(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Sailm Dhaibhidh, maille ri Laiodhean o'n Scrioptur Naomha, chum bhi air an seinn ann an aoradh Dhia : air an leasachadh, agus air an cuir a mach rr seolaidh, iarrtuis, agus ughdarais Seanaidh Earra-ghaeil"

5W*--^" ■&)&$ 



r '■■% 



1 



,,ov»"< , 






SAILM 
DHAIBHIDH, 

MAILLE RI 

LAOIDHEAN 

o'n 

SCRIOPTUR NAOMHA, 

CHUM BHI AIR AN SEINN ANN AN AORADH DHIA, 



Air an leasachadh> agus aìr an cuir a mach rcir seolaidh % 
iarrtuis, agus ughdarais Seanaidh Earra-ghaeiL 



LE I. SMITH, D. D. 



GLASGOW: 
PRINTED BY FRANCIS ORR à SONS, 

Publishers of Bibles, Testaments, Psalm Books, Catechisms, &c, &c, 
in Gaelic and EnglLsh. 

EDINBURGH:-WM. WHYTE & Co. 

MDCCCXLVI. 



—& 


^r<v 


$> 


D ^ 


>• 






^ 


*1G 


*• 'JÀ° 


% 1 


9 6 9/' 



At Inverary, the 8tli day of August, 
one thousand seven hundred and 
eighty three years, Sessio 5ta, ho- 
ra 8va, ante meridiem. 

After Prayer, Roll called, and marked ; 

The Synod of Argyle being met, and duly 
constituted ; and having resumed the consi- 
deration of the Psalmody approved by the 
General Assembly 1781, and translated into 
Gaelic, at the desrre of the Synod, by Mr 
John Smith, one of their number, they 
agreed that the same should now be revised 
and examined in a Committee of the whole 
Synod; which being done, the Synod un- 
animously declared themselves well satisfied 
with the translation, and appointed the Mo- 
derator, in their name, to thank Mr Smith 
for the great pains he has taken in executing 
it in so faithful and beautiful a manner ; and 
being convinced that the publication thereof 
will be of general use throughout the High- 
lands of Scotland, they recommended to the 
Translator to prepare a copy for the press. 
And being further sensible that the editions 
of the Gaelic version of the Psalms of David 
now used, stand in need of some corrections, 
they further recommended to Mr Smith to 
take the charge of publishing a new edition 
of the same, with the emendations which he 
A 2 



submitted to the eonsideration of tlie Synod, 
and whieh they approved, in order that the 
same may be offered to the public; together 
with the translation of the new Psalmody. 
And the Synod being desirous that this edi- 
tion so correeted, as well as the version of 
the Paraphrases, may meet with the appro- 
bation of their brethren within the bounds of 
their Synods in the Highlands, they recom- 
mended to circulate, without loss of time, a 
few copies among them for their inspection 
and remarks. And, as the Synod hopes, 
that what they have thus, upon mature de- 
liberation, approved, will give general satis- 
faction, and be of common utility, they didf, 
and dò hereby earnestly recommend the same 
to the countenance and encouragement of 
the several Synods within whose bounds the 
Gaelic language is spoken; and also to the 
countenance and encouragement of the Hon- 
ourable the Society in Scotland for Propa- 
gating Christian Knowledge. 

Extracted by Duncan Campbell, 

Synod Clerk. 



SAILM 

DHAIBHIDH. 



SALM I. 



1 'S BEANNAICHT , aii duine sin naeh gluais 

An comhairle nan daoi, 
An slighe fhiar nam peacach baoth, 

'Na sheasamh fòs nach bi ; 
An caithir fanoid luchd an spòrs 

Nach togair suidh' gu bràth : 

2 Ach 'gam bheil toil do naomh-reachd Dhè, 

'Ga smuainteach' oidhch J is là. 

3 Mar ùr-chrann uaine bithidh e 

Aig uisge sèimh a' fàs, 
A bheir 'na aimsir toradh trom, < 

Gun duille chall no blàth. 
Soirbhichidh leis gach ni d'an dean : 

4 Ni h-amhluidh sin a bhios 

Na daoine peacach ; ach mar mholl 
Air 'fhuadachadh le gaoith. 

5 Fa'n aobhar sin cha seas a suas 

Na h-aingidh anns a' bhreith, 
No peacaich ann an comunn naomh 
Nam fireanach air leth. 
a3 



6 SALM II. 

6 Oir 's fiosrach Dia air slighe ghloin 
Nam fireanach air fad ; 
Ach slighe fhiar nam peacach baoth, 
Di-mhilltear i gu grad. 

SALM II. 

1 C* arson a ghabh na Cinnich boiP, 

'S na slòigh le chèile cruiim, 
A' smuaineachadh beairt dhiomhanaich, 
Nach feudar chur an suim ? 

2 Righrean na talmhainn dh'èirich suas, 

'Sna h-uachdarain gu lèir £ 
'N aghaidh Iehobhah chruinnich iad ; 
'N aghaidh aoin ungta Dhè. 

3 'Nis bristeamaid an cuibhreach dhinn, 

(Thubhairt iad sud air fad,) 
Na boinn a b'àill leo iadhadh oirnn, 
Dhinn tilgeamaid gu gràd. 

4 An Ti air nèamh 'na shuidh a ta, 

Ni esan gàire riu ; 
Is mar chùis mhagaidh bithidh iad 
do Thighearn àrd nan dùl. 

5 'N sin labhraidh e am briathraibh borb 

'Na choiruich riu gu garg, 
Is cuiridh e gu cabhaig iad, 
Le lasan is le feirg. 



SALM II. # 7 

6 Gidheadh do dh' ^ungadh leam mo Righ 

Gu fior air Sion caomh ; 
Is chuir mi e 'na uachdaran 
Suas air mo thulaich naoimh. 

7 Cuiream an cèill an t-ordugh ud ; 

(Thubhairt lehobhah rium,) 
Is tu mo mhac-sa ; 's ann an diugh 
A ghineadh thusa leam. 

8 Iarrorm/smaroighreachdbheireamdhuit 

Na fineacha gu lèir ; 
'S mar sheilbh ro-dhileas bheiream clhuit, 
Fad iomall crìch > gach tìr. 

9 Nithear le slait do'n iarunn chruaidh, 

Gu luath am bristeadh leat ; 
'Nam blòidibh beaga pronnar iad, 
Mar phota crè le d' neart. 

10 O Righrean, uime sin anis 

Gabhaibh-sa ciall gu lèir ; 
A Bhreitheamhna na talmhainn fòs 
Grad-fhoghlumaibh deadh-bheus. 

1 1 Do'n Tighearna Iehobhah mòr 

Aoraibh-sa sios gu ceart, 
Le h-eagal deanaibh seirbhis mliaith 

Do Thighearna nam feart. 
'S le ball-chrith deanaibh gairdeachas 

12 Do'n mhac is thugaibh pòg, 



8 . SALM IIL 

Air eagal gu las 'fhcarg-san ruibh, 
G'ur milleadh anns an ròd. 

An uair a bhitheas corruich air 
Ag lasadh ach gu beag, 
Is beannaicht , iad, gach uile neach, 
An dòchas air do leag. 

SALM III. 

1 ÌNach lionmhor iad mo naimhd',a Dhia, 

sior-dhol am meud gach là ? 
Is luchd mo thrioblaid iomad iad, 
Ag èirigh rium do ghnà. 

2 Ri m'anam iomad their nach 'eil 

Aon fhurtachd aig an Dia ; 

3 Ach 's tu fear-togalach mo chinn, 

Mo ghlòir, is tu mo sgia. 

4 Air Dia do ghairm mi fèin le m' ghuth, 

Dh' èisd as a thulaich naoimh : 

5 Luidh, chaidil, agus mhosgail mi, 

Chum Dia mi suas gu caomh. 

6 Ni h-eagal leam deich mìle sluaigh, 

Ged chuairticheadh iad mi. 

7 Mo Thighearn èirich suas gu luath, 

Is cuidich leam, a Dhè : 

Mo naimhde bhuail thu air an gial j 
Bhrist fiacla fòs nan daoi. 



SALM IV. 9 

8 r S le Dia an fhurtachd : air do shluagh 
Do bheannachd tha gun dìth. 

S ALM IV. 

1 O thusa Dhia ud m'ionracais 

Eisd rium trà èigheam riut ; 
'S tudh'fhuasgail orm's miannan teinn; 
Fòir orm, is èisd mo scread. 

2 Mo ghlòir cia f had, a chlann nan daoin', 

Gu nàire chaochluidh's sibh ? 
A' tabhairt gràidh do dhiomhanas, 
Is leanas breugan ruibh ; 

3 Biodh agaibh fios gu'n d' roghnuich Dia 

Dha fèin an duine naomh ; 
Trà èigheam ris, bheir e gu bèachd 
Gu grad fa'near mo ghlaodh. 

4 Biodh eagal oirbh 's na deanaibh lochd : 

Labhraibh ri'r cridhe fèin, 
Gu h-uaigneach air 'ur leapaichibh 
Bibh tosdach mar an eeudn'. 

5 Deadh ìobairt thaitneach thugaibh uaibh 

Do'n ionracas do ghnà ; 
S 'ur dòchas cuiribh ann an Dia, 
Ag earbsa ris gach là. 

6 Ni maith co nochdas duinn a nis ? 

(Tha mòran ac' ag ràdh :) 



10 SALM V. 

Ach dealradh glan do ghnùis, a Dhe, 
Tog oirnne suas do ghnà. 

7 'S mò chuir thu dh'aoibhneas ann am 

No'n uair is lionmhoir' coirc , ,[chridh f 
No, aca sud, is saoibhre fion 
A' cinneachduin gun airc. 

8 An sìth-shàimh luidhidh mi faraon, 

Is caidlidh mi le suain : 
O's tus' a mhàin bheir dhomh, a Dhè, 
Fo dhìdein, còmhnuidh bhuan. 

SALM V. 

1 JDo m' bhriathraibh tabhair air', a Dhè, 

Is beachdaich air mo smuain. 

2 Eisd guth mo ghlaoidh, mo righ 's mo Dhia, 

Oir guidheam ort gu dian. 

3 Mo ghuth do chluinnear leat, a Dhè, 

Air maduinn gach aon là : 
Gu moch do dheanam urnuigh riut 
Is dearcam ort do ghnà. 

4 Cha tus' an Dia le 'm miann an t-olc ; 

Is lochd ni'n caidir thu : 

5 Cha seas an t-amadan a'd* lath'r ; 

'S fuath leat luchd-uilc nach fiu. 

6 Do sgriosar leat luchd-labhairt bhreug ; 

Is gràin le Dia faraon 



SALMV. II 

An duine fuileachdacli, 's an ti 
Chum cealgaireachd a chlaon. 

7 Ach mise, thig mi chum do theach, 

Thaobh meud do ghràsa caomh : 
Is ann ad eagal aoram dhuit, 

M'aghaidh ri d'theampull naomh. 

8 Fa chùis mo naimhde, treòraich mi, 

A'à' cheartas naomh, a Dhè, 
Is deansa romham, air gach ball, 
Do shlighe dìreach rèidh. 

9 Oir cha 'n 'eil cinnt no ceart 'nam beul, 

Fior-aing'eachd annta ta ; 
An sgòrnan fosgailte mar uaigh, 
Le miodal teanga tlà. 

10 Le'n comhairlibh leig tuiteam dhoibh, 

Sgrios iad, a Dhè, 'nan lochd : 
'Nam peacaibh lionmhor fuadaich iad, 
Oir rinn iad ceannairc ort. 

11 Ach aoibhneas air gach neach gu robh 

Ni barant' dhiot 'nan airc : 
Is deanadh iad buan-ghàirdeaehas, 

O rinn thu dhoibh cùl taic : 
Biodh annad ait, na ghràdhaich t'ainm, 

12 Oir beannaichidh tu, Dhè, 
Am firean : ni thu le do ghràs 

A chuairteach', mar le sgè. 



12 SALM VI. 

1 A thighearn, ann ad cliorruich mhòir 

Na cronuich mi gu garg ; 
Na dean mo smachdachadh gu geur, 
An uair a lasas t'fhearg. 

2 Dean tròcair orm, a Dhia nan gràs, 

Oir lag ataim gun cheist : 
Dhia, slànuich mi a nis a'm' fheum, 
Oir tha mo chnàmhan brist\ 

3 Tha m'anam air a chràdh gu geur : 

Ach thus\ a Dhè, cia f had ? 

4 Pill, fuasgail m'anam ; agus fòir ' 

Le tròcair orm gu grad. 

5 Oir orts\ a Thighearna, sa 5 bhàs, 

Cha chuimhnichear gun cheist : 
Cò bheir dhuit buidheachas san uaigh, 
No bheir ort luaidh am feasd ? 

6 Taim sgìth le m , osnalch,feadhnah-oidhch , 

A* cur mo leab' air snàmh : 
Le deuraibh m'uirigh uisgicheam 
San àrn bu chòir dhomh tàmh. 

7 Mo shùil ata air fàilneachadh 

Fa cliùis mo bhròin gach trà ; 
Is ta ag dol gu h-aois, air son 
M' uiP eascairde do ghnà. 

8 A luchd na h-aingidheachd gu lèir, 

Imichibh uam am fad : 



SALM VII. 13 

Oir clmala Dia gu tròcaireach 
Ard-ghuth mo chaoidh gun stad. 

9 An athchuinge do chuir mi suas, 

Chuala Iehobhah i ; 
Is gabhaidh e gu toileach uam 
An urnuigh a ni mi. 

10 Air m' eascairdibh gu robh air fad 

Nàir' agus cùradh geur : 
Is pilleadh iad air 'n ais gu luath 
Le masladh mòr gu lèir. 

SALM VIL 

1 O Dhia mo Thighearn, earbam riut ; 

Orm furtaich agus f òir, 
Is saor mi fòs o shàruchadh 
Mo nàmh tha orm an tòir, 

2 Air eagal, mar ni leòmhan treun, 

Gu reubar m'anam leis : 
A y deanamh liodairt air gu mìn, 
Gun neach do m' fhuasgladh as. 

3 Iehobhah Dhè, ma rinn mi so, 

Ma ta lochd air mo làimh ; 

4 Ma dh'ioc mi olc do'n fhear a Hia 

An siochaint dhomh, ^san dàimh ; 
(Ni h-amhluidh sin, ach rinn mi'n ti 
A theasairginn gu blà 

B 



14 SALM VII. 

A bha gun aobliar is gun chùis 
'Na nàmhaid dhomh gach là.) 

5 Leanadh an nàmhaid m'anam fèin, 

Glacadh se e, 's gu làr 
Saltradh mo bheatha, leagadh fòs 
M'onoir san dus le tàir. 

6 Eirich, a' d'fheirg, tog suas thu fèin, 

Fa chorruich m' eascair thrèin ; 
Is chum na breith a dh'orduich thu 
Mosgail fa'm chùis, a Dhè. 

7 Mar sin ni coimhthional an t-sluaigh 

Do chuairteachadh gun tàmh ; 
Is uime sin fa'n cùis, a Dhe, 
Pill fèin air ionad àrd. 

8 Breith air a' phobull bheir thu, Dhia ; 

Rèir m'ionracais dean breith, 
Do rèir mo neo-chiont' fèin, a Dhè, 
gu teann cuir as mo leth. 

9 O thigeadh crioch air olc nan daoi, 

Ach daingnich daoine còir : 
'S fear-sgrùdaidhcridh , , isrannsaichàirn , 
Dia cothromach na glòir\ 

10 'S e Dia mo sgiath, 's e dh'fhurtaicheas 

Air luchd a* chridhe cheart. 

11 Breitheamh luchd-còrach Dia, gach là 

Am feirg ri luchd droch-bheart. 



SALM VIII. ìi 

12 Ma 's e ? s nach pill an daoi air ais, 

A chlaidheamh lìomhaidh Dia : 
Air lagh a bhogha chuir gu teann, 
Gu caitheamh ullamh dian. 

13 Fior-acfuin agus inneal mairbh, 

Sin dheasaich e dha fèin ; 
Is leig e 'shaighde corrannach 
An aghaidh luchd dhroch-bheus. 

14 Feuch, ghabh e olc mar thorrachas, 

Do'n aimhleas tha e làn ; 
A' chealg a ghineadh, rugadh leis, 
Gun aobhar, gun chion-fà. 

15 Chladhaich e slochd, is threachail e, 

Is thuit san dìg a rinn : 

16 Thig 'aimhleas air a chlaigionn fèin, 

Is ^fhòirneart air a cheann. 

17 Do rèir a cheartais molaidh mi 

An Tighearn, air gach àm : 
Do ainm Iehobhah seinnidh mi, 
O 'se is àirde t'ann. 

SALM VIII. 

1 Iehobhah Dhia, cia mòr tha t'ainm 
Air feadh gach uile thìr ! 
Do ghlòir do shocraich thu os ceann 
Nam flaitheas is nan speur. 

B2 



16 SALM VIII. 

2 A beul nan ciochran òga maoth 

Bhrìgh t'eascair dh'orduich neart, 
An nàmhaid chum gu caisgeadh tu, 
9 8 àn dioghaltach mi-cheart. 

3 Do speuran trà thug mi fa'near, 

Obair do mheura fèin ; 
A' ghealach is na reulta glan, 
A dh'orduich thu le chèil' : 

4 Duine ciod e, gu cuimhnichte ? 

No 'mhac gu fìosraicht' leat ? 

5 Do'n inbhe, 's beag a chum thu uaith, 

Air 'n d'f huair na h-aingil ceart ; 

Oir chuir thu coron àluinn air, 
Le mais is glòir thar chàch. 

6 Air oibribh f òs do làmh air fad, 

Thug uachdranachd gu bràth. 
Gach dùile chuir fo 'chasaibh dha, 
A chruthaich thusa riamh : 

7 Caoraich, is buar, 's gach ainmhidh fòs, 

Tha 'g imeachd air an t-sliabh. 

8 An eunlaith tha san adhar shuas, 

An t-iasg ata sa' chuan, 
J S na shiubhlas air sligh' tuinne fòs, 
Sin thug thu dha gu buan. 

9 A Dhia, ar Tighearn is ar Dia'nn, 

T'ainmsa cia h-uasal e, 



SALM IX* 17 

Air feadh gaeh talaimh is gach tìr 
Is mòr e sud, a Dhè. 

SALM IX. 

1 Le m'uile chridhe bheiream dhuit, 

Ard-mholadh binn, a Dhè ; 
Is t'oibre miorbhuileach air fad 
Sior-chuiridh mi an cèill. 

2 Fòs ni mi annad aoibhneas ait, 

Is gàirdeachas gu mòr : 
Do t'ainmsa seinneam moladh binn* 
O Righ a's àirde glòir. 

3 A rìs trà phillear air an ais, 

Mo naimhde, theid gu làr ; 
Oir tuitidh iad is theid dhoibh as, 
A 5 d'f hianuis fèin gun dàil. 

4 Mo chòir rinn thusa sheasamh dhomh 

Gu daingean is gu treun : 
A'd* chaithir chothroim shuidh thu shuas, 
Mar bhreitheamh ceart am binn. 

5 Is thug thu air na cinnich smachd ; 

Sgrios thu na daoine daoi : 
An ainm do chuir thu as gu glan, 
O linn gu linn a chaoidh. 

6 (O nàmh, chaidh crioch air sgrios am 

Leag thusa bailte treun ; [feasd:) 

B 3 



18 SALM IX. 

An iomradh-san 's an cuimhne fòs 
Do theirig sin leo fèin. 

7 Ach mairidh Dia gu bunaiteach : 

Chuir caithir suas chum breith. 

8 Bheir air an domhan cothrom ceart, 

Le còir do'n t-sluagh fa leith. 

9 Mar dhaingneach bithidh Dia nam feart 

Do'n ti ata fo leòn : 
An trioblaid, tearmunn dìleas e, 
Ri faicinn neach fo bhròn 

10 Gach neach 'gam bheil air t'ainmsa fìos 

Ni dòchas diot, is bun : 
Oir mheud *& ata 'ga d'iarraidh, Dhè, 
Cha trèig thu iad gu tur. 

11 Do'n Triath d'an còmhnuidh Sion 

Seinnibhse cliu gu binn ; [naomh, 
Aithrisibh fòs am measg an t-sluaigh 
Na gniomharan a rinn. 

12 Trà ni e rannsachadh air fuil, 

'N sin cuimhneach orra ta ; 
Cha leig air dearmad glaodh nam bochd, 
A ghairmeas air do ghnà. 

13 Fòir orm, a Dhè, is amhairc air 

Mo thrioblaid o luchd m'fhuath ; 
A Dhè, a ta 'ga m' thogail suas 
O dhorsaibh bàis gu luath. 



SALM IX. 19 

14 An dorsaibh Nighean Shioin chaoimh 

Gu sgaoilinn d'uile chliu : 
Is ni mi gàirdeachas air sgàth 
Na slàint' a dheònaich thu. 

15 Thuit sios na cinnich anns an dìg 

A chladhaich iad do chàch ; 
Is anns an lion a dh'fholuich iad, 
Tha'n cosa fèin an sàs. 

16 Aithnichear Dia sa' bhreith a ni, 

Trà thuiteas daoi san drip ; 
Is ann an gniomh a làimhe fèin 
Teann ghlacar e san rib. 

17 Pillear luchd uilc is aingidheachd 

Gu h-ifrinn sios gu lèir ; 
'S na fineachan nach cuimhnich Dia, 
Pillear iad sios le chèil'. 

18 An t-ainnis truagh cha tèid am feasd, 

Air dearmad no air dìth ; 
Air dòchas f òs an duine bhochd 
Gu brath cha'n fhaicear claoidh. 

19 A Thighearn èirich, 's na leig buaidh 

Le neach d'an dual am bàs ; 
Breith thugar air na cinneachaibh 
A' d'f hianuis anns gach càs. 

20 Cuir eagal orra- san gu mòr, 

Iehobhah Dhia nam feart ; 



20 SALM X. 

Gu'n aithnicheadh na slòigh gu lèir 
lad fèin nan daoine meat'. 

SALM X, 

1 Ciod uime 'n seas thu fad o làimhj 

Iehobhah làidir thrèin ? 
'S an aimsir teinn is trioblaid mhòir 
An dean thu d'fholach fèin ? 

2 Tha'n droch dhuine 'na àrdan borb 

Gu dian air tòir nam bochd ; 
Ach glacar iad sna h-innleachdaibh 
A dhealbh iad fèin chum lochd. 

3 Oir ni an droch-dhuin' ràiteachas 

A miann a chridhe fèin ; 
'S na daoine sanntach molaidh e, 
Ge beag air Dia am mèin. 

4 An droch dhuin , ann fior-àrdan gruaidh 

Cha ghoir e air an Triath 5 
'Na chridhe cha 'n 'eil uair air bith 
Gnè smuaineachaidh airDia. 

5 Tha 'uile shlighe doilghiosach, 

O 'shùilibh 's àrd do bhreith : 
A' sèideadh pluic gu fanoideach, 
M'a eascairdibh gach leth. 

6 'Na chridhe fèin do labhair e, 

Am feasd cha ghluaisear mi : 



SALM X. 21 

Oir cha tig àmhghar orm gu bràth, 
No trioblaid fòs do m' chlaoidh. 

7 Do'n iogan, mhallachadh, 's do ghò, 

A bheul-san ata làn : 
Tha donas mòr is diomhanas 
Fo 'theangaidh-san do ghnà. 

8 An diomhaireachd nam bailte beag 

Ghnà suidhidh e gun fhios : 
Tha 'shùil air bochd 's air neo-chiontach, 
D'am mort an uaignidheas. 

Ta 'shùile nimhneach mar an ceudn', 
Ro-ghuineach geur gu lochd, 

A' dearcadh ann an diomhaireachd 
Air sgrios an fhirein bhochd. 

9 Mar leòmhan luidh 5 am foill ata, 

'Na thàmh an gàradh dion, 
Ghabhail nam bochd : 'gan glacadh fòs, 
'S 'gan tarruing ann a lion. 

10 Crùbaidh, is cromaidh e gu làr, 

Chum dha nach mothaich neach : 
Le laochraibh chum gu leagadh e 
Am bochd a J gabhail seach. 

11 A dubhairt e 'na chridhe fèin, 

Dhi-chuimhnich Dia gun cheist : 
Seadh dh'fholuich e a ghnùis an cèin, 
Cha leir dha sud am feasd. 



22 SALM X. 

12 Iehobhah, èirich suas an àird, 

A Dhia ta neart-mhor treun, 
Togsuasdo làmh : 's nadearmaidchaoidh 
Na deòraidh bhochd 'nam feum. 

13 Na daoine dona c'uim an dean 

lad tailceas ort, a Dhè ? 
An neach ud thuirt 'na chridhe fèin, 
Cha'n fhiosraichear leat e. 

14 Chunnaic thu sin, oir dhuit is lèir 

Gach dochair is gach spìd, 
A chum le d'làimh gu toir thu dhoibh 

Comain an uilc a ni : 
'S ann ortsa dh'fhàg an duine bochd 

E fèin a chur fo dhìon, 
O's tu fear-cuidich agus neart 
Nan dilleachdan gun mhaoin. 

15 Gàirdean an droch-dhuin' is an daoi 

Leòn thus', is brist, a Dhè ; 
Is rannsaich ^uile lochd gu geur, 
Gu ruig nach faighear e. 

16 Gu suthainnisgusiorruidh fòs, 

Iehobhah ta 'na Righ : 
Sgriosadh na cinnich as gu tur, 
Is ghlanadh as a thìr. 

1 7 Miann nan daoin' ùmhal chuaP thu, Dhèj 

An cridhe ni thu gleust' ; 



SALM XI. 23 

Is bheir thu air do chluais gu beachd 

An gearan-san gu'n èisd : 
18 A chumail ceart ri dilleachdain, 

'S ri daoinibh brùite truagh, 
A chum nach d'thugadh duin' o'n ùir 

Ni 's mò air fòirneart luaidh. 

SALM XI. 

1 M o dhòchas chuir mi ann an Dia ; 

Ciod uime 'n abradh sibh 
Ri m'anam, chum mo chuir air gheilt, 
Teich as mar eun gu d' shliabh? 

2 Feuch chuir na h-aingidh bogh' air lagh, 

Air sreing an saighde ghleus, 
Thilgeadh san dorch' an ti ta ceart 
'Na chridh , agus 'na bheus. 

3 Ma thèid na bunaite air dhìth, 

Ciod ni an duine còir ? 

4 Tha Dia'natheampullnaomhjairNèamh, 

Tha 'chaithir làn do ghlòir : 
Is lèir d'a shùilibh-san gach dùil, 

San domhan mhòr ata ; 
Le rosgaibh clann nan daoin' air fad 

Rannsaichidh e do ghnà. 

5 Rannsaichidh Dia na fireanaich ; 

Ach luchd na h-aingidheachd 



24 SALM XII. 

Is fuath le 'anam, is gacli neach 
Thug spèis do ragaireachd. 

6 Air daoinibh droch-mhuint' dòirtidh Dia 

Nuas ribeachan gun dìth : 
Is teine, pronnasc, 's doinionn gharbli, 
Cuibhrionn chup' dhoibh do ni. 

7 Oir Dia ta cothromach is ceart, 

Is ionmhuinn leis a' chòir : 
Ag amharc air na fireanaibh 
Le deadh-ghnùis làn do ghlòir. 

SALM XII. 

1 O fÒir, is cuidich leinn, a Dhè, 

'S gun deadh-dhuin' idir ann : 
Na treibh-dhirich measg clann nan daoin' 
Ri 'm faghail tha ro-ghann. 

2 Labhraidhgachneaehr'a choimhearsnacli 

A' bhreug le miodal bèil ; 

Le cridhe dùbailt làn do cheilg 

Sior-labhraidh iad ri chèiP. 

3 Gach beul tha làn do ghabhann tlà, 

D'an gnà bhi leam is leat ; 
An teanga bhruidhneach àrdanach 
Sgathar le Dia nam feart. 
4< A thubhairt, orra bheir sinn buaidh 
Le'r teangaidh fèin amach ; 



SALM XIII. 25 

'S leinn fèin ar beul : co e an Triath 
A chuireas sinn fo smachd ? 

5 Ri sàruchadh nan deòradh truagh, 

Ri osnaich dhaoine bochd, 
Nis eiream, (arsa Dia,) d'an dion, 
O'n dream ta bagradh lochd. 

6 Is fior-ghlan focal Dhè gu dearbh ; 

Amhluidh mar airgiod e, 
A leaghadh is a ghlanadh fòs 
Seachd uaire 'n suacan crè. 

7 Coimhididh thus' iad uile, Dhè, 

Dionaidh tu iad do ghnà 

O'n ghinealachs' a nis a t'ann, 

'S o sin a mach gu bràth. 

8 Gluaisidh gach aon taobh luchd an uilc, 

Is togaidh iad an ceann ; 
An t-àm an cuirear suas gu h-àrd 
Na ^^0^* a's suaraich t^ann. 

SALM XIII. 

1 Cia fhad a dhearmadar mi leat, 

A Dhia, an ann gu bràth ? 
Cia fhad a cheileas tu do ghnùis 
Gu coimheach uam gach trà ? 

2 Cia f had bhios imcheist ann am chom, 

Le cridhe trom gach là ? 



26 SALM XIV 

Cia fhada chuirear tharum suas 
An ti bha dhomh 'na nàmh ? 

3 Tabhair fa'near, is freagair mi, 

A Thighearna mo Dhia ; 
Soillsich mo shùile, cadal trom 
Chum bàis nach caidleadh mi. 

4 Eagal gu'n abradh rium mo nàmh, 

Chaidh agam air a nis, 
'S gu'n deanadh m'eascar gairdeachas, 
San uair an aomar mis\ 

5 Ach dh'earb mi as do ghràs, is bidh 

Mo spiorad ait a'd' shlàint' : 

6 Is seinnidh mi gu binn do Dhia, 

Air son a phailteis ghnàicht\ 

SALM XIV. 

1 9 r%A chridhe deir an t-amadan, 

Cha'n 'eil ann Dia air bith : 
Ta'd truaillidh, 's oillteil fòs an gniomh, 
Cha'n 'eil ann neach ni maith. 

2 An Tighearn dh'amhairc e o nèamh, 

Air cloinn nan daoine nuas ; 
A dh'fheuchainn anrobh tuigs' aig neach 
Na dh'iarradh Dia nan gràs. 

3 Ach chlaon an t-iomlan diubh a thaobh, 

Ro-shalach ta'd gu lèir : 



SALM XV. 27 

Cha'n 'eil aon neach a' deanamh maith, 
Cha'n 'eil fiu aon fo'n speur. 

4 'Mbheiltuigs' airbithaigdroch-dhaoine? 

Ta 'g itheadh suas gu xìian 
Mo phobull-sa, mar aran blasd', 
'S nach 'eil a' gairm air Dia. 

5 An sin do ghabh iad eagal mòr, 

Air son gu bheil gu fior 

Dia ann an ginealach is linn, 

Nam fireanach do shior. 

6 Comhairl' an truaghain nàraich sibh, 

Chionn Dia 'na thearmunn da : 

7 A Sion O gu tigeadh mach 

Slaint' Israeil gach là ! 

An trà bheir Dia air ais o bhruid 

A phobull fèin le chèil', 
Air Iacob bithidh aoibhneas mòr, 

'S aiteas air Israel. 

SALM XV. 

1 Cò dh'fhanas ann ad phàilliun shuas ? 

A Thighearna, cò e ? 
Cò 'n ti sin leat air do chnoc naomh 
A chòmhnuicheas gach rè ? 

2 An ti do ghluais gu treibh-dhireach, 

Is ionracas a chleachd, 
c 2 



28 SALM XVI. 

Labhras an f hirinn sin a mach 
A ta 'na chridhe steach. 

3 An ti nach dean air neach air bith, 

Cùl-chàine 'm feasd le 'bheul, 
Nach dean aonlochd d'a choimhearsnach, 
'S nach tog air fòs droch sgeul. 

4 A ni trom-thailceas air an daoi : 

Ach onoir dhoibh a bheir 
D'an eagal Dia : 's nach caochail mionn' 
Ged thigeadh calldach air. 

5 Airgiod air ocar nach do chuir ; 

An aghaidh fòs rian saoi 
Brìb nach do ghabh : cha ghluaisear e 
Gu bràth mar sin a ni. 

SALM XVI. 

1 Dhia, coimhid mi, oir annad fèin 

A ta mo dhòigh gu fior ; 

2 O m'anam, thubhairt thu ri Dia, 

Is tu mo Thriath gu sior. 

3 Mo mhartheas ort gu dearbh cha ruig ; 

Ach air na naoimh a ta 
Air thalamh, 's air na flaithibh fior, 
'G am bheil mo ghean 's mo ghràdh. 

4 Mòr-mheudaichear an doilghios doibh, 

A dheifricheas gu luath 



SALM XVI. 29 

Air lorg dèe eile choimhich bhrèig', 
A' cur ri cràbhadh truagh : 

An iobairt-dhibhe ta do fhuil 
Cha 'n ofrail mi gun cheist, 

Is air an ainmibh ann am bheul 
Cha toir mi luaidh am feasd. 

5 Cuibhrionn mo chup' is m'oighreachd 

'S tu sheasas dhomh mo chrann. [Dia: 

6 An àitibh aoibhneach thuit mo lion : 

'S leam oighreachdbhreaghnachgann. 

7 Do bheiream buidheachas do Dhia, 

Thug comhairP orm a'm' fheum : 
Tha m'àirne fòs an àm na h-oidhch' 
Ga m' theagasg mar an ceudn'. 

8 Do chuir mi romham, anns gach cùis, 

An Tighearn mòr do ghnà ; 
O's air mo dheas-làimh gu bheil e, 
Cha ghluaisear mi gu bràth. 

9 Mo chridhe ni aoibhneas uime sin, 

Ni gàirdeachas mo ghlòir ; 
Ni m' fheoil fòs còmhnuidh fhoistineach 
Le dion an dòchas mòr. 

10 Oir anns an uaigh cha'n fhàgar leat 

Shios m'anam, air aon achd : 
'S chaleigthu fòs do d'sheircinn naomh 
TruailFeachd am feasd gu faic. 
c3 



30 SALM XVII. 

11 Dhomh sligh' na beatha feuchaidh tu : 
A'd' làth'r làn aoibhneas ta, 
Is aig do dheas-làimh fèin, a Dhè> 
Mòr-shubhachas gu bràth. 

SALM XVII. 

1 Eisd thus' a Thighearn ris a' chòir, 

Mo ghlaodh thoir aire dha ; 
Is cluinn an urnuigh thig a mach 
O m' bheul gun bhreug gun ghò. 

2 Mo bhreith o d' fhianuis thigeadh i : 

Le d* shùilibh lèirsinneach, 
Feuch air na nithibh sin, a Dhè, 
Ta ceart is cothromach. 

3 Dhearbhthumo chridhe, is dh'fhiosraich 

San oidhche, d'fhionn gu geur ; [thu 
Cha d'fhuair thu maoin ; oir b'e mo rùn 
Nach peacaichinn le m' bheul. 

4 Fa thimchioll oibre dhaoine fòs, 

Ghleidh mi mi fèin gu beachd, 
Le guth do bhèil, o cheumanaibh 
Luchd-braid is ragaireachd. 

5 Cum m' imeachd suas, a Dhè nam feart, 

A'd' shlighibh ceart gu treun ; 
A' d 9 ròidibh direach cum mi suas, 
Nach sleamhnuich uam mo cheum. 



SALM XVII. 31 

6 Do ghoir mi ort, a Dhè, a chionn 

Gu *n eisdear leatsa rium ; 
Do chluas do m' ionnsuidh crom a nuas. 
Is fòs mo ghearan cluinn. 

7 Taisbein do chaoimhneas iongantach 

. Ta gràdhach làn do chliu ; 
Do shaor thu le do dheas-làimh fèin 

An dream d'an dòchas thu, 
Uatha 'nan aghaidh thogas ceann. 

8 O coimhid mi gu treun, 

Mar chloich do shùl : dean folach orm, 
Fo sgàil do sgiatha fèin. 

9 O'n droch-dhuin , tha ri fòirneart orm, 

O naimhdibh sgriosach treun, 
Ata ga m' chuairteachadh gach taobh, 
Mo choimhead uatha dean. 

10 ^Nan saill ata iad druidte suas, 

Cainnt uaibhreach tha 'nam beul. 

1 1 Chrom iad gu làr, is dhearc le'n sùil ; 

Is chuairtich iad ar ceum : 

12 Mar leòmhan gionach togarach 

Chum cobhartaich do ghnà, 
Mar leòmhan òg an diomhaireachd 
Ri foill-fholach a ta. 

13 Eirich, a Dhè, is caisg mo nàmh, 

Leag sios gu talamh e : 



32 SALM XVIII. 

O'n df och-dhuin' tha 'na chlaidhe dhuit, 
Saor m'anam bochd, a Dhè. 

14 O'ndreamthadhuits^a Dhè,marlàimh, 

O dhaoinibh saoghalt' dàn, 
'G am bheil an cuibhrionn is an cuid 

Sa' bheatha so a mhàin. 
D'am bheil thu tabhairt làn am bronn 

As t'ulaidh dhiomhair fòs : 
Tha'n gineil lionmhor, is am maoin 

Fàgaidh d'an leanbaibh òg. 

15 Ach air mo shon-sa, dearcam air 

Do ghnùis am fireantachd : 
Air mosgladh dhomh làn-dhiolar mi, 
A Dhè, le d'chosmhalachd. 

SALM XVIII. 

1 Mo chion ort fèin, a Dhia, mo threis* 

2 Mo charraig Dia gu ceart, 

Mo dhaingneach, is mo shlànuighear : 
Mo Thighearn, is mo neart : 

An ti an cuiream dòchas fòs, 
Mo thargaid is mo sgia, 

Adharc mo shlàinte e gu beaehd, 
Mo bhaideal àrd 's e Dia< 

3 Nis gaiream air an Tighearnaj 

D'an dlighear moladh sior j 



SALM XVIII. 33 

Mar sin o m'eascairdibh gu lèir 
Coimhidear mi gu fior. 

4 Chuirtuilteach dhroch-dhaoin , eagal orm, 

Chaidh umam guin an èig. 

5 Pian ifrinn agus eangach bàis, 

Romham 's gach àite feuch. 

6 AW èigin ghair mi air mo Thriath, 

Dh' èigh mi gu h-àrd le m'ghlaodh : 
Is as a theampulì naomha fèin 

Dh'èisd e mo ghuth gu caomh. 
'Na fhianuis is *na eisdeaehd fèin, 

Mo ghlaodh do ràinig suas ; 

7 An talamh air gach ceum an sin 

Do chriothnaich, chrathadh, ghluais : 

Iochdar nan cnoc agus nam beann, 
Do ghluaiseadh sin gu garg, 

Do chriothnaicheadh is chrathadh iad, 
A chionn gu robh air fearg. 

8 Chaidh deatach as a shròin a mach : 

Is teine loisgeach mòr 
Chaidh as a bheul, is lasadh leis 
Do eibhlibh ni bu leòr. 

9 Do lùb e fòs na nèamha fuidh , ) 

'S a nuas do thùirling e : 

Fior-dhorchadas is dùbh-aigein 

Bha sin fo chosaibh Dhè. 



34 SALM XVIII. 

10 Air Cherub mharcaich e gu h-àrcl : 

Air iteig fos do chaidh ; 
Is bha e luath ag itealaich, 

Air bharraibh sgiath na gaoithe. 

11 Dubh-dhorchadas mar dhiomhaireachd 

Do chuir e uime fèin : 
Bu phubull da na h-uisge dorch', 
Is neulta tiugh' nan speur. 

12 Do chaidh a neulta tiugh' le cheiP, 

Is clacha meallain fòs, 
Is dealanach, air thoiseach air, 
O'n dealradh bha 'na ghnùis. 

13 Ilinn Dia sna speuraibh tairneanach, 

Do leig an Ti a's àird* 
A ghuth a mach, le cloich-shneachd 
Is dealanaich 's gach àit. [chruaidh, 

14 A shaighde leig e chuc' a mach, 

Is sgaoil se iad air fad, 
Tein-adhair orra thilg gu mòr, 
Is chlaoidheadh iad gu grad. 

15 Aigein an ukge chunncas ris, 

Bha grund an domhain ^0^^^' ; 
Le d'anail as do shroin, a Dhè, 
Le d'achmhasan is smachd. 

16 As ^ionad àrd do chuir e nuas, 

Is bhuin e mis' a mach, 



SALM XVIII. m 

Is rinn mo tharruing mar an ceudn' 
A h-uisgibh iomarcach. 

17 O m'eascar thulchuiseach is threun 

Thug e dhomh fuasgladh caomh, 
'S luchd mo mhi-ruin agus m'fhuath, 
Tha làidir air gach taobh. 

18 An là mo thrioblaid is mo theinn, 

Thug ionnsuidh orm gun f hios : 

Ach tha mo Dhia 'na thaice dhomh, 

Cha sleamhnuich uam mo chos. 

1 9 Gu h-ionad farsaing agus rèidh 

A mach thug esan mi : 
Mo theasairgin do rinneadh leis, 
Oir ciatach bha e dhiom. 

20 Reir m'ionracais, is gloine làmh, 

Do chuidich Dia maith rium : 

21 Air seachran uaith cha deachaidh mi j 

Choimhdeadh a shlighe leam. 

22 Oir 'uile bhreith tha ann am làth'r : 

A statuin uam nior chuir. 

23 Bu treibh-dhireach 'na fhianuis mi : 

O m' aing'eachd fèin do sguir. 

24 Rèir m'ionracais is gloine làmh, ■ 

An sealladh beachd a shùl, 

Do rinneadh mise chuideachadh 

Gu caomh le Dia nan dùl. 



36 SALM XVIII. 

25 Do'n duine ghràsail gràsmhor thu, 

Direach do'n treibh-dhireach. 

26 Glan thu do'n duine ghlan, is fiat' 

Do'n duine fhiat' fa seach. 

27 Na daoine tha fo thrioblaid mhòir, 

Làn-shaoraidh tu 'sgach àit : 
Ach bheir thu nuas a' mhuinntir sin 
'G am bheil an sealladh àrd. 

28 Oir lasaidh tu mo choinneal domh, 

Is ni mo Dhia 's mo Righ 
Mo dhorchadas a shoillseachadh, 
Chum soilleir glan gu 'm bi. 

29 Mor-mhal-shluagh, le do threis', a Dhe, 

Do bhristeadh leam air fad : 
Le neart mo Dhia thar balla leum, 
Is chaidh mi fèin gun stad. 

30 Ach Dia, a ta a shlighe ceart : 

Do dhearbhadh focal Dè ; 
Do'n dream gu h-uile dh'earbas as, 
D'an dion is targaid e. 

31 Oir cia 's Dia, ach Iehobhah ann ? 

Cia 's carraig ach ar Triath ? 

32 An neach a ni mo shlighe ceart, 

'S a bheir dhomh neart, 's e Dia. 

33 Mar chosaibh fèidh ta luath chum ruith 

Mo chosa do rinn e, 



SALM XVIII. 37 

Air m'àitibh àrd' ga m'shocrachadh, 
A chum nach gluaisteadh mi. 

34 Gu comhrag theagaisg e mo làmh : 

Ionnus gu d'thug mi buaidh, 
'S gu d' bhrist mi fòs le m' ghàirdeanaibh 
Bogha do'n stàilinn chruaidh. 

35 Thug thusa sgia do shlàinte dhomh, 

Do dheas-làmh chum mi suas ; 
Thug orm do chaoimhneas is do ghràdh 
Gu h-inbhe mhòir gu'n d'fhàs. 

36 Mo cheuma rinn thu farsaing fum 

Sin domh mar fhuaradh thus' ; 
Ionnus gur socrach sheasas mi, 
Cha sleamhnuich uam mo chos. • 

37 Lean mi mo naimhde/s anns an ruaig, 

Orra do rug gu cas : 
Is gus 'ndo chlaoidheadh iad gu lèir, 
Nior phill mi fèin air m'ais. 

38 Gun chomas èiridh lot mi iad, 

Is thuit iad sios fo m* chois. 

39 Le neartchumcath' 's tuchrioslaichmi; 

Na dh'èirich rium leag thus\ 

40 Airmhuinealthugthu dhomhmonàmh: 

Luchd m'f huath gu'n claoidh gu lèir. 

41 Ghlaodh iad, *s d'am furtachd cha robh 

Ri Dia, 's cha d'fhreagair e. [neach : 
D 



38 SALM XVIII. 

42 Amhluidh mar dhus a' dol le gaoith, 

Gu mìn do phronn mi iad ; 
Is thilg mi iad a mach a rìs 
Mar chlabar air an t-sraid. 

43 O strì nan daoine shaor thu mi, 

Rinn ceann nam fineach dhiom; 
Na daoine riamh nach b'aithne dhomh, 
Ri seirbhis dhomh do chim\ 

44 Air cluinntinn dhoibh-saniomradhorm, 

Gèillidh iad dhomh gun stad ; 
Do ni dhomh coigrich mar an ceudn' 
An ìsleach' fèin air fad. 

45 Làn-sheargaidh is dubh-chrionaidh as, 

Iarmad nan allmharach ; 
Ag teachd le h-eagal 's uamhunn mhòr 
O'n gàradh fèin a mach. 

46 Dia beò a ta, ^6^11^^^^^^ gu robh 

Mo charraig fèin gu brath : 
Is Dia mo shlàinte bitheadh e 
Air àrdachadh do ghnà. 

47 Mo dhioghaltas, 's mo leasachadh, 

'S e Dia a bheir a mach : 
'Se fòs a chuireas dhomh fo smachd 
Na slòigh gu h-iomadach. 

48 'Se dh'fhuasglas mi m' eascairdibh, 

'S tu thog mi thar gach neach 



SALM XIX. 39 

A dh'èirich rium ; is thug mi saor 
O fhear na h-eucorach. 

49 Am measg nan Cinneach, uime sin, 

Do bheiream dhuit, a Dhè, 
Mòr-bhuidheachas ; do t'ainmsa fòs 
Ard-mholadh seinnidh mi. 

50 Do bheir e fuasgladh mòr d'a righ : 

Le pailteas ni e gràs 
Air Daibhidh, neach do ungadh leis, 
Is air a shliochd gu bràth. 

SALM XIX. 

1 Glòir Dhè làn-fhoillsichidh na nèamh, 

'S na speura gniomh a làmh. 

2 Tha là a' deanamh sgèil do là, 

Is oidhche dh'oidhch' gun tàmh 
A' teagasg eòlais, anns gach àit. 

3 Oir cha'n 'eil ionad ann, 
No cainnt, no dirigill air bith, 

Nach cual an guth gach àm. 

4 Chaidh'm fuaim airfeadh gachtìr a mach 

Am focal chaidh an cèin 
Gu crìch na cruinne, chuir e annt 5 
Buan-phàilliun àrd do'n ghrèin : 

5 Neach tha mar nuadh f hear-pòsda teachd 

O sheòmar fèin a mach, 
d 2 



40 SALM XIX. 

Ta ait, Miar ghaisgeach treun a' ruith 
A rèis* gu togarach. 

6 A' dol a mach o chrìch nan speur, 

M'an cuairt g'an crìch do ghnà : 
'S ni 'm foluichear o theas na grèin', 
Aon ni sa' chruinne ta. 

7 Is iomlan lagh Iehobhah mhòir ; 

An t-anam iompoidh e : 
Teisteas an Tighearna ta dearbh ; 
An simplidh glic 'se ni. 

8 Tha statuin fòs an Tighearn ceart, 

'G cur aoibhneis anns a' 0^^^^* j 
Glan àith'nta Dè a' soillseachadh, 
Nan sùl nach maith a chi. 

9 Eagal an Tighearn fior-ghlan e, 

Buan-mhaireachduin do ghnà : 
Fior agus cothromach air fad, 
A bhreitheanais a ta. 

10 Is fearr ri*n iarraidh iad na'n t-òr, 

An t-òr a's fearr air bith : 
Ni 's millse na a' mhil a ta'd, 
No cìr mheala r'a h-ith. 

1 1 A' faghail rabhaidh fòs a ta 

T'òglach-sa uath' do ghnà, 
'S 'nan coimhead cùramach gu dearbh 
Mòr-thuarasdal a ta. 



SALM XX. 41 

12 Cò thuigeas uile sheachrain fèin ? 

Glan o lochd diomhair mi. 

13 O pheacaibh dànadais air ais 

Cum t'òglach fèin, a Dhè ; 
Na bitheadh ac' àrd-cheannas orm : 

An sin biom treibh-dhireach, 
Is fòs o'n pheacadh mhòr bidh mi, 

Fior-ionraic neo-chiontach. 

14 O Dhia, mo neart 's mo shlànuighear, 

An deadh-thoil gabh uam fèin, 
Na smuainte ta aW chridh' a stigh, 
Is briathra glan mo bhèil. 

SALM XX. 

1 Gru freagradh Dia thu ann an là 

Do thrioblaid, is do phèin ! 
Gu deanadh ainm Dhè Iacoib fòs 
Sior choimhead ort a'd' fheum : 

2 Gu cuireadh chugad comharadh, 

Tràth, as a theampull naomh : 
Is deanadh e do neartachadh 
A Sion fèin gu caomh. 

3 Cuimhnicheadh e gu gràsmhor dhuit 

T'uiP ofraile gu grad, 
Is gabhadh e gu taitneach uait 
T^ìobairte loisgt' air fad. 
d 3 



42 SALM XXI. 

4* Do rèir deàdh-rùin do chridhe fèin 
Tiùbhradh e dhuit gu maith ; 
Coimhlionadh e gach comhairle 
Ta ann ad chridh > a stigh. 

5 Ni sinne aoibhneas ann ad shlàint', 

Is ann an ainm ar Dia, 
Suas togaidh sittn ar brataichean : 
Dia dheònach' t'uile mhiann. 

6 'Nis 's fìosrach mi gu teasairg e 

An ti do ungadh leis : 
Is le neart-saoruidh deasJàimh Dè 
O nèamh gu'n èisdear ris. 

7 Tha cuid ag earbs' à carbadaibh, 

Is cuid à h-eachaibh àrd' ; 
Ach ainm an Tighearna ar Dia 
Cuimhnichidh sinn 's gach àit. 

8 Dh' ìslicheadh iadsan, 's thuit iad sios : 

Ach dh^èirich sinne 5 s sheas. 

9 Dhia, fòir, is èisdeadh ruinn an Righ, 

Trà ni sinn gearan ris. 

SALM XXL 

1 Am meud do neirtsa, Dhè nan dùl, 
Bidh aoibhneas air an Righ : 
Is ann ad shlàinte thròcairich 
Sòlas cia mòr do ni ? 



SALM XXI. 43 

2 Làn-mhiann is rùn a chridhe fèin 

Do bhuilich thusa air : 
Aon athchuinge do dh'iarr a feheul, 
Cha d' rinn thu air a cleith. 

3 Oir beannachadh a' mhaitheis mhòir 

Sin thug thu dha gu moch : 
Is chuir thu coron àrd m'a cheann, 
Do'n òr a's deirge dreach. 

4 Do dh' iarr e ortsa beatha bhuan, 

Sin thug thu dha gu fior : 
Is thug thu sìneadh saoghail dha, 
A chum bhi beò gu sior. 

5 Do thaobh na slàinte thug thu dha, 

Is mòr a ghlòir gach àm ; 
Ard-onoir agus mòralachd 
Chuir thusa air a cheann. 

6 Oir rinneadh leat ro-bheannaicht , e 

Air feadh gach rè gu beachd ; 
Is rinn thu e làn-aoibhneach fòs 
Le d' ghnùis an tròcaireachd. 

7 Oir ann an Dia Iehobhah mòr 

Earbaidh an righ do ghnà : 

Trid tròcair fòs an Ti a's aird\ 

Cha ghluaisear e gu bràth. 

8 Aimsidh do ghlac air t'uile nàmh j 

Air t'eascar do làmh dheas. 



44 SALM XXII. 

9 Mar amhuinn theinntich ni thu iad, 

An aimsir t'fheirg' g'an sgrios : 

'Na chorruich mhòir ni Dia gu fior, 

An slugadh sios air fad, 
Is nitliear orra milleadh fòs 

Le teine mòr gu grad. 

10 An toradh sgriosaidh tu o'n tìr, 

'S an siol o dhaoinibh as. 

1 1 Oir chum iad thugad feall : is dhealbh 

Do-bheart nach d'fheud' cuir lèis : 

12 Is uime sin le d' shaighdibh gleust' 

Air sreing ri 'n aghaidh sud, 
Bheir orra pilleadh air an ais, 
*S gu rachadh iad air cùl. 

13 Ardaich thu fèin, a'd' chumhachdaibh, 

A Thighearna nam feart : 
Mar sin sior-chanaidh sinn do chliu, 
Ls molaidh sinn do neart. 

SALM XXII. 

1 M o Dhia, mo Dhia, c , uim , thrèig thu 

Le d'fhurtachd uam an cèìn ; [mi ? 
O bhriathraibh goirt mo bhùiridh àrd, 
Gun fhuasgladh orm aW fheum ? 

2 Mo Dhia, cha d' thug thu freagradh 

San là 'n do ghair mi ort ; '[dhomh, 



SALM XXII. 45 

An uair bu chòir dhomhtàmh san oidhch' 
Cha'n 'eil mi fèin a'm' thosd. 

3 Gidheadh tha thusa fior-ghlan naomh, 

A Dhè, os ceann gach sgèil, 
A'd' chòmhnuidh anns an àros sin, 
Am bheil cliu Israeil. 

4 Asadsa rinn ar sinnsir bun ; 

Is shaor thu iad mar dh'earb. 

5 Do ghìaodh iad riut, is shaoradh iad : 

Dh'earb riut, gun aghaidh dhearg. 

6 Ach mise f òs cha duin', ach cnuimh : 

Gràin dhaoin', is tàir nan slògh. 

7 Cùis crathaidh cinn, is casaidh bèil, 

Spòrs do na chi mo dhoigh. 

8 Ag ràdh, Do rinn e bun à Dia, 

Chum fuasgladh air 'na f heum : 
Nis deanadh e a theasairginn, 
O thug e dha làn-speis. 

9 Ach 's tus' an ti do bhuin amach 
* A broinn mo mhàthar mi ; 

Is tu bu bharrant' dòchais dhomh, 
'N trà bha mi air a' chìch. 

10 O r n bhroinn do thilgeadh ortsa mi, 

Air bhith dhomh òg is maoth ; 
O thàinig mi o'n bhroinn a mach, 
Is tu mo Dhia ro-chaomh. 



46 SALM XXII. 

1 1 A Dhè na bi-sa fada uam, 

Oir 's dìù dhomh trioblaid theansi; 
'S gun agam neach do m' chuideachadh, 
No urr' a chuireas leam. 

12 Do chuairtich umam mòran tharbh, 

Mu m' thimchioll air gach làimh ; 
Dh'iadh umam tairbh ro-làidir bhorb 
Am Bàsan bha 'nan tàmh. 

13 Gu farsaing dh'fhosgail iad am beul, 

Mar leòmhan allta garg ; 
A' tabhairt sithidh reubaidh orm, 
Le bùireadh fiadhaich borb. 

14 Mar uisge dhòirteadh mis' a mach, 

Mo chnàmhan sgàint' o chèil' : 
Mo chridh' a'm' chom an taobh a stigh, 
Air leaghadh ta mar chèir. 

15 Air tiormachadh mar phota crè 

Ata mo neart, a Dhè ; 
Mo theang' air leantuinn dlù ri m' ghial, 
Gu h-ùir bhàis thug thu mi. 

16 Oir dh'iadh iad umammadraidh gharg, 

Bhuail umam thall 's a bhos 
Mòr-bhuidheann luchd na h-aingidh- 
Lot iad mo làmh 's mo chos. feachd; 

17 Mo chnàmhan uile feudaidh mi 

An àireamh aon seach aon : 



SALM XXII. 47 

Gu geur a ta'd ag amharc orm, 
A' dearcadh orm gach taobh. 

18 Mo thrusgan eatorra do roinn, 

Croinn chuir iad air mo bhrat. 

19 Ach fad o m' chobhair, Dhiamoneirt, 

Na fan, ach deifrich ort. 

20 Do m'anam tabhair fuasgladh deas 

O'n chlaidhe sgaiteach gheur j 
Is m'aon ghràdh caomh gu saorar leat, 
O neart nam madradh treun. 

21 O bheul nan leòmhan làidir borb, 

Dhè, fuasgail orm gun stad : 
O adharcaibh nam buabhull treun ; 
Oir chual thu mi gu grad. 

22 Do m' bhràthraibh cuiream t , ainms , an 

San eireachd molam thu. [cèill ; 

23 Shiol Iacoib, 's a luchd eagail Dè, 

Glòir thugaibh dha is cliu : 
Oirbhs* iarmad Israeil air fad, 
Biodh eagal-san gu mòr : 

24 Oir tarcuis riamh cha dVinn air bochd, 

'S nior ghabh e gràin d' a leòn : 

Cha d'fholuich, *s cha do cheil a ghnùis 
D'a thrèigsinn ann a theinn ; 

Trà rinn e glaodh is gearan ris, 
Thug èisdeachd dha gu binn. 



