  mhaiseachd 
daonnan  air  an  siubhal,  mar  gu'm  b'eadh.  Cha 
mhaith  leò  riamh  leannail  oirre  car  uair,  agus, 
an  sin,  sguir  de  bhi  ga  cur  an  àird,  mar  a  tha 
sinne  tuiUeadh  is  deas  gu  dèanamh.  "  Chaneil  anns 
an  Stàid  againn  (arsa  Platon)  ach  samhladh  air  a' 
ghnè  bheatha  sin  is  fheàrr  agus  is  uaisle  is  urrainn 
a  bhi "  ;  agus  faodar  a  chur  ris  an  ràdh  so  a  thuirt 
Platon  gur  docha  gu  mòr  leis  na  Grèugaich  f ailneach- 
adh  gu  tùr,  na  dol  an  ceann  gnothaich  gun  iad  a  bhi 
air  an  lionadh  is  air  an  stiùradh  leis  an  spiorad 
eireachdail  sin  a  bha  gan  iomain  is  gan  atadh  suas 
air  dhòigh  cho  iongantach. 

Ach,  gu  mi-shealbhach,  cha  b'fhada  a  mhair 
cùisean  a  bhi  mar  so.  Gu  moch  no  gu  h-anmoch, 
ruigidh  mùthadh  dorus  gach  cinnich  a  th'ann. 
Thugadh  an  spèis  a  bha  na  Grèugaich  ag  altrum  do'n 
mhaiseachd  do  ire  anabarrach  àird,  agus,  an  sin — mar 
bu  dùil  is  mar  bu  nàdurra — theann  i,  a  Uon  beag  is 
beag,  ri  triall  air  falbh,  agus  ri  caitheamh  às.  Thachair 


Tdir  na  Maiseachd  129 

so  daibh  an  cois  ghluasaid  àraidh  leis  an  robh  iad  air  an 
tarruing  air  falbh  bho  na  seann  dhithean  aca  gu  bhi 
togail  dhithean  ùra  coimheach,  a  bha  iad  a'  meas  mar 
dhithean  a  bha  tuiUeadh  is  mòr  cumhachdach  na  an 
fheadhainn  a  b*  àbhaist  a  bhi  aca,  agus  d'an  d'thug 
iad  na  h-uibhir  spèis  agus  muinghinn  o  chianaibh. 
B'ann  o  mhuinntir  air  an  d'thug  iad  buaidh,  agus 
a  bha  fo  cheannsal  aca,  a  fhuair  na  Grèugaich  na 
dithean  ùra  so  air  iasad.  Air  an  aobhar  sin,  cha  ruig 
sinn  a  leas  ionghnadh  a  ghabhail  gu'n  do  chaill  na 
Grèugaich,  an  ceann  ùine,  pàirt  mhòr  de'n  spiorad  a 
bha  gan  comharrachadh  am  mach,  mu'n  d'fhuair  iad 
a  bhi  an  dlùth  chomunn  ris  na  coimhich  a  cheannsaich 
iad.  B'e  a'  cheud  ni  a  thachair  air  do  na  Grèugaich 
siubhal  mar  so  fo  chuing  nan  coimheach,  gu'n  do 
ghèill  an  t-sean  rian-raghlaidh  fo  an  d'thug  iad 
buaidh-làrach  air  machraichean  dosanach  Mhar- 
athoin  do'n  fhear  shocrach  ach  tuiUeadh  is  cuimir 
finealta  sin  air  an  robh  Pericles  'na  ùghdar.  Mar 
an  ceudna,  goirid  an  dèidh  so  a  bhi  air  a  choimh- 
lionadh,  fhuair  Cleon  agus  a  chuid  dheisciobuill 
làmh-an-uachdar  anns  an  Stàid,  agus,  fo  an  riaghladh 
is  an  stiùradh-san,  fhuair  a'ghràisg  gu  bhi  tuiUeadh 
is  ceannsal  cumhachdach  innte.  Air  am  bagradh 
gu  goirt  leis  na  bha  PhiUp  à  Macedon  a'  rùnachadh 
'nan  aghaidh,  thuit  cridhe  muinntir  na  h-Aithne 
gu  eu-dochas  agus  leanndubh,  agus  mur  b'e  gu'n 
d'thug  ùr-labhras  Dhemosthenes  truas  ri  a  mhuinntir 
ànrach,  bha  iad  caiUte,  gun  uiread  agus  aon  bhuiUe  bhi 
air  a  buaileadh.  Rinn  esan  sàr oidhirp  airnaGrèugaich 
a  dhùisgeadh  suas,  agus,  car  tamuiU,  dh'  èirich  an 
oidhirp  a  thug  e  mar  nach  b'olc  leis.    Air  am  bros- 

E 


130  An  Ròsarnach 

nachadh  gu  m6r  le  òraidean  eireachdail  an  fhir- 
labhairt  gun  choimeas  ud,  chuir  iad  an  cath  gu 
treunmhor  làidir  misneachail  an  aghaidh  an  fhir- 
sàrachaidh  gun  iochd  a  bha  bagradh  cur  às  daibh, 
maiUe  ris  an  sochairean  cinneachail  uile.  Ach,  a  dh' 
aindeoin  gach  oidhirp  a  rinn  iad,  chum  rùintean  mi- 
chneasda  PhiHp  à  Macedon  a  thoirt  gu  neo-bhrigh,  b'e 
striochdadh  a  b'èiginn  do  na  Grèugaich  fiosrachadh. 
B'èiginn  daibh,  cuideachd,  tuarasdal  goirt  a'  chùil- 
shleamhnachaidh  is  na  taiseachd  a  làn  phàigheadh. 
Thuirlinn  an  triath  à  Macedon  gu  sgriosail  colgarra 
orra.  Bhris  is  thèich  iad ;  agus  leigte  ri  toil  a'  mhi- 
fhortain  dhuachnaidh  so  a  dh'fhiosraich  iad  bha  e 
an  dàn  daibh  fuireach,  gus  an  d'thàinig  àm  àmh- 
gharach  lèirsgrios  Chorinth,  agus,  goirid  'na  dhèidh 
sin,  cur  air  bonn  Achaia  mar  mhòr-roinn  de*n 
ìompaireachd. 

B'ann  mar  so,  mata,  a  chaidh  an  saorsa  a 
bh'aca  a  spionadh  air  faJbh  o  na  Grèugaich, 
agus,  'na  cuideachd,  thriall  air  falbh,  mar  an  ceudna, 
an  sean  spiorad  ionmhalta  sin  a  bha  gan  comh- 
arrachadh  am  mach  air  dhòigh  cho  tur  iongantach 
pailt.  Bha  là  glòrmhor  na  h-Aithne  a  nis  air 
dol  seachad :  cha  robh  dùil  no  fiughair  gu'n  rachadh 
aig  na  Grèugaich  air  na  bhadhnachan  a  thrèig,  còmhla 
ris  an  spiorad  a  bha  gan  dèanamh  cho  sgèimheach 
greadhnachail,  a  thilleadh  air  an  ais.  "  Rhodes,  like 
the  Achaean  League,  and  every  promising  institution 
of  later  Greece,  was  destined  to  decay  under  the 
withering  shadow  of  Roman  jealousy.'*  Ach,  cha 
b'iad  na  nithean  so  fèin  'nan  aonar  a  bha  ri  crìonadh 
is  ri  seargadh  às,  an  dèidh  do  na  Grèugaich  siubhail  fo 


Tòir  na  Maiseachd  131 

chuing  shàrachail  rìaghladh  nan  Ròmanach ;  oir 
mar  is  mò  a  ghèiU  na  Grèugaich  do  dòigh-smuain- 
eachaidh  is  nòsan  cinneachail  nan  Ròmanach,  is  ann 
is  mò  a  chaiU  iad  de'n  ghreim  a  b'àbhaist  a  bhi 
aca  air  nìthean  àrda  spioradail. 

A  nis,  sgrìobh  mi  na  sgrìobh  mi  mu  na  gnoth- 
aichean  so  gus  cuideachadh  leam  a  dhol  beagan  na's 
doimhne  a  staigh  do'n  chùis  air  am  bheil  sinn  a' 
beachdachadh  an  ceartuair.  Is  e  an  ath  rud 
d'an  àiU  leam  aire  an  leughadar  a  thamiing  am 
beachd-oidhirp  ainmeil  ud  air  an  robh  Edmund 
Burke  'na  ùghdar,  agus  d'an  d'thug  e  Essay  on  the 
Sublime  and  Beautiful  mar  ainm.  B'e  beachd  an 
sgrìobhadar  ro  chomasach  a  dh'ainmich  mi  gur 
ann  bho  ghràdh  no  an  gaol  a  dh'èireas  gach  miann 
a  dh'  fhiosraicheas  sinn  a  thaobh  a  bhi  co-aontachadh 
ri  gluasadan  dìomhair  na  maiseachd.  Am  bitheantas 
(ars  esan),  oibrichidh  annainn-ne  an  taobh  nàdurra  sin 
do'n  mhaiseachd  a  th'againn  "  by  relaxing  the  solids 
of  the  whole  system."  Am  briathraibh  eile,  gabhaidh 
an  t-anam  gu  snàmh  cho  tric  sin  sa  bheirear  air  an 
inntinn  meòrachadh  a  dhèanamh  air  nàdur  is 
ciallachadh  na  maiseachd  ;  agus  tha  Burke  a'  cur  ri 
so  le  innseadh,  "  so  agad  fìor  mhàthair-aobhar  ar 
toileachais  air  fad." 

Gun  teagamh,  chan  eil  anns  na  baralaichean  so  a 
leig  Burke  seachad  ach  riaghailt  no  cùmhnant  a  tha 
ri  ar  n-inntinn  a  sheoladh  an  àm  duinn  bhi  dol 
an  ceann  gnothaich  gus  meòrachadh  a  dhèanamh  air 
nàdur  is  brìgh  na  maiseachd.  Cha  chuidich  iad  am 
feasd  leinn-ne  gu  a'  cheist  so  a  dh'  fhuasgladh  mar  is 
còir — *'  dè  an  nì  air  am  bheil  a'  mhaiseachd  fèin  air  a 


132  An  Rdsarnach 

dèanamh  suas  ?  "  Ach,  eagal  is  gu'm  biodh  neach 
air  bith  de'n  bheachd  nach  do  bhuin  Burke  riamh 
ris  a'  choltas  so  a  th'air  a'  chùis,  faodar  a  chantuinn 
gur  ann  am  mùthadh  rianail  rìaghailteach,  agus  an 
sreathan  siùbhlach  camagach,  làn  gràis  is  bòidhchead, 
a  bha  esan  a'  sior  shireadh  air  a  son. 

Uime  sin,  b'ann  anns  na  nìthean  so  fèin  a  dh' 
ainmich  mi  a  bha  Burke  a'  saoilsinn  na  maiseachd. 
Tionndamaid  a  nis  ar  sùilean  a  dh'  ionnsaigh 
fhianuis  eile,  feuch  dè  tha  aige-san  ri  ràdh  mu'n 
ghnothach  cheudna.  An  dèidh  Burke,  mata,  gabha- 
maid  Price  mar  eisimpleir.  A  thaobh  iomadh  rud, 
b'ionnan  beachd  is  inntinn  daibh  le  chèile  ;  ach  is 
e  an  diubhras  a  th'  eadar  an  dithis  nach  robh  Price 
idir  toileach  air  mòr  bhuaidh  na  h-inntinn  air  comas 
lèirsinn  an  duine  a  dh'aideachadh — coma  co-dhiubh, 
's  e  a  bu  mhiann  leis-san  a  dhèanamh,  cuairt  no 
saoghal  gu  math  cuimte  crìochnaichte  a  bhuil- 
eachadh  air  an  fheart  a  thuirt  mi,  mar  ionad- 
oibrichidh  nàdurra  dlìtheil  dha.  Thuirt  Price 
nach  eil  ann  an  inntinn  an  duine  ach  a  mhàin 
sgàthan,  anns  am  faicear,  air  an  tilgeil  an  sin, 
coslas  riochdail  nan  cruthan  sin  air  am  mò  a  tha 
de  thlachd  againn  dùr-amharc  a  dhèanamh,  do 
bhrìgh  àrd  mhaiseachd  is  cuimse  loinneil  nan  culaidh 
eireachdail  sin.  Anns  a'  char  so,  ma  ta,  thuigear  gu 
soiUeir  gu'n  robh  Price  a  dh'aona  bheachd  ri  Hume, 
ach  gu'm  bheil  an  dara  fear  a'dol  rud  beag  na's  fhaide 
na  tha  an  neach  eile.  ''  To  attribute  (arsa  Hume)  a  dis- 
tinct  existence  to  the  things  which  we  feel,  or  see,  is 
unreasonable.  Reason  neither  does,  nor  is  it  possible 
it  ever  should,  upon  any  supposition,  give  us  any 


Tdir  na  Maiseachd  133 

assurance  of  the  continued  and  distinct  existence 
of  any  body."  Ach,  mur  bi  cead  agam  a  ràdh 
gu'm  bheil  an  nì  so,  no  an  rud  ud  eile  air  am  bi  mi 
a'  gabhail  sealladh  le  mo  dhà  shùil  chorporra  fèin  ann 
an  ceart  da-rìreadh,  dè  am  feum  a  bhi  fiosrach  mu 
nàdur  na  maiseachd — no  dad  sam  bith  eile  de'n 
t-seorsa  spioradail  neo-ghreimeil  sin,  gun  tighinn 
idir  air  cùspairean  a  ghabhas  beannail  no  làimhseach- 
adh  leinn  ceart  gu  leoir  ?  Chuir  Hume  ris  an  aid- 
eachadh  neònach  so  a  rinn  e  le  innseadh.  "AU  the 
rules  of  logic  require  a  continual  diminution,  and  at 
last  a  total  extinction  of  beUef  and  evidence."  Gun 
teagamh,  treòrachadh  na  seòlaidhean  a  thug  Price 
seachad  sinn-ne  gus  a'  cheart  cho-dhùnadh  ris  an 
d'thàinig  e  fèin,  nan  rachadh  againn  air  iad  a  chur 
gu  pongalach  an  gnìomh. 

Sgrìobhadair  comasach  eile  bha  an  tòir  air  a' 
mhaiseachd  roimh  so,  agus  air  an  robh  meas  mòr 
aig  ar  sinnsearan  de'n  linn  so  chaidh,  b'e  am  fear 
sin  Jeffery,  a  sgriobh  sa  dh'fhoillsich  mòran  mu'n 
chùis  cheudna.  Is  e  a  bu  bhonn  sa  bu  bhàrr  do'n 
chreideamh  aige-san,  nach  robh  anns  a'  mhaiseachd 
air  fad  ach  an  nì  sin  i  fèin,  agus  gur  faoinn  duinn 
sireadh  air  a  son  an  taobh  a  staigh  de  chùspair 
deaibhach  air  bith,  air  cho  briagha  loinneil  cuimir 
sa  dh'  fhaodadh  a'chulaidh  sin  a  bhi,  a  rèir  barail 
na  mòir-chuid. 

Beauty  is  not  an  inherent  property  or  quality  of  objects 
at  all.  but  the  result  of  the  accidental  relations  in  which  they 
may  stand  to  our  experience  of  pleasures  or  emotions  ;  and  docs 
not  depend  upon  any  particular  configuration  of  parts,  pro- 
portions,  or  colours  in  extemal  things,  nor  upon  the  unity,  co- 


134  An  Ròsarnach 

herence,  or  simplidty  of  intellectual  creations — but  merely  upon 
the  associations  which,  in  the  case  of  every  individual,  may 
cnable  their  inherent  and  otherwise  indifferent  qualities  to 
suggest  or  recall  to  the  mind  emotions  of  a  pleasurable  or  interest- 
ing  description.  It  follows,  therefore,  that  no  object  is  beautiful 
in  itself,  on  could  appear  so  antecedent  to  our  experience  of 
direct  pleasures  or  emotions ;  and  that  as  an  infinite  variety  of 
objects  may  thus  reflect  interesting  ideas,  so  all  of  them  may 
acquire  the  title  of  beautiful,  although  utterly  diverse  and  dis- 
parate  in  their  nature,  and  possessing  nothing  in  common  but 
this  accidental  power  of  reminding  us  of  other  emotions. 

Barail  eile  aig  Jeffery  : — 

The  power  of  taste  is  nothing  more  than  the  habit  of  tracing 
those  associations  by  which  almost  aU  objects  may  be  connected 
with  interesting  emotions. 

Air  a'  bharail  so  a  chuir  Jef frey  an  cèiU,  chan  eil 
agamsa  ach  so  a  dh'innseadh  san  dol  seachad :  ma 
ghabhas  ''  almost  all  objects  "  cur  an  dlùth-chrochadh 
ri  "  interesting  emotions,"  an  sin  feumaidh  gach  fear 
dhiubh  a  ghabhas  gnàthachadh  mar  sin  a  bhi  'na 
eisimpleir  dealbhach  air  a'  mhaiseachd — an  rud  nach 
eil.  Faodaidh  nì  no  neach  air  leith  an  sud  san  so  a 
bhi  '*  interesting  "  am  bheachd-sa,  ach,  aig  an  àm 
cheudna,  gu  ro  neo-mhaiseach  a  rèir  breith  mo  dhà 
shùla.  Chan  idir  ionnan  a  thaobh  nàdur  ''tlachd  " 
agus  "  maise,"  co-dhiubh  a  bhios  an  dara  rud 
a'  tighinn  an  làthair  ann  an  riochd  corporra  no 
chaochladh. 

A  rèir  coltais,  b'e  an  spèis  anabarrach  a  thug 
Jeffrey  do  sheann  lìtreachas  na  Grèige  is  na 
Ròimhe  a  thug  air  tuisleachadh,  agus  dol  air 
faondra,  mar  a  dh'fheuch  mi.  Coma  co-dhiubh, 
chan   eil  cinnt  nach  e  an  taobh  blath  a  bh'aige 


Tòif  na  Maiseachd  135 

do'n  fitreachas  a  thuirt  mi  a  thug  air  bladh  na 
maiseachd  a  shocrachadh  mar  a  rinn  e.  Cha 
bhi  an  aineol  air  an  leughadair  gu'n  robh  Virgil 
de'n  bheachd  gur  ann  an  sùil  an  fhir-amharc,  is 
chan  ann  idir  anns  a'  chùspair  e  fèin,  a  fheumas  sinn 
sireadh  air  son  màthair-aobhar  na  maiseachd. 
"  Chan  eil  anns  na  dàintean  (ars  esan),  ach  na 
dàintean  iad  fèin.  Na  gheibh  sinn  de  sgoinn  is  de 
snas  annta-san,  tha  na  feartan  matha  sin  uile  a'  sruth- 
adh  am  mach,  chan  e  idir  bho  sgil  is  thapachd  an 
neach  a  rinn  iad,  ach  bho  na  thèid  a  chur  de  spiorad 
is  de  sgèimh  annta  leis  an  fhear  a  leughas  iad." 
Agus  so  aig  an  leughadair  èisimpleir  eile  air  a  leith- 
bhreac  dòigh  smuaineachaidh — eiseimpleir  a  chaidh 
a  tharruing  bho  obair  ùghdair-èiginn  air  nach  eil 
cuimhne  mhaith  agam  an  ceartuair,  ach  a  bha  ainmeil 
gu  leor  'na  lin  's  'na  là,  co-dhiubh  a  b'e  Grèugach  no 
Ròmanach  a  bh'ann.  "  So  agad  aon  rud  air  am  bheil 
mise  ag  amharc  mar  nì  nach  toir  am  feasd  cur  an 
teagamh  no  diùltadh  air  chòir  air  bith :  nach  eil  r'a 
fhaotainn  air  uachdar  gruinnd  urra  no  ctispair  air 
bith  a  tha  ann  fèin  luachmhor  no  neo-luachmhor,  ion- 
mhiannaichte  no  chaochladh,  maiseach  no  grannda, 
ach  gu'm  bheil  a  h-uile  deagh  bhuadh  a  thèid 
againn  a  bhuileachadh  air  na  nìthean  so  a'  sruth- 
adh  am  mach  bho  aigne  is  spiorad  an  duine 
a  dh'  amhairceas  orra,  agus  bho  ghluasadan 
diomhair  na  chàileachd  sin  a  chaidh  a  leigeil  do 
gach  aon  againn."  Gun  teagamh,  cuiridh  an  ràdh 
so  an  cuimhne  duinn  innseadh  àraidh  eile  de'n 
cheart  ghnè  a  leig  Petrarch  seachad — duine  làn  eolais, 
agus  fear  aig  an  robh  meas  mòr  air  seann  lìtreachas 


138  An  Ròsarnach 

na  Ròimhe.  Tha  Petrarch  ag  ràdh,  '*  Luach  moralta 
agus  Maise,  buinidh  an  nàdur  a  thèid  againn  a 
bhuileachadh  air  na  nìthean  so  do  nàdur  nam 
faireachdainnean  a  dh'  fhiosraicheas  sinn-ne,  an 
uair  a  bheachdaichear  air  cruthan  beo  no  neo- 
bheo  air  am  bheil  coslas  a  tha  coltach  ri  smuain- 
tean  de'n  t-seorsa  a  thogail  duinn.  Ach,  chan  eil 
anns  na  faireachdainnean  so  fèin  a  dh'fhiosraicheas 
sinn  ach  toradh  eagnaidh  air  ar  n-inntinnean,  agus 
mar  sin,  caochlaidh  iad  a  thaobh  a'  chruth  a  bhios 
iad  a'  chaitheamh  a  rèir  càil  is  nàdur  gach  inntinn 
air  leith  a  ghabhas  beachdachadh  orra/' 

Ach,  cha  b'fhada  a  mhair  na  smuaintean  a  bh'aig 
an  fheadhainn  a  bha  baraileachadh  mar  so  mar 
an  cuid  fèin.  Dh'  èirich  Ruskin  'nan  aghaidh,  agus 
mar  bu  ghnàth  leis  an  duine  comasach,  ach  iargalta, 
ud,  a  dhèanamh,  thug  e  garbh  ionnsaigh  orra. 
Thuirt  is  chum  e  gu  dian  diorrasach  am  mach  gu'm 
bheil  an  spèis  a  th'againn  do'n  mhaiseachd  gu  tur 
an  earbsa  ri  grunnan  beag  de  laghannan  nàdurra 
simplidh  ;  agus,  fòs,  thug  e  air  na  laghannan  sin  a 
dhèanamh  soiUeir,  agus  iad  a  thogail  an  àird  os  cionn 
a  h-uile  ghnè  amharuis.  *'  Whatever  (ars  esan)  I  have 
asserted  throughout  this  work  (Modern  Painters)  I 
have  endeavoured  to  ground  altogether  on  de- 
monstrations  which  must  stand  or  fall  by  their  own 
strength,  and  which  ought  to  involve  no  more  refer- 
ence  to  authority  than  a  demonstration  of  Euclid." 
Leig  e  thuigsinn  duinn,  mar  an  ceudna,  gu'm  feumar 
na  h-ealainean  a  stèidheachadh  air  bonn  Nàdair 
e  fèin,  a'  tagradh,  aig  an  aon  àm,  gu'm  bu  chòir  duinn 
aire  sònruichte  a  thoirt,  chan  ann  idir  "  do  'n  chainnt 


Tòir  na  Maiseachd  137 

sin  air  an  ^bhaist  do  na  h-ealainean  feum  a  dhèanamh" 
ach  do  gach  smuain  is  beachd  a  thèid  air  an  duine  a 
chruthachadh  sa  leigeil  air  adhart  an  àm  dha 
bhi  tighinn  air  nìthean  àrda,  anamanta,  mòr- 
chùiseach.  Barrachd  air  an  so,  ar  leis  gu'm  bheil 
aig  na  h-ealainean  crìoch  no  ceann-uidhe  no  dhà  tur 
air  leith  bho'n  fheadhainn  sin  a  tha  r'am  faotainn 
an  taobh  a  staigh  dhiubh  fèin,  agus  gu'm 
bheil  na  h-ealainean  ceudna  comasach  air  siubhal  gu 
h-astaireach  thar  nan  iomallan  suidhichte  sin. 
Thuirt  Ruskin,  cuideachd,  nach  eil  ann  an  cruth 
no  cùspair  air  bith  a  roghainneas  neach,  gus  feum 
a  dhèanamh  air  fa  chomhair,  agus  an  ainm, 
na  h-ealain  sònruichte  sin  air  am  bheil  e  an  tòir, 
ach  àireamh  de  bhuadhan  nach  buin  idir  an  ceart 
da-rireadh  do  nàdur  nan  cruthan  taghta  sin,  ach 
gur  buadhan  iad  so  a  choisinn  iad  daibh  fèin  air 
dhòigh  air  chòir-èiginn  ris  nach  robh  sùil  riamh 
aig  duine  beo.  Agus  an  àite  nan  ealainean 
a  bhi  air  an  cur  an  cleachdadh  is  air  an  toirt 
gu  feum  air  sgàth  gaoil  Dhè  agus  leas 
an  duine,  bu  chòir  duinn  leanail  orra — ma's  ceart 
a'bharail  aig  Ruskin — air  an  son  fèin  a  mhàin. 
Seadh,  feumar  leanail  gu  dian  dlùth  orra  mar  so, 
eadhon  ged  a  bheireadh  oimn  a  bhi  dèanamh  mar 
a  tha  Ruskin  ag  iarraidh  oimn  gu'm  biodh  sinn  a 
dhèanamh,  leanail  orra  gu  crìochan  uile  gu  leir  neo- 
iomchuidh,  eadhon  mi-bheusach.  "  I  shall  pay  no 
regard  whatsoever  (ars  esan)  to  what  may  be  thought 
beautiful  or  sublime,  or  imaginative.  I  shall  look  only 
for  truth,  bare,  clear,  downright  statement  of  facts  ; 
showing  in  each  particular,  as  f ar  as  I  am  able,  what 


138  An  Ròsarnach 

the  truth  of  Nature  is,  and  then  seeking  for  the 
plain  expression  of  it,  and  for  that  alone/'  Nach 
cruaidh  thar  tomhais  an  fheuchainn  so  a  tha  Ruskin 
a'  moladh  duinn?  Is  mòr  is  eagal  leam  fèin 
gu'm  bheil  i  sin  tuiUeadh  is  trom  cruaidh  fa 
chomhair  neart  dìbUdh  nan  nìthean  sin  air 
son  an  deachaidh  a  chruthachadh  leis.  Coma 
co-dhiubh,  dè  an  t-ullachadh  is  miosa  is  urrainn  a  bhi 
fa  chomhair  a  bhi  dol  mu'n  cuairt  air  son  aon  de  na 
h-ealainean  a  chur  an  cleachdadh,  no  sgriobhadh  mu'n 
deidhinn,  na  duine  a  bhi  dearmadach  caoin-shuarach 
mu*n  "  Sublime  and  the  Beautifur*  ? 

Mar  sin,  is  lèir  an  gnothach  gu'm  bheil  cuid  a' 
saoilsinn  na  maiseachd  an  aon  rud,  agus  feadhainn 
an  rud  eile.  ladsan  a  bhuin  ris  a'  chùis  roimh  so 
tha  iad  uile  an  iomadh-chomhairle  nach  beag 
mu'n  deidhinn ;  agus,  leis  gu*m  bheil,  nach  maith  a 
fhreagras  e  duinn  air  fad,  gun  sinne  a  bhi  tuiUeadh  is 
earbsach  às  a'chomas  a  th'againn  air  rèiteachadh 
a  chur  air  cùis  mu*m  bheil  cho  Uuthad  dhaoine 
tuigseach  fòghluimte  an  dèidh  cur  am  mach  gu 
searbh  air  a  chèile  ?  Ach,  faiceamaid  an  toiseach 
dè  a  ghabhas  dèanamh  leinn  chum  fìor  nàdur  na 
maiseachd  fhaighinn  am  mach,  agus  an  rud  sin  a 
dh'fhàgail  beagan  na's  soiUeire  seasmhaiche  na  is 
urrainn  duinn  a  dh'innseadh  gu'm  bheil  e  mar  sin  an 
ceartuair. 

Thàtar  a  ràdh  le  cuid  gu'm  feumar  fìor  mhàthair- 
aobhar  ar  ceudfathan  spioradail  air  fad  a  shireadh 
ann  an  eolas-nàdurra,  leis  am  bheil  sinn  uile  air  ar 
gluasad  an  tomhas  beag  no  mòr.  Ach,  an  aghaidh 
so,  ar  le  cuid  gur  e  an   t-oilean   prìomh   stèidh  is 


Tòir  na  Maiseachd  139 

ceann-aobhar  ar  faireachdainnean  is  ar  n-oidheaman 
gu  h-iomlan  ;  am  feadh  a  tha  cuid  eile  ann  a  tha 
de'n  aona  bheachd  ri  Darwin,  a  thuirt  nach  fhaod 
sinn  amharc  air  na  h-oidheaman  a  chaidh  a  phlann- 
tachadh  annainn-ne  ach  a  mhàin  mar  thoradh 
eagnaidh  air  an  Rothlas. 

A  reir  coltais,  is  ann  an  eolas-nàdurra  a  tha  an 
spèis  a  th'againn  do'n  mhaiseachd  a'  faighinn  a 
tùis,  ged  is  fheudar  dhomh  aideachadh,  aig  an 
àm  cheudna,  gur  ann  mar  is  mò  a  gheibh  sinn  de 
oilean,  is  ann  is  mò  a  bhios  am  meas  a  th'againn  air 
a'mhaiseachd  a'dol  an  àird,  agus,  a  dh'aon  àm,  a' 
socrachadh  gnàths  is  nàdur  ar  sgoinne-ne.  Gu'm  bheil 
sinn  uile,  mar  an  ceudna,  fo  chomain  nach  beag  do'n 
ghnè  fhàs  sin  a  tha  sior-oibreachadh  annainn-ne,  agus 
air  an  do  rinn  Darwin  uiread  de  luaidh  anns  na 
sgrìobhaidhean  aige,  chan  eil  an  teagamh  is  lugha 
agam  fèin.  Ach,  ceart  mar  a  tha  e  'na  rud  tur 
nàdurra  duinn  aoradh  foUaiseach  a  dhèanamh  do 
Dhia,  mar  sin  faicear  gu'm  bheil  annainn-ne  na  bheir 
oimn  gun  a  bhi  cumail  ar  tlachd  is  ar  iongantas 
air  an  ais,  ach,  an  àite  sin,  iad  a  leigeil  gu  siubhlach 
air  an  aghaidh,  gach  uair  a  thachras  duinn  coinn- 
eachadh  ri  neach-èiginn,  no  amharc  air  nì-èiginn, 
às  am  bi  sinn  a'  gabhail  na  tlachd  is  mò.  Gach 
uair  a  thachras  sin  duinn,  striochdaidh  ar  n-inn- 
tinnean  do  àrd-eireachd  is  mòr  ghrinneas  an  t- 
seallaidh  a  gheibh  sinn  cho  luatha  agus  cho  pailt  sin 
sa  ghèilleas  spiorad  an  duine  do  mhoralachd  an  Dè 
bheo,  gach  uair  a  thèid  aige  air  beachdachadh  air 
madtheas  neo-chrìochnaichte  agus  oircheasachd  do- 
cbaitheamh     a     Chrutbadar    gun     bheud.       Cha 


140  An  Ròsamach 

chleachdadh  leinn,  aig  an  leithidean  sin  de  àrn, 
stad  a  dhèanamh  car  greis,  gus  a'  cheist  so  a  chur 
oimn  fèin :  car  son  a  bhitheamaid  a'  dèanamh  mar  a 
tha  sinn  ?  *S  e  gluasad  tur  nàdurra  a  iKann,  agus 
bheir  e  oimn  striochdadh  ris  cho  luatha  is  cho  tric 
sin  sa  thèid  againn  air  e  a  dh'fhiosrachadh  annainn- 
ne.  Mar  sin,  gèiUidh  ar  n-inntinnean  do'n  ghlua- 
sad  a  dh'  ainmich  mi  cho  tric  agus  a  fhiosraichear 
e,  agus  sin,  gun  sinn-ne  a  bhi  dèanamh  uiread  agus 
aon  oidhirp  air  e  a  cheisteachadh,  no  an  t-aobhar 
o'n  d'thàinig  e  fhaighinn  am  mach.  Chan  eil 
againn  ach  striochdadh  gu  h-umhail  san  uair,  agus 
aoradh  a  dhèanamh  gun  fhios  carson,  ach  làn 
cinnt  againn,  aig  an  àm  cheudna,  gur  e  nì  cho 
nàdurra  duinn  ar  gaol  do'n  mhaiseachd  a  leigeil 
air  adhart  sa  tha  e  ar  gràdh  do  Dhia  a  chur  gu 
foUaiseach  an  cèill. 