48 S ALM XXII. 

25 'S ann ortsa bhios mo mholadh àrd 

Sa' choimhthional, a Dhè : 
Mo bhòidean iocam f òs an làth'r, 
Na dream d'an eagal e. 

26 Na daoine sin tha macanta 

Ithidh, is gheibh an sàth : 
Na dh'iarras Dia àrd mholaidh e ; 
Bhur cridh' bidh beò gu bràth. 

27 Pillidh ri Dia gach iomall tìr, 

Is cuimhnichidh iad air : 
Seadh sluagh nam fineacha gu lèir 
Dhuit gèill is urram bheir. 

28 Air son gur le Iehobhah mòr 

An rioghachd le còir cheart : 

'S am measg nam fineachan air fad 

'S leis uachdranachd is neart. 

29 Na daoine reamhar anns gach tìr, 

Ithidh, is gèillidh dha : 
Dha cromaidh sios na thèid san uaigh, 
Cha chum neach ^anam beò. 

30 Thig sliochd is seirbhis ni do Dhia, 

Dha measar iad mar linn. 

31 Innsidh a cheart do'n àl ri teachd, 

Gu b'esan sud a rinn. 



SALM XXIII. 49 

1 Is e Dia fèin aY buacliaill dhomh, 

Cha bhi mi ann an dìth. 

2 Bheir e fainear gu'n luidhinn sios 

Air cluainibh glas le sìth : 
Is fòs ri taobh nan aimhnichean 

Theid seachad sios gu mall, 
Tha e gach uair 'gam threòrachadh, 

Gu mìn rèidh anns gach ball. 

3 Tha 'g aisig m'anma dhomh air ais : 

'S a' treòrachadh mo cheum 
Air slighibh glan na fireantachd, 
Air sgàth dheadh-ainme fèin. 

4 Seadh fòs ged ghluaisinn eadhon trid 

Ghlinn dorcha sgàiP a' bhàis, 
Aon olc no urchuid a theachd orm 
Ni h-eagal leam 's ni 'n càs ; 

Air son gu bheil thu leam do ghnàth, 
Do lorg 's do bhata treun, 

Ataid a^ tabhairt co-fhurtachd 
Is fuasglaidh dhomh a'm' fheum. 

5 Dhomh dheasuich bord air beul mo 

Le h-ola dh'ung mo cheann ; [nàmh : 
Cuir thairis tha mo chupan fòs 
Aig meud an làn a t'ann. 

6 Ach leanaidh maith is tròcair rium 

An cian a bhios mi beò ; 



50 SALM XXIV. 

Is còmhnuicheam an àrosDè, 
Ri fad mo rè 's mo lò. 

SALM XXIV. 

1 S le Dia an talamh, is a làn : 

An domhan, 's na bheil ann. 

2 Oìr shocraich e air cuantaibh e, 

Air sruthaibh leag gu teann. 

3 Co e am fear sin a theid suas 

Gu tulaich naomha Dhè ? 
Is co 'na ionad naomha-san, 
A sheasas leis gu rèidh ? 

4 An ti 'g am bheil na làmhan glan, 

Is cridhe neo-chiontach ; 
'Anam nior thog ri diomhanas, 
'S nior lùgh mionn ìoganach. 

5 An ti sin beannachadh o Dhia 

Gheibh e gu saoibhir pailt, 
Is ionracas faraon o'n Dia 
'S bun slàinte dha 'na airc. 

6 'S i sin a' ghinealach 's an dream 

A dh'iarras e gu mòr ; 
Ta 'g iarraidh d'aghaidh is do ghnùis, 
O Iacoib, mar is còir. 

7 Togaibh, a gheatachan, 'ur cinn, 

Is èiribh suas gu h-àrd, 



SALM XXV. 51 

O dhorsa siorruidh ; Righ na glòir' 
Gu tigeadh e g'a àit. 

8 Co e sin fèin Ard Righ na glòir' ? 

An Tighearn làidir treun, 
Iehobhah neart-mhor, cruaidh an cath, 
Bheir buaidh a mach dha fèin. 

9 Togaibh, a gheatachan, 'ur cinn, 

Is èiribh suas gu h-àrd, 
O dhorsa siorruidh ; Righ na glòir' 
Gu tigeadh e g'a àit. 

10 Co e sin fèin Ard Righ na glòir' ? 
Iehobhah mòr nan slògh, 
'Se fèin is Righ na glòir' a t'ann, 
Gun choimeas idir dha. 

SALM XXV. 

1 L)hia, togam m'anam riutsa suas. 

2 Mo Dhia, mo mhuinghin dheas ; 
Do m' ionnsuidh na leig aobhar nàir 5 ; 

Do m'eascar gàirdeachas. 
S Fo nair' is mhasladh na leig neach 
D'an gnàth bhi feitheamh ort : 
Ach nàire gu robh air an dream 
A ni gun aobhar lochd. 

4 Foillsich do rod-sa dhomh, a Dhè ; 
A'd 5 shlighe teagaisg mi : 
e 2 



52 SALM XXV, 

5 Is treòraich mi a' d'fhirinn ghloin, 

'S mo theagasg dean, a Dhè : 
Oir 's tu a's Tighearn ann gu dearbh, 

'Stu 's slàinte dhomh do ghnàth, 
Is ort ataim a' feitheamh f òs 

Le foighid mhòir gach là. 

6 Cuimhnich, a Dhè, do thròcair chaomh, 

Do chaoimhneas làn do ghràdh : 
O chian nan cian a ta iad ann, 
San aimsir fad o'n là. 

7 Na cuimhnich peacaidh m'òige dhomh : 

'S na lochdan a rinn mi ; 
A rèir do thròcair cuimhnich orm, 
Air sgàth do ghràis, a Dhè. 

8 Is maith 's is dìreach Dia nan dùl : 

Is air an aobhar ud 
Do nithear leis na peacaich thruagh 
A theagasg anns an ròd. 

9 Treòraichidh e na daoine ciùin 

Am breitheanas gu ceart : 
'S na daoine mìne teagaisgidh 
^Na shlighe, Dia nam feart. 

10 An tròcair is an fhirinn rèidh 

Sud slighe ar Dia 's gach ball ; 
Dhoibhsan a chumas gealladh ris, 
'S nach leig a theist air chall. 



SALM XXV. 53 

1 1 Sgàth d'ainmsa, lagh mo chionta fòs, 

Oir tha sud mòr, a Dhè. 

12 Co 'm fear d'an eagal Dia ? San ròd 

'S ion-roghnuidh seòlaidh e. 

13 An seasgaireachd ni 'anam tàmh, 

'Sle 'shliochd le ceart an tìr. 

14 Tha rùn an Tighearn aig an dream 

D'an eagal e gu fior : 
Is nithear leis a chumhnant fòs 
Fhoillseachadh dhoibh gu ceart. 

15 A ta mo shùile fèin do ghnàth 

Ri Tighearna nam feart* 

Air son gu'n spionar leis mo chos 
Gu h-aithgearr as an rib. 

16 Pill thugam, is dean tròcair orm : 

AW aonar taim, *s fo dhrip. 

17 Tha teinn mo chridh' a' dol ammeud; 

Saor mi m'amhghar geur. 

18 Feuch air mo phèin, is m'anshocair, 

'S mo pheacaidh lagh gu lèir. 

19 Mo naimhde guineach thoir fainear, 

Oir tha iad lionmhor ann ; 
Fuath nimhneach agus mi-runach 
Tha aca dhomh gach àm. 

20 Dhia, coimhid m'anam 's furtaich oj ,* : 

Na leig fo nàire mi ; 
e 3 



54 SALM XXVI. 

Mo dhòchas uile leig mi ort, 
Air son gur tu mo Righ. 

21 Nis deanadh ionracas is còir 

Mo dhion ; 's mi feitheamh ort. 

22 Dhia, fuasgail air cloinn Israeil, 

O'n uile amhghar goirt. 

SALM XXVI. 

1 Thoir ormsa breth, a Dhia nan dùl, 

A'm' neo-chiont ghluais mi fèin, 
O rinn mi dòchas maith à Dia, 
Cha sleamhnuich uam mo cheum. 

2 Dhia, fionn mo chridh', is m'àirne fòs, 

Fidir is ceasnuich mi. 

3 Oir dearcam air do chaoimhneas gràidh : 

A'd' fhirinn ghluais mi, Dhè. 

4 Le cuideachd dhiomhain riamh nior 

Cha siubhlam le luchd-saoibh.fshuidh ; 

5 Is beag orm coimhthional an uilc : 

'S cha suidh mi sìos le baoibh. 

6 An neo-chiont glanaidh mi mo làmh, 

Is cuairtich'm t'altair, Dhè ; 

7 Gu foillsichinn le moladh àrd, 

Do mhiorbhuile gu lèir. 

8 Comhnuidh do theach is ionmhuin leam 

A Thighearn is a Dhè, 



SALM XXVIL 55 

Gnàth-àite bunaidh t'onorach 

Is leam ro-ionmhuin e. 
9 Le peacaichibh, luchd-deanamh uilc, 

Na cruinnich m'anam bochd, 
Na cuir mo bheath' 'nan cuideachd sud 

Tha fuileachdach gu lochd. 

10 'G am bheil an donas mòr 'nan glaic : 

Duais-bhratha 'nan làimh dheis. 
1 L Achgluaiseams' annam neo-chiont fèin, 

A'd' thròcair saorsa mis\ 
12 'Na seasamh ta mo chos gu beachd 

Air ionad comhnard rèidh ; 
Is ann an coimhthional nan naomh, 

Beannaicheam thusa, Dhè. 

SALM XXVII. 

1 'Se Dia mo sholus, is mo shlàint', 

Co chuireas eagal orm ? 
'S e neart mo bheatha Dia nan dùl, 
Co chuireas fait'cheas fum ? 

2 Mo naimhde, m'eascairde, luchd-uilc, 

Trà thàinig orm gu bras, 
Gu gionach dh'itheadh m'fheòla suas 
Fhuair tuisleadh, thuit gu cas. 

3 Sluagh nàmhaid ge do theisdeadh mi, 

Ni h-eagal le mo ^^1^^^' : 



56 SALM XXVIL 

D'an èireadh cogadh m 5 aghaidh f òs, 
As so mo bhun do ni, 

4 Aon ni do mhiannaich mi o Dhia, 

Gun minic iarram e : 
A bhi a'm' chomhnuidh feadh mo là 
An tigh 's an àros Dè ; 

A chum gu faicinn fèin gu glan 

Maise Iehobhah mhòir, 
Gu fiosraichinn 's gu faighinn sgeul, 

'Na theampull mar is còir. 

5 Oir ni e m'fholach 'n àm na h-airc 

'Na phùbull : dion do ni 
An diomhaireachd a phàilliuin dhomh ; 
Air carraig cuiridh mi. 

6 Os ceann mo naimhde ta fa m* chuairt, 

Nis togar suas mo cheann : 
Glan ìobairt aoibhneis uime sin 

G'a phùbull bheirear leam : 
Is seinnidh mi gu togarach, 

Seadh, canam f òs gu binn, 
Ceòl agus moladh àrd do Dhia 

Air feadh mo rè 's mo linn. 

7 Le guth mo bheoil trà èigheam riut, 

Thoir èisdeachd dhomh, a Dhè : 
Le iochd dean tròcair orm, is fòir, 
Gu gràsmhor freagair mi. 



SALM XXVII. 57 

8 Iarr m'aghaidh, 'nuair a thuirt thu rium, 

An sin thuirt m'anam leat, 
D'aghaidh's do ghnùis, aDhianangràs, 
Sin iarram fèin gu h-ait. 

9 Na folaich uam do ghnùis, am feirg 

Na dibir t'òglach fèin : 
'S tu chuidich leam : a Dhè mo shlàint' 
Na f àg-sa mi 's na trèig. 

10 Trà thrèigeas m'athair mi gu tur, 

'S mo mhàthair fòs faraon, 
Do ni an Tighearna an sin 
Mo thogail suas gu caoin. 

1 1 Dhia, teagaisg dhomh do shlighe fèin 

Is treòraich mise, Dhè, 
Fa chùis mo naimhde mi-runach, 
Air ceumaibh dìreach rèidh. 

12 Do mhi-run m'eascairde ro-gheur 

Na tabhair thairis mi : 
Oir dh'èirich rium luchd-fìanuis bhrèig, 
Is dream a bhrùchdas nimh. 

13 Rachadh mo mhisneach uiP air cùl, 

Mur creidinn maitheas Dè, 
Gn faicinn sin an tìr nam beò, 

Do m' fhuasgladh ann am fheum. 

14 Fuirich gu foighidneach ri Dia, 

Glac thugad misneach mhòr, 



58 SALM XXVIII. 

Is bheir e spionnadh cridhe dhuit : 
Fuirich ri Dia na glòir'. 

SALM XXVIII. 

1 A Dhia, mo charraig, èigheam riut, 

A'd' thosd na bi-sa uam : 
Eagal le d' thosd, gur cosmhuil mi 
Riusan theid sìos do'n uaigh. 

2 Guth m' athchuinge, trà èigheam riut, 

Eisd thus' an sin, a Dhè : 
Trà thogas mi mo làmhan suas 
Gu d' theampull naomha fèin. 

3 Le luchd an uilc 's na h-eucorach, 

Na tarruing mi gu bràth ; 
Ili'n coimhearsnaich a labhras sìth, 
Ach olc 'nan cridhe ta. 

4 A rèir an oibre, tabhair dhoibh, 

Do rèir an rùin ehum lochd: 
Is diol-sa riu droch ghniomh an làmh, 
Amhluidh mar thoill iad ort. 

5 Do bhrìgh nach tuig iad oibre Dhè, 

No gniomh a làimhe f òs, 
Do ni e milleadh orr' is claoidh', 
'S cha dean an togail suas. 

6 Air son guth m' athchuinge gu d^eisd, 

Mòr-bheannaicht , gu robh Dia. 



SALM XXIX, 59 

7 Do chuir mo chridh' a dhòchas ann ; 

'S e Dia mo neart 's mo sgia. 

Ataim a' faghail cuideach' uaith, 

Mar sin le dòchas ait 
Mo ^^^^11' tha làn ; 's le m'òran binn 

Sior-mholam e gu pailt. 

8 'Se Dia is neart, 's is treise dhoibh, 

Oir tha e fèin gu deas 
'Na neart, 's 'na spionnadh slàinte dlùth 
Do'n ti do ungadh leis. 

9 Dhia furtaich air do phobull caomh, 

Is beannaich d'oighreachd fèin ; 
Dhoibh tabhair beath', is teachdantìr, 
Tog iad am feasd, a Dhè. 

SALM XXIX. 

1 Thugaibh a laochraidh làidir threun, 

Do Thighearna nam feart, 
Thugaibh tìo'n Tighearn ud faraon 
Glòir, urram, agus neart. 

2 A' ghlòir a's cubhaidh fòs d'a ainm, 

Thugaibh do'n Dia ro-threun : 
Sleuchdaibh do'n Tighearna faraon 
Am mais' a naomhachd fèin. 

9 Tha guth Dhè air na h-uisgeachaibh j 
Is fòs ni Dia na' glòir 



60 SALM XXIX. 

Ard-thàirneanach, is suidhidh e 
Air uisgibh làidir mòr\ 

4 Tha guth an Tighearna gu beachd 

Mòr-chumhachdach is treun : 
Tha guth an Tighearna faraon 
Làn mòralachd ann fèin. 

5 Brisidh an Tighearna le 'ghuth 

Na seudair a ta f às ; 
Is brisear seudair Lebanoin 
Le 'ghuth-san aig a chruas. 

6 Do bheir e orra leum gu clist', 

Amhluidh mar ghamhuinn bò : 
Sliabh Shirioin is Lebanoin, 
Mar bhuabhull meargant' òg. 

7 Sgaoilidh guth Dhè an dealanach ; 

Am fàsach crathaidh e ; 

8 Seadh fàsach Chadeis mar an ceudn' 

'S e Dia a chrathas e. 

9 Bheir guth Dhè fòs air àighibh àllt' 

Grad-sgarachdainn r' an laoigh ; 
Is lomaidh sud na coillte dluth, 

A' rusgadh bharr nan craobh : 
Is ann a theampull naomha-san, 

Cuiridh gach neach an cèill 
Glòir agus onoir mhòr ar Dia ; 

G' a mholadh-san d'a rèir. 



SALM XXX. 61 

10 Tha Dia 'na chòmhnuidh air an tuil ; 

'S 'na shuidh' am feasd 'na Righ. 

1 1 Bheir Dia d'a phobull neart ; is bheir 

Dhoibh beannachadh le sìth. 

SALM XXX. 

1 Dhia, molam thu, oir thog thu mi, 

Gàir' m'eascair cha d'rinn dhiom. 

2 ADhia moThighearn, ghlaodh mi riut, 

Is shlànuich thusa mi. 

3 Do thogadh m' anam leatsa, Dhè, 

Glan as an uaigh a nios ; 
Is ghleidh thu mi gu sàbhailt' beò, 
Do'n t-slochd nach rachainn sios. 

4 Do'n Tighearn àrd gu ceòlmhor binn 

Seinnibh, a naomh-shluagh fèin, 
Ili cuimhneach' air a naomhachd-san 
Sgaoilibh a chliu an cèin. 

5 Oir'fhearg chamhair achmionaidbheag; 

'Na dheadh-ghean beatha ta : 
Trà feasgair ge do robh ann bròn, 
Thig aoibhneas leis an là. 

6 AW shocair thubhairt mi mar so, 

Cha ghluaisear mis am feasd : 

7 Le d' thròcair thug thu air mo chnoc 

Gu daingean suas gu'n d' sheas : 

F 



82 SALM XXXI. 

A Dhè, do cheil thu orm do ghnùis, 
Chuir sin gu trioblaid mi. 

8 Dhia, riut do ghlaodh : is rinn ri Dia 

Mo ghearan is mo chaoidh. 

9 Ciod i an tairbh' a'm' fhuil-sa ta, 

Tairèis mo chur san uaigh ? 
Am molar thusa leis an ùir ? 
An toir air d'fhirinn luaidh ? 

10 Eisd rium a nis, a Dhia nan dùl, 

Dean tròcair orm is gràs ; 
Is bi-sa Dhè d'fhear-cuid'idh leam 
Trà tharlas dhomh bhi 'n sàs. 

11 Mo bhròn gu dannsa chaochail thu, 

Is m'eudach saic faraon 
Do sgaoil thu dhiom, is chrioslaich mi 
Le h-aoibhneas air gach taobh. 

12 Mo ghlòir gu seinneadh dhuit-sa cliu, 

Gun idir bhi 'na tosd : 
A Dhia mo Thighearn, bheiream dhuit 
Mòr bhuidheachas am feasd. 

SALM XXXI. 

1 Asadsa, Dhè, ni mise bun ; 
Nàir' orm na leig am feasd : 
Dean fuasgladh dhomh a' d'ionracas, 
O thrioblaid is o cheist. 



SALM XXXI. 63 

2 Do chluas a m'ionnsuidh crom a nuas, 

Is furtaich orm gu dian : 
A'd' charraig tuinnidh bi-sa dhomh, 
Tigh-tearmuinn chum mo dhion. 

3 O's tu a's carraig dliìleas dhomh, 

'S mo dhaingneach làidir treun, 
Is uime sin sgàth d'ainm-sa, Dhè, 
Treòraich, is stiuir mo cheum. 

4 Saor as an rib a dh'fholaich iad 

Buin mis' a mach, a Dhè : 
Air son gur tus' an ti a mhàin 

A's neart 's a's treòir dhomh fèin. 

5 A'à 9 làimhs , a mhàin, a Dhia nan dùl, 

Mo spiorad tiomnam suas : 
A Dhia na firinn is mo Thriath, 
'S tu dh'f huasgail air mo chruas. 

6 Is fuath leam iad a bheir fainear 

Na breuga diomhaineach : 
Ach dòchas ann an Dia nan gràs 
Chuir mi gu muinghinneach. 

7 A'd' thròcair biom gu h-aoibhneach ait : 

Oir thug thu, Dhè, fainear 
Mo thrioblaid ; 's m'anam ann an teinn 
Bha thusa fiosrach air. 

8 Cha d'rinneadh leatmo dhruideadh suas 

An làimh mo nàmhaid thrèun : 
f 2 



64 SALM XXXI. 

An àite farsaing shocruich thu 
Mo chosan is mo cheum. 

9 O ta mi, Dhè, an trioblaid mhòir, 
Dean tròcair orm gu cas : 
Mo shuile, m'anam, is mo bholg, 
Le bròn air seargadh as. 

10 Oir chlaoidheadh m'anam as le bròn, 

'S mo bhliadhna fòs le caoidh : 
Do bhrìgh mo lochd chaidh as do m* 
Mo chnàmhan air an claoidh. [neart, 

1 1 Mar aobhar fanoid tha mi f òs 

Do m' eascairdibh gu lèir, 
Gu sonraichte do m' choimhearsnaich 

Mar mhasladh tha mi fèin : 
Is do luchd m'eòlais f òs ataim 

A'm' aobhar geilt is fuath : 
Gach neach a chi mi air an t-sràid, 

A' teicheadh uam gu luath. 

12 Mar dhuine marbh air dol à ^^11^^* ; 

Mar shoitheach briste mi : 

13 Oir chualas toibheum mòrain dhaoin' ; 

Eagal gach taobh do bhi : 
AW aghaidh 'nuair a chruinnich iad, 
Dhealbh iad mo bheatha sgrios : 

14 Ach dhiotsa, Dhè, do rinn mi bun ; 

Is tu mo Dhia, deir mis\ 



SALM XXXI. 65 

15 Tha m'aimsirean a'd' làimhsa, Dhè, 

Orm furtaich agus f òir 
O làimh mo naimhdean, is o'n dream 
Ta leanmhuinn orm an tòir. 

16 Do ghnùis is d'aghaidh dealraicheadh 

Air d'òglach dìleas fèin : 
Air sgàth do ghràsa carthannach, 
Mo shaoradh dean gu treun. 

17 Na leig fo nàire mhaslaidh mi, 

A Dhia, oir ghairm mi ort : 
Ach nàire biodh air luchd an uilc ; 
Biodh iad san uaigh 'nan tosd. 

18 Cuir bèil nam breug, a Dhè, 'nantàmh, 

Labhras gu h-àrdanach, 
'N aghaidh nam fìrean spreigeadh cruai dh 
Gu spìdeil tailceasach. 

19 Cia nreud do mhaith a thaisg thu dhoibh 

D'an eagal thu faraon ; 
'S a rinn thu do na dh'earbas riut, 
Am fianuis chloinn nan daoin' ! 

20 O àilghios dhaoine ni thu 'n dion, 

Fo dhiomhaireachd do ghnùis ; 
'S am pàilliun fòs, strì nan teang', 
Ni dìdein dhoibh 'nan cùis. 

21 Dia gu ma beannaichte gu bràth, 

Oir dh'fhoillsich e dhomh fèin 
f3 



06 SALM XXXII. 

A chaoimhneas càirdeil iongantach, 
An caithir làidir threun. 

22 Thubhairt mi m' dheifir, Scaitht* ataitn 

O bheachd do shùl a mach : 
Ach chuaP thu 'nuair a ghlaodh mi riut, 
Guth m'asluich ghearanaich. 

23 Gràdhaichibh Dia, O naoimh, air fad : 

Oir Dia do'n treibhdhireach 
Do ni sàr-dhion, is diol gu pailt 
Do'n uaibhreach àilghiosach. 

24 Sibhse a chuir an Dia nan gràs 

'Ur dòchas mar is còir, 
Bibh misneachail, is cuiridh e 
Neart ann 'ur cridh' is treòir. 

SALM XXXII. 

1 'S BEANNAICHT , an duine sin a fhuair 

*Na pheacadh maitheanas ; 
A f huair le tròcair folach air 
A chiont , is eusaontas. 

2 'S beannaicht' an ti nach agair Dia 

'Na sheachranaibh ni's mò ; 
Is ann a spiorad f òs nach 'eil 
Claon-chealgaireachd no gò. 

3 Ag fantuinn dhomh gu fad a'm' thàmh, 

Luidh air mo chnàmhaibh aois ; 



SALM XXXIL 67 

Is b'amhluidh sin gach là mo chor, 
Le dol do m' bhùireadh suas. 

4 Oir ormsa bha do làmh gu tròm, 

Air feadh gach oidhch' is là : 
Mo bhrìgh gu tartan t-samhraidh theith 
Air atharrachadh ta. 

5 Làn-fhoillsich mi mo pheacadh dhuit, 

Nior cheil mi m'aingidheachd : 
Nim' aideachadh (thuirt mi) do Dhia, 
Is mhaith thu cron mo lochd. 

6 So fà mu'n guidh riut gach aon naomh, 

San àm am faighear thu : 
Gu dearbh an tuil nan uisgeach mòr, 
Cha ruig iad air gu dlùth. 

7 Tha thusa d'ionad foluich dhomh, 

Ni coimhead orm o theinn; 
Is nithear leat mo chuairteachadh 
Le h-òran saorsa binn. 

8 Fior-theagaisgeam is seòlam dhuit 

Am bealach is an t-iùil, 
San tigeadh dhuitsa triall gu ceart ; 
* Sin seòlam dhuit le m'shùil. 

9 Na bibh mar mhuilidh, no mar each, 

Na h-ainmhidhean gun chiall : 
Ri'n cuirear, chum nach tig iad ort, 
Teann-sparrag srèin 'nan gial. 



68 SALM XXXIiL 

10 Is Honmhor bròn aig luchd an uilc : 

Ach neach d'am barrant' Dia, 
Tha 'thròcair dol m'a thimchioll-san 
D'a dhìdein mar ni sgia. 

1 1 A dhaoine treibhdhireach, an Dia 

Bibh aoibhneach agus ait : 
Is deanaibh gairdeachas, gach neach 
'G am bheil an cridhe ceart. 

SALM XXXIII. 

1 O sibhse ta 'nur fireanaibh, 

biodh aiteas oirbh an Dia : 
Oir 's cubhaidh do na daoine còir 
Bhi tabhairt cliu do'n Triath. 

2 Air clàrsaich thugaibh moladh dha j 

Is air an t-saltair ghrinn, 
Air inneal ciùil nan teuda deich 
Seinnibh do Dhia gu binn. 

3 Is canaibh dha-san òran nuadh : 

Ard-seinnibh fonn gun stad. 

4 Oir's ceart a reachd : am fìrinn fòs 

Ta 'oibre deant' air fad. 

5 Is ionmhuinn leis-san còir is ceart : 

Lion maitheas Dè gach tìr. 

6 Rinn focal Dè na neamh 5 , 's an sluagh, 

Rinn guth a bheoil gu lèir. 



SAIM XXXIII. 69 

7 Mar thorr a ta e carnadh suas, 

Uisge na fairge mòir' : 
A' coimhead fòs na doimhne suas, 
Gu dìleas an tigh-stòir. 

8 Nis roimh an Tighearna gu mòr 

Biodh eagal air gach tìr ; 
Is air na dh'àiticheas an saogh'l 
Biodh ogluidheachd gu lèir. 

9 Oir labhair Dia, is rinneadh e : 

Dh'orduich, is chuir air chois : 

10 Chuir comhairle nan sluagh air cùl: 

Is innleachd dhaoin' air ais. 

11 Tha comhairle Iehobhah mhòir 

Gu seasmhach buan am feasd ; 
Smuaintean a chridhe mar an ceudn' 
O linn gu linn gun cheist. 

12 'S beannaicht' am fine sin 'g am bheil, 

MarDhialehobhah treun : 
'S am pobull fos do ròghnuich e 
Mar oighreachd bhuan clha fèin. 

13 Air chloinn nan daoine seallaidh Dia, 

O neamh nan speur a nuas. 

14 'S lèir dha gach neach sa' chruinne-chè, 

O ionad còmhnuidh shuas. 

15 An cridh' air aon dòigh chumadh leis : 

Thug e fainear an gniomh. 



70 SALM XXXIV. 

16 Cha tèaruinn Righ le meud a shluaigh : 

Do'n laoch, neart mòr, cha dion. 

17 An t-each an comhrag 's diomhain e, 

A dheanamh furtachd leis ; 
No dheanamh fuasglaidh ri àm feum, 
Ge mòr a lùgh 's a threis'. 

18 Feuch sùilean Dè gu furachair 

Air a luchd eagail fèin, 
Is air an droing sin as a ghràs. 
Ni muinighinn gu treun : 

19 An anam chum a dhion o'n bhàs, 

'S o'n ghort an cumail beò. 

20 Ay n-anam feithidh e air Dia : 

Ar neart, 's ar sgia gach lò. 

21 Oir ann-san ni ar cridh' a stigh 

Ur-ghairdeachas gun dìth : 
Is cuiridh sinn *na ainm ro-naomh 
Ar muinighinn gu sior. 

22 Do thròcair gu robh oirnn gu caomh, 

A Thighearna, gach là, 
Do rèir mar chuir sinn annad fèin 
Ar dòchas treun do ghnàth. 

SALM XXXIV. 

1 Iehobhah beannaicheam gu h-àrd 
Gach aimsir is gach trà : 



SALM XXXIV. 7! 

A chliu 's a mholadh ann am bheul 
Gu h-iomraiteach do ghnàth. 

2 Is anns an Tighearna ro-threun 

Ni m'anam uaill is glòir : 
Trà chluinneas sud na daoine sèimh 
Ni'd gàirdeachas ro mhòr. 

3 Ardaichibh leamsa Dia nam feart, 

Molamaid ainm le chèil' : 

4 Dh'iarr mise Dia, chual' e, is bhuin 

Mi as gach gàbhadh geur. 

5 Dh'amhairc iad air, is dhealraich iad ; 

Gun nàire air an gruaidh. 

6 Do ghlaodh ambochd, isdh'èisd ris Dia, 

Is dh'fhuasgail as gach truaigh. 

7 Ta aingeal Dè ag campachadh 

Mu'n dream d'an eagal e, 
D'am fuasgladh is d'an teasairginn 
O'n trioblaidibh gu lèir. 

8 O blaisibh agus faicibh so, 

Gur maith, 's gur milis Dia : 
Am fear sin 's ^6^^^^^^ e gubeachd 
A dh'earbas as an Triath. 

9 Fior eagal Dè, biodh oirbh, a naoimh ; 

Oir uireasbhuidh no dìth, 
Ni bheil air a luchd eagail-san, 
Fior-chràbhadh dha do ni, 



72 SALM XXXIV. 

10 Bidh easbhuidh air na leòmhnaibh òg, 

Is ocras air gach leth ; 
Ach air an dream a dh'iarras Dia 
Cha cheilear aon ni maith. 

1 1 Thigibh, a chlann, is èisdibh rium ; 

Dhuibh seòlam eagal Dè. 

12 Co'm fear le'm b'àill bhi fada beò, 

Chum maith gu faiceadh e ? 

13 Coimhid do theanga fèin o'n olc, 

*S o labhairt ceilg do bheul. 

14 Seachainn an t-olc, is dean am maith : 

Iarr siochaint, 's lean gu geur. 

15 Tha sùile Dhè air fireanaibh, 

'S a chluas ri'n glaodh gu fior. 

1 6 Tha gnùis Dhè 'n aghaidh daoi, a chum 

An cuimhn' a sgrios à tìr. 

17 Do ghlaodh na fireana ri Dia, 

Is dh'èisd e riu gu grad ; 
Thug furtachd agus fuasgladh dhoibh 
O'n àmhgharaibh air fad. 

18 Do'n mhuinntir , gambheilcridhebriìit , , 

Ro-dhlùth tha Dia gun cheist : 
Ni esan furtachd fòs do'n dream 
'G am bheil an spiorad brist'. 

19 Is lionmhor trioblaid agus teinn 

Thig air an f hirean chòir ; 



SALM XXXV. 73 

Ach asd' air fad ni Dia nan gràs 
A theasairginn fadheòidh. 

20 A chnàmhan uile coimhdidh e : 

Cha'n 'eil a h-aon diubh brist\ 

21 Ach marbhaidh olc an duine daoi, 

Is claoidhear e gun cheist : 
Is luchd an fharmaid, tha toirt fuath 

Do dhaoinibh còir is ceart, 
Mor-chiontach fagar iad 'nan lochd, 
Di-mhilltear iad gu beachd. 

22 Anam a mhuinntir fèin gu lèir 

Saor-f huasglaidh Dia gach àm, 
Cha mhillear idir neach dhiubh sud 
Chuireas an dòchas ann. 

SALM XXXV. 

1 Tagair, a Dhia, ri luchd mo strì ; 

Cuir troid air luchd mo chath'. 

2 Glac fèin do thargaid, is do sgia, 

Eirich, dean comhnadh maith. 

3 Glac fòs doshleagh, '$ airluchdmothòir 

Am bealach druid gu teann : 
Ri m'anam abair fèin mar so, 
Is mi do chomhnadh ann. 

4 Trom-nàir' is masladh gu robh dhoibh 

Ta 'g iarraidh m'anam bochd : 
G 



74 SALM XXXY. 

Is pilleadh iad le h-amhluadh geur, 
Ta smuaineach' thugam lochd. 

5 Biodh iad mar mhuillnein dol le gaoith : 

Biodh aingeal Dè 'nan tòir. 

6 Biodh aingeal Dè 9 g an ruith gu teann, 

Dorch sleamhuinn biodh an ròd. 

7 Oir eangach dh'fholuich iad san dìg, 

Gun aobhar no cion-fà ; 
Sin chladhaich iad gun chùis air bith, 
Chum m'anam chuir an sàs. 

8 Gun fhios, gu'n tigeadh dòrainn air, 

Is glacar e san lìon 
A dh'fholuich e : san dòrainn cheudn' 
Tuiteadh e fèin gu dian. 

9 Ni m'anam gairdeachas an Dia ; 

'S 'na fhurtachd sòlas mòr. 

10 Is their mo chnàmhan ui]e, Dhè, 

Cia choimeas riuts' is còir ? 
Ni teasairginn do'n duine bhochd 

O'n neach ta air ro-threun, 
An t-ainnis is am bochd o'n ti 

Le'm b'àill a chlaoidh gu lèir. 

1 1 Luchd fianuis bhrèige dh'èirich rium, 

Is chuir iad as mo leth 
Na nithe sin, gu h-eucorach, 
Nach b' fhiosrach mi am bith. 



SALM XXXV. 15 

12 Olc dhiol iad rium an èiric maith 

Chum m'anam chur fo leòn. 

13 Ach mis', air bhi dhoibh sud gu tinn, 

Ghabh umam culaidh bhròin : 

M'anam le trasgadh dh'ùmhluich mi, 
'S phill m'urnuigh ann am chrios. 

14 Mar charaid, bràth'r, no fear-caoidh 

Gu brònach crom ghluais mis'.fjnàth'r 

15 Ach chruinnich iad, is bha iad ait, 

Air bhi dhomh ann an teinn : 
Gun fhios domh, chruinnich prascan 
Gun tàmh mo reubadh rinn. [[grànd', 

16 Le cealgairibh gu fanoideach, 

'Nam fèisd rinn sporsa dhiom, 
Do chasadh leo am fiacla rium, 
Ri magadh orm gu dian. 

17 Cia fhad is lèir dhuit so, a Dhè? 

Saor m'anam fèin gu cas 
O'm milleadh-san : mo sheircin fòs, 
Tèaruinn leòmhnaibh bras. 

18 Làn-bhuidheachas do bheiream dhuit 

Am measg an tionail mhòir ; 
'S am measg an t-sluaigh trà *s lionmhor 
Ard-mholam thu le glòir. [iad, 

19 Mo naimhde ta gun aobhar rium, 

Nior robh ac' aoibhneas dhiom : 
g 2 



76 SALM XXXV. 

Do'n dream a thug dhomh fuath gun 
A'm' chaogadh sùl na biom. [chùis 

20 Oir ann an sìth cha'n 'eil an tlachd, 

Ach ann am beartaibh claon, 
An aghaidh dhaoine ciùin na tìr, 
'G am buaireadh air gach taobh. 

21 Gu farsaing dh'fhosgail iad am beul, 

Is rium, ha, ha, a deir, 
Do chi a nis ar sùil an ni 

Bu mhiannach leinn teachd air. 

22 Ach chunnaic thusa so, a Dhia, 

Na bi a'd' thosd a'm' f heum : 
A Thighearn is a Dhia nam feart, 
Na fuirich uam an cèin. 

23 Tog ort, is mosgail chum mo cheirt, 

Fa m' chùis, mo Dhia, 's mo Righ. 

24 Dhia, dean a rèir do cheartais breth, 

Is dhoibh nior b 5 aoibhneas mi. 

25 'Nan ^^1^^' na h-abradh iad riu fèin, 

Ha, ha, 9 se sud ar miann : 
Is' f òs na h-abradh iad a chaoidh, 
Do shluig sinn e gu dian. 

26 Biodh orra nàir^ is tairngear iad 

Gu h-amhluadh mòr le chèiP, 
A ta gu suilbhir is gu h-ait, 
Ri faicinn m'àmhghair ghèir : 



SALM XXXVI. 77 

Is biodh iad air an sgeudachadh 

Le masladh is le nàir', 
Tha 'g iarraidh urraim mhòir dhoibh fèin 

AW aghaidh-sa gun tàmh. 

27 Biodh aoibhneas orra, 's gairdeachas, 

A sheasas dhomh mo chòir : 
Is abradh iad, Mòr-chliu gu robh 
Do Thighearna na glòir, 

Tha gabhail tlachd do shonas buan 
A sheirbhisich do ghnàth. 

28 Is air do cheartas thig mo bheul, 

Is air do chliu gach trà. 

SALM XXXVL 

1 Deir eusaontas an droch-dhuin' so, 

A'm' chridh' is ann am chliabh, 
Fior-eagal Dè am beachd a shùl 
Cha 'n 'eil, is cha robh riamh. 

2 Oir ni e brionnal baoth ris fèin 

Do rèir mar thaitneas ris ; 
A chionta gus am foillsichear 
Mar aobhar fuath d'a sgrios. 

3 Fior-chluaintearachd is eucoir mhòr, 

Sud cainnt a bheoil gu tric : 
Do sguir e f òs dheanamh maith, 
Is leig e dheth bhi glic. 
g3 



78 SALM XXXVL 

4 Aimhleas 'na leabaidh tha e dealbh ; 

San t-slighe nach 'eil maith 
'Ga shuidheachadh 's 'ga shocruch' fèin ; 
Ni h-oillteil leis beart shaith. 

5 Do thròcair tha sna neamhaibh shuas, 

A Thighearn is a Dhè : 
Gu ruig na neoil is àird' nan speur, 
Làn ruigidh d'f hirinn rèidh. 

6 Do cheartas mar na slèibhtibh àrd ; 

Do bhreith mar dhoimhneachd mhòir; 
Air duine 's ainmhidh ni thu, Dhè, 
Deadh-choimhead agus fòir. 

7 O Dhia ! is priseil onorach 

Do chaoimhneas gràdhach caoin ; 
Fo sgàil do sgè ni uime sin, 
Làn dòchas clann nan daoin'. 

8 Le sàill do theach is d'àrois phailt 

Sàsuichear iad gu mòr ; 
As d'amhainn làn do shòlasaibh 
Deoch bheir thu dhoibh r'a h-òl. 

9 Tobar na beatha ta gu dearbh 

Agads' a Dhia nan dùl ; 
Is ann ad sholus dealrach glan, 
Chi sinne solus iùil. 
1 Maireadh do chaoimhneas gràidh, a Dhè, 
Do'n dream chuir eòlas ort : 



SALM XXXVII. 79 

h buanaich d'ionracas faraon 
Do luchd a' chridhe cheirt 

1 1 Na leig do chois an àrdain bhuirb 

A'm' aghaidh teachd, a Dhè : 
Is làmh an droch-dhuin 5 aingidh fòs 
Gu bràth na tulgadh mi. 

12 An sin do thuit luchd-deanamh uilc ; 

Is leagadh iad a sios, 
Ag diobhail spionnaidh agus lùith, 
Cha tig iad tuille nios. 

SALM XXXVIL 

1 Lasan no campar na biodh ort 

Mu dhaoinibh aingidh olc, 

Is na gabh farmad ris an dream 

A bhios a' deanamh lochd. 

2 Oir amhluidh mar is dual do'n fheur, 

Glan-sgathar iad gu grad, 
Is amhluidh mar na lusa maoth 
Crion-seargaidh iad air fad. 

3 Cuir-sa do dhòchas ann an Dia, 

Is deanar maitheas leat, 
Mar sin sior-mheallaidh tu an tìr, 
'S beathaichear thu gu beachd. 

4 Gabh tlachd an Dia, is bheir e dhuit 

Làn rùn do ehridh' a chaoidh. 



80 SALM XXXVII. 

5 Do shlighe tabhair suas do Dhia ; 

Earb ris, is bheir gu crìch. 

6 Foillsichidh e do chòir 's do cheart, 

Mar sholus glan nan trà ; 
Is amhluidh mar àrd-mheadhon-la 
Do bhreitheanas do ghnàth. 

7 Gu sàmhach fan ri Dia nan dùl, 

Is feith le foighid leis ; 
An ti 'na shligh > a shoirbhicheas, 
Na gabh-sa farmad ris ; 

Fa chùis an f hir a bheir gu buil 
A dhroch-bheart innleachdach. 

8 Leig corruich dhiot, treig fearg : chum 

Na bi-sa frionasach. [uilc 

9 Oir droch-dhaoin' is luchd-deanamh uilc 

Glan-sgathar as gu lèir : 
Ach lion 'g am bheil an sùil ri Dia, 
Buan-mheallaidh iad an tìr. 

10 Oir feith-sa gu foil rè h-uair bhig, 

'S an droch-dhuin' ni ^m bi ann: 
'S 'na ionad fòs, ma bheir fainear, 
Cha bhi e fèin no ^chlann. 

11 Ach meallaidh daoine sèimh am feasd 

Am fearann is an tìr : 
Lan-shòlas bheirear dhoibh faraon, 
An saoibhireachd na sìth. 



SALM xxxvii. m 

12 Tlia 'n t-aingidh cumadh lochd do'n 

'S a' casadh 'fhiacla ris. [t-saoi, 

13 Ni Dia air fanoid : oir da -s lèir 

Gur dlùth air là a sgrios. 

14 Na h-aingidh nochdadh iad an lann ; 

Is chuir am bogh' air ghleus, 
A leagadh aim-beartach is bhochd, 
'S a mharbhadh luchd deadh bheus. 

15 An claidhe theid 'nan cridhe fèin, 

Theid air am bogha claoidh. 

16 'S fearr beagan aig an duine chòir, 

Na saoibhreas mòr nan daoi. 

17 Oir gairdeana nan droch-dhaoine 

Mìn-bhristear air an cruas ; 
Ach daoine còir is fireanach 
Ni Dia an cumail suas. 

18 Air aimsiribh nam fireanach 

Is fiosrach Dia gun cheist : 
An oighreachd is am bunadh fòs, 
Dhoibh 's maireannach am feasd. 

19 Cha chuirear iad gu rudhadh gruaidh 

'S an aimsir ghàbhaidh olc : 
Oir gheibh iad uiP an sàth gu leor 
An laithibh gainne J s goirt. 

20 Ach sgriosar droch-dhaoin' ; naimhde 

Bidh iad.mar shaill nan uan : [Dhè, 



82 SALM XXXVII. 

Làn-mhilltear iad is theid dhoibh as, 
Mar dheataich nach 'eil buan. 

21 An iasachd gabhaidh daoine daoi, 

'S cha diol a rìs air ais; 

Am firean tha e tròcaireach, 

Is nithear pailteas leis. 

22 Oir meud \s a f huair a bheannachd-san, 

Sior-mheallaidh iad an tìr : 
'S an dream a gheibh a mhallachd-san, 
Lom-sgriosar iad gu lèir. 

23 Tha Dia a' stiùradh ceumanna 

An duine naomha chòir : 
Is tha e gabhail tlachd is toil 
D'a shlighe-san gu mòr. 

24 Nan tarladh dha gu'n tuiteadh e, 

Cha tilgear uil' e sios : 
Oir tha an Tighearna le 'làimh 
^G a chumail suas a rìs. 

25 Bha mise òg, 's a nis an aois ; 

Is riamh cha'n f haca mi 
'Na dhiobrachan an duine còir, 
No 'sliliochd ag iarraidh bìdh. 

26 Sior-thruacant* e, is coinghiollach : 

66^^^^^^^^' a shliochd a ta. 

27 Seachainn an t-olc, is dean am maith, 

Is comhnuidh gabh gu bràth. 



SALM XXXVII. 83 

28 Is toigh le Dia ceart bhreitheanas, 

A naoimh cha treig e chaoidh ; 
Sior-choimhdear iad : ach sgathar sios 
Droch shliochd nan daoine daoi. 

29 Meallaidh na fìreana an tìr ; 

Buan chomhnuidh ni iad innt\ 

30 Thig beul an t-saoi air gliocas glan, 

A theang' air rogha cainnt. 

31 Tha lagh a Dhia a stigh 'na chridhe : 

Cha sleamhnuich uaidh a cheum. 

32 Tha'n droch-dhuin' feitheamh air an 

G'a mharbhadh is g'a theum. [t-saoi, 

33 Cha 'n fhàg an Tighearn e 'na làimh, 

A dheanamh air droch-bheirt ; 
Cha'n f hagar ris e ann am binn, 
Trà chuirear e fo cheirt. 

34 Feith thus' air Dia, is gluais 'na ròd, 

Is àrduichear leis thu, 
An tìr gu meal thu ; is droch dhaoin' 
'G am milleadh chi do shùil. 

35 An duine 1^11^1011^ chunnaic mi 

An neart, 's an inbhe mhòir, 
'Gasgaoileadhfèin a machmarchraoibh, 
A' fàs gu dosrach ùr ; 

36 Ach chaidh e seach, is feuch cha robh; 

Dh'iarr, is cha d'fhuaras e. 



84 SALM XXXVIII. 

37 Amhairc is feuch gur sìth is crioch 

Do'n duine dhìreach rèidh. 

38 Ach sgriosar luchd an eusaontais, 

Is theid dhoibh as faraon : 
Di-mhilltear agus sgathar sios 

Crioch dheireannach dhroch-dhaoin' 

39 Ach furtachd f hior nam firean fòs, 

Thig sin Dhia nan dùl : 

Is anns an aimsir thrioblaidich, 

'S e 's barrant air an cùl. 

40 Thig treis is f&rtachd thuc' Dhia, 

Le fuasgladh an deadh àm ; 
Saorar leis iad dhaoinibh olc, 
Oir chuir iad muinghinn ann. 

SALM XXXVIII. 

1 O Thighearn, annad chorruich mhòir 

Na cronuich mi gu garg ; 
Na dean mo smachdachadh gu geur, 
An uair a lasas d'fhearg. 

2 Oir tha do shaighde guineach geur 

Sàitht' annam fèin gu dlùth : 
Is orm a ta do làmh gu trom, 
'Gani leagail anns an ùir. 

S Cha'n 'eil maoin fhallaineachd a'm' 
Air son do chorruich gheir ; [fheòil, 



SALM XXXVIIL 85 

AW chnàmhaibh cha'n 'eil tàmh no fois, 
Air son mo pheacaidh fèin. 

4 Oirchaidh mo pheacaidh os mo cheann ; 

Taid orm nan eire thruim. 

5 Mo chreuchda ta ro-lobhta, 's breun ; 

Mo ghòruich 's coireach rium. 

6 Tha mi gu cràiteach, euslan, crom, 

A' triall gach là le bròn. 

7 Mo leasraidh làn do ghalar grànd' : 

Gun fhallaineachd a'm' fheòil. 

8 Taim lag is brùit' : a 9 buireadh f òs 

Trid mi-shuaimhneis mo chridh^ 

9 A'd' làth'r, a Dhè, tha m'uile mhiann : 

Ni'm foluicht' ort mo chaoidh. 

10 Mo chridhe ta sior-phloscartaich, 

Mo neart dh'fhàg mi gu glan; 
An taic ri fradharc geur mo shùl, 
Sin agam fòs cha d'fhan. 

11 Tha luchd mo ghaoil 's mo chairde 

A* seasamh fad o m' bheum, [caomh 
Mo choimhearsnaich is luchd mo phàirt 
A' teicheadh uam an cèin. 

12 Sealg orm a taluchd iarraidh m'anm' : 

Luchd iarraidh m'uilc a ghnàth ; 
A' labhairt nithe aimhleasach, 
'S a' smuaineach' ceilg gach là. 

H 



86 SALM XXXVIII. 

13 Acli mise, amhuil bodhar mi, 

Nach cluinneadh guth no sgeul ; 
Is cosmhuil mi ri duine balbh, 
Gun chomas fosglaidh bèil. 

14 Mar sin mar dhuine mi nach cluinn, 

Gun achmhasan 'na bheul. 

15 Oirdh'earbmi riut, a Dhè, mo Thriath : 

Dhia, freagraidh tus' a'm' fheum. 

16 Oir (thuirtmi) chum nach maoidheadh 

Thoir freagradh dhomh gu cas ; [iad, 
A chum nach dean iad gàirdeachas 
'N trà shleamhnuicheas mo chas. 

17 Oir 's dlùth chum claonaidh mi, *s mo 

A'm' f hianuis tha do ghnàth. [bhròn 

1 8 Mo lochd do innseam, is fo m' chiont', 

Mòr aimheal orm a ta, 

19 Ach 's lionmhoire na gruag mo chinn 

Mo naimhde gun chion-fà ; 
Seadh ?s lionmhoir , iad na m' fhuilteine 
Gun aobhar air gach làimh. 

20 'S iad sin a's naimhde dhomh gu fior, 

Luchd-diolaidh maith le h-olc ; 
Air son gu bheil mi leanmhuinn air 
An ni ta maith gun lochd. 

21 Na treig mi, Thighearna: mo Dhia 

Na bi-sa uam an cèin. 



SALM XXXIX. 87 

22 Dhia, greas a chum mo chuideachaidh, 
Oir 's tu mo shlàinte fèin. 

SALM XXXIX. 

1 Thubhairt mi, bheir mi fèin fainear 

Mo shlighe ; 's ni mi fòs 
Mo theang' a choimhead mar le srèin, 
Air bhith do'n daoi a'm' chòir. 

2 Dh'fhan mi gu tosdach balbh aW 

O'n ni sin fèin bu mhaith, [thàmh, 
Mhosgail mo thrioblaid is mo bhròn 
Annam gu mòr a stigh. 

3 Air bhith dhomh smuaineach' tric mar 

Do ghabh mo chridhe teas : [so, 
Do las an teine : is mar so 
Le m' theangaidh labhair mis. 

4 Thoir fios, a Dhè, dhomh air mo chrìch, 

Tomhas mo là ciod e : 
Gu faighinn eòlas agus fios 
Cia h-anmhunn gearr mo rè. 

5 Feuch rinn thumar leud bois' mo làith' ; 

Mar neo-ni agad m'aois : 
Gach neach d'a fheabhas, e gu fior 
*S ni dìomhanach gun phrìs. 

6 An samhladh brèig' a' siubhal fòs 

Gach duine ta gu dearbh : 
h 2 



88 SALM XXXIX. 

Gun suaimhneas taid 'gam buaireadh 
An dìomhanas gun tairbh' : [fèin 

A' torradh nithe, 's cuir le chèil' 
Mòr-bheartais air gach dòigh, 

Gun f hios co 'n t-oighre chruinnicheas, 
No mhealas iad fadheòidh. 

7 Ciod nis ri'm feitheam fèin, a Dhè ? 

Mo dhòchas dhiot do niom. 

8 Saor mi o m'uile lochd ; 's na dean 

Ball-maslaidh an-daoin' dhiom. 

9 Dh'fhan mi aW thosd, gun fhosgladh 

Oir's leatsa rinneadh e. [bèil, 

10 Tog dhiom d'o bhuille, Dhè : le beum 

Do làimh-sa chlaoidheadh mi. 

1 1 Trà chronuichear leat neach m'a lochd, 

Mar chnuimh theid as d'a shnuadh. 
Gu deimhin fèin 's fìor-dhiomhanas 
Gach duin' air bith do'n t-sluagh. 

12 Dhia, èisdri m'urnuigh, is ri m'ghlaodh, 

Ri m' dheòir a'd' thosd na bi ; 
Oir coigreach agad, is fear-cuairt, 
Mar m'athraibh uile mi. 

13 Dhia, coigil agus caomhain mi, 

Gu faighinn neart ri m' bheò, 
Mu'n teid mi thart' ag dol do'n eug, 
'S nach bithinn ann ni 's mò. 



SALM XL. 89 

1 Dh'fheith mi le foighid mliaith ri Dia, 

Chrom thugam, dh'èisd mo ghuth : 

2 Is thug e à slochd uamhunn mi, 

A clàbar criadha tiugh : 
Air carraig chòmhnaird chuir mo chas, 
Mo cheum do shocruich e. 

3 Is òran nuadh do chuir a'm' bheul, 

Gu b'e sud moladh Dhè : 

Chi mòran e, 's fo eagal bi'd, 
Is earbaidh iad à Dia. 

4 'S beannaicht' an duine sin gu dearbh 

Ni dòchas as an Triath, 
Is nach gabh tlachd no toil air bith 

Do luchd an ardain mhòir, 
No fòs do'n droing a theid a thaobh 

Gu ceilg, le saobhadh glòir. 

5 Is lìonmhor t'oibre iongantach, 

A Thighearn is a Dhè, 
'S do smuaintean oirnn : ni àirmhear 

An ordugh dhuit gu rèidh : [iad 
Na'n cuirinn iad an cèill gu mìn, 

No fòs na 'n innsinn iad, 
An àireamh rachadh thar mo neart, 

Aig lìonmhoireachd is meud. 

6 Ofrail ni miann no ìobairt leat, 

Dh'fhos^ail thu fèin mo chluas : 
h 3 



90 SALM XL 

Lochd-ìobairt agus ìobairt-loisgt' 
Cha d'iarr thu dhuit chur suas. 
7 An sin a dubhairt mise, feuch, 
A nis a ta mi teachd : 

An ròl' an leabhair ormsa fòs 
Sud sgrìobhta tha gu beachd : 

8'Se sud mo thlachd 's mo mhiann, a 

Do thoil gu deanta leam : [Dhè, 

Do reachd gu dearbh a ta gu buan 

A'm' chridh' a stigh, 's a'm' chom. 

9 Air d'fhireantachd sa' choinneamh 

A Dhè, do rinn mi sgeul : [mhòir, 

Oir feuch, a Dhè, mar 's aithne dhuit, 

Nior choisg mi fèin mo bheul. 

10 D'fhirinn aW chridhe cha do cheil, 

Do dhilseachd chuir mi'n cèill ; 
Doshlàint', 's do chàoimhneas cinnteach 
O'nt-sluagh niorcheilmifèin. [caomh 

11 Do thròcair chaomh na cum-sa uam, 

A Thighearna gu bràth, 
Do chaoimhneasgràdhach, d'fhirinn fòs 
Do m' choimhead fèin do ghnàth. 

12 Oir is do-àireamh iad na h-uilc 

Ta 'g iadhadh orm rau'n cuairt ; 
Do ghlac mo pheacaidh mi co teann 
'S nach feud mi sealltuinn suas. 



SALM XLL 91 

O's lìonmhoir' iad no folt mo chinn, 
Do thrèig mo chridhe mi. 

13 Dhia, gu ma toil leat furtachd orm, 

Grad-chuidich leam, a Dhè. 

14 Biodh nàir' is amhluadh dhoibh faraon 

Do m'anam dh'iarras claoidh : 
Ruaig orr' air ais, is rudhadh gruaidh, 
Le 'm b'àill mo chur gu dì. 

15 Gun àird gun àiteach' gu robh iad, 

Mar thuarasdal d'an nàir', 
A thubhairt rium gu fanoideach, 
Aha, aha, le gàir\ 

16 Aoibhneas is aidhear do gach neach, 

'Ga d'iarraidh fèin a ta : 
Is abradh iad le'n toigh do shlàint' 
Dia gu ma mòr do ghnàth. 

17 Ach mis' ge h-ainnis bochd ataim 

Do smuainich orm an Triath : 
M'f hear cobhair thu 's mo Shlànuigh- 
Moille na dean, a Dhia. [ear ; 

SALM XLL 

1 'S beannaicht' an duine bheir gu glic 
Fainear an duine bochd, 
An uair a thrioblaid is a theinn 
Bheir Dia e saor o'n olc. 



92 SALM XLL 

2 Ni Dia a dhion, 's a chumail beò, 

Is beannaicht' e san tìr : 
Gu toil a naimhde mi-runach 
Na tabhair e gu sìor. 

3 Air leab' a thinneis iarganaich 

Bheir Dhia dha neart is treòir : 
A leaba ni thu dha air fad 
Ri h-àm a thinneis mhòir. 