Thuirt  mi  mar  tha  gur  ann  an  gaol  no  an 
gràdh  a  bha  Burke  a'  sireadh,  gus  ceann-aobhair 
na  maiseachd  a  thoirt  am  fradharc  ;  agus  ar  leam 
fèin  nach  b'urrainn  da  nì  a  b'fheàrr  a  dheanamh, 
oir  iarraidh  no  sgrùdadh  air  bith  a  thèid  againn 
a  chur  air  bonn,  le  sùil  ri  màthair-aobhar  na 
maiseachd  fhaighinn  am  mach,  chan  eil  teagamh 
nach  toir  sin  oirnn  a  bhi  gabhail  ris  a'cheart  cho- 
dhùnaidh  gus  an  d'  thàinig  an  duine  ainmeil  ud, 
ge  b'e  air  bith  beachd  a  dh'  fhaodas  a  bhi  againn  mu 
dheidhinn  nàdur  na  maiseachd  i  fèin.  Ach,  air  cho 
miannach  agus  a  tha  mi  air  mise  a  bhi  air  mo  chunnt- 
adh  am  measg  nan  deisciobuil  aig  Burke,  chan  fhaod 
mi  ach  dealachadh  ris  nuair  a  tha  e  cantuinn  gur 
anns  a*  ghnè  ghaoil  sin  a  bheir  firionnach  do  bhoir- 


Tdir  na  Maiseachd  141 

ionnach  a  dh'  fheumas  sinn  sireadh  air  son  prlomh 
aobhar  ar  smuaintean  a  thaobh  àrd-ghrinneas  na 
maiseachd.  Cha  chreid  mi  fèin  idir  gur  barail  cheart 
i  so,  agus  tha  fadal  orm  dearbhadh  gur  feàrr  a 
coltas  na  a  brìgh. 

Ciod  iad  na  smuaintean  is  tràithe  agus  is  pailte 
lionas  ar  n-inntinn  air  duinn  sealladh  fhaighinn 
air  boireannach  eireachdail  àluinn  dreachmhor 
maiseach  ?  Chan  i  idir  gnè  an  tè  air  an  d'  fhuair 
sinn  sealladh  an  nì  a  bhios  air  uachdar  'nar  n-inntinn 
an  toiseach.  Is  ann  do  dhreachd-mhorachd  a  crutha 
is  a  coltais,  is  chan  ann  idir  do  ghnè  na  tè  air  an 
do  leig  sinn  ar  sùil,  a  gheiUeas  ar  reuson  agus  a  strioch- 
daidheas  ar  toil;  agus  ged  a  thachradh  duinn,  an 
ceann  ùine,  tuiteam  gu  buileach  'nar  creach  aig 
smuaintean  nach  biodh  cho  glan  riu  sin,  gidheadh 
cha  bhi  a'  cheud  sùil  a  bheir  sinn  oirre  ach  saor 
gu  tur  bho  smal  na  feòlmhorachd. 

Ach,  ged  nach  eil  ann  am  boireannach  eireachdail 
àluinn  ach  sealladh  anabarrach  grinneas  tlachdmhor 
anns  gach  dòigh,  cha  ghabh  e  àicheadh  nach  eil  iom- 
adh  cuspair  eile  ann  a  tha  a'  cheart  cho  tlachdmhor 
briagha  ri  sud.  Cha  ruig  mi  idir  a  leas  iomradh  a 
dhèanamh  air  gach  aon  dhiubh  so  :  is  eol  do  gach  fear 
iad,  agus  gun  teagamh  èirigh  gu  grad  a  roghainn 
fèin  de'n  iomlan  a  tha  am  bheachd  air  beulaobh 
shùilean  a  h-uile  inntinn  a  dh'  fheuchas  ri  cruth 
b  dealbh  cinnteach  a  chur  air  a'  chuid  sin  dhiubh 
a  theid  againn  beachdachadh  orra.  Ach,  de  na 
miltean  de  chùspair  àluinn  greannmhor  loinneil  a  dh' 
fhaodas  sùilean  ar  n-inntinnean  a  thogail  duinn, 
anns  an  Jòigb  a  thuirt  mi,  is  flor  bheag  dhiubb  sin  a 


142  An  Rdsarnach 

bheir  oimn  a  bhi  smuaineachadh  mu  nìthean  a 
bhuineas  do'n  ghaol,  ged  nach  lugha  comas  an 
dara  gnè  air  ar  tlachd  a  thogail  agus  ar  n-ion- 
gantas  a  chur  an  àird  na  tha  an  tè  ud  eile  a 
dh'  ainmich  mi.  Uime  sin,  carson  a  bhitheamaid  an 
geall  air  ceann-aobhair  de'n  t-seorsa  a  bha 
miadhail  le  Burke  a  thoirt  do'n  spèis  a  th'againn 
do'n  mhaiseachd  ?  Nach  mò  gu  mòr  Nàdur  na  an 
urra,  agus  àilleachd  an  domhain  na  maise  nam  ban  ? 
Beachdamaid  a  nis  car  tamaill  air  na  h-ealainean 
fèin,  a  dh'  fheuchainn  an  tilg  iad-san  rud-èiginn  de 
sholus  air  cùspair  ar  tòir.  Is  math  a  tha  fios  aig  a  h- 
-uile  neach  gur  ann  an  cràbhadh  cumanta  mhuinntir 
na  h-Aithne  a  dh'fheumas  sinn  sireadh  gus  prìomh- 
aobhar  an  dàn-chluiche  chinneachail  aca  fhaighinn 
am  mach ;  agus  is  ann  a  tha  an  ràdh  ceudna  a'  cheart 
cho  fior  a  thaobh  gach  uile  dàn-chluiche  cinneachail 
eile  air  am  bheil  meas  mòr  aig  an  t-saoghal  aig  an  àm. 
Is  i  is  crìoch  àraidh  do  na  h-eileanan  air  f ad  toileachas- 
inntinn  ;  ach  ged  a  tha  so  mar  so,  faicear  gur  ann  air 
gluasad  crabhach  air  chòir-èiginn  a  dh'  fheumar 
ceud  cheumanan  uile  na  ceart  ealain  a  charachadh. 
Bha  an  dà  chuid  gràbhaladh  nan  Grèugach  agus 
dealbh-tharruing  nan  Eadailteach  gu  tur  an 
eiseimeil  agus  an  earbsa  ri  nàdur  cràbhach 
agus  diadhaidh  nan  caochladh  cùspairean  a 
bha  toirt  cruth  agus  susbaint  daibh  air  son 
nam  buadhan  maiseach  agus  nam  feartan 
spioradail  leis  an  robh  iad  air  an  comharrachadh 
am  mach  air  dhòigh  cho  seach  àraidh  ionmholta 
iongantach.  Agus  ged  a  chàiU  na  h-ealainean  cuid 
mhòr  de'n  nàdur  so  a  bh'aca  an  tùs,  a'cur  dhiubh,  a 


Tdir  na  Maiseachd  143 

lion  beag  is  beag,  an  taobh  is  an  t-aomadh  làidir  sin 
do'n  chrabhachd  is  do  nìthean  spioradail  a  bh'aca 
an  toiseach,  a  rèir  is  mar  a  chaidh  an  spèis  a  bh'aig 
an  t-saoghal  do  chràbhachd  is  do  dhiadhachd  a 
chur  an  lughad  leis  an  t-sluagh,  gideadh  is  èiginn 
duinn  an  cron  air  son  sin  a  leigeadh  air 
na  cearta  guaillean  air  an  còir  duinn  an 
cudrom  sin  a  chur,  is  chan  ann  idir  air  na  h- 
ealainean  iad  fèin,  agus  an  luchd-cur-an-cleachdadh, 
do  nach  urrainn  ach  striochdadh  gun  toil  a  dhèanamh 
do'n  ghluasad  mhòr  so  a  thachair  a  thaobh  càil  is 
sgoinne  na  codach  bu  mhò  de  mhuinntir  an  t-saoghail. 
"  As  the  desire  for  novelty  and  variety  increased 
(arsa  neach-èiginn,  a  sgriòbh  mòran  is  maith 
is  fhiach  a  leughadh  mu  cheud-thùs  nan  ealainean) 
men  began  to  look  rather  to  the  pleasure  which  they 
derived  from  the  capacities  inherent  in  the  arts 
themselves,  and  more  or  less  lost  sight  of  the  great 
ends  which  these  had  once  served."  Cha  bhithinn-sa 
f  èin  gun  chron  's  a'chùis,  nan  rachadh  agam  air  oidhirp 
a  thoirt  air  rud-èiginn  feumail  a  cho-chur  ri  chèile  air 
stèidh-sgriobhaidh  *'  Tòir  na  Maiseachd  "  gun  luaidh 
a  dhèanamh  air  an  atharrachadh  mhòr  so  a  thachair 
an  eachdraidh-beatha  nan  ealainean.  Is  e  an  nì 
mata  air  am  mò  a  tha  mhiann  orm  leudachadh  air 
an  àm  gur  e  tùs  fìor  chràbhach  a  th'  aig  na  h- 
ealainean  air  fad,  agus  gur  e  dol  an  lughad  agus 
tuiteam  air  falbh  a  dh'fhiosraich  iad  cho  luatha 
sa  theann  iad  ris  a'  ghreim  a  bh'  aca  air  na 
h-àrd  chùspairean  spioradail  sin  a  bh'aca  san 
amharc  an  toiseach  a  chall. 

Ach,  is  ann  a  tha  cùis  no  ceist  eile  air  an  àill 


144  An  Rdsarnach 

leam  beagan  bhriathran  a  dh*innseadh  an  so — agus  's 
e  aon  diubh  sin,  dè  an  nì  anns  am  bheil  a'  mhaiseachd 
fèin  a'  co-sheasamh  ?  Nach  fìor  an  ràdh  gu'n  toir  an 
rud  so  mineachadh  a  rèir  càileachd  is  aomadh  nàdurra 
gach  inntinn  air  leith  a  ghabhas  beachdachadh  air; 
agus  ma's  ann  mar  so  a  tha  chùis,  nach  coltach  an  rud 
gu'm  faigh  sinn  cho  Uuthad  mineachaidh  sa  thèid  an 
ceann  gnothaich  de  inntinnean  a  chum  fuasgladh  a 
chur  air  a'  cheist  ?  Gun  teagamh,  so  againn  cruaidh- 
chàs  a  thaobh  am  bi  cuid  againn  air  thì  gu  dèanamh 
ceart  mar  a  rinn  an  Leibhiteach  o  shean,  a  ghabh 
seachad  air  an  taobh  eile  de'n  t-sraid  gun  an  umhal 
bu  lugha  a  thoirt  do'n  neach  a  bha  'na  laidhe 
leth-mharbh ;  ach  o'n  is  i  is  barail  leam  fèin  gur 
"  miosa  a  chomhart  na  a  bheum,"  tha  mi  a'  cur 
romham  dèanamh  na  ghabhas  dèanamh  leam  los 
fuasgladh  a  chur  air  a'  chùis. 

Thuirt  Virgil :  *'  Is  ann  an  sùil  an  fhir-amharc,  is 
chan  ann  idir  anns  a'  chùspair  e  f èin  air  am  bi  neach  a' 
gabhail  sealladh,  a  tha  a'  mhaiseachd  a'co-sheasamh. 
Is  àlainn  an  nì  a'  chuairt,  a  rèir  sùil  an  fhir  a  dh* 
amhairceas  air  eiseimpleir  dhith  a  chaidh  a  dhealbh- 
adh  gu  pongail  cuimir ;  ach,  leatha  fèin,  chan  eil 
dad  de  mhaise  innte."  Ach,  nach  lèir  an  gnoth- 
ach  do'n  a  h-uile  neach  gur  faoin  an  nì  maise  a 
dh'àiceadh  do*n  chuairt  mar  chuairt,  ma  bhios 
a  h-uile  fear  de'n  bheachd  gur  cruth  no  dealbh  i 
sin  a  tha  làn  mhaise  agus  dreachmhorachd  innte  f èin  ? 
Taobh  am  mach  bho'n  fheadhainn  sin  a  chaidh  a 
bhuileachadh  oimn  le  Dia,  dè  iad  na  meadhonan  a 
th'  againn  air  son  breith  no  barail  a  cho-chur  ri 
chèile  mu  a  leithid  sin  de  nì  ? — no  dad  sam  bith  eile  air 


Tòir  na  Maiseachd  145 

an  còir  duinn  amharc  mar  phàirt  de  ar  fiosrachd-ne? 
Is  ann  troimh  inntinn  an  fhir-amharc  a  labhras  an 
t-sùil,  agus  na  bhios  ar  leirsinn  a*  moladh  duinn, 
cha  churam  nach  bi  cabhaig  air  ar  bilean  sin  a 
dh'àrdachadh.  Theagamh  nach  nì  idir  àlainn  dreach- 
mhor  a'  chuairt  innte  fèin.  Air  sin,  aig  Dia  a  mhàin 
tha  fhios ;  ach,  co-dhiubh  is  e  cruth  àluinn  dreachmhor 
a  th'innte  no  nach  eil,  tha  làn  chinnt  againn  air  so 
— ^gur  cruth  glè  mhaiseach  i,  a  rèir  barail  na  mor- 
chuid,  agus,  ma's  muinntir  purpail  tuigseach  sinn-ne, 
foghnaidh  am  fios  so  a  fhuair  sinn  fa  chomhair  gach 
tùm  aimsireil  no  iarrtais  talamhaidh  a  thèid  againn 
a  choimhlionadh  ri  àm  ar  beatha  anns  an  t-saoghal 
so. 

Mar  sin,  is  e  is  bonn  is  bàrr  do'n  chùis  air 
fad,  gu'm  bheil  sinn,  d'a  taobh-sa,  ceart  mar  a 
tha  sinn  a  thaobh  gach  rud  talamhaidh  eile  mu'n 
iadhaidh  breith  no  barail  air  chòir-èiginn — ann  an  eisi- 
meil  agus  an  earbsa  ri  smuaintean  an  atharraich.  Ach, 
chan  fhaodar  leigeil  le  cùisean  a  bhi  mar  so  deargadh 
oimn  cho  mòr  agus  gu'n  gèillsinn  a  bhi  'nar  ball- 
spors  bith-bhuain  aig  baralaichean  feallsa,  gun  bhonn 
gun  bhàrr.  Tha  againn,  mar  tha,  "  laghannan  " 
is  seòlaidhean  ach  beag  gun  àireamh  air  am  faod 
sinn  feum  a  dhèanamh,  chum  barail  cheart  choth- 
romach  mu'n  md  so  no  an  nì  ud  eile  a  thoirt  am 
mach ;  agus  o'n  a  chaidh  a'  chuid  is  pailte  agus  treasa 
de  na  riaghailtean  so  a  chur  ri  chèile  agus  a  dh' 
fhoiUseachadh  le  muinntir  air  an  cleachdadh  leinn 
amharc  mar  rogha  is  tagha  a'  ghHocais  agus 
na  h-iùlmhorachd,  tha  a  bhi  leanail  gu  dlùth  orra 
so  tùm  no  gniomh  cbo   feumail  tarbhach  agus  a 


146  An  Ròsarnach 

ghabhas  dèanamh  leinn,  ma  sheas  gu'm  bheil  sinn 
miannach  a  bhi  air  ar  measadh  mar  dhaoine  tuigseach 
grunndail,  agus  mar  chàirdean  sùrdail  tùrail  dealasach 
do  aobhar  eireachdail  na  fìrinne. 

Ach  theagamh  gu'n  abair  cuid,  "  Chuala  sinn  mar 
tha  am  pailteas  mu  dheidhinn  na  maise :  nach  bi  cho 
maith  duinn  a  nis  fios  cinnteach  fhaotainn  air  nàdur 
an  nìthe  sin  i  fèin.  Gu  dè  an  nì  a'  mhaiseachd, 
mata,  agus  dè  iad  na  buadhan  air  am  bheil  i  air  a 
dèanamh  suas  ?  "  Feuchaidh  mi  ris  a'  chruaidh- 
chàs  so  a  dh'  fhuasgladh,  mar  is  fheàrr  is  urrainn  mì. 

A  nis,  is  e  anns  a'  chùspair  e  fèin,  is  chan  ann 
idir  anns  an  inntinn,  a  tha  a'  mhaiseachd  a' 
co-sheasamh  an  ceart  da  rireadh  ;  ach,  a  chum  is 
gu'n  rachadh  againn  air  a  ràdh  le  cinnt  co-dhiùbh 
a  tha  an  cùspair  so  no  a'  chulaidh  ud  eile  air  am 
bheil  sinn  ag  amharc  fìor  mhaiseach  no  nach  eil, 
feumaidh  ar  n-inntinnean  a  dhol  fo  ghluasad  rud 
beag  an  toiseach.  Cruthaich  Dia  an  saoghal,  agus 
a  h-uile  nì  a  gheibhear  ann  ;  ach,  gu  sinn-ne  a 
dhùsgadh  gu  geal  fhaireachadh  a  thaobh  a  rìomh- 
aidh  is  a  mhaiseachd  air  fad,  tha,  mar  gu'm  b'eadh, 
beanail  nah-inntinne  riatanach  mu'm  bi  làn  thuigsinn 
againn  air  àrd  luach  nan  nithean  àihnn  sin,  do  bhrìgh 
gur  i,  an  seadh  àraidh,  inntinn  an  duine  a 
chruthaicheas  a'  mhaiseachd.  Am  briathraibh 
eile,  an  uair  a  chruthaich  Dia  an  saoghal,  a'  dèanamh 
dheth  ionad-comhnuidh  duinn  cho  àlainn  tlachdmhor 
agus  is  urrainn  do  mheamnachd  an  duine  a  mhiann- 
achadh,  cha  do  rinn  e  stad  aig  an  sin,  ach,  a'  dol 
gu  fialaidh  air  aghaidh,  chuir  e  ris  na  tiodhlaichean 
a  bhuiUch  e  oimn  le  bhi  fosgladh  suas  shùilean  ar 


Tòir  na  Maiseachd  147 

n-inntinnean    do   chuimireachd   is    àrd-mhaiseachd 
gun  crich  a  oibreachan  uile. 

Is  maith  a  thuirt  sgriobhadair  àraidh  :  '*  Tha 
an  comas  reusoin  a  th'aig  a  h-uile  neach  'na  ghuth- 
eagnaidh  do'n  a  h-uile  fear/'  Gun  teagamh,  o'n 
is  e  is  iùl  do'n  duine,  gus  cuideachadh  leis  gu  barail 
cheart  a  thoirt  mu  nàdur  na  maiseachd,  'aigne  agus  a 
sgoinn  personta  fèin,  cha  ghabh  e  seachnadh  nach 
bi  eas-aontachadh  nach  beag  ann  mu'n  chùis — 
seadh,  chan  e  cus  e  ri  ràdh  gu'n  caochail  beachd  an 
cruth  a  chaitheas  e  cho  tric  sin  ach  beag  sa  leigear 
barail  air  a  h-adhart  no  a  bhios  breith  air  a  thoirt 
seachad.  Ach,  ged  a  bhiodh  so  mar  so,  agus  a  h-uile 
fear  air  thì  gu  a  bheachd  fèin  a  chur  an  cèiU,  air  cho 
beag  fuar  agus  am  bi  am  misneachadh  chum  sin  a 
bhios  e  a'  faotainn,  gidheadh  feumar  cuimhneachadh 
nach  ann  buileach  gun  riaghailt  gun  iùl  a  tha 
sinn-ne  a  thaobh  a  bhi  leanail  air  a'  cheart 
ghnothach  so  a  thuirt  mi.  Feumaidh  sinn  sgaradh 
curamach  a  chur  eadar  beachd  is  beachd,  a'  gabhail 
gu  h-earbsach  ris  an  fheadhainn  sin  dhiubh  a  thèid 
am  mach  bho  cheàman  sruthaidh  air  am  bheil  meas 
mòr  againn  fèin  a  thaobh  eolas  is  fiosrachd  a' 
mhuinntir  a  leig  iad  seachad  an  tùs,  agus  cùil  a  chur 
gun  ag  no  sòradh  sam  bith  ris  a'  chuid  sin  dhiubh  nach 
deachaidh  riamh  an  stèidheachadh  cho  maith  sin.  'Na 
leithid  sin  de  thòir,  chan  eil  againn  ri  dhèanamh  ach 
dìreach  na  is  àbhaist  duinn  a  dhèanamh  anns 
gach  càs  eile  tha  'fhuasgladh  agus  a  shochrachadh 
fèin  uile  gu  leir  an  earbsa  ri  barail  cuid  de  mhuinntir 
às  am  bheil  sinn  làn  earbsach,  agus  nach  do  shaoraich 
gun  bhunnachd  daibh  fèin  is  do'n  t-saoghal  air  fad,  anns 


148  An  Rdsarnach 

na  ceàman  sònruichte  sin  a  chaidh  a  thagadh  leo  mar 
ionad-oibrichidh  do  na  tàlannan  aca.  Faodar  a  ràdh 
gu'm  bheil  gach  dealbh  nach  gabh  cur  an  ag  mar 
dhealbh  f  inealta  riochdail  a'  co-sheasamh  air  àireamh 
àraidh  de  bhuadhan  sònruichte,  agus  anns  na  buadhan 
àraidh  sin  is  èiginn  gu'm  biodh  a  h-uile  deagh  bhreith- 
eamh  dhealbha  làn  eolach ;  agus  o'n  is  iad  riaghailtean 
stèidhichte  cinnteach  a  th'anns  na  seolaidhean 
suaicheanta  so,  le'n  gabhail  thar  cheann,  chan  eil  aig 
a*  bhreitheamh  a  dhèanamh  ach  iad  a  chur  gu  pon- 
galach  an  gnìomh,  ma's  i  is  obair  inntinn  dha 
coimhearta  ceart  a  dhèanamh  eadar  deagh  dhealbh 
agus  fear  a  chaidh  a  tharruing  air  dhòigh  nach  maith. 
Uime  sin,  air  duinn  dol  an  ceann  gnothaich  gus 
fìor  nàdur  na  maiseachd  fhaighinn  ammach,  b'fhaoin 
duinn  gun  sinn-ne  a  bhi  air  ar  stiùradh  le  beachdan 
na  feadhnach  sin  is  feàrr  a  tha  suidhichte,  a  thaobh 
pongalachd  an  sgoinne,  farsaingeachd  an  eolais,  agus 
meud  am  fiosrachd,  gu  sinn-ne  a  chuideachadh  gu 
ar  baraileachan  fèin  a  cheartachadh  mar  is  còir,  agus 
iad  sin  a  chur  air  deagh  rìaghailt.  Seadh,  cha  ghabh 
so  seachnadh  uiread  agus  aon  uair,  ma's  maith  leinn 
buadhachadh  san  tòir  a  thuirt  mi ;  ach,  fathast,  tha 
am  inntinn-sa  dòigh  eile  anns  an  còir  duinn  earbsa  a 
chur,  mar  mheadhon  èifeachdach  gu  cuideachadh 
leinn  gu  ceart  thuigsinn  air  fìor  nàdur  na  maiseachd 
fhaighinn.  Ris  a'  cheud  dòigh  a  thuirt  mi,  faodaidh 
sinn  "  Modh  an  Eolais  "  a  chantuinn,  do  bhrìgh  gur 
e  toradh  air  an  fhòghluim  a  th'anns  an  t-seol  sin  ; 
agus  a  thaobh  an  darna  modh  's  e,  ma  dh'fhaoidte, 
an  t-ainm  is  fheàrr  is  urrainn  duinn  a  chur  air, 
**An  Dòigh  Nàdurra,"   leis  gu'm  bheil  i  sin  'na 


Tòir  na  Maiseachd  149 

toradh  eagnaidh  air  an  spèis  nàdurra  a  th'aig  gach 
aon  againn  do  nìthean  àlainn  dreachmor  cHùiteach. 
Tha  mi  ag  innseadh  "  cUùiteach  *'  an  so  do  bhrìgh 
gur  e  fìor  phàirt,  agus,  theagamh,  a'  phàirt  is  luach- 
mhoire  de'n  mhaiseachd  air  fad,  gach  tùm  no  smuain 
no  gnìomh  cràbhach  a  leigeas  an  t-atharrach  air 
adhart,  no  a  chuireas  sinn-ne  an  cèill,  no  a  thèid  againn 
a  dh'fhiosrachadh  an  taobh  a  staigh  dhinn  fèin.  Air 
an  aobhar  sin,  chan  fhaod  sinn  a  bhi  na's  lugha 
mothachail — cha  mhò  na's  lugha  taingeil  air  a  son — 
air  maise  is  àrd-luach  an  duine  sin  a  rianaicheas  a 
a  smuaintean  is  a  dh'ordaicheas  a  bheatha  air 
fad  a  rèir  àitheanta  Dhè  na  is  buailteach  duinn 
a  bhi  mu  shealladh  bòidheach,  no  dealbh  àraidh 
a  chaidh  a  tharruing  air  dhòigh  nach  eil  ach 
gu  sònruichte  maith.  Seadh,  abairinn  fèin  gur 
mò,  agus  gur  èifeachdaiche  gu  mòr,  gus  cuideachadh 
leinn  èirigh  gu  làn  thuigsinn  air  brìgh  is  nàdur  na 
fiòr  mhaiseachd,  an  dara  sealladh  seach  aon  de'n 
fheadhainn  ud  eile  a  dh'  ainmich  mi ;  oir,  anns  an 
tòir  onorach  agus  ionmholta  air  am  bheil  sinn  an  geall 
an  ceartuair,  bu  chòir  gu'm  biodh  so  an  comhnuidh 
mar  riaghailt  duinn:  gur  ann  mar  is  dlùithe  a 
theannas  ar  spiorad  air  Dia,  agus  oibreachean  oirdh- 
earc  a  làimhe-san  uile,  is  ann  is  mò  a  dh'  fhàsas  ar 
comas,  agus  a  mheudaichear  ar  dèidh,  air  nìthean 
àluinn  a  thuigsinn  agus  a  mhealtuinn  mar  is  còir, 
Seòlaidh  gu  luath  agus  gu  cinnteach  sinn-ne  an  spèis 
a  th'  againn  do  naomhachd,  is  do  na  subhailcean 
gu  h-iomlan,  gu  gaol  is  làn  thuigsinn  fhaighinn  air 
a'  mhaiseachd  an  coitchionn ;  oir  is  ann  le  toil 
Dhè  a  chaidh  cùisean  gan  ordachadh  mar  so :  gu'm 


150  An  Ròsarnach 

bheil  gaol  air  an  fhìor  mhaiseachd  agus  gràdh  do*n 
fhìor  dhiadhaideachd  'nan  toradh  prìseil  air  an  aon 
cheudfath  spioradail — air  an  aon  dìth  anamanta. 

B'e  Gibbon  a  thuirt,  '*  Solitude  is  the  nurse  of 
genius  "  ;  agus  air  an  aon  leagadh  maille  ris  tha  spèis 
do'n  mhaiseachd,  còmhla  ri  làn  thuigsinn  air  an 
nàdur  sgèimhealach  a  th'aice-se ;  oir  ma's  math  leinn 
faotainn  an  dlùth  dhàimh  ris  an  dà  nì  so  a  thuirt  mi, 
air  chòir  is  gu'm  bi  sinn  air  ar  lionadh  is  air  ar 
gluasad  anns  gach  dòigh  le  seolaidhean  bàidheil 
an  spioraid-san,  is  ann  an  sìth  agus  an  sàmhchair  a 
dh'fheumas  sinn  dol  air  an  tòir.  An  t-uidheamach- 
adh  is  feàrr  agus  is  èifeachdaiche  is  urrainn  duinn 
a  chur  air  dhòigh,  f a  chomhair  a  leithid  sin  de  shireadh, 
's  e  a  bhi  gar  tàradh  fèin  air  f albh  bho  àmhgharan 
buaireasach  is  an-shocairean  farranach  an  t-saoghail 
so,  agus  teannadh  am  mach  ri  streapadh,  gun  nì 
eile  bhi  air  ar  siubhal  ach  màileid  an  aonarain  agus 
bata  an  taisdealaich.  0  quam  contempta  res  est  homo, 
nisi  supra  humana  erexerit !  O  na  mìltean  de  inntinn 
thorach  dhealrach  a  thug  luaidh  ait  roimh  so  air 
a  bhi  sealltuinn  sìos  air  an  t-saoghal,  is  na  gheibhear 
de  riomhachd  ann,  air  sgàth  meudachadh  eolais 
agus  buannaicheadh  anma  !  Cho  fad  air  ais  ri  Hnn 
Alasdair  Mòr  nan  Grèugach,  gheibhear  cunntas 
mionaideach  air  cuid  de  fheadhainn  a  thàr  iad  fèin 
air  falbh  bho  shaoghal  nach  robh  idir  a'  cordadh 
riu,  agus  a  mhol,  ceart  mar  a  rinn  Menander,  subh- 
achas  nan  làithean  a  thug  iad  seachad  ann  a  bhi 
dol  an  tòir  air  an  fhòghlum,  agus  stri  buan- 
mhaireannach  a  dhèanamh  gus  na  subhailcean  a 
chur  gu   neo-sgàthach  an  cleachdadh  : 


Tòir  na  Maiseachd  151 

cvpcTtKÒv  tlvai  <tKun  rriv  fprifjuav 
ol  tÒls  6<f>pvs  (upovr€<S' 

Bu  thràth  da-rìreadh  (dè  cho  tràth  chan  eil  fhios) 
an  eachdraidh  an  t-saoghail  a  chaidh  an  seorsa  caithe- 
bheatha  so  a  mhol  Menander  duinn  a  chur  an  cèill  an 
tùs  le  cuid  a  bha  aji  geall  air  buadhan  an  anma  a 
thoirt  gu  ìre  àird,  agus  feartan  an  inntinnean  a  chur 
am  feabhas,  mar  bu  mhò  a  ghabhadh  dèanamh 
leo ;  ach  a  dh'  aindeoin  sin,  chan  eil  cinnt  nach  e 
Petrarch  am  fàidh  agus  am  fear-seòlaidh  a  b'ainmeile, 
a  b'eireachdaile,  agus  a  bu  ghlice  a  chaidh  riamh  a 
leigeadh  duinn  anns  a'  char  so.  Gun  teagamh,  bha 
iomadh  reult  mhòir  dhealrach  eile  de'n  cheart  ghnè 
uaireiginn  ann — reultan  boiUsgeil  a  thug  soillse 
anabarrach  do  iarmailt  dhèarrsach  an  àrd  fhòghluim 
agus  nan  subhailcean  ;  agus,  am  measg  na  buidhne 
glòrmhor  so  a  thuirt  mi,  dè  an  t-ainm  is  measaile 
agus  is  ionmhainne  leinn  air  fad  na  Geothe,  air 
an  do  rinn  Carlyle  uiread  de  luaidh  èibhinn  anns  na 
sgrìobhaidhean  aige  ? 

To  cuUivate  his  own  spirit,  not  only  as  an  author  but  a  man, 
to  obtain  dominion  over  it,  and  wield  its  resources  in  the  service 
of  what  seemed  good  and  beautiful,  had  been  his  object,  more 
or  less  distinctly  from  the  first,  as  it  is  that  of  all  true  men  in 
their  several  spheres. 

Ach,  a  dh'aindeoin  so  is  gu  lèir,  chan  eil  fear  no  tè 
is  àirde  tha  seasamh  nar  beachd  anns  a'  char  so 
na  Petrarch.  B'  esain  a  thug,  anns  an  leabhar  a 
sgrìobh  e,  agus  d'ail  ainm  De  Vitd  Solitarid,  rian  is 
riaghailt,  còmhla  ri  cruth  gun  choimeas,  do'nt-seorsa 
oilein  so  gu  h-iomlan.       Anns  an  leabhar  ainmeil 


152  An  Rdsarnach 

ud,  chuir  e  gu  h-ùrlabhrach  an   cèill  na    smuain- 
tean  a  b'eireachdaile  bh'aige  air  mar  is  còir  duinn 
feum  ceart  a  dhèanamh  air  beatha  an  aonaraich,  agus 
dè  a  ghabhas   dèanamh   leinn   ionnus   is   gu'm   bi 
inntinn  an  neach  a  chleachdaicheas  a'  ghnè  bheatha 
sin  air  a  chur  an  dlùth  cho-chomunn  ri  Nàdur  agus 
oibreachan  maiseach  uile  an  Dè  mhòir.    Agus  dha-san 
co-dhiubh,  cha    b'e  rud  riamh    faoin  no  baoth  na 
theagaisg  e,  oir,  aig  Vancluse  agus  Selva-piana,  far 
an  d'fhuair  e  cothrom  air  na  riaghailtean  a  rinn  e  a 
chur  guriochdail  ancleachdadh,  dh'fheuchisdhearbh 
e   fèin    an    rian   beatha  a  chruthaich    sa  mhol  e. 
Chan  e  idir  aonragan  lunndach  gun  fheum  gun  fhiù  a 
bha  'na  aonragan-san.     Cha  d*thog  esan  beinn  no 
coille  air,  gun  nì  eile  bhi  'na  bheachd  ach  cothrom 
fhaighinn  air  fuasgladh  a  thoirt  d'a  dhèigh  fhèinea- 
laich  fèin  air  a  bhi  faotainn  cuidhichte  's  an  t-saoghal 
50,  agus  a  thrioblaidean  uile,  ach  a  dh'aon  aobhar  air 
son  is  gu'm  biodh  aige  làn  chead  còmhla  ri  gach 
cothrom  a  b'fheàrr  na  chèile  air  a'  ghràdh  làidir  sin 
a  thug  e  do'n  eolas  a  leigeil  air  adhart  an  sith  'san 
suaimhneas,   agus  an  spèis  do  Nàdur  a  bha  e  ag 
altrum  a  thoirt  gu  ìre  àird,  air  sgàth  glòir  Dhè  agus  leas 
is  sonais  a'  chinne-dhaonnda.  Subhachais  tlachdmhor 
reusonta  de'n  t-seorsa  so,  agus  an  leithidean,  tha  iad 
uile,  a  rèir  Petrarch,  ri  bhi  air  am  mealtuim  leis  an 
aonragan  air  dhòigh   chothromach  mhacanta,   ach 
làn  eud  agus  dealais;  e  a'  cur  seachad  a  ùine  'na 
aonar,  gus  an  tèid  aige  air  aithne  choimhlionta  chur 
air  e  fèin,  agus,  'na  dhèidh  sin,  e  a  dhol  gu  dòchasach 
air  aghaidh,  gus  seilbh  fhaighinn  air  saoghal  sgèimheil 
suilbhir  anns  nach   fiosraichear  no  ceadaichear  am 


Tdir  na  Maiseachd  153 

feasd  aon  chuid  gèiUeadh  socharach  do  ghiulan  neo- 
thoinsgeil  dhaoine  gun  seadh  gun  fhiù,  no  striochdadh 
mi-reasonta  do  bharalichean  gun  stàth  gun  bhonn 
an  t-saoghail  choirbhte  so. 

Gun  teagamh,  tuigidh  Ceilteach  gach  nì  dheth 
50,  ged  nach  tuigeadh  càch.  Tha  a  bhi  dol  an  tòir 
air  rud-èiginn  air  chòir-èiginn  dualach  do'n  duine; 
agus  co-dhiùbh  is  e  an  t-sealg,  no  an  t-airgiod,  cliù 
no  àrd-bheachdan  an  rud  a  bhios  ann  an  cùspair  ar 
dèidh  agus  miann  ar  cridhe,  feumaidh  gu'n  leigear 
fuasgladh  air  chòir-èiginn  do'n  chiall  nàdurra  làidir  so 
a  th'  annainn-ne.  Ach,  de  na  miltean  de  chuspair 
a  dh'  fhaodas  a  bhi  'nan  culaidh-mhainn  againn 
chan  eil  cinnt  nach  e  a  bhi  dol  an  tòir  air  àrd- 
bheachdan  spioradail  am  fear  is  mò  agus  is 
ionmholta  is  urrainn  a  bhi,  agus,  barrachd  air 
an  so,  sin  againn  an  tòir  is  fheàrr  a  fhreagras  air 
nàdur  nan  Ceilteach,  agus  is  mò  a  choisneas  de 
mheas  agus  de  chliù  do'n  fheadhainn  a  ghabhas 
pàirt  ann.  Bha  cridhe  is  inntinn  nan  Ceilteach 
daonnan  fosgailte  gu  bhi  glacadh  smuaintean  a  tha 
an  nàdur-san  'na  shaor  thiodhlac  aig  gaol  is  tuigsinn 
air  àrd-luach  is  maise  gun  choimeas  a  leithid  sin  de 
thòir,  dìreach  mar  a  bha  iad  daonnan  tuilleadh 
is  spioradail  meanmnach  ard-chùiseach  'nan  uile 
dòigh  gun  a  bhi  mothachail  air  briaghachd  Nàduir 
agus  àiUeachd  mhiorbhuileach  a'  chruinne-chrè.  '*  To 
seek  out  and  watch  and  love  Nature,  in  its  smallest 
phenomena,  as  in  its  grandest,  was  given  to  no 
people  so  early  and  fully  as  to  the  Celt."  Sin  againn 
barail  ris  nach  iomchuidh  coire  fhaighinn  an  so ;  agus 
o*n  is  e  deagh  bhreitheamh  lìtreachais,   agus  flor 


154  An  Ròsarnach 

charaid  do  na  Gàidheil,  a  tha  anns  an  neach  a  chuir  i  an 
cèill — an  t-Ollamh  Kuno  Meyer — chan  fhaod  sinn  ach 
gabhail  gu  toileach  taingeil  rithe,  gun  ag  a  thilgeil 
no  ceisteachadh  a  chur  oirre.  Ann  an  leabhar  beag 
ciatach  a  dh'fhoiUsich  Kuno  Meyer  o  cheann  ghreis, 
agus  air  am  bheil  Ancient  Irish  Poetry  mar  ainm, 
gheibhear  eadar-theangachadh  gu  beurla  nan  Sas- 
unnach  air  dàn  no  dhà  tha  toirt  duinn  rud-èiginn  de 
shoillse  air  mar  a  bha  na  sean  Ghàidheil  a' 
sealltuinn  air  an  fheadhainn  sin  a  thàr  iad  fèin  air 
falbh  bho  chompanas  an  co-chreutairean,  air  los 
gaol  do  Dhia  is  spèis  do  Nàdur  a  chleachdadh  sa  chur 
am  meud  an  sith  agus  an  sàmhchair.  Is  e  a  th'anns 
aon  de  na  dàintean  so  comhradh  no  conal- 
tradh  a  thachair  eadar  Guaire,  rìgh  Chonnacht, 
agus  a  bhràthair,  d'am  b'ainm  Marbhan — uasal 
a  thàr  e  fèin  air  falbh  bho  chuirt  an  rìgh  sin  a  chum 
aithne  a  b'fheàrr  na  bh'aige  roimh  a  chur  air  na 
subhailcean,  agus  iad  a  chleachdadh  an  sith  agus  an 
uaigneas  ;  còmhla  ri  meòrachadh  a  dhèanamh  air 
oibreachan  maiseach  uile  a'  Chruthadair.  Dh' 
fheuch  Guaire  ri  Marbhan  a  dh'  fhàgail  mi- 
thoilichte  leis  an  staid  san  robh  e  nis  le 
bhi  toirt  ruith-chunntais  d'a  bhràthair  air 
gach  nì  bu  mhiadhaile  na  chèile  bha  an  seorsa 
beatha  bha  Marbhan  a'  caitheamh  o  na  thàinig  e 
gu  bhi  'na  aonragan  a'  toirt  air  e  a  dhealachadh 
ris ;  ach  a  dh'  aindeoin  gach  argumaid  a  chleachd 
Guaire,  dh'  ob  Marbhan  às  is  às  gu  gèilleadh  a  thoirt 
do  bhriathran  a  bhràthar,  ag  innseadh  nach  robh  nì  a 
b'  ionmhuinne  leis-san  na  aoradh  a  thoirt  do  Dhia,  an 
companas  ris  na  coilltean,  na  sruthan,  na  beanntan. 


Tòir  na  Maiseachd  155 

na  fèidh,  na  h-eòin,  is  a  h-uile  culaidh  maiseach 
nàdurra  eile  bha  r'am  faicinn  'nam  miltean  mu'n 
cuairt  air.  B'e  ceann  a'  ghnothaich  so  air  fad 
gu'm  b'èiginn  do  Ghuaire  crìoch  a  chur  air  a 
oidhirpean  air  a  bhràthair  a  mhealladh,  agus  e  fèin 
a  thàr  air  falbh  gun  a  mhiann-san  a  bhi  sàsuichte — 
nì  a  rinn  e  an  dèidh  dha  an  rann  thiamhaidh  so  a 
chantuinn : — 

Dhiolainn  fèin  mo  shàr  rìgh-chòir, 
'S  d*  oighreachd  m'athar  mo  roinn  fòs, 
'N  èirig  cead,  gu  uair  mo  bhàis, 
'Bhi  'na  d'  chomunn,  a  Mharbhàin. 

A  rèir  Kuno  Meyer,  buinidh  a'  chainnt  anns  an 
deachaidh  an  dàn  so  a  sgrìobhadh  do'n  dheicheamh 
linn,  ach  theagamh  gu'm  bheil  brìgh  an  dàin  fèin 
mòran  na's  sine  na  sud. 

Mar  sin,  cha  ghabh  e  àicheadh  nach  robh  na  sean 
Ghàidheil  cho  ullamh  gu  aoradh  a  thoirt  do  Dhia,  is 
cho  deas  gu  aideachadh,  an  dàn  no  òran,  àiileachd 
mhiorbhuileach  a  oibreachan  nàdurra  uile  sa  bha 
treubh  no  dream  eile  air  am  bheil  cunntas 
earbsach  againn  an  eachdraidh  an  t-saoghail, 
agus  a  bha  comharraichte,  mar  a  bha  iadsan,  air 
son  mar  cho  làidir  beothail  tuigseach  sa  bha 
an  gaol  a  thug  iad  do  na  nìthean  maiseach  agus 
eireachdail  sin  a  tha  sgèimheachadh  air  dhòigh 
cho  seach  iongantach  taitneach  aghaidh  shuig- 
eartach  a'chruinne-chrè.  Sin  againn  pàirt  (agus 
chan  e  idir  a'  phàirt  is  lugha,  thoiribh  an  aire)  de'n 
chliù  bu  dhgheach  duinn  a  phàigheadh  do  chuimhne 
cbùbhraidh  ar  sean  athraichean ;  ach,  anns  a'  char 


156 


An  Rdsarnach 


so,  is  fiach  e  fharraid  ann  an  air  an  aon  leaghadh 
maiUe  riu  a  tha  cead  againn-ne  de'n  linn  so  a  th'ann 
ar  seasamh  a  ghabhail  ?  An  taitneach  leinn-ne 
seirbhis  Dhè,  agus  an  caomh  leinn-ne  tòir  na  maise  ? 

RUARAIDH   ARASCAIN    IS   MhAIRR. 


An  Uair  Dheireannach  aig  Faustus. 

(Eadar-theangaichte  o'n  Bheurla  aig  Marlowe.) 

Chan  'eil  a  nis  ach  uair  de  bheatha  romham  ; 
'Na  dhèidh  sin  bàs — 's  e  sid  mo  chuid  's  mo  nì 
'Nur  cuirsibh  dèanaibh  stad,  O  reuUtan  àrd, 
'S,  O  Ghealaich  lain,  dèan  stad  na  d'  shlighe  rèidh, 
A  chum  's  nach  bi  ann  tim  na's  mò,  's  nach  bual 
An  dà  uair  dheug  le  binn  mo  pheanais  mhòir. 
O,  èireadh  Grian,  is  biodh  a  gathan  glan 
A'  soillseachadh  an  t-saoghail  gu  sìorruidh  buan ; 
No  biodh  an  uair  so  dhomh  mar  aona  bhliadhn', 
Mar  mhios,  mar  sheachdainn,  no  mar  latha  gèarr, 
A  chum  's  gu'n  dèanar  leam-sa  aithreachas, 
'S  gu  sabhail  mise  m'  anam  priseil  fèin. 


Tha  leth-uair  seachad  !    Beag  air  bheag  tha'n  t-àm 

A'  tighinn  dlùth  's  an  tèid  mo  sgaradh  fad' 

Bho  ghràdh  's  bho  aoibhneas  blath  mo  chàirdean 

caomh. 
Mus  èiginn  dhomh  air  son  mo  lochd  a'  phris 
A  phaigheadh  ann  a'  rioghachd  Lucifer 
Na  biodh  mo  chradh  gun  dochas  no  gun  chrìch  ! 
Mo  dhachaidh  dèanam  ann  an  Ifrinn  dhubh 
Rè  mile  bliadhna  measg  na  muinntir  chaillt' 
— ceud  mile  bliadhna  bitheam  anns  an  t-shlochd — 


158 


An  Rdsarnach 


Mu  thèid  mi  'n  sin  a  steach  do  shòlas  neimh  ! 
O  chan  'eil  crìoch  air  doruinnean  an  dream 
A  sheasas  ciontach  ann  a*  làthair  Dhè. 
Carson  a  ta  an  t-anam  tha  na  m'  chom 
Neo-bhasmhor  ?   No  carson  nach  teich  e  bhuam 
Gu  grad  's  nach  gabh  e  tàmh  's  an  ainmhidh  bhorb  ? 
*S  mòr  m'  fharmad  ris  an  ainmhidh,  oir  aig  bàs 
A  chuirp,  tha  curs'  an  anama  crìochnaichte ; 
Ach  mairidh  m'  anamsa  gu  sìorruidh  beo, 
'S  a'  lasair  Ifrinneach  gu  saoghal  nan  saoghal. 

UiSDEAN  Laing. 


^^ 


Uamh   an   Oir. 

IG  bonn  Creag-Mìle-Brat,  ann  an  cùl 
a'  Ghearraidh-Ghabhail  air  an  taobh 
an  ear  de  Bhagh-a'-Chaisteil  ann  am 
'2)  Barraidh,  tha  fhathast  ri  a  faicinn — 
agus  bidh  gu  bràth — Uamh  an  Oir. 
e  sin  ri  ràdh,  a  rèir  an  t-seanachais,  aon 
dhi ;  an  ceann  air  an  amais  mac  an 
dobhrain  o  chuan  agus  mac  an  duine  o  thìr  an  diugh 
agus  am  màireach.  Ach  c'  àite  a  bheil  an  ceann 
eile, — an  ceann  ma  dheireadh  dhi  ?  O,  eudail 
mo  chridhe  ! — 's  e  sin  rud  a  b'  fhèarr  leam  fhios 
agam  fèin.  'S  e  sin  an  deile  gu  dearbh  a  dh'  aobh- 
araich  o  chionn  iomadh  là  is  bliadhna  brìgh  an  t- 
seanachais  so  a  tha  mise  ag  ùrachadh  an  so.  Ach, 
bha  e  a'  cheart  cho  fasa  dhomh  innseadh  dhuit  le 
cinnte  far  a  bheil  Innis  na  Fìrinne  agus  Tìr  nan  Og. 
Agus  mur  a  riaraich  sin  thu  agus  gu  bheil  ciocras 
diorasach  ort  do  mheur  a  chur  air  an  dearbh-ionad 
's  a  bheil  i  a'  tighinn  gu  ceann  abraidh  iad  gu  bheil 
sin  ann  am  fìor  ghob  Aird  Ghrìnn  ;  an  gob  is  fhaide 
'n  iar  de  fhearann  Bharraidh.  Ach,  a  bheil  am 
beachdadh  so  fèin  cho  mion  's  is  math  leinn  ?  Cha'n 
eil.  Cha  'n  eil  idir,  a  ghraidh,  oir  is  diomhain  an 
t-sùil  fradhairc  a  thèid  air  thoir  a  siridh  agus  is 
socharach  an  cridhe  a  gheibh  lorg  a  cinn-sgur-se 
ann  an  Tìr  so  nam  Beo.  Ach,  a  roghainn  sin  's  a 
bhi  dha,  's  e  miann  ar  cridhe  a  bhi  a'  tollachadh, 
agus  a'  brodachadh  fo  sgeith  gach  duatharacbd. 


160  An  Rdsarnach 

'S  e  ar  rùn  gu  bràth  a  bhi  a'  fìgireachd  air  chùl  an 
doruis  uamhasaich  ud  a  tha  a'  sior-thoirmeasg  am 
briathran  balbhe  do'r  sùilean  dealasach  aon  phlath- 
adh  ;  aon  phriobadh-sùl  fhaighinn  bho  Innis  so  na 
Breige  air  Tìr  ud  a*  Mhòr-ioghnaidh.  Eolas  an 
Dain  !  'S  e  so  ar  n-iomacheist.  Nach  e  so  agus  a 
dhraodhachd  dhèarr-làn  a  tha  a  ghnàth  d'ar  cridhe-ne 
mar  a  tha  'm  ball  le  gliogan  'na  bhroinn  do'n  phaisde, 
— sinn  an  geall  air  spealgan  a  dhèanamh  air  feuch — 
seadh,  feuch  am  faic  sinn — ? 

Ach  mar  a  chì  an  dall  sealladh  a  bheir  aoibhneas 
d'a  anam  mar  sin  cuideachd  chì  sinn-ne  leis  na 
sùilean  ceudna  seallaidhean  a  rèir  gnè  ar  spioraid. 
'S  aluinn  leis  gach  creutair  a  ghin  fèin — eadhon 
leis  an  fheannaig  a  garrach  gorm — agus  mar  sin  is 
muimeach  leinn-ne  mac  duathara  ar  meanmna  fèin 
agus  ar  cinnich. 

'S  ann  mar  sin  a  thig  gu  m'  chluais  thar  sheachd 
ciana  nan  Unn  fuaim  nan  dos  agus  sian  cianail  nam 
pong  a'  giulain  nam  briathran  mulaid  ud  gu  m' 
chridhe : — 

Mu  'n  ruig  mise,  mu  'n  tig  mis' 
A  Uamh  an  Oir,  Uamh  an  Oir  ! 

Ach,  nach  fhada  o'n  là  ud  !  Nach  fhada  a  tha 
Creag-Mìle-Brat  a'  faire, — a'  feitheamh  ri  tiUeadh 
nam  fear-turuis !  An  diugh,  tha  ise  ;  fianuis 
bhalbh  ach  mhaireann  air  caiseamachd  nan  trath, 
nan  là  agus  nan  Unn,  'san  aon  suidheachadh,  'san 
aon  fhaighidinn,  'san  aon  dòchas  shiorruidh  ;  'na 
caithris  a  là  agus  a  dh'  oidhche  an  duil  ris  a'  cheol  a 
chliiinntinn  a'  tilleadh— am  fiughair  ri  Eolas  an  Dain ! 


Uamh  an  Oir  161 

Oir  is  math  is  cuimhneach  leatha-se  cuideachd 
an  là  agus  an  uair  ud.  Bha  Maoldònaich  an  siod 
ma  coinneamh,  agus  an  Laogh  'na  chois  dìreach 
mar  a  tha  e  'n  ceartair.  Le  a  chasan  am  bogadh 
am  fliche  nan  tonn,  agus  a  shlinneinean  cahna, 
tailcearra  ag  èirigh  os  cionn  dachaidh  an  sgairbh 
agus  leaba  an  duibheinich — le  aghaidh  a  bha  eadhon 
an  uair  ud  sean  agus  gnuadha  a'  sior-chumail  sùil 
air  ceithir  àirdean  na  h-iarmailte  o'n  tigeadh  tròg- 
bhail  shion. 

Ach  's  e  bròn  an  t-samhraidh  a  bh'  ann.  Seadh, 
samhradh  de  na  samhraidhean,  agus  là  de  na  làithean 
ud  mu'n  cluinn  sinn  fhathast  cronan-tulgaidh  nan 
tonn  seana  an  cluais  nan  òg-thonn  beaga  ag  iomradh  ; 
mu'm  faic  sinn  bruadar-cuimhne  nam  beanntan 
sìorruidh  a'  toirt  snodha  aoibhneis  air  an  gnuisean 
fad-fhulangach  'n  uair  a  bheir  Mac  Geal  nan  Speur 
sùil  chaomh  a'  chairdeis  agus  an  t-seann-eolais  air 
a  choimhaoisean  àrsaidh  fèin.  B'e  sin  an  t-àm — 
mu'n  do  chaochail  air  na  siontainnean. 

Aig  casan  Creag-Mile-Brat  bha  blianag  bheag 
ghorm  a*  dol  sios  cho  fada  's  a  leigeadh  an  t-eagal 
dhi  an  coinneamh  na  mara,  agus  gu  beul  na  h-uamha 
air  chòir  agus  gu'n  robh  mirc  a  cuibhrige  a'  tuiteam 
'na  ghiobagan  gorma  thairis  air  a  bruaich ;  a' 
fìgireachd  air  postaichean  a  beoil  agus  a  farchluais 
air  a  h-anail. 

Oir  'na  cliabh-se  fèin  bha  Sgeul  an  Dain,  ged 
a  bha  i  'n  ceartair  balbh  mar  gu'm  biodh  i  a'  cumail 
balgum  fala  'na  beul.  Thuit  boinne  snidhe  bho  a 
druim  's  bhuail  e  le  sgleog  fhhuch  ann  an  lòn  saile. 
Chaidb  crith  shianta  fo'n  aileadh   'na  gloc  agus 


162  An  Rdsarnach 

troimh  dhall-shlighe  a  siubhail  dh'  aisig  guth  Mhic- 
talla  am  fuaim  seachad  air  frògan  nam  Fuath  agus 
leapannan  Sluagha  de  Danann.  O,  a  Shiorrachd 
Mhòir  !      O,  a  mhanaidh  an  uamhais  ! 

Shaodaich  an  tràghadh  leis  an  Ughe  a  bha  ag 
imUch  busan  nan  cruinn  chnap-chlach  loma,  agus 
cha  d'  fhàg  e  beannachd-ghuidhe  'na  dhèidh.  Cha 
d'  fhàg  e  ach  diosgan  pathaidh  nan  gille-fionndrainn 
ri  caoidh,  agus  iad-san  a  nis  gun  seol  air  a'  bhoinne  a 
fhliuchadh  am  braghad.  Thog  Uaghan  a  cheann 
buidhe-ruadh  os  cionn  sùghadh  athaiseach  an  tuirra, 
ach  leis  an  ath-thiUeadh  mhoidearra  bhog  agus  dh' 
fhalaich  e  a  shùil  'san  t-saile  mar  gu'm  fac  e  rud- 
eiginn.  Bha  siochaint  ana-ghnàthach  mar  aon 
sgrath  mharbhant  'na  laidhe  air  uachdar  mara  is 
tìre.  As  coinneamh  Uamh  an  Oir,  bha  aodann  a' 
gheodha  cho  socair,  balbh  ris  an  naoidhein  an  suain 
a  cheud  chadaU.  Cha  b*  e  idir  ciuineachd  a  b'  ainm 
do'n  bhailbhe  so. 

Cha  mhò  na  sin  a  b'e  siochaint  nàdurra  a  bh'ann, 
ach  's  ann  a  bu  ghiorra  e  do'n  chlosadh  speur  mhuir- 
tidh  ud  a  lionas  le  tosd  na  h-uaighe  am  feasgar 
foghair  roimh  bhras-leigeadh  nam  builg  bàthaidh. 
Bha'n  aon  ghlumag  mhuirtidh  so  a'  Uonadh  beul  an 
fheasgair  timchioU  Creag-Mìle-Brat  ionnan  is  mar 
a  thachdas  manadh  na  sìorrachd  seomar-aire  nam 
marbh  ;  ionnan  is  mar  a  luchdaicheas  beul  an  an- 
moich  le  mulad  is  ionndrainn  nan  gaoltach.  O, 
eudail ! — ^bha  rud-eiginn  an  dàn  ;  bha  rud-eiginn 
gu  tighinn  air  a  chois. 

Air  a'  bhUanaig  ghuirm  so  a  dh'  ainmich  mi, 
bha  aon  chridhe  beag  neo-choireach  a'  plosgairtich 


Uamh  an  Oir  163 

's  a'  mireagraich  le  càil  is  ciall  na  h-òige.  Ach  stad 
an  coinneineach  beag  a  bha  so  de  dh'  ionaltradh. 
Dh'  èirich  e  'na  chon-shuidhe  agus  choc  e  a  chluasan 
ri  claisneachd  os  cionn  fuaim  fais  an  fheoir.  Bha 
rud-eiginn  iongantach  a  siod!  Bha  fuaim  an  siod 
nach  cual  e  riamh,  a'  tighinn  air  o  Rudha-na-h- 
Eitich — am  fuaim  ud  a  bha  ri  tighinn  a  rèir  an  Dailg- 
nich  ;  an  sith-cheol  a  chuir  crith  is  gaoir  troimh 
shiubhal  gach  freumh'-luis,  agus  a  chuir  gruag  nan 
cnoc  's  nan  sliabh  an  togail  le  draodhachd  ;  seadh, 
le  faireachduinn  anabarrach,  gun  choimeas,  gun 
ainm.  Ach,  cha  robh  an  ceol  ud  saoghalta.  O, 
cha  robh,  a  ghràidh  nan  daoine,  oir  cha  tug  meoirean 
riamh  roimhe  am  mach  an  ceol  a  bha  siod  ;  ceol  a 
dh'  fhosgladh  cluas  nam  bodhar,  agus  a  dh'  fhuas- 
gladh  teanga  nam  balbh  ;  ceol  a  cheangaileadh  guth 
gach  ciuil  eile  'san  domhain  ;  mac-samhuilt  do'n 
aon  cheol  's  a  thogas  fhathast  anam  mhic  a'  Ghàidheil 
air  sgiathan  bron-aoibhneis  nan  taibhs  thar  Bheann- 
tan  Gloine  agus  Ghleanntan  Dòlais  na  beatha  so  gu 
ruige  ceol-thìr  na  bith-bhuantachd  siar,  seachad, 
thaU. 

Ach  an  robh  so  mar  ionghnadh  ?  An  robh  e 
idir  cubhaidh  do  dh'  aon  de  piobairean  Smearclait 
ceol  a  mheur  a  bhi  a  reir  a  mheur-ionnsachaidh  ? 
Cha  robh.  Nach  iomadh  uair  a  stob  e  am  bior 
an  cnoc  an  t-sithein  an  èirig  a  chiùil  ud  ? 

Nach  iomadh  uair  a  chaith  e  fo  gheasaibh  duath- 
ara  oid'-oilean  nam  pong  ud  mu'n  d'  fhuair  e  leis 
blas  na  lùdaig  ?  Fhreagair  Creag-Mìle-Brat  na 
briathran  mar  gu  'm  b'  aithne  dhi  iad  o  thus  an 
t-saoghail.      Fhreagair  i  pong  air  a'  phong,  ach  cha 


164  An  Rdsarnach 

robh  e  neonach.  Cha  b'e  so  a'  cheud  uair  a  chual 
ise  an  guth.  Cha  b'e  so  a*  cheud  uair  a  chunnaic 
ise  buidheann  agus  buidheann  a'  gabhail  an  aon 
cheuma  so — a'  cromadh  gu  Uamh  an  Oir  air  lorg 
an  aon  sgeula. 

Nach  iomadh  uair  eadar  an  comh-thràth  agus 
dealachadh  nan  tràth  a  chunnaic  i  a  cheart  fheadh- 
ainn  so  fèin,  agus  a  chual  i  a'  cheart  cheol  ?  'S 
iomadh  uair  a  chuir  na  cnuic  ud  thall  orra  is  dhiù 
an  eideadh  samhraidh  o'n  a  chual  i  an  tòiseach  e. 
Ach  riamh  cha  do  fhreagair  i  e  chuige  so. 

'S  ann  a'  so  a  sguir  an  smeorach  d'  a  h-iorram 
fèin,  agus,  le  meall  tioma  'na  h-uchd,  sheas  i  air 
gèig  os  cionn  a  nead.  Stad  clacharan  an  fhraoich 
de  throd  ris  an  uan — a  bha  a'  beadradh  ri  aigne  na 
h-ògalachd  mu  thuairmse  a  nead-san — agus  chlos 
e  a  bheul  is  tiamhachd  nach  b'  eol  dha  a'  toirt  ceo 
mu  'fhradharc.  Thug  an  neochoireach  beag  eile 
a  bheachd  leis  d'a  uamha  fèin. 

Ma  iochdar  na  creige  thataidh  am  piobaire  leis 
a*  bhuidheann  ud  a  bha  'g  a'  leanmhuinn  gus  na 
rainig  iad  a'  bhUanag  bheag  so  os  cionn  na  h-uamha. 
Agus  co  iad  a  bh'  ann  ?  Bha  iad  ann  fir  agus 
mnathan.  Bha  iad  ann  sean  agus  òg.  Bha  iad 
ann  feadhainn  aig  an  robh  deagh  chuimhne  air  na 
diuhiaich  a  chaidh  air  an  aon  turus  so  roimhe,  ach 
nach  do  thìU — ochan  !  ochan  !.  Cha  do  thill  iad, 
a  ghràidh  nan  daoine,  cha  do  thiU,  agus  cha  mhò 
na  sin  a  thiUeadh  iad  so,  an  diugh  no  am  màireach, 
à  Magh  an  loghnaidh  's  à  Uamh  an  Oir ! 