4 Thubhairt mi, deansa tròcair orm, 

A Thighearna 's a Dhè ; 
Is leighis m'anam euslan bochcl, 
Oir d'aghaidh pheacaich mi. 

5 Tha'n dream sin a's fìor-naimhde dhomh 

A* labhairt orm le beum : 
O c'uin a sgriosar ainm-san as, 
'S a theid e sìos do'n eug. 
3 Ma thig e m'amharc, labhraidh e 
Cainnt dhiomhanach ]e 'bheul : 
Ta 'chridh' a' torradh nimh a stigh, 
'S a muigh a' deanamh sgeul. 

7 Sìor-chogarsaich an cluais a chèil' 

Luchd m'f huath a ta air fad : 
A' smuaineachadh 's a' cumadh lochd 
A'm' aghaidh fèin gun stad. 

8 Droch thinneas (deir iad) tha gu dlùth 

A' leantuinn ris r'a bheò : 



SALM XLII. 93 

Xis air bhith dha 'na luidh' gu tinn, 
Cha'n èirich e ni's mò. 

9 Am fear bu charaid dìleas domh, 
Ri'n earbainn gach ni b'àill, 
'S a chealaich m'aran air mo bhòrd, 
A'm' a°;haidh thosr e 'shàil. 

10 Ach thusa, Dhè, dean tròcair orm, 

Is tog mi rìs an àird, 
Gu'n tugainn còdhail chuimseach 
Is comain cheart gun dàil. [dhoibh, 

1 1 Trid so is fìosrach mi gu beachd 

Gur ionmhuinn leatsa mi : 
Air sonnachd'thug mo naimhde buaidh, 
'S nach d'rinneadh leo mo chlaoidh. 

12 Ach mise, ann am ionracas 

'S tu sheasas mi do ghnàth : 

Am fianuis f òs do ghnùis, a Dhè, 

Ga m' shocruchadh gu bràth. 

13 Iehobhah Dia cloinn Israeil, 

Beannaicht' gu robh e fein, 
O aois gu h-aois gu suthain sìor, 
Amen, agus amen. 

SALM XLIL 

1 Mar thogras fiadh na sruthain uisg* 
Le bùireadh àrd gu geur, 



94 SALM XLII. 

Mar sin tha m'anam ploscartaich 
Ag èigheach riuts', a Dhè. 

2 Tha tart air m'anam 'n geall air Dia, 

'S ann air an Dia ta beò ; 
O c'uin a bheirear mi 'na làth'r, 
An làthair Dhia na glòir' ? 

3 Gach là is oidhch' is iad mo dheòir 

Is cuibhrionn dhomh 's is biadh : 
An uair a deir iad rium do ghnàth, 
Ca bheil a nis do Dhia ? 

4 Tha m'anam air a dhòrtadh mach 

Trà chuimhnicheam gach ni ; 
Oir chaidh mi leis a' chuideachd mhòir, 
Dol leo gu teampull Dè ; 

Seadh chaidh mi leo le gairdeachas, 

Is moladh fòs le chèil', 
*S ann leis a' chuideachd sin a bha 

A 9 coimhead làithe fèilP. 

5 O m'anam ! c , uim , a leagadh thu 

Le diobhail misnich sìos ? 
Is c'uim' am bheil thu'n taobh stigh 
Fo thrioblaid is fo sgìos ? [dhiom 

Cuir dòchas daingean ann an Dia, 

Oir fathast molam e, 
Air son na furtachd is na 81^111^ 

Thig dhomh o 'eudan rèidh. 



SALM XLIL 95 

6 Thuit m'anam annam sìos, a Dhè, 

Ghrad-chuimhnich mi 'n sin ort ; 
O thalamh Iordain, Hermoin àird, 
O Mhisar fòs nan cnoc. 

7 Le fuaimneach d'f headain uisg', a Dhè, 

Ta doimhn' air dhoimhne gairm : 
Do shumainne, 's do thonnan àrd 
Dol tharum tha le toirm. 

8 Orduichidh Dia d'a ghràsaibh dhomh 

A chaoimhneas anns an lò : 
San oidhche ni mi guidhe 's ceòl 
Ri Dia a chum mi beò. 

9 Mo charraig, tfmox 9 a thrèig thu mi ? 

Ri Dia a deiream fèin : 
Is c'uim' am bheil mi triall fo bhròn 

Bhrigh foirneirt m'eascair thrèin ? 
10 Mar lann a , m , chnàmhaibh, m'eascairde 

Toirt toibheim dhomh a ta : 
'Nuair their iad rium gu fanoideach, 

Ca bheil do Dhia ? gach là. 

1 i O m'anam c , uim J a leagadh thu, 

Le diobhail misnich sìos ? 
Is c'uim' am bheil thu'n taobh stigh 

Fo aimheal is fo sgìos ? [dhiom 

Cuir dòchas daingean ann an Dia ; 

Oir molam e do ghnàth, 



96 SALM XLIIL 

O 'se a's slàinte do mo ghnùis, 
Is e mo Dhia gu bràth. 

SALM XLIII. 

1 C/UM cothrom rium, is tagair fèin 

Mo chùis, o'n fhineach olc, 
O'n eucorach, 's o fhear na ceilg, 
Dhè, saor-sa mi o'n lochd. 

2 C'ar son a thilg thu mise uait ? 

'S gur tu mo Dhia 's mo threòir ; 
C'ar son bhrigh foirneirt m'eascairde, 
An siubhlam fèin fo bhròn ? 

3 Dhia, d'fhirinn is do sholus glan 

Leig thugam sud a mach : [naomh, 
Do m' sheòladh chum do thulaich 
'S mo thabhairt chum do theach. 

4 'N sin racham dh'ionnsuidh altair Dhè, 

An Dia sin m' aoibhneis mhòir : 
Air clàrsaich bhinn do mholam thu, 
O Dhia, mo Dhia na glòir. 

SOm' anam, c'uim' a leagadh thu 

Le diobhail misnich sìos ? 
Is c'uim' am bheil thu'n taobh stigh 

Fo aimheal is fo sgìos ? [dhiom 

Cuir dòchas daingean ann an Dia ; 

Oir molam e do ghnàth, 



SALM XLIV. 9? 

O 'se a 's slàinte do mo ghnùis, 
'S gur e mo Dhia gu bràth. 

SALM XLIV. 

1 Le'r cluasaibh chuala sinn, a Dhè, 

Ar sinnsir chuir an cèill 
Na gnìomhara do rinneadh leat, 
'Nan aimsir, fad o chèin. 

2 Le d' làimh mar thilg thu mach na 

Is iadsan chuir 'nan àit : [slòigh, 
Mar rinn thu air na cinnich claoidh, 
'Gan tilgeadh as do làth'r. 

3 Oirsealbhsantìrcha d'fhuair doshluagh 

Le'n claidheamh no le'n loinn, 
Ni mò a rinn an gàirdean fèin 

An teasairginn 'nan teinn : [bhuaidh, 
Ach deas-làmh Dhia thug dhoibh a' 

Do ghàirdean neartmhor treun, 
Is solus glan do ghnùis, a chionn 

Gu'n d' thug thu dhoibhsan spèis. 

4 Oir 's tusa fèin, a Dhia nam feart, 

Mo Thighearn is mo Righ : 
Furtachd do Iacob orduich uait, 
Is fuasgail air gun dì. 

5 'S ann trid do neart-sa leagar sios 

Na h-uile 's naimhde dhuinn : 



98 SALM XLIV. 

Trid cFamm-sa saltraidh sinn gu làr 
An dream a dh'èireas ruinn. 

6 Oir as mo bhogh' cha dean mi bun, 

Cha'n fhurtachd dhomh mo lann. 

7 Ach 's tusa nàirich luchd ar fuath, 

O'r naimhdibh chuidich leinn. 

8 Air feadh an là 's ann ann an Dia 

A ni sinn uaill is glòir : 
Is d'ainm-sa fòs air feadh gach linn 
Ard-mholaidh sinn gu mòr. 

9 Ach rinn thu nis ar tilgeadh dhiot, 

Is nàirich thusa sinn : 
'S a mach le'r n-armailtibh 's le'r feachd 
Cha'n 'eil thu fèin dol leinn. 

10 Gu teicheadh chuir thu sinn air ais, 

O'n nàmhaid gheur sa' chath : 
Is luchd ar mi-ruin tha dhoibh fèin 
A' deanamh creich' is sgath'. 

1 1 Mar chaoraich thug thu sinn 'nar biadh ; 

Measg fhineach sgaoileadh sinn. 

12 Reic thu do phobull fèin gun fhiach, 

9 S gun mheud air maoin d'an cionn. 

13 Do rinn thu toibheum dhinn gu truagh 

D'ar coimhearsnaich gu lèir ; 
Ball-abhachd do na bheil mu'n cuairt, 
'S ball-magaidh mar an ceudn'. 



SALM XLIV. 99 

14 Am measg nan Geintileach air fad 

Gnàth-f hocal rinn thu dhinn : 
'S am measg a' phobuill anns gach àit 
'Nar n-aobhar crathaidh cinn. 

15 Tha m' amhluadh is mo mhasladh geur 

AW fhianuis fèin do ghnàth, 
Rinn nàir is rudhadh f òs mo ghruaidh 
M'fholach gu truagh gach là. 

16 'S e sin mo chor thaobh guth an fhir 

A chàineas mi gu h-olc, 
'S a spreigeas mi : 's a thaobh an nàmh, 
'S an dioghaltaich gu lochd. 

17 Sud uile ge do thàinig oirnn, 

Nior dhearmaid sinne thu ; 
Cha d'rinn sinn breug no briseadh claon 
'N aghaidh do chunnraidh dhlùth. 

18 Cha d' aom ar n-aigne uaitse riamh, 

Ar cridhe cha deach air cùl : 

O d' shlighe cha do chlaon ar cos, 

'S cha deach air seachran iùil. 

19 Is ge do phronn thu sinn gu-mìn 

Mar uabheistean an sàs, 
Is ge do dh'fholuich thusa sinn 
Le sgàiP is dubhar bàis, 

20 Ma 's e gu'n leig sinn as ar cuimhn' 

Ainm uasal àrd ar Dia, 
1 2 



100 SALM XLV. 

No gu dia eile coimheach brèig' 
Ar làmh ma shìn sinn riamh : 

2 1 Nach rannsuich Dia so fèin a mach ? 

Oir, aige ta làn-fhios 
Air diomhaireachd a' chridh' a stigh, 
Gach car a t'ann is cleas. 

22 Oir, air do shonsa mharbhadh sinn 

Air feadh an là gu lèir, 
'S mar chaoraich tha sinn air ar meas, 
A chasgaireadh gu geur. 

23 Mosgail, c'ar son an coidleadh tu ? 

Dhia, fairich as do shuain ; 
Gu bràth na tilg-sa sinn a mach, 
Na triall-sa fada uainn. 

24 Ciod uim J am foluich thu do ghnùis ? 

Ciod uim' an dearmaid thu 
Ar n-àmhghar, is ar n-èigin mhòr 
Air iadhadh oirnn gu dlùth ? 

25 Oir chrom ar n-anam sios do 'n ùir, 

Ar brù ri talamh theann. 

26 A'd' thròcair èirich, cuidich leinn, 

Is furtaich oirnn san àm. 

SALM XLV. 

1 JJeadh aobhar òrain naoimh is ciùil 
Ag deachdadh ta mo chridh' i 



SALM XLV. 101 

Is labhram air na nithibh sin 
Do rinn mi fèin mu'n Righ : 

Mar pheann an làimh fir-sgrìobhaidh 
A chuireas sios gu luath, [dheis, 

Is amhluidh sin, mo theanga ta 
Air d'onoir àird a' luadh. 

2 Is maisich , thu na clann nan daoin' j 

Gràs dhòirteadh ann ad bheul : 
Is air an aobhar sin rinn Dia 
Do bheannachadh gach ial. 

3 Deasuich do chlaidheamh air do leis, 

O thus' a ghaisgich mhòir : 
Le d' chumhachd is le d' mhòralachd, 
Le greadhnachas is glòir. 

4 Bhrigh fìrinn, suairceis, agus ceirt, 

Marcuich gu buadhach àrd, 
Is nithe uamhor teagaisgidh 

Do dheas-làmh dhuit 's gach àit. 

5 Rachadh do shaighde geur gu cridh 5 

Gach eas-caraid an Righ : 

Trid sin am pobull tuitidh f ud, 

Is nìthear leat an claoidh. 

6 Gu suthain is gu siorruidh ta 

Do chaithir àrd, a Dhè : 
Slat-shuaicheantais do Rioghachdmhòii 
Is slat ro chothrom i. 

i 3 ^^à^ 



102 SALM XLV* 

7 O 's ionmhuinn leatsa còir is ceart, 

Is thug thu fuath do'n olc, 
Os ceann do chompanach chuir Dia, 
Do Dhias' oP aoibhneis ort. 

8 Do'n Alos, Mhirr, is Chasia, 

O d'eudach boladh thèid : 
Leo sud do chuir iad aoibhneas ort, 
O d' lùchairt geal mar dheud. 

9 Am measg do mhnathan onorach 

Ta Nigheana nan Righ : 
'$ an òr na h-Ophir, air do dheis, 
Do bhan-righ seasaidh i. 

10 A nighean, èisd is amhairc fòs, 

Is crom-sa sios do chluas ; 
Tigh d'athar, is do mhuinntir fèin 
Na cuimhnich à so suas, 

11 Gabhaidh mar sin an Righ làn-toil 

Do d'àille thlachdmhoir fèin ; 
Oir 's e do Thighearn is do Thriath, 
Thoir urram dha is gèill. 

12 Thig Nighean Thiruis thugad fòs, 

Le tiodhlacadh gu tric, 
\S na daoine saoibhir tha 'nam measg 
Ag asluch' gràis is iochd. 

13 Nighean an Righ gu dearbh a stigh 

Tha uile làn do ghlòir : 



SALM XLVL 103 

Tha culaidh eudaich uimpe f òs, 
Air oibreachadh le h-òr. 

14 Am brat do obair ghrèis le snàith'd 

Bheirear i gus an Righ : 
Thig thugad luchd a coimheadachd, 
'S a maighdeana 'na dèigh. 

15 Theid iad gu cùirt an Righ a steach, 

Ait, aoibhneach bheirear iad. 

16 Air son do shinnsir bidh do chlann, 

Mar phrionnsaibh anns gach àit. 

17 D'ainm glòrmhor do gach linn a thig, 

Air chuimhne cuiridh mi : 
Is amhluidh bheir am pobull duit 
Ard-mholadh feadh gach rè. 

SALM XLVL 

1 'Se Dia is tearmunn duinn gu beachd, 

Ar spionnadh e 'sar treis : 
An aimsir carraid agus teinn 
Ar cobhar e ro-dheas. 

2 Mar sin ged ghluaist* an talamh trom, 

Ni h-aobhar eagail duinn : 
Ged thilgteadh fòs na slèibhte mòr 
Am builsgein fairg' is tuinn. 

3 Na h-uisgeacha le beucaich bhuirb, 

Ged rachadh thar a chèil' : 



104 SALM XLVI. 

Le'n ataireachd ged bhiodh air chrith 
Na beanntan àrd gu lèir. 

4 Ta amhainn ann, le sruthan sèimh, 

Ni caithir Dhè ro-ait ; 
Fior-àite naomh an ti a's àird' 
Am bheil sior-chòmhnuidh aig\ 

5 Tha Dia 'na meadhon innt' a stigh j 

Mar sin cha ghluaisear i ; 
Oir cuideachadh is còmhnadh leath' 
'S e Dia gu moch a ni. 

6 Na slòigh ghabh boile, agus ghluais 

Na rioghachda gu cas : 
Air cur do Dhia a ghuth a mach, 
Do leagh an talamh as. 

7 Leinne tha Dia nan sluagh do ghnàth ; 

Dia Iacoib 's tearmunn duinn. 

8 Thigibh, is feuchaibh oibre Dè, 

Gach sgrios air talamh rinn. 

9 Gu h-iomall fòs an domhain mhòir 

An cogadh ni se chosg : 
Am bogha bhrist, an t-sleagh do ghearr, 
An carbad cogaidh loisg. 

10 Bibh sàmhach, 's tuigibh gur mi Dia: 
Arduichear mi gu sior 
Am measg nan sluagh, biom onorach 
Air feadh gach uile thìr'. 



SALM XLVII. 105 

1 1 Tha Dia nan sluagh ri còmhnadli leinn, 
'S an còmhnuidh air ar crann: 
'Se Dia ud Iacoib 's tearmunn duinn, 
D'ar furtachd anns gach àm. 

SALM XLVII. 

1 Buailibh 'ur basan, uile shlòigh, 

Ta chòmhnuidh anns gach àit ; 
Le guth 5 s le gàirdeachas do Dhia 
Suas togaibh iolach àrd : 

2 Oir Dia ro-àrd is uamhunn e ; 

Righ mòr os ceann gach tìr\ 

3 Am pobnll cuiridh e fo'r smàchd, 

Fo'r cois na slòigh gu lèir. 

4 Mar oighreachd, mòrachd Iacoib ud, 

(D'an d' thug e gràdh) dhuinn thagh : 

5 Chaidh Dia le buaidh-chairm àrda suas, 

Le trompaid 's fuaimneach blàdh. 

6 Seinnibh do Dhia, seinh moladh : seinn 

D'ar Righ, seinn moladh binn. 

7 Oir's Righ. Dia mor os ceann gach tìr', 

Seinn da gu h-eòlach grinn. 

8 Tha Dia 'n-a shuidh' 'na chaithir 

'Se 's Righ air finibh ann. [naomh ; 

9 Prionnsa nan sluagh do chruinnich iad 

Pobull Dè Abrahaim ; 



106 SALM XLVIIL 

Air son gur le Iehobhah mhàin 
Sgiath dhìdein do gach tìr • 

'Se fèin is àird' 's is urramaich, 
y S dha dlighear moladh sior. 

SALM XLVIIL 

1 I s mòr Iehobhah, Dia nam feart, 

An caithir àird ar Dia; 
Is air sliabh àrd a naomhachd fèin, 
Ion-mholta chaoidh an Triath. 

2 Beinn Shioin 's breagh' a suidheachadh, 

Aoibhneas gach fearainn i ; 
Is dlùth dhi air an taobh mu thuath, 
Tha caithir an Ard-Righ. 

3 Aithnichear Dia 'na lùchairtibh, 

Mar thearmunn anns gach airc. 

4 Oir feuch, trà bha na Righre cruinn, 

Le chèile ghabh iad thart\ 

5 Chunnaic iad sud, is b'iongnadh Ieo, 

Le cabhaig dheifrich as. 

6 Ghlac eagal iad an sin, is pian, 

Mar mhnaoi ri saothV gu cas. 

7 Cabhlach Tharsis le gaoith an ear, 

Mìn-bhristear leat gu luath. 

8 Mar chuala, 's amhluidh chunnaic sinn, 

Am baile Righ nan sluagh, 



SALM XLVIII. 10? 

Am baiP ar Dia ; 's e Dia gu bràth 
Ni daingean e le neart. 
9 A'd' theampull, air do chaoimhneas 
Dhia smuainich sinn gu ceart. [caomh, 

10 Mar d'ainm, is amhluidh sin do chliu, 

Gu crìch na talmhainn ta : 
Do dheas-làmh làn do f hireantachd, 
Dhia, anns gach beart do ghnàth. 

1 1 Beinn Shioin gu ma h-aoibhinn i, 

Is Nighean Iudah ait, 
Air son do bhreitheanais, a Dhè, 
Ta cothromach is ceart. 

1 2 Siùbhlaibh mu thimchioll Shioin naoimh, 

Mu'n cuairt di air gach taobh : 
Airmhibh a baideala gu dlùth, 
'S a turaite gach aon. 

13 Thugaibh fainear a bàbhuin bhreagh', 

'S a caisteil àrd le beachd : 
Chum sin gu cuireadh sibh an cèill 
Do'n àl a ta ri teachd. 

14 Oir 's e an Dia so fèin ar Dia 

Gu siorruidh is gu bràth j 
'S efòs a stiùras sinn gu ceart 
Gu li-uair is àm ar bàis. 



108 SALM XLIX. 

1 JjjISDibhse so gach uile shluagh, 

Na bheil sa' chruinne-chè : 

2 Is cluinnibh eadar mhòr is bheag, 

Ma's bochd no beartach e. 

3 Air tuigse smuainichidh mo chridh , j 

Air gliocas thig mo bheul. 

4 Aomaidh mo chluas gu parablaibh : 

Nochdam cainnt dhorch air teud. 

5 Droch làithean c'uim' am b'eagal leam 

Gu'n cuirinn iad an suim, 
Mor-aingidheachd is lochd mo shàl 
Trà dh'iadh iad orm gu cruinn ? 

6 Na daoine sin 'nan saoibhreas mòr 

Ta deanamh doigh is treis', 
Is ann an lionmhoireachd an stòir 
A ta ro-bhòsdail leis. 

7 A bhràth'rcha'n fhuasgailneach dhiubh 

A gàbhadh no a pèin, [sud 

A thabhairt èiric as do Dhia 
Ni f heudar leis 'na f heum : 

8 (Oir saors' an anama 's priseil e, 

Sguiridh e ^m feasd gu beachd :) 

9 Gu maireadh e gu siorruidh beò, 

'S nach faiceadh truaillidheachd. 

10 Oir chi e fòs na daoine glic, 

9 S an dream air dhiobhail cèill ; 



SALM XLIX. 109 



'S na h-ùmaidh, fàgail toic do chàch, 
Is faghail bàis iad fèin. 

11 'Se'n smuaineachadh gu mair an tigh, 

'S an còmhnuidh feadh gach rè, 
A' tabhairt air am fearann ainm, 
Do rèir an ainme fèin. 

12 Gidheadh, an duin' an onoir mhòir 

Cha mhair e ann gu buan : 
Ach amhluidh marant-ainmhidhtruagh 
Chum bàis a shiùbhlas uainn. 

13 An slighe sud ge gòrach i, 

Taitnidh an cainnt r'an sliochd. 

14 Mar chaoraich dol san uaigh a taid, 

'Nam biadh do'n bhàs gun iochd : 

Na fireanaich gheibh os an ceann 
Ard-uachdranachd gu moch, 

*S 'nan còmhnuidh seargaidh anns an 
An àilleachd is an dreach. [uaigh, 

15 Bheir Dia do m'anam fuasgladh saor 

O chumhachd bàis is uaigh, 
Oir gabhaidh e mi thuige fèin, 
'Ga m' theasairginn le buaidh. 

16 An uair a nithear sacibhir neach, 

Na glacadh faitchios thu ; 
'S an t-àm a chinneas glòir a theach, 
Na cuireadh sud ort tnù. 



510 SALM L. 

17 Oir 'nuair a shiùbhlas e do'n eug, 

Aon seud cha toir e leis : 
'S an uair a thèid e sios do'n uaigh, 
A ghlòir cha lean i ris. 

18 Seadh 'anam fèin ged bheannaich e 

Am feadh a bha e beò. 
('S thusa, ma ni thu maith dhuit fèin, 
O dhaoine gheibh thu glòir.) 

19 Gu h-àl a shinnsir siùbhlaidh e, 

Solus cha'n f haic gu bràth. 

20 An duin' an onoir, 's e gun chiall, 

Mar ainmhidh e gheibh bàs. 

SALM L. 

1 Labhair an Dia Iehobhah treun, 

An talamh ghairm gu lèir, 
O'n àird an ear gu h-àird an iar, 
O èiridh gu luidh' grèin'. 

2 A Sion àrd a's foirfe mais', 

Do dhealruich Dia nam feart. 

3 Oir thig ar Dia 's cha bhi 'na thosd, 

Ach labhraidh e le neart : 

Theid teine millteach roimh a ghnùis, 

A' lasadh suas gu garg : 
'S m'a thimchioll-san gu doinionnach, 

Bidh e 'na chaoiribh dearg\ 



SALM L. 111 

4 Air talamh, is air nèamh nan neul, 

Ard-ghairmidh e gu treun, 
Gu'n tugadh e ceart-bhreitheanas 
Air uile phobull fèin. 

5 " Do m'ionnsuidh cruinnichibh mo 

Is tionalaibh an dream [naoimh : 
A rinn gu dìleas is gu dlùth, 
Le h-ìobairt, cùmhnant leam". 

6 A cheart-san, do ni nèamh nan neul 

A chur an cèill 'na àm : 
Oir 'se Iehobhah fèin gu beachd 
Is aon àrd-bhreitheamh ann. 

7 Mo phobull Isra'l, èisdibh rium, 

Is labhraidh mi gu ceart : 
A' d' aghaidh togam fìanuis f hior, 
'S mi Dia, do Dhia gu beachd. 

8 Mu d^ofrailibh ni agram thu, 

No fòs mu d'ìobairt loisgt', 
Air son nach d*thug thu iad do ghnàth, 
'S nach d'fhuaras iad gun fhois. 

9 Oir as do thigh cha ghabhainn uait 

Mar ìobairt biorach bò ; 
'S cha ghabhainn gabhar fhirionn fòs 
Mar ofrail as do chrò. 
10 Gach ainmhidh beò d'am bheil an coill 
Is leamsa sin gu lèir. 
k 2 



112 SALM L. 

'S na h-uile sprèidh air mhìle cnoc, 
Ta 'g ionaltradh air feur. 

1 1 An eunlaith 's aithne dhomh air fad, 

Ta 'g itealaich feadh bheann : 
'S leam gach fiadh-bheathach uile fòs 
Feadh gharbhluich agus ghleann. 

12 Geur-ocras nam biodh orm no gort, 

Cha chuirinn duits' an cèill, 
Oir 's leam an domhan mu'n iadh grian, 
Is na bheil ann gu lèir. 

13 Fuil ghabhar 'n e gu'n òlainn uait? 

Feòil tharbh an ithinn i ? 

14 Ioc ìobairt buidheachais do Dhia, 

'S do bhòidean do'n Ard-Righ. 

15 An là do thrioblaid is do theinn, 

Gair orm an sin gu ceart : 
Ort fuasglam, is bheir thusa glòir 
Do m , ainms , a chuidich leat. 

16 Ach ris an droch-dhuin 5 labhraidh Dia, 

Mo statuin chur an cèill 
Cha bhuineadh dhuit, no ghabhail fòs 
Mo chumhnaint ann ad bheul. 

17 Do m' achmhasan thug thu fuath, 

'S an spèis riamh e nior chuir ; 
Ach thilg mo bhriathran air do chùl, 
^G an diùltadh uam gu tur. 



SALM L. 113 

18 Trà chunnaic thu an gadaich dàn, 

Dh'aontaich thu leis 'na olc : 
'S le luchd an adhaltrais a rìs, 
B'fhear-comuinn thu 'nan lochd. 

19 Do theanga thug thu chumadh brèig, 

Chum uilc thug thu do bheul. 

20 Do d'bhràthair shuidh thu thabhairt 

'S do mhac do mhàthar beum. [guth; 

21 Na nithes' uile rinneadh leat, 

Is dh'fhanas dhiot a'm' thosd ; 
Is shaoil thu mar a ta thu fèin 

Gu b'amhluidh mi gach achd : 
Ach cronaicheam do pheacaidh dhuit, 

A' d' amharc cuiream iad ; 
A chum gu faiceadh do dhà shùil, 

Nach fol'chear orm-sa beud. 

22 O sibhs' a dhream nach cuimhnich Dia, 

Nis tuigibh so 'na àm ; 
Mu'n dean mi liodairt oirbh gu cas, 
Gun neach d'ar furtachd ann. 

23 An ti bheir ìobairt molaidh uaith, 

'Se sin bheir dhomhsa glòir : 
Oir nochdam slàinte Dhè do'n f hear 
A ghluaiseas mar is còir. 
k3 



114 SALM Ll. 

1 Dean tròcair orm, a Dhia nan gràs, 

Gu h-iochdmhor saorsa mis\ 
Rèir lionmhoireachd do thròcair chaoimh, 
Glan as m'uiP eusaontas. 

2 Gu h-iomlan ionnail mi o m' lochd, 

Glan mi o m' chiont' a'd' ghràdh. 

3 Oir tha mi 'g aidmheach' m'eusaontais, 

'S lèir dhomh mo lochd do ghnàth. 

4 A' d'aghaidh, d'aghaidh fèin a mhàin, 

Do pheacaich mi gu trom, 
Is ann ad fhianuis fèin, a Dhè, 

An t-olc so rinneadh leam : 
Do chum air labhairt duit a mach 

Gu biodh tu cothromach ; 
'S gu biodh tu glan trà bheir thu breth, 

Is ceart neo-eucorach. 

5 Am peacadh, feuch, do dhealbhadh mi, 

Is ann an cionta f òs 
Do ghabh mo mhàthair mì 5 na broinn, 
Trà ghineadh mi o thùs. 

6 An taobh a stigh do'n chridhe, feuch, 

An fhirinn 's ionmhuinn leat : 
San ionad f holuicht , bheir thu orm 
Gu'n tuig mi gliocas ceart. 

7 Le hisop dean-sa mise glan, 

Is bitheam glan gu beachd ; 



SALM LL 115 

Dean m'ionnlad fòs, mar sin bidh mi 
Ni's gile dhuit na sneachd. 

8 Guth subhachais thoir orm gu'n cluinn, 

Is fonn an aoibhneis ait, 
Mar sin ni gàirdeachas gu mòr, 
Na cnàmhan bhriseadh leat. 

9 O m' pheacadh is o m'eusaontas 

Foluich do ghnùis, a Dhè ; 
Mo sheachrain is m'uil' eucoir fòs 
Glan thusa uam gu rèidh. 

10 Dhia, cruthaich annam cridhe glan ; 

Ath-nuadhaich spiorad ceart. 

11 Na tilg o d' shealladh mi ; 's na buin 

Do spiorad naomha leat. 

12 Is aisig dhomh ùr-ghàirdeachas 

Do shlàinte chàirdeil fèin ; 
Is dean-sa fòs mo chumail suas, 
Le d' spiorad saor gu treun. 

13 'N sin teagaisgeam do shlighe, Dhè, 

Do'n dream a bhris do reachd, 
A chum le aithreachas gu'm pill 
Na peacaich thruagh gu beachd. 

14 O chionta fola saor-sa mi, 

O Dhia, a Dhè mo shlàint' : 
Seinnidh gu h-àrd air d'fhìreantachd 
Mo theanga anns gach àit. 



116 SALM LIL 

15 Mo bhile, ta air druideadh suas, 
Fosgail, a Dhè nan gràs ; 
An sin do mholadh le mo bheul 
Cuiream an cèill gu h-àrd. 

10 Oir ìobairtean cha'n iarrar leat, 
No bheirinn duit gach rè : 
An ofrail loisgte f òs air bith 
Cha 'n 'eil do thlachd, a Dhè. 

17 An spiorad briste, tuirseach, trom, 

Sud ìobairt Dhè nan dùl : 
Ri cridhe briste brùit, a Dhè, 
Gu bràth cha chuir thu cùl. 

18 A'd' dheadh-ghean dean-sa maith, a 

Air Sion do chnoc fèin : [Dhia, 
Balla Ierusaleim gu luath, 

Tog suas le d' làimh gu treun. 

19 'N sin taitnidh ìobairt cheartais leat, 

Ofrail, 's làn ofrail loisgt' ; 
'N sin bheirear colpaich dhuit-sa suas, 
Air d'altair naomh gun fhois. 

SALM LII. 

1 Ciod uime 9 n dean thu, ghaisgich thrèin, 

Uaill as an olc gu mòr ? 
Mairidh am feasd gun cheann gun chrioch, 
Deadh-mhaitheas Righ na glòir. 



SALM LII. 117 

2 Do theang' a' dealbh an aimhleis chlaoin ; 

Chum ceilg' mar ealtuinn ghèir. 

3 Is annsa leat an t-olc na maith, 

Is breug na briathra fior. 

4 A theanga chealgach, 's ionmhuinn leat 

Gach focal millteach olc. 

5 Ni Dia gu siorruidh mar an ceudn' 

Làn-sgrios a tharruing ort, 
Glan-sgathar thu, is as do theach 

Grad spìonar thu gu tur, 
A talamh is a tìr nam beò 

Buainear do fhreumh à bun. 

6 Sud chi am firean, gabhaidh fiamh, 

Is' ni e gàire fòs : 

7 Feuch, so am fear nach d'earb à Dia, 

Mar dhaingneach is mar threòir : 
Ach ann an lìonmhoireachd a stòir 

A dhòchas chuir gu treun, 
*Na shaoibhreas is ^na olc gu beachd, 

Do neartaich se e fèin. 

8 Ach 's amhuil ùr-chrann oladh mis' 

An àros Dè do ghnàth : 
Mo dhòchas cuiridh mi ^na ghràs, 
Ili fad mo rè 's mo là. 

9 Gu siorruidh suthain molam thu, 

Bhrìgh sud gu d' rinneadh leat : 



118 SALM LIII. 

Feitheam air d'ainms', oir tha e maith, 
An làth'r do naomh gu beachd. 

SALM LIII. 

1 'Na chridhe deir an t-amadan, 

Cha'n 'eil ann Dia air bith : 
Taid truaillidh, 's gràineil f òs an lochd : 
Cha'n 'eil ann neach ni maith. 

2 Dh'amhairc an Tighearna o nèamh 

Air cloinn nan daoine nuas, 
A dh'fheuchainn an robh tuigs' aig 
A dh'iarradh Dia nan gràs. [neach, 

3 An t-iomlan diubh chaidh air an ais, 

Ro-shalach iad gu lèir : 
Cha 'n 'eil aon neach a' deanamh maith, 
Cha 'n 'eil fìu aon fo speur'. 

4 'M bheil tuigs' air bith aig droch- 

Ta 'g itheadh suas gu dian, |[dhaoine? 
Mo phobuill-sa mar aran blasd', 
'S nach 'eil sl' gairm air Dia. 

5 An sin do ghabh iad eagal mòr, 

Gun aobhar eagail ann : 
Sgaoil Dia a chnàmha-san o chèil', 

Chuir sèisdeadh ort gu teann j 
Is mar an ceudna chuir thu iad 

Gu rudhadh gruaidh is nàir', 



SALM LIV. 119 

Do bhrìgh gu 'n chùitich riutha Dia 
Trom-tharcuis agus tàir. 



*& i 



6 O sud mo ghuidh' is m' athchuinge, 

Gu'n tugadh Dia nam feart 
Cobhair d'a phobull Israel, 

A Sion fèin le neart ! 
An trà bheir Dia air ais o bhruid 

A phobull fèin le chèil', 
Air Iacob bithidh aoibhneas mòr, 

'S aiteas air Israel. 

SALM LIV. 

1 L rid t'ainm-sa teasairg mise, Dhè, 

Cum cothrom rium le d' neart. 

2 Eisd m'urnuigh, thoir fainear, a Dhè, 

Briathra mo bhèil gu ceart. 

3 Oir dh'èirich coigrich rium a suas, 

Luchd-f òirneart tha gu dian 
An tòir air m'anam ; 's cha do chuir 
Iad Dia fa'n comhair riamh. 

4 Ach feuch, 's § Diam'f hear-euideachaidh, 

Gu m'sheasamh anns gach cruas : 
Bithidh Iehobhah leis an droing 
A chumas m'anam suas. 

5 Aimhleas do m'naimhdibh diolaidh Dia. 

A' d' f hirinn dean an sgath. 



120 SALM LV. 

6 Gu toileach bheiream ìobairt dhuit : 

Dhè molam d'ainm, ta maith. 

7 Oir rinn e saors' is fuasgladh dhomh 

O m'uile theinn gu treun : 
Ionnus gu faca mi mo mhiann 
Air m'eascairdibh gu lèir. 

SALM LV. 

1 Ri m'urnuigh èisd : 's o m' ghuidhe, 

Na foluich thus' thu fèin. [Dhè, 

2 Thoir aire 's freagradh dhomh, ta caoidh 

Le bròn \s le bùireadh geur: 

3 Air son guth m'eascairde gu lèir, 

Is f òirneart fòs nan daoi. 
Oir aing'eachd thilg iad orm, am feirg 
Dhomh thug iad fuath gun dì. 

4 Mo chridh , a , m , chom tha cràiteach 

Thuit uamhunn orm a' bhàis. [goirt; 

5 Crith, oillt, is uamhunn thàinig orm, 

Ga m' shlugadh is*mi ^n sàs. 

6 'N sin thuirt mi, *S truagh gun agam 

Sgiath calmain gu dol as ! [fèin 

Theichinn air falbh ag itealaich, 
Is gheibhinn tàmli is fois. 

7 Feuch, rachainn fòs air ànradh fad, 

Chum tàimh am fà^ach chruaidhj 



SALM LV. 121 

8 Is dheanainn deifir gu dol as 

O dhoinionn gharbh na gaoith'. 

9 Dhia, sgrios an teang', is sgaoil : oir 

Fòirneart sa' bhail' is strì. [chim' 

10 Taid dol m'a bhallaibh oidhch' is là : 

Ta aimhleas ann is caoidh. 

11 Aing'eachd ro-mhòr is olc a ta 

'Na mheadhon sud gun cheist : 
Seadh feall r'a shràidibh agus cealg 
A' dealachadh cha 'n 'eil. 

12 Cha b'e mo nàmh thug masladh dhomh 

Oir dh' f huilginn sud gu rèidh : 
Cha b'e fear m'f huath a dh'èirich rium, 
Oir dhionainn uaith mi fèin. 

13 Ach thusa, fear bu choimpir dhomh, 

Fear m'eòlais, is fear m'iùil ; 

14 Bu bhlast' ar comhairP, dol le càch, 

Gu h-àros Dhè nan dùl. 

15 Sealbh gabhaidh orr' am bàs gu grad 

'S gu h-ifrinn thèid iad beò : 
Oir aing'eachd tha 'nan còmhnuidh 
'S'nambuilsgeangachaonlò.Qrhnàth, 

16 Ach mise, glaodhaidh suas ri Dia, 

Saoraidh Iehobhah mi. 

17 Glaodh àrd, is urnuigh m mi ris, 

Moch, feasgar, 's meadhon-là. 

L 



122 SALM LV. 

Is èisdidh e gu grad ri m' ghlaodh : 

18 M'anam 's e shaor an sìth, 

O'n chath 's o'n chòmhraig dh'èirich 
Is mòran leam ri strì. [rium, 

19 Cluinnidh an Dia ta làidir beò, 

'S bheir dòruinn orra 's pian : 
Seadh fòs an Dia air mairionn ta, 

'S a bha o chian nan cian. 
Is air an aobhar fòs nach 'eil 

Caochladh air bith 'nan staid, 
Eagal an Tighearn uime sin 

Do thilg iad dhiubh air fad. 

20 A làmh do shìn 'nan aghaidh sud, 

A bha an siochaint leis : 
A chumhnant is a nasgadh dlùth, 
Gu fealltach orra bhris. 

21 Bu shleamhna briathra 'bhèil na'n t-im, 

Ach cogadh cruaidh 'na rùn : 
Bu bhuig > a chainnt na oladh thlàth, 
'S i ghnàth mar chlaidheamh ruisgt'. 

22 Ach tilg-sa d'eallach trom air Dia, 

'S e ni do chumail suas : 
Cha leig e 'm feasd do'n f hirean chòir, 
O 'shocair fèin gu'n gluais. 

23 Ach thus', a Thighearna nam feart, 

A'd' chorruich cheart gu geur, 



SALM LVI. 123 

An slochd d'am milleadh tilgidh tu 
An aitim ud gu lèir : 

Na daoine sligheach fuileachdach, 
Cha mhair iad leth an làith' : 

Ach annad cuiridh mise, Dhè, 
Mo dhòchas fèin gu bràth. 

SALM LVL 

1 Ormsa dean iochd, a Dhia nan gràs, 

Mun sluig mo nàmh mi suas : 
Esan a tha ga m' shàruchadh 
Gach là le cogadh cruaidh. 

2 Seadh b'àill le m'eascairdibh gun iochd 

Mo shlugadh suas gach là : 
'S ro-lionmhor iad tha cogadh rium 
Gun aobhar no cion-f à. 

3 An làithibh m'eagail earbam riut, 

O thus' a Righ a's àird' ; 

4 Is d'fhocal molaidh mi, mo Dhia, 

Mo dhòchas thu gu bràth. 
Cha ghabh mi gealtachd uime sin, 

'S am feasd ni h-eagal leam, 
Na dh'f heudas feoil a dheanamh orm 

Do lochd, le iomairt theann. 

5 Mo bhriathra taid a' fiaradh f òs, 

Gach là mar 9 s toileach leo : 

l 2 



124 SALM LVI. 

Chum doilgheis agus dochair dhomh 
Ta 'n smuainte-san gach lò. 

6 Tha iad le chèil' a' cruinneachadh, 

Is iad 'gam folach fèin, 
A' feitheamh m'anam', air bhith dhoibh 
Ro-fhurachair mu m'cheum. 

7 Gu saor an tèid iad as mar sin 

Le'n eucoir mhòir gun tàmh ? 
A' d'f heirg-sa leag an sluagh a sios, 
A Thighearna le d' làimh. 

8 Mo sheachrain air an àireamh leat, 

A'd' shoireadh taisg mo dheòir : 
Nach 'eil iad ann ad leabhar shios, 
Air chuimhne sgrìobht' gach uair? 

9 Mo naimhde pillidh air an ais, 

Trà ghaiream ort gu teann : 
Is aithne dhomhsa so gu beachd, 
Oir tha Iehobhah leam. 

10 An Dia, a bhriathar molaidh mi: 

Molam, an Dia, a reachd ; 

1 1 An Dia do chuireadh leam gu treun 

Mo dhòchas fèin gu beachd. 

Is air an aobhar ud, a Dhè, 

Ni h-eagal idir leam 
Na dh'fheudas duin' a dheanamh orm, 

Nach 'eil dheth fèin ach fann. 



SALM LVII. 125 

12 Do bhòide ta ìad ormsa, Dhè : 

Is iocam dhuit-sa cliu. 

13 Oir m'anam bochd gu saor o'n bhàs, 

Gu gràsmhor dh'fhuasgail thu : 

Nach fuasgail thu mo chosa f òs 
Gun tuisleadh dhoibh ni 's mò ? 

Gu'n gluaisinn ann am fianuis Dè 
An solus dhaoine beò. 

SALM LVII. 

1 Dean tròcair orm, a Dhia nan gràs, 

Dean tròcair orm gach rè, 
Oir annadsa tha m'anam truagh 

A' cur a dhòigh gu lèir : 
Is gabhaidh mi fo sgàil do sgè 

Mo thearmunn is mo neart, 
Gu ruig an uair sin anns an tèid 

Na h-uilc ud uile thart\ 

2 Eighidh mi ris an Dia a's àird J j 

Ili Dia ta làidir treun, 
A chuireas leam gach cùis gu crìch, 
Mar chi e ormsa feum. 

3 Cuiridh e neart o nèamh, do m' dhion 

O bheum an fhir le'm b'àill 
Mo shlugadh ; cuiridh Dia a mach 
'Fhirinn 's a ghràs gun dàil. 
3 L 



126 SALM LVIL 

4 Tha m'anam faochd an còmhnuidh f òs 

Am builsgean leòmhan garg, 
Am measg na droing' am luidh' a taim 

Air lasadh ta le feirg : 
Daoine, *g am bheil am fiacla f òs 

Mar shleagh 's mar shaighde geur ; 
Mar chlaidheamh guineach, 's amhluidh 

An teanga-san gu lèir. [sin 

5 Dhia tog thu fèin os ceann nan nèamh ; 

Os ceann gach tìr do ghlòir. 

6 Air son mo cheuma ghleus iad lìon, 

Chrom m'anam sios gu làr : 
Slochd romham thochail iad, is thuit 
Iad fèin san t-slochd a rinn. 

7 'S gleusta mo chridhe, 's gleust', a Dhè, 

Dhuit canam moladh binn. 

8 Mosgail mo ghlòir, 's a shaltair fòs, 

A chlàrsaich dùisg an àird : 
Air maduinn mosglam fèin gu moch, 
Is seinneam ceòl gu h-àrd. 

9 Dhia, measg a' phobuill, molam thu ; 

Dhuit seinneam measg an t-sluaigh : 

10 Oir d'fhirinn is do thròcair mhòr, 

Gu nèamh nan neul chaidh suas. 

11 Arduichear thusa, Dliia nam feart, 

Os ceann ard-nèamh nan speur : 



SALM- LVIIL 127 

Is togar suas do glilòir gu h-àrd, 
Os ceann gach tìr gu lèir. 

SALM LVIIL 

1 An labhair sibhs', a choimhthionail, 

An fhirinn cheart neo-chlaon ? 
'S an tabhair sibh gu cothromach, 
Breth cheart, a chlann nan daoin' ? 

2 Is ann bhur cridhe tha sibh dealbh 

Mòr aingidheachd gun tàmh : 
'S air talamh tha sibh tomhas fòs, 
Fòireigin chruaidh 'ur làmh. 

3 Luchd-uilc, o thig iad as a' bhroinn, 

Siùbhlaidh air slighe fhiar : 
'N trà bheirear iad, air seachran thèid, 
A' labhairt bhreug gach ial. 

4 An nimh mar nimh na nathrach ta : 

Mar nathair dhruid a cluas ; 

5 Ri guth nan draoidh tha eagnaidh seòlt', 

Nach èisd, is fòs nach gluais. 

6 Am fìacla bris, a Dhè, 'nam beul : 

A Thighearn làidir thrèin, 
Pronn fiacla agus tuisg ro-mhòr 
Nan leòmhan òg gu lèir. 

7 Gu'n leaghadh iad, a' sileadh sìos, 

Mar uisge ruith le gleann : 



128 SALM LtX. 

'S a shaighde brist, trà chuireas e 
A bhogh' air lagh gu teann. 

8 Mar sheilcheig bhios a' leagadh as, 

Rachadh iad as gu dian ; 
Mar thorraicheas an-abuich mnà 
Na faiceadh iad a' ghrian. 

9 Mu'm mothaich seadh 'ur coireachan 

O choille chrionaich teas, 
Ni Dia, 's iad beò, 'na chorruich ghèir 
Le cuairt-ghaoith dhian an sgrios. 

10 Bidh aoibhneas air an fhirean chòir, 

Trà chi e 'n dioghaltas : 
Is ann am fuil luchd-aingidheachd, 
Nighidh e fòs a chos. 

1 1 Their duine 'n sin, gu bheil gun cheist, 

Deadh dhuais aig daoine còir ; 
'S gu bheil air talamh fòs, gu beachd, 
'Na bhreitheamh Dia na glòir. 

SALM LIX. 

1 Xeasairg, is saor mi, o mo Dhia, 

O m' naimhdibh dh'èireas rium. 

2 O luchd an uilc ta fuileachdach, 

Dion mis', is cuidich leam. 

3 Feuch 'n aghaidh m'anam' luidh am fà, 

Is chruinnich daoine treun : 



SALM LIX. 129 

Ni h-ann, a Dhia, air son mo lochd, 
No cron a rinn mi fèin. 

4 A' ruith tha iad, gun chron a'm' thaobh, 

'S gu h-ullamh dol air ghleus : 
Chum teachd do m'fhurtachd mosgail 
Is tlioir fainear am beus. [trà 

5 O Dhè nan sluagh, Dhè Israeil, 

Mosgail 's gu fiosraicht leat 
Na cinnich : 's na dean iochd air neach 
Gu h-aingidh bhrist do reachd. 

6 Air teachd do'n f heasgar pillidh iad : 

A' donnalaich gu h-àrd, 
Mar choin, m'an bhail' a' cuairteachadh, 
Is amhluidh sin tha iad. 

7 Feuch, bruchdaidh iad a mach le' mbeul; 

^Nam bilibh claidheamh geur ; 
Co chluinneas sin, no bheir fainear ? 
^Se sud is cainnt dhoibh fèin. 

8 Ach thusa, Dhia Iehobhah mhòir, 

Ni gàire fanoid riu ; 
Is mar bhall-magaidh bithidh fòs 
Na Cinnich ann ad shùil. 

9 Air son gur mòr *s gur maith do neart, 

Sior-f heitheams' ort do ghnàth : 
Do bhrìgh gu bheil dhomh Dia nan 
'Na dhìdein dlùth gu bràth. [dùl, 



130 SALM LIX. 

10 Bidh Dia o'n tig mo thròcair chaomh, 

Dol romham air gach ceum : 
'S e Diabheir dhomh air m' eascairdibh 
Mo rùn gu faic mi fèin. 

11 Mu'm bi mo phobull di-chuimhneach, 

Na marbh an aitim ud : 
O Dhia ar sgia, sgaoil iad le d' neart, 
Is leag gu h-iosal fu'd. 

12 Fa lochd an teang', is cainnt am bèil, 

'Nan àrdan glacar iad : 
Fa chùis nam mallachd, is nam breug 
A labhair iad os àird\ 

13 Sgrios iad a' d'fheirg, sgrios iadgutur, 

Is theid iad as gu dian ; 
Is tuigidh 'n sin gach uile thìr, 
Righ Iacoib gur e Dia. 

14 'S air teachd do'n fheasgar pilleadh iad, 

A/ donnalaich gu h-àrd, 
Mar choin, m'an bhail'a'cuairteachadh, 
Is amhluidh bitheadh iad. 

15 Ag iarraidh beath' gu seachranach, 

'S gu luaineach ann an teinn ; 
A' deanamh gearain anns an oidhch', 
Mur bi an sàth 'nam broinn. 

16 Ach mise molar leam do neart ; 

Gu moch a' seinn do ghràis, 



SALM LX. 131 

Air son gur tu mo thearmunn treun, 
'S mo dhaingneach fèin 's gach càs. 
17 'S tu fèin mo neart, dhuit canam fonn, 
'S e Dia mo dhìdein treun : 
'S e 'n Dia sin fèin rinn tròcair orm, 
'S a chuidich leam a'm' fheum. 

SALM LX. 

1 Dhia naomha, thilg thu sinne uait, 

Dh' f huadaich thu sinn air fad, 
Oir bha thu ruinn an corruich ghèir ; 
Pill ruinn thu fèin gu grad. 

2 Chuir thus' an talamh trom air chrith ; 

Is f òs do bhrist thu e : 
Slànuich a bhriseadh, oir gu beachd 
Air criothnachadh tha e. 

3 Do thaisbein thusa nithe cruaidh 

Do'n t-sluagh a's leat le còir : 
Fion buaireasach chuir uamhunn oirnn 
Thug thusa dhuinn r'a òl. 

4 Ach thug thu bratach àrd, a Dhè, 

Do'n droing d^an eagal thu : 
A chum gu sgaoilteadh sud a mach, 
Bhrìgh firinn duit le cliu. 

5 O dhaorsa chum gu saorar leat 

Do phobull ionmhuinn fèin : 



132 SALM LXL 

Eisd rium, is slànuich mi gu grad 
Le d' dheas-làimli làidir thrèin. 

6 'Na naomhachd labhair Dia nam feart, 

Bidh aoibhneas orm nach gann : 
Air Sechem ni mi roinn gu ceart, 
Gleann Sucot toimhsear leam. 

7 'S leam Gilead le dlighe cheart, 

Manaseh 's leam gu beachd, 
'S i treubh Ephraim neart mo chinn, 
Bheir Iudah rnach mo reachd. 

8 Bidh Moab domh 'na thràill fo m' smachd, 

'S Edom fo dhaorsa chruaidh : 
Is amhluidh ni mi caithream binn, 
Thar Palestin le buaidh. 

9 Co bheir do 'n chaithir dhaingein mi? 

'S gu Edom bheir gu ceart ? 

10 Nach tusa, Dhia, le 'n d' threigeadh sinn ? 

'S nach deachaidh mach le 'r feachd ? 

11 Othrioblaid tabhair còmhnadh dhuinn, 

Oir ^s dìomhain furtachd dhaoin'. 

12 Trìd Dhia ni sinne treubhantas, 

'S e shaltras naimhde fuidh'n. 

SALM LXI. 

1 lii glaodh mo ghearain èisd, a Dhè, 
Is m'ùrnuigh thoir fainear. 



SALM LXI. 133 

2 O iomall talmhainn èigheam riut, 

'S mo chridhe trom fo smal : 
Dhia, treòraich chum na cairge mi 
A's àirde na mi fèin. 

3 Bu tearmunn thu, 's bu chaisteal dhomli 

O m' eascairdibh gu lèir. 

4 A'd' phubull naomha ni mi tàmh 

Gach aimsir is gach trà : 
Mo dhòigh fo dhubhar sgàil' do sgè, 
Cuiridh mi fèin gu bràth. 

5 Oir chuala tu, mo bhòide naomh, 

'S an gealladh a thug mi : 
Oighreachd na muinntir thug thu dhomh 
D'an eagal d'ainm, a Dhè. 

6 Buan shaoghal agus aimsir chian 

Bheir thusa, Dhia, do'n Righ : 
Mar iomadh ginealach is linn, 
A bhliadhna-sa 's tu ni. 

7 Mairidh e buan am fìanuis Dè, 

Gu bunaiteach 5 s gu bràth : 
Tròcair is firinn deasaich dha, 
G'a choimhead-san gach trà. 

8 Mar sin gu siorruidh seinneam cliu 

Do d^ainm ro-usal àrd, 
'S mo bhòide naomha diolam riut, 
O là gu là gu bràth, 

M 



134 SALM LXIL 

1 Le foighidinn tha m'anam bochd 

Feitheamh air Dia gu beachd : 

'S ann uaith' tha furtachd agus fòir 

Orm air gach taobh a' teachd. 

2 'Se mhàin is carraig dhìdein dhomh 

Is m'f hurtachd e ro-dheas : 
Mo thearmunn dìleas e faraon, 
Gu mòr cha ghluaisear mis\ 

3 Cia f had a dhealbhar aimhleas leibh ? 

Làn-mharbhar sibh gu beachd, 
Mar bhall' air chrith, 's mar ghàradh 
Tha leagadh oirbh a'teachd.jjih'aom, 

4 O onoir àrd g'a m'thilgeadh sios 

Tha 'n comhairlean a' ruith, 
'Si 's miann leo breug: beannachd 'nam 
Ach mallachd an taobh stigh. [beul, 

5 O m'anam feith gu foighidneach 

Ri Dia a mhàin mar chleachd : 
Oir ann-san tha mo mhuinghin threun, 
'S mo dhòchas fèin gu beachd. 

6 'Se mhàin is carraig dhìleas dhomh, 

'Se mhàin mo shlàinte dheas : 
Mo thearmunn daingean e faraon, 
Mar sin cha ghluaisear mis\ 

7 Mo shlàinte ta 's mo ghlòir an Dia, 

Ris earbam fèin do ghnàth : 



SALM LXIII. 135 

Carraig mo neirt, 's mo thearmunn treun 
'S e Dia, gu buan 's gu bràth. 

8 O phobuill, cuiribh ann an Dia 

Bhur dòchas anns gach àm, 
'Na fhianuis dòirtibh mach 'ur cridh' : 
'S e Dia ar tearmunn ann. 

9 'S ni dìomhain daoine beag gu fior, 

Tha daoine mòr 'nam brèig : 
Air meidh ri'n tomhas, 's eatruim' iad 
Na dìomhanas gu lèir. 

10 Na h-earb à foirneart, 's na dean uaill 

A reubainn no droch-bheart : 
Na socruich f òs do chridh' air stòir, 
'N trà chinneas saoibhreas leat. 

11 Do labhair Dia aon uair a mach : 

Sud chualas uair no dhà, 
Gur leis an Dia ta cumhachdach 
Treis 3 agus neart gach là. 

12 Tròcair, a Thighearn, buinidh dhuit, 

Is gràsa mòr faraon : 
Oir bheir thu rèir a ghnìomhara, 
A luigheachd do gach aon. 

SALM LXIII. 

1 O Dhia, is tu mo Dhia, gu moch 
Do iarram thu gach là : 

m 2 



136 SALM LXIIL 

Ro-thartmhor a ta m'anam bochd, 
An geall ort fèin do ghnàth ; 

Tha miann, is ciocras mòr air m' fheòil^ 
An geall ort fèin gach àm, 

An tìr ro-thioram, thartmhoir, theith, 
Gun uisg' air bith bhi ann. 

2 Do chumhachd chum gu faiceadh mi, 

'$ do ghlòir a ta ro-chaomh ; 
A rèir mar chunncas roimhe thu, 
Le cliu a' d'àros naomh. 

3 Air son gur fearr na beatha f òs 

Do chaoimhneas gràdhach caoin : 
Ard-mholadh dhuit le h-iomadh cliu 
Mo bhile bheir faraon. 

4 Mar sin an cian a bhitheam beò, 

Beannaicheam thu do ghnàth : 
Is ann ad naomh-ainm togam suas 
Mo làmhan riut gach trà. 

5 Sàsuichear m'anam mar le smior, 

'S le saill ro-reamhar rèidh : 
Is bheir mo bheul 's mo bhile dhuit 
Ard-mholadh ait, a Dhè. 