Sheas  a'  chuideachd.  Leig  am  piobaire  a' 
phiob  bharr  a  ghualainn.    Do  bheachd  an  atharraich, 


Uamh  an  Oir  165 

cha  robh  bron  cairdeach  d'a  ghnuis-san.  Cha  robh 
smal  air  a  shùil  ach  's  ann  a  bha  i  laiste  le  dearrsadh 
dochais,  fiughair  agus  fèin-earbsa.  Bha  spiorad 
do-chiosnaicht'  na  h-òige  a'  cur  an  cèill  d'  a  chridhe 
na  bha  a  mheanmna  a'  cur  an  cèill  d*  a  spiorad — 
*'  Thèid  agam  air/'  B'e  so  a  choltas  do  chàch, 
ach  aig  'anam  fèin  a  nis  bha  fhios  air  a  chaochladh. 
Cha  bhi  èis  an  tobair  gu'n  traigh,  's  cha  bhi  fios  a' 
chraidh  gu'n  tig. 

Air  chul  guailne  an  iomal  na  cuideachd  bha  aon 
chridhe  a  bh'  air  a  dhuanadh  seach  cridhe  sam  bith 
eile  siod,  agus  b'e  an  cridhe  sin  cridhe  Moraig ; 
aon  nighean  na  banntraiche.  'S  ann  aice-se  a  mhàin 
a  bha  fhios.  'S  ann  rithe-se  'na  h-aonar  a  bha  'n 
dàn  truagh  a'  cagraich  fàisneachd  a'  bhròin  agus 
foragradh  a'  mhulaid.  Mulad  ?  Cha  'n  e.  Cha 
'n  e  no  eadhon  bròn  cridhe,  ach  bròn  is  ro-thruime 
na'm  bròn  sin — bròn  anma. 

Bha  a  beò  fo  arraban.  Bha  sugh  a  ceiUe  agus 
a  cridhe  air  a  thaomadh,  gach  deur,  an  ceann  nan 
stuagh  borba  nach  naisgeadh  taing  'na  chomain ; 
bha  an  t-subhailc  ud  is  cubhraidhe,  is  doimhne,  is 
àirde  agus  is  do-labhairte  a  bhuineas  do  dh'  anam 
eug-samhuil  nan  gaol-bhan  air  a  leon  agus  air  a 
phronnadh  fo  shail  iarnaidh,  ain-iochdar,  an  Dain. 
Oir  bha  i  a'  giulain  an  diomhaireachd  a  cuim  gaol- 
falaich  air  a  leon.  O,  nan  robh  fhios  aige  air  a 
cridhe !  Nan  robh  fhios  aige — na'm  faiceadh  e  le 
shùilean  corporra  an  fhuimeis  laiste  ud !  Nan 
tuigeadh  e — !  Ach,  cò  a  thèid  an  aghaidh  an 
Dàin  ?  O,  cò  a  chaisgeadh  coilionadh  dearbh  an 
Dailgnich  ? 


166  An  Ròsarnach 

Thug  an  t-oigfhear  a  bha  a'  giulam  na  pioba 
ceum  gu  taobh.  Dhearc  e  gnùis  a  leannain.  Bha 
cuan  'anma  a'  teannadh  ri  luasgan,  agus  stuagh  air 
muin  stuaighe  a'  greasad  thar  lear  a  chuimhne  agus 
a'  bristeadh  'nan  laomannan  bàthaidh  air  a  chridhe. 
Chunnaic  e  am  Boinne-fala  so  a  bha  dha-san  mar 
bha  do'n  t-seilein  am  boinne  bho  chridhe  an  ròis  ; 
ise  fèin  a  thàlaidh  e  bho  lion  nam  mnatha-sithe  le 
aon  sealladh  o  a  diuid-shùil;  le  aon  snodha-gaire 
bho  a  bilean  mànranach.  Carson  ma  ta  a  bha  esan 
an  so  an  diugh  a'  cur  sgleo  agus  dubhar  air  aghaidh 
grèine  a  sholais  ? 

Aig  an  fhitheach  dhubh  a  bha  a'  dol  dhachaidh 
a  Mhaoldonaich  a  bha  'n  fhreagairt.  Aig  a'  mhaigh- 
dinn-mhara  air  Sgeir  Liobh-innis  a  bha  'n  t-Eolas. 

Dh'  imich  am  piobaire  far  an  robh  an  nighean, 
agus  labhair  e  rithe  am  briathran  nach  robh  ach 
tearc,  ach  gu  dè  seadh  nam  facal  a  bha  siod  cha'n 
eil  fios  aig  anail  bheo  ach  aig  anail  chùbach  nam 
flathas  a  mhàin.  Cha'n  eil,  ach  ged  nach  eil  fèin 
is  tric  osag  chabhagach  a'  chomh-thrath  'g  an 
luaidh  an  diùrais  an  cluais  Creag-Mile-Brat. 

Agus  mar  sin  ghabh  esan  a  chead  deth  na  bu 
chaomh  leis,  oir  bha  e  fo  gheasaibh  an  Dàin  agus 
cha  robh  e  'na  chead  ach  an  Dàn  a  leantuinn. 

Chrom  a  dhithis  chomhaltan  roimhe  gu  beul 
na  h-uamha  agus  a'  lasadh  dà  choinneil  chèire  an 
ainm  Dhè  agus  Mhoire,  dh'  inntrig  iad  Uamh  an 
Oir.  Aig  ursann  na  h-uamha,  dh'  altaich  dalta  an 
t-sithein  piob  nan  sian  air  a  ghualainn,  agus  gun 
sùil  a  thoirt  air  neach  'na  dhèidh  dh'  fhosgail  e  dorsan 
a'  chiuil  eile  's  e  'bualadh  roimhe  air  an  Rathad 


Uamh  an  Oir  167 

Bhuan  gu  Ceann  na  Dìleann.  A  sealladh  Moraig, 
dh*  imich  a  h-ulaidh,  a  dochas  agus  a  h-aoibhneas — 
air  a  fàgail  mar  eun  leòinte  air  sgeir  uaignich  ri 
oidhche  am  meadhoin  cuain  ana-mhòir  a  chaidh  air 
diochain.  Air  osann  nam  maoth-thonn  beaga 
dh'  iadh  tuireadh  nan  eun-mara  bho  chasan  Mhaol- 
dònaich  ga  h-ionnsuigh.  O  mhullach  cnuic  thàinig 
mèadhal  na  caorach — na  màthar — gu  a  cluais  a' 
giulain  faireachduinn  ionndrainn  agus  gaoil-chiur- 
raidh  air  nach  cuir  sgil  cainnte  briathar  gu  bràth. 
Fada  'san  Ear  ri  cearcall  a'  chuain  agus  Oirthir 
Ghaidheal  bha  neoil  chiara  nan  sion  'nam  boiteinean 
cadalach  's  am  bruadair  mu  bhròn.  Ach  èisd ! 
Gu  dè  tha  siod  ?  Uamh  an  Oir !  Uamh  an 
Oir ! 

C6  nach  tuigeadh  e  ?  Cò  nach  togadh  na  facail 
ud  a  bha  nis  ag  èirigh  mar  gu'm  b'  ann  à  beul  gach 
geige  fraoich  am  mach  am  bealach  ?  Agus  le 
sùilean  laoimte  lean  a*  chuideachd  ud  fuaim  a' 
chiuil.  Ceum  air  a'  cheum  bha  'n  ceol  sith  'g  an 
iul.  Seachad  air  Beinn-a*-Cheathaich  shiubhail  iad, 
seachad  air  beanntan  Heabhal,  Haisteabhal,  Scàla, 
agus  Sgaorabhal — troimh  bhealach  uaigneach,  agus 
gleann  mointich  gus  an  tàinig  iad  gu  Loch  an  Duin 
a  chuir  bacadh  air  an  ceum.  Agus  tha  ise  cuid- 
eachd  an  diugh  gun  chaochladh  ach  mar  a  bha  i  an 
uair  ud — gu  brath  a  cleith  oimn-ne  Sgeul  an  Dàin. 
A  Loch  an  Duin  !  A  Loch  an  Duin  nach  fhada  agus 
nach  fann  cagarsaich  dhuathara  do  thonnag  draodh- 
ach  o  chluais  Creag-Mile-Brat  I 

Aig  taobh  an  loch  sheas  a'  chuideachd.  Bha 
'n  ceol  ag  obair  fhathast. 


168  An  Rdsarnach 

'S  iomadh  nìghneag  òg  fo  bhreid-geal 
Thèid  a  nuU,  thèid  a  null 
Mu'n  ruig  mise,  mu'n  tig  mis' 
A  Uamh  an  Oir,  Uamh  an  Oir. 

Agus  b'  fhior  siod,  a  ghràidh  nan  daoine,  ach  eisd  ! 

Fiolan  fiadhaich  a'  sior-fhiaradh 
Ann  am  ghluin,  ann  am  ghluin. 
Mu'n  ruig  mise,  mu'n  tig  mis* 
A  Uamh  an  Oir,  Uamh  an  Oir. 

'N  taobh  'tha  fodham  a'  sior-lothadh, 
Daol  am  shùil,  daol  am  shùil, 
Mu*n  ruig  mise  mu'n  tig  mis' 
A  Uamh  an  Oir,  Uamh  an  Oir. 

Ach  a  nis  bha  'n  ceol  a'  dol  a  mugha  gus  ma 
dheireadh  na  theirig  e.  Seadh,  theirig  e  mar  a 
theirigeas  an  là  an  ceann  na  h-oidhche  air  neo  an 
aisUng  an  ceann  an  fhior-dùsgaidh.  Thraoigh  e 
mar  a  thraoigheas  ceol  pioba  an  eilthirich  *s  an  long 
a*  toirt  na  h-oidhche  agus  a'  chuain  fo  ceann.  Bhà- 
saich  e.  Carson  ?  Gu  dè  bu  choireach  ?  Gu 
dè  ach  gu'n  do  chuir  an  t-snidhe  o  ghrunnd  an  locha 
às  na  coinnlean,  agus  gu'n  robh  na  h-ànrachdaich 
fo  mheinn  nam  Fuath  's  nan  ullabhiasd  gun  chomas 
dol  no  tilleadh — gun  chomas  gu  bràth  air  fios  a 
thoirt  chugainn-ne  air  slighe  nan  càs,  agus  gun 
chrich  am  feasda  ri  dhol  air  an  sgeul  so. 

An  oidhche  ud  fèin  chaidleadh  mac  an  ròin  ri 
bus  Uamh  an  Oir,  agus  eadar  a  bhruadair  aosda 


^J^ 


Na  h-asfldiU.  tha  Lcanabh.  uia  am  bheil  bail  oir  'na  Laimh 


Uamh  an  Oir  169 

bheireadh  e  glòmadh  air  a  shùilean  cianail.  Oir 
aige-san  bha  Fios  nam  Faidh  o  sheun  aon  latha  agus 
cha  b'ann,  a  ghràidh,  fo  Loch  an  Duin  a  bha  dachaidh 
'aisling  an  comunn  na  feadhnach  a  dh'  fhalbh. 
Cha  b'  ann  gu  dearbh,  ach  fada,  fada  às  a  sin,  seachad 
air  Aird  Ghrìnn,  agus  seachad  air  Tìr-fo-Thuinn, 
thall,  fada  thall  an  iomall  Torra  Domhainn  ann  an 
Tir-nan-Og. 

Spion  Morag  i  fèin  air  falbh  o  chàch  a  dh'  iarraidh 
cobhair  agus  furtachd  d'  a  spiorad. 

Bhrist  i  bharr  an  fhrith-rathaid  mar  gu'm  b' 

ann  gun  umhail  gun  uidhreachd  c'àite  an  robh  i  a' 

dol.       Ach,  bha  naomh-uaigneas  an  aonaich  'g  a' 

cuireadh  do  theampuU  coisrigte  a  Màthar,  far  an 

fhaodadh    i   ruintean   diomhair   agus   feudalach    a 

cridhe   a   thaomadh   an   cluais   na   faighidinn,   na 

carthannachd  agus  na  tuigse,      Bu  trom  an  luchd  a 

bha  'na  cUabh,  is  i  air  tighinn  am  fradharc  a'  chuain 

siar  an   deireadh   an   fheasgair  ud.    Shuidh  i   air 

cnocan  os  coinneamh  an  Tabh  ;   dearbh  choimeas  na 

Siorrachd.       Bha  a'  ghrian  air  a  dhol  fodha  's  a' 

chuan — air  neo  air  chul  a'  chuain  fèin — agus  às  a 

dèidh  bha  sealladh  an  làthair  a  bha  gun  teagamh 

airidh  air  Innis-nam-Flath.      Bhuail  sealladh  Moraig 

am  mach  air  leitir  na  h-aibheis  so,  agus  ma  bha  a 

com-se  gu  dearbh  ro-chumhann  agus  ro-theann  ma 

cridhe  dh'  fhairich  i  air  son  aon  mhòmaid  nach  b* 

ann  mar  sin  a  bha  càradh  gach  cridhe  eile  a  bha  'n 

glaic  làimhe  Righ  nan  Dùl.      Cha  b'  ann — ach  ged 

nach  b'ann  fèin  saoil  nach  robh  an  cridhe  aibheiseach 

so    e    fèin    fo   mhulad    an    diugh  ?      Saoil    nach 

robh  esan  cuideachd  fo  ionndrainn  ?      Oir  bha  a 


170  An  Ròsarnach 

cheum  a*  dol  thairis — an  nuU — gun  fhios  gun  bhrath 
cionnas  no  c'  àite.  Seadh,  bha  esan  cuideachd  air 
an  Rathad  Bhuan  ! 

Uamh  an  Oir !  O,  ach  carson  dò-bhron  so  a 
cridhe  ?  Carson  an  ionndrainn  ?  Nach  robh  fhios 
aice  nach  tiUeadh  e  cho  luath  ?  Nach  robh  beachd 
aice  air  na  facail  a  labhair  e  ?  Seadh — ach  cuin 
an  uair  sin  ? 

Sguir  Morag  de*n  cheasnachadh  do  nach  d* 
fhuair  i  freagairt  ach  monmhur  bith-bhuan  an  Tabh. 
Agus  a'  togail  a  sùla  bharr  CiU  Bhrianain  an  cois 
nan  stuagh  fhuair  i  fa-dheoigh  foirbhios  a  chuir 
sith  agus  siochaint  air  a  h-anam. 

Oir  bha  thall  a  siod  'san  iarmailt  mu  coinneamh 
beinn  òir  agus  fo  a  bonn  bha  beul  uamha.  Bha 
ceann  na  beinne  so  crà-dhearg,  an  dreach.  Agus 
c6  a  bha  siod  a'  diuchdadh  à  beul  na  h-uamha  agus 
le  a  phiob  lainnireach  air  a  ghualainn  a'  dol  deasal 
air  a  bheinn  ud  ?  Cò  a  tha  siod  'na  seasamh  air 
muUach  a*  chnuic  chrà-dheirg  's  a  h-èideadh  de 
liath  nam  flathas  ?  'Na  h-asgaiU  tha  Leanabh  aig 
am  bheil  ball  òir  'na  Laimh.  Tha  'n  cnoc  a'  gluasad 
agus  'g  a*  sior-thogail  suas.  Air  a  cùlaobh  tha 
dorus  mòrail  deth  'm  bheil  gàthan  grian-gheal  agus 
tha  a  làmh  dheas-se  a*  seoladh  a'  phiobaire  ga  ionns- 
uigh ! 

Chrom  Morag  a  ceann — oir  thuig  i.  "  Failt 
ort  a  Ghrianain  Oir !  Beannaicheam  dhuit  a  Dhoruis 
Fhlathanais !  '*  Thog  eoin  an  t-sleibhe  na  facail 
o  a  beul  agus  luaidh  iad  a'  leadan  le  fonn. 

D.  M.  N.  C. 


Cuairt  anns  an  Fhrìth. 

Tha  fadadh-cruaidh  *san  àirde  tuath, 
Is  coltas  gruamach  air  an  t-sid  ; 
Achfàir  a  nuas  mo  bhreacan  guaill\ 
Is  bheir  mi  chuairt  so  anns  an  fhrìth. 

— Am  Fear-Ciuil. 

HA  mhòr  Ghàidheal  nach  'eil  eolach  air 
na  fèidh.  Gu  dearbh  is  e  a  dh'  fhaodas 
a'  mhor-chuid  dhiubh  a  ràdh  air  an  latha 
'n  diugh  gur  ann  a  tha  iad  tuilleadh  'sa 
chòir  eolach  orra.  Ach,  cha  'n  ann  air 
ceistean  conspaideach  de  'n  t-seorsa  sin 
air  am  bheil  mi  a'  sgrìobhadh  aig  an  àm,  agus,  mu'n 
tèid  mi  na's  fhaide  air  m'  adhart,  innseam  gu'm 
bheil  mi  a'  fagail  nan  nithean  sin  dhaibhsan  aig 
am  bheil  a'  chàil  a  chum  an  cnuasachd. 

Is  e  a  tha  'nam  bheachd  an  drasda  gearr-iomra 
a  dhèanamh  air  fàs,  gnàthan,  agus  sealg  an  fhèidh. 
'Na  àite  dUgheach  fèin  nach  seòcail  e ! 

Cho  fada  air  ais  agus  a  gheibh  sinn  ann  an  each- 
draidh  na  Gàidhealtachd,  agus  na  h-Alba,  tha 
iomradh  againn  air  mhodh  air  choireiginn  air  sealg 
agus  sithionn  an  fhèidh.  Bha  còir  dhligheach  aig 
an  rìgh  air  na  h-uile  creutair  dhiubh,  agus  dhasan 
agus  d'a  mhaithean  bha'n  fhiadliach  air  a  dion  gu 
dealasach.  Cha  bhiodh  bòrd  a'  chaisteil,  aig 
ràithe  àraidh,  cuimichte  mur  biodh  ceathramh 
fèidh  aig  a  cheann.      An  uair  a  rachadh  cuachan  a 


172  An  Ròsamach 

lionadh,  is  a  shocraicheadh  na  laoich  gu  comhradh, 
b'ann  air  luathas  a'  choin  sheanga  'sa  bheinn  sheilge 
a  bhiodh  an  aire  's  an  sgeul. 

An  dèidh  na  thubhairt  Donnachadh  Bàn  mu'n 
"  eilid  bheag,  bhinneach,  bu  ghuiniche  sraonadh,*' 
agus  *'  damh  a'  chinn  allaidh  bu  gheal-cheireach 
feaman,  gu  cabarach,  ceannard,  a  b'fharumach 
raoiceadh,"  bhiodh  e  dàna  dhomh-sa,  no  do  neach 
eile,  an  cùspair  so  a  chur  fa  chomhair  sluaigh  ach 
ann  an  dreach  tur  eadar-dhealaichte. 

Ma  tha  thusa,  a  leughadair,  gu  socrach  ann  an 
cathair  da-làimhe ;  do  chasan  seasgair  air  leac  an 
teintein,  agus  na  cabair  bheithe  a'  spraigheadh  gu 
farumach  fo  phoit  a'  bhrochain,  thig  leamsa  ann  an 
smuain,  gus  an  cuir  a*  phoìt  thairis  mu  do  luirgnean, 
agus  bheir  sinn  cuairt  do'n  Bheinn  Bhreac.  An 
sin,  chi  sinn  mac  an  fhèidh  'na  rioghachd  fèin. 

A*  fagail  taobh  na  tràghad,  agus  a'  cumail  ri 
srath  na  h-aibhne  gu  fàsach  a'  ghlinne,  agus  le  sùil 
an  fhir-thuruis,  a  tha  mar  shùil  seabhaig,  chì  sinn 
air  gach  taobh  dhinn,  dùthaich  nach  do  dhearrs 
a'  ghrian  riamh  air  na's  maisiche.  Cluaintean 
boidheach,  gorma,  air  an  uisgeachadh  le  sruthain 
do-àireamh  bho  mhuUach  nam  beann ;  raointean 
mòra,  farsuing,  air  an  sgeadachadh  le  trusgan  ioma 
dathach  ro  thaitneach  do'n  t-sùil ;  fraoch  cro- 
dhearg,  badanach ;  rainich  uaine  anns  an  dual 
do'n  eilid  a  bhi  a'  dèanamh  leapa,  agus  an  roid, 
bho  am  bheil  faile  cubhraidh  air  a  ghiulan  gu  ar 
cuineinibh  le  fann  ghaoth  an  fhàsaich.  Ann  a 
leithid  so  de  dhùthaich,  far  am  milse  an  t-ionaltradh, 
gheibh  sinn  na  fèidh. 


Cuairt  anns  an  Fhrith  173 

Anns  an  Og-mhios,  tha  na  laoigh  air  am  breith, 
agus  is  boidheach  iad  le  am  bian  ballach.  Tha  am 
màthair  a'  roghnachadh  grunnd  àrd,  tioram,  agus 
leaba  fhraoich.  Mu'n  gabh  an  laogh  a  chasan 
bidh  i  'ga  fhagail  'na  luidhe  le  shròin  a  sios  ri  earball 
am  feadh  agus  a  tha  i  ag  ionaltradh  goirid  bhuaithe, 
ach  tha  a  sùil  geur  gu  faicinn,  agus  a  cluas  biorach 
gu  claisteachd,  's  cha'n  'eil  eagal  gu'n  tig  nàmhaid 
gun  fhios  orra.  Tha  Nàdur  a'  buileachadh  tuigse 
agus  comasan  air  ainmhidh  cho  math  ri  duine,  agus 
tha  dearbhadh  againn  gu  bheil  an  t-agh  aig  an  àm 
so  de'n  bhUadhna  na's  misneachaile  agus  na's  curanta 
na  aig  àm  air  bith  eile.  Cha'n  e  mhàin  gu  bheil 
aice  ri  a  h-àl  a  dhion  bho'n  fheithid  agus  bho  choin, 
ach  bho  fhear  na  cròice  fèin.  Tha  a'  ghnè  uilc 
sin,  am  miann  cur  as  do'n  àlach  òg,  ann  an  aorabh 
mòran  de  na  fiadh-bheathaichean  nach  'eil  a'  paidh- 
reachadh  aig  àm  sònraichte.  Tha  e  air  innseadh 
dhuinn,  agus  air  a  dhearbhadh,  cuideachd,  ma  thig 
neach  air  laogh  òg,  mu'n  teann  e  air  a  mhàthair  a 
leantuinn,  gur  furasda  a  thàladh  dhachaidh.  Is 
tric  a  dh'  fheumas  ciobairean  teicheadh  am  falach 
orra  mu'n  lean  iad  gu  baile  iad. 

Bidh  laogh  ri  taobh  gach  aighe  dhiubh, 
'Nan  luidhe  mar  is  còir  dhoibh  ; 
Bidh  gach  damh  is  mang  co-aighearach, 
'Nuair  thig  FèiU  Leathain  reòt'  orra. 

Leanaidh  an  laogh  an  cuideachd  na  màthar 
gus  am  bi  e  mu  thri  bhadhna  a  dh'  aois.  Is  tric  a 
chunnaic  mi  na  tri  aoisean  an  cuideachd  na  h-aighe. 


174  An  Rdsarnach 

Tha  iadsan  a  bheachdaich  air  gnàthan  nam  fiadh 
ag  innseadh  nach  diobair  a  h-àlach  agh  fèidh  cho 
fad  agus  is  beò  i.  Tha  treudan  ghinealach  dhaimh- 
eil  dhiubh  ri  fhaicinn  ann  an  gUnn  'san  coireachan 
na  Gàidhealtachd,  le  seann  damh  mòr-chuiseach  a' 
coimhead  thairis  orra.  Is  esan,  "  Righ  a'  GhUnne." 
Aig  bUadhna  dh'  aois,  tha  stobain  bheag  adhaircean 
a'  fas  air  na  daimh,  agus  bho  bhUadhna  gu  bUadhna 
tha  na  h-adhaircean  a'  fàs  na's  truime,  agus  barrachd 
mheòir  a*  fas  orra.  Aig  seachd  bUadhna  dh'  aois, 
tha  an  damh  aig  làn  a  chinneis. 

Tha  daoine  a'  creidsinn  gu  faigh  na  fèidh  aois 
mhòir.  Tha  againn  an  sean-fhacal  anns  an  rann 
so,  agus  cò  a  dhearbhas  dhuinn  a  chaochladh  ? 

Tri  aois  coin,  aois  eich, 

Tri  aois  eich,  aois  duine, 

Tri  aois  duine,  aois  fèidh, 

Tri  aois  fèidh,  aois  fior-eun, 

Tri  aois  fior-eun,  aois  craoibh  dharaich. 

Anns  a'  bhUadhna  1826,  mharbh  Gleanna  Garaidh 
fiadh  ann  an  coiUe  Thòir  na  Cairidh,  agus  air  faicinn 
comhara  air  a  chluais  chlì  aige  dh'fhoighneachd  e 
de'n  cheud  ghUle  a  thàinig  air  adhart  ciod  e  an 
comharra  bha  sud.  '*  Tha  sin/'  ars  esan  an  dèidh 
sealltuinn  air,  "  comharra  Eoghainn  Mhic  lain  Oig." 
Thug  coignear  eile  an  dearbh  fhuasgladh  air  a'  cheist. 
Bha  Eoghann  Mac  lain  Oig  marbh  ciad  gu  leth 
bUadhna  roimhe  sud,  agus  fad  deich  bUadhna 
fichead  roimh  a  bhàs  bha  e  a'  cur  a'  chomharra  sud 
air  gach  laogh  a  ghlacadh  e,    Ma  bha  an  comharra 


Cuairt  anns  an  Fhrith  175 

so  ceart,  bha  am  fiadh,  air  a'  chuid  a  bu  lugha,  ciad 
gu  leth  bliadhna  dh'  aois,  agus  is  docha  naoi  fichead. 
Cha  robh  na  h-adhaircean  a  bha  air  mòr,  ach  bha  an 
ceann  farsuing.  Faodaidh  gu  bheil  an  ceann  sin 
aig  Gleanna-Garaidh  gus  an  latha  diugh. 

Tha  cunntas  eile  air  damh  mòr  a'  Mhonaidh 
Liath  a  bha,  a  rèir  sheann  daoine  na  dùthcha  sin, 
da  chiad  bUadhna  dh'aois.  Anns  a'  bhhadhna  1777 
bha  fear,  Aonghas  DòmhnuUach,  a  fhuair  an  dlùths 
urchair  do'n  damh  mhòr  so,  agus  a  leag  e  ;  ach  ma 
leag,  dh'  èirich  e  rithis,  agus  thug  e  a  chasan  leis. 
Deich  bliadhna  an  dèidh  so,  chuala  lain,  brathair 
Aonghais,  gu'n  robh  an  damh  mòr  ri  fhaicinn  a 
rithis,  agus  dh'  fhalbh  e  air  a  thòir,  agus  an  dèidh 
là  iomlan  a  thoirt  ag  ealadh  air,  thug  e  ri  leathad  e. 
Fhuair  e  am  peilear,  a  chuir  Aonghas  a  bhrathair 
ann  's  an  t-slinnein  chlì  mu  oirleach  fo'n  chraicionn. 
Cha'n  'eil  mòran  dearbhaidh  a  bharrachd  air  sin  mu 
fhad-shaoghaltas  nam  fiadh,  ach  nach  leor  e  a  dh' 
fhirinneachadh  an  t-sean-fhacail ! 

Gur  àluinn  sgèimh  an  damh  dhuinn, 
Theàmas  o  shireadh  nam  beann  ; 
Mac  na  h-eilde  ris  an  t-sonn, 
Nach  do  chrom  le  spìd  a  cheann. 

Tha  e  'na  nì  glè  iongantach  le  mòran  mar  a  tha 
na  daimh  a'  tilgeil  nan  adhaircean  a  h-uile  bUadhna. 
Tha  luchd  foghluim  ag  innseadh  dhuinn  nach  'eil 
anns  na  h-adhaircean  so  ach  làine  a  thuilleadh  na 
còrrach  de  bheathachadh  a'  chuirp  nach  fhaigheadh 
dòigh  eile  air  taosgadh,  agus  nach  robh  feumail  a 


176  An  Rdsarnach 

chumaU  suas  na  coluinn.  Tha  na  seann  daimh  a' 
caitheamh  nan  adhaircean  an  deireadh  an  Earraich, 
agus  bho  sin  gu  toiseach  an  Og-mhios,  a  rèir  an 
culaidh.  Cha  tilg  na  bliadhnaich  na  h-adhaircean 
gu  toiseach  an  fhogharaidh.  Cha  d'fhuaireadh 
riamh  na  h-uile  h-adharc  a  thuit  anns  a'  mhonadh, 
oir  tha  cuid  de  na  fèidh  'gan  tiodhlacadh  anns  na 
puill  mhòna,  'gam  breabadh  fodha  le  an  casan. 
Fhuaireadh  so  a  mach  le  cladhach  a'  phuiU  an  dèidh 
am  fiadh  a  ruagadh  air  falbh.  Tha  iad  cuideachd 
ro-dhèidheil  air  cagnadh  nan  adhaircean,  agus  is 
ainmig  a  gheibhear  adharc  dà-bhhadhnaich  idir. 
Tha  peirceall  nam  fiadh  làidir  gu  leòr  a  bhriseadh 
nan  adhaircean  beaga. 

Deich  làithean  an  dèidh  nan  adhaircean  a  chaith- 
eamh,  tha  feadhainn  eile  a'  fas  'nan  aite,  agus  aig 
ceann  thri  miosan  tha  iad  aig  am  meudachd ;    ach 
tha  iad  fathast  maoth  agus  comhdaichte  le  craicionn 
liath-ghorm  ris  an  abair  iad  a'  bheilbheid.    Am  feadh 
agus  a  tha  a'  chròic  maoth  mar  so,  cha  tèid  iad  roimh 
choiUe  no  àite  sam  bith  far  am  faodadh  iad  am 
bualadh,  oir,  mar  is  furasda  thuigsinn  bhiodh  e  glè 
phianail   tighinn   air   amladh   sam    bith,    agus   na 
h-adhaircean  aca  cho  maoth  ri  ubh  gun  phlaosg. 
Ann  an  uine  glè  ghoirid  glanaidh  iad,   agus  am 
beagan  uine  tha  iad  dorcha  le  bàrr  nam  meur  geal, 
agus  cho  cruaidh  ri  iarunn.       Their   iad  rioghail 
riu  an  uair  a  tha  da-mheur-dheug  orra,  agus  tri 
air  a'  bhàrr  ris  an  abair  iad  an  copan.       Tha  na 
meòir  so  air  an  suidheachadh  ann  a  leithid  a  dhòigh 
agus  gu'n  suidheadh  cuach  no  copan  anns  a'  ghobhlan. 
Mar  is  trice,  tha  an  copan  air  damh  le  deich  meòir 


Cuairt  anns  an  Fhrith  177 

mar  an  ceudna.  Cha  bhi  iad  "rioghail"  na  h-uile 
bliadhna,  agus  cha  mhotha  bhios  iad  sin  aig  aois 
no  aimsir  shònraichte,  agus  is  lìonmhor  iad  air  nach 
fàs  barrachd  na  sè  's  a  h-ochd  de  mheòir  ri'm  beo. 
Mar  shoiUearachadh  air  an  so,  innsidh  mi  mu  dhamh 
a  b'aithne  dhomh  fèin,  agus  ris  an  abramaid  "  Damh 
Mòr  a'  Gheata/'  Bha  eolas  aig  mo  sheanair  air 
an  damh  so  deich  bUadhna,  oir  na  h-uile  bliadhna 
an  dèidh  na  damhair  thigeadh  e  a  gheamhrachadh 
leis  a'  chrodh  mu'n  bhaile.  A'  cheud  bhUadhna  a 
bheachdaicheadh  air  bha  naoi  meòir  air,  agus  an  ath 
bhliadhna  bha  a  dhà-dheug  air.  Ceithear  bUadhna  an 
dèidh  a  chèile,  bha  ceithear-meòir-dheug  air.  An  dèidh 
sin  bha  e  gach  bUadhna  a'  dol  air  ais  am  maise,  agus 
an  uair  a  mharbhadh  e,  an  ceann  nan  deich  bUadhna, 
cha  robh  air  ach  na  deich  meòir,  agus  is  gann  gu'n 
robh  fiacail  'na  pheirceall.  Ma's  math  mo  chuimhne, 
bha  ceithear  puinnd  de  chudthrom  anns  gach  tè 
dhiubh  an  uair  a  bha  na  ceithear-meòir-dheug  orra, 
agus  bha  na  ceithear  paidhrichean  aig  uachdran  na 
frithe  'na  chaisteal.  Cha  robh  fada  againn  ri 
dhol  air  tòir  nan  adhaircean,  oir  thilgeadh  an  Damh 
M6r  dheth  iad  an  àite  sam  bith  eadar  Cnoc-na-Luadh 
is  Cnoc-an-Doire-Dharaich.  Ni  na  forsairean,  aig 
am  bheil  an  toil,  deadh  chosnadh  air  an  tional  'san 
Earrach,  agus  gheibh  iad  seachd  'sa  h-ochd  sgiUinn 
orra  bho  na  marsantan  Gallda. 