6 *N trà ni mi air mo leabaidh fòs, 

Do chuimhneachadh le tlachd, 
'S an àm na faire smuaineach , ort, 
A' dol do 'n oidhche thart\ 



SALM LXIV. 137 

7 Air son gur tu b'f hear còmhnaidh leam, 

A Thighearn is a Dhè ; 
Bidh aoibhneas agus aiteas orm, 
Fo dhubhar sgàiP do sgè. 

8 Ta m'anam leantuinn ort gu dlùth : 

Do dheas làmh chum mi suas. 

9 Luchd iarraidh m'an'ma bhochd g'a 

Theid iadsan sios do'n uaigh. [sgrios, 

10 Le faobhar claidheimh agus arm 

Sios tuitidh iad gu làr : 
Mar chuibhrionn do na sionnachaibh 
Do nithear iad le tàir. 

1 1 Ach aoibhneach bidh an Righ an Dia : 

Na lughas e gun bheud 
Ni iadsan uaill : ach druidear beul 
Gach ti a labhras breug. 

SALM LXIV. 

1 Xra dheanam urnuigh riut, a Dhè, 

Thoir èisdeachd dhomh gu luath j 
O eagal namhaid coimhid f òs, 
Gu tèaruint' m'anam truagh. 

2 O chomhairP dhìomhair dhaoine daoi, 

O ionnsuidh ghairbh faraon 
Luchd deanamh uilc is aingidheachd, 
Cuir folach orm gu caoin. 
M 3 



138 SALM LXIV. 

3 An teanga fèin do gheuraich iad, 

Mar chlaidheamh guineach geur ; 
Tha'm bogh' air lagh, 'san saighde deas, 
'S iad briathra searbh am bèil, 

4 Gu'n caitheadh iad an dìomhaireachd 

An neach sin foirfe ta ; 
Gu h-obann taid 'ga chaitheamh f òs, 
Gun eagal is gun sgà. 

5 A 9 gabhail misneich taid san olc, 

'S a labhairt tric le chèiP 
Mu leagadh lion an uaignidheas, 
Ag ràdh, Cò *n ti d'an lèir ? 

6 Gach olc do rannsaich iad a mach ; 

Seadh rinn iad sgrudadh mìn, 
An rùn a stigh 's ro-dhomhain e, 
'S an cridhe ta mar sin. 

7 Ach saighead caithidh orra Dia, 

Bhios guineach agus geur ; 
Grad-bhuailear agus lotar iad, 
^G an gortuchadh gu lèir. 

8 Mar sin do bheir iad orra fèin 

Toradh an teang' gu grad : 
Gach uile neach d'an lèir an dòigh, 
Teichidh iad uath' am fad. 

9 Mòr-eagal bithidh air gach neach, 

Is nochdaidh obair Dhe : 



SALM LXV. 139; 

Oir bheirear leo gu glic fainear 
An gniomh ud do rinn e. 
10 Ni 'm firean aoibhneas mòr an Dia, 
A' cur a dhòchais ann : 
'S gach neach'g ambheilan cridhe ceart 
Ni gàirdeachas nach gann. 

SALM LXV. 

1 Tha ann an Sion feitheamh ort 

Moladh, a Dhè, gun dìth : 
'S ann duit a dhìolar fòs gu pailt 
A' bhòid mar gheallar i. 

2 O thus' a dh'èisdeas urnuigh ghlan, 

'S ann thugad thig gach aon. 

3 Mo sheachrain tha an uachdar orm : 

Glan thus' ar peacaidh uainn. 

4 'S beannaicht' an duine sin a chaoidh 

A thaghar leatsa, Dhè, 
'S a bheir thu f òs am fagus duit : 

Còmhnuidh a'd' chùirt gheibh e. 
Sàsuichear sinn le maitheas mòr 

Do theach, 's do theampuill naoimh. 

5 Le nithibh uamhasach, bheir dhuinn, 

A J d' cheartas, freagradh caomh : 

A Dhia ar slàinte, 's tu gu dearbh, 
Làn dòchas crìch gach tìr. 



140 SALM LXV 

'S na bheil san f hairge fada uaimi, 
An dòchas 's tu do shior. 

6 Le 'neart-san shocruich sleibhte mòr, 

E ^081^^11^ fòs le treis\ 

7 'Se chaisgeas fuaimneach mara 's tuinn, 

Is comh-stri dhaoine leis. 

8 Na daoine ta an còmhnuidh thall, 

5 S na tìribh fad a mach, 
'Na uamhunn orra ta gu mòr, 

Do chomhar miorbhuileach : 
Thusa tha toirt air dol a mach 

Na maidne gach aon là, 
'S air dol an f heasgair mar an eeudn' 

Bhi aoibhinn ait do ghnàth. 

9 An talamh tha thu fìosrachadh, 

'S 'ga uisgeachadh gu rèidh : 
Le amhainn Dè ta làn do'n uisg% 

Tròm beartach ni thu e. 
Dhuinn arbhar tha thu deasachadh, 

Le d'f hreasdal maith mar sin ; 
10 'S ag uisgeachadh le pailteas mòr, 

Nan iomairean gu mìn : 

Sgrìoban an f hearainn leagta sios, 

Le frois ni thusa tais, 
A chinneas agus 'fhochann f òs, 

Beannaichidh tu le mais\ 



SALM LXVI. 141 

1 1 M'an bhliadhna coron tha thu cur, 

Le d' mhaitheas fèin a Dhè ; 

Tha saill a' sileadh anns gach àit, 

O d' cheumanaibh gu rèidh. 

1 2 Air cluainibh glas an f hàsaich luim, 

Xuas silidh iad gu mìn ; 
Xa tulaich bheag', gach taobh a ta 
Làn aoibhneis agus gean. 

13 Xa cluainean air an sgeudachadh 

Le treudaibh anns gach àit ; 
Xa glinn le h-arbhar folaichte, 
'Seinn iolach ait is gàir. 

SALM LXVI. 

1 Xogaibh, gach uile thìr gu h-àrd, 

Iolach do Dhia nan dùl. 

2 D'a ainm ro-uasal seinnibh glòir : 

Èl tabhairt dha-san cliu. 

3 Abraibh ri Dia, cia h-uamhasach 

Gach beart do nithear leat ; 
Oir gèillidh dhuit do naimhde borb, 
Air son gur mòr do neart. 

4 Sleuchdaidh gach uile thalamh dhuit, 

Ag iomradh ort gu binn : 

Do d'ainm ro-uasal iongantach 

Xi'd moladh mòr a sheinn. 



142 SALM LXVL 

5 Thigibh an so is amhaircibh 

Air oibribh Dhè gu geur : 
Ta uamhasach 'na ghnìomharaibh 
Air chloinn nan daoin' gu lèir. 

6 Mar thalamh tioram rinn e 'n cuan : 

Is trìd nan sruth bu luath 
D'an cois chaidh daoin' nuair a bha 
Sinn ann-san ait le buaidh. 

7 Le 'threun-neart riaghlaidhea chaoidh; 

Na slòigh d'a shùilibh 's lèir : 
*S na h-àrdaicheadh luchd-eusaontais 
Gu h-amaideach iad fèin. 

8 O dhaoine, beannaichibh ar Dia 

Ard-mholaibh e gun chlos. 

9 'Se chum ar n-anam beò, 'se bheir 

Nach caruichear ar cos. 

10 Mar airgiod leaghta ghlan thu sinn : 

9 S tu dh'fhidir sinn, a Dhè ; 

1 1 Chuir umainn lion : ar leasraidh chuir 

Fo dhòrainn is fo phèin. 

12 Thug thuair daoinibh marcachd oirnn, 

Trid teine 's uisge chaidh ; 
A rìs gu h-ionad saoibhir rèidh, 
'S tu fèin thug sinn le buaidh. 

13 Racham do d* thigh le ofrail loisgt' : 

Dhuit coimhlionam mo bhòid. 



SALM LXVII. HS 

14 A ghealladh leam le fosgladh bèil, 

Trà bha mi 'n èigin mhòir. 

15 Do'n fheudail reamhar, ìobairt loisgt* 

Le tùis is saill nan reith' ; 
Ofrail nam bò, 's nan gabhar fòs 
Sud bheiream dhuit fa leth. 

16 Thigibh> is èisdibh so, gach neach 

Air am bheil eagal De, 
Gach maith do rinn air m'anam bochd, 
Sud aithriseam gu rèidh. 

17 Do ghlaodh mi ris gu h-àrd le m'bheul : 

Le m'theangaidh dh'àrdaich' e. 

18 A'm' chridh'ma bheir mi spèis do'n olc, 

Cha 'n èisd an Tighearn mi. 

19 Gu dearbh dh'èisd Dia rium : thug fain- 

Guth m'urnuigh Righ nandùl. [ear 

20 Moladh do Dhia, nior cheil a ghràs, 

'S mo ghuidh nior chuir air cùl. 

SALM LXVII. 

1 Gu deanadh Dia mòr-thròcair oirnn, 

'S ar beannachadh do ghnàth : 
Is togadh e gu gràsmhor oirnn 
Dealradh a ghnùis gu bràth. 

2 Chum fios do shlighe bhi gu fior 

'S gach uile thìr air bith : 



144 SALM LXVIII. 

Is iomradh air do chobhair chaoimh 
Measg fhineacha fa leth. 

3 Moladh am pobull thusa, Dhè : 

Moladh gach pobull thu. 

4 Biodh gàirdeachas air fineachaibh, 

Gu h-ait a' seinn do chliù : 
Oir ceart-bhreth bheir thu air an 
Riaghlaidh air thalamh iad. [t-sluagh, 

5 Moladh gach pobull thusa, Dhè : 

Moladh iad thu 's gach àit. 

6 5 N sin bheir gach talamh is gach fonn 

Deadh-thoradh tròm gu pailt : 
Is cuiridh Dia ar Tighearn oirnn 
A bheannachadh gun airc. 

7 Ni Dia ar beannachadh gun cheist, 

'S bidh 'eagal-san gu fior 
Air gach aon neach a dh'àiticheas 
Fad iomaill crìch gach tìr'. 

SALM LXVIII. 

1 Eireadh ar Dia, is sgaoilear leis 

An dream a's naimhde dha : 
'S an aitim sin thug dhasan fuath, 
Teicheadh o 'ghnùis gu bràth. 

2 Mar sgapar deatach, fuadaich iad : 

Mar leaghas teine cèir, 



SALM LXVIII. 145 

Mar sin gu sgriosar droch-dhaoin' as 
A fianuis Dhè gu lèir. 

3 Ach gàirdeachas air daoine còir, 

Is aoibhneas gu robh ac' 
Am fianuis Dhè, le luathghair mhòir, 
y S iad suilbhir agus ait. 

4 Seinnibh do Dhia, sior-mholaibh 'ainm : 

Ardaichibh Dia a ta 
Marcachd airnèamhjtrid'ainmsan I AH, 
Bibh ait 'na làth'r a ghnàth. 

5 Do dhilleachdain is athair Dia ; 

Do bhantraichibh gun neart, 
An tigh a naomhachd tha e ghnàth 
'Na bhreitheamh dìreach ceart. 

6 Suidhichidh Dia an teaghlaichean 

An dream tha uaigneach truagh : 
Is saoraidh e gu tròcaireach 

*Na bheil fo chuibhreach chruaidh ; 

Ach meud 's a bhios gu h-eucorach 

Ri ceannairc is ri lochd, 
Ni iadsan còmhnuidh bhunaiteach 

Am fearann tioram bochd. 

7 Air ceann do shluaigh tràdh'imichtbu 

A Dhè, san fhàsach chruaidh ; 

8 Chriothnaich an talamh, shil an speur, 

An làthair Dhè nan slua«;h : 
N 



146 SALM LXVIII. 

Sliabh Shinai fèin tha daingean àrd, 

Chriothnaich is luaisg gu mòr, 
An làthair Dhia, Dia Israeil, 

Ta urramach an glòir. 
9 Do shil thu, Thighearna, gu pailt 

Frasan a nuas gun dìth ; 
Do shuidhich agus dh'fhurtaich thu 

Air d'oighreachd, is i sgìth. 

10 Bha f òs do choimhthional 's do shluagh 

'Nan còmhnuidh innt* : a Dhè, 
Do d* mhaitheas rinn thu deasachadh 
Do d' dhaoinibh bochda fèin. 

1 1 An Tighearna ta làidir treun, 

Leig e a ghuth a maeh, 
*S a' chuideachd sin a dh'fhoillsich e 
Bu lionmhor iomarcach. 

12 Righrean nan armailte 's nam feachd, 

An sin le deifir theich : 
9 S na mnai a dh'fhuirich aig an tigh, 
Bha iad a' roinn na creich. 

13 Measg phota luidh sibh, ach bidh sibh 

Mar sgia nan colman luath, 
Foluicht' le h-airgiod, is an cleit' 
Le h-òr a's deirge snuadh. 

14 Trà sgaoil Dia uile-chumhachdach 

Na righrean innt' a steach. 



SALM LXVIIL 147 

Bha i 'n sin geal mar Shalmon àrd, 
'S i uile làn do shneachd. 

15 An sliabh ud Dhè, is cosmhuil e 

Iti Bàsan measg nam beann, 
Mar Bhàsan mòr is amhluidh e, 
Gu h-àrd a thog a cheann. 

16 C'arson a leum sibh, bheannta àrd? 

'Seso àrd-thulaich Dhè, 
Am miann leis tàmh, is bithidh e 
'Na chòmhnuidh ann gach rè. 

17 Tha carbaid Dhè 'nam fìchead mìP ; 

Mìlte do ainglibh treun : 
'Na theampull naomh tha Dia 'nam 
Ionann 's 'na Shinai fèin. [measg 

18 Is chaidh thu suas air ionad àrd, 

Thug bruid am braighdeanas, 
Do dhaoinibh f huair thu tiodhlaca, 

Le'n dean thu toirbheartas : 
'S ann cheana fòs do J n mhuinntir ud 

Ro-cheannairceach a ta, 
Do chum gu'm biodh Iehobhah Dia 

'Na chòmhnuidh leo do ghnàth. 

19 Dia gu ma beannaieht' gu robh e, 

Tha dòrtadh oirnn gach lò 
A thiodhlaca, 's e Dia ar slàint', 
An Dia a chum sinn beò. 

n 2 



148 SALM LXVIIL 

20 Is leinn an Dia ta làidir treun, 

Ni cobhair anns gach càs ; 

Do Dhia Iehobhah buinidh f òs 

Làn-teasaìrginn o'n bhàs. 

21 Ach ceann a nàimhde bristidh Dia ; 

Is claigionn greannach cruaidh 
An fhir a dh'imicheas gu dàn 
'Na chionta fèin gach uair. 

22 Deir Dia, Bheir mise air an ais 

Mo shluagh o Bhàsan àrd, 
'S o dhoimhneachd fairge bheir mi rìs, 
A nios iad le mòr-bhàigh. 

23 Chum ann am fuil do nàimhde dian, 

Do chos gu'n deanta dearg, 
'S gu'n tumta fòs 'nam fuil-san fèin 
Teanga do mhadradh garg. 

24 Do thriall-sa chunnaic iad, a Dhè, 

A Thighearna ro-chaoimh, 
'S e triall mo Thighearna 's mo Righ, 
'S ann anns an àros naomh. 

25 Luchd-òrain dh'imich iad air tùs', 

Luchd-inneil ciùil a rìs : 
'Nam measg a' bualadh tàbuir fòs 
Na maighdeana gu mìn. 

26 Deanaibhse Dia a bheannachadh 

'Nur coimhthional le chèiP, 



SALM LXVIII. 149 

Eadhon Iehobhah Dia nam feart, 
O thobar IsraeiL 

27 Beniamin beag le 5 n triath an sud, 

Bha prionnsan Iudah ann, 
Le'n comhairl', prionnsan Naphtali, 
Is prionnsan Shebuluin. 

28 Do Dhia 'se dh'àithn is dh'orduich 

Do neart agus do threòir : [dhuit 
An gnìomh a rinn thu air ar son, 
Neartaich, a Dhè na glòir\ 

29 Air son do theampuill naoimh, a Dhè, 

Ta aig Ierusalem, 
Do bheir na righre ta mu'n cuairt 
Deadh thiodhlaca dhuit fèin. 

30 Thoir achmhasan do luchd nan sleagh, 

'S do chuideachd mhòir nan tarbh, 
Do laoghaibh fòs a' phobuill ud, 
Thoir achmhasan gu garbh, 

Le bonnaibh airgid gus an gèill 
Iad sud gu lèir do d' smachd : 

Sgaoil thus' am pobull ud, a Dhè, 
A ghabh do chogadh tlachd. 

31 Thig prionnsan mòr' o'n Eiph'tamach, 

'$ ni Etiopia fòs 
A làmh a shìneadh mach gu luath 
Suas ri Ard-Righ na glòir. 
n 3 



150 SALM LXIX. 

32 O Rìoghachdan an domhain mhòir, 

Seinnibh do Dhia gu grinn ; 
Do'n Dia a's Righ 's is Tighearn ann, 
Seinnibhse moladh binn. 

33 Do'n mharcach àrd air nèamh nan 

Ta ann o'n aimsir chèin : [nèamh, 
Feuch, tha e cur amach a ghuth, 
A ghuth ta làidir treun. 

34 Sìor-thugaibh neart do Dhia : oir tha 

A ghlòir thar Israel, 
'S a threis' a ta sna nèamhaibh àrd, 

9 S an neulaibh tiugh nan speur. 
85 O d' naomh-theach \s uamhasach thu 

Dia Israeil gu beachd, [Dhè : 

D'a phobull bheir sàr-neart is treòir : 

9 S beannaichte Dia nam feart. 

SALM LXÌX. 

1 O Teasairg mise, Dhè mo neart, 

Oir dhòirt na tuilte orm, 
Is thàinig f òs air m'anam bochd 
Na h-uisgeacha le toirm. 

2 An làthaich dhomhain tha mi'n sàs, 

Gun àit an seasainn ann ; 
Le h-uisgibh domhain ghlacadh mi, 
Is sruth dol thar mo cheann. 



SALM LXIX. 151 

3 'Taim sgìth le m' ghlaodhaich ; agus tha 

Mo scòrnan loisgt' le tart : 
Mo shùile ta air failneachadh, 
Feitheamh air Dia nam feart. 

4 Is lionmhoire na folt mo chinn 

Mo naimhde gun chion-fà, 
'S an dream thug dhomh gu h-eucorach 
Geur-f huath gach uile là. 

An sin an ni nach d'thug mi leam 
Dh'aisig mi uam gu beachd. 

5 Dhia, 's fiosrach thu air ni'amaideachd, 

Ni 'm foluicht' ort mo lochd. 

6 Nàir' air mo sgàth-sa, Dhè, na leig, 

O Thighearna nan sluagh, 
Air neach air bith do'n aitim ud 
Tha feitheamh ort gach uair : 

An dream sin, O Dhia Israeil, 

'Ga d'iarraidh fèin a ta, 
Na leig gu bràth fo nàire iad, 

No masladh air mo sgàth. 

7 Oir air do sgàth-sa dh'fhuiling mis' ; 

Lionadh mo ghnùis le nàir\ 

8 Do m' bhràthraibh is fear coigreach mi, 

Coimheach aig cloinn mo mhàth'r. 

9 Le eud do theach-sa shluigeadh mi 

Meud 's a bheir masladh dhuit, 



? 



152 SALM LXIX. 

'S ann orms' an spreigeadh sud gu lèìr 
Gu leth-tromach a thuit. 

10 M'anam trà thraisg, 's a rinn mi gul, 

'N sin mhasluich iad mo ghniomh. 

11 'S trà chuir mi umam eudach saic, 

Ball-magaidh rinn iad dhiom. 

12 Dhoibhsan a shuidheas anns a' gheat', 

'S cùis chomhraidh mi gach là ; 
'S do luchd na misg' ri àm am pòit' 
A'm' òran tha mi ghnàth. 

13 Ach mise, Dhè, ni'm urnuigh riut, 

San uair a's taitneach leat : 
Eisd rium, a Dhe, rèir meud do ghràis, 
Le d' chobhair fhior thoir neart. 

14 O'n làthaich saor mi, O mo Dhia ! 

Chum fuidh nach rachainn sios : 
O luchd mo mhi-ruin teasairg mi, 
'S o dhoimhneachd uisge nios. 

15 Na rachadh tharum tuilteach uisg' 

Na sluigeadh doimhneachd mi, 
An slochd na druideadh orm a bheul 
Gu h-iomlan chum mo chlaoidh. 

16 Eisd rium, O Dhia, oir *p maith do 

Pill rium a'd' thròcair phailt. [ghràs : 

17 Do ghnùis na ceil air d'òglach fèin, 

Eisd rium gu luath, 's mi'n airc. 



SALM LXIX. 153 

18 Ri m'anam druid, is fuasgail e : 

O m' nàmhaid dean mo dhion. 

19 Momhasladh, m'eas-onoir, 'smo nàir', 

'S mo naimhde, 's lèir dhuit fèin. 

20 Le toibheum tha mo chridhe brist', 

Is mi gu h-iarganach : 
Dh'iarr mi luchd truais is comhf hurtachd, 
Is dhiubh cha d'fhuaras neach. 

21 Seadh, thug iad domblas dhomh mar 

'S choisg m'iota le fion geur. [bhiadh, 

22 Mar eangach dhoibh gu robh am bord ; 

'S mar rib an àgh gu lèir. 

23 Gun lèirsinn biodh an sùilean dall, 

'S an leasraidh ghnàth air chrith. 

24 Dòirt orra d'fhearg, 's le d'chorruich 

Glac iad gach uair sam bith. [ghèir 

25 Mar fhàsach lom gun àiteachadh 

Gu robh an tàmh 's an teach, 
Is anns na pàilliunaibh bu leo 
Còmhnuidh na biodh aig neach. 

26 Oir lean iad le dian-fhoireigneadh 

An ti a bhuaileadh leat : 
Is labhair iad chum doilgheis mhòir, 
Do'n droing a rinn thu lot. 

27 Cuir ciont' ri 'n aing'eachd, is na leig 

A'd' cheartas iad a steach : 



154 SALM LXIX. 

28 A leabhar f òs nam beò gu tur 

Sgriosar iad sud a mach, 

Is maille ris na fireanaibh 
A bhuineas duit gu'n cheist, 

Is ann an àireamh dhaoine còir 
Na sgrìobhar iad am feasd. 

29 Ach mise ta gu h-ainnis bochd, 

Is làn do bhròn faraon : 
Togadh do shlàinte mi an àird, 
A Dhè, gu gràsmhor caoin. 

30 Le h-òran binn sior-mholaidh mi 

Deadh-ainm mo Dhè gach là, 
'S a chliù-san fòs sior-thogar leam 
Le buidheachas gu h-àrd. 

31 'S fearr leis an Tighearn sud gu mòr 

Na damh ta adharcach, 
Na ìobairt fòs a bheireadh neach 
Do bhiòrach crobhanach. 

32 Na daoine sèimh trà chi iad so, 

Bidh aoibhneach ait gu leòr ; 

Is bidh 'ur cridh'-sa beò gu bràth 

Ta 'g iarraidh Dhia na glòir'. 

33 Ri bochdaibh èisdidh Dia, 's cha dean 

Tàir air a phriosanach. 

34 Nèamh, muir, is tìr, gu moladh e, 

'S gach ni ta gluasadach. 



SALM LXX. 155 

35 Oir bailte Iudah togaidh Dia, 

Is saorar Sion leis, 
A chum gu meal iad i gu buan, 
'Ga h-àiteachadh am feasd. 

36 Do shliochd a sheirbhiseach gu fior, 

Is sealbh ro-dhìleas i ; 
'S an dream a thug d'a ainm-san gràdh, 
Sior-chòmhnuidh innte ni. 

SALM LXX. 

1 Iehobhah Dhia, do m' theasairginn, 

'S do m' chòmhnadh, deifrich ort. 

2 Biodh nàir' is amhluadh air an dream 

Ta 'g iarraidh m'anma bhochd : 
Pillear an dream ud air an ais, 

Le 'm miann mo lochd a ghnàth, 
Mòr-amhluadh gu robh orra sud, 

Is rughadh gruaidh gach là. 

3 Gu pillear iadsan air an ais 

Mar thuarasdal d'an nàir', 
An dream a deir gu fanoideach, 
Aha, aha, le tàir. 

4 Aoibhneas is aidhear, do gach neach 

'Ga d'iarraidh fèin a ta : 
Is abradh iad le 'n toigh do 8^1^^^, 
Dia gu ma mòr, do ghnàth. 



156 SALM LXXL 

5 Ach mise ta gu h-ainnis bochd, 
Do m'ionnsuidh greas, a Dhia : 
Mo chobhair thu, 's mo shlànuighear'; 
Moille na dean, mo Thriath. 

SALM LXXL 

1 'Sann riut a ta mi 'g earbsa, Dhè, 

Nàir' orm am feasd na biodh. 

2 A'd' cheartas f òir ; thoir crm dol as : 

Aom rium do chluas, saor mi. 

3 A'd' charraig còmhnuidh bi-sa dhomh, 

D'an tàthuicheam do shior : 
Mo chaisteal, is mo dhaingneach thu, 
Thug aithne chum mo dhion. 

4 A làimh nan aingidh, O mo Dhia, 

Dean fuasgladh dhomh a'm' chruas, 
A làimh na muinntir eucoraich 
Ta ain-iochdmhor gun truas : 

5 Oir 's tusa, Thighearna mo Dhia, 

Mo dhòchas ann am fheurn : 
O aois is aimsir m'òige nuas, 
Mo mhuinghinn thu ro-threun. 

6 J S ann leatsa chumadh mise suas, 

O thain'geas as a J bhroinn ; 
A bolg mo mhàthar bhuin thu mi, 
Sior-mholam thu gu binn. 



SALM LXXI. 157 

7 Mar aobhar iongantais, a Dhè, 

Aig mòran a ta mi ; 
Ach 's tusa 's tèarmunn dìleas dhomh, 
'S mo spionnadh mor gun dìth. 

8 Lionar mo bheul le d' mholadh-sa, 

5 S le d'onoir fèin gach lo. 

9 Na tilg mi dhiot a'm' aois ; 's na trèig 

'N trà dh'fhailnicheas mo threòir. 

10 Oir m'aghaidh mheud 's is naimhde 

Labhair gu sgaiteach geur : [dhomh 
'S an dream ta brath air m'anam bochd, 
Ghabh comhairle le chèil', 

11 Ag ràdh, Thrèigeadh e tur le Dia, 

Leanaibh e nis gu teann, 
Is glacaibh, oir g'a theasairginn 
Cha'n 'eil neach idir ann. 

12 A Dhè, na bi-sa fada uam ; 

Foir orm, mo Dhia, gu luath. 

13 Biodh nàir is claoidh air m'eascairdibh, 

'G am bheil do m'anam fuath : 

Masladh is nàire fol'cheadh iad, 
Tha 'g iarraidh m'uilc gach lo. 

14 Sìor-earbam riuts', is seinnidh mi 

Do chliu ni 's mò 's ni 's mò. 

15 Labhraidh mo bheul air d'fhireantachd, 

'S do shlàint' gach là gun sgios : 
o 



158 SALM LXXI. 

An àireamh sud aig lionmhoireachd 
Cha'n fheudar leam chur sios. 

16 Trid neart an Tighearna mo Dhia 

Fòs gluaisidh mi do ghnàth : 

Is ni mi sgeul air d'fhireantachd, 

D'fhireantachd fèin amhàin. 

17 O m'òige rinn thu teagasg dhomh, 

A Thighearn is a Dhè : 
Is chuir mi d'oibre iongantach 
Gu ruige so an cèill. 

18 A nis air bhi dhomh aosmhor liath, 

Na treig mi, Dhia nam feart : 
Gu taisbeanainn do neart 's do ghràs, 
Do'n àl a t'ann, 's ri teachd. 

19 9 $> ro-àrd do cheartas fèin, a Dhia, 

Is rinn thu bearta mor : 
O Dhia, cò ea's cosmhuil riut, 
No choimeas leat is còir ? 

20 Trioblaid ro-mhòr is an-shocair, 

'S tu thaisbein dhomh, a Dhè : 
Atli-bheothaichidh, is bheir thu rìs 
O dhoimhneachd talmhainn mi. 

21 Mo mhòrachd cuiridh tus' am meud, 

'S bheir sòlas air gach taobh. 

22 Air saltair molam thu, mo Dhia, 

Seadh d'fhirinn ta ro-chaomh. 



SALM LXXII. 159 

Is seinneam dhuit air clàrsaieh bhinn, 
Dhia naomh ud Israeil. 

23 Mo bhilean ni mor-ghairdeachas, 

Trà sheinneam dhuit le m' bheul : 
Bidh subhachas is aoibhneas mòr 

Air m'anam fèin, a Dhè, 
A shaoradh leat gu tròcaireach 

O thrioblaidibh gu lèir. 

24 Is bidh mo theang' air d'fhireantacbd 

Ag iomradh feadh an là : 
Oir nàir' is amhluadh fhuair a-n dream 
'G iarraidh mo lochd a ta. 

SALM LXXII. 

1 Dhia, thoir do bhreitheanas do'n Righ, 

Is d'fhireantachd d'a mhac. 

2 Bheir esan ceart-bhreth air a shluagh, 

'S do d' bhochdaibh còir 'nan airc. 

3 Na sleibhtean àrda bheir a mach 

Siochaint do'n t-sluagh gu pailt ; 
Is bheir na tulaich bheaga sìth 
Le fireantachd gun airc. 

4 Aiv daoinibh bochd a phobuill fòs 

Bheir esan breth gu ceart ; 
Is clann nan ainnis saoraidh e, 
Mìn-bhristidh luchd ain-neart. 

o 2 



160 SALM LXXII. 

5 Am feadh bhios grian is geaìach ann, 

Freasdal do'n là 's do'n oidhch', 
Bidh d'eagal orra-san gu mòr, 
O linn gu linn a chaoidh. 

6 Mar uisge air an fhaiche bhuaint', 

Bheir orra rithis f às : 
Mar fhrasaibh uisge air an fhonn, 
Is amhluidh sin a ghràs. 

7 R'a linn-san bidh na fireanaich 

Gu h-ùr a' f às le blàth : 
'S am feadh a bhios a' ghealach ann, 
Bidh siochaint pailt do ghnàth. 

8 Bidh uachdranachd aig mar an ceudn' 

O thuinn gu tuinn gu sior, 
Is ruigidh sud o'n amhainn mhòir, 
Gu iomall crìch gach tìr. 

9 Luchd-còmhnuidh f òs an f àsaich chruaidh 

'Na fhianuis sleuchdaidh sios; 
A naimhdean imlichidh an ùir, 
Trà thig iad dlùth le cìs. 

10 Righ Tharsis, is nan eileanan, 

Tiodhlacan bheir iad uath', 
Bheir righrean Sheba, Seba fòs 
Tabhartais dha gu luath. 

1 1 Seadh, f òs 'na f hianuis sleuchdaidh sios 

Gach Righ air thalamh ta : 



SALM LXXIL 161 

5 S gach ginealach air feadh gach tìr, 
Dha seirbhis ni do ghnàth. 

12 An t-ainnis bochd gun chuideachadh, 

Saoraidh trà èigheas ris. 

13 'S ni acarachd ri truaghan bochd, 

Is dionar 'anam leis. 

14 'Se theasairgeas an anam fòs 

O f hoill 's o fhòirneart gheur : 
Is fòs 'na shùilibh-san gun cheist, 
'S priseil am fuil gu lèir. 

15 Bithidh e beò gu maireannach, 

Or Sheba bheirear dha : 
Gnàth-urnuigh nithear air a shon, 
Is molar e gach là. 

16 San talamh cuirear dorlach sìl, 

Air bhàrr nan sliabh 's nam beann j 
Is bidh a thoradh trom air chrith, 
Mar Lebanon nan crann. 

An dream a ta sa' chaithir mhòir, 

Bidh toradh orra 's blàth, 
Gu lionmhor, mar is dual do^n fheur 

Air talamh f às a ta. 

17 Bidh 'ainm-san buan gu suthain sior, 

Co-mhaireann ris a' ghrèin ; 
Is ann-san beannaichear gach slògh; 
'S beannaichear leo e fèin. 
o 3 



162 SALM LXXIIL 

18 Beannaicht' gu robh an Tighearn Dia, 

Dia Israeil do ghnàth, 
An ti amhàin ni miorbhuile 
Le treis' is neart a làimh. 

19 Beannaicht' gu robh gu siorruidh buan 

Ainm glòrmhor uasal fèin ; 
Lionadh a ghlòir gach uile thìr, 
Amen, agus Amen ! 

SALM LXXIIL 

1 Gu fìrinneach tha Dia ro-mhaith 

Do phobull Israeil, 
Do'n dream 'gam bheil an cridhe glan, 
Tha Dia dhoibh maith d'a rèir. 

2 Ach air mo shon-sa, 's beag nach d'aom 

Mò chosa uam gu grad : 
Cha mhòr nach d'rinn mo cheuma f òs 
Sleamhnachadh uam air fad. 

S Ri amadanaibh ghabh mi tnù, 
Ri faicinn soirbheis daoi. 

4 Oir cuibhrichean cha'n 'eil 'nam bàs ; 

Neart làidir 's leo gun dìth. 

5 Mar dhaoine eile cha'n 'eil iad 

Fo thrioblaid no fo leòn : 
'S cha'n 'eil iad air an sàruchadh 
Mar chàch le piantaibh mòr. 



SALM LXXIII. 163 

6 Ardan mar shlabhraidh, uime sin 

'G an cuairteachadh a ta; 
Am f òirneart fèin 'gan còmhdachadh 
Mar eudach thart' do ghnàth. 

7 An sùile sultmhor tha le saill : 

An toic chaidh thar am miann. 

8 Is truaillidh iad, 's air fòirneart geur 

Labhraidh gu h-aingidh, dian. 

9 An aghaidh nèimh agus nan speur 

Am beul do thog iad suas ; 
Air feadh na talmhainn is na tìr 
An teanga-san do ghluais. 

10 Fa'n aobhar ud gu ruige so, 

A shluagh-san pillidh iad ; 
Is fàisgear dhoibh do 'n uisg' amach, 
Làn cupain a's leòr meud. 

1 1 Is deir iad, Cia mar 's lèir do Dhia ? 

'M bheil tuigs' san Ti a's àird' ? 

12 Feuch, sud na daoi, tha soirbheachadh, 

A' f às 'nan stòr gach là. 

13 Mo chridh' gu dearbh ghlan mi gun stà, 

'S an neo-chiont' nigh mo làmh, 

14 Oir buailt' is sinachduichte ta mi 

Gach maduinn, 's feadh gach là. 

15 Ma their mi, Labhraidh mi mar so ; 

Feuch, pheacaichinn gu beachd. 



164 SALM LXXXlt. 

An aghaidh sliochd is ginealaich 
Na cloinne 's ionmhuinn leat. 

16 Trà bhreathnuich mi gu tuiginn so, 

Bu chruaidh-cheist orm an gniomh, 

17 Ach chaidh mi steach do naomh-theach 

Is thuig mi 'n sin an crioch. [Dhè, 

18 Gu deimhiiì chuir thu iad air fad 

An àitibh sleamhain lom : 
Is thilg thu iad a sios d' an sgrios 
Le dioghaltas gu trom. 

19 Feuch cionnus thàinig orra claoidh, 

Am mionaid bhig na h-uair ? 
Oir tha iad air an sgrios gu tur 
Le oillt is eagal mòr. 

20 Mar aisling 'nuair a dhùisgeas neach, 

Mar sin, a Dhia nan sluagh, 
Rinn thusa dimeas air an dealbh, 
Air mosgladh dhoibh a ^n suain. 

21 Mar so bha ann mo chridhe cràdh, 

'S am airnibh goimh ro-gheur. 

22 Oir bha mi baoth is aineolach : 

Mar bhrùid a^d' làth'r, a Dhè. 

23 Gidheadh, tha mise maille riut, 

O Thighearna, do ghnàth; 
Is air mo dheas-làimh ghlac thu mi, 
Ga m' chumail suas gach là. 



SALM LXXIV. 165 

24 Do nithear leat mo stiùradh fòs 

Le d' chomhairl' ann am fheum, 
Is gabhaidh tu mi steach fadheoidh 
A'd' àros ghlòrmhor fèin. 

25 Cò agam anns na nèamhaibh shuas 

Ach thusa, Dhia nan dùl ? 
Is cha 'n 'eil neach air talamh f òs 
Ach thus' am bheil mo dhùil. 

26 Mo chridh' is m' f heòil faraon a ta 

Air failneachadh gun cheist*: 
Gidheadh 's e neart mo chridhe Dia 
'S mo chuibhrionn buan am feasd. 

27 Oir feuch iad sin tha fada uait, 

Lèir-sgriosar iad gu luath : 
Is claoidhear leat gach uile neach 
A thèid air seachran uait. 

28 Ach dhomhsa 's maith teachd dlùth do 

Dh'earb mi à Dia mo neart, [Dhiaj 
A chum gu foillsichinn gu sior 
Gach gniomh a rinneadh leat. 

SALM LXXIV. 

1 C/ arson a thilg thu sinne uait 
An ann gu bràth, a Dhè ? 
C'arson ri caoraich d'ionaltraidh, 
A las do chorruich gheur ? 



166 SALM LXXIV. 

2 Cuimhnich, a Dhè, do choimhthional 

A cheannuich thu o chèin ; 
An oighreachd sin a shaoradh leat, 
Sion do chòmhnuidh fèin. 

3 Mun deanar fàsach shiorruidh dhi, 

Do chosa tog gu grad ; 
Feuch meud an uilc a rinn do nàmh 
A'd' theampull naomh air fad. 

4 Do naimhde rinn iad beucadh borb 

Measg coimhthionail do shluaigh : 
Is chuir iad suas am bratacha 
Mar chomhar air am buaidh. 

5 Bu chliùiteach neach mar dheanta leis 

A thuagh a thogail suas, 
Air crannaibh àrda dosrach tiugh, 
A chum an leagadh nuas. 

6 Ach nis an obair shnaidhte ghrinn, 

Le li-ordaibh 's tuaghaibh bhrist ; 

7 Is chuir iad suas ^na lasair dheirg 

Do theampull naomh 'g a sgrios. 

Tigh còmhnuidh naomha d'ainmsa, 
Feucb, thruaill iad e le tàir, [Dhè, 

^G a mhilleadh is 'g a leagadh sios 
Co iosal ris an làr. 

8 ^Nan cridhe labhair iad mar so, 

Sgriosamaid iad le chèiP : 



SALM LXXIV. 167 

Gacli Sinagog aig Dia san tìr, 
Loisgeadh leo iad gu lèir. 

9 Ar comhara ni 'm faicear leinn, 
Fàidh ni bheil idir ann, 
Ni mò tha neach 'nar measg co-gheur 
D'an lèir cia fad an t-àm. 

10 Cia fhad a bheir, O Dhia nan dùl, 

Na naimhde toibheum uath' ? 
An toir an nàmhaid beum am feasd 
Do d'ainm-sa, Dhia nan sluagh ? 

11 C'arson a phillear leat do làmh, 

Do dheas-làmh air a h-ais ? 
O buin a mach o d' bhrollach i, 
Chum fuasgladh oirnn gu cas. 

12 Oir Dia na glòir' tha neartmhor àrd, 

O chian is e mo Righ, 
Am tuilsgein talmhainn le mhòr-neart, 
Ag oibreach' slàint' is sìth. 

1 3 An f hairge sgoilteadh leat le d' neart, 

Is cinn ro-làidir chruaidh 
Nan dràgon bhristeadh leat san uisg', 
A* tabhairt orra buaidh. 

14 Cinn Lebhiatain àghoir mhòir, 

'S tu fèin a bhrist is phronn ; 
Is thug thu e mar bhiadh do ? n t-sluagh, 
A bha san fhàsach lom. 



168 SALM LXXIV. 

15 \S tu sgoilt na tiohairt is an tuil : 

'S tu thiormaich aimhne mòr. 

16 'S tu dheasaich solus agus grian, 

Is leat an oidhch\ 's an lò. 

17 Criocha na talmhainn shocruich thu : 

Rinn thu an samhradh teth, 
'S an geamhradh fòs do rinneadh leat, 
'Nan aimsiribh fa leth. 

18 Gu d' thug na naimhde toibheum uath' 

Cuir sud air chuimhn\ a Dhè, 
'S gu d' thug am pobull amaideach 
Do d'ainm ro-uasal beum. 

19 Anam do cholmain na toir suas 

Do chuideachd mhòir nan daoi : 
Is coimhthional do dheòraidh bochd 
Na dearmaid iad a chaoidh, 

20 Do chumhnant thoir fa'near, à Dnè ; 

Oir àite {1010^' na tìr, 
Tha uile air an àiteachadh 
Le luchd an fhòirneirt ghèir : 

21 Na pillear air an ais le nàir' 

Na dh'fhuiling fòirneart goiii: : 
An dream ta ainnis aim-beartach 
Deanadh iad moladh ort. 

22 Tog ort is èirich suas, a Dhè, 

Tagair do chùis gu treun : 



SALM LXXV. 169 

Cuimhnicli mar tha an t-amadan 
Gacli là toirt dhuitse beim. 
23 Na dearmaid guth na muinntir sin 
'Nan naimhdibh dhuit a ta : 
Tha bruidhean dhaoin' a dh'èirich riut, 
Sior-dhol am meud do ghnàth. 

SALM LXXV. 

1 Buidheachas gu robh dhuitse, Dhè, 

Buidheachas dhuit do ghnàth : 
Oir foillsichidh do mhìorbhuile, 
Gur fagus d'ainm gach là. 

2 Trà gheibh mi is a ghlacar leam 

Coimhthional mòr na tìr, 
Do ni mi dhoibh deadh bhreitheanas, 
Gu cothromach 's gu fior. 

3 Sgaoileadh an duthaich, is an sluagh 

'Ga h-àiteachadh a ta : 
Ach mise cumaidh suas gu treun 
Posta na tìr ? do ghnàth. 

4 Thubhairt mi ris gach amadan, 

Na gluais gu h-amaideach : 
'S ri luchd an uilc, Na togaibh suas 
Bhur n-adharc ardanach. 

5 Bhur n-adharc f òs na togaibh suas : 

Ri cainnt le muineal cruaidh. 



170 SALM LXXVI. 

6 Ni h-ann o'n ear, no 'n iar, no deas, 

Thig onoir mhòr no buaidh. 

7 Ach \s breitheamh Dia : a leagas aon, 

'S a thogas aon fa seach. 
Oir cup an làimh an Tighearn ta 
Do 'n fhion a's deirge dreach : 

8 Làn coimeisg tha e, dòirtidh Dia 

Cuid as a mach gu grad : 

9 A dheasgnan f àisgidh daoine daoi, 

Is òlaidh iad air fad. 

10 Ach cuiridh mise fòs an cèill 

Gu suthain is gu sior, 
Do Dhia ud Iacob canar leam 
Ard-mholadh binn gu fior. 

1 1 Uil' adharca nan daoine daoi, 

Sgathaidh mi sios 's gach àit ; 
Ach adharca nan saoi air fad 
Togar gu grad an àird. 

SALM LXXVI. 

1 An Iudah aithnichear ar Dia ; 

'S mòr 'ainm an IsiVl naomh. 

2 An Salem tha a phàilliun f òs, 

A thàmh an Sion caomh. 

3 Saighdean a 5 bhogha bhrist e 'n sin, 

An sgiath 's an claidlie geur, 



SALM LXXVI. I7Ì 

An còmhrag is an cath faraon, 
Bhristeadh iad leis gu treun. 

4 Is mò do mhòralachd, a Dhè, 

Is mò gu mòr do ghlòir 
Na beannta thog an cinn gu h-àrd, 
Le cobhartach ro-mhòr. 

5 Làn-chreachadh luchd a' chridhe chalm, 

Is choidil iad le suain ; 
Na fir a bha 'nan curaidh' mhòr, 
An làmha f òs cha d'f huair. 

6 O thus' a's Dia do Iacob ann, 

Le d' achmhasan 's le d' neart, 
An carbad cogaidh is an t-each 
'Nan suain do chuireadh leat. 

7 ^S cùis eagail thu, thu fèin, a Dhè: 

Cia neach a chogas riut ? 
No ann ad shealladh sheasas suas 
An uair bhios corruich ort? 

8 Thug thusa air do bhreitheanas 

O nèamh gu'n cualas e : 
Bha air an talamh eagal mòr 
'S *na thàmh ghrad-f huirich e. 

9 Trà dh'èirich Dia chum breitheanais, 

A theasairginn san àm, 
Gach uile dhuine ciùin is sèimh, 
Air talamh a bha ann. 
p 2 



172 8ALM LXXVII. 

10 Bheir fearg is corruich dhaoine 'n sin 

Ard-mholadh dhuit gu beachd ; 
Is fuigheall fòs na feirge mòir' 
Làn chaisgidh tu le d' neart. 

1 1 Geallaibh 'ur bòid gu togarach 

D'ur Dia Iehobhah àrd; 

Is coimhlionaibh gu firinneach 

Na gheallar leibhse dha : 

Gach neach a ta m'a thimchioll-san 

Thugadh iad dha 'na àm, 
Deadh-thabhartais is tiodhlaca 

Do'n ti 's cùis eagail ann. 

12 Is e ni spiorad phrionnsa mòr 

A sgathadh uath' le neart ; 

Do rìghribh fòs a' chruinne-chè 

'S cùis eagail e gu beachd. 

SALM LXXVIL 

1 IjH'EiGHmiriDiaguh-àrdle m'ghuth; 

Dh'èigh mi le m' ghuth gu h-àrd ; 
Is 'nuair a ghlaodh mi ris, ghrad-thug 
Sar-èisdeachd dhomh gun dail. 

2 An là mo thrioblaid dh'iarr mi Dia : 

Is shruth mo leòn gun sguir, 
Rè fad na h-oidhch' : is m'anam truagh 
Toilinntinn dhiùlt gu tur. 



SALM LXXVII. 173 

3 Air Dia ghrad-chuimhnich mi an sin, 

Is mi an triohlaid gheir : 
Itis rinn mi gearan trom gun tàmìi, 
Chlaoidheadh mo spiorad fèin. 

4 Chum thu mo shùil 'na faireachadh : 

Tha mi co iarganach, 
Naeh feud mi focal cainnt no sgèil 
Labhairt le m' bheul a mach. 

5 An sin air làithibh fad o chèin 

Smuainich mi fèin le beachd ; 
Is bliadhnaidh fòs na h-aimsir chèin 

Am aire fèin bha teachd. 
6 Seadh chuimhnich mi mo cheòl san oidhch 9 , 

'S rinn cainnt ri m' chridhe fèin, 
Is rinn mo spiorad fòs gun tàmh, 

Le dichioll, sgrudadh geur. 

7 An tilg an Tighearn uaith gu bràth? 

Nach nochd e 5 ghràdh ni *s mò ? 

8 'N do sguir gu tur a ghràs am feasd, 

'S a ghealladh fad gach lò ? 

9 'N do dhearmaid Dia gu firinneach 

Bhi gràsmhor caoin gu bràth ? 
J N do dhruid e suas'na chorruich mhòir 
A thròcair chaomh 's a ghràdh ? 

10 Ach thuirt mi (trà thug mi fainear,) 
Is i so m'anmhuinn mhòr ; 
r 3 



174 SALM LXXVII. 

Cuimhnicheam bliadhnaidh làimhe deis 
An Ti a's àirde glòir. 

11 Gnìomhara Dhè sior-mheòraicheam, 

Mar rinneadh leis gach beart, 
Is d'iongantais o'n aimsir chèin 
Sior-chuimhnicheam gu beachd. 

12 Air d'oibribh uile mar an ceudn' 

Smuainichidh mi gu tric ; 
Is air gach gniomh a rinneadh leat, 
Sior-labhraidh mi gu glic. 

13 Do shlighe ta san ionad naomh, 

O Thighearn is a Dhè : 
Cò 's coimeas ann am meud ri Dia 
A ta 'na Dhia dhuinn fèin ? 

14 'S tu 'n ti tha deanamh iongantais, 

A Thighearna nam feart ; 

Is ann am measg a' phobuill f òs 

Do thaisbein thu do neart. 

15 Do shaoradh leat d'an teasairginn 

Do phobull dìleas fèin, 
Clann lacoib agus Ioseiph fòs, 
Le d' ghairdean neartmhor treun. 

16 Chunnaic na h-uisgeachan thu Dhè, 

Chunnaic iad thu gu beachd : 
Is ghabh iad geilt ; air doimhneachd f òs 
Bha mòran ogluidheachd. 



SALM LXXVIII. 175 

17 An uisge dhoirt na neoil a nuas, 

Bu ro-mhòr fuaim nan speur ; 
Is chaidh do shaighde corranach 
A mach gu sgaiteach geur. 

18 Ard-ghuth do thairneanaich san speur, 

Chualas a Dhè gu tric ; 
An saoghal las le dealanaich, 

Ghrad-luaisg an talamh s chlisg. 

19 Do cheuma tha san doimhneachd mhòir, 

Do shlighe tha sa' chuan : 
Ach lorg do chois cha'n aithnich sinn, 
Tha sud am folach uainn. 

20 Is amhluidh mar gu'm biodh ann treud, 

Do phobull stiùireadh leat ; 
Le deadh-làimh Mhaois is Aaroin f òs, 
'G an treòrachadh gu ceart. 

SALM LXXVIIL 

1 Eisdibhse, Omoshluagh, rim' reachd 

Is cluinnibh guth mo bhèil. 

2 Am briathraibh fìlidh cuiridh mi 

Sean-fhocla dorch' an cèill : 

3 Na chuala sinn o'r sinnsearaibh, 

Na dh'innseadh leo-san dhuinn, 

4 Cha'n fholaich sinn o'n ginealach, 

\S cha cheil sinn air an cloinn. 



176 SALM LXXVIIL 

Ach foillsichidh sinn moladh Dhè 

Do 9 m àl a ta ri teachd ; 
9 S fta miorbhuilean a rinneadh leis> 

A chumhachd is a neart. 

5 Oir lagh an Iaeob dhaingnich e, 

Is reachd an Israel, 
A dh'orduich e d'ar n-aithrichibh, 
D'an cloinn an cur an cèill. 

6 Chum fiòs bhi aig an àl ri teachdj 

A' chlann a ta gun bhreith : 
**S gu'n innseadh iad do'n linn 'nan 
Na nithe ceudn' fa leth. [dèigh 

7 A chum gu cuireadh iadsan fòs 

An dòchas ann an Dia, 
Gu cuimhnicheadh iad oibre Dhè, 
S gu deanadh iad a riar : 

8 9 S nach biodh iad mar an sinnsireachd* 

Lan ceannairc is droch-bheirt, 
Gun spiorad tairis annt' do Dhia, 
'S an cridhe gun bhi ceart. 

9 Clann Ephraim le armaibh gleust', 

Air bogh' bu chuimseach beachd, 
Ach phill iad air an ais le geilt 
An làithibh cath' is feachd. 

10 Coimhcheangal Dhè chuir iad air chùl, 
D'a reachd-san dhiùlt iad gèill ; 






SALM LXXVIII. m 

1 1 'S na miorbhuilean a nochd e dhoibh 

Air chuimhne cha do ghlèidh. 

12 Bearta ro-mhiorbhuileach gu dearbh 

Nochd esan dhoibh san Eipht' ; 
Air machair Shoain thaisbein e 
A chumhachd mar an ceudn'. 

13 Sgoilt e an fhairge 's thug e 'shluagh 

Gu tèaruinte d'a trìd ; 
An cuan 'na thorr sheas os an ceann, 
Gun chomas ruith a sìos. 

14 Stiùir e le neul iad anns an là : 

'S le teine anns an oidhch', 
A dheanamh soluis doibh is iùil 
San t-slighe dhuldaidh dhoirch. 

15 Sgoilt creag san fhàsach, aiste deoch 

Thug, mar à doimhneachd mhòir ; 

16 Bhuin sruth à creagaibh, thugair uisg* 

liuith sìos mar thuil gu leòr. 

17 San fhàsach pheacaich iad ni 's mò ; 

Is bhrosnuich an t-Ard Righ. 

18 'Nan cridhe chuir iad cathadh air ; 

D'am miann ag iarraidh bìdh. 

19 Labhair iad fòs an aghaidh Dhè ; 

Is thubhairt iad gu dian, 
Am feud Dia anns an f hàsach mhòr 
Bòrd dheasachadh d'ar miann ? 



178 SALM LXXVIII. 

20 Feuch, bhuail a' chreag, bhrùchd uisge 

Dh'èirich an tuil gu luath. [mach, 
Am feud e aran thabhairt f òs ? 
An deasaich feòil d'a shluagh ? 

21 Air cluinntinn so, ghabh corruich Dia ; 

Ri Iacob teine làs, 
Is dh'èirich fearg ro-dhoinionnach 
Iti Israel gu cas : 

22 Chionn nach do chreid iad ann an Dia, 

'S nach d'earb iad as a shlàint' ; 

23 Ged dh'f hosgail dorsa nèamha f òs, 

*S na neòil o'n àird ged dh'àithn. 

24 Ged dhòirt e orra Mana nuas, 

Ged d' fhuair iad coirc nan speur. 

25 Biadh aingeal dh'ith iad : thug e dhoibh 

Do lòn an sàth gu lèir. 

26 San speur thug e air gaoith an ear 

Gu'n d'imich i gu treun : 
Is thug e fòs le neart a steach 
A' ghaoth dheas mar an eeudn'. 

27 Fòs dhòirt e orra nuas mar dhus, 

Do fheòil an uile shàth ; 
9 S eoin iteagach bu lìonmhoire 
Na gaineamh air an tràigh. 

28 Do leig e sud 'nan camp a nuas 

Mu'n cuairt nan àite tàimh. 



SALM LXXVIII. 179 

29 Seadh dh'ith iad uile 's shàsaicheadh ; 

Oir thug e dhoibh na b'àill. 

30 Cha robh iad air an sgarachduinn 

O mhiann an eridhe fèin ; 
Ach air bhith aca-san am biadh 
'G a chagnadh dian 'nam beul, 

31 A' chuid sin dhiubh bha sultmhor treun, 

Ghlac Dia 'na fheirg is mharbh : 
'S an òigridh thaght' an Israel 
Ghrad-bhuaileadh leis gu garbh. 

32 Gidheadhan dèigh gach gnìomh dhiubh 

Do pheacaich iad gu mòr ; [sud 
Is ged a rinn e miorbhuilean, 
Nior chreid iad mar bu chòir. 

33 An làithean chaith e, uime sin, 

an diomhanas air fad ; 
Is bliadhnachan an aois gu lèir 
Le carroid ghèir chaidh thart'. 

34 An uair a mharbhadh leis-san iad, 

Dh'iarr iad e J n sin gu dian, 

Seadh phill iad, agus bha iad fòs 

Gu moch ag iarraidh Dhia. 

35 Is chuimhnich iadsan gu b'e Dia, 

An carraig threun do ghnàth : 
Is gu b'e fòs an Dia a's àird' 
B'fhear-saoraidh dhoibh gach là, 



180 SALM LXXVIIL 

36 Ach rinn iad miodal ris le 'm beul, 

Le Iìl teangaidh breug is gò. 

37 Cha robh an cridhe ceart ; 's cha robh 

'Na chumhnant dileas da. 

38 AchDia, ro-iochdmhormhaith an lochd, 

'S an sgrios cha d'rinn gu geur ; 
Bu tric a phill e 'chorruich uath' ; 
'S a ghlèidh e 'fhearg air fèin. 

39 Oir annta chuimhnich e nach robh 

Ach feoil thèid as mar bhlàth, 
Is osag ghaoith a ghabhas seach, 
'S nachpill a rìs gu bràth. 

40 Cia tric a chuir iad cathadh air 

San fhàsach thartmhor chruaidh ; 
San fhàsach chuireadh corruich air 
Le eusaontas an t-sluaigh ? 

41 Seadh phill iad uile air an ais, 

Bhrosnuich iad Dia le chèiP : 
Chuir laithilt agus tomhas f òs 
Air Ti naomh Israeil. 

42 Dhìchuimhnich iad, ^s cha d'thug fain- 

A ghairdean treun ^s a làmh : [ear 
No 'n là san d'thug e furtachd dhoibh, 
Is fuasgladh deas 'n nàmh : 

43 No fòs mar rinneadh anns an Eiph't, 

Comhara Dhè nam feart 



SALM LXXVIIL 181 

Air machair Shòain mar an ceudn' 
A mhiorbhuile le neari. 

44 An srutha chaochail e gu fuil ; 

'S na h-ùillt nach feudta 'n òl. 

45 Chuir losgainn chuc\ is cuileagan ; 

'S leo chlaoidheadh iad gu mòr. 

46 An toradh thug e is am bàrr 

Do'n chaterpilear bheag ; 
Is saothair fòs an làmh air fad, 
Fo ailghios locust leig. 
17 Am fìon-chroinn bhrist e mar an ceudn 5 
Le cloich-shneachd chruaidh 's gach 
Isamhluidhmhillle reodhadh teann{]àitj 
An cranna-fìgis àrd. 