A  mheud  agus  a  tha  siubhal  monaidh  gu  tric, 
mar  a  tha  ciobairean  agus  forsairean,  aithneachaidh 
iad  air  aileachd  na  lurga  co-dhiu  is  damh  no  agh  a 
chaidh  thar  a'  ghruinnd  rompa.  Tha  crodhain  an 
daimh  na's  cruinne  na  crodhain  an  aighe,  agus  a 

V 


178  An  Ròsarnack 

bhàrr  air  sin  tha  a  cheum  cho  cothromach  agus 
gu'n  leag  e  chas  dheiridh  ann  an  làrach  na  tè  thoisich. 
Tha  so  flor  a  thaobh  nan  damh  a  tha  os  cionn  seachd 
bUadhna  dh'aois.  Tha  ceum  na  h-aighe  na's  giorra, 
agus  na's  neo-chothromaiche. 

Bheir  mi  a  nis  iomradh  air  an  Dàmhair,  bho'n 
a  dh'  uidheamaich  sinn  an  damh  donn  le  cròicean 
ùra.  Is  e  so  an  t-àm  anns  am  bheil  na  daimh 
aig  àird  an  treise ;  an  t-àm  sam  bheil  an  t-seilg  a' 
toiseachadh,  agus  an  t-àmannsam  furachaile  f ear  na 
croice  !  Thèid  iad  do'n  dàmhair  anns  na  frithean 
air  tir-mor  agus  na  h-eileanan  mu  dheas  aig  toiseach 
dara  mios  an  fhogharaidh.  Anns  na  h-Earadh, 
agus  àitean  fuara  gun  fhasgadh  geamhraidh,  bidh 
iad  mios  air  deireadh.  Fàgaidh  na  daimh  cuid- 
eachd  a  chèile,  agus  thèid  iad  gu  ruig  an  fhiadhach 
fèin.  Tha  e  dearbhta  gu  leor  so.  Biodh  e  far  an 
togair  e  an  còrr  de'n  bhliadhna,  ach  gheibhear  e 
'na  choire  is  'na  àite  fèin  'san  dàmhair.  Toiseach- 
aidh  iad  air  an  aorgan  fèin  anns  na  puiU  mhòna  a 
tha  cho  lìonmhor  anns  na  monaidhean  Gàidhealach. 
Ataidh  am  muinealan  cho  garbh  ri'n  coluinn,  agus 
cha  tàmh  dhaibh  a  là  no  dh'  oidhche.  Cluinnear 
an  sin  a'  bhuireadh  's  an  langanaich,  a'  toirt  mactalla 
às  na  creagan,  agus  a  chuireas  crith  air  a'  ghealtaire 
a  tha  cho  mi-shealbhach  's  gur  èiginn  dha  am  monadh 
a  shiubhal  aig  an  àm  shonraichte  so  !  Cruinneach- 
aidh  iad  na  h-aighean  'nam  buidheann  dhaibh 
fèin  mar  gu'n  cruinneachadh  an  ciobair  treud 
chaorach  le  chù.  Is  ann  an  uair  a  dh'  fheuchas 
fear  eile  tighinn  g'an  toirt  bhuaith  a  chì  sinn  a' 
chomhrag  mar  a  dhealbhadh  i  cho  eireachdail  agus 


Cuairt  anns  an  Fhrith  179 

cho  riochdail  le  Landseer.  An  dèidh  dùbhlan  a 
thoirt  dha  chèile  le  langanaich,  thig  am  fear  fuadain 
bho  thaobh  eile  a'  ghUnne  ;  uair  a'  ruith,  agus  uair 
eile  le  ceum  staiteil,  mar  gu'm  biodh  e  a'  tomhas 
a'  ghruinnd.  Ma  thachras  tom  seilich  air,  bheir 
e  greis,  mar  gu'm  b'ann  a'  geurachadh  nan  lann, 
'ga  fhior  chasadh  le  adhaircean.  Is  tric  a  chunnaic 
mi  na  slatan  seiUch  air  an  casadh  mar  iris  clèibh. 
BuaiUdh  iad  air  a  chèile  mar  dhà  reithe,  a'  toirt  a 
leithid  de  sgailc  is  gu'n  cluinnte  an  fhuaim  astar  air 
falbh.  Seasaidh  na  h-aighean,  mar  mhaighdeanan 
na  Grèige,  le  sùilean  miadhail,  ealamh  a  thoirt  an 
gaol  do'n  bhuadhach  !  Cha  mhair  a'  chomhrag 
fada,  agus  còmhlan  eiUd  'san  amharc.  Am  fear  a 
chaiUeas,  bheir  e  leum  bho  chabair  biorach  an  fhir 
eile,  agus  cuiridh  e  cuairt  air  an  treud,  's  e  cho 
cruaidh  leis  am  fagail.  Cha'n  'eil  sin  dhàsan  mar 
a  chuid  fèin  ;  tha  am  fear  buadhach  air  a  lorg,  agus 
le  sathadh  guineach  anns  na  cruachain  aige  cuiridh 
e  an  ruaig  buileach  air. 

Is  ann  a  tha  chomhrag  cheart  agus  mhaireannach 
ann  an  uair  a  thachras  iad  agus  gun  an  eiUd  ghaolach 
'gam  freiceadan.  Cha  choimeas  dhaibh  an  uair 
sin  ach  da  choUeach  air  dùnan.  An  dèidh  sadadh 
air  a  chèile  greis  gabhaidh  iad  anail,  fathast  air  an 
dà  ghlùn  a'  sior  choimhead  air  a  chèile.  Eirigh  iad 
is  thèid  iad  an  cròicean  a  chèile  a  rithis.  Tha 
còmhrag  de'n  t-seorsa  so  a'  criochnachadh  leis  an 
dara  fear  a  bhi  air  a  leon,  neo  air  a  chur  gu  bàs  buil- 
each,  mur  gèiU  e  am  feadh  's  a  tha  de  lùths  'na 
speirean  na  bheir  ri  bruthach  no  ri  leathad  e.  Ann 
a  h-aon  de  fhrithean  an  Diuc  Ghordoin,  mòran 


180  An  Rdsarnach 

bhliadhnachan  air  ais,  bha  dà  dhamh  a  ghleac  mar 
so,  agus  ghlais  iad  an  adhaircean  a  chèile  air  dhòigh 
is  nach  b'uirainn  iad  dealachadh.  An  uair  a  thàinig 
am  forsair  mu'n  cuairt  bha  fear  dhiubh  marbh, 
agus  chuir  e  crioch  onorach  air  an  fhear  eile. 

Gheibh  sinn  cunntas  an  drasda  'sa  rithis  air  daoine 
'call  am  beatha  le  bhi  tighinn  ro-dhàn  orra  aig  an 
àm  air  am  bheil  mi  ag  iomradh,  ach  cha'n  'eil  an 
sin  ach  feadhainn  chàllda.  Is  ann  fior  ainmig  a 
bheir  fiadh  na  beinne  ionnsuigh  mharbhtach  air 
duine,  ged  a  thachair  e  uair  no  dhà.  Bho  cheann 
beagan  bhUadhnachan  air  ais  bha  damh  mòr,  dalma, 
mu'n  rathad  mhòr  anns  an  eilean  'sam  b'abhaist 
dhomh  fèin  an  samhradh  a  chur  seachad,  agus  gu 
dearbh  an  àm  an  fhogharaidh  cha  robh  mòran 
ciataiche  agam  dheth  !  Cha  rachadh  e  mu  dheireadh 
ceum  bhàrr  an  rathaid  airson  duine  no  beathach. 
Thug  e  droch  ionnsuigh  air  aon  de  na  ciobairean 
feasgar  a  bha  sud,  agus  air  ball  thàinig  a  bhinn  a 
mach,  agus  fhuair  e,  na  thoiU  e,  am  bàs.  Chaidh 
innseadh  dhomh  an  dèidh  làimh  gu'n  robh  a'  Bhan 
Sgoilear  a'  cumail  aghaidh  na  làimhe  ris  g'a  chuid- 
eachadh  roimh  chaoile  'n  Earraich,  agus  gu  dearbh 
bha  e  toileach  cuideiginn  a  phàigheadh  ! 

Am  feadh  agus  a  mhaireas  an  dàmhair  tha  e 
na*s  gUce  cumail  bhuatha,  oir  tha  na  brùidean  cho 
mòr  air  bhoil  le  droch  nàdur,  bualadh  puiU  is  bùirich, 
is  nach  aithnich  iad  eadar  mac  an  fhèidh  is  mac  an 
duine.  Mairidh  an  dàmhair  mu  shè  seachdainean 
agus  an  dèidh  sin  cruinneachaidh  iad  'nam  buidh- 
eannaibh,  is  thig  iad  na's  faisge  air  fearann  àitich, 
cuid  a  thig  a  stigh  air  na  h-achaidhean  ag  ionaltradh 


Cuairt  anns  an  Fhrith  181 

leis  a'  chrodh.  Chunnaic  mi  'sa  gharadh  chàil  fèin 
iad  !  Cha'n  'eil  an  cor  aig  an  àm  so  ach  glè  bhochd, 
ciod  e  le  sabaid  is  bùirich  agus  an  suidheachadh 
an-shocrach  anns  am  bheil  iad  rè  an  damhair,  gun 
mhòran  itheadh  ach  cointeach  bhàn  a  gheibh  iad 
air  mullach  nan  cnoc,  cha  dùth  mòran  saill  a  bhi 
orra.  Cha  bhiodh  mòran  brìgh  no  blas  air  an 
t-sithionn  aca  ged  a  dh'fhaodadh  neach  cothrom  a 
ghabhail,  aig  marbh  na  h-oidhche,  air  teachdaire 
obann  a  chur  mu'n  tuaiream  bho  thè  na  spèid  fèin  ! 

Leis  a  bheagan  iomradh  sin  air  gnàthan  neònach 
nam  fiadh  tionndaidh  sinn  a  nis  ar  n-aire  air  an 
t-seilg,  a  chionn  gur  i  gu  mòr  is  taitniche.  Na 
h-uile  bHadhna  tha  na  ciadan  a'  taomadh  a  nios 
oimn  à  Sasunn,  agus  a,'  cur  na  dùthcha  fòpa  fèin 
car  greis.  Aig  an  àm  so,  tha  mu  thri  muillion  acair 
fearainn  fo  fhèidh  a  mhàin  ann  an  Albainn. 

Mu'n  tèid  sinn  ri  monadh,  bu  mhaith  leam  beagan 
a  ràdh  mu  dheidhinn  nan  con  fhiadh  a  b'abhaist 
a  bhi  'nar  dùthaich,  agus  an  dòigh  sheilg  a  chleachd 
ar  sinnsearan  mu'n  d'fhuaireas  eolas  air  innleachd 
cho  basmhor,  agus  cho  beag  spòrs  'na  cois,  ris  a' 
ghunna.  B'ann  aig  Cloinn  Mhic  Nèill  Cholosa  a 
bha  na  coin  fhiadh  a  b'fheàrr  an  Albainn  ann  am 
bliadhnachan  deireanach  na  seòrsa  seilg  sin.  Bha 
ceithear  de  na  coin  so  gu  sònraichte  ro-ainmeil  anns 
an  rioghachd  'nan  làtha — Bran,  Buscar,  Runa, 
agus  Cabhag.  Bha  Buscar  na  bu  luaithe  agus  na 
bu  trèine  na  eadhon  an  triùir  eile,  agus  faodar  a 
ràdh  gu'n  robh  e  freagairt  an  roinn  a  th'  againn  air 
mar  a  thaghadh  Fionn  a  chu. 


182  An  Ròsarnach 

Sùil  mar  aimeag,  cluas  mar  dhuilleag, 
Uchd  mar  ghearran,  speir  mar  chorran, 
Meadh'  leathann  an  cliabh  leabhar, 
'S  an  t-alt  cùil  fad  bho'n  cheann. 

Bha  fionnadh  mìn,  fada,  buidhe  air  Buscar, 
agus  b'e  so  a  mheudachd : — airde  aig  an  t-slinnein, 
ochd  òirlich  fhichead  ;  dòmhlad  a  bhroiUich,  dà- 
oirleach-dheug-thar-fhichead  ;  a  chudthrom,  coig- 
agus-ceithear-fichead  punnd.  Is  e  so  a  nis  meudachd 
fèidh  a  bha  aig  a  chinneas  agus  an  culaidh  mhaith  : — 
airde  aig  an  t-sUnnein,  tri  troidhean  ach  tri-cheath- 
ramh  an  oirUch  ;  dòmhlad  a  bhroiUich,  ceithear 
agus  tri-cheathramh  an  òirUch ;  airde  bho  mhuUach 
cinn  gus  a'  chas  thoisich,  coig  troidhean  gu  leth  ; 
fad  adhairc,  dà  throidh  gu  leth  ;  bho  bhàrr  na 
h-adhairc  gu  ruig  an  grunnd,  seachd  troidhean  agus 
deich  òirUch  ;  a  chudthrom,  tri  chiad  punnd  *s  a 
h-ochd.  An  uair  a  bheachdaicheas  sinn  air  na 
toimhsean  sin  agus  a  shamhlaicheas  sinn  ri  chèile 
an  cù  agus  am  fiadh,  nach  ann  is  iongantach  gu'n 
tugadh  an  cù  gu  talamh  am  feasd  e.  Leumaidh 
am  fiadh  air  a  h-uUe  sinteag,  fichead  troidh,  agus 
leumaidh  am  miol-chu  troidh  thar  fhichead.  Ann 
an  astar  fada  is  mòr  am  buidhinn  sin  do'n  chù. 

Bheir  mi  nis  iomradh  air  sealgach  ann  an  Diura 
le  Bran  agus  Buscar.  Air  feasgar  bòidheach  dh' 
fhàg  MacNèiU  Colosa  le  cuideachd  uaislean  agus 
ghiUean  tapaidh,  le  Fionnladh  Forsair  air  an  ceann. 
Chuir  iad  seachad  an  oidhche  gu  socrach  ann  an 
uaimh  air  taobh  an  iar  an  eilein.  Tha  an  seanach- 
aidh  ag  innseadh  dhuinn  gu'n  do  dhùisg  Donnachadh 


Sealg  nan  damh  donna 


Cuairt  anns  an  Fhrith  183 

Piobaire  moch  air  mhaduinn  iad,  agus  gu'n  do 
dheasaicheadh  lòn  dhaibh  air  leana  luim.  Thog 
iad  an  sin  ri  beinn,  Fionnladh  a'  seòladh  an  rathaid 
mar  a  bu  mhaith  a  b'aithne  dha.  Ann  am  prioba 
na  sùla,  bha  e  air  a  mhagan.  Thug  e  gu  leor  do'n 
chuideachd  am  f  iadh  a  chunnaic  Fionnladh  le  shùilean 
fhaicinn  le  an  gloinneachan  !  Bha  e  mu  mhìle 
bhuatha,  agus  thill  iad  beagan  air  ais,  's  an  sin 
choisich  iad  mar  a  b'  fheàrr  a  b'urrainn  iad  ann  an 
grunnd  sruthain,  agus  thairis  air  sgamaich  chreagan. 
Ma's  fior  an  sgeula,  thug  Fionnladh  dheth  am  falt 
cho  lom  ri  'sgailc,  air  eagal  gu'm  brathadh  a  chirein 
mullaich  e !  Threòraich  e  iad  mu  thri  fichead 
slat  do'n  fhiadh,  agus  cha  mhòr  nach  do  bhrist 
Buscar  bhàrr  a  lothain  mu'n  robh  iad  ann  an  uidh- 
eam  cheart.  Dh'  èirich  iad,  is  thug  a'  chuideachd 
iollach  faghaid,  leig  iad  às  na  coin,  thoisich  an  rèis. 
Thog  am  fiadh  ris  a'  bheinn,  ach  chimnaic  e  gu'm 
b'e  luaths  nan  cas  a  theamadh  e,  agus  shin  e  às  ri 
sliabh  na  beinne.  (Cha  mith  fiadh  ro  luath  aona 
chuid  a'  direadh  no  'teamadh,  agus  mar  sin  bhiodh 
luchd  na  faghaid  a'  strith  ri  'ghluasad  air  na  mull- 
aichean).  ThiU  am  fear  so  air  ais,  a'  teamadh  na 
bu  chaise  na  dhirich  e,  gus  mu  dheireadh  an  d' 
fhuair  se  e  fèin  air  bmaich  creige,  mu  cheithear- 
troidhean-deug  air  àirde,  agus  sgamach  chlach  ag 
èirigh  bho  bhonn.  Sheas  e  mionaid,  ach  cha  robh  e 
fada  an  ioma-chomhairle  an  uair  a  leum  e,  is  thàinig 
e  gu  talamh  air  a  dhà  chois  dheiridh,  agus  ann  an 
tiota  bha  e  ri  astar  a  rithis.  Leum  Buscar  gu  cruinn 
cothromach  air  a  cheithear  chasan,  ach  chuir  Bran 
car  a'  mhuiltein  dheth.       Cha  robh  a'  chuideachd 


184  An  Ròsarnach 

aig  an  àm  so  ach  mu  chiad  slat  bhuatha,  agus  bha 
iad  ann  an  imcheist  chruaidh  gu'n  èireadh  gu  h-olc 
do'n  fhaidh  agus  do  na  coin  ann  a  leithid  de  shuidh- 
eachadh  cunnartach.  Ràinig  an  fhaghaid  a  nis 
sliabh  creagach,  am  fiadh  cho  lughor  'sa  bha  e  riamh 
's  na  coin  a'  tuiteam  thall  'sa  bhos.  Bha  sealladh 
maith  orra  fad  leth-mhile,  ach  chaidh  iad  à  sealladh 
agus  b'èiginn  direadh  na  b'  àirde  g'am  faotuinn 
am  fradharc  a  rithis.  Bha  an  fhaghaid  a  nis  air 
talamh  comhnard,  agus  na  coin  a'  dluthachadh  air 
a  h-uile  sinteag.  Bha  Bran  air  thoiseach  air 
Buscar,  agus  ann  an  sinteag  no  dhà  rug  e  air  shlia- 
said  air  an  fhiadh.  Chuir  so  moiUe  air,  agus  cha 
b'fhada  gus  an  robh  Buscar  'na  sgòman.  Ged  a  bha 
a  nis  an  dà  chù  an  sas  ann  rinn  e  an  slaodadh  ri 
leathad  le  luaths  anabarrach,  agus  uair  no  dhà 
thilg  e  bhuaith  Bran,  ach  cha  do  lasaich  Buscar  a 
ghreim.  Thug  iad  mu  dheireadh  gu  talamh  e,  is 
ged  a  dh'  fheuch  e  ri  èirigh  cha  d'  fhuair  e  tuilleadh 
air  a  chasan.  An  uair  a  rainig  a'  chuideachd  bha 
am  fear  cròiceach  marbh,  a  dhà  ghlùn  à  alt,  a  sgòrnan 
air  a  reubadh  's  a  chUathaich  air  a  stròiceadh.  Cha 
b'urrainnear  a  thuigsinn  ciamar  a  chaidh  a  chur 
à  alt,  mur  an  ann  a'  strìth  ri  èirigh,  oir  bha  an  grunnd 
far  an  do  thuit  e  rèidh,  còmhnard.  Bha  Buscar 
air  toirt  thairis  le  sgios,  air  chrith  eadar  cheann  is 
chasan,  ach  dh'  èirich  e  an  uair  a  thàinig  a'  chuid- 
eachd  air  an  aghaidh.  Bha  e  'dol  mu'n  cuairt  a* 
chairbh  ri  gruanail  fheargach  's  gun  e  toileach  iad 
a  thighinn  a  chòir  an  fhèidh.  Cha  robh  fiù  sgròbadh 
air,  ach  cha  b'e  sin  e  do  Bhran  bochd.  Bha  uidhir 
òirlich  à  aodann  na  lurga  aige  a  bha  a'  nochdadh 


Cuairt  anns  an  Fhrith  185 

a'  chnaimh,  agus  bun  de  fhraoch  loisgte  roimh  na 
chas  aige.  Bha  am  fiadh  seachd-clacha-deug  air 
chudthrom,  agus  ghiulain  na  gillean  sgairteil  e  mu 
dhà  mhìle  a  dh'  ionnsuigh  na  h-uamha.  An  sin 
ghabh  iad  an  t-aiseag  air  ais  do  Cholosa,  làn  riaraich- 
te  leis  an  fhaghaid  agus  treuntas  nan  con.  Cha'n 
'eil  an  sin  ach  aon  de  ghniomhan  treuna  Bhuscair, 
a  mharbh  agh  'na  làn  mheudachd  leis  fèin  mu'n 
robh  e  bUadhna  dh'aois. 

Is  e  seilg  a  bha  sin,  agus  cha'n  e  an  seòrsa  muirt 
a  tha  mòran  a'  deanamh  an  diugh.  Cha  b'ioghnadh 
an  t-seana  bhàrd  a  ràdh  mu  fhaghaid  an  fhèidh. 

A !    ceum  an  t-sealgair  ri  mo  chluais, 
Le  srann  a  ghath  'sa  chon  feadh  slèibh  ; 
'N  sin  dearsaidh  an  oig  air  mo  ghruaidh 
'Nuair  dh'  èireas  toirm  air  sealg  an  flièidh. 

Bheir  mi  a  nis  an  leughadair  a  mach  ri  monadh 
leis  a'  ghunna  ghlaic,  agus  mur  'eil  mi  meallta  bheir 
sinn  dhachaidh  fear  cabarach. 

An  uair  dh'  fhàgadh  fear  na  seilge 
A  thalla  fèin  gu  mìn  moch-thràthach, 
Air  maduinn  fhogharaidh, 
Le  adharc-fhùdair  agus  le  chrios-luaidh  ; 
Le  ghunna  dùbailt  air  a  ghuallain. 
Agus  le  a  ghadhair  balla-bhreac, 
A  dhol  a  shealg  nan  uchd-bheanna, 
Bhiodh  an  asail  luchdaichte 
Mu'n  tigeadh  an  t-anmoch. 


186  An  Ròsarnach 

Tha  a  nis  anns  a*  Ghàidhealtachd  am  pailteas 
de  rathaidean  mòra  matha,  agus  gur  ann  a  chì  sinn 
na  sealgairean  a*  tarruing  a  mach  's  a  mhaduinn 
ann  an  carbad-oUa !  Nach  ann  air  an  t-saoghal  a 
thàinig !  A'  chuid  aig  nach  'eil  ach  na  h-eich, 
fàgaidh  siad  iad  air  cùram  a'  ghille-chois-fhUuch 
taobh  an  rathaid,  agus  diridh  iad  a  mach  ri  guala 
na  beinne  agus  a  suas  gu  a  muUach,  ma  tha  an  latha 
soillear.  Taghaidh  iad  àite  falaich  fasgach  bho 
am  faic  iad  troimh  an  gloinneachan  sealladh  air 
gach  coire,  gleann,  srath  is  uchdan.  Fada  thall  am 
braighe  'choire  faicear  buaile  bheag  fhiadh.  Tha 
iad  fathast  ro  fhad  às  a  dhèanamh  cinnteach  an 
fhiach  am  fear  cabarach  ud  dol  air  a  thòir. 

Is  i  nis  a'  cheist  chudthromach,  "  ciamar  a  tha 
a'  ghaoth  a'  seideadh  an  taobh  air  am  bheil  an  treud?'* 
Is  ioma  àirde  as  an  tig  oiteag  ghaoithe  anns  na 
coireachan  domhain  ud.  Feumaidh  an  sealgair  a 
bhi  gu  mòr  air  fhaiciU  gu'm  bi  e  daonnan  air  taobh 
leis  na  gaoithe.  Miltean  air  astar,  aig  an  àm  shòn- 
raichte  so  de'n  bhUadhna,  gheibh  iad  am  fàileadh, 
is  cha*n  e  sin  uile  e  ;  tha  a  h-aon  de  na  seann  aighean 
a*  seasamh  air  leth  ri  freiceadan  am  feadh  'sa  tha 
Righ-na-Frithe  ag  ionaltradh  no  a'  cnamh  a  chìre 
'na  luidhe  'san  luachair.  Tearnaidh  na  sealgairean 
a  nis  bho  na  muUaichean,  a'  cumail  à  sealladh  nam 
fiadh.  Ni  iad  cabhaig  a  dh'  fhaotuinn  gu  guala 
a'  chnocain  ud  thall  a  dh'  fhiosrachadh  am  bheil 
luach  saothrach  am  measg  an  treud.  Tha  sin  ann 
gun  teagamh.  Fear  mòr  le  dhà-mheur-dheug  's 
le  chopan,  agus  cheana  thàinig  a  bhinn  a  mach  I 

Thog  an  sealladh  so  am  .misneach,  agus  fiabhrus 


Cuairt  anns  an  Fhrith  187 

na  faghaid.  Ged  a  bhiodh  a'  ghrian  a*  cromadh 
mu'n  ruig  iad  an  stùchd  ud  thall  mu'n  coinneamh 
cha  nochd  iad  cìrein  dha.  Snàgaidh  iad  air  am 
màgan  feadh  lòintean  tubhaidh  is  luachair  ;  uairibh 
air  am  bronn  'san  ceann-aodach  'nam  pòca  air  eagal 
gu'm  brathair  iad.  A  null  troimh  an  abhainn  is 
ciod  e  ged  a  bhios  iad  gus  na  cruachain  innte,  cha 
chuir  fuachd  no  fluichead  orra !  Leagaidh  iad  an 
anail  air  a'  bhruaich  thall  fo  dhubhar  nan  craobhan 
feama.  Thèid  an  còm  mu'n  cuairt,  ach  facal 
cha  chanar,  fiu — Sud  ort ! 

Cha'n  'eil  mòran  folaich  eadar  an  cnocan  so  agus 
an  stùchd  ud  thall  ach  dìg  chaorach.  Feumar 
faighinn  a  null,  agus  air  am  màgan  na  seòid  a  rithis. 
Tha  na  forsairean  cho  eolach  anns  a'  mhonadh  agus 
ionnas  ged  a  robh  an  sùilean  dùinte  innsidh  iad 
duit  a'  cheart  àite  'sam  bheil  an  damh  'na  luidhe,  ged 
a  dh'  fhaodas  fear  a'  ghunna  a  bhi  de  mhùthadh 
beachd.  Fhuair  iad  a  nis  tearuinte,  ach  eabailte, 
a  dh'  ionnsuigh  an  tomain  fhraoich  a  bha  fad  an  latha 
'san  amharc  aca,  am  measg  sgàmach  de  chreagan 
glasa.  Tha  iad  a  nis  mu  chiad  gu  leth  slat  bho'n 
damh  mhòr,  agus  tha  an  t-astar  aig  an  fhorsair  cho 
cinnteach  's  ged  a  thomhaiseadh  e  h-uile  ceum  dheth. 
Is  i  mhoille  nis  tha  an  damh  'na  luidhe,  agus  is  docha 
nach  togair  e  èirigh  gu  feasgar,  agus  c6  an  sealgair 
a  loisgeadh  air  fiadh  'na  luidhe  ?  Cha'n  fhaigheadh 
e  leis  e  ged  a  bhiodh  a  thoil  aige  ! 

Bheirear  Nic  Coiseam  air  lom,  agus  feuchaidh 
c  ri  suidheachadh  air  an  torrag  laimh  ris,  dh'  fheuch 
ciamar  a  luidheas  i  ri  ghualainn.  Cha'n  'eil  a  choltas 
air  an  fhear  chròiceach   gu'n  èirich  e  an  drasda, 


188  An  Ròsarnach 

agus  tha  nis  a  dhubh  nàmhaid  air  socrachadh  am 
feith  'san  anail,  is  tha  e  'na  urchair  dhearbhte. 
Air  eagal  an  anmoich,  is  iad  fada  bho'n  bhaile,  ni 
am  forsair  fead  fhann,  no  nochdaidh  e  'churrac 
do'n  fhreiceadan,  agus  air  ball  tha  iad  uile  air  am 
bonn !  Cha  teich  iad  gus  am  bheil  iad  cinnteach 
cò  an  taobh  air  am  bheil  an  cunnart,  agus  anns 
an  ioma-chomhairle  sin  tha  tè  na  spèid  ri  sùil  an 
t-sealgair,  agus  tha  sud  mu  thuaiream  an  daimh 
dhuinn.  Dh'  fheuch  e  ri  càch  a  leanachd,  ach  cha 
deach  e  fada  an  uair  a  thuit  e.  Ruithidh  iad  a 
nis  le  chèile  air  a  lorg,  ach  'san  earalas  gu'n  èirich 
e  cha  tèid  iad  ro-fhaisg  air.  Bha  an  leòn  so  chum 
bàis,  is  thugadh  air  lom  an  sgian  is  tha  nis  fhuil 
uaibhreach,  chraobhach,  'na  steall  mu'n  fhraoch. 
Bheir  iad  tacan  a'  coimhead  a*  chinn  luraich,  a' 
seasamh  greis  bhuaith,  ma's  fior  a  ghabhail  beachd 
is  feàrr  ;  uair  eile  a'  laimhseachadh  nan  cròicean  gu 
cùramach — ^moit  mhòir  orra  le  chèile !  Bheirear 
a  nis  a'  ghreallaich  às,  agus  an  uair  a  thig  an  giUe 
monaidh  le  a  ghearran  Uibhisteach — rud  a  ni  e  an 
uair  a  chluinneas  e  an  urchair — thèid  am  fiadh  a 
thogail  'san  dioUaid,  agus  gabhar  dhachaidh  leis. 

Ged  a  thug  mi  an  t-seilg  so  gu  crìch  riaraichte 
agìis  bhuannachdail,  cha  soirbhich  leo  cho  maith 
a  h-uile  làtha.  Is  dòcha  fad  an  la-sholuis  a  thoirt 
ag  ealadh  air  damh  donn,  agus  nach  fhaighear  an 
dlùths  urchair  dha.  lomadh  uair  a  leònar  fear, 
agus,  a  rèir  riaghailtean  nam  frithean  a  tha  air  an 
suidheachadh  bho  bhliadhna  gu  bliadhna,  cha*n 
fhaodar  losgadh  air  fear  eile  gus  am  faighear  am 
fear  leònta.      Tha  mòran  a  nis  air  coin  chaorach  a 


Cuairt  anns  an  Fhrith  189 

chleachdadh  ris  an  t-seilg,  agus  an  uair  a  leònar 
fear  leanaidh  an  cù  air  a  shàil,  agus  mur  a  beir  e  air 
cumaidh  e,  co-dhiu,  sealladh  air.  Siubhlaidh  fiadh 
leòinte,  air  uairibh,  astar  mòr.  Ma  tha  na  coin  a* 
dluthachadh  air,  's  e  fannachadh  le  call  falla,  thèid 
e  gu  dìon  air  choir-eiginn.  Storrag  chreige  am  bun 
easa  àite  is  ionmhuinn  leis,  f  ar  am  bheil  dìon  nàdurra 
aige  bho  chulthaobh,  agus  tha  e  earbsach  à  chabair  a 
chumail  a  namhaid  bho  sgòman.  Ann  an  suidh- 
eachadh  mar  so,  bheir  e  dìibhlan  do  na  madaidh  a 
dh'  aindeoin  ioma  spàirn  chruaidh  a  ruigheachd  a 
bhroiUich.  Is  ioma  cù  fuileachdach,  sgairteil,  a 
fhuair  guin  a  bhàis  ann  an  gleachd  de*n  t-seorsa  so 
bho  chabair  mhic  an  fhèidh. 

Mar  mhìneachadh  air  annas  agus  neonachas 
nam  fiadh  tha  an  sgeula  bheag  so  ro-fhreagarach. 
(Thug  mi  iomradh  cheana  air  mar  a  ni  iad  cinnteach 
c6  an  taobh  bho  am  bheil  an  cunnart  a'  tighinn  mu'n 
teich  iad). 

Chuireadh  forsair  àraidh  a  mach  airson  sìthne, 
agus  an  dèidh  moran  dragha  fhuair  e  mu  thri  chiad 
slat  do  agh  a  bha  a  shùil  gheur  ag  innseadh  dha  a 
bhiodh  ro-shoghar  air  bòrd  a  mhaighsteir.  Bha 
i  'na  luidhe  a'  cnamh  a  cìre  gu  socrach,  agus  cha 
robh  'na  chomas  faighinn  na  b'  fhaisg  oirre  gun  a 
gluasad,  agus  b'  èiginn  dha  fuireach  mar  a  bha  e 
fad  thri  uairean.  Smaoinich  a  gu'n  tàimgeadh  c 
h-aire  air  doigh  air  choir-eiginn,  agus  bhuail  e  a 
bhas  air  a'  ghrunnd.  Dh'  eirich  i,  's  dh'  amhairc 
i  mu'n  cuairt  oirre.  Bhuail  e  a  bhas  a  rithist, 
agus  an  uair  so  choisich  i  ceum  no  dhà  an  taobh 
a  bha  e.      Bhuail  e  bhas  uair  no  dhà  eile  gus  an 


190  An  Rdsarnach 

d'  thàinig  i  cho  faisge  'sa  bha  dhìth  air,  agus  an 
uair  a  thionndaidh  i  gu  teicheadh  smàl  e  rithe  an 
urchair  a  bha  cho  fada  'feitheamh  oirre.  Thuit  i 
marbh  goirid  bhuaithe. 

Is  e  cudthrom  nam  fiadh  an  coitcheantas  mu 
shè-clacha-deug,  agus  cha'n  i  h-uile  frìth  a  chuibh- 
isicheas  sin  fèin.  Gheibhear  air  uairean  fear  no 
dithis  mu  fhichead  clach,  ach  cha'n  'eil  iad  ach 
tearc.  Mharbhadh  bho  cheann  beagan  bhUadh- 
nachan  ann  am  frith  Cheannlochmoir  damh  anns 
an  robh  naoi-clacha-fichead  agus  ochd  puinnd. 
Bha  ceann  eireachdail  air  an  damh  so,  agus  bha 
cuid  ag  ràdh  aig  an  àm,  gu'm  feumadh  gu'n  robh 
cuid  mhaith  de  fhuil  an  Wapiti  ann,  oir  is  fior  ainmig 
fèidh  Albannach  a  bhi  cho  mòr  'sa  bha  am  fear  so. 
Am  fiadh  is  truime  air  am  bheil  cunntas  againn  a 
mharbhadh  an  Albainn  bha  ceithear-clacha-deug 
thar  fhichead  ann.  Fhuaireadh  am  fear  sin  ann 
an  aon  de  fhrithean  Pheairt,  bho  cheann  mòran 
bhliadhnachan. 

Tha  mòran  fhorsairean  agus  ghillean  frìthe  ann 
an  diugh  nach  bi  aig  an  dragh  mionach  an  fhèidh  a 
thoirt  dhachaidh,  ach  fhàgail  aig  fithich  is  feannagan. 
Cha'n  'eil  so  mar  bu  chòir  dha  bhi.  Is  iomadh 
trath  maith  a  rinn  ar  n-athraichean  air  currac-an- 
righ,  càl  fada,  agus  deadh  bhuntata !  Is  e  mòran 
a  dh'  fhaodadh  tighinn  gu  tigh  an  duine  bhochd  bho 
fhaghaid  an  fhèidh  na'm  biodh  giUean  grunndail 
mar  a  b'abhaist,  ach  tha  am  bòrd  Gallda  air  ruigh- 
eachd  gu  iomall  na  frithe,  eadhon  do'n  bhothan  is 
uaigniche  'sa  choire. 

Sin    agad,   a   leughadair   shuairce,    beagan   mu 


Cuairi  anns  an  Fhrith  191 

dheidhinn  nam  fiadh  bho  am  breith  gu  àm  bàis. 
Ghabhadh  mòran  sgriobhadh  umpa  air  nach  do 
bhean  mise ;  agus  nach  freagarrach  briathran  Dhonn- 
achaidh  Bhàin  a  cho-dhùnadh  a'  bheachd-oidhirp 
ghoirid  so : — 

Is  ged  a  thuirt  mi  beagan  riu, 
Mu'n  innsinn  uir  an  dleasnas  orra, 
Chuireadh  iad  am  bhreislich  mi 
Le  deisimeireachd  chomhraidh. 

NiALL  Mac  Gille  Sheathaniach. 


Ros  Aluìnn. 

O,  m'  annsachd  ort,  a  Dhealbh  na  Maise ; 
'Aiteil  chaoin  de  ghlòir  na'  Flathas  ; 
'Aisling  naomh  nan  aing'la  geala  ; 
'lomhaidh  bheannaichte  na  h-Oighe  ! 

M'  èudail  ort,  a  shùigh  mo  chèille  ; 
'Aobhneis  òig,  a  Dhòchais  èibhinn ; 
'Ailleagain  fo  shùil  na  grèine, 
Cha  'n  eil  cruth  fo  spèur  cho  bòidheach  ; 

'S  tusa  'm  pong  de  cheol  nan  aingeal 
'Thuit  an  nuas  's  a  chaochail  tannas, 
'S  tusa  'n  sèud  bha  'n  uchd  na  Maidne 
An  ceud  chamhanaich  a  h-òige. 

'S  tusa  ceùd-chruth  glòir  na  Talmhainn, 
'S  tusa  Smaoin  nan  naoidhean  anfhann, 
'S  tu  'san  iar  tha  nochd  ion-dhealbhte 
Air  brat^alla-mhaiseach  nan  spèura. 

'S  tusa  'n  Phòg  *thug  Mac  na  Gile 
'Thìr  nan  Og — a  dheoin  seach  Innis. 
'S  tusa  f òs  gu  fòil  th'  air  bilean 
Oigh  mo  chridhe-sa  fo'n  èidheann, 


Ros  Aluinn  193 

'S  tu  snodha  'n  Aoibhneis  nach  can  teanga  ; 
Taibhseal  Soillse  a  chaidh  thairis  ; 
Manadh  Sòlais  a  tha  maireann  ; 
Tosgaire  an  gheallaidh  nèimhidh. 

O,  carson  do  rùgh'  cho  minig, 
'S  fàite  gàire  air  do  bhilean  ? 
O,  carson  cho  sgaoilt'  do  chridhe  ? 
Innis  dhomh  ;  mur  tuigeam  fèin  e. 

O,  carson  am  boltradh  cùbhraidh 
Tha  bhàxr  d'  analach,  a  mhùimein  ? 
O,  carson  an  deùr  'na  chùimean 
Air  do  shùil  an  àm  dhuit  èirigh  ? 

Ma  's  e  Mac  na  Spèur  do  leannan, 
'S  iomchuidh  dhuit  do  ghnùis  is  d'  anail : 
Ma  's  e  'dheòir  an  àm  'u  sgaraidh 
'Tha  thu  tasgadh  ad'  uchd  àluinn. 

Neò  'n  e  aon  de  chlann  na  sgèithe 
'Gheibh  do  ghaol  mar  mhil  do  chlèibhe  ? 
O,  ma  's  e, — carson  nach  feùdadh 
Mise  fèin  a  bhi  de'n  àl  sin  ? 

M'  annsachd  ort,  a  Shùil  na  Maise, 
M'  èudail  ort,  a  ghaoil  nan  leannan 
'Shùigh  mo  chèille,  Dia  bhi  mar  riut ; 
Beannachd  leat,  a  phaidir  Màiri ; 

D.  M.  N.  C. 


Gille-Criosd,  Morair  Mhàirr. 

HEiBHEAR  an  crochadh  ri  sean  eachdraidh 
Albann  ceist  no  dhà  a  tha  gu  math  dea- 
cair  ri  fhuasgladh ;  agus,  de  na  cruaidh- 
cheistean  so,  tha  a  bhi  faighinn  àite 
dligheach  do  chùspair-sgrìobhaidh  a' 
bheachd-oidhirp  so — Gille-Crìosd,  Morair  Mhàirr — 
ri  chunntas.  Chan  e  gu  dearbh  gu'm  bheil  na 
sloinntearan  de'n  bheachd  nach  robh  e  riamh  ann  ; 
ach  gu'm  bheil  a  àite  dUgheach  air  craobh- 
ghinealaich  an  teaghlaich  ainmeil  d'am  buineadh  e 
anabarrach  deacair  a  dhèanamh  am  mach.  Ach, 
mu  'n  tèid  agam  air  bimtainn  ris  a'  choltas  so  a 
th'  air  a'  chùis,  bidh  cho  math  duinn  agus  an 
grunnd  a  ghart-ghlanadh  rud  beag  air  ar  son  fèin  le 
bhi  toirt  fa  near  ainmean  nam  morairean  sin  às 
nach  eil  na  slointearan  idir  an-earbsach. 

Is  e  morair  d'am  b'ainm  Domhnull  sl'  cheud 
fhear  air  am  bheil  cunntas  cinnteach  againn.  Thàtar 
ag  ràdh  gu'n  robh  e  de'n  bhuidhinn  a  sheòl  bho 
Albainn  gu  Eire  anns  a'  bhliadhna  1014,  air  los 
cuideachadh  a  dhèanamh  le  Brian  Borumha,  àrd- 
rìgh  Eireann,  a  bha  cathachadh  aig  an  àm  ud  an 
aghaidh  nan  Lochlannach,  a  bha  toirt  ionnsaigh 
air  an  rìoghachd  sin  air  fad  a  cheannsachadh  is 
a  chur  fo  chìs  aca.  Fhuair  Dòmhnull  bàs  air  blàr 
ainmeil  Chluain-an-Tairbh  (1014). 

Is  e  an  ath  mhorair  air  am  bheil  fios  cinnteach 
againn  Ruaraidh.  Thug  esan  a  bheatha  ri  linn  a' 
cheud  rìgh  Daibhidh.      Chan  eil  fhios  cuin  no  c'àit 


Gille'Criosd,  Morair  Mhàirr  195 

a  fhuair  e  bàs  ;  ach  is  cinnteach  an  gnothach  gu'n 
do  chaochail  e  uaireiginn  roimh  a'  bhliadhna  1132. 

B'e  MoRGUNN  ainm  a'  mhorar  a  lean  Ruaraidh 
air  cathair-riaghlaidh  na  moraireachd.  B'e  a  shloinn- 
eadh-san  ''  Morgunn  mac  Ghille-chlèire "  ;  agus 
thàtar  ag  ràdh  gu'n  d'fhuair  e  bàs  mu'n  bhliadh- 
na  1 182.      Dh'  fhàg  e  mac  'na  dhèidh  air  an  robh, 

DoNNACHADH  mar  ainm.  Fhuair  Donnachadh 
sealbh  air  a'  mhoraireachd  mu'n  do  chaochail  e — 
nì  a  thachair  mu'n  bhliadhna  1243.  Phòs  e,  is 
dh'  fhàg  e  mac  'na  dhèidh,  d'  am  b'ainm, 

UiLiEAM,  a  fhuair  sealbh  air  a'  mhoraireachd 
eadar  1243  agus  1244.  B'ann  ri  a  linn-san  a  thug 
Ailean  Dorsair  a  oidhirp  ainmeil  air  a'  mhoraireachd 
a  thoirt  air  falbh  bho'n  teaghlach  leis  an  robh  i. 

Ach,  eadar  Morgunn  mac  Ghille-chlèire  agus  Donn- 
achadh  a  mhac,  tha  againn  ri  àite  fhaighinn  do 
chùspair-sgrìobhaidh  a'  bheachd-oidhirp  so — Gille- 
Crìosd,  Morair  Mhàirr.  Chan  eil  flnos  c6  e  a  b' 
athair  dha  ;  ach  cha  ruig  sinn  a  leas  an  còrr  a  ràdh 
mu'n  phuing  so  aig  an  àm.  Buinidh  mi  rithe, 
mu'n  tig  crìoch  air  a'  bheachd-oidhirp  so. 

Chan  eil  an  comhdach  is  lugha  gu'n  d'fhuair  Gille- 
Crìosd  a  bhi  air  aideachadh  mar  Mhorair  Mhairr 
mu'n  d'  fhuair  Morgunn  bàs  ;  ach  air  an  làimh  eile 
chan  eil  nì  is  cinntiche  na  gu'n  d*  fhuair  e  sealbh  air  a' 
mhoraireachd  bliadhnachan  mu'n  d'fhuair  Donnach- 
adh  mac  Mhorguinn  aideachadh  mar  sin.  Air  an 
aobhar  so,  is  i  a'  chruaidh-cheist  a  tha  againn  ri 
fuasgladh  c6  e  an  Gille-Crìosd  so,  agus  cionnas  a 
fhuair  e  an  còir  a  chaidh  a  leigeadh  dha — e  a  bhi  air 
ainmeachadh  mar  "  Mhorair  Mhàirr"?  Ach  mu'n 
toir  mi  oidhirp    air  a'    chruaidh-cheist  so  a  dh* 


196  An  Ròsarnach 

fhuasgladh,  cuireamaid  an  cèill  an  tòiseach  ainmean 
nam  morairean  mar  a  gheibhear  iad  air  an  cur  sìos 
an  leabhraichean  nan  sloinntearan  is  earbsaiche  a 
th'  againn. 

(1)  DOMHNULL,  /.  b.    1014. 

(2)  RuARAiDH,  /.  b.  an  dèidh  1182. 

(8)  MoROUNN,  /  b.  cirCM  1182.        (4)  Gillb-Criosd,  /  b.  «adar  121M228. 


(6)  DoNNACHADH,  f.b.  eadar  1248-44. 


(6)  UiLLSAM  {a  quo  an  corr  de  na  Morairean),  /.  h.  1281. 

Tha  againn  a  nis  ri  buntainn  ri  eachdraidh- 
beatha  Ghille-Chrìosd  air  dhòigh  beagan  na's 
curamaiche  pongaile  na  rinn  sinn  roimh.  Chan 
aithne  duinn  cò  e  a  b'athair  dha.  '*  Gilchrist's 
place  in  the  line  of  Earls  is  somewhat  mysterious."* 
Tha  cuid  de'n  bheachd  gur  e  Morgunn  a  b'athair  dha ; 
ach  chan  fhaod  mi  ràdh  gu'm  bheil  mise  de'n  aona 
bheachd  riusan  a  tha  breithneachadh  mar  so.  Coma 
co  dhiùbh,  chan  eil  fios  cinnteach  againn  gur  ann  mar 
80  a  bha.  Gun  ag  gun  teagamh,  b'ann  de*n  aona 
teaghlach  ri  Morgunn  a  bha  GiUe-Crìosd  ;  ach  na's 
fhaide  na  so  chan  eil  barantas  againn  a  dhol. 

Thàtar  ag  ràdh  gu'n  do  phòs  Gille-Crìosd  bean 
air  an  robh  '*  Orabile "  (Or-bheul  ?)  mar  ainm ; 
ach  co-dhiùbh  tha  no  nach  eil  an  ràdh  so  fìor, 
chan  eil  cinnt  nach  d'  fhàg  e  clann  na  dhèidh. 
A  rèir  coltais,  bha  ceathrar  mhac  aige,  barrachd 
air  nighean,  a  phòs  Maol-Chaluim  de  Lundin,  Dorsair 
an  rìgh. 

♦  The  Scots  Pecrage,  L.  v.,  t-d,  570. 


Gille'Criosd,  Morair  Mhàirr 

GILLE.CRIOSD  =  "  ORABILE  "  (?). 


197 


Iain.      {Mac.  guH  ainm).      {Mac.  gun  ainm).      Nighran  {gun  ainm)  =  Maol.Chaluim  i$  Luhc 


ToMAS  DoRSAiR  (/.  6.  1288)  =  Bban  {gun  ainm). 


AlLIAN   DORSAIR. 


Chunnaic  sinn  mar  tha  gur  e  Donnachacih  mac 
Mhorguinn  a  lean  Gille-Crìosd  air  cathair  na  morair- 
eachd  ;  ach  mu  àm  bàs  Ghille-Chrìosd,  no  uaireiginn 
'na  dhèidh  sin,  dh'  èirich  deasbud  fada  cruaidh  eadar 
Donnachadh  agus  teaglach  an  Dorsair  mu  chòir  an 
atharraich  air  a'  mhoraireachd.  Chan  aithne  idir  do 
na  sloinntearan  dè  bu  bhonn  do'n  tagradh  so  a  thug 
an  Dorsair  air  lom  ;  ach  is  cinnteach  an  gnothach 
gu'n  deachaidh,  air  an  turus  so,  co-chòrdadh 
a  dhèanamh  eadar  Donnachadh  agus  a  eascaraid, 
leis  an  d'fhuair  an  Dorsair  sealbh  air  cuid  mhòr  de 
fhearann  na  moraireachd,  ged  a  dh'  fhairtlich  air  gu 
buileach  an  inbhe  i  fèin  a  chosnadh  d'a  theaghlach. 

Mar  a  thuirt  mi  mar  tha,  chaochail  Donnachadh, 
Morair  Mhàirr,  eadar  1243-44  ;  agus  an  ath  nì  a 
thachair  b'e  sin  gu'n  d'  thug  Ailean  Dorsair  ath- 
bheothachadh  air  an  tagradh  a  sheas  Tòmas  a 
athair.  Thachair  a*  cheud  ionnsuigh  a  rinneadh 
leis  mu'n  bhliadhna  1254,  ach,  a  rèir  coltais,  cha  do 


198  An  Ròsarnach 

shoirbhich  leis  anns  an  oidhirp  a  thug  e  an  sin. 
B'e  a  ghearan  is  a  thagradh-san  gu'n  deachaidh  a* 
mhoraireachd  air  an  robh  còir  dhhgheil  aige  fèin  a 
chumail  gu  mi-laghail  air  falbh  bhuaidhe  le  Uilleam 
Mac  Dhonnachaidh ;  agus  thuirt  e  cuideachd  gu'n 
robh  Morgunn  agus  Donnachadh  le  chèile  'nam  fir- 
dìolain.  Mu  dheireadh  thall,  dh'  iarr  an  Dorsair  air 
a'  Phàp  (Alasdair  IV.)  e  a  bhi  cho  maith  agus  ranns- 
achadh  a  dhèanamh  air  a*  chùis.  Mar  fhreagairt  do'n 
aslach  so  a  rinn  an  Dorsair,  dh*  aithn  Alasdair  air 
cuid  de  fheadhainn  a  bha  miadhail  leis  fèin  air  son 
treibhiris  an  nàdair  agus  farsaingeachd-an  eolais  iad 
a  rannsachadh  gu  dlùth  curamach  a  staigh  do*n 
ghnothach  air  fad.  Rinneadh  sin  ;  ach  ge  b'e  air  bith 
a'  chòir  a  bh'  aig  an  Dorsair  air  a'  mhoraireachd,  b'e 
ceannfinid  a'  ghnothaich  gu'n  do  chum  Uilleam  sealbh 
air  an  oidhreachd — ^nì  a  tha  toirt  taice  nach  beag 
do'n  bheachd  a  tha  cuid  a'leigeil  air  adhart  nach 
robh  anns  a'  chasaid  a  chaidh  a  thilgeil  air  breith 
Mhorguinn  agus  a  mhic  ach  toradh  doimh  air  *'  the 
difference  between  the  Celtic  usage  (a  thaobh 
pòsaidh)  and  the  Canon  law  which  was  super- 
seding  it."*  Ach,  biodh  sin  mar  a  dh'  fhaodas 
e,  an  dèidh  sud  a  thachair  dha,  chan  fhaigh 
sinn  tuiUeadh  iomraidh  air  an  Dorsair,  agus  a'  chòir 
a  sheas  e.  Dh'  fhan  e  mar  a  bh'aige  ;  agus,  a  rèir 
coltais,  cha  d'  thug  riamh  aon  chuid  esan  no  an 
fheadhainn  a  lean  ris  oidhirp  eile  air  teaghlach 
Mhorguinn  a  chur  à  seilbh  o'n  mhoraireachd. 

A  nis,  is  iomadh  treun  oidhirp  a  chaidh  a  dhèan- 
amh  air  a'  chruaidh-chàs  so  a  dh'  ainmich  mi  a 
dh'  fhuasgladh ;    ach  gu  ruige  so,  dh'fhairltich  gu 

*  Genealogisf,  L.  iv.  t-d,  182. 


Gille-Cnosd,  Morair  Mhàirr  199 

buileach  air  an  fheadhainn  a  ghlac  ris  fuasgladh  no 
rèiteachadh  a  chur  air.  Feumaidh  a  h-uile  fear  a  bhuin 
ris  roimh  so  aideachadh  gu  saor  soilleir  nach  eil  an 
gnothach  idir  soirbh  a  dhèanamh  am  mach ;  agus 
gu'm  bheil  sinn  fathast  a  dhìth  air  modh  no  dòigh  air  a 
bhi  buntainn  ris  a  fhreagras  gu  ceart  cuimir  air  a  h-uile 
rud  air  am  bheil  fios  cinnteach  againn  mu'n  chùis. 
Is  iomadh  fear  a  thug  ionnsaigh  roimh  so  air  èirigh 
suas  Ghille-Chrìosd  a  shoiUeireachadh  duinn,  agus 
mineachadh  earbsach  a  cho-chur  ri  chèile  air  mar  a 
dh*  èirich  an  tagradh  a  sheas  na  Dorsairean,  còmhla 
ri  solus  a  thilgeil  air  nàdur  an  tagraidh  a  thug  iad 
air  lom ;  ach  ged  a  rachadh  againn  air  cuid 
de  na  baraileachan  a  leig  iad  so  seachad  a 
cho-dhaingneachadh,  gidheadh  is  èiginn  duinn  aid- 
eachadh  nach  eil  anns  a*  chuid  is  mò  dhiubh  ach 
beachdan  gun  bhrìgh,  gun  stàth,  gun  bhonn.  Mar 
thuaireaman  tùrail  gealltanach,  chan  eil  iad,  gun 
teagamh,  gu  buileach  gun  fhiù.  Do  bheothalachd 
meannmachd,  amhuil  mar  do  fharsaingeachd  eolais, 
na  feadhnach  a  thug  iad  an  cèill  tha  iad  a'  toirt  na 
h-urram  is  mò  ;  ach  mar  mheadhonan  earbsach  gu 
fuasgladh  a  chur,  no  ùr  sholus  a  thilgeil,  is  beag  am 
feum  a  ni  iad  duinn.  An  cxmntas  is  earbsaiche  a 
th'  againn  air  Morgunn,  Gille-Crìosd,  Donnachadh,  is 
Uilleam,  gheibhear  e  sin  air  a  chur  sios  anns  an  Scois 
Peerage,  aig  Sir  J.  Balfour  Paul ;  ach  mar  a  leig 
mi  thuigsinn  do'n  leughadair  mar  tha,  chan 
fhaodar  sealltuinn  air  a*  chunntas  a  gheibhear  an 
sin  ach  mar  chruaidh-spaim  a  rinneadh  leis  an 
fheadhainn  leis  am  maith  cuid  de  na  ceistean  cruaidh 
tha  dlùth-fhillte  suas  le  eachdraidh  na  moraireachd 
a  chur  air  shùilean  duinn,  agus  iad  sin  a  mhineachadh 


200  An  Ròsarnach 

air  falbh  mar  a  b'fheàrr  a  b'urrainn  iad.  Ach,  a  dh' 
aindeoin  na  chaidh  a  dhèanamh  anns  an  dòigh  so  air 
son  slighe  an  leughadar  a  reiteachadh  dha,  is  mòr  is 
eagal  leam  nach  tog  eadhon  an  neach  is  inntinneiche 
nar  measg  a  shùilean  bhàrr  aghaidh  na  cùise  dualaich 
so  gim  tuainealaich  a  bhi  'na  cheann. 

A  nis,  is  e  mo  bharail  fèin  mu'n  ghnothach  a 
tha  againn  ri  rèiteachadh  an  so,  nach  eil  ach  an 
aon  dòigh  air  an  còir  duinn  tighinn  air,  ma's  miann 
leinn  fuasgladh  earbsach  a  chur  air  a'  chùis  ;  ach 
mu'n  tèid  agam  air  an  dòigh  sin  a  thoirt  fa  near 
bu  mhath  leam  an  tòiseach  aire  an  leughadar 
a  tharruing  a  dh'  ionnsaigh  rud  no  dhà  air  am  bheil 
mise  a'  sealltuinn  mar  ghnothach  is  maith  is  airidh 
air  ar  n-aire  fhaighinn. 

Air  tùs,  mata,  chunnaic  sinn  mar  tha  nach  aithne 
duinn  idir  cò  e  a  b'athair  do  Ghille-Crìosd.  Gun 
teagamh,  bha  e  de'n  aon  teaghlach  ri  Morgunn ;  ach, 
mar  a  thuirt  mi  mar  tha,  na's  fhaide  na  sin,  chan  eil 
barantas  againn  a  dhol.  B'e  Gille-clèire  a  b'  athair  do 
Mhorgunn.  Tha  fios  cinnteach  againn  mu  dheidh- 
inn  sin.*  Thuirt  Morgunn  e  fèin  gu'n  robh  a 
athair  'na  mhorair  mar  an  ceudna  ;  ach  o'n  a  tha 
an  ràdh  so  aige  gun  bhonn  no  taic  sam  bith,  taobh 
am  mach  bho  na  dh'  innis  e  fèin  mu'n  cheart  phuing 
bheir  an  leughadair  an  aire  nach  eil  mi  ga  mheas 
iomchuidh  air  àite  fhaighinn  dha  am  measg  nam 
morairean  a  tha  an  ainmean  r'am  faotainn  an  so. 
Ach  ged  a  b'  èiginn  dhomh  GiUe-clèire  a  leigeil  am 
mach,  cha  ruig  mi  leas  mo  bharail  fèin  a  chur  an 
uaigneas  air  an  leughadair  gu'n  robh  a'  chùis  ceart 

♦  "  He  is  designated  '  Mac  Gyloclery '  in  one  writ  of  un- 
doubted  credit." — Scots  Peerage  L.  v.,  t-d,  567. 


Gille'Criosd,  Morair  Mhàirr  201 

mar  a  thuirt  Morgunn  gu'n  robh — se  sin  ri  ràdh  gur  e 
morair  Mhàirr  a  bha  an  Gille-clèire,  a  athair.  Ach, 
gu  dè  a  thaobh  an  fhir  ud  eile — Gille-Crìosd  ?  Ma  tà, 
ma's  èiginn  dhomh  barail  air  thuaiream  a  thilgeil 
mu'n  chùis,  abairinn-se  gu  'n  robh  esan  mac  peathar 
Ghille-chlèire. 

Is  e  an  ath  rud  d'am  bheil  mi  miannach  air  aire  an 
leughadar  a  tharruing  gu'n  d'fhàg  Gille-Crìosd  clann 
'na  dhèidh — ceathrar  mhac,  a  rèir  coltais,  còmhla  ri 
nighean.  Chan  aithne  duinn  a  h-ainm-se.  Ach, 
de  na  mic  a  bh'  aig  Gille-Crìosd,  cha  d'  thug  a  h-aon 
diubh  riamh  oidhirp  air  a'  mhoraireachd  a  chos- 
nadh  dha  fèin.  B'e  mac  am  peathar-san  (Tòmas 
Dorsair)  a  chuir  an  ath  ghluasad  air  bonn,  a'  cantuinn 
gur  ann  leis-san  a  bha  a'  mhoraireachd  le  còir  agus 
ceartas,  agus  a  rinn  gearan  gu'n  robh  Donnachadh 
ga  cumail  gu  mi-laghail  air  falbh  bhuaidhe.  Mar  a 
chunnaic  sinn  mar  tha,  chaidh  co-chòrdadh  a 
dhèanamh  eadar  Tòmas  agus  Donnachadh,  leis 
an  d'fhuair  an  Dorsair  sealbh  air  roinn  mhòr 
de'n  mhoraireachd,  ged  nach  comasach  dha  an 
inbhe  a  bha  an  crochadh  rithe  a  spiònadh 
à  greim  Dhonnachaidh.*  Tha  nàdur  an  tagraidh 
a  thug  Tòmas  air  lom  an  aineol  air  na  sloinntearan  ;  f 

♦  "  We  may  be  allowed  to  conjecture  that  it  was  under 
that  settlement  that  Thomas  Durward  acquired  his  vast  domains 
in  Mar,  stretching  from  Invercanny  on  the  Dee  to  Alford  on  the 
Don ;  from  Coull  on  the  west  to  Skene  on  the  east." — Anti' 
quities  of  Aberdeen  and  Banff,  iv.  693,  cf.  151. 

t  "  The  attack  on  Duncan's  rights  was  made  by  Thomas  of 
Lundin,  the  Doorward.  who  died  in  1231  ;  h%U  p&rhaps  he  did  not 
impugn  the  EarVs  birth,  as  the  question  between  them  wat 
arranged,  and  an  agreement  made  betwixt  them  before  the 
Doorward's  deatb.      But  while  this  fact  is  on  record,  all  ebe 


202  An  Ròsarnach 

ach  tha  agam-sa  mo  bharail  fèin  mu'n  ghnothach 
ud,  mar  a  leigear  thuigsinn  do'n  leughadair,  mu*n 
tarruing  mi  na  ràidhean  so  gu  crìch.  Chunnaic 
sinn  mar  tha,  cuideachd,  gu'n  d'  thug  Ailean  Dorsair, 
mac  Thòmais,  ath-bheothachadh  air  an  tagradh  a 
sheas  a  athair,  a'  cur  an  cèill  mar  lethsgeul  air  son 
a'  ghearain  a  rinn  e  gu  *n  robh  Morgunn  is  Don- 
nachadh  nach  maireann  le  chèile  'nam  fir-dìolain. 
Chan  eil  cinnt  nach  b'ann  mar  sin  a  thug  Ailean 
bunachas  do'n  chùis  a  sheas  e  ;  ach  is  i  is  barail 
leam  fèin  nach  b'ionnan  an  dòigh  a  chleachd  Tòmas 
agus  Ailean  ann  a  bhi  bunachadh  na  h-aona  cùise. 
Tha  mi  de*n  bheachd  nach  deachaidh  breith 
Mhorguinn  riamh  a  chur  an  ag  le  Tòmas ;  ach 
gu'n  do  rinn  Ailean  mar  a  rinn  esan  do  bhrìgh 
gu*n  robh  e  a*  saoilsinn  gu'n  robh  a  bhi  dèanamh 
mar  sin  an  seòl  a  b'  earbsaiche  agus  a  bu  gheall- 
tanaiche  a  b'  urrainn  da  leantuinn  air  son  na  bha 
aige  san  amharc  a  thoirt  am  mach.  Ach,  biodh 
sin  agus  a  roghainn  da,  dh'  fhairthch  gu  buileach 
air  Ailean  Morgunn  agus  Donnachadh  fhaighinn  air 
air  an  glaodhaich  'nam  fir-dìolain  ;  agus,  mar  a 
chunnaic  sinn  mar  tha,  "  William  remained  in  pos- 
session." 