48 Am feudail thug e thairis fòs 

Do'n chloich-shneachd sgataich ghèir; 
'S le saighdibh teine-dealanaich, 
Ghrad-chuir e as d'an treud. 

49 Teas feirge, trioblaid, 's corruich mhòr, 

Orra thilg e gu grad ; 
Le ainglibh olc a chur 'nam measg, 
G'an claoidh gu goirt air fad. 

50 D'a chorruich rinn e bealach rèidh : 

An anam thug do'n bhàs ; 
Am beatha thruagh thug thairis fòs 
Do ghalar-plàigh 's dn'n chàs. 
Q 



182 SALM LXXVIII. 

51 Throm-bhuaileadh leis-san anns an 

Gach ceud-ghin a bha ann : [Eiph't, 
Toiseach an neart sna pàilliunaibh 
A bha aig gineil Ham. 

52 Ach thug e mach a phobull caomh 

Mar chaoraich as an tìr : 
Is rinn mar threud san f hàsach mhòr 
An treòrachadh gu fior. 

53 Stiùireadh leis iad gu tèaruinte, 

Gun eagal is gun sgàth : 
Ach air an naimhdibh dh'aom an cuan, 
'S le fuathas uile bhàth. 

54 Gu crìochaibh ionaid naomha fèin 

Thug e a phobull leis : 
Gu ruig an cnoc so choisinn e, 
'S a bhuadhaich a làmh dheas. 

55 Thilg e na cinnich rompa mach, 

'S an oighreachd roinn le crann, 
Do Isra'l thug e'n àite sud 
Gu còmhnuidh ghabhail ann. 

56 Ach bhrosnuich agus ghrànaich iad 

An Dia a's àirde glòir ; 
Is idir cha do choimhid iad 

A naomh-reachd mar bu chòir : 

57 Ach phill iad mar an sinnseara, 

'S gu fealltach ghluais air fad : 



SALM LXXVIII. 183 

Mar bhogha fiar chaidh iad a thaoibh, 
Is chlaon iad uaith' gu grad. 

58 Le 'n dealbhaibh, is le'n àitibh àrd 

Chuir iad air fearg is eud : 

59 Dia thug fainear, 's bha corruich air 

Is gràin ri Israel. 

60 Ionnus a phobull girn do thrèig, 

An Siloh chuir a làmh : 
'S am pàilliun fòs a shocruich e 
Measg dhaoine ghabhail tàimh. 

61 Gu bruid thug suas an neart, 's an glòir 

Gu làimh nan naimhde garg. 

62 Do 'n chlaidhe thug e suas a shluagh, 

Ri 'oighreachd ghabh e fearg. 

63 An teine loisg an òigridh ghleust' ; 
N Pòsadh cha d'fhuair an òigh'n. 

64» An sagairt thuit le claidhe geur : 

'S cha d'fheuch am bantraich bròn. 

65 Ghrad-mhosgail Dia an sin 5 mar neach 

Ag èiridh as a shuain : 
Mar churaidh 'n dèigh bhi pòit air fion 
Trà ni e iolach chruaidh. 

66 'Nan deireadh bhuaileadh leis gu geur 

A naimhde fèin le tàir : 
Is chuir e iad sin a mach 
Gu masladh buan is nàir\ 
q2 



184 SALM LXXIX. 

67 Seadh pàilliun Ioseiph dhiùltadh leis : 

Mar sin 's treubh Ephraim fòs : 

68 Ach thagh e Iudah, 's thug e gràdh 

Do Shion àrd gu mòr. 

69 Thog esan 'fhàrdoch naomh an sud, 

Mar lùchairt àrd ro-dheas : 
Is mar an talamh socair teann 
A dhaingnich e am feasd. 

70 Fòs 'òglach Daibhidh thagh, is thug 

O ciirò lìaii caorach e : 

71 [S leantuintl fòs nan oisge trom 

Bha torrach air an sprèidh ; 
Is thug e dha gu'm beathachadh 

Iacob a phobull naomh, 
Mar sin is gineal Israeil 

A b' oighreachd dha ro-chaomh. 

72 Rèir ionracais a chridhe fèin 

Bheathaich e iad gu beachd : 
Do rèir deadh sheòltachd fòs a làmh, 
Stiùireadh leis iad gu ceart. 

SALM LXXIX. 

1 Thainig, a Dhè, na fineachan 
A steach do d' oighreachd fèin, 
Thruaill iad do theàmpull naomh, is 
'Natòrr Ierusalem. [dh'fhàg 



SALM LXXIX. 185 

2 Is thug iad cuirp do sheirbhiseach 

Mar bhiadh do eoin nan speur : 
Is feoil do naomh mar chobhartach, 
Do bheathaichibh an t-slèibh. 

3 Mu thimchioll fòs Ierusaleim, 

Dhòirt iad am fuil mar uisg' : 
Is cha robh neach g'an adhlacadh 
'S g'an cur san uaigh an taisg. 

4 Ball-fanoid agus maslaidh sinn 

D'ar coimhearsnachaibh fèin : 
Cùis spòrs' is mhagaidh do gach neach 
Atamu'r cuairt gu lèir. 

5 Cia fhad a bhitheas corruich ort, 

A Dhè, am bi gu bràth ; 
Is d'eud am bi a' losgadh ruinn 
Mar lasair theith do ghnàth ? 

6 Dòirt mach do chorruich air na slòigh 

Aig nach ^eil eòlas ort, 
Is air na rioghachdaibh nach gairm 
Aìr d'ainm, a Dhia nam feart. 

7 Oir mhill iad Iacob, J f hàrdoch fòs 

'Na fàsach chuir iad sios. 

8 Na peacaidh f òs a rinneadh leinn 

Na cuimhnich dhuinn a rìs ; 
Tionndadh gu luath do thruacantas^ 
Ruigeadh e oirnn mu thràth : 
q3 



186 SALM LXXIX, 

Oir 's diblidh bochd a nis ar staid 
A' tuiteam slos gach là, 

9 Dean còmhnadh leinn, O Dhèarslàint 
Air sgàth glòir d'aìnme fèin ; 
Sgàth d'ainm-sa saòr sinii, àgus glan 
Ar peacaidh uainn gu lèir. 

10 Ciod uime 'n abradh fineacha, 

Ca bheil a liis an Dia ? 
Measg fhineacha ^nar sealladh fèin 
Aithnicheadh iad an Triath, 

Le dioghaltas a ghabhail diubh ; 

Oir dhòirteadh ìeo gun iochd 
Fuil neo-chiontach do sheirbhiseach, 

Gu saoibhir is gu tric. 

11 Osnaidh a 5 phriòsanaich a'à 9 làth'r 

Thigeadh, a Dhè nam feart ; 
^S an dream a dh'orduicheadh chum 
Saorsa, rèir meud do neirt. [bàis 

12 Riusan tha dhuinn 'nan coimhearsnaich 

'Nam broileach diol am beum. 
Gach masladh le'ii do spreig iad thu, 
Seachd uaire pilì riu fèin. 

13 Treud d'ionaltraìdh, 's do phobull sinn, 

Molaidh sinn thu do ghnàth ; 
Is cuiridh sinn an cèill do chliu 
O linn gu linn gu bràth. 



SALM LXXX. 187 

1 Eisd, aodhair Israeil, a stiùir 

loseph mar threud le d'làimh. 
Thusa ta d' thàmh measg Cherubim, 
Dealruich a mach mu thràth. 

2 An làthair Ephraim, 's Bheniamin, 

Agus Mhanaseh fòs, 
Dùisg-sa do chumhachd ; agus thig 
G'ar saoradh mar is nos. 

3 Pill sinn a rìs, a Dhè nam feart ì 

Tog oiriine suas gu h-àrd 
Deadh dhealradh glan do ghnùis a nis, 
Is saorar sinn le d 5 ghràs. 

4 Cia fhad, a Thighearna nan sluagh, 

A leanas corruich riut, 
Ri guidhe ghèir na muinntir sin 
A's pobull dìleas duit ? 

5 Oir bheathaich thu do shluagh gu lèir 

Le aran deur is bròin : 
Is tomhas saoibhir thug tliu dhoibli 
Do dheuraibh goirt r*an òl. 

6 Is rinn thu sinn mar aobhar strì 

D'ar coimhearsnachaibh fèin : 
'Nar n-aobhar spòrs 5 is abhacais 
D'ar n-eascairdibh gu lèir. 

7 Pill sinn a rìs, O Dhè naii slògli, 

Tog oirnne sitas gu h-àrd 



188 SALM LXXX. 

Deadh dhealradh glan do ghnùis a nis, 
Is saorar sinn le d' ghràs. 

8 Thug thu fionain as an Eiphit : 

Na Cinnich thilg thu mach, 
Is shuidhich thus' an fhionain ud 
'Nan ionad sud fa seach. 

9 Rèitich thu àite dhi ; is ghabh 

I freumh gu daingean teann, 
Le d' bheannachadh ; is lionadh le 
An tìr o cheann gu ceann. 

10 Na cnuic ro-àrda dh'fholuich i 

Le sgàiT 's le dùbhar fèin : 
A geugan bha a cinneachdain 
Mar sheudair bhreagha rèidh* 

1 1 An dara taobh gu ruig an cuan 

Chuir i a mach a meòir ; 
An taobh ud eiP a geugan shìn 
Gu ruig an amhainn mhòr. 

12 A callaid cia mar bhristeadh leat ! 

Ionnus gu bheil gach neach 
Theid seachad air an rathad mhòr, 
^Ga spionadh leò fa seach. 

13 Tha'n torc a thig o J n choilP a mach 

'Ga fàsachadh gu lèir, 
Tha beathaich allt^ na machrach f òs 
*Ga slugadh suas le chèiP. 



SALM LXXX. 189 

14 Pill, guidh'mid ort, O Dhianan sluagh, 

Is seall o nèamh a nuas, 
Feuch, agus fiosraich fein a nis 
An fhionain so le ttuas : 

15 Am fion-lios sin a phlanntaich thu, 

Le neart do làimhe deis' : 
'S am meanglan ud a neartaich thu 
Dhuit fèin le lùth is treis. 

16 Le lasair theine loisgeadh iad, 

Is ghearradh iad a nuas : 
Làn-mhilleadh agus sgriosadh iad 
Le achmhasan do ghnùis. 

17 Le fear do dheas-làimh fèin, a Dhè, 

Gu robh do làmh gu treun : 
Le mac an duin' a rinneadh leat 
A neartachadh dhuit fèin. 

18 Mar sin cha phill sinn uait a rìs , 

Ath-bheothaich sinn gach lò, 
Is gairidh sinn air d'ainm an sin 
An cian a bhios sinn beò. 

19 Pill sinn a rìs, a Dhia riam feart, 

Is foillsich fèin gu h-àrd 
Deadh dhealradh glari do ghnùis a nis, 
Is saorar sinn le à' ghràs. 



190 SALM LXXXI. 

1 Seinnibh gu h-àrd do Dliia ar neart ; 

Do Dhia lacoib gu binn, 

2 Is glacaibh Salm, is tiompan f òs ; 

Saltair is clàrsach ghrinn. 

3 An trompaid sèidibh san rè nuadh : 

Air làithibh orduicht' fèill'. 

4 Bu lagh sud aig Dia Iacoib fòs ; 

'S bu reachd do Israel. 

5 Do Ioseph dh'orduich sud mar theist, 

Air dol dha trìd na h-Eiph't ; 
'S an cualas cainnt is uirighioll 
Nach tuiginn as am beul. 

6 O'n uallach shaor mi 'ghuala-san : 

O obair chrè a làmh. 

7 Oir ghair thu ann ad thrioblaid orm 

Is shaor mi thu gun dàil : 

An ionad dìomhair tairneanaich 
Do fhreagair mi do ghlaodh : 

Aig uisge comhstri Mheribah 
Do dhearbh mi thu faraon. 

8 Eisd, O mo shluagh, is bheir mi dhuit 

Deadh-fhianuis air gach trà, 
Ma dh'èisdeas tu ri guth mo bhèil, 
O Israeil do ghnàth. 

9 Annad na biodh aon uair air bith 

Dia eile coigreach brèig', 



SALM LXXXI. 191 

Is do dhia coimheach f òs air bith 
Na crom-sa sios 's na gèill. 

10 'S mise do Dhia lehobhah treun, 

Thug thus' o'n Eiph't le neart ; 
Gu farsuing fosgail rium do bheul, 
Is lionam e gu pailt. 

11 Gidheadh cha d' thug mo phobull fèin 

Eisdeachd do ghuth mo bhèil, 
'S cha ghabhadh rium an aitim ud 
A ghin o Israel. 

12 Mar sin do mhiann an cridhe fèin 

Thug mise thairis iad ; 
'S chuir iad le'n comhairlibh neo-ghlic 
An seacharain am meud. 

13 O b'fhearr gu biodh mo phòbull fèin 

A' tabhairt gèill do m' reachd ; 
Is f òs gu gluaiseadh Israel 
A'm' shlighibh fèin gu ceart ! 

14 An naimhde smachdaichinn gu luath, 

Le buaidh 'g an leagadh sios ; 
Is phillinn air an eascairdibh 
Mo làmh, g'an cur fo chìs. 

15 Luchd-fuath an Tighearna mar sin 

Bheireadh làn-umhlachd dha ; 
Ach biodh an aimsir sud ro-bhuan 
Is maireannach gu bràth. 



192 SALM LXXXIL 

16 Is bheireadh e g'am beathachadh 

Smior cruithneachd f òs d'a shluagh : 
Do làn-dhiol bheirinn duit faraon 
Do'n mhil o'n charraig chruaidh. 

SALM LXXXIL 

1 A n coimhthional nan treun a ta 

'Na sheasamh Dia nam feart : 
Am measg nan dèe bheir esan breth 
Le cotnrom is le ceart. 

2 Cia fhad a bheir sibh breitheanas 

Gu h-eucorach 's gach cùis ; 
Toirt leth-bhreth air na daoinibh daoi, 
'Gam meas a rèir an gnùis ? 

3 Do dhaoine bochd 's do dhìlleachdain 

Deanaibhse dìon le ceart : 
Is cumaibh còir riu sud do ghnàth 
Ta cràiteach bochd gun neart. 

4 An t-ainnis lag 's an deòradh truagh, 

Sior-theasairgibh 'nam feum, 
Deanaibh làimh nan aingidh fòs 
Deadh-fhuasgladh dhoibh gu treun. 

5 Eòlas na tuisge cha'n 'eil ac', 

A' triall san dorcha taid ; 
Tha bunaite na talmhainn fòs 
Air gluasad as an àit. 



SALM LXXXIII. 193 

6 Is dèe sibh (thubhairt mi) is mic 

Do'n Ti a's àird' a t'ann : 

7 Ach tuitidh, 's gheibh sibhbàs mar dhaoin , 

'S mar aon do phrionnsaibh fann. 

3 Dhia, èirich, air an talamh dean 
Deadh bhreitheanas gu grad : 
Oir gabhaidh tu mar oighreachd dhuit 
Xa fineachan air fad. 

SALM LXXXIII. 

1 Nà bios a'd' thosd a nis, na bi 

A'd' thàmh, O Dhia ar neart, 
Na bi a'd' chòmhnuidh nis 'nar feum, 
Dhia chumhachdaieh nam feart. 

2 Oir feuch, a ta do naimhde treun 

Ri strì 's ri buaireas àrd ; 
'S an dream ud leis am fuathach thu, 
Tog suas an cirin an àird. 

3 Oir ghabh iad comhairl' innleachdach 

*N aghaidh do mhuinntir fèin, 
'Naghaidhdophobuilldhìomhairchaoimh 
Dhealbhadh leo sud droch-theum. 

4 A deir iad, thigibh leinn, g*an sgrios, 

O bhi ni 's mò 'nan sluagh ; 
A chum nach biodh air Israel 
Iomradh gu bràth no luaidh. 

R 



194 SALM LXXXIII. 

5 Oir ghabh iad comhairle le chèil' : 

A' d'aghaidh ceangal rinn. 

6 Pàilliun Edoim, 's Ismaelich, 

Moab is Hagaren. 

7 Gebal, Ainon, is Amelec : 

Palestin, \s muinntir Thior. 

8 Dhruid Asur leo : 's bu chòmhnadh iad 

Do ghineil Lot gu fior. 

9 Mar rinneadh leat air Midian, 

'S air Sisera le chèiP ; 
Air Iabin aig sruth Chisoin cas 
Dean orra sud d J a rèir : 

10 Aig Endor mar a chaidh an claoidh 

Mar aolach air an làr. 

11 Air Oreb mar rinn thu, 's air Seeb, 

Dean air an uaislibh tàir : 

Mar Sheba f òs is Salmuna, 
Am prionnsa dean gu lèir : 

12 A thubhairt, Glacamaid dhuinn fèin 

Mar oighreachd àrois Dè. 

13 Dean iad mar chiob nan lus, mo Dhia; 

Mar mholl roimh ghaoith nan gleann. 

14 Mar chlaoidheas teine coillteach chrìon, 

'S mar loisgeas lasair beann : 

15 Mar sin le d' dhoininn orra sud, 

Dean thusa tòireachd dhian j 



SALM LXXXIV. 195 

Le d'iom-ghaoith, is le d' stoirm ro-mhòir, 
Cuir orra geilt is fiamh. 

16 An eudan lion le masladh mòr, 

'S le rughadh-gruaidh gach rè, 
Gu ruig an uair an iarrar leo 
D'ainm glòrmhor fèin, a Dhè. 

17 Biodh amhluadh orra mar an ceudn' 

Is trioblaid mhòr a chaoidh : 
Is glacadh nàire mhaslach iad, 
G'am milleadh is g'an claoidh. 

18 Gu'n aithnich iad gur tus a mhàin 

D'an ainm Iehobhah treun, 
Tha d'uachdaran os ceann gach tìr' 
San domhan mhòr gu lèir. 

SALM LXXXIV 

1 Cia mòr an airidh-ghràidh do theach, 

Iehobhah mhòir nan sluagh ! 
Cia taitneach dhomhsa t'àros naomh, 
O Thighearna nam buadh ! 

2 Tha m'anam meat, aig meud a mhiann, 

Air cùirtibh Dhè gach lò : 
Mo chridh' is m'fheoil ri scairteachd 
'N geall air an Dia ta beò. [chruaidh 

3 Feuch f huair an sud an gealbhonn beag 

Tigh còmhnuidh maith ? na fheum, 
r2 



196 SALM LXXXIV. 

San gòlan-gaoithe mar an ceudn' 

Do sholair nead dhi fèin. 
Is taisgidh i an sih a h-eoin, 

'S a h-àlach beag giin chli : 
Aig d'altair fèiri, O Dhia nan sluagh, 

Mo Thighearn is mo Righ. 

4 'S beannaicht' an dream an còmhnuidh ta 

A\d\ àros naomh, a Dhè, 
Oir bheir iad (mar is cubhaidh dhoibh) 
Mòr-mholadh dhùit gach rè. 

5 'S beannaicht' ari duine sin 'gam bheil 

Annads' a neart gach là : 
An dream 'gam bheil 'nan cridhe stigh 
Do shlighe fèin do ghnàth. 

6 An dream sin trìd ghlinn Baca thèid, 

Ni tobair ann, 'nam feum : 
Is Iionaidh 'n t-uisge thig a nuas 
Na sluic gu ruig am bèil. 

7 Sior-ghluaisidh iad mar sin gun sgìos, 

A' dol o neart gu neart: 
An Sion nochdar iad fadheòidh i 
An làthair Dhia nam feart. 

8 O Dhia nan sluagh, cluinn m'urnuigh 

Dhè Iacoib, èisd gu grad. [fèin, 

9 O Dhia ar sgiath, feuch 's amhairc air 

Gnùis t'ungaidh fèin gun stad. 



SALM LXXXV. 197 

10 'S fearr là a'd' cliùirt na mìle là : 

B'f hearr leam bhi dorsaireachd 
An àros Dè, na m' chòmhnuidh fòs 
Am pàilliun aingidheachd. 

11 Oir *s grian, 's is sgiath Iehobhah Dia; 

Is e bheir gràs is glòir ; 
'S cha chum e maith air bith o'n dream 
Ghluaiseas gu dìreach còir. 

1 2 O Thighearn is a Dhia nan sluagh, 

Is beannaicht' e gun cheist, 

An duine sin, gu muinghineach, 

D'an dòchas thu am feasd. 

SALM LXXXV. 

1 J3HA thusa gràsmhor f àbharach, 

A Dhè, do d' dhùthaich fèin ; 
Bruid Iacoib thug thu air a h-ais 
A rìs le d' ghàirdean treun. 

2 Cionta do phobuill mhaith thu fèin ; 

Dh'fholuich thu 'n uile lochd. 

3 Chaisg thu do chorruich uile, 's phill 

O'n lasan a bha ort. 

4 Pill sinn a rìs, a Dhia ar slàint', 

Is tog do lasan dhinn. 

5 Am bi do chorruich ruinn gu bràth ? 

'S an sìnear d'fhearg gach linn ? 
r3 



198 SALM LXXXV. 

6 Nach deanar leatsa, Dhia nan gràs, 

A rìs ar tabhairt beò ; 
Gu deanadh annad gàirdeachas 
Do phobull fèin gach lò? 

7 Taisbein do thròcair dhuinn a nis, 

A Thighearn is a Dhè : 
Is deònuich dhuinne d'fhurtaohd fòs, 
9 S do shlàinte fèin gach rè. 

8 'Nis èisdeam ris an ni deir Dia : 

Labhraidh e sìth gu beachd 
ITa phobull naomh ; 's na pilleadh iad 
A rìs ri-h-amaideachd. 

9 G u dearbh tha 'chobhair dlùth do'n dream 

D'an eagal e gu fior ; 
Chum glòir a bhi 'na còmhnuidh fòs 
Gu bunaiteach ^nar tìr. 

10 Tha tròcair agus firinn ghlan 

Air comhlachadh a chèiP : 
Tha ceartas agus siochaint mhaith 
A 3 pògadh beul ri beul. 

11 ls fàsaidh as an talamh fòs 

Firinn a nios gu pailt : 
Is seallaidh ceart is fireantachd 
O nèamh a nuas gun airc. 

1 2 Is amhluidh bheir Iehobhah dhuirm 

Ni maith gu toirbheartach ; 



\ 



SALM LXXXVI. 199 

Is bheir ar fearann is ar fonn 
Deadh thoradh trom a mach. 

18 Sior-ghluaisidh ceart is fìreantachd 
'Na fhianuis-san gu rèidh : 
Is sinn air sligli' a cheumanna 
Gu dìreach stiùraidh e. 

SALM LXXXVI. 
1 A om rium do chluas is cluinn mi, Dhia, 

Oir tha mi ainnis truagh: 
SDeanthusa, chionngu'm buin mi dhuit, 
M'anam a dhion gu luath : 
O's tu mo Dhia, saor t'òglach fèin 
Tha 'g.earbsadh riut do ghnàth. 

3 Dean tròcair orm, a Dhia, le iochd : 

Oir gaiream ort gach là. 

4 Dean anam t 5 òglaich dhileis fèin 

Fior-aoibhinn agus ait : 
Air son gu togam riut, a Dhè, s 
M'anam gu lèir a'm' airc. 

5 Oir tha thu fèin ro-mhaith, a Dhè, 

Làn iochd is acarachd : 
Is tha thu do na ghairmeas ort, 
Pailt ann an tròcaireachd* 

6 Eisd m'urnuigh, Dhia; is thmr.feinear 

Guth gearanach mo chaoidhr 



200 SALM LXXXVI. 

7 An là mo thrioblaid gaiream ort : 

Oir freagraidh tusa mi. 

8 Am measg nan dee ni bheil, a Dhia, 

Aon neach a's cosmhuil riut ; 
No gnìomh air bith a's cosmhuil ris 
Gach gnìomh a rinneadh leat. 

9 Thig iad, gach fine rinneadh leat, 

Is sleuchdaidh dhuit, a Dhè, 
Is bheir iad glòir is moladh àrd 
Do d'ainm-sa feadh gach rè. 

10 Air son, a Dhè, gu bheil thu mòr, 

'S gu deantar oibre leat 
Tha miorbhuileach ; 's tu fèin a mhàin 
Dia cumhachdach nam feart. 

11 Do shlighe teagaisg dhomh, a Dhia, 

A' d' f hirinn gluaisidh mi : 
Chum eagal d'ainm-sa gu biodh orm 
Mo chridhe druid riut fèin. 

12 Le m' uile chridhe molam thu, 

O Thighearna mo Dhia : 
Do d'ainm ro-uasal bheiream fòs, 
Ard-ghlòir air feadh gach ial. 

13 Oir 's mòr do thròcair dhomhsa, Dhè, 

Is f òs o ifrinn shios 
Fuasgladh thug thu do m'anam bochd 
Is thog thu e a nios. 



SALM LXXXVII. 201 

14 Luchd-àrdain dh'èirich rium, a Dhè, 

Is cuideaehd làidir dhian, 
Ag iarraidh m'anm', ach thusa Dhè, 
Nior chuir iad rompa riamh. 

15 Ach tha thu, Dhè, mòr-thròcaireach, 

Ro-iochdmhor anns gach càs ; 
Chum feirge mall, ach saoibhir pailt 
Am firinn is an gràs. 

16 O pill rium, is dean tròcair orm, 

Thoir neart do d'òglach fèin, 
Do mhac do bhan-dglaich faraon 
Dean fuasgladh ann a fheum. 

17 Comhar air maithnochd dhomhsa, Dhia, 

Luchd m'fhuath gu faiceadh e, 

S gu gabhadh nàire, chionn gur tu 

Mo neart, is m'fhurtachd fèin. 

SALM LXXXVIL 

1 Tha 'bhunaite sna slèibhtibh naomh : 

2 'S ro-ionmhuineach le Dia 
Geatachan Shioin, thar gach àit 

A bha aig Iacob riamh. 

3 Nithe ro-ghlòrmhor innsear ort, 

A chaithir àluinn Dè. 

4 Rahab, is Babel cuimhnicheam, 

Do'n dream d'an aithne mi : 



202 SALM LXXXVIIL 

Gabh beachd air Tirus mar an ceudn', 

Is dùthaich Phalestin, 
Maille ri Etiopia : 

Rugadh am fear so 'n sin. 

5 Mu thimchioll Shioin theirear so, 

Am fear so rugadh fòs, 
'S am fear ud innt' ; an Ti a's àird 
Socraichidh i air chòir. 

6 Trà sgrìobhas Dia le cuimhne mhaith 

Na fineacha fa leth, 
'N sin àirmhidh e gu 'm b'ann an sud r 
Bha 'm fear so air a bhreith. 

7 Luchd-seinn nan òran bidh an sud, 

Luchd inneil-ciùil d'an rèir : 
\S ann annad fèin, a Dhia nan gràs, 
Tha m'uile thobair fèin. 

SALM LXXXVIII. 

1 Iehobhah Dhia mo Shlànuighear, 

Ort ghair mi dh'oidhch' 's a là. 

2 A' d' f hianuis thigeadh m'urnuigh f òs , 

Is èisd mo ghlaodh do ghnàth. 

3 Oir m'anam làn do thrioblaid ta : 

'S do'n uaigh mo bheatha dlùth. 
4} Seadh mheasadh mi mar neach thèid sios 
Do'n t-slochd, is mi gun lùth. 



SALM LXXXVIII. 203 

5 Saor tha mi measg nam marbh, is f òs 

Mar mharbh san uaigh gun deò, 
A sgathadh sios le d' làimh gu beachd, 
'S nach cuimhnichear ni 's mò. 

6 Chuir thu mi'n àite domhain, dorch', 

San t-slochd a's ìsle t'ann. 

7 Is chlaoidh thu mi le d' shumainnibh : 

Luidh ormsa d'fhearg gu teann. 

8 Chuir thu luchd m'eòìais fada uam : 

'S ro-sgreataidh mise leo : 
Mar neach am prìosan druidte mi, 
Nach faigh a mach ni's mò. 

9 Do bhrìgh mo thrioblaid tha mo shùil 

Ri caoidh is bròn do ghnàth. 
Mo làmhan shìn mi riut, a Dhè, 
Is ghairm mi ort gach là. 

10 Do mhiorbhuile do'n dream tha marbh, 

A Dhè an taisbein thu ? 
An eirich iad a nios a rìs, 
Gu mol iad thu le cliu ? 

11 Do thròcair is do chaoimhneas caomh 

Am foillsichear san uaigh ? 
Air d'fhirinn ann an sgrios a* bhàis 
Le neach an toirear luaidh ? 

12 Am bi maoin eòlais anns an dorch 

Air d'fheartaibh miorbhuileach 9 



204 SALM LXXXIX. 

No 'm bi an tìr na-.dìchuimhn' fios, 
No beachd air d'fhireantachd ? 

13 Ach riutsa ghlaodh mi, Omo Dhia : 

Gu moch theid m'urnuigh suas. 

14 Dhia c'uim' an tilg thu m'anam uait ? 

'S an cum thu uam do ghnùis ? 

15 O m' òige tha mi air mo chràdh, 

Ro-dhlùth do bhàs is uaigh ; 
Air dhomh bhi fulang d'uamhasan, 
Tha mi an imcheist chruaidh : 

16 Oir dh'imich tharum d'f hearg gu trom ; 

Chlaoidh d'uamhas mi do ghnàth ; 

17 Mar uisge chaidh iad timchioll orm, 

Ga m' chuàirteachadh gach là. 

18 Mo charaid chuir thu uam am fad, 

'S am fear thug dhomhsa gràdh : 
Luchd m'seòlais mar an ceudna tha 
An dorchadas 'nan tàmh. 

SALM LXXXIX. 

1 AiR tròcair Dè sior-sheinnidh mi, 

Is ni mi oirre sgeul, 
O àl gu h-àl gu maireannach 
Air d'fhirinn thig mo bheul. 

2 Oir thubhairt mi, gu togar suas 

Do thròcair mhòr do shior : 



SALM LXXXIX. 205 

Is d'fhirinn cheart sna nèamhaibh àrd 
Socruichear leat gu sior. 

3 Coimhcheangalrinneadhleam gudearbh 

Ris-san a ròghnaich mi : 
'S do Dhaibhidh tha 'na òglach dhomh 
Mhionnaich mi fèin gu fìor. 

4 Socraichidh mi gu daingean buan 

Do ghinealach '$ do shiol, 

Do chaithir rioghail togam suas 

Le h-onoir bhuain gu sior. 

5 Molaidh na neàmhan àrd gu binn 

Do mhiorbhuilean, a Dhè ; 
Is d'f hirinn aiin an coirhhthional; 
Do chloinne nàomha fèin. 

6 Oir cò sna nèamha choimhmeasar 

Ri Dia Iehobhah mòr ? 
Is cò ta measg nan èumhachdaeh 
Cosmhuil ri Dia na glòir? 

7 An coimhthional nan naomh gu beachd 

*S cùis eagail Dia gun" cheist : 
Ard-urram o gaeh neach rau'n cuairt 
Dha 's dleasanach am feasd. 

8 O Thighearna 's a Dhia nan sluagh, 

Co 'n Triath sin ann an neart 
Is cosmhuil riut ? a 9 d' f hirinn f òs 
Gad 5 chuairteachadh gu beachd? 
s 



206 SALM LXXXIX. 

9 Ard-onfha cuain is fairge mòir' 
S tu chuireas iad fo reachd : 
A sumainneadh trà dh'èireas suas, 
Caisgidh tu iad le smachd. 

10 Mar dhuine buaiite dol do'n eug, 

Mhìn-phronnadh Rahab leat: 
Do naimhde sgaoil thu as a chèiT 
Le d' ghàirdean treun 's le à' neart. 

11 Is leatsa, Dhè, na flaitheanais, 

'S an talamh tha f ; ar bonn : 
'S tu dhaingnich fòs an cruinne-cè, 
Le làn do thoradh trom. 

12 An àirde deas is tuath faraon, 

Do chruthaicheadh iad leat : 
Sliabh Thaboir agus Hermoin àrd 
A' à y ainm bidh aoibhneach ait. 

13 Tha agad gàirdean cumhachdach : 

A ta do làmh ro-threun, 
A Dhè, a ta do dheas-làmh fòs 
Arduichte mar an ceudn\ 

14 Mar àite tàimh do d' chaitliir righ 

Tha cothrom agus ceart: 
Bidh tròcair agus firinn fòs 

Dol roimh do ghnùis gu beachd. 

15 5 S beannaicht' an sluagh a thuigeas fòs 

An fhuaim tha aoibhneach ait : 



SALM LXXXIX. 207 

An solus glan do ghnùis a Dhè, 
Sior-ghluaisidh iad gu ceart. 

16 A'd' ainms' air feadh an là bidh iad 

Gu h-aoibhneach mar bu chòir : 
Is ann ad f hireantachd faraon 
Arduichear iad gu mòr. 

17 Oir mais' is glòir an spionnaidh sud 

Is tus' a mhàin, a Dhè : 
Ar n-adharc ann ad chaoimhneas caomh 
Arduichear leat gu treun. 

18 Oir 's e Iehobhah Dia nam feart, 

Ar targaid is ar sgiath ; 
'S e 'n ti ro-naomh sin Israeil 
Ar n-Ard-Righ is ar Triath. 

19 An sealladh anns an àm sin fèin, 

Labhair thu Dhè gu ceart 
Ri d' dhuine naomh ; agus mar so 

Thubhairt thu ris gu beachd ; 
Leag mise 's chuir mi cuideachadh 

Air gaisgeach treun nam buadh ; 
Is dh'àrduich mi gu mòr an neach 

A thagh mi as an t-sluagh. 

20 B'e Daibhidh neach a fhuaradh leam, 

Mo sheirbhiseach ro chaomh ; 
'S e sin an neach a rinneadh leam 
Ungadh le m'oladh naomh. 

s 2 



208 SALM LXXXIX. 

21 Is socruichear mo làmh do shior 

Gu dìleas daingean leis ; 
Is ni mo ghàirdean cumhachdach 
A neartachadh le treis. 

22 Le mac an uilc cha chlaoidhear e : 

A nàmh cha tog dheth cìs. 

23 Buailidh mi 'eascairde 'na làth'r, 

Leagaidh mi nàmh a sìos. 
24< Ach bidh mo thròcair maille ris, 
Is m'fhirinn mar an ceudn' : 
Is 'adharc-san aW ainm-sa fòs 
Bidh àrdaicbte gu treun. 

25 A neart-san theid gu ruig an cuan, 

'S gu sruthan buaidh theid leis. 

26 Carraig mo shlàinte, (their e rium,) 

M J athair, mo Dhia, 's mo threis. 

27 Mo cheud-ghin deanam dheth faraon: 

Arduichte thar gach righ. 

28 Mo chùmhnant seasaidh daingean leis : 

Dha coimhdeam gràs do shior. 

29 Is bheir mi air a shliochd gu mair 

Iad feadh gach linn gu bràth : 
■'S a chaithir rioghail uasal àrd 
Mar làithe nèimh do ghnàth. 

30 Ma J s e -'s gu trèig a chlann mo lagh, 

*S nach gluais iad ann am reachd ; 



SALM LXXXIX. 209 

31 Gu truaill iad m'àitheanta ro-naomh, 

M'iarrtus nach cum gu ceart : 

32 Fiosraichidh mi an sin gu beachd, 

Le slait, an eucoir chlaon ; 
Am peacaidh fiosraicheam 's an lochd, 
Le sgiùrsa goirt faraon. 

33 Gidheadh, guturmochaoimhneasgràidh 

Cha bhuin mi uaith gun cheist : 
Cha'n f huiling mi gu breugaichear 
Mo ghealladh fior am feasd. 

34 Mo choimhcheangal cha bhristear leam, 

No'n cunradh rinn mi ris, 
'S am focal a chaidh as mo bheul, 
Am feasd cha chaochail mis\ 

35 Oir aon uair mhionnaich mi mar so, 

'S ann air mo naomhachd fèin, 
Do Dhaibhidh tha 'na òglach dhomh, 
*S am feasd cha dean mi breug. 

36 Bithidh a shliochd 's a ghinealach 

Sior-mhaireannach gach ial, 
'S a chaithir rioghail bithidh i 
A'm' fhianuis mar a' ghrian. 

37 Is bithidh mar a' ghealach ghlan 

Gu daingean buan do shior : 
'S mar fhianuis anns na nèamhaibh àrd 
Bhios tairis agus fior." 
s 3 



210 SALM LXXXIX. 

38 Ach thilg thu uait is thrèig gu tur, 

Is ghabh thu gràin a nis ; 
\S an ti dh' ung thu le d'oladh naomh, 
Tha thu an corruìch ris. 

39 Coimhcheangal d*òglaich dhìleis fèin 

Sgaoil thusa, Dhè, le tàir ; 
'S a choron uasal thruailleadh leat, 
'G a thilgeadh air an làr. 

40 A ghàradh dìdein bhristeadh leat; 

'S a dhaingneach làidir leag. 

41 Mar chobhartach e do luchd-ròid ; 

D'a choimhearsnaich mar sgeig. 

42 Làmh dheas a nàmhaìd thog thu suas: 

Uil* eascaird' rinn thu ait. 

43 Is phill thu faobhar 'arm, sa' chath 

Clia d'thug thu dhasan neart. 

44 Chaisg thu a.ghlòir ; 's a chaithir righ 

Leag thusa sios gu-làr. 

45 Is aimsir 'òige ghearradh leat : 

Dh'fholiiich thu e le nàir'. 

46 Cia fhad a dh'fholuicheas tu, Dhè, 

Tliu fèin a chaoidh nan cian ? 
An loisg do chorruich f òs gu cas 
Mar theine lasrach dian ? 

47 Tabhair fainear is cuimhnich fèin 

Giorrad mo rè 's mo lò : 



SALM XC. 211 

C'arson a rinn thu clann nan daoin' 
Mar dhiomhanas no ceò ? 

48 Cò e am fear am measg nam beò, 

Am bàs nach faicear leis ? 
No 'anam fèin t) làimh na h-uaigh 
An teasairg e le treis? 

49 Ca bheil do chaoimhneas gràidh, a Dhè 

A thaisbein thu o thùs, 
A mhionnaich thu air d'fhìrinn cheirt 
Do Dhaibhidh chumail suas ? 

50 Cuimhnich, a Thighearn, toibheum trom 

Do sheirbhiseach gu lèir : 
Is mar a ghiùlain mis' a'm' uchd 
Masladh a' phobùill thrèin. 

51 Le'n d'thug donaimhde masladh uath' 

Gun chùis, a Dhia nam feart, 
Oir mhasluich iadsan ceumanna 
An ti do ungadh leat. 

52 Mòr-bheannaicht' agus cliùiteach fòs 

Gu robh iehobhah treun, 
Gu siorruidh suthain fad gach rè, 
Amen, agus Amen. 

SALM XC. 

- 

1 M tu b'ionad còmhnuidh dhuinn gach 
O Thigheàrna na glòir ; [linn 



212 SALM XC. 

2 Cian mu'n do ghineadh fòs na cnuic 

'S na slèibhte beag no mòr. 
Cian mu'n do dhealbh thu'n talamh 

No'n cruinne-cè le d' neart ; [trom, 
O bhith-bhuantachdgu bith-bhuantachd 

Is tusa Dia gu beachd. 

3 Gu neo-ni pillear leatsa rìs 

An duine truagh g'a sgrios ; 
A deir thu fòs, O chlann nan daoin' 
Grad-phillibh air 'ur n-ais. 

4 Oir mìle bliadhn , a'd' shealladh fèin 

Mar an là 'n dè a ta, 
'N trà theid e seach : is amhluidh f òs 
Mar fhorair' oidhch' a'd' làth'r. 

5 Dh'f huadaich thu sios iad mar le sruth, 

Mar chodal iad no suain : 
Sa' mhaduinn bidh iad mar am feur 
Gu moch a dh'èireas suas. 

6 Air maduinn bristidh roimhe blàth, 

Is fàsaidh e gu h-àrd : 
Ri àm an f heasgair gearrar e, 
Is seargaidh air an làr. 

7 Oir chaitheadh sinnled' chorruichghèir 

Chlaoidh d'fhearg-sa sinn gu tur. 

8 Ar peacaidh dhìomhair, is ar lochd 

An sealladh d'eudain chuir. 



SALM XC. 213 

9 Oir ann ad f heirg ar n-uile làitli' 
Tha teireachdainn fa seach : 
Is caithear leinn ar bliadhnaidh fòs, 
Mar sgeul a dh'innseadh neach. 

10 'S iadlàith'arbliadhraudh maran ceudn' 

Tri fichead bliadhna 's deich, 
No, feudaidh bith, ile tuille neart 

Ceith'r fichead bliadhn' do neach, 
Gidheadh cha 'n'eil 'nan spionnadh sud 

Ach cràdh is cùradh geur : 
Oir sgathar sios gu h-ealamh e, 

Is siùbhlaidh sinn gu lèir. 

1 1 Cò aig am bheil deadh-thuigs' is fios 

Air-neart do chorruich fèin ? 

Is amhluidh fòs mar d'eagal mòr, 

Tha lasair d'f heirg d'a rèir. 

12 O teagaisg dhuinn* a Dhè nam feart, 

Mar àirmhear leinn ar làith', 
A chum ar cridh' a< shocruchadh 
Air gliocas ceart gach trà. 

13 O Thighearna Iehobhah mhòir, 

Pill fèin a rìs ; cia f had' ? 
Mu thimchioll ^taid do sheirbhiseach 
Gabh aithreachas gu grad. 

14 O dean ar sàsuchadh gu moch 

Le d' thròcair chaoimh, a Dhè, 



214 SALM XCI. 

A chum gu'm biodhmaid aoibhneach 
Ri fad ar là 's ar rè. [ait, 

15 Dean subhach sinn a rèir nan là 

A chràidh thu sinn gu goirt : 
Do rèir nam bliadhna ud faraon 
Am faca sinn an t-olc. 

16 Taisbein do d' sheirbhisich do ghniomh, 

Faiceadh an clann do ghlòir. 

17 Is bitheadh mais' ar Tighearn Dia 

A' dealradh oirnn gu mòr 

Na gnìomhara a rinn ar làmh 
Socruich iad dhuinn, a Dhè ; 

Na gnìomhara a rinneadh leinn 
Dean daingean iad gu lèir. 

SALM XCI. 

1 An neach sin tha 'na thàmh gach uair 

An ionad uaigneach Dhè, 
Fo sgàiP an Uile-chumhachdaich 
Buan-chòmhnuidh ni gach rè. 

2 Deiream-sa nis mu thimchioll Dhè, 

Mo thearmunn e, ^s mo neart ; 
Mo dhaingneach : cuiream dòchas ann 
Mo Dhia, 5 s e Dia nam feart. 

3 Gu dearbh rib an eunadair 

Is e ni fuasgladh ort, 



SALM XCI. 215 

9 S e ni do shaoradh mar an ceudn' 
O'n phlàigh tha gràineil goirt. 

4 Le 'iteach ni e d'fholach fòs, 

Bidh d'earbsa fuidh a sgè' ; 
Is 'fhirinn bidh 'na targaid dhuit, 
Mar sgè' do d' dhion gach rè. 

5 Cha bhi ort ogluidheachd fa chùis 

An uamhais anns an oidhch' ; 
No f òs fa chùis na saighde bhios 
A' ruidh air feadh an laoi : 

6 Cha bhi maoin eagail ort do'n phlàigh 

Tha triall an dorchadas : 
No f òs fa chùis an uilc a bhios 
Mu mheadhon là ri sgrios. 

7 Bidh mìle tuiteam sios ri d' thaobh, 

Deich mìle fòs ri d' dheis ; 
Ach olc dhiubh sud cha tig a'd' chòir 
No 'm fagus duit am feasd. 

8 A mhàin le d' shùilibh seallaidh tu, 

Is bheir fainear le beachd : 

Droch-dhiol is tuarasdal nan daoi 

Gun cheist do chithear leat. 

9 A chionn gu d' ròghnaich thusa Dia, 

Mar chòmhnuidh dhuit gach àm, 
An Dia ud tha 'na thearmunn domh, 
'S e 'ii Ti a's àirde t'ann : 



216 SALM XCL 

10 Aon olc cha'n èirich dhuit ; is plàigh 

Do d'fhàrdaich cba tig dlùth. 

11 Oir àithne bheir d'a ainglibh, chum 

A'd' ròd gu dion iad thu. 

12 Is togaidh iadsan thusa suas 

Gu h-àrd air bhàrr am bos ; 
Eagal gu buailteaclh leat air idoich 
Aon uair air bith Ha chos. 

13 Air leòmhan is air paithir nimji 

Gun dorahiii §altr A ar leat : 
Pronnaidh tu ^n^ragpn sios ìe d' chòis, 
'S an leòmhan òg le d' neart. 

14 A chionn gur ìonmhùinli leis-san mi, 

Sàr-f huasgrladh bheir mi dha ; 
Air m'ainm a chiojnn gur eòlach è, 
Ardaich^am e gach jà. 

15 Gairidh e orm, is freagram e : 

'Na thrioblaid bitheam leis, 
Onoir is urram bheir mi dha, 
Is fuasglam air gu deas. 

16 Le saoghaPfad is maireahnach 

Sàsuicheam e gu leòir: 
Mo shlàintè dha-san mar an ceudn' 
Foillsichidh mi gu mòr. 



SALM XCII. 217 

i Bhi tabhairt buidheachais do Dhia 

9 S ni sàr-mhaith maiseach e ; 

Bhi tabhairt cliu, O Thi a's àird', 

Do d'ainm-sa feadh gach rè: 

2 Do chaoimhneas anns a' mhaduinn 

Bhi tric a' cur an cèill ; [mhoich, 
9 S air d'fhirinn tha neo-mhearachdach, 
Gach oidhch' bhi deanamh sgèil. 

3 Air inneal ciùil nan teuda deich, 

Is air an t-saltair ghrinn ; 
9 S air clàrsaich le guth fonnmhor àrd 
A sheinneas ceòl gu binn. 

4 Oir trìd do ghnìomharas , , a Dhè, 

Rinn thu mi aoibhinn ait ; 
Is ann an oibribh fòs do làmh 
Nim' gàirdeachas gu pailt. 

5 D'oibre-sa, Dhè, cia iongantach ! 

Do smuainte cò d'an lèir ? 

6 An t-amadan cha tuig e so, 

9 S cha'n eòl do'n amhlair e. 

7 Trà chinneas luchd na h-aingidheachd 

A nios mar chinneas feur, 
Trà bhitheas fòs luchd deanamh uilc 
A 9 fàs fo bhlàth gu lèir. 

9 S e sud is deireadh dhoibh fadheòidh 
Gu sgriosar iad am feasd. 
T 



218 SALM XCII. 

8 Ach thusa, Dhè, gu siorruidh ta 

Ard-urramach gun cheist. 

9 Oir feuch, do naimhde fèin, a Dhè, 

Oir feuch, do naimhde fèin, 
Làn-sgriosar iad : iom-sgaoilear f òs 
Luch-aingidheachd gu lèir. 

10 Ach m'adhare togaidh tusa suas 

Mar adharc buabhuill àird : 
Le h-oladh ghloin neo-thruaillidh ùir 
Ungar mi rìs le d' ghràs. 

1 1 Mo mhiann chi mi air m'eascairdibh, 

Is cluinnidh fòs mo chluas 
A toil air luchd na h-aingidheachd, 
A'm' aghaidh dh'èirich suas. 

12 Bidh piseach air an fhirean chòir 

Mar phailm-chrann ùrar glas : 
Mar Sheudar àrd air Lebanon 
A' f às gu dìreach bras. 

13 An dream tha air an suidheachadh 

An tigh 9 s an àros Dè, 
An cùirtibh greadhnach àrd ar Dia 
Sior-fhàsaidh iad gach rè. 

14 San àm am bi iad aosmhor liath 

Bheir iad mòr-mheas a mach ; 
Is bithidh iad sultmhor le deadh-bhlàth 
Dhiubh sud gach uile neach. 



SALM XCIIL 219 

15 A chum gu feuch iad gu bheil Dia 
Ro-chothromach is ceart : 
Mo charraig e, 's cha 'n'eil ann fèin 
Aon eucoir no droch-bheart. 

SALM XCIIL 

1 Is Righ Dia, air a sgeudachadh 

Le mòralachd gach àm ; 
Ta air a sgeudachadh le neart, 

Is criosluichte gu teann. 
Shocruicheadh leis an cruinne-cè, 

Nach gluaisear e a chaoidh. 

2 Do chaithir daingean ta o chian, 

5 S tu fèin gun tùs gun chrioch. 

3 Na tuiltean thog a suas a Dhè, 

Na tuiltean thog an guth ; 
Seadh thog na tuilte suas gu h-àrd 
An tonna mòr gu tiugh. 

4 Is treise Dia ta chòmhnuidh shuas 

Na fuaim nan uisge garbh ; 
Is treise Dia na sumainneadh, 
Is tonna cuain gu dearbh. 

5 A ta do theisteis is do reachd 

Ro-dhaingean agus fior : 
Tha naomhachd iomchuidh air do theach, 
A Dhè nam feart, gu sior. 
t 2 



220 SALM XCIV. 

1 O Dhia d'am buin ceart-dhioghàltas : 

Iehobhah neartmhoir thrèin, 
D'am bùin a mhàin ceart-dhioghaltas, 
Gu dealrach nochd thu fèin. 

2 O bhreitheimh cheirt na talmhainn, 

Thu fèin a thogail suas : [dean 

Is ioc do luchd an uaibhreachais 
Ceart-luigheachd agus duais. 

3 Cia fhad a ni luchd aingidheaehd, 

Cia fhad, a Dhia, a ni 
Luchd aingidheachd ùr-ghairdeachas 
Le aoibhneas mòr gun dith ? 

4 Cia fhad a bhruchdar briathra leò, 

A* teachd air nithibh cruaidh ? 
J S a bhitheas luchd na h-aingidheachd, 
Ri raiteachas is uaill ? 

5 Bhrist iad do shluagh gu mìn, a Dhè, 

Is d'oighreachd chlaoidh gu goirt. 

6 Bantracha, coigrich, 5 s dìlleachdain, 

'Gam marbhadh, is 'gam mort. 

7 Deir iad gidheadh, cha lèir do Dhia, 

Is fòs ni mò a ni 
Dia Iacoib sud a thoirt fainear, 
'S cha chuir am feasd am prìs. 

8 O dhaoine bruideil measg an t-sluaigh, 

Nis tuigibh agaibh fèin, 



SALM XCIV. 221 

Is amadain, cia fhad a bhios 
Sibh gabhail thugaibh cèill ? 
9 An neach a chuir air faillein cluas, 
Am bi gun chlaisteachd ghèir ? 

An Ti a dhealbh an t-sùil faraon, 
Nach ann da fein is lèir ? 

10 'N ti smachdaicheas na fineachan, 

An e nach cronuich e? 
An ti bheir eòlas do gach neach, 
An neach gun eòlas e ? 

1 1 Air smuaintibh dhaoin' is fiosrach Dia, 

Gur diomhain iad gu beachd. 

12 Dhia 's beannaicht' iad d'an toir thu 

Is teagasg as do reachd. [smachd, 

13 Chum fois gu d'thugadh tusa dhoibh 

O làithibh àmhghair olc, 
Gu ruig an uair an cladhaichear 
Do dhaoine daoi an sloclid. 

14 Oir Dia cha tilg e dheth am feasd 

An sluagh d'an d'thug e spèis : 
'S ni mò na sin a thrèigear leis 
An oighreachd a's leis fèin. 

15 Ach pillidh breitheanas a rìs 

Ri fireantachd air ais : 
Is luchd a chridhe threibh-dhirich 
Leanaidh 'nan dèigh gu cas. 
t 3 



222 SALM XCIV 

16 An aghaidh fòs luchd deanamh uilc 
Cò dh'èireas leam an àird ? 
An aghaidh luchd na h-aingidheachd 
Cò sheasas air mo phàirt ? 

17Murbitheadh Dia Iehòbhah leam 
Ga m' chuideachadh le buaidh, 
'S beag nach robh ni'ànam bochd an 
Gu tosdach anns àn uaigh. [tàmh 

18 Trà thubhairt mi, a ta rao ehòs 

Air sleamhnachadh uam sios : 
Do thròcair chaomh-sa 'n sin, a Dhè, 
Chum suas mi, agus dhion. 

19 Air bhith do m' smuainte muladach 

Is lìonmhor ann am chom, 
Do chomhfhurtachd-sa thug an sin 
Sòlas do m'anam trom. 

20 Càirdeas no cotaunn riutsa, Dhè, 

Am bi aig luchd an uilc, 
Tha dealbh gu seòlta aimhleis mhòir 
'S 'ga orduchadh le reachd ? 

21 An aghaidh anm' an fhirein chòir 

Chruinnicheadh leò gu dlùth ; 
A dh'fhàgail ris fuil neo-chiontaich 
Le breitheanas nach fìù. 

22 Ach Diamo dhaingneach 'se: mo Dhia, 

Mo charraig-dhion gach lò. 



SALM XCV. 223 

23 5 S e dhiolas orra sud air ais 
Gach eucoir rinneadh leo. 

An sgathadh sios do nithear leis 
Gu ceart 'nan aing'eachd fèin ; 

Is ni Iehobhah mòr àr Dià, 
An sgathadh sios gu treun. 

SALM XCV. 

1 O Thigibh, seinneamaid do Dhia: 

Thigeadh gach neach 'na làth'r ; 
Do charraig thrèin ar slàinte f òs 
Togamaid iolach àrd* 

2 A steach 'na fhianuis thigeamaid 

Le buidheachas gach là : 

Togamaid ceòl gu suilbhireach 

A' seinn le salmaibh dha. 

3 Is Dia ro-mhòr Iehobhah treun ; 

Righ mòr os ceann gach dia. 
^Doimhneachdnatalmhainntha'nalàimh; 

'S leis neart nan cnoc 's nan sliabh. 
5'Se rinn an cuan tha farsaing mòr, 

Tha còir aig air is sealbh ; 
'S an talamh tioram le a làimh 

'S e chruthaich is a dhealbh. 

6 O thigibh agus sleuchdamaid, 
Is deanar cromadh leinn ; 



224 SALM XCVL 

Is air ar glùinibh tuiteamaid 
Do 'n Dia a chruthaich sinn. 

7 Oir 's e ar Dia, is sinn a shluagh 

A bheathaich e mar threud. 
Caoraich a làimh : ma dh' èisdear leibh 
An diugh a ghuth gun bhreug, 

8 Na cruaidhichear 'ur chridhe leibh 

Mar anns a' chomh-stri dhian, 
Mar rinneadh leibh san f hàsach chr uaidh, 
Ga m' bhuaireadh lè bhur miann. 

9 Trà dh'fhionn 's a dhearbh 'ur sinnsir 

'S mo ghnìomh trà chunnaic iad.[mi, 

10 An t-àl ud rè dà fhichead bliadhn' 

Chuir campar orm is eud : 

Thubhairt mi, 'S pobull iad 'gam bheil 
Droch chridhe seachranach : 

Is air mo shlighibh nach do ghabh 
Riamh eòlas firinneach. 

11 D'an d'thug mi fèinmo mhionnan mòr 

AW fheirg 's a'm' chorruich ghèir, 
Nach rachadh iad a chaoidh a steach 
Do m'ionad-còmhnuidh fèin. 

SALM XCVI. 

1 Canaibh do'n Tighearn òran nuadh, 
Gach aon tìr, canaibh dha. 



SALM XCVl. 225 

2 Seinnibh do Dhia : ainm beannaichibh, 

Nochdaibh a shlàint' gach là. 

3 Am measg nam fineach aineolach 

Sior thaisbeinibh a ghlòir : 
A measg nam poibleach innisibh 
A mhiorbhuile ro-mhòr. 

4 Oir 's mòr Iehobhah Dia nam feart, 

'S ion-mholta feadh gach rè : 
Is aobhar eagail e faraon 
Os ceann nan uile dhèe, 

5 Oir uile dhèe nam fineachan 

Is iodhoil iad gu lèir : 
Ach 's e Iehobhah Cruthaifhear 
Nam flaitheas is nan speur. 

6 Ard-onoir agus mòralachd 

'Na fhianuis-san a ta : 
Treun-spionnadh agus maisealachd 
'Na theampull naomh do ghnàth. 

7 O f hineacha nam poibleach mòr : 

Thugaibh do Dhia nam feart. 
Thugaibh do'n Tighearna faraon 
Glòir, urram, agus neart. 

8 A 5 ghlòir a's cubhaidh fòs d'a ainm, 

Do'n Tighearn thugaibh uaibh : 
Thigibh g'a chùirtibh naomh a steach, 
Is thugaibh ofrail leibh. 



226 SALM XCVL 

9 Do Dhia Iehobbah sleuchdaibh sios 
Am mais' a naomhachd fèin : 
Biodh eagal oirbh, gach uile thìr, 
'Na fhianuis-san gu lèir. 

10 Abraibh measg fhineach, gu bheil Dia 

Riaghladh mar Righ gu beachd : 
Buan-dhaingnichear an domhan leis : 
Air daoinibh bheir breith cheart. 

1 1 Biodh aoibhneas air na nèamhaibh àrd, 

Is biodh an talamh ait : 
Beucadh an cuan gu farumach, 
'S gach làn a t' ann gu pailt. 

12 Biodh aoibhneas air a' mhachair fòs, 

Is air gach ni a t'ann : 
An sin bidh aiteas air gach coilP, 
Is air gach craoibh is crann. 

1 3 An làthair Dhè ; oir tha e teachd 

Oir tha e teachd gu breth ; 

Air talamh chum gu deanta leis 

Ceart-bhreitheanas fa leth : 

Le ceartas maith bheir e a mach 
Breth air a' chruinne-chè, 

Bheir air a' phobull breitheanas 
Le fìrinn fhior-ghlain rèidh. 



SALM XCVII. 227 

1 Iehobhah mòr 's e tha 'na Righ, 

Biodh aiteas air gach tìr : 
'S air eileanaibh tha lionmhor ann 
Biodh gàirdeachas gu lèir. 

2 Tha neula tiugh is dorchadas 

M'a thimchioll air gach leth : 
'S e 's còmhnuidh fòs d'a chaithir righ 
Deadh chothrom is ceart-bhreth. 

3 Tha teine millteach roimh a ghnùis 

Ag imeachd air gach àird, 
Le'n loisgear suas gu lasarach 
A naimhdean anns gach àit. 

4 Le solus glan a dhealanaich 

Dhealruich an cruinne-cè : 
Chunnaic an talamh sud gu dearbh, 
Ghrad-chlisg is chriothnuich e. 

5 Na cnuic, an làthair Dhia nan dùl, 

Leagh as air fad mar chèir : 
Roimh ghnùis Ard-Righ an domhain 
Leagh iadsan as gu lèir. [mhòir 

6 Na neamha cuiridh ^n cèill a cheart ; 

Is chi gach sluagh a ghlòir. 

7 Do dhealbhaibh snaighte meud ^s a chrom 

Gu robh dhoibh amhluadh mòr, 

Tha deanamh uaill is ràiteachais 
A iodholaibh nach fiù j 



228 SALM XCVIII. 

Gach uile dhèe a ta sibh ann, 
Sleuchdaibh do Dhia nan dùl. 

8 Rinn Sion aoibhneas nach bu ghann, 

Aiì uair a chual i 'n sgeul, 
Rinn nighean Iudah gàirdeachas 
Mu d' bhreitheanais, a Dhè. 

9 Oir tha thu, Dhia lehobhah, àrd 

Os ceann gach uile thìr : 
Tha thu air d'àrduchadh gu mòr, 
Os ceann gach dia gu lèir. 

10 Sibhse le'n ionmhuinn Dia ro-naomh, 

Fuathaichibh olc a chaoidh ; 
Anam a naomh sior-ghleidhidh e ; 
Saoraidh o làimh nan daoi. 

1 1 Cuirear mar phòr gu frasach pailt 

Solus do'n f hireanach ; 
Is aoibhneas fòs dhoibh sin a ta 
'Nan cridhe treibh-dhireach. 

12 Biodh aiteas oirbh an Dia na glòir', 

O f hireana gu lèir : 
Is thugaibh buidheachas do Dhia, 
Ri cuimhn , a naomhachd fèin. 

SALM XCVIII. 

1 O Seinnibh òran nuadh do Dhia, 
Rinn bearta miorbhuileach : 



SALM XCVIII. 229 

'$ i 'dheas-làmh fèin 's a ghàirdean naomh 
Thug dhasan buaidh a mach. 

2 Feuch, thaisbein Dia gu follaiseach 

Fhurtachd 's a shlàinte mhòr : 
Am fianuis chinneach leig e ris 
Fhireantachd fèin gu leor. 

3 Chuimhnich e 'fhirinn is a ghràs 

Do theaghlach Israeil ; 
Is slàint' ar Dia-ne chunnaic fòs 
Gach iomall tìr' gu lèir. 

4 Do Dhia Iehobhah togaibh suas 

Ard-iolach ait, gach tìr : 
Togaibh 'ur guth : bibh subhach fòs, 
Is seinnibh moladh fior. 

5 Do Dhia Iehobhah mòr nam feart 

Seinnibh air clàrsaich ghrinn : 
Le clàrsaich (deirim) seinnibh dha, 
Le guth na sailm gu binn. 

6 Le fuaim an tormain seinnibh dha, 

'S le guth na trompaid àird : 
Do Dhia an t-Ard-Righ seinnibh fòs, 
Le iolach ait 's gach àit. 

7 Beucadh an f hairge mhòr gu borb, 

*S an làn tha innt' le chèil , ; 
An domhan, is gach dùil a ta 
An còmhnuidh ann gu lèir. 



230 SALM XCIX. 

8 Buaileadh na tuilte mòr am bos' ; 

Na slèibhte bitheadh ait ; 

9 An làthair Dhè, oir tha e teachd 

Air talamh thabhairt ceirt : 

Le ceartas maith bheir e a mach 
Breth air a' chruinne-chè ; 

Bheir air a' phobull breitheanas 
Le cothrom fior-ghlan rèidh, 

XCIX. 

1 Tha. Dia 'na Righ, is criothnaicheadh 

Gach uile shluagh air bith : 
'S e shuidheas eadar Cherubim, 
Biodh air an talamh crith. 

2 An Sion tha Iehobhah mòr, 

Is àrd os ceann gach sluaigh. 

3 D*ainm mòr ro-uathmhor molar leo, 

Oir tha e naomh r 5 a luaidh. 

4 Is toigh le neart an Righ ceart-bhreth 

'S tu shocruicheas a' cheart : 
An lacob breitheanas is còir 

Cuiridh tu 'n gniomh gu beachd. 

5 Ar Dia Iehobhah àrdaichibh ; 

Is sleuchdaibh dha gu caomh, 
Aig stòl a chos gu h-urramach ; 
Oir tha e fèin ro-naomh. 






SALM C. 231 

6 Am measg a shagart Aaron 9 s Maois, 

Bha Samuel anns an dream 
A ghair air ainm : dh'iarr iadsan Dia, 
Fhreagair e iad san àm. 

7 Am baideal neoil gu gràsmhor caoin 

Labhair an Tighearn riu : 
Na h-àitheantan a thug e dhoibh, 
9 S a reachdan ghleidheadh leo. 

8 Iehobhah Dia, thug freagradh dhoibh, 

9 S tu 'n Dia a mhaith an lochd, 
Ge d' rinn thu orra dioghaltas 
Air son an innleachd olc. 

9 Ar Dia Iehobhah àrdaichibh, 

Is sleuchdaibh dha do ghnàth, 

9 S ann aig a thulaich naomha fèin ; 

Oir 's naomh ar Dia gu bràth. 

SALM C. 

1 Togadh gach tìr àrd-iolach glaoidh, 

Do Dhia Iehobhah mòr. 

2 Thigibh, is deanaibh seirbhis ait, 

'Na làthair-san le ceòl. 

3 Biodh agaibh fios gur esan Dia, 

9 S e rinn sinn, 's cha sinn fèin ; 
A phobull sinn, 's a chaoraich fòs 
Dh' ionaltradh leis gu lèir. 
u 2 



232 SALM CI. 

4 Thigibh a nis le buidheachas 

'Na gheataibh-san a steaeh, 
Is thigibh fòs le moladh mòr 

An cùirtibh naomh a theach : 
Is thugaibh dha mòr-bhuidheachas, 

Ainm beannaichibh gu binn. 

5 Oir Dia ta maith, tha 'thròcair buan, 

Is 'fhirinn feadh gach linn. 

SALM CL 

1 Breth cheart is tròcair canar leam ; 

Dhè, seinneam dhuit le ceòl ; 
- 2 Is iomchaiream mi fèin gu glic 
Air slighe fhoirfe chòir. 
O c'uin do m'ionnsuidh a thig thu, 

A Thighearna nam feart ? 
A steach a'm' fhàrdaich gluaisidh mi 
Le cridhe fior-ghlan ceart. 

3 Fa chomhair fòs mo shùile fèin 
Ni 'n cuiream olc am feasd : 
Obair luchd-ceannairo 's fuathach leam, 

'S cha lean i rium gun cheist. 
4 An cridhe iargalt ain-meineach 

Uam triallaidh e an cèin : 
Eòlas no furan air an daoi 
A chaoidh cha chuir mi fèin. 



SALM CIL 233 

5 An ti bheir beum d'a choimhearsnach, 

Lom-sgriosam e as àit ; 
An cridhe borb cha 'n fhuiling mi, 
No neach a sheallas àrd. 
C Bidh m' air' air fìreana na tìr', 
Gu gabh iad còmhnuidh leam : 
An ti bhios foirfe glan 'na bheus, 
'S e 5 s òglach dhomh gach àm. 

7 Fear deanamh ceilg is mealltaireachd, 

A'm 5 theach-sa cha 'n fhaigh tàmh $ 
A'm' làthair, neach a labhras breug 
Cha 'n f huirich iomadh là : 

8 Lom-sgriosaidh mise fòs gu moch 

Gach droch-dhuin , as an tìr, 
Chum luchd an uilc a sgathadh as 
O chaithir Dhè gu lèir. 

SALM CIL 

lRim' urnuigh èisd, Iehobhah Righ j 

Is ruigeadh ort mo ghlaodh. 
.2 Na foluich uam do ghnùis san là 
Thig trioblaid orm gach taobh. 
San là an gairm mi ort gu geur, 
Crom thugam fèin do chluas : 
Is freagair mi gu deifireach. 
Ag furtachd air mo chruas. 
u3 



234 SALM Cll. 

3 Do bhrìgh gu bheil mo làith' mar cheò 

Ag teireachdainn do ghnàth : 
Mar lic an teinntein 's amhluidh sin 
Mo chnàmhan loisgte ta. 

4 Trom-bhuailte tha mo chridhe bochd, 

Is' shearg e mar am feur ; 
Ionnus gun dhearmad mi gu beachd 
Greim arain chur aW bheul, 

5 Le guth mo chaoidh, mo chnàmhan lean 

Ri m' chraicionn fèin gu teann : 

6 Mar phelican san f hàsach mi, 

'S mar chaillich-oidhch > nam beann. 

7 Ri faire taim gu furachair, 

Is cosmhuil mi do ghnàth 
Ri gealbhonn beag ^na aonar fòs 
Air mullach tigh' a ta. 

8 Ri fad an là mo naimhde garg 

Ga m' mhasluchadh gu geur ; 
5 S an dream a ta air bhoile rium 
A'm' aghaidh mhionnaich iad. 

9 Le m' dheuraibh choimh-mheasg mi mo 

Mar aran dh'ith mi luath, [dheoch*; 

10 Tre lasan d , fheirg > ; oir thog thu mi 

Is leag thu rìs gu truagh. 

1 1 Mar sgàile chlaon mo làithean sios ; 

Is shearg mi fèin mar fheur. 



SALM CII. 235 

12 Ach mairidh tus\ am feasd, a Dhè, 

\S do chuimhne fèin gu sior. 

13 Nis èiridh tu a dheanamh gràis 

Air Sion naomh gu dlùth : 
Oir àm a cobhair tha air teachd, ^ 
'Se 'n t-àm a dh'orduich thu. 

14 Oir d'òglaich tha a' gabhail tlachd 

D'a clachaibh sud gach uair* 
Tha deadh thoil aig do sheirbhisich 
D'a luaithre is d'a h-ùir. 

15 Mar sin bidh air na fineachaibh 

Eagal roimh ainm an Triath : 
Is air gach righ air thalamh ta 
Bidh roimh do ghlòir-sa fiamh. 

16 Trà thogar Sion suas le Dia, 

Taisbeanar e 'na ghlòir. 

17 Urnuigh nam bochd bheir e fainear, 

'S cha diùlt e iad le tàir* 

18 Do 'n àl a ta ri teachd 'nar dèigh, 

Sud sgriobhar dhoibh gu beachd : 
'S an dream a ghinear so suas, 
Molaidh iad Dia nam feart. 

19 Oir dh'amhairc e a nuas gu beachd 

O àird' a naomhachd fèin ; 

Is air an talamh dh'amhairc Dia, 

A nuas nèamh nan speur. 



236 SALM CII. 

20 À chluinntinn osnaidh ghearanaich 
A' phriosanaich tha 'n sàs ; 
Chum fuasgladh air a' mhuinntir sin 
A dh'orduicheadh chum bàis. 

' 21 An Sion chum a chur an cèill 
Ainm uasal àrd ar Dia. 
5 S a dh'innseadh an Ierusalem 
Moladh is cliù an Triath. 

22 An t-àm a bhios na fineacha 

Air cruinneachadh le chèiP ; 
'S gu seirbhis Dè trà thionailear 
Na rioghachda gu lèir. 

23 Air feadh na slighe is an ròid 

Mo threòir do lagadh leis : 
Mo làithe chuir an giorrad fòs* 

24 'S mar so do labhair mis, 
Mo Dhia, na glacar mi le bàs 

Mu thimchioll leth mo là : 
O aois gu aois gu maireannach ? 
Do bhliadhnaidhs , buan a ta* 

25 O chian leag thusa bunaite, 

Na talmhainn so, a Dhè ; 
Is iad na nèamha fior-ghlan àrd 
Oibre do làmha fèin. 

26 Teirgidh iadsan '$ theid iad as, 

Ach mairidh tusa, Dhè : 



SALM CIII. 237 

Seadh teir'gidh iadsan's gabhaidh seach 
Mar ghiobal sean gu lèir: 

Feuch caochlaidh tu mar thrusgan iad, 
Is caoch'lear iad gun cheist. 

27 Tha thus' a mhàin gun chaochladh ort, 

'S do bhliadhnaidh buan am feasd, 

28 Bidh clann do sheirbhiseach, a Dhè, 

Maireannach buan do ghnàth : 
Is ann ad fhianuis socruichear 
An gineal-san gu bràth. 

SALM CIII. 

1 O m'anam, beannaich thusa nis 

An Dia lehobhah mòr : 
Moladh gach ni an taobh stigh dhiom 
Ainm naomha mar is còir. 

2 O m'anam beannaich fèin a nis 

Iehobhah mòr do Dhia : 
Na dìchuimhnich gach tiodhlaca 
A dheònuich dhuit an Triath. 

3 f S e mhaitheas duit gu gràsmhor caoin 

Gach peacadh annad fèin : 
*S e bheir dhuit slàint', is furtachd f òs, 
O d'easlaintibh gu lèir. 

4 Do bheatha f òs sgrios a J bhàis 

*S e dh'fhuasglas duit gu pailt : 



238 SALM CIII. 

'$ e chrùnas thu le coron gràidh r 
'S le tròcair chaomh gun airc. 

5 Le 'mhaitheas is le 'thiodhlacaibh 

Sàr-lionaidh e do bheul : 
'S tha d'òige air a nuadhachadh 
Mar iolair luath nan speur. 

6 Air sgàth na muinntir ud, a ta 

Le foirneart air an elaoidh, 
Ceartas is breitheanas faraon 
'Se Dia ni dhoibh gun dìtb. 

7 Do Mhaois an neach a b 5 òglach dha, 

A shlighe chuir e 'n cèill : 
Is mar an ceudn* a ghnìomhara 
Do chlannaibh Israeil. 

8 Tha'nTighearniochdmhor, tròcaireach, 

*S mall 'fhearg, 9 s is pailt a ghràs. 

9 Cha bhi e tagradh ruinn do shior 

'S cha ghleidh e 'fhearg gu bràth. 

10 Do rèir ar peacaidh iomarcaich 

Dioghaltas oirnn cha d'rinn ; 
*S do rèir ar cionta 's eusaontais 
Cha d'thug e luigheachd dhuinn. 

11 Oir mar os ceann na talmhainn ta 

Na speuran àrd gach rè, 
Is amhluidh sin tha 'thròcair mòr 
Do'n dream d'an eagal e* 






SALM CIII. 239 

12 Mar tha an àird' an ear 's an iar 

A' gabhail fad o chèil' ; 
*S co f had a chuireas Dia nan gràs 
Ar peacaidh uainn gu lèir. 

13 Amhluidh mar ghabhas athair dàimh 

Is truas d'a leanbaibh maoth, 

Mar sin d'a fhior luchd eagail fèin 

Dia gabhaidh truas gu caomh. 

14 Oir 's aithne agus 's lèir do Dhia 

Ar cruth 's ar dealbh gu ceart ; 
Gur duslach talmhainn sinn air fad, 
Is cuimhne leis gu beachd. 

15 An duine truagh, a ta a làith' 

Amhluidh mar fheur a ghnàth ; 
Mar bhàrr na luibh 5 air machair fòs 
A ta e fàs fo bhlàth. 

16 Oir gabhaidh thairis osag ghaoith, 

'S cha bhi e idir ann ; 
'S cha 'n fhaicear e san ionad ud 
An robh e fàs gu teann. 

17 Ach mairidh tròcair Dhè gu sior 

Do'n dream d'an eagal e, 
Is f òs do chloinn an cloinne-san 
Bidh 'fhireantachd gach rè. 

18 Do 'n aitim ud a chumas ris 

An cùmhnant rinn e riu : 



240 SALM CIV. 

'S a chuimhnicheas iàl' àitheantan, 
A chum gu deant' iad leo. 

19 Dia shocruich anns na nèamhaibh àrd 

A chaithir rioghail fèin ; 
A rioghachd tha an uachdar f òs 
Os ceann gach ni fo 'n ghrèin. 

20 Sior bheannaichibh Iehobhah mòr, 

O aingle treun an neart, 
Tha deanamh iarrtuis mar is còir; 
'S a 5 gèilleachdainn d'a reachd. 

21 Gach uile shluagh a bhuineas da, 

Beannaichibh Dia a nis ; 
A sheirbhisich le 'n coimhlionar 
Gach ni a 5 s toileach leis. 

22 UiP oibre, feadh a thighearnais, 

A rinneadh leis an Triath, 
An righ Iehobhah beannaichibh : 
O m'anam beannaich Dia. 

SALM CIV. 

1 O m'anam beannaich thusa Dia : 

Mo Dhia, 's tu 'n Triath ro-mhòr ; 
Tha thusa air do sgeadachadh 
Le h-onoir is le glòir. 

2 Seadh chuir thu soìus dealrach glan, 

Mar thrusgan umad fèin : 



SALM CIV. 241 

Is shìn thu macli, is sgaoileadh leat, 
Mar phàilliun nèamh nan speur. 

3 Sailean a sheòmra leagadh leis 

Air uisgeachaibh mar stèidh ; 
Mar charbad rinn na neula tiugh, 
'S e ruith air sgiathaibh gaoith. 

4 'S e fèin a rinn na h-aingil f òs 

'Nan spioraid làidir threun ; 
'S e rinn 'nan teine lasarach 
A theachdairean gu lèir. 

5 Is bunaite na talmhainn f òs 

Shocruicheadh leat 'nan àit : 
A chum nach gluaist' as ionad e 
A chaoidh nan cian gu bràth. 

6 Is dh'fholuich thu le doimhneachd e, 

Amhluidh gu b'ann le brat : 
Os ceann nam beann 's nan slèibhte àrd 
Na h-uisgeacha do stad. 

7 Aircluinntinndoibh guth d'achmbasain, 

Theich iad air falbh gu cas : 
Is f òs ri guth do thàirneanaich 
Le deifir chaidh iad as. 

8 Ri taobh nam beann chaidh iad a suas, 

'S a sios air feadh nan gleann ; 
Gu ruig an t-àit a dh'orduich thu 
'S a dheasaich air an ceann. 
x 



242 SALM CIV. 

9 Chuir thusa rompa criocha buaa 
Nach tèid iad tharta null ; 
'S nach pill iad air an ais a rìs 
Dh'f holach na tìr le tuinn. 

10 Cuiridh e mach na tobraichean 

Air feadh nan glac 's nan gleann, 
A ta gun tàmh le *n sruthaibh bras 
A' ruith air feadh nam beann. 

1 1 Do bheathaichibh na machrach f òs 

Deoch bheir e dhoibh r'a h-òl : 
'S na h-asail f hiadhaich caisgidh iad 
An tart 's an ìota mòr. 

12 Am fagus doibh ni eoin nan speur, 

Tigh clùmhor tàimh dhoibh fèin : 
Is eadar gheugaibh cuirear leo 
An ceileir binn an cèill. 

13 Uisgichidh e o 'sheòmraibh àrd 

Na beannta mòr gun tàmh : 

An talamh tioram gheibh a dhiol 

Le toradh gniomh do làmh. 

14 Bheir e air feur bhi fàs do'n sprèidh, 

'$ air luibh bhi fàs gun sgìos 
Do dhaoinibh, chum gu tugadh iad 
O^n talamh biadh a nìos : 

15 Is fion a chuireas cridhe dhaoin^ 

Air shubhachas 's air ghean, 



SALM CIV. 243 

Is oladh fòs a ni an gnùis 

Le maise dealrach glan. 
f S e bheir dhoibh aran mar an ceudn' 

Fhreasdal am feum gu leòir, 
An cridhe dhaoin' a chuireas neart, 

Le misnich mhaith is treòir. 

16 Tha craobhan Dè ro-làn do bhrìgh ; 

'S iad seudair Lebanoin, 
Na craobhan ud a phlandaich e, 
*S a shuidhich air am bonn. 

17 Is bithidh nid san ionad ud 

Aig eunlaith luath nan speur : 
Na craobhan giuthais, aig an storc 
Mar ionad tàimh dhi fèin. 

18 Am beanntaibh àrd na fiadh-ghabhair 

An tearmunn fèin do leag; 

Na coinin bheaga mar an ceudn' 

An còsaibh blàth nan creag. 

19 A' ghealach dh'orduieh esan fòs 

Gu sgarachduinn 'nan tràth ; 
Tha eòlas ro-mhaith aig a' ghrèin 
Mar luidheas i gach là. 

20 Do nithear leatsa dorchadas, 

Is thig an oidhch' gu grad ; 
An sin bidh beathaich allt' na coilP 
A' dol a mach air fad. 
x 2 



244 SALM CIV. 

21 Ri beucadh bidh na leòmhain òg' 

Ag iarraidh cobhartaich, 
Is bithidh iad ag iarraidh bìdh 
Air Dia ro-chumhachdach. 

22 An sin trà dh'èireas suas a' ghrian, 

Cruinnichidh iad le chèiP, 
Gu h-uaigneach luidhidh iad a stigh 
'Nan garaidh dìdein fèin. 

23 Is theid an duine mach an sin 

Gu 'obair mar is còir, 
Is leanaidh e gu dìchiollach 
A shaothair gu trà nòin. 

24 Cia lìonmhor d'oibre mòr, a Dhè, 

An gliocas rinn thu iad: 
An talamh fòs le d' shaoibhreas mòr, 
Tha làn air fad 's air leud. 

25 Mar sin 's an cuan tha farsaing mòr, 

'S na slòigh a shnàgas ann, 
Na beathaichean tha beag is mòr, 
Gun orra cunntas cheann. 

26 Loingeas tha siubhal ann gu tiugh ; 

9 S an Lebhiatan mòr, 
Am beist a dhealbhadh leatsa 'n sin, 
Ri sùgradh ann le treòir. 

27 Na slòigh ud uile tha, a Dhè, 

A' feitheamh ort do ghnàth. 



SALM CIV. 245 

A chum gu tugadh tu dhoibh biadh 
G'an cumail beò gach trà. 

28 Na bheir thu dhoibh a'd' thoirbheartas 

'Ga thional sud tha iad : 
Trà dh'fhosglas tu do làmh gu pailt, 
Le maith sàr-lionar iad. 

29 Air folach dhuit do ghnùis a rìs, 

Thig cabhag orr' air fad ; 
Eugaidh, trà bheir thu asd' an deò, 
Pillidh ri 'n ùir gu grad. 

30 Do spiorad fèin g'an cruthachadh, 

Rìs cuirear leat a mach : 
Aghaidh na talmhainn mar an ceudn' 
Nuadhaichidh tu le dreach. 

31 Bidh glòir an Triath ro-mhaireannach 

Air feadh gach linn am feasd ; 
Is ni Iehobhah gàirdeachas 
'Na ghniomharaibh gun cheist. 

32 Air sealltuinn air an talamh dha, 

Criothnaichidh e gu grad ; 
Trà bheanas e ri slèibhtibh àrd 
Bidh deatach dhiubh air fad. 

33 Do Dhia Iehobhah seinneam ceòl 

An cian a bhios mi beò ; 
Is bheiream moladh mòr do m' Dhia 
Ri fad mo rè 's mo lò. 
x3 



246 SALM CV. 

34 'S ro-mhilis blast' mo smuaintean air ; 

Biom ait an Dia do glmàth. 

35 Gu tigeadh sgrios air peacachaibh 

Mach as an tìr gu bràth, 
'S nior robh nah-aingidh ann ni 's mò: 

O m'anam, moladh seinn 
Do Dhia Iehobhah ; seiniieamàid 

Le halleluiah bhinn. 

SALM CV. 

1 O thugaibh buidheachas do Dhia, 

Air ainm-san gairibh fèin : 
Is cuiribh f òs a ghnìomhara 
Am measg nan sluagh an cèill. 

2 Seinnibh do Dhia Iehobhah mòr, 

Sailm seinnibh dha gu binn, 
Is aithrisibh gu h-iomlan fòs 
Na miorbhuilean a rinn. 

3 As ainm ro-naomha-san faraon 

Deanaibh deadh-uaill is glòir; 
Biodh gàirdeachas air cridh' na droing 
DhMarras Iehobhah mòr. 

4 Iarraibh Iehobhah mòr nam feart, 

Iarraibh a neart do ghnàth : 
A ghnùis ta gràsmhor fabharàch, 
Sior-iarraibh i gu bràth. 



SALM CV. 247 

5 Cuimhnichibh fòs na miorbhuile 

A rinneadh leis gu treun : 
A ghnìomhara ro-iongantach, 
Is breitheanais a bhèil; 

6 O sibhs' a ghineil Abrahaim 

Deadh-òglaich dhìleis Dè: 
Sibhse chlann lacoib maf an ceudn', 
A ròghnuich e dha fèin. 

7 'S esan ar Tighearn is ar Dia, 

Iehobhah mòr gu fior : 
Tha 'bhreitheanais ro-chothromach 
Air sgaoileadh feadh gach tìr. 

8 Oir chuimhnich e gu siorruidh buan 

A choimhcheangal gu beachd; 
'S am focal fòs a dh'orduich e 
Do mhìltibh àl ri teachd. 

9 An coimhcheangal a rinn e fèin 

Ri Abraham gu caoin, 
'S na mionnan a thug e le 'bheul 
Do Isaac òglach naomh : 

10 Is amhluidh sin do Iacob fòs 

Dhaingnich se e mar reachd ; 
Mar choimheheangal gu siorruidh buan 
Do Israel gu beachd : 

1 1 Ag ràdh, Tìr Chanaain bheiream dhuibh, 

Mar chrann 'ur n-oighreachd fèin. 



248 SALM CV. 

12 Tfà bha iad teare, Vnambuidhinn bhig, 

'S nan coigrich innt' gu lèir. 

13 Is air bhith dhoibh ag imeachd fòs 

O thìr gu tìr gun tàmh ; 
A' triall feadh sluaigh is rioghachda, 
Nach fac' iad riamh roimh làimh : 

14 Cha d' leig do neach an gortachadh ; 

Ach smachduich air an son 
Mor-righre neartmhor cumhachdach ; 
A' labhairt riu mar so : 

15 " Feuchaibh nach bean sibh ris an dream 

A dh' ungadh leam gu caomh : 
Is fòs na deanaibh cron air bith 
No lochd airm' Fhàidhibh naomh/ 

16 Fòs ghairm e gort a steach do 'n tìr, 

Is lorg an arain bhris. 

17 Ach chuir e loseph rompa sios, 

Reiceadh mar thràill gun fhios. 

18 Le geimhlibh dhochainn iad a chos', 

Luidh e an iarunn teann ; 

19 Gu 'n uair an d'thàinig focal Dè ; 

Is dhearbh sud e san àm. 

20 An righ an sin chuir airsan fios^ 

Is dh'f huasgail air gu caoin : 
Seadli uachdran mòr nam fineacha 
Is leig se e fa sgaoil. 



SALM CV. 249 

21 Is air a theaghlach thug e dha 

Ard-uachdranachd gu lèir : 
Ard-mhaighstireachd a stòrais mhòir 
Thug esan dha d'a rèir. 

22 A cheangal mar a chiteadh dha 

Ard-phrionnsachan na tìr : 
'S gu tugadh e d'a sheanairibh 
Teagasg air gliocas fior. 

23 Do rioghachd mhòr na h-Eiph't an sin 

Thàinig clann Israeil, 
A bha air chuairt an talamh Cham 
Iacob 's a shliochd le ehèil'. 

24 Rinn e a phobull fèin an sin 

Lionmhorach ni bu leoir, 
Is ni bu treise rinn e iad 

Na 'n naimhde air gach dòigh. 

25 Cridhe na dream ud dh'iompaieh e 

Thoirt fuath d'a phobull naomh, 
J S gu buineadh iad gu fealltach olc 
R'a sheirbhisich ro-chaomh. 

26 An sin chuir e 'dheadh òglach Maois, 

Aaron a thagh e fèin : 

27 Nochd iad a bhearta miorbhuileach, 

An talamh Cham gu treun. 

28 Chuir orraduibhre, 's dhorchaicheadh ; 

'N sin thug iad gèill d'a ghuth. 



250 SALM CV. 

29 Dh'iompaieh gu fuil an uisgeachan, 

Is mharbh e 'n t-iasg 'nan sruth. 

30 Is losgainn ann an lionmhoireachd 

Sin bhrùchd an tìr a mach, 
Am fàrdaichibh an righrean-san, 
'S nan seòmraichibh a steach. 

31 Air 'iarrtus thàinig iomadh gnè 

Do chuileagaibh gu grad : 
Is miala lìonmhor mar an ceudn* 
'Nan criochaibh fèin air fad. 

32 Air son an uisge thug e dhoibh 

Clach-shneachd gu frasach geur, 
Is lasair theine-dhealanaich 
Air feadh na tìr' gu lèir. 

33 Na craobhan fìon', is fige fòs 

Ghrad bhuaileadh leis gu trom ; 
Is bhriseadh agus reubadh leis 
Gach crann a bha 'nam fonn. 

34 Thug esan àithne 's thàinig iad, 

Locuist gu lìonmhor ann, 
'S na caterpilleir iomarcach, 
Gun orra cunntas cheann. 

35 Gachluibh sanfhearann dh'itheadh leo; 

Is dh'itheadh leo gach meas. 

36 Bhuail e gach ceud-ghin anns an tìr ; 

Toiseach am brìgh 's an treis\ 



SALM CV. 251 

37 Le h-òr 's le h-airgiod thug e mach 

A phobull fèin gun dìth : 
'S cha robh 'nan treubhaibh-san air fad 
Neach euslainteach gun chlì. 

38 Bu shubhach leis na h-Eiphitich 

Trà chaidh iad uath' a mach. 
A chionn gu'n d' thuit an eagal-san 
Orra gu h-uamhasach. 

39 Neul os an ceann do sgaoil e mach 

Mar bhrat no cùirtean mòr : 
Le teine mar an ceudn' san oidhch' 
Thug solus dhoibh gu leòir. 

40 Am pobull dh'iarr, is thug e dhoibh 

Na gearra-goirt gu pailt : 
'S le h-aran nèimh speuraibh àrd 
Thug dhoibh an sàth gun airc. 

41 A' charraig sgoilt e, bhrùchd a mach 

Na h-uisgeacha gu leòir : 
Is anns an fhàsach thartmhor theith 

Ruith iad mar amhainn mhòir. 
4S A chionn gu à' chuimhnich e an sin 

Thocal 's a ghealladh naomh, 
Is mar an ceudna Abraham 

'Oglach ro-dhileas caomh. 

43 Is uime sin thug e a mach 

A shluagh le h-aoibhneas mòr j 



252 SALM CV. 

An aitim ud a ròghnaich e, 
Le gàirdeachas is ceòl. 

44 Is fearann fòs nam fineacha 

Thug dhoibhsan Dia nan dùl ; 
Is mheal iad mar an oighreachd fèin 
Saothair nan cinneach ud. 

45 A chum gu tugadh iad fainear 

A reachda mar is còir, 
'S gu coimh'deadh iad a lagh faraon. 
Molaibhs 5 Iehobhah mòr. 

SALM CVI. 

1 O thugaibh moladh mòr do Dhia, 

Is buidheachas faraon, 
Oir tha e maith, mairidh gu bràth 
A thròcair ghràsmhor chaoin. 

2 Gnìomhara treun Iehobhah mhòir 

Co dh'f heudas chur an cèill ? 
Co dh'f heudas f òs a chliu ro-mhòr 
A thaisbeineadh gu lèir ? 

3 'S ^6^^^^^^^^' an aitim ud gu beachd 

A choimh'deas breitheanas, 
'S an neach ud fòs a ni gach uair 
Ceartas is ionracas. 

4 Dhia, cuimhnich ormsa, leis a' ghràdh 

Thug thu do d' phobull fèin j 



SALM CVI. 253 

O thig le d' shlàinte shòlasaich 
Do m' fhiosrachadh aW fheum. 

5 Gu faicinn maith do dhaoine taght', 

'S gu deanainn aoibhneas mòr 
'Nan aoibhneas sud ; 's le d'oighreachd 
Gu deanainn uaill is glòir. [fèin 

6 Do pheacaich sinn le'r sinnsear^ibh ; 

Is fòs do rinneadh leinn 
Mòr chiont' a'd' aghaidh fèin, g, Dhèj 
Gu h-aingidh pheacaich sinn, 

7 Ar sinnseara cha d'thug fainear 

Do bhearta miorbhuileach ; 
A rinneadh leat an tìr na h-Eiph't 

Gu treunmhor cumhachdach ; 
Is lionmhoireachd do thròcair chaoimh 

Dhìchuimhnich iad gu truagh : 
'S iad aig a' mhuir 'ga d' bhrosnachadh, 

Ri cois na fairge ruaidh. 

8 Ach theasairg e gu 10^™^^ iad 

Air sgàth dheadh-ainme fèin ; 
A chum gu nochdadh e mar sin 
A chumhachda ro-threun. 

9 Leig e a mach geur-achmhasan 

Is thiormaich a' mhuir ruadh : 
Is stiùir e troimh an doimhneachd iad, 
Mar troimh an f hàsach chruaidh. 



254 SALM CVI. 

10 O làimh an ti thug dhoibhsan fuath, 

Dh'fhuasgail e 'phobull fèin : 
'S o làimh an naimhde mi-runach 
Shaoradh leis iad gu treun. 

11 Is dh'fhoìuich uisg' an eascairde : 

Cha d'fhan fiu aoin diubh beò. 

12 Chreid iad an sin a bhriathra-san, 

*S a chliu do sheinneadh leo. 

13 Air dearmaid leigeadh leo gu cas 

A ghniomhara ro-threun : 
Cha d'fhuirich iad gu foighidneach 
lli 'chomhairP eagnaidh fèin : 

14 San fhàsach ghlac miann ciocrach iad, 

*N sin bhuair iad Dia gu luath. 

15 An iarrtus thug e dhoibh, ach chuir 

CaoiP air an anam truagh. 

16 Sa' champa ghabh iad farmad mòr 

Ri Maois an duine caomh ; 
'S ri Aaron neach a ròghnaich Dia 
Dha fèin 'na shagart naomh. 

17 An talamh dh'fhosgail e a bheul, 

Shluig Datan sios gu grad : 
Buidheann Abiraim mar an ceudn' 
Dh'f holuich se iad air fad. 

18 Is fòs am measg an cuideachd-san 

Ghrad-las an teine teith ; 



SALM CVI. 255 

Is loisg an lasair suas gu lèir 
Na droch-dhaoin' ud fa leth. 

19 Dhealbh iad an sin is rinn iad laogh 

Gu truagh aig Horeb àrd, 
'S do'n iomhaigh leaght' a rinneadh leo 
Aoradh thug iad gun dàiL 

20 Is amhluidh chaochail iad gu bochd, 

An Dia 's an glòir gu lèir, 

Gu cosamhlachd is fioghair boin, 

No daimh a dh'itheas feur. 

21 An Dia thug tèarnadh dhoibh 'nam 

Dhìchuimhnich iad gu grad ; [feum 
An neach le 'n d' rinneadh bearta mòr 
An tìr na h-Eiph't air fad ; 

22 Is gniomhara ro-iongantach 

An dùthaich Cham le buaidh : 
Mar sin is nithe uamhasach 
Ri cois na fairge ruaidh. 

23 Thubhairt e air an aobhar sin 

Gu millt' iad leis gu lèir, 
Mur seasadh òglach taghta, Maois, 
Fa chomhair, anns a' bheum : 

A chum gu deant' a chorruich mhòr 

A philleadh air a h-ais, 
Eagal 'na fheirg gu deanadh e 

A phobull fèin a sgrios. 
Y 2 



25G SALM CVL 

24 Dhiùlt iad le tàir an tìr ro-mhaith : 

Nior chreid iad focal Dè : 

25 'Nam pàilliunaibh rinn monmhor mòr, 

'S d'a ghuth cha d'thug iad gèill. 

26 An sin 'nan aghaidh thog e 'làmh 

G'an sgrios san fhàsach lom. 

27 A sgrios an sliochd measg f hineacha, 

\S g'an sgaoileadh feadh gach fuinn. 

28 Ri Baal-peor mar an ceudn', 

Naisg iad iad fèin gu dlùth : 
Is dh'ith iad cuid do ìobairtibh 
Nan iodhol marbh nach fiù. 

29 Bhrosnuich iad e mar sin gu feirg, 

Le'n innleachdaibh gu truagh ; 
Is bhrist a 9 phlàigh an sin gu mòr 
A steach am measg an t-sluaigh. 

30 Sheas Phinehas, is rinn e 'n ceart ; 

*N s,in sguir a 5 phlàigh d'an claoidh, 

31 Sud mheasadh dha mar fhireantachd 

O linn gu linn a chaoidh. 

32 Aig uisge comh-stri Mheribah 

Bhrosnuich iad Dia a rìs : 
Air chor, fa chùis a phobuill ud, 
Gu d' èirich olc do Mhaois : 

33 Oir rinneadh leo a spiorad-san 

A bhrosnachadli gu geur : 



SALM CVI. 257 

Ionnus gu'n d' labhair e an sin 
Gu h-ath-ghoirid le 'bheul. 

34 Na cinnich cha do sgriosadh leo 

Mar dh'àithn Iehobhah dhoibh : 

35 Ach mheasg iad lèis na fineachaibh, 

Is dh'fhòghluim iad an dòigh. 

36 Do ìodholaibh nam fineacha 

Seirbhis rinn iad gu truagh : 
Bha sud mar lion 's mar ribe dhoibh, 
Is ghlacadh iad gu luath. 

37 Seadh thug iad suas mar ìobairtean 

Do dheamhnaibh'sdhealbhaibhbrèig, 
Am mic 's an nigheana faraon 
An aghaidh naomh-reachd Dhè. 

38 Is fuil nan neochiontach gu truagh 

Dhòirteadh leo i gun sgàth ; 
B'i fuil am mac 's an nighean fèin 
A dhòirt iad gun chion-fà. 

Do ìodholaibh Chanaain fòs 
Mar ìobairt thug an sliochd j 

Mar sin do thruailleadh leo an tìr 
Le fuil gun truas gun iochd. 

39 Is amhluidh sin le'n gniomharaibh 

Do thruailleadh leo iad fèin : 
Chaidh iad air strìopachas Dhia 
Le 'n innleachdaibh gu lèir. 
y3 



258 SALM CVL 

40 Fa 'n aobhar ud las corruich Dhè 

K/a phobull fèin gu teth : 
Ionnus gu d' ghabh e gràin gu mòr 
D'a oighreachd air gach leth. 

41 Is amhluidh rinn e 'n tabhairt suas 

An làimh tiam fìneach fiat' : 
Is thug thu dhoibh mar uachdarain 
An dream a dh'fhuathaich iad. 

42 Rinneadh gu mòr an sàrachadh 

Le 'n naimhdibh làidir treun : 
Is leagadh iad gu h-iosal sios 
Fo'n làimh sud mar an ceudn'. 

43 Gu minic thug e saorsadh dhoibh ; 

Ach bhrosnuich iad e rìs 
Le'n comhairlibh, is leagadh iad 
Air son an aing'eachd sios. 

44 Ach thug e 'n àmhghar mòr fainear^ 

Trà chuir iad suas an glaodh ; 

45 Is chuimhnich e dhoibh mar an ceudn* 

A choimhcheailgal ro-chaomh. 
A' gabhail aithreachais do rèir 
Mòr-shaoibhireachd a ghràis £ 

46 'S a' toirt air daoine thug iàd leo 

Tròcair thoirt doibh is bàigh. 

47 Thusa Iehobhah mhòir ar Dia, 

Dean saoradh dhuinn 'nar feum, 



SALM CVII. 259 

Is dean, am measg nam fineacha, 

Ar tional leat gu lèir : 
Do d'ainm ro-naomh gu tugamaid 

Mòr-bhuidheachas gu pailt' : 
Do chliu 's do mholadh mòr faraon 

Gu seinneamaid gu h-ait. 

48 'S beannaicht' an Triath, Dia Israeil, 
O chian nan cian gu bràth : 
Abradh an sluagh gu lèir, Ameii ! 
Molaibhse Dia do ghnàth. 

SALM CVII. 

1 O thugaibh moladh mòr do Dhìa, 
Is buidheachas faraon, 
Oir tha e maith : mairidh gu bràth 
A thròcair ghràsmhor chaoin. 
<2 Pobull Iehobhah, shaoradh leis, 
Labhradh mar so gun tàmh. 
A' mhuinntir ud a bhuin e saor 
A mach o làimh an nàmh. 

3 Is as gach tìr gu'n deachaidh iad 

Do chruinnicheadh iad leis, 
O *n àird an ear, ?s o'n àird an iar, 
O'n àirde tuath, is deas. 

4 San fhàsach bha iad seachranach 

Air bealach falamh f às ; 



260 SALM CVIL 

Is bail 5 air bith cha d'f huaradh leo 
Gu còmhnuidh no gu tàmh. 

5 Acrach is iotmhor bha iad f òs, 

Chlaoidheadh an anam truagh; 

6 Ghlaodh iad an sin ri Dia 'nan teinn : 

Shaor iad o'n àmhghar cruaidh. 

7 Stiùir esan agus threòruich iad 

Air bealach ceart fa'n cois : 
A chum gu rachadh iad d'a thrìd 
Gu baile tàimh is fois. 

8 O b'fhearr gu moladh daoine Dia 

Air son a mhaitheis chaoin, 
'S air son a bhearta iongantach 
Rinn e do chloinn nan daoin\ 

9 Oir ni e 'n t-anam miannach trom 

A shàsuchadh gun airc, 
'S an t-anam ciocrach lionaidh e 
Le ^mhaitheas fèin gu pailt. 

10 An dream a shuidh an dorchadas, 

Is ann an dubhar bàis : 
Fo chuibhreach ta an àmhghar truagh, 
9 S an iarunn cruaidh an sàs. 

11 Air son gu robh iad ceannairceach 

An aghaidh briathra Dhè, 
'S gu d* rinn iad dimeas agus tàir 
Air comhairP an Ard-Dhè. 



SALM CVII. 261 

12 Air son gu leag e 'n cridhe sios 

Le saothair is le pèin ; 
Thuit iad, is aon neach cha robh ann 
G'an cuideachadh 'nam feum ; 

13 Ghlaodh iad an sin ri Dia 'nan airc: 

Dh'fhuasgail o'n teinn gu grad : 

14 O'n dorcha bhuin, 's o dhubhar bàis, 

'S an cuibhreach bhrist air fad. 

15 O b'fhearr gu moladh daoine Dia 

Air son a mhaitheis chaoin : 
'S air son a bhearta iongantach 
Rinn e do chloinn nan daoin\ 

16 Chionn gu do bhristeadh leis le neart 

Na geata pràis gu lèir; 
Na stapuill iaruinn is na croinn 
Sgaoil esan as a chèiP. 

17 Tha amadain le 'n cron, 's le 'n lochd, 

Fo àmhghar goirt an sàs : 

18 Tha 'n anam gabhail gràin do bhiadh ; 

\S iad dlùth do dhorsaibh bàis. 

19 Ghlaodh iad an sin ri Dia 'nam feum 

Dh'fhuasgail o'n teinn gu grad. 

20 Le 'fhocal rinn e 'n slànachadh : 

Is shaor o'n sgrios air fad. 

21 O b'fhearr gu moladh daoine Dia 

Air son a mhaitheis chaoin : 



262 SALM CVII. 

'S air son a bhearta iongantach 
Rinn e do chloinn nan daoin' ! 
22 Thugadh iad ìobairt buidheachais 
Is cliu do Dhia na glòir : 

Aithriseadh iad a ghnìomhara, 
Le subhachas is ceòl. 

L 23 Luchd loingeis theid air muir, 's a bhios 
Ri gniomh an uisgibh buan : 

24 Dhoibh sud is lèir mòr oibre Dhè, 

'S a mhiorbhuilean sa' chuan : 

25 Air iarrtus, dùisgear leis a' ghaoith 

Gu h-àrd 's gu doinionnach : 
Le 'n togar suas gu h-atmhor borb 
A thonna garbh fa seach. 

26 Uair èiridh iad gu nèamh a suas : 

Uair thèid iad domhain sios : 
Ionnus gu d' leagh an anam truagh 
Le trioblaid chruaidh 's le sgios. 

27 Dol thuig' is uaith 5 , gu tuisleach fòs 

Amhluidh mar dhuin* air mhisg ; 
Ionnus gu'n thrèig gu buileach iad 
Gach gliocas bha 'nam measg. 

28 Ghlaodh iad ri Dia 'nan teinn an sin : 

O'n trioblaid shaor e iad, 

29 Ghrad-chuireadh leis an stoirm gu fè, 

'S na tuinn air ball 'nan tàmh j 



SALM CVII. 263 

30 An sin tha iad ro-ait, air son 

Gu bheil iad sàmhaeh beò : 
'S gu d'thug e iad do'n chaladh sin, 
'S do'n phort bu mhiannach leo. 

31 O b'fhearr gu moladh daoine Dia 

Air son a mhaitheis chaoin, 
'S air son a bhearta iongantach 
Binn e do chloinn nan daoin'. 

32 Is f òs an coimhthional an t-sluaigh, 

Ard-mholar e gu mòr ; 
'S an cruinneachadh nan seanar glic 
Cliu thugar dha is glòir. 

33 Na h-aimhne ni 'nam fàsach lom. 

Tobair 'nan talamh cruaidh : 

34 Tìr bheartach ni e fàs, air son 

Mòr-aingidheachd an t-sluaigh. 

35 Am f àsach tioram tionndaidh e 

Gu uisge tàimh nach gahn, 
'S gu tobair ^0^-^^^' iompaichidh 
Am fearann tartmhor teann. 

36 Do dhaoinibh ocrach bheir e sud 

Mar àite fois is tàimh : 
A chum gu deasuicht* caithir leo 
Chum còmhnuidh ann do ghnàth. 

37 Chum craobh fion , a shuidheachadh 

»Is siol a chur san fhonn : 



264 SALM CVIII. 

A bheir dhoibli anns an aimsir cheirt 
Cinneas is toradh trom. 

88 Bheannaich e fòs am pobull ud, 
Is dh'fhàs iad lìonmhor mòr : 
'S nior leig e dhoibh dol air an ais 
'Nan eallach no 'nan stòr. 

39 Laghduichear iad gidheadh a rìs, 

Is leagar iad gu bochd, 
Le sàruchadh is àmhghar geur, 
Is doilghios brònach goirt. 

40 Air prionnsaibh dòirtear tarcuis leis : 

San fhàsach mar an ceudn', 
Cuiridh e iad air seachran fìar, 
Gun bhealach ann d'an ceum. 

41 'S o thrioblaid togaidh e am bochd, 

'S ni teaghlach dha mar threud. 

42 Sud chi na fireana, 's bidh ait ; 

Is druidear beul nam beud. 

43 Cò iad tha glic, 's na nithe sud 

A bheir fainear gu ceart, 
*S iad sin a thuigeas tròcair chaomh 
Is maitheas Dhè nam feart. 

SALM CVIII. 
1 Mo chridh' tha ann am fonn a Dhè, 
Gu socair mar is còir : 



SALM CVIIL 265 

Is seinnidh mi gu ceòlmhor dhuit, 
Is molam thu ]e m' ghlòir. 

2 Mosglaibh, is èiribh grad an àird, 

'Shaltair 's a chlàrsach ghrinn : 
Mosglaidh mi fèin, is èiream fòs 
Gu moch gu ceòl a sheinn. 

3 O Thighearna Iehobhah mhòir, 

Measg fhineach, molam thu : 
'S am measg an t-sluaigh gu h-urramach 
Ard-seinnidh mi do chliu. 

4 Oir tha do thròcair mòr os ceann 

Nan nèamha shuas gu lèir : 
Is ruigidh d'fhirinn mar an ceudn' 
Gu neultaibh àrd nan speur. 

5 Bi thus', a Dhè, os ceann nan nèamh 

Air d'àrdachadh gu mòr ; 
Is fòs os ceann gach uile thìr' 
Togar gu sior do ghlòir. 

6 A chum gu deanta fuasgladh leat 

Do d' phobull ionmhuinn fèin, 
O teasairg mi le d' ghàirdean deas, 
Is freagair mi a'm' fheum. 

7 'Na naomhachd labhair Dia nam feart ; 

Bidh aoibhneas orm nach gann, 
Air Sechem ni mi roinn gu ceart, 
Gleann Shucoit toimhsear leam. 
z 



266 SALM CIX. 

8 'S leam Gilead le dlighe cheirt, 
Manaseh 's leam gu beachd ; 
'S i treubh Ephraim neart mo chinn : 
Bheir Iudah mach mo reachd. 

OBidhMoabdhomh'nathràillfom'smachd, 
'S Edom fo dhaorsa chruaidh ; 
Is amhluidh ni mi caithream binn 
Thar Palestin le buaidh. 

10 Cò bheir do 'n chaithir dhaingein mi? 

'S gu h-Edom bheir gu ceart ? 

11 Nach tusa, Dhè, le'n d'thrèigeadh sinn? 

'S nach tèid thu mach le'r feachd? 

12 thrioblaid tabhair còmhnadh dhuinn, 

Oir 's diomhain furtachd dhaoin'. 

13 Trìd Dhè ni sinne treubhantas : 

'S e shaltras naimhde fuidh'nn. 

SALM CIX. 

1 O Dhia, ta d'aobhar molaidh dhomh, 

Gu balbh a'd' thosd na bi. 

2 Oir beul nan daoi, 's nam fealltach tha 

Gnàth-fhosgailt air mo thì. 
Le teangaidh bhreugach labhair iad 
AW aghaidh-sa do ghnàth : 

3 Chuairtich iad mi le briathraibh fuath y 

Chuir cath orm gun chion-fìi. 



SALM CIX. 267 

4 Air son mo ghaoiltaidnaimhdeil dhomh, 

Is mi ri urnuigh ghnàth. 

5 Olc dhiol iad rium an èiric maith : 

Is fuath air son mo ghràidh. 

6 (Deir iad), " Cuir air droch-mharascal ; 

Biodh Satan aig a dheis. 

7 Urnuigh gu robh 'na peacadh dha : 

Fagar am binn e rìs. 

8 Gearr gu robh 'aois : is glacadh neach 

oifig 'sa dhreuchd gun iochd. 

9 Gu robh a bhean 'na ban-treabhaich, 

'S 'nan dìlleachdain a shliochd. 

10 Air seachran biodhashliochd do ghnàth, 

'S ag iarraidh dèirc' 5 nam feum : 
Is as an àitibh falamh f às 

Ag iarraidh bìdh dhoibh fèin. 

1 1 Gu glacar le Iuchd-f òireignidh 

Gach ni a bhuineas da : 
'S a shaothair-san mar chobhartach 
Gu buineadh coigrich leo. 

12 Na biodh neach ann ni tròcair air : 

Na bitheadh fòs a h-aon 
A ghabhas truas d'a shliochd, a bhios 
'Nan dìlleachdain gun mhaoin. 

13 Sgrios gu robh air a ghineil-san, 

G'an sgathadh as gu lèir ; 
z 2 



268 SALM CIX. 

Gu cuirear as an ainm air fad 
San àl a ihig 'nan dèigh. 

14 Aingidheachd 'athar, gu robh sud 

Air chuimhn , aig Dia do ghnàth : 
Is ciont* a mhàthar mar an ceudn' 
Nior chuirear as gù bràth. 

15 Gu robh iad air an taisbeanadh 

Am fianuis Dhè do shior : 
A chum gu sgathadh e a mach 
An iomradh as an tìr. 

16 Oir dhearmaid e bhi tròcaireach, 

Is shàruich e am bochd, 
'S an t-ainnis, chum gu marbhadh e 
Neach 'g an robh cridhe goirt. 

17 Mar thug e toil do mhallachadh 

^^11^^11^ biodh e gach là : 
Is mar nach b'àill leis beannachadh, 
Na èireadh beannachd dha. 

18 Amhluidh mar rinneadh leis e fèin 

A chuairteachadh gach àm, 
Le h-easeaint is le mallachadh, 
Ceart mar le brat gu teann, 

'S amhluidh gu tigeadh sud gu beachd 
Mar uisg' a steach 'na chom, 

'S mar oladh drùidheadh sud gu geur 
'Na chnàmhaibh fèin gu trom. 



SALM CiX, 2f>9 

19 Biodh sud mar eudach uime-san 

'Ga fholach air gach trà : 
Is amhluidh mar an crios a bhios 
'G a chrioslachadh do ghnàth." 

20 O'n Tigheama gu'n toirear sud 

Do m' naimhde mar an duais, 
'S do'n dream an aghaidh m'anma ta 
Gnàth-labhairt uilc gun truas. 

21 Ach air mo chrann bi thusa, Dhè, 

Air sgàth d'ainm uasail fèin : 
Do bhrìgh gu bheil do thròcair maith, 
Dean saoradh dhomh a'm' fheum, 

22 Oir tha mi aim-beartach gu beachd, 

Is tha mi ainnis lom, 
A ta mo chridhe air a lot 
An leth a stigh do m' chorm 

23 Is amhluidh ta mi gabhail seach 

Mar sgàil a' claonadh sìos : 
Air m'f huadach mar an locust truagh 
Thuig' agus uaith a rìs. 

24 Mo ghlùine ta air fàillneachadh 

Aig meud mo thraisg do ghnàth : 
Is m'fheòil aig diobhaii saill' is sult 
Air teireachdainn a ta. 

25 AW aobhar fochaid bha mi fòs 

Do'n aitim ud gu lèir : 
z3 



270 SALM CX. 

. Chrath iad an cinn gu fanoideaeh, 
Trà sheall iad orm gu geur. 

26 Fòir orm, a Thighearna mo Dhia : 

A'd' thròcair cuidich mi : 

27 Gu tuig iad gur i so do làmh, 

'S gur tu rinn sud, a Dhè. 

28 'N trà bhitheas iad ri mallachadh, 

Beannaich-sa sinn gu pailt ; 
Biodh orra nàir', air èiridh dhoibh ; 
Ach bitheadh d'òglachs' ait. 

29 Gu robh iad air an cuairteachadh 

M'uiP eascairde le nàir'; 
'S mar fhalluing air an uachdar biodh 
An amhluadh fèin le tàir. 

30 Ach mise ghnàth, àrd-mholaidh mi 

Iehobhah Dia le m' bheul : 
Is fòs, am measg a choimhthionail 
Cuiream a chliu an cèill. 

31 Oir tha e leis an duine bhochd 

'Na sheasamh air a dheis : 
D'a theasairginn o'n droing le 'in b'àill 
'Anam-san fhàgail ris. 

SALM CX. 
1 THUBHAiRTanTighearnarim'Thriath, 
Bi d' shuidhe air mo dheis, 



SALM CX. 271 

D'uil' eascairde gu cuiream dhuit 
5 Nan stòl fo bhonn do chois. 

2 As Sion cuiridh Dia a macli 

Slat-shuaicheantais do neart : 
S am builsgean d'eascairde gu lèir 
Bi fèin a'd'uachdran ceart. 

3 Bithidh do phobull taghta fèin 

Ro-thoileach mar is còir, 
San là sin anns am foillsich thu 

Do chumhachda gu mòr. 
Am mais' 's an sgèimh 'na naomhachd 

O bholg na maidne moich, [ghrinn, 
Mar dhealt a thig a nuas o nèamh, 

Tha d'òigridh iomarcach. 

4 Do mhionnaich Dia Iehobhah mòr, 

'S nior aithreach leis gu d' rinn, 
Rèir orduigh mhaith Mhelchisedeic, 
Gur Sagart thu gach linn. 

5 An Tighearna ta air do dheis, 

Trom-bhuailear leis gu orarg: 
Mor-righrean làidir cumhachdach, 
San là a lasas 'fhearg. 