Gheibhear  am  measg  annalan  nan  sean  Chruith- 
neach  iomadh  lorg  soilleir  air  nòs  àraidh  air  an 
robh  "Còir  a'  Mhathar  "  mar  ainm  aca.  Bha  na 
Cruithnich  an  earbsa  ris  na  mnathan  aca  air  son 
chinn-cinnidh  fhaighinn  do  na  teaghlaichean  aca. 
Cha  robh  meas  mòr  aca  air  na  mnathan.      A  rèir 

is  wrapped  in  mystery ;  and  the  grounds  of  the  Doorward's  claim, 
and  the  terms  of  the  settlement  with  Duncan,  are  unknown.'*— 
Scott  Peerage.  L.  v.,  t-d,  595. 


Gille'Criosd,  Morair  Mhàirr  203 

coltais,  cha  leigeadh  daibh  so  aon  chuid  cead  no 
cothrom  air  riaghladh ;  ach,  air  an  làimh  eile,  ò'i  a' 
mhathair,  agus  air  an  aobhar  sin,  breith  an  duine  a 
bha  socrachadh  chan  ann  a  mhàin  leanachd  na 
h-oighreachd,  ach  suidheachadh  an  duine  mar 
bhall  de'n  treubh.  Mar  sin,  air  do'n  cheann- 
cinnidh  bàs  fhaighinn,  rachadh  an  drèachd  a  bh' 
aige,  an  àm  dha  a  bhi  beo,  a  bhuileachadh,  chan 
ann  idir  air  a'  mhac  a  bu  shine  a  dh'  fhàg  e  'na  dhèidh 
(nì  a  bu  chleachdadh  leis  na  Gàidheil  a  dhèanamh) 
ach  air  mac  a  pheathar.  Agus  an  dèidh  dha-san,  agus 
a  bhràithrean  (nam  biodh  de  bhràithrean  aige)  bàs 
fhaighinn,  gun  chlann  a  dh'  fhàgail  'nan  dèidh, 
an  sin  dh'  fhosgladh  an  leanachd  do'n  cheannas- 
feadhna  suas  gu  mac  peathar  eile ;  agus  leanadh  na 
Cruithnich  ris  a'  cheart  ghnàths  sin  cho  fad  sa  bhiodh 
mac  peatha  r'afhaighinnmar  cheanndo'n  theaghlach. 
Sin  aig  an  leughadair,  am  beagan  bhriathran,  "  Còir 
a'  Mhathar  "  ;  ach  eagal  is  nach  biodh  am  minn- 
eachadh  a  chuir  mi  oirre  cho  tur  soilleir  agus  is 
àill  leam  e  a  bhi,  theagamh  gu'n  dèan  a  bhi  leigeil 
inntinn  air  a'  chraobh-ghinealaich  a  gheibhear  an 
cois  nam  briathran  so  cuideachadh  leis  an  leughadair 
gus  an  gnothach  a  thuigsinn  beagan  na's  fheàrr. 

ClANN.FXADBNA  (1). 


Mac.  NIGHEAN. 


I  1  I 

Ma&    CeanQ.feadbna  (a).  Mac.    Ceann-feadhna  (8).  Mac. 

D.  8.  P.  D.  1.  P.  I 

NIOHBAN. 


Mac«    Ccuaieadhtia  i4;. 


204  An  Ròsarnach 

Thàtar  ag  ràdh  gu'n  do  lean  na  Cruithnich  ris 
a*  ghnàths  neonach  so  ris  an  canadh  iad  "  Còir  a* 
Mhàthar  "  fada  an  dèidh  daibh  bhi  air  an  tionndadh 
gu  an  creideamh  Crìosdail,  agus  air  an  Gàidhealach- 
adh  leis  an  t-sluagh  a  bha  ri  an  ainm  a  sparradh  orrasan 
is  air  an  dùthaich  air  fad.  Chaidh  an  rìoghachd  a 
bh'  aig  na  Cruithnich  a  chur  às  di  anns  an  naodhamh 
linn ;  ach  ged  a  chaill  na  Cruithnich  mar  so  an  saorsa 
chinneachail,  còmhla  ris  a'  chànain  dhùthchasaich  a 
bhuin  daibh,  cha  robh  e  idir  furasda  do  na  Gàidheil 
cuid  de  shean  àbhaistean  nan  Cruithneach  a  chur 
fodha,  agus  a  mhùcadh  às.  Chan  eil  nì  is  dorra  a 
thoirt  am  mach  na  sgarradh  buan-mhaireannach  a 
chur  eadar  sluagh  lìonmhor  agus  an  nòsan  dualach. 
Gabhaidh  gu  tric  saorsa  is  cànain  cur  às  daibh,  gun 
mhòran  spairn  a  bhi  riatanach  chum  sin  ;  ach,  am 
bitheantas,  mairidh  "  gnàths  is  àbhaist  "  am  measg 
shluaigh  linntean  an  dèidh  daibh  bhi  air  an  co- 
èigneachadh  gu  an  saorsa  dhùthchasach  is  an 
cànain  mhàthaireil  fèin  a  thoirt  suas,  air  àilgheas  an 
cuid  luchd-fhòimeirt.*    Uime  sin,  cha  ruig sinn  a  leas 

♦  "  Cf.  The  Uist  custom,  where  the  household  cows  are 
given  the  mother's  names  from  generation  to  generation.  In 
the  glens  of  Antrim,  if  I  mistake  not,  a  young  woman  is  locally 
known  by  her  mother's  name,  not  solely  by  her  own.  '  A  woman 
may  take  her  husband's  name  when  she  marries,  or  she  may  not. 
If  she  keeps  her  own,  she  may  keep  either  her  father's  name  or 
her  mother's  maiden  name.  Suppose  that  a  girl  at  the  age  of 
ten  is  called  Mary  MacNeill :  she  may  grow  up  and  marry  a  hus- 
band  of  the  name  of  MacLarty,  and  subsequently  another  husband 
of  the  name  of  Macelheran  ;  and  after  all  she  may  die  as  Mary 
Docherty,  because  that  was  her  mother's  maiden  name.' — 
Blackwood's  Magazine,  Sept.,  1893,  p.  370."  Leabhar  nan 
Gleann,  t-d.  13.    Ri  so,  cuideachd,  faodar  a  chur  gu'm  bheil  còir  a 


Gille'Cnosd,  Morait  Mhàirr  205 

ionghnadh  a  ghabhail  ged  a  mhair  cuid  de  na  nòsan 
dùthchasach  a  bu  mhiadhaile  na  chèile  leis  na 
Cruithnich  fada  an  dèidh  daibh  bhi  air  an  Gàidh- 
ealachadh,  agus  an  cànain,  comhla  ri  an  saorsa,  a 
bhi  air  an  toirt  air  falbh  bhuapa. 

A  nis,  ma's  ceart  agus  reusonta  na  tha  mi  a'  tilgeal 
an  cèill  an  so,  ar  leam  fèin  nach  eil  roinn  no  ceàm 
de  Albainn  far  is  mò  a  tha  de  dhuil  is  de  fhiughair 
ri  coinneachadh  ri  lorg  no  fuigheal  de  na  nòsan 
cinneachail  a  b'  àbhaist  a  bhi  aig  na  Cruithnich 
na  anns  an  dùthaich  sin  air  an  robh  Màrr  uaireiginn 
mar  ainm.  Bha  a'  mhòr-roinn  so  ga  shuidheachadh 
an  teis  meadhon  rìoghachd  nan  Cruithneach ; 
agus  air  an  aobhar  sin  de  an  nì  is  nàdurra  air  fad 
na  gu'n  leanadh  muinntir  na  dùthcha  sin  ri  nòsan 
is  gnàthaichean  an  sinnsearan  fada  an  dèidh  daibh 
sud  a  bhi  air  an  leigeil  gu  taobh  no  air  an  caitheamh 
às  an  roinnean  eile  de  Albainn  nach  robh  air  an 
nochdadh  air  a*  cheart  dòigh,  no  anns  a  leth-bhreac 
tomhais,  d'a  leithid  sin  de  bhuaidh  làidir  ?  Air 
an  aobhar  so,  tha  mi  de'n  bheachd  nach  toir  aon 
chuid   èirigh   suas   Ghille-Chrìosd,   no   an   tagradh 

bhi  faighinn  seilbh  air  cuid  de  na  h-inbhean  Albannach  leigte  do 
bhoireannaich  cho  math  ri  fireannaich.  "  Your  Petitioner's  said 
uncle  gave  him  papers  to  show  that  he  and  his  predecessors  were 
premier  Earls  of  Scotland  by  inheritance  through  several  heiresses 
of  Mar,  as  descended  directly  through  heiresses  of  Mar  from  a 
Mormaer  of  Mar  who  was  slain  at  the  battle  of  Clontarf  in  1014, 
and  from  another  Mormaer  of  Mar  in  1132,  the  epoch  when  the 
dignity  of  Mormaer  passed  into  that  of  £arl.  These  papers 
show  that  your  Petitioner  would  succeed  in  that  position,  as 
inheriting  that  ancient  dignity  in  female  desceni."  Petition  of 
the  Right  Honourable  John  Frances  Erskine,  Earl  of  Mar,  and 
Baron  Garioch,  etc,  1916,  t-d.  1 


206  An  Rdsarnach 

ainmeil  a  sheas  teaghlach  nan  Dorsairean,  mineachadh 
ceart  eagnaidh,  mur  am  bi  sinn  toileach  air  seall- 
tuinn  air  an  dà  thachartas  ud  a  dh'  ainmich  mi 
mar  sheorsa    de    thaisbeanadh    riochdail   air   an 
spèis  làidir  a  bha    cuid  de  mhuinntir  Mhàirr    ag 
èiridinn    a   thaobh   sheann   nòsan   an   sinnsearan ; 
agus  gu  sònruichte  mar  chomhdach  soiUeir  air  an 
taobhachd  bhlath  bhuan-mhaireannach  a  bha  aig  cuid 
dhiubh  so  do  '*  Chòir  a'  Mhàthar/'  mar  inneal  goire- 
asach  fa  chomhair  leanachd  dhualach  an  cinn-fheadh- 
na  a  shocrachadh  a  rèir  '*  gnàths  is  abhaist  "  an 
cuid  atharaichean.    Modh  no  dòigh  earbsach  eile  air 
a  bhi  faighinn  fuasglaidh  do'n  chruaidh-chàs  a  th' 
againn  ri  rèiteachadh  an  so,  chan  eil  mi  idir  a'  faicinn. 
Air  thùs  agus  air  thòiseach,  gabhamaid  beachd 
nach  eil  Gille-Crìosd  ag  innseadh  duinn  uiread  agus 
aon  uair  cò  e  a  b'  athair  dha,  ged  is  iomadh  bann- 
seilbhe  a  thàinig  a  nuas  duinn  air  am  bheil  a  ainm-sa 
sgrìobhte.     Tha  againn  am  pailteas  de  iomradh  air 
GiUe-Crìosd  mar  fhianuis  maraon  is  mar  thabhart- 
air-fearainn.        Agus    anns   an  nì  so  fèin  a  thug 
mi  fa  near,  chan  eil  cinnt  nach  robh  e  air  a  stiùradh 
is  air  a  sheoladh  le  gnàths  nan  Cruithneach,  leis 
nach  robh  e  riamh  bitheanta,  a  rèir  coltais,  iomradh  a 
dhèanamh  air  sloinneadh  an  athaireachain,  an  àm 
daibh  bhi  dol  an  ceann  ghnothaichean  de'n  t-seorsa 
ud.      Rud  eile.     Gabh  beachd  gur  e  mac  peathar  a 
bh*  anns  an  duine  a  thug  oidhirp  air  Donnachadh 
a  chur  d  seilbh  o*n  mhoraireachd,  agus  a  rinn  co- 
chòrdadh  ris,  leis  an  d'  fhuair  e  sealbh  air  cuid  mhòr 
de'n  mhòr-roinn,  ged  nach  robh  e  comasach  dha  an 
inbhe  a  bha  leithe  a  spiònadh  air  falbh  bho  ghreim 


Gille'Cfiosd,  Morair  Mhàirr  207 

Dhonnachaidh.  Bha  ceathrar  mhac  aig  Gille- 
Crìosd,  gidheadh  cha  do  thairig  fear  dhiubh  riamh 
còir  air  a'  mhoraireachd,  an  dèidh  d'an  athair 
(Gille-Crìosd)  bàs  fhaighinn  :  cha  mhò  a  bhuannaich 
iad  aon  dad — cho  fad  sa  tha  ar  fiosrachd  uile  a'  dol — 
fo'n  chumhnant  a  rinneadh  eadar  Donnachadh  agus 
Tòmas.  Mar  a  thuirt  mi  cheana,  tha  nàdur  an 
taghraidh  a  thug  Tòmas  air  lom  gu  tur  an  aineol 
oimn  ;  ach  o'n  a  b'e  mac  piuthar  a  bh*  anns  an 
duine  sin,  tha  mi  de'n  bheachd  gur  ann  air  an  dearbh 
stèidh  ud  a  bhuin  esan  a'  chòir  a  sheas  e,  is  chan 
ann  idir  air  Morgunn  is  Donnachadh  a  bhi  'nam 
fir-dìolain — casaid  a  dh'  fhairthch  gu  buileach  air 
Ailean  mac  Thòmais  a  thoirt  am  mach. 

Ach,  an  uair  a  chaidh  Ailean  Dorsair  an  ceann 
gnothaich  gu  oidhirp  a  dhèanamh  air  an  inbhe  a 
bha  leis  a'  mhoraireachd  a  thoirt  air  falbh  bho 
Uilleam,  shaoil  leis-san  gun  ag  gu'n  tigeadh  dha  a' 
chòir  a  bha  e  saoilsinn  a  bhi  aige  f èin  a  stèidheachadh 
air  bonn  tur  air  leith  bho'n  tì  sin  air  an  do  rinneadh 
feum  le  'athair.  Cha  bu  mhac  peathar  esan,  Air  an 
aobhar  sin,  cha  robh  cead  aige — a.  chum  na  còire  a 
a  bha  e  seasamh  a  thoirt  am  mach — ^air  triall  air  a' 
cheart  rathad  air  an  do  shiubhal  a  athair  roimh,  le 
tomhas  nach  bu  bheag  de  shoirbheachadh  dha  fèin.  B* 
èiginn  dha,  mar  sin,  grunnd-taghraidh  eile  a  chur  air 
dhòigh ;  agus  o'n  a  bha,  aig  an  àm  ud,  mùthadh  m6r 
ann,  a  thaobh  pòsaidh,  eadar  lagh  na  h-eaglaise  agus 
lagh  na  rìoghachd,  shaoil  le  Ailean  gun  teagamh  nach 
b'urrainn  dha  inneal  a  b'  fhèarr  air  son  na  bha  aigc 
san  amharc  a  chur  gu  feum  na  ag  a  thilgeil  air  breith 
Mhorguinn  agus  Dhonnachaidh.      Agus  o'n  a  b'e 


208  An  Rdsarnach 

duine  adhartach,  sanntach,  carach,  is  uile  gu  lèir 
neo-choguiseach,  a  bha  an  Ailean,  cha  b'e  rud  idir 
nàrach  leis  feum  a  dhèanamh  air  brèag  is  mealltachd 
ann  a  bhi  uidheamachadh  an  tagraidh  a  sheas  e.  Ach, 
mar  a  thug  mi  fa  near  mar  tha,  a  dh'  aindeoin  gach 
seòltachd  a  chleachd  e,  is  brèag  a  leigeadh  air 
a  h-adhart  leis,  chaidh  a  chuilbheartan  uile 
fhaighinn  am  mach  ;  agus  is  e  a  bu  cheann-finid 
do'n  ghnothach  air  fad  gu'n  do  chaiU  Ailean  an  là. 
"  William  remained  in  possession.*'  Dh'  fhan 
Ailean  mar  a  bh*  aige  ;  agus  riamh  bho'n  àm  ud 
*'  we  hear  no  more  about  the  puzzling  claim  of  the 
Dorward  family  to  the  famous  Earldom  of  Mar."  * 

RUARAIDH   ArASCAIN   IS  MHAIRR. 


Genealogist  iv.  177  et  seq. 


Beachdan  am  measg  nam  Blathan. 

Tha'n  driùchd  tha  'g  àrachadh  nam  blàth 
A'  tuiteam  anns  na  h-uairean  sàmhach  ; 
Tha  iomadh  sruth  toirt  beath'  do'n  raon, 
'S  a'  ruith  à  sealladh  sùilean  dhaoin'. 

An  siolan  beag  chaidh  leis  a'  ghaoith, 
Fhuair  e  leabaidh,  's  thàinig  luibh  ; 
Sgeadaich  is'  le  dreach  an  raon, 
Sgaoil  i  cùbhraidheachd  maraon. 

An  lus  tha  falach  anns  a'  bhruaich 
A'  sgaoileadh  anail  tlàth  mu'n  cuairt ; 
An  uiseig,  fad  à  sealladh  shuas, 
A'  dòirteadh  òimn'  a  ceòl  a  nuas. 

Tha  beusan  smaoin  an  duine  chòir 
Mar  an  fhlùran,  pailt  an  glòir  ; 
Cinnidh  iad  gu  math  le  bàrr, 
Ged  nach  fhaicear  iad  a'  fàs. 

Tha  irisleachd  a'  cur  gu  nàir' 

Gach  faoin-ghlòireachd  gun  seadh,  gun  stàth, 

Is  caomhalachd,  mar  lusan  caomh, 

A'  sgaoileadh  grinneis  air  gach  taobh. 

'S  nìthean  iad  tha  nochdadh  dhuinn 
Ailleachd  's  banalachd  tha  grinn  ; 
Eifeachdach  nan  nìthean  tha 
Fuireach  às  ar  sealladh-sa. 


210  An  Rdsarnach 

Dòirtidh  uisg'  a  nuas  le  fras, 
Ruithidh  e  le  uillt  gu  bras  ; 
Eirigh  e  'na  cheò  bho'n  chuan, 
'S  thig  e  'rithist  'na  fhras  a  nuas. 

Sud  an  t-allt,  gu  sìor  a*  ruith, 

A'  cumail  air  gu  ruig  a'  chrìch  ; 

Dh'  aindeoin  chlachan,  chuairt,  is  bhruaich, 

Ruithidh  e  gu  ruig  a'  chuan. 

Tha  ceòl  an  uiseig,  bho  an  àdhar, 
A'  sealladh  anns  na  nèamhan  àrd, 
A'  dùsgadh  dhuinn  gach  maduinn  ùr 
Fàilte  do  gach  allt  is  flùr. 

Anail  chagair  ghrinn  nan  craoibh 
Co-measgta  ris  na  h-òrain  gaoil ; 
Aoibhneas  shamhraidh  a'  cur  gleus 
Air  gach  fuaim,  is  smaoin,  is  beus. 

Tiodhlaichean  gun  àireamh  fuaight', 
Aoradh  air  gach  taobh  mu'n  cuairt ; 
Cùrsa  Nàdur  dhuinn  mar  iùl, 
A'  nochdadh  reachdan  Righ-nan-dùl. 

T.  D.  MacDhomhnuill. 


Nighean  Righ-fo-Thuinn. 

[Fo  laimh  lain  Mhic  Aoidh.] 

AiCEAR  am  fios  so  a  leanas  a  chaidh 
a  leigeadh  ris  le  lain  Og  Ile,  air 
a  chur  sios  air  chùlaibh  aon  de  na 
taobh-duilleachan  air  an  deachaidh 
an  sgeulachd  a  sgrìobhadh: — 
*'  The  Finne  encamped — a  creature 
comes  wild  and  unkempt  with  her  hair  to  her  heels — 
asks  to  get  in  and  is  refused — screams — Diarmaid 
lets  her  in — to  the  tent — to  the  fire — to  his  bed 
(Legend  of  the  Cid).  She  becomes  a  beautiful 
woman,  and  orders  a  magic  castle  to  be  built,  and 
they  live  in  it. 

He  is  not  to  remind  her  of  the  state  in  which  he 
found  her — He  goes  hunting  and  leaves  (?)  a  grey- 
hound  and  three  pups — She  gives  them  away  one 
by  one. 

He  reminds  her — and  she  and  the  Castle  vanish — 
Diarmaid  goes  in  search — goes  to  an  Island — gets 
into  a  boat  which  sinks  (Groach  of  the  Island  Breton) 
— ^he  finds  kingdom  under  waves — meets  with  three 
drops  of  heart's  blood — finds  her  iU — she  gets  better 
— ^he  goes  for  cup  of  King — kills  warriors,  gets  cup, 
retums,  gets  water  from  magic  well — cures  the  lady 
— takes  dislike  for  her — gets  a  ship  and  sails  back 
to  Ireland — He  is  assisted  over  a  stream  by  a  little 
red  man. — " 


212  An  Rdsarnach 

Crìoch  obann  an  so  aig  briathran  a'  Chaimbealaich.  Ach 
thug  e  eadar-theangachadh  air  an  sgeul  'na  leabhar  ainmeil, 
Sgeulachdan  Gaidhealach,  III.  402. 

NlGHEAN   RiGH-Fo-ThUINN.* 

Bha  'n  Fhèinn,  uair,  cruinn  air  lethtaobh  Beinn 
Eudainn,  oidhche  gharbh,  agus  sileadh  agus  cur 
sneachd  ann  o'n  tuath.  Bhuail  creutair  ana- 
gnathaichte  coslas  mu  mheadhon  oidhche  ann  an 
dorusd  Fhinn.  Bha  a  falt  's  a  fionna  sìos  gu  a 
sàiltean.  Dh'èigh  i  da  a  leigeil  a  stigh  fo  iomall  a 
bhrait. 

"  A'  chreutair  anagnathaichte,"  ars  esan,  *'  tha 
t'fhalt  agus  t'fhionna  sìos  gu  do  shàiltean — de  mar 
a  dh'  iarras  tu  orm-sa  do  leigeil  a  stigh  ?  " 

Dh'  fhalbh  i,  agus  thug  i  sgread  aiste. 

Ràinig  i  Oisein,  agus  dh'iarr  i  air  a  leigeil  a  stigh 
fo  iomall  a  bhrait. 

Thog  Oisein  cirb  de'n  bhreacan  's  chunnaic  e  i. 
"  A  'chreutair  anagnathach  !  de  mar  a  dh'iarras 
tu  orm-sa  do  leigeil  a  stigh  ?  Tha  t'  fhalt  agus 
t'fhionna  sìos  gu  do  shail.      Cha  tig  thu  a  stigh.'* 

Dh'  fhalbh  i,  agus  thug  i  sgread  aisde. 

Ràinig  i  Diarmaid,  agus  dh'èigh  i  da  a  leigeil 
a  stigh  fo  iomall  a  bhrait.  Thog  Diarmaid  cirb 
de'n  bhrait,  agus  chunnaic  e  [i].  '*  Is  creutair 
anagnathach  thu,  tha  t'fhalt  agus  t'fhionna  sìos 
gu  do  shàiltean,  ach  thig  a  stigh.'* 

Thàinig  i  a  stigh  fo  iomall  a  bhrait. 

**  O    Dhiarmaid !  ''    ars    ise,    *'  tha    mi    seachd 

♦  Gnothaichean  mòra  fo  thuinn ;  Tha  uaisle  fo  thuinn  'an 
Clann  LdLchaìn—Seanfhaclan  Mhic  Neacail,  206,  363, 


Ràinig  i  Diarmaid.  agus  dh'eigh  da  a  leigeil  a  stigh 


Ntghean  Rìgh'fO'Thuinn  213 

bliadhna  a'  siubhal  fairge  agus  cuain,  *s  cha  do 
chuir  mi  oidhche  seachad  [fo  fhàsgadh  tighe]  as  a 
sin  gus  a  nochd  gus  an  do  leig  thu  a  stigh  mi.  Leig 
mi  a  dh'ionnsuidh  blathas  a'  ghealbhain." 

"  Thig  a  nìos/'  arsa  Diarmaid. 

An  uair  a  thàinig  i  nìos,  thòisich  muinntir  na 
Fèinne  air  teicheadh,  leis  cho  grannda  's  bha  i. 

"  Theirigibh  air  an  taobh  thall,''  arsa  Diarmaid, 
"'s  leigibh  an  creutair  chun  blàthas  a'ghealbhain." 

Dh'  fhalbh  iad  air  an  dama  taobh,  's  leig  iad 
leatha  aig  a'  ghealbhan. 

Cha  robh  i  fad  aig  a'ghealbhan,  an  uair  a  dh'iarr 
i  dol  fo  bhlàthas  na  plaide  comhla  ris  fhìn. 

'Tha  thu  'fàs  ro  dhàna,"  arsa  Diarmaid,  "  dh' 
iarr  thu  an  toiseach  tighinn  fo  iomall  a'bhrait, 
dh'iarr  thu  an  sin  tighinn  a  dh'ionnsuidh  a'  ghealbh- 
ain,  's  tha  thu  nis  ag  iarraidh  tighinn  fo'n  phlaide 
leam  ;    ach  thig  ann." 

Chaidh  i  fo'n  phlaide,  agus  thionndaidh  esan 
piosa  de'n  phlaide  eadar  riu. 

Cha  robh  e  fada  mar  sin,  an  uair  a  thug  e  smoid- 
seachadh  air  [fhèin]  's  sheall  e  oirre.  Chunnaic 
e  an  aon  bhoinne  fala  bu  bhreagha*  o  thus  an 
domhain  gu  deireadh  an  t-saoghail  r'a  thaobh. 
Dh'  èigh  e  air  càch  a  nall  far  an  robh  e.  Thuirt 
e  riu  nach  minig  nach  biodh  caoimhneil,  "  nach  ann 
a  so  a  tha  am  boirionnach  is  àille  chimnaic  duine 
riamh  ?  " 

"  Is  i,"  ars  iad-san,  agus  iad  a'  cur  suas  an 
aodaich,  "  boirionnach  is  breagha  a  chunnaic  duine." 

Bha  ise  an  so  'na  cadal,  's  cha  robh  fios  aice 

*  Fios  an  Anraidh,  GiUe  a'  Bhuidseir,  103-105,  110. 


214  An  Ròsarnach 

gu'n  robh  iad-san  a'  sealltuinn  oirre.  Leig  e 
leatha  'na  cadal,  's  cha  do  dhùisg  e  i.  Goirid  'na 
dhèidh  sin,  dhùisg  ise  's  thuirt  i  ris,  "A  Dhiarmaid ! 
am  bheil  thu  'nad  dhùsgadh  ?  " 

"  Tha  mise  'nam  dhùisg/'  arsa  Diarmaid. 

"  C'à'm  b'fhearr  leat  a  bhi  agad  air  a  thogail 
an  aona  chaisteal  bu  bhreagha  chunnaic  thu  riamh  ?  " 

*'  Suas  os  cionn  Beinn  Eudainn,  nam  faighinn 
mo  roghainn."  Chaidil  Diarmaid,  's  cha  duirt 
ise  tuilleadh  ris. 

Dh*  fhalbh  fear  moch  a  mach  roimh  latha  'màir- 
each,  's  chunnaic  e  caisteal  air  a  thogail  shuas  air 
cnoc.  Ghlan  e  a  fhradharc  feuch  an  robh  e  gu 
cinnteach  ann  :  chunnaic  e  an  sin  e,  's  chaidh  e 
dhachaidh  's  cha  d'thuirt  e  facal.  Chaidh  fear  eile 
a  mach  's  chunnaic  e  e  's  cha  d'thuirt  e  facal.  Bha 
an  so  an  la  a  'soiUeireachadh'  's  thàinig  dithisd  a 
stigh  ag  innseadh  gu'n  robh  an  caisteal  gu  diongalt 
ann. 

Ars  ise,  agus  i  ag  èirigh  'na  suidh,  "A  Dhiarmaid, 
èirich  !  gabh  suas  a  dh'  ionnsuidh  do  chaisteil, 
na  bi  'nad  shìneadh  an  sin  na's  fhaide." 

'*  Nam  biodh  caisteal  ann,  rachainn  ann,"  ars 
esan. 

'*  Seall  a  mach  feuch  am  bheil  caisteal  ann." 

Sheall  e  a  mach  agus  chunnaic  e  caisteal,  agus 
thàinig  e  a  stigh.  '*  Thèid  mise  suas  do'n  chaisteal, 
ma  thèid  thu  fhèin  comhla  rium." 

"  Ni  mise  sin,  a  Dhiarmaid,  ach  na  can  rium 
tri  uairean  mar  a  fhuair  thu  mi."* 

*  O'Croileagan  agus  a'  bhean-sìth,  Trans.  Gaelic  Soc.  Inverness, 
XXV.,  Id4.      O'Cronicert,  Rev.  J.  G.  CampbeU's  Superstitions, 


Nighean  Rìgh'fo-Thuinn  215 

"  Cha  chan  mise  riut  gu  siomiidh  mar  a  fhuair 
mi  thu." 

Dh'  fhalbh  iad  do'n  chaisteal  'nan  dithis.  B'e 
sin  an  caisteal  àluinn.  Cha  robh  sgàth  a  bhiodh 
chum  feum  caisteil  nach  robh  ann,  gu  ruige  buachaille 
ris  na  gobhair.  Bha  am  biadh  air  a'bhòrd  ;  bha 
fir-mhuinntir  agus  mnathan-muinntir  timchioU  air. 

Thug  iad  tri  làithean  'sa'  chaisteal  comhla, 
's  an  ceann  nan  tri  làithean,  thuirt  ise  ris,  *'  Tha 
thu  'gabhail  mulaid  nach  robh  thu  comhla  ri  càch." 

"  Saoil  nach  'eil  mi  'faireachduinn  mulaid  gu 
dearbh  nach  robh  mi  comhla  ris  an  Fhèinn.*' 

"  Is  fhearr  dhuit  falbh  leis  an  Fhèinn,  's  cha 
bhi  do  bhiadh  no  do  dheoch  na's  miosa  na  tha  iad." 