6 Bheir esan breth measg fhineachan, 

Lionaidh srach àit <m fior 

-r • t 

Le corpaibh marbh : is lotar leis 
Na haiachdrain thar gncli tìr. 



272 SALM CXL 

7 Is anns an t-slighe òlaidh e 

Deoch as na sruthaibh luath $ 
Is air an aobhar ud fa-dheòidh 
Togaidh e 'cheann le buaidh. 

SALM CXI. 

1 Molaibhse Dia, sior-mholams' e 

Le m'uile chridh' gu h-àrd ; 
An coimhthional nam fìrean còir, 
Sa' chuideachd mhòir 's gach àit* 

2 Tha gniomharan an Tighearna 

Iomarcach mòr gu lèir ; 
Is leis an dream le'n tlachdmhor iad, 
Rannsaichear iad gu geur. 

3 Tha 'obair-san ro-onorach, 

Ro-ghlòrmhor i gun cheist ; 
Tha fireantachd Iehobhah fòs 
Buan-mhaireannach am feasd. 

4 A ghniomhara ro-iongantach 

Air chuimhne chuir gu beachd : 
A ta Iehobhah gràsmhor caoin, 
Is làn do thròcaireachd. 

5 Thug esan biadh is lòn do'n dream 

D' an eagal e do ghnàth, 
'S a choimhcheangal a rinn e leo 
Cuimhnichidh e gu bràth. 



SALM CXII. 273 

6 Neart oibre iongantach chuir Dia 

An cèill d'a phobull fèin ; 
A thabhairt dhoibh mar sheilbh gu buan 
Oighreachd nan sluagh gu lèir. 

7 Firinn is ceartas gniomh a làmh : 

Uil' àitheantan tha fior ; 

8 Deanta le ceartas firinneach : 

Taid seasmhach buan do shior. 

9 Shaoradh le Dia a phobull fèin : 

Is dh'orduich e am feasd 
Achoimhcheangal : tha ainm-sannaomh 
Is urramach gun cheist. 

10 'S e tùs a' ghliocais eagal Dè, 

Tha deadh thuigs' aig an dream 
Le'n coimhlionar a reachda-san : 
'S maireann a chliu gaeh àm. 

SALM CXII. 

1 O thugaibh moladh mòr do Dhia : 

'S beannaicht 5 an ti gu beachd 
D' an eagal Dia, *s a ghabhas toil 
Gu mòr d'a lagh 's d'a reachd. 

2 Bidh 'shliochd-san làidir anns an tìr, 

9 S ro-bheannaicht > sìol nan saoi. 
Bidhmaoinissaoibhreas mòr 'na theach 
Bidh ceartas buan a chaoidh. 



274 SALM CXIL 

3 Trà bhitheas saoi an dorchadas 

Dealraichidh solus da : 

4 Tha e fior-ghràsmhor tròcaireach 

Is cothromach gun ghò. 

5 Is truacant f òs, deadh-choingheallach, 

An duine maith a chaoidh ; 
Is bheirear leis gu crionna glic 
A ghnothuiche gu crìch. 

6 Gu dearbh cha tig aon ni am feasd 

Le'n gluaisear e gu mòr : 
Achcuimhn' is iomradh maith a chaoidh 
Bidh air an f hirean chòir. 

7 Is air-san cha bhi faiteachas 

Air cluinntinn dha droch-sgèil 
Tha 'chridhe socrach muinghineach 
An Dia Iehobhah treun. 

8 Tha *chridhe-san air socrachadh, 

Cha bhi air geilt no fiamh, 
Gu ruig an uair am faicear lèis 
Air eascairdibh a mhiann. 

9 Sgaoil e a chuid, is thug do'n bhochd, 

'S buan 'fhireantachd am feasd ; 
Bidh 'adharc air a h-àrdachadh 
Le onoir mhòir gun cheist. 

10 Cràdhar an daoi, trà chi e so ; 
Casaidh e 'f hiacla geur, 



SALM CXIIL 275 

Seargaidh e as : is sgriosar miann 
Nan aingidh ud gu lèir. 

SALM CXIIL 

1 IVIolaibhse Dia, O molaibh e, 

Oglacha dìleas Dè ; 
Ard-mholaibh f òs gu h-urramach 
Deadh-ainm Iehobhah thrèin. 

2 Ainm Dhè biodh beannaichte gu mòr, 

O'n àm-sa nis gu bràth. 

3 O èiridh gu ruig luidhe grèin, 

Ainm Dhè ion-mholta ta. 

4 'S àrd thar gach tìr Iehobhah mòr, 

'S a ghlòir thar nèamha fòs : 

5 Co 's coimeas ris an Tighearna 

Ar Dia, ta 'n còmhnuidh shuas ? 

6 *S esan an neach a chromas sios, 

'S a dh'ìslicheas e fèin 
Dh'amharc gach ni san talamh ta, 
'S na nèamhaibh àrd nan speur. 

7 Togaidh e 'n deòradh truagh o 5 n dus ; 

'S am bochd o'n òtrach bhreun ; 

8 G'an cur 'nan suidh' le prionnsaibh àrd; 

Le prionnsaibh 'phobuill fèin. 

9 Bheir e do'n mhnaoi a ta gun sliochd 

Tigh còmhnuidh teaghlaich mhòir ; 



276 SALM CXIV. 

Gu bhi 'na màthair mhacan ait 
Molaibhse Dia na glòir. 

SALM CXIV. 

1 Air teachd do Isra'l as an Eiph't, 

'S do Iacob mach o'n dream 
'Gan robh an uirigill cruaidh dorch, 
Aig coimhicheas an teang'. 

2 Bha Iudahdha marchòmhnuidh naomh, 

Bu rioghachd Isra'l leis. 

3 Air faicinn sud ghrad-theich an cuan 

Sruth lordain phill air ais. 

4 Mar reithe bras leum beannta suas ; 

Leum cnocain bheag mar uain : 

5 Iordan, c' arson a phill air t'ais ? 

C' arson a theich thu, chuain ? 

6 C'arson a leum sibh 3 shlèibhte àrd, 

Mar reithe meargant bras ? 
C'arson mar uain nan caorach fòs 
A leum sibh, chnoca glas ? 

7 O thalamh criothnuich fòs le geilt 

Roimh ghnùis Iehobhah mhòir ; 
An làthair gnùis Dhè Iacoib fòs, 
O criothnuich mar is còir. 

8 Leis thionndaidheadh an ailbheinn 

Gu loch do uisge tàimh ; [theann 



SALM CXV. 277 

'S a' charraig cliruaidh gu tobar uisg', 
Le cumhachdaibh a làimh, 

SALM CXV. 

1 Ohuinne cha 'n ann, a Thriath, cha 'n 

Ach do d'ainm mòrdha fèin, [ann, 
Tabhair an cliu 's a' ghlòir, air sgàth 
Do ghràis is d'fhìrinn rèidh. 

2 C' arson an abradh fìneacha, 

Ca bheil an Dia a nis ? 

3 Ar Dia a ta air nèamh ; is rinn 
Gach gniomh bu toileach lèis. 

4 An iodhoil 's airgiod iad is òr : 

Gniomh làmhan dhaoine fèin. 

5 Tha bèil ac', leis nach labhair iad ; 

Is sùilean, leis nach lèir. 

6 Tha cluasan ac', 's cha chluinn iad leo ; 

Is sròin', gun àileadh annt'. 

7 An làmh gun chlì, an cos gun cheum, 

An sgòrnan gun smid chainnt. 

8 ladsan a dhealbh 's a ghèilleas doibh, 

'S ro-chosmhuil iad riu fèin. 

9 O Isra'l dean-sa bun à Dia ; 

'S e 'n sgiath, 's an còmhnadh treun. 
10 Thigh Aaroin, O dean bun a Dia ; 
'S e 'n còmhnadh, is an sgiath. 
a a 



27S SALM CXVI. 

11 Luchd eagail Dè, làn-earbaibh as ; 

An sgiath 's an neart 's e Dia. 

12 Iehobhah Dia bha cuimhneach oirnn, 

Beannaichidh e sinn fèin : 
Beannaichear leis tigh Israeil, 
'S tigh Aaroin mar an ceudn\ 

13 Na big 's na mòir d'an eagail Dia, 

Beannaichidh e gu caoin. 

14 Cuiridh e sibh an lionmhoireachd, 

Sibh fèin 's 'ur sliochd faraon. 

15 Is beannaicht' sibh o'n Tighearna, 

Rinn nèamh is làr gu lèir. 

1 6 An talamh, thug do chloinn nan daoin* : 

'S leis fèin àrd-nèamh nan speur. 

17 Na mairbh, no'n dream theid tosdach 

Do'n uaigh ; cha mhol iad Dia. [sios 

18 Ach molar leinn e nis, 's gu bràth 

Molaibh gu h-àrd an Triath. 

SALM CXVI. 

1 ls toigh leam Dia, air son gu'n d'èisd 

Ri m* ghuth, 's ri m'urnuigh fòs. 

2 Sior-èigheam ris ri m' bheò, air son 

Gu 'n chrom e rium a chluas. 

3 Chaidh umam dochar-geur a' bhàis, 

Ghlac piantan ifrinn mi : 



SALM CXVI. 279 

Theann-ghlacadh rai le trioblaid thruaigh , 
Is àmhghar cruaidh do m' chlaoidh. 

4 Air ainm Iehobhah ghair mi 'n sin, 

Mar so a' labhairt ris, 
O Dhia mo Thighearn, guidheam ort, 
Saor m' anam bochd a nis. 

5 A ta Iehobhah gràsmhor, ceart : 

'S is tròcaireach ar Dia. 

6 'S e choimh'deas daoine simplidh ciùin : 

Lag bha mi, *s dh'fhòir an Triath. 

7 O m'anam, feuch gu pill thu nis, 

Gu d' shuaimhneas is gu d' thàmh ; 
Oir dheònuich Dia gu saoibhir dhuit 
Mòr-thoirbheartas a làimh. 

8 O ghàbhadh is o chunnart bàis 

Shaor thusa m'anam bochd ; 
Mo chos shaor thu o shleamhnachadh, 
*S mo shùiP o dheuraibh goirt. 

9 An sealladh Dhè, an tìr nam beò 

Gu dìreach gluaisear leam : 

10 Dobhrìgh gu *n chreid mi, labhair mi ; 

'S mi air mo chlaoidh gu trom. 

1 1 AW dheifìr thubhairt mi mar so ; 

'S breugach gach duin' air bith. 

12 Ciod dh' ìocas mi do Dhia, air son 

Na rinn e dhomh do mhaith ? 
a a 2 



280 SALM CXVII. 

13 Cupan na slàinte glacar leam, 

Air ainm Dhè gaiream fèin. 

14 Iocam mo bliòid do Dhia, a nis 

An làth'r a shluaigh gu lèir. 

15 Aig Dia 's ro-phrìseil bàs a naomh. 

16 Dhè, d'òglach 's mi gu beachd ; 

'S mi d'òglach, mac do bhan-oglaich : 
Mo chuibhreach sgaoileadh leat. 

17 Bheireamsa ìobairt mholaidh dhuit : 

Air ainm Dhè gaiream fèin. 

18 Iocam mo bhòid do Dhia, a nis 

An làth'r a shluaigh gu lèir. 

19 An cùirtibh àluinn àrois Dè, 

A'd' bhuilsgean fèin gu fior, 
O chaithir àrd Ierusaleim. 
Molaibh an Triath gu sior. 

SALM CXVII. 

1 O thugaibh moladh mòr do Dhia, 

Gach fìne t'ann fa leth : 
Seadh molaibh Dia gu fonnmhor àrd 
Gach uile shluagh air bith. 

2 Oir 's mòr a chaoimhneas tròcaireach, 

A dheònuich e dhuinn fèin, 
Tha firmn Dè sior-mhaireannach. 
Molaibh Iehobhah treun. 



SALM CXVHL 281 

1 O mòlaibh Dia, oir tha e maith j 

Sior-mhaireann tròcair Dhè. 

2 Abradh clann Israeil a nis, 

Gur buan a ghràs gach rè. 
8 Tigh Aaroin abradh iad a nis, 
Sior-mhaireann tròcair Dhè. 

4 Abradh an dream d'an eagal Dia, 

Gur buan a ghràs gach rè. 

5 A'm' èigin ghair mi air an Triath : 

Fhreagair e mi gu deas, 

An ionad farsaing agus rèidh 

Shocruich e mi le treis. 

6 Tha Dia Iehobhah air mo chrann, 

Ni h-eagal leam a chaoidh, 
Aon ni a dh'fheudas clann nan daoin' 
A dheanamh orm do m' chlaoidh. 

7 Measg luchd mo chuideachaidh tha Dia 

A* seasamh leam gu beachd : 

Air luchd mo mhi-ruin, uime sin, 

Chi mi mo mhiann a' teachd. 

8 5 S fearr na bhi 'g earbs' à duine beò, 

Ar dòchas chuir an Dia. 

9 'S fearr na bhi ^g earbs' a prionnsaibh 

Ar dòchas chur san Triath. [mòr, 

10 Do chuairtich umam air gach làimh 
Na dùchanna gu lèir : 
a a 3 



282 SALM CXVIIL 

Ach sgatham agus sgriosam iad 
An ainm Iehobhah thrèin. 

1 1 Do chuairtich iad mi air gach taobh, 

Chuairtich iad mise f òs : 
Ach sgatham agus sgriosam iad 
An ainm Iehobhah mhòir. 

12 Mar bheachaibh chuairtich iad, ach 

Iad as mar theine dris ; [chaidh 

Oir ann an ainm Iehobhah thrèin 
Ni mi gu lèir an sgrios. 

13 Dom' leagadhjtheannthuorm gudlùth; 

Ach chuidich leamsa Dia. 

14 'S e Dia mo cheòl, 's mo shlàinte fòs, 

Is e mo threòir an Triath. 

15 Guth gàirdeachais is slàinte ta 

Am pàilliunaibh nan saoi : 

Deas-làmh Iehobhah uile thrèin 

Fhuaradh gu treubhach i. 

16 Ta gàirdean deas an Tighearna 

Air 'àrdachadh gu mòr ; 
Is rinneadh bearta treubhantais 
Le deas-làimh Dhè na glòir. 

17 Cha'nfliaigh mi bàs, achmaiream beò, 

Is innseam oibre Dhè. 

18 Throm-smachdaich Dia mi, ach gubàs 

Cha d'thug e thairis mi. 






SALM CXVIII. 283 

19 O fosglaibh dhomh gu farsaing rèidh 

Geatan an ionracais : 
Gu racham orra-san a steach ; 
Iehobhah molaidh mis\ 

20 So dorus Dè, air 'n tèid a steach 

Na daoine còire naomh. % 

21 Sior-mholam thu, oir chuaP thu mi ; 

Is tu mo shlàinte chaomh. 

22 A' chlach a dhiùlt na clachairean, , 

Clach-chinn na h-oisinn i. 

23 'S e Dia rinn sud, 's ro iongantach 

'Nar sùilibh-ne an gniomh. 

24 So fèin an là a dh'orduich Dia, 

Sam bi sinn sùilbhir ait. 

25 Fòir, guidheam, guidheam ort, a Dhè ; 

Nis soirbhich leinn gu pailt. 

26 Beannaicht' gu robh an neach a thig 

An ainm Iehobhah thrèin : 
Thug sinne beannachd oirbhse mach, 
A teach Iehobhah fèin. 

27 5 S e Dia Iehobhah dhealraich oirnn, 

Ceanglaibh le cordaibh cruaidh, 
Ili adharcaibh na h-altair naoimh, 
An ìobairt bheir sibh uaibh. 

28 'S tusa mo Dhia, is molam thu : 

Ardaicheam thu, mo Dhia. 



284 SÀLM CXIX. 

29 O molaibh Dia, oir tha e maith : 
Sior-mhaireann gràs an Triath^ 

SALM CXIX. 

ALEPH. 

1 'S beannaìcht' an dream tha foirfidh 

San t-slighe dhìrich cheirt ; [glan 
An dream a ghluaiseas ann an lagh 
Ard-Thighearna riam feart. 

2 'S beannaicnt' an aitim ud faraoii 

Le 'n còimhdear teisteàs Dè* 
'S a dh'iarràs e gù dìchiollaeh 
Le 'n uile ehridhe fèin. 

3 'Na shlighibh-san sior-ghluaisear leo, 

'S cha dean iad aingidheachd. 

4 Dh'àithn thu dhuinn gu coimheadamaid 

Gu dìchiollach do reachd. 

5 O stiùir mo cheum, 's gu coimhdear 

Do reachda dìreach fèin ! [leam 

6 Cha ghabh mi nàir', trà bheir mi spèis 

Do d'àitheantaibh gu lèir. 

7 Le cridhe treibh-dhireach gun ghò 

Mòr-mholam thu gu binn : 
Trà dh'fhòghlumas mi breitheanais 
Do cheartais naomha ghrinn. 



SALM CXIX. 235 



8 'S e so mo rùn gu coimhdear leam 

Do reachda ceart do ghnàth : 
O Thighearna, na trèig-sa mi 
Gu buileach no gu bràth. 

BETH. 

9 Ciod leis an glan an t-òganach 

A shlighe fèin gu ceart ? 
Trid faicill mhaith is furachrais 
Rèir d'fhocail is do reachd. 

10 Le m'uile chridhe fèin, a Dhè, 

Do iarr mi thu gu caomh ; 

Na leig dhomh dol air seacharan 

O d'àitheantaibh ro-naomh. 

1 1 Air eagal peacaidh, dh'f holuich mi 

A'm' chridhe d'fhocal ceart. 

12 teagaisg dhomh do reachda naomh 

'S beannaicht' thu Dhia nam feart. 

13 Le m' bhilibh, breitheanais do bhèil 

Nochd mi air fad 's air leud. 

14 Slighe do theisteis b'aoibhnich leam, 

Na saoibhreas mòr d'a mheud. 

15 Socraichidh mi mo smuainteachadh 

Air àitheantaibh do reachd ; 
Air ceumannaibh do shlighe fèin 
Sior-dhearcaidh mi le beachd. 



286 SALM CXIX. 

16 Gabhaidh mi tlachd is ciata mhaith 

Do d* statuisibh gu lèir : 
Air dearmad fòs cha leig mi chaoidh 
Deadh fhocal glan do bhèil. 

GIMEL. 

17 Riumsa ta m'òglach dhuit, a Dhè, 

Dean toirbheartas gach àm; 
A chum gu bithinn beò, is fòs 
Gu coimhdear d'fhocal Ieam. 

18 Fosgail mo shùilean, 's chi mi 'n sin 

Mòr-iongantais do reachd. 

19 'S coigreach air talamh mi : na ceil 

Orm d'àitheanta ro-cheart. 

20 Tha m'anam briste brùit' a stigh, 

Is muladach do ghnàth ; 
Aig meud mo thogradh is mo mhiann 
do d' bhreitheanais gach trà. 

21 Luchd uabhair mhallaicht* smachduich 

A chlaon o d^iarrtus ceart. [thu, 

22 Cuir spìd is masladh fada uam : 

Oir choimhdeadh leam do reachd. 

23 A'm' aghaidh labhair prionnsa mòr, 

Air suidhe dhoibh le chèiY : 

Ach air do statuisibh ro-naomh 

Do smuainich d'òglach fèin. 



SALM CXIX. 287 

24 Taim gabhail tlachd is ciata mhòr 
Do d'theisteas fìrinneach ; 
Is mar an ceudn' tha e aW f heum 
Dhomh fèin 'na chomhairleach. 



DALETH. 



25 Tha m'anam leantuinn ris an ùir : 

Rèir d'fhocail beothaich mi. 

26 Nochd mi mo shligh , , is dh'èisd thu 

Seòl dhomh do lagh, a Dhè. [rium : 

27 Air slighe f hior-ghlan d'àitheanta 

Thoir dhomhsa tuigse gheur : 
Mar sin air d'oibribh ìongantach 
Labhram, 'g an cur an cèill. 

28 Tha m'anam leaghadh as le bròn : 

Rèir d'fhocail deònuich neart. 

29 Cuir slighe bhreugach fada uam ; 

A'd' ghràs thoir dhomh do reachd. 

30 Slighe na firinn fhoirfidh ghloin, 

Is i bu roghainn leam : 
Is chuir mi do cheart-bhreitheanais 
Fa m' chomhair fèin gach àm. 

31 Lean mi faraon gu tul-chuiseach 

Ri d* theisteas naomha fein : 
Na cuir gu h-amhluadh nàire mi, 
O Thighearna ro-thrèin. 



288 SALM CXIX. 

32 An slighe fhior-ghlan d'àitheanta 
Sior-ruithidh mi le tlachd ; 
Trà chithear dhuit mo chridhe teann 
A chur am farsaingeachd. 



HE. 



33 Slighe do statuin teagaisg dhomh, 

O Dhia Iehobhah thrèin : 
Is coimhdeam i gu dìchiollach 
Gu crìch mo shaoghail fèin. 

34 Tuigs' agus eòlas tabhair dhomh, 

Is coimhdidh mi do reachd; 
Is fòs le m'uile chridhe fèin 
Coimhdear leam e gu beachd. 

35 An ceum do lagh' thoir orm bhi triall ; 

Oir leam 's ro-thlachdmhor e. 

36 Gu d' theisteas naomh, 's ni h-ann gu 

Mo chridhe lùb, a Dhè. [sànnt, 

37 Mo shùile pill mu'n amhairc mi 

Air dìomhanas gun stà : 
Ach ann do shlighibh naomha fèin 
Ath-bheothaich mi do ghnàth. 

38 O daingnich d'fhocal firinneach 

Do d'òglach fèin gu mòr : 
Do'n neach thug suas e fèin air fad 
Do d'eagal mar is còir. 



SALM CXIX. 289 

39 Pill uam an nàir a's eagal leam : 

Oir 's maith do bhreth, a Dhè ; 

40 Feuch, 's miannach leamsa d'àitheanta: 

A'd' cheartas beothaich mr. 

VAU. 

41 Thigeadh do thròcair mar an ceudn' 

Do m'ionnsuidh fèin, a Dhè ; 
Do cho-f huasgladh, 's do shlàinte chaomh, 
A rèir do gheallaidh fèin. 

42 Mar sin do'nneachbheirmasladhdhomh, 

Bidh agam freagradh deas : 
Oir ann ad f hocal firinneach 
Mo dhòchas cuiridh mis\ 

43 Focal na firinn na buin leat 

Gu h-iomlan as mo bheul ; 
Oir ann ad bhreitheanais ro-cheart 
A ta mo dhòchas fèin. 

44 Mar sin gu suthain is gu sior, 

Gnàth-choimh'didh mi do reachd ; 

45 Air son gu'n iarram d'àitheanta, 

Gluaiseam am farsaingeachd. 

46 Ri righribh labhram air do theist, 

Gun amhluadh orm no sgàth. 

47 Is gabham tlachd do d'àitheantaibh, 

'JS ann dhoibh a thug mi gràdh. 
B b 



290 SALM CXIX. 

48 Ri d'àitheantaibh d'an d'thug mi toil, 
Togam mo làmhan fèin : 
Is ann ad statuisibh ro-naomh 
Bitheam ri cnuasachd ghèir. 



ZAIN. 



49 Cuimhnich am focal ud, a Dhè, 

Do d'òglach fèin a nis, 
Thug thu mar bharrant' dòchais dhomh, 
*S thug orm gu d'earb mi ris. 

50 'S e so mo chomhfhurtachd ro-mhòr 

A'm' theinn 's aW àmhghar geur: 
Oir rinn do bhriathra firinneach 
M'ath-bheothachadh gu treun. 

51 Bha mi mar aobhar fanoid mhòir 

Aig daoinibh àrdanach ; 
Gidheadh cha d' aom air falbh o d' lagh, 
Le claonadh seachranach. 

52 Do bhreitheanais a ta o chian 

Chuimhnich mi, Dhia, gu lèir : 
Is ghlac mi thugam ann an sin 

Deadh chomhfhurtachd a'm' fheum. 

53 Air son gu d' thrèig an daoi do lagh, 

Ghlac uamhunn mi gu mòr. 

54 An tigh mo chuairt is m'oil-thire, 

Do statuin b'iad mo cheòl. 



SALM CXIX. 291 

55 Chuimhnich mi d'ainm san oidhch', a 

Is choimhdeadh leam do reachd. [Dhè, 

56 JB'e so mo chuid ; oir choimhid mi 

D'iarrtuis, a Dhè, gu beachd. 



CHETH. 



57 Mo chuibhrionn is mo chrannchur thu, 
O Thighearn is a Dhè ; 
Le gealladh cinnteach thubhairt mi, 
Gu coimhdinn d'fhocal fèin. 
08 Le m'uile chridhe dh'iarr mi ort 
Do ghnùis, 's do ghràsa saor : 
A rèir do bhriathra firinneach 
Dean tròcair orm gu caoin. 

59 Do chnuasaich mi mo shlighe fèin ; 

'S ri d' theisteas phill mo chos. 

60 Rinn deifir choimhead d'àitheanta, 

'S nior ghabh mi tàmh no fois. 

61 Chreachbuidheannaingidhmi; gidheadh 

Nior dhearmad mi do reachd. 

62 Eiream mu mheadhon oidhch', a chum 

Gu molam do bhreth cheart. 

63 'S fear-comuinn mi is companach 

Do 'n dream d'an eagal thu ; 
'S do 5 n aitim ud a choimhdeas fòs 
D'fhìor-àitheantan gu dlùth. 

Bb2 



292 SALM CXIX. 

6i A Thighearna tha'n talamh làn 

Do d' ghràs 's do d' thròcair chaomh : 
Tuigs' agus eòlas tabhair dhomh 
A'd' statuisibh ro-naomh. 



TETH. 



65 Do d'òglach rinn thu maith, a Dhè, 

Do rèir do bhriathair cheirt. 

66 Deadh-thuigs' is eòlas teagaisg dhomh j 

Oir chreid mi fèin do reachd. 

67 Mun robh mi 'n teinn, air seachran chaidh : 

Ach d'fhocal ghleidh mi nis. 

68 'S maith thus', is nithear maitheas leat : 

A'd' statuis teagaisg mis\ 

69 A'm' aghaidh luchd an àrdain bhuirb 

Dhealbh breuga baoth le chèiP ; 
Ach coimhdidh mise d'àitheanta 
Le m' chridhe fèin gu lèir. 

70 Tha 'n cridhe-san co reamhar fòs, 

Ri saill aig meud an sògh : 
Ach gabhaidh mise tlachd dhomh fèin 
A'd' lagh-sa, Dhè, gach lò. 

71 'S maith dhomhs' a nis gu robh mi fèin 

An teinn 's an àmhghar geur, 
A chum gu f òghlumainn le beachd 
Do statuin clieart gu lèir. 



SALM CXIX. 293 

72 5 S fearr dhomh gu mòr an lagh a ta 

A' teachd d' bheul a mach, 

Na mìlte mòr do'n airgiod ghlan, 

'S do'n òr a's deirge dreach. 

IOD. 

73 Do rinn, 's do dhealbh do làmhan mi ; 

Dean tuigseach mi d'a rèir, 

A chum gu faighinn eòlas maith 

Air d'àitheantaibh gu lèir. 

74 Trà chi luchd d'eagail mi, bi'd ait : 

Oir dh'earb mi as do theist. 

75 Dhia chiom gur ceart do bhreth, 's le 

Leòn thusa mi gun cheist. [còir, 

76 Dhè, guidheam ort, do thròcair chaoin 

Bhi dhomh mar chomh-fhurtachd : 
Do rèir an fhocail labhair thu 
Ri d'òglach fèin gu beachd. 

77 O thigeadh thugam fèin a nis 

Do thròcair chaomh, a Dhè, 
Do m' chumail beò : oir 's e do lagh 
Mo thlachd 's mo mhiann gach rè. 

78 Biodh nàir' air luchd an àrdain mhòir, 

Bhuin riumsa, gun chion-fà, 
Gu fealltach fìar ; ach smuainticheam 
Air d'àitheantaibh do ghnàth. 
B b3 



294 SALM CXIX. 

79 Pillidh luchd d'eagail rium ; % an dream 

Ta eòlach air do theist. 

80 Gu robh mo chridhe ceart a'd' reachd, 

Nach nàraichear mi 'm feasd. 

CAPH. 

81 Tha m'anam air a chlaoidh gu mòr, 

Feitheamh do chaibhre, l)hè : 
Ach tha mo dhòchas bunaiteach 
A' d' fhocal tairis fèin. 

82 Af feitheamh d' f hocail chaith mo shùil : 

Furtachd, O c'uin a ni ? 

83 Oir taim mar shearraig anns an toit : 

'S do reachd nior dhearmaid mi. 

84 Cia lion iad làithean d'òglaich fèin ? 

Is fòs, a Dhè, cia uair 
Chuireas tu breitheanas an gnìomh 
Orra ta orms' an tòir? 

85 An dream ta làn do ^n àrdan bhorb, 

Threachail iad dhomh gu beachd 
Sluichd dhomhain, chum mo ghlacadh 
Nach robh a rèir do reachd. [leo, 

1 6 Taid orm an tòir gu h-eucorach j 
Dhè, cuidich leam gu grad : 
Oir tairis agus fìrinneach 
Tha d'àitheantan air fad. 



SALM CXIX. 295 

87 Airtalamhchaiclh achbeagmo chlaoidh; 

Nior thrèig mi d'iarrtus naomh. 

88 'S gu coimhdinn teisteas fìor do bhèil, 

Ath-bheothaich mi gu caomh. 



89 Tha d'fhocal bunaiteach gu bràth, 

'Sna nèamhaibh àrd, a Dhè; 

90 Tha d'fhirinn is do thairisneachd 

Buan-mhaireannach gach rè : 
Do dhaingnicheadh an talamh leat, 
'S na sheasamh tha d'a rèir. 

91 Taid buan an diugh rèir t'orduigh fèin 

Do mhuinntir iad gu lèir. 

92 Mur bhith gu 'n ghabh mi ciata mhòr 

Do d'fhocal fìrinneach, 
Ghrad-fhàilnichinn is gheibhinn bàs 
A'm' àmhghar iomarcach. 

93 D'iarrtuischa dìchuimhnichmichaoidh j 

Oir bheothaich thu mi leò. 

94 'S leat mi, f òir orm : oir dh'iarr mi fèin 

D'àitheanta fèin gach lò. 

95 Bha luchd na h-aing'eachd furachair 

Ga m' fheitheamh chum mo sgrios ; 
Ach air do theisteas fìrinneach 
Le m' smuaintibh dearcaidh mis'. 



296 SALM CXIX. 

96 Chunnaic mi crioch gach nithe ta 

Sa' bheatha so d' a mheud : 
Ach d'f hocal tha gun tomhas f òs 
Aig farsaingeachd is leud. 

MEM. 

97 Cia ionmhuinn leam do lagh-sa Dhè ! 

Mo smuainteach' e gach là. 

98 Thar m'eascar thug thu gliocas dhomh 

Le d' reachd ; ta leam do ghnàth. 

99 Is tuigsich mi na'n aitim ud 

Thug teagasg dhomh gu lèir ; 
Bhrìgh gur ann air do theisteas naomh 
Taim smuaineachadh gu geur. 

100 Taim tuigseach eagnaidh fòs os ceann 

Gach seanair anns an tìr : 
Air son gun choimhdeadh leam gu 
Iarrtuis do reachd gu fìor. [beachd 

101 Phill mi mo chos ròd gach uilc ; 

Gu'n coimhdinn d'fhocal ceart. 

102 Nior chlaon mi fòs d' bhreitheanais ; 

Oir theagaisgeadh mi leat. 

103 Le m' bhlas cia milis, O mo Dhia, 

Do bhriathra ceart gu lèir ! 
Do m' chàirean 's mìlse iad gu mòr 



fc>" 



Na mil air feadh mo bhèil. 



SALM CXIX. 297 

104 Trìd (Tàitheanta taim faghail fòs 

Tuigs' agus eòlais mhaith ; 

Ts uime sin 's ro-fhuathach leam 

Gach slighe cham air bith. 

NUN. 

105 Is lòchran d'fhocal fèin do m' chois ; 

Solus do m' cheum gu beachd. 

106 Do mhionnaich mi, is niom d'a rèir : 

Gu choimhdinn fèin do reachd. 

107 Tha mis' an trioblaid iomarcaich ; 

O Thighearna nam feart : 
Do rèir an fhocail labhair thu, 
Ath-bheothaich mi le d' neart. 

108 Gabh uamgu taitneach (guidheam ort) 

Ofrail mo bhèil a nis, 
A bheiream dhuit gu toileach saor ; 
Stiùir mi a'd' bhreitheanais.[ghnàth : 

109 Tha m'anam bochd a'm' làimh do 

Ach chuimhnich mi do reachd. 

110 Leag droch-dhaoin' romham lion ; 
Niorchlaon d'iarrtus ceart.[gidheadh 

111 Do theisteis fhior do ghabh mi fèin 

Mar m'oighreachd bhuan am feasd 
Oir 's iad a bheir do m'chridhe leònt' 
Subhachas mòr gun cheist. 



298 SALM CXIX. 

112 Dh'aom mi mo chridhe fòs a chum, 
Gu deanta leam do ghnàth, 
Do statuin cheart a chur an gniomh, 
Nis is a rìs gu bràth. 



SAMECH. 



113 Is fuath leam smuainte dìomhanach : 

Do d? reachd ach thug mi gràdh. 

114 'S tu m' ionad-foluich, 's tu mo sgiath : 

As d'fhocal m' earbsa ta. 

115 O sibhs' a chleachd bhi deanamh uilc, 

Imichibh uam a nis : 
Oir àitheanta mo Thighearna 
Le cùram coimhdidh mis\ 

116 Rèir d'fhocail dean mo chumail suas, 

A chum gu mairinn beò : 

'S na leig fo nàire mi, fa chùis 

Mo dhòchais fèin gach lò. 

117 Neartaich mi, 's tearnaidh mise slàn : 

Sior-dhearcam air do reachd. 

118 Shaltair thu air na chlaon à' lagh : 

Oir ^s breug am feall gu beachd. 

119 Mar shal droch-mhiotail tilgear uait 

Gach daoi air thalamh ta ; 
Is uime sin ^s ro-chaomh leam fèin 
Teisteis do bhèil a ghnàth. 



SALM CXIX. 299 

120 Do chriothnaich m'f heòil fa'n eagal ud 

A ghabh mi romhad fèin ; 
Is lionadh mi le uamhimn fòs, 
Fa d' bhreitheanais gu lèir. 

AIN. 

121 Rinn mi breth chothromach ; na fag 

Fo iochd luchd m' fhòirneirt mi. 

122 O neartaich d'òglach fèin sa' mhaith ; 

Na leig luchd-buirb do m' chlaoidh. 

123 Mo shùilean tha air fàilneachadh 

Feitheamh do shlàinte, Dhè ; 
'S a' feitheamh gus an coimhlionar 
Deadh bhriathar ceart do bhèil. 

124 Ri d'òglach buin a rèir do ghràis, 

Seòl dhomh do lagh gu beachd. 

125 'S mi d'òglach, tabhair eòlas domh, 

Gu'n tuiginn fèin do reachd. 

126 'Smithich dhuitgnìomhathaisbeanadh, 

A Dhè Iehobhah thrèin : 
Oir sgaoileadh agus bhristeadh leò 
D'àitheanta naomh gu lèir. 

127 Fa'n aobhar ud, O Thighearna, 

Gu dearbh is ionmhuinn leam 
D'àitheanta fèin os ceann an òir, 
An òir a's fearr a t'ann. 



300 SALM CXIX. 

128 Measam d'uiP-iarrtuis uime sin 
Bhi anns gach aon ni ceart ; 
Is fuathach fòs le m' chridhe fèin 
Gach slighe bhrèig' gu beachd. 



PE. 



129 Tha d'fhocal is do theisteis fèin, 

A Dhè, ro-iongantach : 
Air 'n aobhar sin ni m'anam bochd 
'N coimhead gu cùramach. 

130 Bheirtionnsgnadhd'fhocailsolusmaith 

Ri dol a stigh 'na phàirt ; 
Do dhaoinibh simplidh aineolach 
Do bheir e eòlas àrd. 

131 Gu farsaing dh'fhosgail mi mo bheul, 

A' ploscartaich gu mòr ; 
Fa mheud mo thoil do d'àitheantaibh 
Bhiom muladach gu leòr. 

132 Seall agus amhairc orm, a Dhia, 

Dean tròcair orm gu caomh ; 
Mar rinneadh leat a ghnàth do'n dream 
Le'm b'ionmhuinn d'ainm ro-naomh. 

133 Peacadli na biodh an uachdar orm : 

A'd' fhocal stiùir mo cheum. 

134 O fhoirneart dhaoine teasairg mi : 

Is coimhdeam d'iarrtuis fèin. 



SALM CXIX. 301 

135 Dealradh do ghnùis air d'òglach tog : 

Seòl dhomh do statuin cheart. 

1 36 Ruith srutha dheur o m' shùilibh f òs ; 

Air bristeadh leo do reachd. 



TSADDI. 

137 *S ro-chothromach thu fèin, a Dhè, 

'S is dìreach rèidh do bhreth. 

138 Do theisteis dh'àithn thu dhuinn a ta 

Ro-thairis ceart gach leth. 

139 Do rinn mo ghràdh is m^eud ro-mhòr 

Mo chaitheadh roimhe chèiP : 
Do bhrìgh gu 'n dhearmaid m'eascairde 
Deadh bhriathra ceart do bhèil. 

140 'S ro-f hior-ghlan d'fhocal : uime sin 

'$ ionmhuinn le d'òglach e. 

141 Taimsuarachbeag, gidheadh do reachd 

Air di-clluimhn , nior leig mi. 

142 Do cheartas fèin is ceartas e 

Ta siorruidh buan gu bràth; 
Is amhluidh sin do lagh ro-cheart 
'Na f hìrinn ghloin a ta. 

143 Ghlac trioblaid mi, is dh'amais orm 

Teinn agus àmhghar geur ; 
Gidheadh a ta mo thlachd gu mòr 
A" à' àitheantaibh gu lèir. 
c c 



302 SALM CXIX. 

144 Ceartas do theisteis fèin, a Dhè, 
Tha siorruidh buan gun cheist : 
Deadh-thuigse tabhair thusa dhomh, 
Is bitheam beò am feasd. 



KOPH. 



145 Ghlaodh mi le m' uile chridh' : a Dhè, 

Eisd, *s coimhdidh mi do reaehd. 

146 Do eigheam riut, fòir orm; 's an sin 

Coimhdeam do theist gu beachd. 

147 Do thionnsgain mi roimh 'n scarthan- 

Is ghlaodh mi riutsa, Dhè ; [aich, 
Oir tha mo dhòchas bunaiteach 
A* d' f hocal daingean fèin. 

148 Mo shùilean tha ni's furachair 

Na forair' theann na h-oidhch' : 
A chum gu bithinn smuaineachadh 
Air d'fhocal fèin a chaoidh. 

149 A rèir do chaoimhneis thròcaireich 

Eisd fèin ri m' ghuth a nis: 
Do rèir do bhreitheanais ro-mhòir, 
Iehobhah beothaich mis\ 

150 Luchd leanmhuinn uilc tha teannadh 
A ta iad fad o d' reachd. [orm : 

151 Dhè, tha thu 'm fagus : agus tha 

D'uil' iarrtuis fior is ceart. 



SALM CXIX. 303 

152 Fa thimchioll fòs do theisteis naoimh, 
O thoiseach b'fhiosrach mi, 
Gu d'rinneadh leat an socrachadh 
A cbum bhi buan gach rè. 



REbH. 



153 Amhairc, a Dhè, air m'àmhghar goirt, 

Is fuasgail orm a'm' fheum : 
Fa'n aobhar nach do dhearmaid mi 
An reachd a dh'àithn thu fèin. 

154 Tagair mo chùis, is fuasgail orm : 

Rèir d'fhocail cum mi beò. 

155 5 S fad slàint' o dhroch-dhaoinibh : air 

Do reachd nach iarrar leo. [son 

156 y S ro-lionmhor mòr dothròcair chaomh, 

O Thighearn is a Dhè : 
A rèir do bhreitheanais ro-cheirt 
Dean beothail ealamh mi. 

157 'S lionmhor luchd leanmhuinn orman 

Is m'eascairde faraon ; [tòir, 

Ach mis' o d' theisteas firinneach, 
Cha deach' air seach'ran claon. 

158 Chunnaic mi peacaich, chràdh sud mi, 

Do reachd oir bhristeadh leo. 

159 Feuch mar is ionmhuinn leam do lagh, 

AM' chaoimhneas cum mi beò. 
c c °2 



304 SALM CXIX. 

160 A Thighearna tha d'fhocal fèin 

O thoiseach daingean fior : 
Is tha do bhreitheanais air fad 
Ceart agus buan gu sìor. 

SCHIN. 

161 Bha prionnsa làidir orm an tòir ; 

Gun aobhar no cion-f à ; 
Ach air mo chridh' tha eagal mòr 
Roimh d'fhocal fèin do ghnàth. 

162 Tha aiteas orm ri d'fhocal maith, 

Mar neach fhuair creach gun tòir. 

163 'S oillteil 's is fuath leam breug ; ach 

Mi gràdh do d' lagh gu mòr. [thug 

164 A taim a' tabhairt molaidh dhuit 

Seachd uairean gach aon là, 

Air son do bhreitheanais gu lèir 

Ta ceart, a Dhè, gu bràth. 

165 'S mòr sìth na muinntir ud a ta 

A' tabhairt gràidh do d' reachd ; 
Cha'n èirich tuisleadh idir dhoibh, 
No oilbheum fòs gu beachd. 

166 Ri d\shlàinte dh'fheith mi fèin, a Dhè, 

Coimhdeam do reachd air chòir. 

1 67 Do theisteis choimhid m'anam fèin ; 

'S ionmhuinn leam iad gu mòr. 



SALM CXIX. 305 

168 Do theisteis agus d'àitheanta ; 

Do clioimhdeadh leam do ghnàth : 
Oir tha mo shligheanna gu lèir 
Fa d' chomhair fèin gach là. 



TAU. 



169 Tliigeadh mo ghlaodh am fagus duit, 

A' d' f hianuis fèin, a Dhè : 
Is fòs rèir d'fhocail fhirinnich 
Dean tuigseacli eòlach mi. 

170 A'd' làthair thigeadh m' athchuinge, 

Rèir d'fhocail ormsa fòir. 

171 Air teagasg dhuit do statuin dhomh, 

Mo bheul bheir dhuitsa glòir. 

172 Labhraidh mo theang' air d'fhocal fior : 

Oir tha d'uil' iarrtuis ceart. 

173 Deanadh do làmh-sa comhnadh Ieam 

Oir ròghnaich mi do reachd. 

174 Ag feitheamh air do shlàinte, Dhè, 

Bhiom fèin gu tuirseach trom : 
Is mar an ceudna tha do reachd 
Ro-thlachdmhor ciatach leam. 

175 Deònuich do m'anam bochd bhi beò, 

Is dhuitsa bheir e glòir : 
Is deanadh do cheart-bhreitheanais 
Deadh-chòmhnadh dhomh le fòir. 
c c 3 



306 SALM CXXI. 

I76 Do chaidh mi fèin air seacharan 
Mar chaoraich chaillte thruaigh : 
Iarr d'òglach : oir cha d' leig do d' 
Dol as mo chuimhne uam. [reachd 

SALM CXX. 

1 A'm' èigin ghlaodh mi suas ri Dia, 

Is dh' èisd e rium gach rè, 

2 O'n teangaidh chealgaich, m'anam saor; 

'S bheul nam breug, a Dhè. 

3 Ciod bheirear dhuit, no nithear ort, 



A theangadh làn do ghò 



p 



4 Mar shaighde laoich, *s iad geuraichte, 

Mar eibhlibh aiteil beò. 

5 Mo thruaighe mi, gu bheil mo chuairt 

Am Mesech ; is mo thàmh 
Am bùthaibh Chedair choigrich bhuirb, 
Gu muladach gun dàimh. 

6 Rinn m'anam còmhnuidh fhada fòs 

Le neach thug fuath do shìth, 

7 Gu cogadh tha iad togarach ; 

Air sìth ^n trà labhras mi. 

SALM CXXI. 

1 MkP shùile togam suas a chum 
Nam beann, o'n tig mo neart. 



SALM CXXII. 307 

2 O'n Dia rinn talamh agus nèamh, 

Tha m'fhurtachd uile teachd. 

3 Cha leig do d' chois air chòir air bitli 

Gu'n sleamhnuich i gu bràth ; 

Tàmh-neul cha tig sin air an neach 

'S fear-coimhid ort do ghnàth. 

4 Feuch, air fear-coimhid Israeil, 

Codal cha'n aom no suain : 

5 'S e Dia d'fhear-coimhid ; 's e do sgàil 

Air do làimh dheis gu buan. 

6 A' ghrian cha bhuail i thu san là, 

No 'ghealach f òs san oidhch'. 

7 Ni Dia do choimhead o gach olc ; 

Ni d'anam dhìon a chaoidh. 

8 Do dhol a mach, 's do theachd a steach 

Coimhididh Dia do ghnàth ; 
O'n aimsir so a nis a t'ann, 
'S o sin a mach gu bràth. 

SALM CXXIL 

1 Ijha aoibhneas orm trà thubhairt iad, 

Gu tigh Dhè thèid sinn suas. 

2 A'd' dhorsaibh, O Ierusalem, 

Ar cosa seasaidh fòs. 

3 Ierusalem mar chaithir i, 

Thogadh gu dìleas dlùth. 



308 SALM CXXIIL 

4 D'an tèid na treubhan suas gu lèir, 

'S iad treubhan Dhè nan dùl. 

Gu teisteas Israeil, do chum 
Ainm Dhè gu moladh iad. 

5 Oir caithrichean chum breth tha'n sin ; 

'S le teaghlach Dhaibhidh iad. 

6 Sior-ghuidhibh do Ierusalem 

Sith-shàimh is sonas mòr : 
A' mhuinntir sin le'n ionmhuinn thu 
Soirbhichidh iad gu leòr* 

7 An taobh a stigh do d' bhallaibh fèin 

Biodh sìth is sonas maith ; 
Deadh-shoirbheas f òs gu robh gu bràth 
A'd' luchairt àird a stigh. 

8 Air sgàth mo bhràithrean's luchd mo 

Dhui t guidheam sìth do ghnàth . [ghaoil ; 

9 Air sgàth tigh naomh ar Tighearn Dia, 

Iarram do leas gu bràth. 

SALM CXXIIL 

1 M" o shùile togam riutsa ta 

'N còmhnuidh air nèamh nan speur, 

2 Feuch, mar tha sùil nan seirbhiseach 

Air làimh am maighstir fèin ; 
'S mar shùile banoglaich air làimh 
A bain-tighearn faraon, 



SALM CXXIV. 309 

Feithidh ar sùil air Dia, gu 'ia dean 
E tròcair oirnn gu caoin. 

3 Dean gràsan oirnn, Iehobhah Dhia, 

Dean gràsan oirnn gu luath ; 
Oir tha sinn air ar lionadh làn 
Do tharcuis is do fhuath. 

4 Le fanoid luchd na seasgaireachd, 

Lionadh ar n-anam bochd ; 
'S le spìd na muinntir ud a ta 
Làn àrdain is an-iochd. 

SALM CXXIV. 

1 Nis abradh Israel gu fior, 

Mur biodh Iehobhah leinn : 

2 Mur biodh Iehobhah as ar leth, 

Trà dh'èirich daoine ruinn ; 

3 'N sin dheanta leo ar slugadh beò, 

'N trà las an corruich ruinn. 

4 Is ruitheadh tharuinn tuilte bras, 

Sruth làidir thar ar ceann. 

5 *N sin rachadh thar ar n-anma bochd, 

Na tuiltean àrd gu lèir. 

6 Moladh do Dhia, nach tug e sinn 

Mar chreich d'am fiaclaibh geur. 

7 Mar eun à lion an eunadair, 

Ar n-anma truagh chaidh as : 



SIO SALM CXXV. 

Bhristeadh an lìon is sgaoileadh e, 
Is shaoradh sinn gu cas. 

8 Ar còmhnadh ta 's ar cuideachadh 
An ainm Iehobhah thrèin : 
An neach a rinn an talamh bhos, 
'S a chruthaicb nèamh nan speur. 

SALM CXXV. 

1 I ha'n dream ni dòchas ann an Dia 

Mar shliabh Shioin a ghnàth, 
Nach feudar fòs a charuchadh, 
Ach mhaireas ann gu bràth. 

2 Ceart mar a ta na beannta tric 

Timchioll lerusaleim, 
Tha Dia mar sin, o nis gu sìor, 
Timchioll a phobuill fèin. 

3 Oir slat luchd uilc cha ghabh i tàmh 

Air chrann nan daoine còir ; 
Eagal gu sìn na fireanaich 
An làmh gu peacadh niòr. 

4 An aitim ud tha maith, a Dhè, 

Do mhaitheas pairtich leò : 
Is leis an dream tha treibhdhireach 
'S 'nan cridhe ta gun ghò. 

5 Ach iadsan uile thèid a thaoibh 

D'an slighibh claon le chèiP, 



SALM CXXVL 311 

Iomainidh Dia le luchd an uilc : 
'S bidh sìth air Israel. 

SALM CXXVI. 

1 'N tra thug Iehobhah air a h-ais 

Bruid Shioin, b' ionann sinn 
As daoine chunnaic aisling mhòr, 
'S a mhosgail as an suain. 

2 Lionadh ar beul le gàir an sin, 

'S ar teangadh fòs le ceòl ; 
Am measg nan cinneach thubhairt iad, 
Rinn Dia dhoibh bearta mòr. 

3 Rinn Dia mòr-bhearta air ar son, 

Chuir oirnne gairdeachas : 

4 Iehobhah, pill ar bruid a rìs, 

Mar shruth san àirde deas. 

5 Iadsan a chuir gu deurach siol, 

Gu subhach ni iad buain. 

6 An neach gu curachd thèid a mach 

Le siol ro-phrìseil caoin, 

Air bhith dha gul gu muladach 
'G a iomchar sud gu fonn, 

Le h-aiteas pillidh e gu dearbh, 
A' giùlan sguaba trom. 



312 SALM CXXVII. 

1 Mur tog Iehobhah fèin an tigh, 

Tha luchd na togail faoin ; 
Mur glèidh -Iehobhah 'm baile fòs, 
Chaill luchd na faire 'n saoth'r. 

2 Dhuibh 's diomhain bhi ri moch-èiridh, 

San oidhch' ri caithris bhuain, 
Bhi 'g itheadh arain bròin ; mar sin 
D'a sheircin bheir e suain. 

3 'S e Dia bheir toradh bronn mar dhuais : 

Mar oighreachd bheir e clann. 

4 Bidh mic na h-òig' mar shaighde geur, 

'N làimh ghaisgich thrèin gach àm. 

5 'S bu nèarachd fear 'gam bi dhiubh sud 

A ghlac 's a dhorlach làn ; 
Gun ruthadh labhraidh iad sa 5 phort 
Ri 'n naimhdibh olc gu dàn. 

SALM CXXVIIL 

1 'S beannaicht' gach aon neach air am 

Eagal Iehobhah mhòir ; [bheil 

Is ann an slighibh fior-glilan Dè 
Stiùireas a cheum air chòir. 

2 Oir toradh gniomh do làmha fèin 

Ithidh tu e gu h-ait : 
Beannaichear thu gu mòr mar sin, 
'S bidh sonas ort gu pailt. 



SALM CXXIX. 313 

3 Mar fhionain tharbhaich bidh do bhean 

'N taobh stigh do d'fhàrdaich fèin ; 
Do chlann marphlàntaibh ol-chroinnùir 
Timchioll do bhùird gu lèir. 

4 Feuch, 's amhluidh sin a bheannaichear 

An neach d'an eagal Dia. 

5 A Sion gheibh thu beannachadh, 

Is sonas pailt o'n Triath ; 

Is chi thu maith Ierusaleim 
Rè fad do laith' gu lèir. 

6 Is clann do chloinne chi thu f òs ; 

Is sìth air Israel. 

SALM CXXIX. 

1 Bu tric a chràdh iad mi o m' òig', 

(Deir Israel gu truagh :) 

2 O m' òige chràdh iad mi gu tric, 

Gidheadh cha d' thug iad buaidh. 

3 Threabh an luchd-treabhaidh air mo 

Tharruing iad claisean fad. [dhruim ; 

4 Ach bhrist lehobhah ceart-bhreitheach 

Cordan nan daoi gu grad. 

5 Air naimhdibh Shioin gu robh nàir', 

'S rachadh air cùl gu luath ; 

6 Mar fheur air mullach tighe fàs, 

A chaill a bhlàth ffun bhuain. 



314 SALM CXXX. 

7 Ni leis nach lionar glac an f hir 

A bhios gu tric a' buain : 

Is leis nach lionar sgiath an ti, 

A bhios ri ceangal sguab. 

8 Ni mò their luchd an rathaid riu, 

Gu robh oirbh beannachd Dhè ; 
Ach sinne tha 'gar beannachadh, 
An ainm Iehobhah thrèin. 

SALM CXXX. 

iO'n doimhne, O Iehobhah Dhè, 
Do ghlaodh mi riutsa suas. 

2 Dhia, èisd ri m' ghuth gu furachair j 

'S ri m'urnuigh crom do chluas. 

3 Ma chomhraichear leat aingidheachd,, 

A Dhè, cò sheasas riut ? 

4 Ach agadsa ta iochd : a chum 

Gu striochdt' a*d* eagal duit. 

5 Ili Dia tha mis' a' feitheamh, fòs- 

Tha m'anam feitheamh ris ; 
5 S *na fhocal naomba firinneach 
Mo dhòchas cuiridh mis\ 

6 Tha m r anam bochd ni r s furachair 

A r feitheamh Dhè do ghnàth, 
Na bhios luchd faire maidne fòs 
Ri sgarachdain nan tràth : 



SAJLM CXXXI. 315 

Ni 's furachair, a deiream fòs, 

'G a fheitheamh-san gun ghò, 
Na bhios luchd-faire anns an oidhch' 
Ri teachd a steach do'n lò. 

7 Biodh dòchas Israeil an Dia : 

Oir tha a thròcair mòr ; 
'S ann aig an Tighearna gu beachd, 
Tha fuasgladh paillt gu leòir. 

8 Is bheir e fèin gun cheist air bith 

D'a phobull Israel, 
Làn-shaoradh aoris fuasoladh o;lan 
O'n aino;idheachd gu lèir. 

SALM CXXXI. 

1 Mo chridhe cha 'n'eil àrdanaeh, 

Xo f òs mo shùil, a Dhè ; 
Nior ghluais mi ann an cùisibh mòr, 
A's àirde na mi fèin. 

2 Gu dearbh, mar naoidhean chaidh o'n 

Bha mi gu sèimha'm' thosd :[chìch, 
Mar naoidhean chaidh o chìch a mhàth'r, 
Is amhluidh m'anam bochd. 

3 Biodh dòchas maith aig Israel 

An Dia Iehobhah treun, 
O'n aimsir so a nis a t'ann, 
'S air feadh gach linn an cèin. 
d d 2 



316 SALM CXXXII. 

1 A.IR Daibhidh deansa cuimhn', a Dhè, 

'S air uile àmhghar geur : 

2 Mar thug e mionn' do Dhia, is bòid 

Do Dhia ud Iacob treun. 

3 Do m'thigh cha tèid mi fèin a steach, 

No air mo leabaidh suas : 

4 Do m' shùilibh tàmh cha tabhair mi, 

No fòs do m' rosgaibh suain. 

5 Gu ruig an uair am faigheam àit 

Do Dhia Iehobhah treun, 
Is ionad-còmhnuidh bunaiteach 
Do Dhia ud Iacob fèin. 

6 Feuch, ann an criochaibh Ephrata, 

Do chuala sinn an sgeul ; 
Air machairibh nan coillteach dlùth 
Fhuair sinn e mar an ceudn\ 

7 Aig stol a choise sleuchdaidh sinn, 

An àros Dhia nam feart. 

8 Eirich, a Dhè, gu d'ionad tàimh ; 

Thu fèin is àirc do neirt. 

9 Sgeudaicht' gu robh do shagairt-sa 

Do ghnàth le h-ionracas ; 
Is deanadh do luchd-muinntir naomh 
Gun tàmh ùr-ghàirdeachas. 

10 Air sgàth d'fhior-òglaich dhìleis fèin, 
Daibhidh d'an d'thug thu buaidh. 



SALM CXXXII. 317 

Aghaidh an ti do ungadh leat, 
Na cuir air h-ais gu truagh. 

1 1 Do Dhaibhidh mhionnaich Dia gu fior, 

'S cha phill e uaith' am feasd, 
A'd' chaithir-rìoghail cuiridh mi 
D'iarmad 's do shliochd gun cheist. 

12 Ma ni do chlann mo choimhcheangal 

A choimhead, is mo reachd, 
An teist a ni mi theagasg dhoibh, 

Ma chumar leo gu ceart : 
An sliochd-san suidhidh mar an ceudn' 

A'd' chaithir righ, gu bràth. 