"  Co  bheir  an  aire  do'n  t-saighead  [sic]  mhiol- 
choin  's  d'a  tri  chuileanan  ?  " 

"  O,"  ars  ise,  '*  gu  dè  is  eagal  do'n  t-saighead 
mhiol-choin,   's  d'a  tri  chuileanan  ?  " 

Dh'  fhalbh  e  an  uair  a  chuala  e  sin — dh'fhàg 
e  beannachd  aice,  agus  ràinig  e  muinntir  na  Fèinne, 
agus  Fionn  bràthair  a  mhàthar.  Bha  flàth  agus 
fàilt  aca  roimh  Dhiarmaid,  an  uair  a  ràinig  e,  ach 
bha  mio-run  aca  ris  a  thaobh  gu'n  tàinig  am  boir- 
ionnach  dh'an  ionnsuidh-san  an  tòiseach,  's  gu'n 
do  chuir  iad  cùl  rithe  's  gu'n  do  ghabh  esan  roimpe, 
's  gu'n  do  thionndaidh  a'  chùis  a  mach  cho  maith. 

Bha  ise  a  muigh  an  dèidh  dha-san  falbh,  agus 
dè  chunnaic  i  ach  fear  a*  tighinn  ann  an  cabhaig 
mhoir.  Smaointich  i  an  so  fuireachd  a  muigh  gus 
an  tigeadh  e.       Dh'fhuirich  i  a  muigh  gus  an  tàinig 

29.  111.  42;         W.   H.   TaUs,  II.,  No.  28.  Rudha  na  Sirich. 
Cù  Dubh  Mhic  a  Phi,  Scotiish  CeUic  Review»  i.  262,  1882. 


216  An  Ròsarnach 

e,  agus  co  bha  an  so  ach  Fionn.  Chuir  e  fàilte  oirre, 
's  nig  e  air  làimh  oirre.  "  Tha  miothlachd  agad  rium, 
a'  righinn.'* 

**  O  chan'eil  sgath,  Thinn,  thig  a  stigh  's  gu'n 
gabh  thu  deoch  uam." 

"  Thèid  mi  an  sin,  ma  gheabh  mi  m'iarradas." 

'*  Dè'n  t-iarradas  a  bhitheadh  an  so  nach  fhaigh- 
eadh  thusa  ?  '' 

"  Is  e  sin  fear  de  na  cuileanan  a  tha  aig  an  t- 
saighead  mhiol-choin.*' 

"  O  !  cha  mhòr  an  t-iarradas  a  dh'  iarr  thu  : 
am  fear  a's  roghnaiche  leat  fhèin  a  th'  ann,  thoir 
leat  e."      Fhuair  e  so,  agus  dh'  fhalbh  e. 

Am  beul  na  h-oidhche,  thàinig  Diarmaid.  Choinn- 
ich  an  t-saighead  mhiol-choin  a  muigh  e  's  leigi 
sgal  aisde.  "  Is  fìor  e,  a  ghalad  !  dh'  fhalbh  fear 
de  do  chuileanan,  ach  nam  bitheadh  cuimhne  agad- 
sa  mar  a  fhuair  mise  thusa  an  uair  a  bha  t'fhalt 
us  t'fhionna  sìos  gu  do  shàiltean,  cha  do  leig  thu  an 
cuilean  air  falbh." 

"  A  Dhiarmaid  !   gu  dè  thuirt  thu  mar  siod  ?  " 

"  O I  "  arsa  Diarmaid,  "  tha  mi  'g  iarraidh 
maitheanais." 

"  O  !    gheabh  thu  sin." 

Chaidil  e  a  stigh  an  oidhche  sin,  agus  bha  a  bhiadh 
's  a  dheoch  mar  a  b'  àbhaist. 

An  la'r-na-maireach  dh'  fhalbh  e  far  an  robh  e 
an  dè.  An  uair  a  bha  esan  air  falbh,  chaidh  ise  a 
mach  a  ghabhail  sràid.  Neas  a  bha  i  a'gabhail 
sràid,  gu  dè  chunnaic  i  ach  marcaiche  a*  tighinn 
far  an  robh  i.  Rinn  i  stad  a  mach  gus  an  d'ràinig 
e  i.     Co  ràinig  i  an  so  ach  Oisein  Mac  Fhinn.     Chuir 


Ntghean  Rìgh'fO'Thuinn  217 

iad  fàilte  a*s  flàth  air  a  chèile.  Thuirt  i  ris  dol  a 
stigh  leatha,  's  gu'n  gabhadh  e  deoch  uaithe.  Thuirt 
e  gu'n  rachadh  nam  faigheadh  e  a  iarradas.* 

"  Gu  de  an  t-iarradas  a  th'  agad  ?  " 

"  Fear  de  chuileanan  na  saighead  mhiol-choin." 

"  Gheabh  thu  sin  :  thoir  leat  do  roghainn  diubh." 
Thug  e  leis  e  agus  dh*  fhalbh  e. 

Am  beul  na  h-oidhche,  thàinig  Diarmaid  dachaidh. 
Choinnich  an  t-saighead  mhiol-choin  a  muigh  e, 
agus  leig  i  dà  sgal  aisde.  *'  Is  fìor  sin,  a  ghalad ! 
thugadh  fear  eile  uait,  ach  nam  bu  chuimhne  leatha- 
se  mar  a  fhuair  mise  i,  cha  leigeadh  i  fear  de  do 
chuileanan  air  falbh,  an  uair  a  bha  a  falt  's  a  fionna 
a  sìos  gu  a  sàiltean." 

''  A  Dhiarmaid  !     gu  dè  thuirt  thu  ?  " 

"  Tha  mi  ag  iarraidh  maitheanais." 

"  Gheabh  thu  sin." 

Rug  iad  air  làmhan  air  a  chèile,  *s  chaidh  iad 
dachaidh  comhla,  's  bha  biadh  a's  deoch  an  oidhche 
sin  ann,  ma  bha  e  riamh  ann. 

Anns  a'  mhaduinn,  dh'  fhalbh  Diarmaid  :  treis 
an  dèidh  dha  falbh,  bha  ise  a  muigh  a'  ghabhail 
sràid.  Chunnaic  i  marcaiche  eile  a'tighinn  an  diugh 
agus  e  ann  an  cabhaig  mhoir.  Smaointich  i  gu'm 
fuireachadh  i  gun  dol  dachaidh  gus  an  tigeadh  e  air 
aghaidh.  Gu  dè  bha  an  so  ach  fear  eile  de'n  Fhèinn. 
Chaidh  e  le  briathran  modhail  a  dh*  ionnsuidh  na 
righinn  òig.  's  chuir  iad  flàth  a's  fàilte  air  a  chèile. 

*  Tha  cead  aig  gach  aoidh  ni  sam  bith  'iarraidh  air  fetr 
an  tìghe,  agus  tha  e  mar  fhiachaibh  air  fear  an  tighe  a  iarradas 
a  thoirt  da  mu'n  diùlt  an  t-aoidh  a  aoidheachd  agus  gu'm 
bitheadh  sin  'na  mhasladh  do  fhear  an  tighe. 


218  An  Ròsarnach 

Thuirt  i  ris  dol  dachaidh  leatha  's  gu'n  gabhadh  e 
deoch  uaithe.  Thuirt  e  gu'n  rachadh  nam  faigheadh 
e  a  iarradas.  Dh'fhoighnich  ise  an  uair  sin  gu  dè 
an  t-iarradas  a  bhiodh  an  sin.  "Fear  de  na  cuileanan 
aig  an  t-saighead  mhiol-choin." 

*'  Ged  is  cruaidh  leam  e,  bheir  mi  dhuit  e.** 
Chaidh  e  leatha  chun  a'chaisteil,  ghabh  e  deoch, 
fhuair  e  an  cuilean  's  dh'  fhalbh  e. 

Am  beul  na  h-oidhche,  thàinig  Diarmaid.  Choin- 
nich  an  t-saighead  mhiol-choin  e,  's  thug  i  tri  sgalan 
aisde  bu  ghrandacha  chuala  duine  riamh. 

*'  Seadh,  is  fhìor  e,  a  ghalad  !     tha  thusa  gun 
ghin  an  diugh  :     ach  nam  bu  chuimhne  leatha-sa 
mar  a  fhuair  mise  i,  cha  leigeadh  i  an  cuilean  air 
falbh — an  uair  a  bha  a  falt  's  a  fionna  a  sìos  gu  a 
sàiltean,  cha  dèanadh  i  sin  orm-sa.*' 
*'  A  Dhiarmaid  !    gu  dè  thuirt  thu  ?  " 
*'  O  !    tha  mi  ag  iarraidh  maitheanais." 
Chaidh  e  dhachaidh.       Bha  e  gun  bhean  'na 
leabaidh  leis  mar  a  bha  e  riamh,  agus  gu'm  b'ann 
ann  am  poU  mònadh  a  dhùisg  e  a  maireach.      Cha 
robh  caisteal  ann,  no  clach  a  lathair   dheth  air  a 
chèile.    Thòisich  e  air  caoineadh,  's  thuirt  e  ris  fhèin 
nach  deanadh  e  stad  chinn  no  choise  gus  am  faigh- 
eadh  e  i. 

Ghabh  e  air  falbh,  's  gu  dè  rinn  e  ach  tarsuing 
glinn'  a  ghabhail.  Cha  robh  tigh  no  eile  [eibhleag  ?] 
a'  tachairt  air.  Thug  e  sùil  thairis  air  a  ghuallainn 
as  a  dhèidh,  'sbha  an  t-saighead  mhiol-choin  an  dèidh 
bàs  fhaotainn.  Rug  e  air  earball  oirre,  's  chuir  e 
thar  a  ghuallainn  i,  's  cha  dealaicheadh  e  rithe  leis 
a'  ghaol  a  bha  aige  oirre.      Bha  e  falbh,  's  gu  de 


Nighean  Rìgh-fo-Thuinn  219 

chunnaic  e  os  a  chionn  ach  buachaiUe.  "  Am  faca 
thu  aona  bhoirionnach  an  diugh  no  an  dè  a'gabhail 
an  rathaid  so  ?  "  arsa  Diarmaid  ris  a'  bhuachaille. 

"  Chunnaic  mise  boirionnach  moch  *sa'  mhaduinn 
an  dè  agus  i  a'  coiseachd  gu  teann,"  ars  am  buachaille. 

"  Co  an  rathad  a  chunnaic  thu  i  a'  dol  ?  " 

"  Ghabh  i  sìos  an  rudha  sin  aig  a'  chladaich,  agus 
chan  fhaca  mise  tuiUeadh  i." 

Ghabh  e  a'  cheart  rathad  a  ghabh  i  gus  nach 
robh  dol  na  b'fhaide  aige.  Chunnaic  e  soitheach. 
Chuir  e  ceann  caol  a  shleagh  r'a  uchd,  's  leum  e 
innte  's  chaidh  e  gus  an  taobh  eile.  Leig  e  [e]  fèin 
'na  shìneadh  taobh  cnoic,  agus  chaidil  e.  An  uair 
a  dhùisg  e,  cha  robh  soitheach  r'a  fhaicinn.  "  Is 
truagh  an  duine  mi :  chan  fhaigh  mi  às  a  so  am 
feasd,  agus  chan'eil  comas  air." 

Shuidh  e  air  cnoc  's  cha  robh  e  fad  an  sin,  an  uair 
a  chunnaic  e  bàta  a'  tighinn  agus  aon  duine  'na 
broinn,  agus  e  'ga  h-iomram.  Ghabh  e  sìos  far  an 
robh  i,  rug  e  air  an  t-saighead  mhiol-choin,  chuir 
e  a  stigh  i,  's  chaidh  e  fhèin  as  a  dhèidh.  Ghabh 
am  bàta  an  siod  sìos  a  mach  air  a'  mhuir,  's  ghabh 
i  sìos  fodha,  's  cha  d'rinn  e  ach  dol  sìos,  an  uair 
a  chunnaic  e  grunnd  agus  machair  air  am  faodadh  e 
coiseachd.      Chaidh  e  air  tìr  's  ghabh  e  air  aghart. 

Cha  robh  e  ach  treis  a'  coiseachd,  an  uair  a 
thachair  balgam  fala*  ris.  Thog  e  an  fhuil  'na 
neapaiginn,  's  chuir  e  'na  phoca  i.  '*Is  i  an  t-saighead 
mhiol-choin  a  chaiU  so,"  ars  esan.      Bha  e  treis  a* 

•  Faic  "  Na  Tri  Coin  Uaine."  CeUic  Monihly,  Sept.,  1916; 
Glaistig  Lianachain,  Celtic  Review,  V.  253.  Clann  an  Righ  fo 
GheMaibh.  An  Sgeulaiche,  III..  70. 


220  An  Ròsarnach 

coiseachd,  agus  thachair  an  ath  bhalgam  ris,  's 
thog  e  e  's  chuir  e  'na  phoca  e.  Thachair  an  treas 
fear  air  's  rinn  e  a  leithid  eile  air. 

Gu  dè  chunnaic  e  treis  uaidh  'na  dhèidh  sin  ach 
boirionnach  's  i  air  a'  chaothach  a'  buain  luachrach. 
Ghabh  e  dha  h-ionnsuidh,  *s  dh'fhoighnich  e  dhi 
gu  de  an  naigheachd  a  bha  aice  ?  "  Chan  urrainn 
mi  innseadh  gus  am  buain  mi  an  luachair.'* 

"  Bi  'ga  innseadh  dhomh,  neas  a  bhios  tu  'ga 
buain,"  arsa  Diarmaid. 

'*  Tha  cabhag  mhòr  orm,"  ars  ise. 

"  Gu  dè  an  t-àite  a  tha  an  so  ?  '*  ars  esan. 

'*  Tha  an  so,*'  ars  ise,  "  Rìoghachd-fo-Thuinn.** 

"  Rioghachd-Fo-Thuinn  ?  '* 

**  Seadh,''  ars  ise. 

"  Gu  dè  am  feum  a  tha  agad  air  luachair  an 
uair  a  tha  thu  'ga  buain  ?  " 

"  Innsidh  mi  sin  duit.  Tha  mi  ag  aithneachadh 
gur  coigreach  thu." 

"  Seadh,   fìor  choigreach." 

"  Tha  Nighean  Rìgh-Fo-Thuinn  air  tighinn  dach- 
aidh  's  bha  i  seachd  bUadhna  fo  gheasan,  agus  tha 
i  gu  h-olc,  's  tha  leighean  na  Crìosdachd  air  cruinn- 
eachadh,  's  chan'eil  gin  aca  a'dèanamh  feum  di, 
agus  is  e  leabaidh  luachrach  a's  fallainne  a  tha  i 
a'  faotainn." 

"  Ma  ta,  bhithinn  fada  'nad  chomain  nam  faiceadh 
thu  mi  fhèin  far  am  bheil  am  boirionnach  sin." 

"  Ma  ta,  chì  mi  sin,  cuiridh  mi  'sa'  bhoitein 
luachrach  thu,  's  cuiridh  mi  an  luachair  fodhad  a's 
tharad,*  's  bheir  mi  leam  air  mo  mhuin  thu." 

*  Faic  Sgeulaiche  nan  Caol,  t-d,  173. 


Chuir  I  Diarmaid  stnnt>  a'  hhoitean,  's  thug  i  leatha  air  a  muin  e! 


Nighean  Rìgh-fO'Thuinn  221 

"  Sin  rud  nach  unrainn  thu  a  dhèanamh." 

"  Bitheadh  sin  orm  fèin/' 

Chuir  i  Diarmaid  anns  a'bhoitein,  's  thug  i 
leatha  air  a  muin  e !  (Nach  b'i  mo  chaileag  i !)  An 
uair  a  ràinig  i  an  seomar,  leig  i  as  am  boitein.  "  O  ! 
greas  sin  dha'm  ionnsuidh/'  arsa  Nighean  Rìgh-Fo- 
Thuinn.  Leum  esan  as  a'bhoitein,  leum  e  'na 
coinnimh-se,  's  rug  iad  air  làmhan  air  a  chèile,  's 
bha  gàirdeachas  an  sin. 

"  Dh'  fhalbh  tri  trianan  de'n  bhochduinn,  ach 
chan'  eil  mise  gu  maith  's  cha  bhi.  A  h-uile  h-uair 
a  bha  mi  smaointeachadh  ort-sa  an  uair  a  bha  mi 
'tighinn,  chaill  mi  balgam  de  fhuil  mo  chridhe." 

'*  Ma  ta,  tha  tri  balgamannan  de  dh'fhuil  do 
chridhe  agam-sa — gabh  thusa  air  deoch  iad,  's 
cha  bhi  cnead  ort." 

"  Ma  ta,  cha  ghabh,  cha  dèan  iad  sgath  de 
mhaith  dhomh  o  nach  fhaic  mi  aon  rud  's  chan  fhaic 
mise  sin  air  an  t-saoghal." 

**  Gu  dè  an  rud  a  tha  an  sin  ?  "  ars  esan. 

*'  Chan  'eil  maith  dhomh  sin  'innseadh  duit-se ; 
chan  fhaigh  thu  e  no  duine  air  an  t-saoghal,  dh' 
fhairthch  sin  orra  o  chionn  fada." 

"  Ma  tha  e  air  uachdar  an  t-saoghail,  gheabh 
nùse  e,  's  innis  thusa  e." 

*'  Is  e  sin  tri  deochannan  à  cupa  Rìgh  Magh  an 
loghnaidh,  's  cha  d'fhuair  duine  sin  riamh  's  chan 
fhaigh  mise  e." 

*'  Gheabh  mise  e,"  arsa  Diarmaid,  "  's  chan'eil 
air  uachdar  an  t-saoghail  na  chumas  uam  e.  Innis 
domh-sa  am  bheil  an  duine  sin  fada  uam  ?  " 

"  Cban'eil :    tba  e  ann  an  crìch  rì  m'athair,  ach 


222  An  Rdsarnach 

tha  allt  ann,  's  tha  seòladh  là  a's  bliadhna  aig  soith- 
each  ann  le  soirbheas  'na  dèidh  mu'n  ruig  thu  e." 

Dh*  fhalbh  e  's  ràinig  e  an  t-allt.  Thug  e  treis 
mhaith  a'  coiseachd  taobh  an  uiUt.  "  Chan  urrainn 
domh-sa  faighinn  a  null  oirre  [air  ?],  is  fhìor  di 
siod." 

Mu'n  do  leig  e  am  facal  às  a  bheul,  sheas  duine 
beag  ruadh  am  meadhon  an  uiUt. 

*'  A  Dhiarmaid  Mhic  Duibhne,  tha  thu  ann  ad 
èigin." 

"  Tha  mi  ann  am  èigin  an  ceartuair." 

''  Gu  dè  bheireadh  thusa  do  dhuine  bheireadh 
às  an  èigin  thu  ?  Thig  a  nall — cuir  do  chas  air 
mo  bhois-sa." 

'*  O !  chan  urrainn  do  m'chois  ann  ad  bhois- 
sa."* 

*'  Is    urrainn  !  " 

Dh'fhalbh  e,  agus  chuir  e  a  chas  air  a  bhois. 

"  A  nis,  a  Dhiarmaid,  is  ann  chun  Rìgh  Magh 
an  loghnaidh  a  tha  thu  'dol." 

'*  An  leobhra,  is  ann.'* 

"  Is  ann  a'dol  a  dh'iarraidh  a  'chupa  a  tha  thu  ?  " 

"  Is  ann." 

"  Thèid  mi  fhèin  leat." 

"  Thèid." 

t["  An  toir  thu  mise  a  stigh  leat  ? " 

"  Bheir." 

♦  Anns  an  L.S.,  "0  chan  urrainn  do  d'bhois  aunn  a'm' 
chois-sa.'' 

t  Na  bheil  eadar  an  dà  dhìg,  b'eudar  a  chur  a  stigh  gus 
a'chuid  nach  tàinig  de'n  sgeul  a  dhèanamh  na's  foUaisich. 


Nighean  Rìgh-fO'Thuinn  223 

'*  An  dèan  thu  iomradh  orm  ann  an  tigh  an 
Rìgh,  Rìgh  Magh  an  loghnaidh  ?  " 

Thug  an  duine  beag  ruadh  an  t-aiseag  dha,  's 
ràinig  iad  an  tìr  thall. 

Ach  am  beul  na  h-oidhche,  nuair  a  bha  iad 
a'  falbh  rompa  am  measg  chreagan,  thàinig  ceò 
tiugh  druidheachd  orra,  agus  an  uair  a  dh'fhalbh 
an  ceò,  cha  robh  mìr  de'n  duine  bheag  ruadh  an 
làthair,  agus  cha  robh  an  corr  cuimhne  aig  Diarmaid 
air.] 

Ràinig  Diarmaid  tigh  Rìgh  Magh  an  loghnaidh. 
Dh'èigh  e  an  cupan  a  chur  a  mach,  no  cath  aimeo 
comhrag. 

Siod  an  rud  a  gheabhadh  e,  cath  aimeo  comhrag, 
's  cha  b'e  an  cupan.  Chuireadh  a  mach  ceithir 
cheud  lùgh-ghaisgeach,  agus  ceithir  cheud  làn- 
ghaisgeach,  agus  ann  an  dà  uair,  cha  d'  fhàg  e  duine 
beò  dhiubh. 

Dh'èigh  e  a  rithisd  cath,  aimeo  comhrag,  no 
an  cupan  a  chur  a  mach.  Siod  an  md  a  gheabhadh 
e,  cath  aimeo  comhrag,  's  cha  b'e  an  cupan.  Chuir- 
eadh  a  mach  ochd  ceud  lùgh-ghaisgeach,  agus  ochd 
ceud  làn-ghaisgeach,  agus  ann  an  tri  uairean,  cha 
d'fhàg  e  duine  beò  dhiubh. 

Dh'èigh  e  a  rithisd,  cath  aimeo  comhrag,  aimeo 
an  cupan  a  chur  a  mach  d'a  ionnsuidh.  Chuireadh 
a  mach  naoidh  ceud  Itigh-ghaisgeach,  agus  naoidh 
ceud  làn-ghaisgeach,  agus  ann  an  ceithir  uairean, 
cha  d'fhàg  e  duine  beò  dhiubh. 

"  Co  às,"  ars  an  Rìgh,  agus  e  a'seasamh  anns 
an  domsd  mhòr  aige  fhèin,  "  a  thàinig  an  duine  a 


224  An  Rdsarnach 

tha  an  dèidh  mo  rìoghachd  a  sgrios  ?  Ma's  e  toil 
a'ghaisgich  e,  innseadh  e  co  às  a  thàinig  e." 

"  Is  e  toil  a'  ghaisgich  e — gaisgeach  de  mhuinntir 
na  Fèinne  a  tha  annam-sa — is  mise  Diarmaid/* 

'*  Carson  nach  do  chuir  thu  bràth  a  stigh  co  a 
bh'ann,  's  cha  chosdainn-sa  mo  rìoghachd  riut,  's 
gu'm  marbhadh  tu  a  h-uile  duine  dhiubh,  chionn 
bha  e  air  a  chur  a  sìos  anns  na  leabhraichean  seachd 
bUadhna  mu'n  do  rugadh  thu.      Gu  dè  tha  uait  ?  " 

"  Tha  an  cupa — thig  e  o  do  làimh  fhèin  airson 
leighis.'* 

'*  Cha  d'fhuair  duine  riamh  mo  chupa-sa  ach 
thu  fhèin,  ach  is  furasda  dhomh-sa  cup  a  thoirt 
duit ;  ach  chan'eil  airson  leighis  ach  an  cup  a  bhios 
agam  fhèin  mu'n  bhòrd." — Fhuair  Diarmaid  an 
cupan  o  Rìgh  Magh  an  loghnaidh. 

*'Cuiridh  mise  a  nis,  a  Dhiarmaid,  soitheach 
leat/'  ars  an  Rìgh.  '*  Taing  mhòr  duit-sa,  a'  Rìgh, 
tha  mise  mòran  ann  ad  chomain,  ach  tha  an  t-aiseag 
agam  fhèin."  Dhealaich  Diarmaid  agus  an  Rìgh 
an  so  ri  a  chèile. 

Chuimhnich  e  an  uair  a  dhealaich  e  ris  an  Rìgh, 
nach  tug  e  guth  air  an  duine  bheag  ruadh  idir  an 
dè,  's  nach  tug  e  a  stigh  e.  Is  ann  an  uair  a  bha  e 
tighinn  dlùth  air  an  allt  a  smuainich  e  air.  Cha 
robh  fios  aige  a  nis  dè  mar  a  gheabhadh  e  thar  an 
uillt.  ''  Chan'eil  àrach  air,''  ars  esan,  "  chan  fhaigh 
mise  nis  a  nuU  thar  an  aisig,  's  cha  leig  an  nàire 
dhomh  tilleadh  tuiUeadh  chun  an  Rìgh.''  Gu  dè 
dh'èirich  agus  am  facal  a'  tighinn  à  a  bheul  ach  am 
fear  beag  ruadh  as  an  allt. 

'^Tha  thu  a'd  èigin,  a  Dhiarmaid," 


Mu'n  do  leig  e  am  focal  as  a  bheul,   shcas  duini:  bcag 
ruadh  am  meadhon  an   uillt 


Nighean  Rìgh'fO'Thuinn  22S 

"  Tha." 

"  Is  ann  an  diugh  a  tha  thu  'nad  èighx,  a'  Dhiar- 
maid." 

"  Is  ann.  Fhuair  mi  an  rud  a  bha  dhìth  orm  's 
chan'eil  mi  'faighinn  a  null.'' 

"  Ged  a  rinn  thu  orm  na  rinn  thu  [ged]  nach  tug 
thu  iomradh  orm  an  dè,  cuir  do  chas  air  mo  bhois,  's 
bheir  mi  a  null  thu." 

Chuir  Diarmaid  a  chas  air  a  bhois,  's  thug  e  a 
null  thar  an  uillt  e. 

"  Dèanadh  tu  bruidhinn  riums'  a  nis,  a  Dhiar- 
maid." 

"  Ni,"  arsa  Diarmaid. 

"  Tha  thu  'dol  a  leigheas  Nighean  Rìgh-Fo- 
Thuinn,  is  i  nighean  is  docha  leat  air  an  t-saoghal." 

"  O  !  is  i." 

"  Gabhaidh  tu  a  dh'ionnsuidh  a  leithid  so  de 
thobar.  Gheabh  thu  botul  ri  taobh  an  tobair, 
agus  bheir  thu  leat  a  làn  de  dh'  uisge.  An  uair  a 
niigeas  tu  an  righinn,  cuiridh  tu  an  t-uisge  ann  an 
cupan  's  balgam  fala  ann,  's  òlaidh  i  e.  Lìonaidh 
tu  a  rithisd  e,  's  òlaidh  i  e.  Lìonaidh  thu  an  treas 
uair  e,  's  cuiridh  thu  an  treas  balgam  fala  ann,  's 
òlaidh  i  e,  's  cha  bhi  cnead  oirre  an  uair  sin.  An  uair 
a  bheir  thu  am  fear  mu  dheireadh  dhi,  agus  a  bhios  i 
gu  maith,  is  i  is  lugha  ort  a  chunnaic  thu  riamh 
mu  d'  choinnimh." 

"O!  chani." 

"  O  !  is  i.  Aithneachaidh  an  righinn  gu'n  do 
ghabh  thu  gràin  di.  Their  i,  '  a  Dhiarmaid,  tha 
thu  'gabhail  gràin  diom.'  Abair  thusa  gu'm  bheil. 
Am  bheil  fios  agad  dè'n  duine  a  tha  bruidhinn  rìut  ?  " 
ars  an  duine  beag  ruadh  rì  Diarmaid. 


226  An  Ròsarnach 

"  Chan'eil,"    arsa    Diarmaid. 

"  Th'  annamsa  teachdaire  o'n  t-saoghal  eile, 
chionn  do  sheòladh,  a  thaobh  do  chridhe  bhi  cho 
blàth  gu  leum  a  dheanamh  do  dhuine  eile.  Thig 
Rìgh-Fo-Thuinn,  agus  tairgidh  e  mòran  airgid  agus 
òir  duit  airson  a  nighean  a  leigheas.  Cha  ghabh 
thu  sgath,  ach  an  Rìgh  a  chur  long  [luinge  ?]  leat 
do  dh'  Eirinn,  gus  an  àite  as  an  tàinig  thu." 

Dh'fhalbh  Diarmaid.  Ràinig  e  an  tobar,  agus 
fhuair  e  botul,  agus  lìon  e  de'n  uisge  e.  Thug  e 
leis  e  agus  ràinig  e  caisteal  Rìgh-Fo-Thuinn.  An 
uair  a  thàinig  e,  chuireadh  flàth  a's  fàilt  air. 

"  Cha  d'  fhuair  duine  an  cupan  ud  riamh  roimh- 
id/'  ars  ise. 

"  Gheabhainn-se  e  o  na  bha  air  uachdar  an 
t-saoghail,  cha  robh  duine  ri  tiUeadh  a  chur  orm," 
[arsa  DiarmaidJ. 

"  Bha  duir  am  nach  fhaigheadh  thu  e,  ged  a 
dh'  fhalbh  thu,  ach  tha  mi  faicinn  gu'n  fhuair  thu 

er 

Chuir  e  balgam  fala  anns  an  uisge  anns  a'  chupan 
's  dh'òl  i  e.  Dh'òl  i  an  dama  h-aon,  's  dh'òl  i  a 
treas  h-aon,  's  an  uair  a  dh'òl  i  an  treas  h-aon  cha 
robh  cnead  oirre — bha  i  gu  slàn  fallainn.  An  uair 
a  dh'fhàs  i  an  so  gu  maith,  ghabh  esan  an  gràin 
oirre  ;  is  gann  a  dh'  fhuiHngeadh  e  a  faicinn.  "  A 
Dhiarmaid !  "  ars  ise,  "  tha  thu  a'gabhail  gràin 
orm." 

"O!  tha." 

Chuir  an  righinn*   an  so  fios  feadh  a'   bhaile, 

♦  Anns  an  eadar-theangachadh  aig  lain  Og  Ile,  is  e  an 
Righ  's  cha  b'e  an  righinn  a  rinn  so. 


Nighean  Rìgh-fo-Thuinn  227 

gu'n  do  leighseadh  i,  's  thogadh  ceòl  's  leagadh  bròn. 
Thàinig  an  Rìgh  far  an  robh  Diarmaid  's  thuirt  e 
ris,  '*  Gabhaidh  tu  a  nis  an  uiread  so  de  chunntas 
airgid  airson  a  leighis  's  gheabh  thu  i  fhèin  ri  a 
pòsadh." 

"  Cha  ghabh  mi  an  righinn,  's  cha  ghabh  mi 
ni  sam  bith  ach  soitheach  a  chur  leam  do  dh*  Eirìnn, 
far  am  bheil  an  Fhèinn  cruinn." 

Dh'  fhalbh  soitheach  leis,  's  ràinig  e  an  Fhèinn 
agus  bràthair  a  mhàthar,  agus  bha  gàirdeachas 
roimhe  an  sin,  agus  toil-inntinn  gu'n  do  thill  e. 

From  Roderick  MacLean,  Tailor,  Ken  Tangval,  Barra,  who 
heard  it  frequently  recited  by  old  men  in  South  Uist,  about 
fifteen  years  ago.  One  of  them  was  Angus  Maclntyre,  Bomish, 
who  was  about  80  years  of  age  at  the  time.  [Fios  tha  so  a 
chaidh  a  thoirt  seachad  le  Eachann  Mac-Gilleathain.] 


PB      An  Rbsarnach 

1501 

R6 

Ibhr.l 


PLEASE  DO  NOT  REMOVE 
CARDS  OR  SLIPS  FROM  THIS  POCKET 


UNIVERSITY  OF  TORONTO  LIBRARY