13 Oir mhiannaich agus ròghnaich Dia 

Sion mar ionad tàimh. 

14 'S i so mo thàmh 's mo shuaimhneas fòs 

Gu suthainn is gu sìor : 
An so do dheanam fàrdach dhomf*, 
Oir 's i mo mhiann gu fior. 

15 Mor-bheannaicheam a stòr gu pailt : 

Diolam a bochd le lòn. 

16 Le slàint' a sagairt eudaicheam, 

'S a naoimh ni iolach mhòr. 

17 Bheiream an sin gu h-ùrar glas 

Air adhairc Dhaibhidh f às : 
Is lòchran dh 3 orduich mi do 'n ti 
A dh 5 ungadh leam tre ghràis. 

D(13 



318 SALM CXXXIV. 

18 Cuairtichidh mi a naimhde-san 
Le nàir' is ruthadh gruaidh : 
Ach air-san bidh a choron fèin 
A' fas le h-ioinadh buaidh. 

SALM CXXXIII. 

1 O feuch, cia meud am maith a nis, 

Cia meud an tlachd faraon, 
Bràithreanabhi'nan còmhnuidh ghnàth 
An sìth 's an ceangal caoin. 

2 Mar oladh phrìseil air a' cheann, 

Ruith air an fheusaig sìos, 
'S i feusag Aaroin, agus shruth 
Gu iomall' eudaich rìs. 

3 MardhealtairHermon/smar an drùchd 

Air slèibhtibh Shioin shuas : 
'N sin dh'orduich Dia am beannachadh, 
A' bheatha shiorruidh bhuan, 

SALM CXXXIV. 

1 O Oglacha Iehobhah mhòir, 

Beannaichibh Dia a chaoidh ; 
Sibhse le 'n gnàth bhi 'n àros Dè 
'Nur seasamh feadh na h-oidhch\ 

2 'Na theampull togaibh suas 'ur làmh, 

Beannaichibh Dia nam feart. 



SALM CXXXV. 319 

3 Beannaicheadh Dia à Sion thu, 

Rinn nèamh is làr le neart. 

SALM CXXXV. 

1 Molaibhse Dia, àrd-mholaibh fòs 

Deadh-ainm Iehobhah thrèin, 
Is thugaibh cliù is moladh dha, 
Oglacha Dhè gu lèir. 

2 O sibhse ta 'nur seasamh fòs 

An tigh Iehobhah mhòir, 
An cùirtibh àluinn tigh' ar Dia, 
Molaibh e mar is còir. 

S Molaibh an Tighearna, do bhrìgh 
Gu bheil e maith gach rè : 
D'a ainm-san seinnibh moladh ait, 
Oir 's ni ro-thlachdmhor e. 

4 Oir Iacob fòs do ròghnaich Dia 

'Na thròcair mhòr dha fèin : 
Dha fèin mar ionmhas is mar sheilbh, 
Do thagh e Israel. 

5 Oir 's fiosrach mi 's is deimhin leam 

Gu bheil lehobhah mòr, 
Gu bheil ar Tighearna faraon 
Os ceann gach dia an glòir. 

6 Goch ni air bith bu mhiannach leis, 

Rinn Dia an nèamh nan speur j 



320 SALM CXXXV. 

'S alr talamh, 's anns na cuantaibh mòr, 
'S na doimhneaehdaibh gu lèir. 

7 Bheir esan air a' cheò dol suas 

O chrìch na talmhainn shìos, 
Uisge ni e le dealanaich ; 
Gaoth as a stòr gun dìth. 

8 Gach ceud-ghin a bha anns an Eiph't 

Do bhuaileadh leis gu trom ; 
Do dhuine 's ainmhidh anns gach àit, 
Ag imeachd bha air fonn. 

9 O'n Eiphit, chuir e comhara, 

Is mìorbhuile le chèiP, 
A'd' bhuilsgean-sa ; air Pharaoh fòs 

'S air òglachaibh gu ]èir. 
10 Na cinnich lìonmhor chlaoidheadh leis : 

Mharbh rìghrean cumhachdach. 
1 i Do mharbhadh Og righ Bhàsain leis, 

Sihon righ Amorach : 

Gach uile rìoghachd mar an ceudn', 

Cia h-iomadh ta iad ann, 
Lom-sgriosadh agus mhilleadh leis, 

D'an robh an tìr Chanaain : 
12 Am fonn 's am fearann sud air fad, 

Mar oighreachd thiodhlaic e ; 
Mar oighreachd do chloinn Israeil, 

A phobull dìleas fèin. 



SALM CXXXV. 321 

13 Tha d'ainm, a Thighearna nam feart, 

Buan-mhaireannach do ghnàth ; 
Tha d'iomradh buan airchuimhne, Dhè, 
O linn gu linn gu bràth. 

14 Oir air a phobull fèin ni Dia 

Ceart bhreitheanas gu beachd : 
Is gabhaidh esan aithreachas 
M'a òglachaibh le iochd. 

15 Iodhail nan cinneach tha do'n òr, 

'S do'n airgiod ghlas faraon ; 
Is cha 'n'eil annt' ach dìomhanas 
Rinneadh le làmhaibh dhaoin'. 
15 Tha beul ae', is gun chomhradh ann ; 
Is sùilean, leis nach lèir. 

17 Tha cluasan ac', 's cha chluinn iad leo; 

Gun anail fòs 'nam beul. 

18 A' mhuinntir tha 'gan deanamh sud, 

Taid fèin ro-chosmhuil riu ; 
Is amhluidh ta gach uile neach 
A chuireas annt' a dhòigh. 

19 O beannaichibh Iehobhah mòr, 

A theaghlach Israeil ; 
'S a theaghlach Aaroin, beannaichibh 
An Tighearna le chèil'. 

20 O theaghlach Leblii, beannaichibh 

Is thugaibh cliu do Dhia : 



322 SALM CXXXVI. 

Sibhse d'an eagal Dia faraon, 
Mòr-bheannaichibh an Triath. 
21 A Sion beannaicht' gu robh Dia, 
'Gam bheil a chòmhnuidh bhuan 

An caithir naomh Ierusaleim. 
Molaibhse Dia gach uair. 

SALM CXXXVI. 

1 O Thugaibh buidheachas do Dhia, 

Do bhrìgh gur sàr-mhaith e ; 
Air son gu mair a thròcair chaomh, 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

2 Thugaibh do Dhia nan uile dhia 

Mòr-bhuidheachas le clièil' : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

S Thugaibh do Thriath nan uile thriath 
Mòr-bhuidheachas gu lèir ; 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

4 Do'n Ti 'na aonar f òs a rinn 

Mòr-mhìorbhuile gu treun : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

5 Do'n Ti le gliocas iongantach 

A chruthaich nèamh nan speur; 



SALM CXXXVL 323 

Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

6 Do'n Ti a shìn air uachdar tuinn 

An talamh trom gu lèir : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

7 Do'n Ti a rinn na soluis mhòr 

Ta soillseachadh nan speur : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

8 A' ghrian gu h-uachdranachd san là, 

Chum dhuinne gu bu lèir : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

9 A' ghealach is na reulta glan 

A 5 riaghladh oidhch' le chèiP : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

10 Do'n Ti rinn bualadh trom san Eiph't 

Air eeud-ghin dhaoin' is sprèidh ; 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

1 1 Thug as am builsgean-san a mach 

A phobull Israel : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gàeh rè. 



324 SALM CXXXVI. 

12 Le neart a ghàirdein sìnte mach, 

'S le làimh a ta ro-threun : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gacli rè. 

13 Do'n Ti a sgoilt an fhairge ruadh, 

'Na roinnibh as a chèil' : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

14 Is troimh a meadhon stiùradh leis 

Gu tèaruint' Israel : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

15 San fhairge ruaidh do sgriosadh leis 

Pharaoh 's a shluagh gu lèir : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

16 Do'n Ti sin trid nam fàsaiche 

A stiùir a mhuinntir fèin : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

17 Dhasan a bhuail 's a lot gu trom 

Na rìghrean làidir treun : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

18 Is rìghrean uasal iomraiteach, 

Mharbh e le 'ghàirdean fèin : 



SALM CXXXVI. 325 

Air son gu mair a thròcair cliaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè : 

19 'Nam measg bha righ nan Amorach, 

Seadh Sihon calma gleust' : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè : 

20 Is Og air Basan bha 'na righ, 

1 Do mharbh is chasgair e ; 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

21 Is thug e fòs mar oighreachd bhuain 

Am fearann-san gu lèir : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

22 An oighreachd thug do Israel, 

'Oglach ro dhìleas fèin: 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

23 Neach, air bhi dhuinn ro-iosal truagh, 

A chuimhnich oirnn 'nar feum : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

24 Gu sàbhailt' bhuin e sinn a mach 

O neart ar naimhde treun : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 
E e 



326 SALM CXXXVII. 

25 Tha tahhairt beatha do gach feòil, 

Is lòin do'n uile chrè : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

26 O thugaibh moladh agus cliu 

Do Dhia nan nèamh 's nan speur : 
Air son gu mair a thròcair chaomh 
Gu siorruidh feadh gach rè. 

SALM CXXXVIL 

1 Aig sruthaibh coimheach Bhàbiloin, 

Shuidh sinn gu brònach bochd ; 
An sin air Sion chuimhnich sinn, 
Is ghuileadh leinn gu goirt. 

2 Air gheugaibh seilich chrochadh leinn 

Ar clàrsaichean an sin : 

3 Oir iadsan a rirm braighde dhinn 

Dh'iarr òran oirnn is gean : 

Seadh iadsan le'n do chreachadh sinn 
Dh'iarr luaghair' oirnn is ceòl ; 

Seinnibh do laoidhibh Shioin duinn, 
(Ars' iadsan) mar bu nòs. 

4 An dùthaich chèin an urrainn sinn 

Oran lehobhah sheinn ? 

5 Ierusalem mur cuimhnich mi, 

Ri m' dheis nior lean a seirm ; 



SALM CXXXVIII. 327 

6 Mo theanga leanadh teann ri m 9 ghial, 

Mur cuimhnichear thu leam, 
Mur fearr leam na m'uil' aoibhneas àrd 
Caithir Ierusaleim. 

7 Clann Edoim cuimhnich thusa, Dhè, 

Oir thubhairt iad le tàir, 
An làithibh truagh Ierusaleim, 
Leag, leag i, sios gu làr. 

8 O nighean uaibhreach Bhàbiloin, 

A dh'f hàsaichear gu lèir : 
Bu nèarachd neach, mar rinn thu oirnn, 
A dhìolas dhuit d'a rèir. 

9 Bu nèarachd neach a ghlacas f òs 

Do mhaoth-chlann bheaga thruagh, 
'S a phronnas iad gun acarachd, 
Ri clachaibh tuinnidh cruaidh. 

SALM CXXXVIIL 

1 Le m'uile chridh > àrd-mholam thu, 

Ard-mholam thu gu caomh. 

2 'N làthair nan dia. Is sleuchdam dhuit, 

M'aghaidh ri d'theampull naomh, 
Is molam d'ainm, bhrìgh d'f hìrinn cheairt, 
'S do chaoimhneis ghràdhaich fèin : 
Oir d'fhocal fior-ghlan dh'àrdaich thu, 
Os ceann d'uiP ainm gu lèir. 
e e 2 



328 SALM CXXXVIII. 

8 San là a ghlaodh mi riut, a Dhè, 
Fhreagair thu mi gu luath : 
Is thug thu spionnadh dhomh gu leòir, 
Le treòir, a'm' anam truagh. 

4 Bheir rìghre mòr na cruinne dhuit, 

Ard-mholadh binn gu lèir, 
San uair an cluinnear leo, a Dhia, 
Deadh bhriathra glan do bhèil. 

5 An slighibh fòs Iehobhah mhòir 

Seinnidh iad ceòl gu h-ait ; 
Air son gur onorach, 's gur àrd 
Glòir àluinn Dhia nam feart. 

6 Ge àrd Iehobhah, seallaidh e 

Air daoinibh umhal còir ; 
Ach 's lèir dha'n dream ud, fad o làimh, 
Tha làn do'n àrdan mhòr. 

7 D'an gluaisinn ann am builsgean fòs 

Na trioblaid mhòir do m' chlaoidh, 
A ta mi fìosrach dòchasach 

Gu beothaich thusa mi : 
An aghaidh corruich mhòir mo namh, 

Do làmh-sa sìnear leat ; 
Is ni aio dheas-làmh ann am fheum 

Mo theasairginn le neart. 

3 Gach ni air bith a bhuineas domh, 
Coimhlionaidh Dia gu treun ; 



SALM CXXXIX. 329 

Is buan do ghràs, a Dhia, gu bràth ; 
Oibre do làmh na trèig. 

SALM CXXXIX. 

lDo rannsaich thu, 's is aithne dhuit 
Mise, Iehobhah thrèin. 

2 Mo shuidh', is m* èiridh 's aithne dhuit 

'S lèir dhuit mo smuain an cèin. 

3 Mo cheuma is mo luidhe sios, 

Do chuairtich thu gu dlùth ; 

Is air mo shlighibh fèin gu lèir, 

'S geur fhiosrach eòlach thu. 

4 Feuch cha 'n 'eil focal mòr no beag; 

No uirgill ann am bheul, 
Mu'n labhram iad, a Dhia nam feart, 
Nach aithne dhuit gu lèir. 

5 Do chuairtich thu mi air gach taobh, 

Romham faraon 's am dhèigh ; 
Do làmh ta neartmhor cumhachdach 
Do leag thu orm, a Dhè. 

6 Tha 'n t-eòlas so ro iongantach, 

Is ormsa tha e cruaidh ; 
Cha ruig mi air, or tha e àrd 
R' a thuigsinn is r'a luaidh. 

7 Cia ^n t-àit air bith am feud mi dol 

O d' spiorad glic, a Dhè ? 
■ e e 3 



330 SALM CXXXIX. 

O cP ghnùis tha uile-lèirsinneach 
Cia 'n taobh a theicheas mi ? 

8 Nan rachainn suas air nèamh nan speur, 

A ta thu fèin an sud ; 
Nan luidhinn ann an ifrinn shìos, 
Tha thu san ionad ud. 

9 Air bharraibh sgiath na maidne fòs 

Nan siùbhlainn fad o làimh ; 
Gu h-iomallaibh na fairge mòir' 
Chum còmhnuidh agus tàimh ; 

10 Stiùraidh tu mi an sin, a Dhè, 

Le d' làimh ta treun an neart ; 
Is nìthear leat mo chumail fòs 

Le d' dheas làimh mhòir gu beachd. 

1 1 Nan abrainn, gu dean dorchadas 

Gu deimhin m'fholach uait ; 
Bhiodh 'n oidhche fèin mar sholus glan 
Ag iadhadh orm mu'n cuairt. 

12 Cha'n fholuich uaitse dorchadas, 

'S co-shoilleir oidhch'.is là ; 
'S ceart-ionann duits' an duibhre dorch 5 
Is solus glan nan trà. 

13 Oir feuch do ghabh thu sealbh gu moch 

Air m'àirnibh is mi maoth ; 
J S ann leat a rinneadh m'fholach fòs 
Am broinn mo mhàthar chaoimh. 



SALM CXXXIX. 331 

14 Ard mholam thu, oir 5 s uamhasach 

'S is mìorbhuileach mo dhealbh : 
Tha d'oibres' iongantach ; 's is lèir 
Do m'anam sin gu dearbh. 

15 Trà rinneadh mi an dìomhaireachd, 

'S a dhealbhadh mi gu ceart 
An àitibh iochdrach talmhainn shìos; 
Bu lèir dhuit brìgh mo neirt. 

16 Mo cheud-chruth an-abuich gun dreach, 

Do d' shùilibh-sa bu lèir ; 
Mo bhuill gu h-iomlan chuireadh sios 

Sgriobht' ann ad leabhar fèin ; 
Gidheadh ri aimsir is ri ùin 

Do dhealbhadh iad san àm ; 
Air bhi dhoibh roimhe sin gun dreach 

'S nach robh a h-aon diubh ann. 

17 5 S ro-phrìseil uime sin, a Dhè, 

Do smuaintes' uile leam ; 
'S ro-lionmhor mòr r'an àireamh iad 
*S r'an cur air cunntas cheann. 

18 Ri 5 n àireamh 's mòr gur lionmhoir iad 

Na gaineamh mhìn na tràigh' : 
Air mosgladh as mo chodal domh, 
Taim rnaille riut do ghnàth. 

19 Marbhar an t-aingidh leat gu beachd, 

O Thighearna ro-thrèin : 



332 SALM CXL. 

A nis, O dhaoine fuileachdach, 
Imichibh uam an cèin. 

20 Oir labhair iad a' d' aghaidh Dhè, 

Le aing'eachd eusaontais; 
Is thug do naimhde mi-runach 
D'ainm naomh an diomhanas. 

21 Nach 'eil mi tabhairt fuath, a Dhia, 

Do'n dream thug dhuitsa fuath ? 
Nach 'eil mi gabhail gràin do'n dream 
A'd'aghaidh dh'èirich suas ? 

22 Fuath iomlan thug mi dhoibhgubeachd : 

Mar naimhde ni'm am meas. 

23 Rannsaich mi, Dhè, mo chridhe faic ; 

Mo smuainte feuch, fionn mis' : 

24 Feuch agus amhairc fèin am bheil 

Slighe aingidh olc aW chlè ; 
Is anns an t-slighe shiorruidh chòir 
Gu dìreach treòraich mi. 

SALM CXL. 

1 O'n droch-dhuin' saor is teasairg mi, 
O Dhia Iehobhah naomh : 
0*ii f hear a ta ri foireigneadh 
Dean dìdean dhomh gu caomh. 

2 Nan cridlie taid a' smuaineachadh 
Air aimhleas mòr gach là ; 



SALM CXL. 333 

Chum catb' is comhraig chruaidh a taid 
Air cruinneachadh do ghnàth. 

3 Mar theanga nathrach, rinneadh leo 

An teanga sgaiteach geur : 
A ta nimh mhillteach nathrach fòs 
Am folach ann am beul. 

4 O làimh nan daoi, gleidh mise, Dhf - 

'S o luchd an fhoirneirt, dìon ; 
Mo cheuman thilgeadh bun os cean; 
'S e sud an rùn 's am miann. 

5 Dh'fholuichna h-uaibhrich ribe dhom \ 

Is corda f òs, do m' sgrios ; 
Ri taobh a J bhealaich sgaoil iad lìon, 
Is leag iad ceap gun fhios. 

6 Ri Dia Iehobhah thubhairt mi, 

'S tu fèin gu beachd mo Dhia : 
Eisd ri guth m' athchuinge a nis, 
O Thighearn is a Thriath. 

7 Is tu a's spionnadh slàinte dhomh, 

Iehobhah Dhia nam flath ; 
Cuir dion is folach air mo cheann 
An aimsir troid is cath'. 

8 Na deònuich miann an aingidh uilc, 

O Thighearna nam feart : 
'Ais-innleachd fòs na soirbhich leis, 
Mu'n togar iad an neart. 



334 SALM CXLI. 

9 Ach cinn na dream a chuairtich mi 
Gach taobh le tuaileas bhreug, 
Gu robh iad air am folach f òs 
Le tubaist mhòir am bèil. 

10 Orra gu tuiteadh eibhle loisgt', 

Tilg iad san teine, beò : 
An slochdaibh domhain sìos, a chum 
Nach èireadh iad ni 's mò. 

1 1 Na daingnichear air talamh f òs 

Fear-labhairt uilc a chaoidh : 

Biodh olc a' sealg fìr fòireignidh, 

G'a leagadh is g'a chlaoidh. 

12 Is aithne dhomh gu deònuich Dia 

Do'n dream ta 'n àmhghar goirt, 
An cùis a sheasamh dhoibh gu treun ; 
Is còir nan daoine bochd. 

13 Do bheir na fireana gu dearbh 

Do d'ainm-sa moladh mòr : 
Bidh còmhnuidhbhuan a' d'f hianuis fèin, 
A Dhè, aig daoine còir. 

SALM CXLI. 

1 O Dhia, a ta mi 'g èigheach riut, 
Dean deifir thugam fèin : 
Is tabhair èisdeachd f òs do m' ghuth, 
Trà ghlaodham riut a'm' fheum. 



SALM CXLI. 335 

2 Mar bholtrach tùis a'd' làthair suas ; 

Mar sin biodh m'urnuigh riut : 
Is togail suas mo làmh gu robh 
Mar ìobairt fheasgair dhuit. 

3 Cuir faire air mo bheul, a Dhia : 

Dorus mo bhèil-sa gleidh. 

4 Gu droch-bheairt, no gu olc air bith 

Na aom mo chridh', a Dhè : 
Eagal le luchd na h-aingidheachd, 

Gu'n cuirinn olc an gnìomh, 
Ge milis blast' an sògh 'san gleus, 

Nior itheam fèin maoin diubh. 

5 Buaileadh am fìrean mi le smachd, 

Gabhaidh 'mi sin gu caomh : 
Gabhaidh mi uaith an t-achmhasan, 

Mar oladh phrìseil mhaoth ; 
Cha bhrist am bualadh ud mo cheann : 

Oir fòs thèid m'urnuigh suas, 
Trà bhios an aitim ud gu truagh 

'Nan àmhghar cruaidh an sàs. 

6 Trà thilgear sios air clachaibh cruaidh, 

Am breitheamhna gu lèir ; 
'N sin cluinnidh iad, oir 's milis binn 
Deadh bhriathra grinn mo bhèil. 

7 Ar cnàmhan fòs aig beul na h-uaigh* 

Do sgaoileadh leò le tàir ; 



336 SALM CXLII. 

Mar ghearrar is mar sgoiltear fìodh 
'Na spealtaibh air an làr. 

8 Ach tha mo shùilean riutsa suas, 

Iehobhah Dhia nam feart: 
Na fag-sa m'anam bochd gun treòir, 
'S tu fèin mo dhòigh 's mo neart. 

9 O teasairg mi o'n rib', a Dhè, 

A leag iad chum mo sgrios; 
'S o eangaich luchd na h-aingidheachd 
A dh'f holuich iad gun fhios. 

10 Ach tuiteadh luchd na h-aingidheachd 
'Nan liontaibh rinneadh leò : 
Am feadh bhios mise gabhail thart', 
'S a' tèarnadh asta beò. 

SALM CXLII. 

1 GHLAODHmiriDialem' ghuth; isfòs 

Le m' ghuth rinn m'urnuigh ris. 

2 Mo chaoidh 'nafhianuis dhòirt mi mach, 

'S mo thrioblaid dh'fhoillsich mis\ 

3 Trà bha mo spiorad bàit' a stigh, 

'N sin b'aithne dhuit mo cheum ; 
Sa' bhealach san do shiubhail mi, 
Gun fhios do leag iad lion. 

4 Dh'amhairc mi air mo dh eis, is dh'f heuch, 

'S cha robh fear m'eòlais ann j 



SALM CXLIII. 337 

No neach do m'anam bheireadh spèis ; 
Thrèig cabhair mi san àm. 

5 O Thighearna, do ghlaodh mi riut, 

Is thubhairt mi gun ghò, 
Gur tu is tèarmunn dìleas domh, 
'S mo chuid an tìr nam beò. 

6 Air son gu 'n chlaoidheadhmigutruagh, 

Eisd-sa ri m' ghlaodh san àm ; 
Is saor mi o luchd m'fhoirneirt mhòir j 
Oir 's treise leo na leam. 

7 A prìosan m'anam buin a mach, 

D'ainm-sa gu molar leam ; 
Is iadhaidh umam fireana : 
Oir ni thu pailteas riuin. 

SALM CXLIII. 

1 Ri m'urnuigh èisd, is aom do chluas 

Ri m'athchuinge, a Dhè: 
A'd'fhìrinn, is a'd' cheartas àrd, 
Gu gràsmhor freagair mi. 

2 Na tionnsgain ann am breitheanas 

Le d'òglach dìleas fèin : 
Oir 's dearbh nach saorar duine beò 
A'd'fhianuis ann am binn. 

3 Oir lean an nàmhaid eucorach 

Le tòir ghèir m'anam bochd, 

Ff 



338 SALM CXLIIL 

Mo bheatha thilg e sìos le tàir, 
Leag ris an làr gun iochd : 

Is chuir e mi an dorchadas 

Chum còmhnuidh ann gu truagh : 

Is ionann mi 's an dream gu dearbh 
Bhiodh fada marbh san uaigh. 

4 Is uime sin tha m'anam bàit' 

Gu cràiteach ann am chom : 
Mo chridh' a'm' chliabh gu muladach, 
Air fàs gu tuirseach trom. 

5 Na làith' o chian do chuimhnich mi, 

Taim cnuasachadh gun tàmh 
D' oibre gu lèir ; 'sa' smuaineachadh 
Air gniomharaibh do làmh. 

6 Mo làmhan shìn mi riutsa suas : 

An geall tha m'anam ort, 
Amhluidh mar bhitheas fearann cruaidh 
Air tiormachadh le tart. 

7 Eisd rium, a Thighearna, gu grad, 

Chaidh as do m'anam bochd : 
Do ghnùis na ceil, eagal gu'm biom 
Mar dhream chaidhsios do'n t-slochd. 

8 Thoir orm gu'n cluinnear leam, gu moch, 

Guth binn do chaoimhneis ghràidb, 
Oir annad chuir mi fèin gu mòr 



Mo dhòchas is mo dhòigh 






SALM CXLIV. 339 

Am bealach fòs an gluaisear leam, 
Tlioir orm gu'n aithnich mi : 

Oir riutsa tha mi togail suas 
Mo spioraid thruaigh, a Dhè. 

9 O m' naimhdibh guineach teasairg mi, 
O Thighearn is a Righ : 
Do d'ionnsuidh theich mi fòs, a chum 
Gu foluicht' leatsa mi. 

10 Do thoil a dheanamh teagaisg dhomh, 

Oir 's tu mo Dhia gu beachd : 
O's maith do spiorad : treòruich mi 
Gu tìr na fireantachd. 

1 1 Sgath d'ainm-sa beothaich mi gu treun, 

A Dhè Iehobhah mhòir: 
Sgàthd'fhìreantachd, saorm'anambochd 
O thrioblaid ghoirt 's o leòn. 

12 Cuir as do m' naimhdibh trìd do ghràis, 

Is sgrios iad sin gu lèir. 
A ta cur m'anma thruaigh fo leòn ; 
Oir 's mise d'òglach fèin. 

SALM CXLIV. 

1 Beannaicht' gu robh Iehobhah treun, 
Mo charraig e 's mo threòir ; 
Mo làmh a theagaisgeas gu cath, 
9 S gu comhrag mhaith mo mheòir. 

Ff2 



340 SALM CXLIV. 

2 Momhaith,modhion, 'smo bhaideal àrd, 

Mo shlànuighear, 's mo sgiath ; 
'S e cheannsaicheas mo dhaoine fùrn, 
Mo mhuinghinn is e Dia. 

3 Dhia, ciod e 'n duine, gu bheil thu 

A' gabhail eòlais air ? 
No ciod e mac an duine, fòs 
Gu d'thug thu e fa'near ? 

4 An duine 's cosmhuil e gu fior 

Ri diomhanas gun stà ; 
'S a làith' mar sgàiP 's mar fhaileas fòs 
A' gabhail seach a ta. 

5 O lub, a Dhia, do fhlaitheis àrd, 

Thig fèin gun dàil a nuas : 
Buin ris na slèibhtibh mòr le d* neart, 
Is uath' thèid deatach suas. 

6 Leig thuc' a mach do dhealanach, 

Le 'n sgaoilear iad air fad : 
Is tilg a mach do shaighde geur, 
Le 5 n claoidhear iad gu grad. 

7 Sìn uait do làmh à d'ionad àrd, 

Saor mi, is fuasgaii orm, 
O uisgibh làidir iomarcach : 
y S o làimh nan coigreach borb. 

8 Iadsan 'gam bheil am bèil a J teachd 

Air dìomhanas gach lò : 



SALM CXLIV. 341 

An deas-làmh sud, is deas-làmh i 
Làn iogain agus gò. 

9 Dhuit seinneam òran nuadh, a Dhè, 
'S ann air an t-Saltair ghrinn ; 
Air inneal ciùil nan teuda deich 
Dhuit seinneam moladh binn. 

10 'S e Dia a bheir do rìghribh mòr 

Slàint' agus buaidh gu treun, 
'S e shaoras Daibhidh 'òglach caomh 
O'n chlaidheamh mhillteach gheur. 

11 Saor mi, is fuasgail orm o làimh 

Nan coimheach, 'g am bheil beul 
Làn diomhanais : 's an deas-làmh fòs 
'Na deas-làimh foill' is brèig', 

12 A chum gu'm biodh ar mic a' fàs 

Mar ghallain ùr 'nan òig' : 
'S ar nigheana mar chlacha snaidht' 
An oisinn àrois mhòir. 

13 Ar saibhlean làn do'n uile stòr ; 

Ar treudan f òs a' breith 
Nam mìltean, seadh deich mìltean àil 
'Nar fàsaichibh gach leth. 

14 Ar daimh gu h-obair làidir calin', 

Gun chreach theachd oirnn no bruid ; 
A chum 'nar sràidibh f òs nach biodh 
Guth gearain, caoidh, no truid. 
rfS 



342 SALM CXLV. 

15 'S beannaicht' am pobull sin a ta 
San inbhe so gu beachd ; 
'S beannaicht' am pobull fòs d'an Dia, 
Iehobhah Triath nam feart. 

SALM CXLV. 

1 A rduiche am thu, mo Dhia, 's mo Righ, 

D'ainm beannaicheam gu bràth. 

2 Do d'ainms' am feasd do bheiream cliu : 

Arduicheam thu gach là. 

3 Tha Dia Iehobhah mòr gu dearbh ; 

Ion-mholta Dia gu mòr : 
Cha'n f heudar meud a mhòrachd-san 
A rannsachadh gu leòr. 

4 Molaidh gach àl do ghnìomhara 

Do'n àl a thig 'nan dèigh ; 
Is d'oibre cumhachdacha fòs 
Sior-chuirear leò an cèill. 

5 Onoir do mhòrachd ghlòrmhoir fèin 

Cuireams' an cèill gu beachd : 
Air d'oibribh iongantach gu lèir 
Labhram, a Dhè nam feart. 

6 Labhraidh daoin' eile f òs air neart 

Do bhearta uamhasach : 
Is mise foillsicheam gu mòr 
Do mhòrachd iongantach. 



SALM CXLV. 343 

7 Is cuirear leo an cèill gu pailt 

Iomradh do mhaitheis mhòir ; 
Do cheartas glan is d'ionracas 
Molaidh gu binn le ceòl. 

8 Tha'n Tighearna ro-ghràsmhor caoin, 

Is làn do thruacantachd ; 

A ta e mall chum feirg', is f òs 

Pailt ann an tròcaireachd. 

9 Is maith Iehobhah do gach dùil ; 

Tha 'thròcair chaomh gu beachd 
Os ceann gach obair agus gniomh 
A rinneadh leis le neart. 

10 Dhia, molaidh d'oibre thu air fad ; 

Le d' naomhaibh molar thu : 

1 1 Air glòir do rioghachd labhraidh iad , 

Innsidh do neart le cliu. 

12 Do chum a bhearta cumhachdach 

Gu tuigeadh clann nan daoin' ; 
Gu bheil a rioghachd làn do ghlòir, 
Is mòralachd faraon. 

13 Do rioghachd fein, is rioghachd i 

Ta siorruidh buan gu beachd ; 
Is mairidh d'uachdranachd gu bràth 
Air feadh gach àil ri teachd. 
! 4» Cumaidh lehobhah suas le neart 
An dream tha tuiteam sìos ; 



344 SALM CXLV. 

9 S an dream tha claonadh chum an làir, 
Togaidh e 'n àird' a rìs. 

15 Tha sùile fòs gach dùiP air bith 

A* feitheamh ort, a Righ : 
Is tha thu anns na tràthaibh ceart 
A' tabhairt dhoibh am bìdh. 

1 6 A ta thu ann ad thoirbheartas 

Fosgladh do làimh gu mòr, 
Is miann gach nithe beò air bith 
Sàsuichear leat gu leòr. 

17 Tha Dia 'na uile shlighibh ceart, 

Naomha 'na uile ghniomh. 

18 'S dlùth Dia do mheud 's a ghairmeas 

Seadh ghairmeas air gu fior. £air, 

19 Deadh mhiann gach neach d'an eagal e 

Coimhlionaidh e gu pailt ; 
Is èisdidh esan fòs ri^n glaodh, 
Saoraidh e iad 'nan airc. 

20 An dream tha tabhairt gràidh do Dhia, 

Dhoibh ni e tèarmunn deas ; 
Ach fòs na h-aingidh olc gu lèir 
Do ni e fèin an sgrios. 

21 A* luaidh air cliu lehobhah thrèin 

Bithidh mo bheul gun cheist : 
Ainm naomha beannaicheadh gach feòil 
Gu siorruidh buan am feasd. 



SALM CXLVI. 345 

1 Dia molaibh ; mol, O m'anam Dia, 

2 Molaidh mi Dia ri m' bheò ; 
Ard-seinnidh mise cliu do m' Dhia, 

Ri fad mo rè 's mo lò. 

3 Na earbaibh is na deanaibh bun 

A prionnsaibh làidir treun ; 
No fòs à mac aon-duin' a t'ann, 
'S gun fhurtachd ann ri feum. 

4 Tha 'anail-san dol as a mach, 

Theid e g'a ùir air ais, 
Theid as d'a smuaineachadh gu lèir, 
San là sin fèin gu cas. 

5 'S beannaicht' an duine sin 'gam bheil 

Dia Iacoib mar a neart ; 
'G am bheil a dhòchas ann an Dia, 
Iehobhah Triath nam feart. 

6 'Se chruthaich nèamh, is muir, is tìr, 

'S gach aon ni annta ta ; 
'S e choimhdeas firinn mar an ceudn' 
Gu siorruidh is gu bràth. 

7 Ri daoinibh ta fo fhoirneart mòr, 

Cumaidh e còir gu caoin, 
Bheir biadh do'n ocrach ; cuiridh Dia 
Na priosanaich fa sgaoil. 

8 'S e Dia ta fosgladh sùii nan dall ; 

Togaidh Iehobhah mòr 



346 SALM CXLVII. 

An dream a ta air cromadh sios, 

Is caomh leis daoine còir. 
9 Dia seasaidh bantrach 's dilleachdain, 

\S e 's dìon do 'n choigreach ann ; 
Ach slighe fhiar nan daoine daoi 

Tilgidh e bun os ceann. 

10 Bidh Dia 'na Ard-Righ mòr gu bràth, 
Do Dhias', o Shion naomh ; 
O linn gu linn gu maireannach, 
Molaibhse Dia gu caomh. 

SALM CXLVII. 

1 Molaibhse Dia, oir 's maith bhi seinn 

Ard-mholadh binn d'ar Dia : 
Oir 's tlachdmhor e 's is maiseil sud 
Bhi tabhairt cliu do'n Triath. 

2 Suas togaidh Dia Ierusalem : 

Cruinnichidh e le chèiP, 
An dream d'an d' rinneadh diobaraich, 
Do ghineil Israeil. 

3 Do'n aitim 'g am bheil cridhe brùit , 

Bheir esan slàinte mhòr : 
Is ceanglaidh suas gu faicilleach 
Gach cneadh ta orra 's leòn. 

4 Na reulta lionmhor àirmhear leis ; 

'G an ainmeachadh gu lèir. 



SALM CXLVII. 347 

5 Is mòr ar Dia, 's is mòr a neart ; 

Gun tomhas air a chèill. 

6 Togaidh Iehobhah suas gu dearbh 

Na daoine ciùin a rìs : 
Is leagar leis na daoi le tàir, 
Gu làr, 'g an tilgeadh sìos. 

7 Seinnibh do Dhia Iehobhah mòr, 

Le buidheachas gu binn : 
Seinnibh d'ar Dia-ne moladh àrd 
Air teud na clàrsaich ghrinn. 

8 Dia fol'chaidh nèamh le neulaibh tiugh, 

Ullaichidh uisge fòs 
Do'n talamh : } se bheir air an fheur 
Bhi f às air slèibhtibh mòr. 

9 Do'n ainmhidh 's do gach beathach fiat 

Bheir esan biadh gun dì : 
Is do na fithich òg' faraon 
A ghlaodhas 'g iarraidh bìdh. 

10 An neart an eich cha bhi a dhùil, 

Ge mòr a lùth 's a threis : 
Cha ghabh e tlachd an cosaibh fir 
Sheasas gu dìreach deas. 

1 1 Tha Dia a' gabhail tlachd gu mòr 

Do'n dream d'an eagal e, 

Chuireas an dòchas is an dòigh 

'Na thròcair-san gach rè. 



348 SALM CXLVIL 

12 Thoir moladh,0 Ierusalera, 

Do Dhia Iehobhah mòr, 
Do (T Dhia-sa tabhair moladh fìor, 
O Shion, mar is còir. 

13 Croinn-dhruididh fòs do dhorsa mòr 

Do neartaich e gu maith : 
Is bheannaich e do shliochd gu lèir 
A'd' mheadhon fèin a stigh. 

14 'S e chuireas ann ad chriochaibh f òs 

Sìth agus sonas mòr : 
'S e ni le smior a' chruithneachd ghloin 
Do shàsuchadh gu leòr. 

15 'S e chuireas àithn 3 a mach air tìr, 

Ni 'fhocal ruith gu luath. 

16 Bheir sneachd mar olainn : sgaoilidh e 

An liath-reodh mar an luath. 

17 Eith-reodha tilgidh e a mach, 

Mar ghreamanna nach gann ; 

Is anns an fhuachd a rinneadh leis 

Cò dh'fheudas seasamh ann ? 

18 Cuiridh e 'fhocal mòr amach ; 

Is leaghar iad a rìs : 
Air sèideadh dha le gaoith an sin 
Sruthaidh na tuilte sìos. 

10 Do Iacob tha e foillseachadh 

A bhriathra fior-ghlan naomh 



SALM CXLVIII. S49 

A statuin is a bhreitheanais 

Do Israel gu caomh, 
20 So maitheas nach do dheònaich e 

Dh'aon fhine ta fo *n ghrèin : 
A bhreitheanais cha b'aithne dhoibh. 

Molaibh Iehobhah treun. 

SALM CXLVIII. 

1 Molaibhse Dia. Ard-mholaibh fòs 

lehobhah mòr gu bràth, 
O nèamh nan speur ; molaibhse Dia 
'S na h-ionadaibh a's àird'. 

2 Uil' aingle Dhè, mòr-mholaibh e : 

Molaibh e 'shluagh gu lèir. 

3 O ghrian J s a ghealach, molaibh e 

'S a reulta glan nan speur. 

4 O nèamha àrd nan uile nèamh, 

Is uisgeachan a ta 
An còmhnuidh shuas os ceann nan speur, 
Molaibhse Dia do ghnàth. 

5 Thugadh iad cliu is moladh binn 

Do ainm Iehobhah thrèin, 
Oir chuir e àithne mach le neart, 
Is rinneadh iad d'a rèir. 

6 Do rinn e fòs an daingneachadh 

A chum bhi buan do ghnàth : 

Gg 



350 SALM CXLVIIl. 

Is chulr e statuin orra sud 
Nach tèid air chùl gu bràth. 
7 O'n talamh f òs a ta fo nèamh 
Molaibh lehobhah treun ; 
UiP uabheistean ro-eagalach, 
'S a dhoimhneachda gu lèir. 

8 Tein'adhair agus clach-shneachdchruaidh, 
An ceò theid suas, 's an sneachd ; 
Gaoth dhoinionnach a' coimhlionadh 
A bhriathra-san gu beachd. 
9 Na slèibhte farsuinn atmhor mòr, 
'S na tulaich fòs le chèiP : 
Gach craobh bheir toradh agus blàth, 
'S na Seudair àrd gu lèir. 

10 Gach beathach, ainmhidh, is gach dùil 

A shnàigeas air an làr; 
'S gach eunlaith sgiathach iteagach 
Ta 'g itealaich gu h-àrd. 

1 1 Gach righ air thalamh, làidir mòr, 

'S gach pobull fòs air bith ; 
Na prionnsaidh is luchd breitheanais 
Tha thar gach tìr fa leth. 

12 Na h-òig-fhir is a' mhacruidh dheas, 

'S na maighdeana le chèiP ; 
Na seanaire ta eòlach glic, 
'S na leinibh òg gu lèir. 



SALM CXLIX. 351 

13 Ainm Dhè àrd-mholadh iad, oir tha 

'Ainm-san amhàin ro-mhòr: 
Os ceann na talmhainn is nan nèamh 
Gu h-anbhar àrd tha 'ghlòir. 

14 Adharc a shluaigh leis àrdaichear, 

Seadh cliu a naomh gu lèir, 
Cliu Israeil, a phobuill chaoimh. 
Molaibh Iehobhah treun. 

SALM CXLIX. 

1 Molaibhse Dia: is òran nuadh 

Seinnibh do Dhia gu caomh ; 
Seinnibh a mholadh-san gu binn, 
An coimhthional nan naomh. 

2 Biodh Isra'l aoibhneach ann an Dia, 

An Ti a chruthaich e ; 
Deanadh clann Shioin gàirdeachas 
'Nan Rigli air feadh gach rè. 

3 Is anns an dannsa thugadh iad 

D'a ainm-san moladh binn : 
A chliu le tiompan seinneadh iad, 
Is leis a' chlàrsaich ghrinn. 

4 Oir tha Iehobhah gabhail tlachd 

'Na phobull dìleas fèin : 
Ro-sgiamhach fòs le 'shlàinte ni 
Na daoine sèirah gu lèir. 

Gg2 



352 SALM CL. 

5 Biodh air na daoinibh naomh an sin 

Ur-ghàirdeachas an glòir : 
Is air an leabaidh seinneadh iad 
Do Dhia le h-iolaich mhòir. 

6 Gu robh àrd-chliu an Tighearna 

Gu dligheach ann 'nam beul : 
Is ann 'nan làimh-san f òs gu robh 
Claidhe dà-fhaobhair geur. 

7 A clium gu deant' air fìneachaibh 

Làn-dioghaltas gu tròm : 
Is mar an ceudn' air poibleachaibh 
Smachdachadh goirt mar thoill. 

8 Do chum gu deant' an righrean-san 

A chur fo chuibhreich ghèir ; 
Fo gheimlibhteann do'niarunnchruaidh 
An uaisle mòr gu lèir. 

9 Chum dioghaltas a chur an gniomh 

Ta sgriobht' ^na fhocal ceart : 
So cliu nam fireanach gu lèir. 
Molaibhse Dia nam feart. 

SALM CL. 

1 IVIoLAiBHSEDia. 'Natheampullnaomh 
Molaibhse Dia gu mòr : 
An speuraibh àrd a chumhachda 
Molaibh e mar is còir. 



SALM CL, 353 

2 Air son a ghnìomhara ro-threun, 

Molaibhse Dia 's gach àit ; 
Do rèir a mhòrachd molaibh e, 
'S a ghlòir, a ta ro-àrd. 

3 Le guth na trompaid mar an ceudn' 

Molaibhse Dia gu binn : 
Air clàrsaich seinnibh moladh dha, 
Is air an t-saltair ghrinn. 

4 Le tiompan thugaibh moladh dha, 

San dannsa mar an ceudn' ; 
Le organ togaibh suas a chliu, 
3 S le inneal ciùil nan teud. 

5 Air ciombalaibh ta labhar binn 

Molaibhse Dia gun tàmh : 
Molaibhse Dia air ciombalaibh, 
Ni toirm is fuaim ro-àrd. 

6 Gach uile dhùil sam bith ta beò, 

'G am bheil an deò 'nan crè, 
Ard-mholadh iadsan Dia gu mòr: 
Molaibh lehobhah treun. 



A' CHRIOCH. 



LAOIDHEAN, 



O N 



SCRIOPTUR NAOMH, 



LAOIDH 1. Genesisi. 

1 O neo-ni èireadh talamh '$ nèamh, 

So labhair guth an Triath : 
O neo-ni dh'èirich talamh 's nèamh, 
Gu h-ùmhal mar a dh'iarr. 

2 Shuidh air an aigein duibhre tiugh, 

Thuirt Dia, Biodh solus ann ; 
Ghrad-las an solus aobhach geal, 
Is theich an duibhre dall. 

3 Do neulaibh dh'àithn e togail suas, 

Suas thog na neoil d'a rèir ; 
Le'n ionmhas fliuch sgaoil iad 's gach 
A' snàmh air feadh nan speur. [àit, 

4 Dh'àithn e do'n uisg' a luidh air fonn 

Grad-thional gu h-aon àit ; 



LAOIDH I. 355 

Dhian ruith an f hairge, tonn air thonn, 
Is feuch an talamh tràight ! 

5 Le luibhibh uaine 's craobhaibh meas, 

Chòmhdaich e 'n talamh lomj 
Mu'nd'thàinigfrasno drùchd o'n speur, 
'S mu 'n d' èirich grian air fonn. 

6 Sgeadaich e 'n sin na nèamhan àrd ; 

Gu dealrach las a' ghrian ; 
A' ghealach is na reulta dhùisg, 
A chunnta' mhios is bhliadhn'. 

7Do'n uisge dhealbh Iehobhah treun 
Gach gineal èisg sa' chuan ; 
Is ghairm o'n doimhne mar an ceudn' 
Gach eun san ealtainn shuas. 

8 Gach dùile beò air thalamh ta 

Dhealbh thu le d' làimh, fa leth ; 
Do'nleòmhan bhorb 'sdo'nchnuimheig 
Thug thu maraon am bith. [fhaoin 

9 An duine chruthaich thu fadheoidh, 

A?d* choslas glòrmhor fèin, 
Gu bhi 'na uachd'ran dligheach fior 

Os ceann gach ni fo'n ghrèin. 
10 D'uil' oibre 'n sin a'd' làth'r, a Dhia, 

Gu ciatach aluinn sheas ; 
Sheall thu, is thuirt gu robh gach ni 

Gu fior-mhaith agus deas. 



356 LAOIDH II. 

11 Cia glòrmhor d'oibr' air fad, a Dhè ! 
Cia treun thu fèin an neart ; 
Co 'n ti nach tugadh dhuitsa cliu ? 
Molams' thu, Dhia nam feart ! 

LAOIDH II. Gen. xxviii. 20—22. 

iDhe Bhet-eil! le d'làimh thoirbheartaich 
9 S tu bheathaich d'Isra'l fèin : 
9 S a threòraich feadh an turuis sgìth 
Ar sinnseara gu lèir ; 

2 Ar bòid 's ar n-urnuigh nis a ta 

Aig làth'r do chaithir ghràis ; 
Bi leinn, O Dhia ar n-aithrichean! 
'S na dìobair sinn gu bràth. 

3 Trid ceumna dorch , ar beatha bhos, 

O treòraich thusa sinn ; 
'S o là gu là ar n-èideadh cuii-p, 
9 S ar teachd-an-tir thoir dhuinn. 

4 Fo sgàil do sgè, O dean ar dion 

Gu crìch ar seachrain sgìth, 
Is thoir d'ar n-anmaibh fois fadheòidh 
AM' chòmhnuidh shuas an sìth. 

5 Na tiodhlaca so, Dhè nan gràs, 

Thoir dhuinn o d^làimh gu fial ; 
9 S a nis agus a rìs gu brhth, 
Is tu do ghnàth ar Dia. 



LAOIDH III. Iob i. 21. 357 

1 XjOjvinochd mar thàinig sinn a steach 

Do 'n t-saoghal so air tùs, 
Is amhluidh theid sinn lomnochd as, 
Is taisgear sinn san ùir. 

2 Gach ni ri 'n canar leinn gu faoin 

Ar maoin 's ar stòras fèin, 
Is iasad goirid aon-la e, 
'S grad-dhìolar e gu lèir. 

3 'S e Dia bheir dhuinn gach comh-fhurt- 

No ghearras iad air falbh ; [achd, 
Ma thug e leis, 's e fèin thug uaith ; 
Beannaicht' gach uair biodh 'ainm ! 

4 Beannaicht' gu siorruidh gu robh Dia! 

Cha ghearain sinn ni 's mò ; 
Docrach no socrach biodh ar cor, 
Dhuits' Athair gu robh glòir. 

LAOIDH IV. Iob iii. 17—20. 

1 Cia samhach ciùin an talla dorch , 

San gabh sinn uile tàmh ; 
An tìr na di-chuimhn' far nach gluais 
Aon fhuathas sinn no nàmh. 

2 Cia tosdach sèimh an leab' an uaigh, 

A ghabhail suain is fois ; 
Theidcrioch air dragh luchd-aing'eachd 
'S gheibh daoine sgìthinnt' clos.[innt , 



358 LAOIDH V. 

3 Innte cha chaoidh am priosanach 

Ni 's mò mar fhuair e 'chlaoidh ; 
Cha dochainn smachd an droch righbhuirb, 
'S is balbh guth mhillt-fhir dhaoi. 

4 Tha lag is làidir, beag is mòr, 

Co-shìnt' san uaigh le chèil' ; 
Tha naimhdean samhach taobh ri taobh, 
Is luchd na comhstri rèidh. 

5 Co-ionann coidlidh iad air fad 

Fo ghlasaibh teann a' bhàis, 
Gu'n uair an gairmear iad le Dia 
'Na fhianuis là a' bhràth. 

LAOIDH V. Iob v. 6—12. 

1 A mhghar o'n duslach ged nach dùisg, 

O'n ùir ged nach tig bròn ; 
Gidheadh is lionmhor iad na h-uilc 
Th' air mac an duine ^n tòir. 

2 Amhluidh mar dh'èireas srada suas 

Gu luath air lorg a chèiP : 
Mar sin tha'n duine air a bhreth 
Gu bròn is cùradh geur. 

3 Ach earbam-sa ri Dia mo chùis, 

Is deanam m'urnuigh ris ; 
Riaghladh an domhain tha 'na làimh, 
Gu Màthair teichidh mis\ 



LAOIDH VI. 359 

4 Tha 'oibre lionmhor agus mòr, 
Co chuireas iad an cèill ? 
An t-anam brònach ni e ait, 
'S an truaghan ni e treun. 

LAOIDH VI. Iob viii. 11—22. 

1 Gun làthach am fàs luachair ghlas? 

No seileisteir gun sruth ? 
Ged fhàs, is diombuan gearr an cuairt, 
Seargaidh, gun bhuain, an cruth. 

2 Is ionann dòchas baoth an daoi, 

Nach feud a chaoidh bhi buan ; 

Mar lion an dabhain-alluidh f haoin, 

A bheir gach gaoth 'na chuairt. 

3 'N trà leigeas e a thaic r'a thigh, 

Aomaidh gach clach is crann ; 
'S luath ghreimicheas e ris, ach 's luaith' 
Theid 'fhardoch bun os ceann. 

4 Ged f hàs 'na gharadh ris a' ghrèin 

A gheuga dosrach ùr ; 
'S ged sgaoil e domhain teann gach 
Th' air leis, do-spiont > àh-ùir: [freumh, 

5 Gidheadh air teachd d*a bhìnn o nèamh, 

Spionar a f hreumh à bun ; 

Aite cha *n aithnich e ni's mò ; 

Caochlaidh a ghlòir gu tur. 



360 LAOIDH VII. 

6Feuch! 's amhluidh gàirdeachas nan daoi, 
Ni tàir air naomh-reachd Dhè ; 
Grad-thuitidh iad : 's co grad a thig 
'Nan àite daoine sèimh. 

7 Ach Dia nan gràs, le cumhachd mòr, 
Ni daoine còir a dhion ; 
An cridhe lionaidh e le gean, 
'S am beul le moladh sior. 

LAOIDH VII. Iob ix. 2—10. 

1 Am bi siol Adhaimh saor o chiont', 

No glan am fianuis Dè ? 
Ma thagras e rèir ceartais ruinn, 
F'a smachd theid sinn do'n eug. 

2 Gu geur-chuiseach ma thoimhseas e 

Gach smaoin, is guth, is gniomh ; 
Leisgeul, seadh aondom' mhiltibh 010111' 
A dhealbh cha'n urrainn mi. 

3 Is glic a 0^1^^ 's is treun a làmh, 

'S nach aingidh dàn an sluagh 
A thogas ceann an aghaidh Dhia, 
Cò riamh thug air-san buaidh ? 

4 Roimh'f heirg, naslèibhtecriothnaichidh, 

Is clisgidh iad o'm bonn ; 
O 'bhunchar luaisgidh null 's a nall, 
Le garbh-chrith, 'n talamh trom. 



LAOIDH VIII. 361 

5 Ma tlioirmisgeas e èiridh grèin', 

Cha'n èirich grian gu bràth : 
Dui'-neulach ni e 'n speur air fad, 
'S gach reul theid as 'na smàl. 

6 Coisichidh Dia san fhairge ghairbh, 

Carbad do ghaothaibh ni ; 
A shlighe àrd cò lorgaicheas? 
A cheumna dorch' co chi ? 

LAOIDH VIII. Iob. xiv. 1—15. 

1 O Dhuine th'air do bhreth le mnaoi, 

Cia tearc is truagh do làith' ! 
O'n duslach thàinig thu, is thèid 
Gu d' dhuslach fèin gun dàil. 

2 Mar mhaoth-lus f àsaidh tu fo bhlàth, 

Is gheibh thu bàs gu beachd : 
Mar f haileas teichidh tu gu luath, 
'S cha bhuan air thalamh neach. 

3 Làn ciont' is truaigh, an seas aon dùil, 

Fa chomhair sùilean Dè ? 
Co chaoidh bheir uisge soilleir glan 
A tobar salach crèidh ? 

4 Ar làithean air an àireamh ta, 

'S gun tàmh a 5 gabhail seach ; 
Is goirid gus an tig an uair 
An ni do'n uaigh ar teach. 
Hh 



362 LAOIDH VIII 

5 Dhèmhòir ! na smachdaich annadfheirg 

An tomhas goirid faoin, 
Do làithibh diombuan an-shocrach 
Thug thu do chloinn nan daoin'. 

6 Ged chrionas lus, cha'n f haigh e bàs, 

Thig 'fhàs ri h-ùine nios ; 
9 S ged sheargas craobh sa' gheamhradh 
Ni 'n t-earrach nuadh i rìs. [fhuar, 

7 Ach aon uair 's gu faigh duine bàs, 

Cha phill a làith' ni 's mò ; 
A bheatha cha dean earrach nuadh, 
9 S air 'uaigh cha ruig an lò. 

8 Amhluidh mar shruth a ruitheas bras, 

9 S nach pill air ais r'a shliabh ; 
Tha làith' is ^11^^11^^^ 9 k linn dol seach, 
*S cha phill ri neach an triall. 

9 San uaigh 'n trà luidheas duine sios, 

Coidlidh e 'n dion a 5 bhàis ; 
9 S cha dùisg e tuille gus an tèid 
An cruinne-cè 'na smàl. 

10 O biodh an uaigh ^na leaba thàimh 

Dhomh fèin, gu là mo Thriath, 
San èirich mi gu h-aobhach suas 
Le naomh-shluagh maiseach Dhia! 

1 1 San dòchas ait, le foighid mhòir, 

Feithidh mi ordugh Nèimh, 



LAOIDH IX. 363 

A thig san àm a shonruich Dia 
An triall mi thuige fèin. 

LAOIDH IX. Iob xxvi. 6—14 

1 Co ghleachdas ris a' ghàirdean threun 

A dhealbh na speuran àrd ? 
No c'àit am folaich neach e fèin 
O'n t-sùil d'an lèir gach àit ? 

2 'Na shealladh-san tha ifrinn fèin 

Is lèir-sgrios uile rùisgt' : 
'S am foPchear lochd air bith no beud 
O f hradharc geur a shùl ? 

3 Air neo-ni chroch e 'n domhan mòr, 

'S an àirde tuath do sgaoil 
Air ionad falamh, agus phaisg 
Uisge sna neulaibh faoin. 

4 Trà chithear cumhachd Dhè 's gach àit, 

Tha sgàil 'ga f holach fèin ; 
Tha 'chaithir cuairtichte le neòil, 
'$ do dhuine beò cha lèir. 

5 Onfha na fairge pillidh e 

Le tràigh, air meud a neart ; 
'S a chrioch a thug e dhi 's gach àit 
Gu bràth cha tèid i thart. 

6 Roimh achmhasan Iehobhah thrèin, 

Tha talamh 's nèamh air chrith ; 
H h 2 



364 LAOIDH X. 

Clisgidh an stèidh ma lasas suas 
A chorruich uair sam bith. 

7 Gun doinionn luaisgidh e an cuan, 
'S togaidh e suas a thuinn ; 
'S an t-uaibhreach tilgidh e, gun nàmh, 
O ? àirde bun os ceann. 
8'Se lionas nèamh le cuideachd naomh, 
'S a ni iad aobhach ait ; 
Ach sliochd na nathrach tilgidh sios 
Gu ionad claoidh le smachd. 

9 D'a oibre cha lèir dhuinn ach cuid, 
'S cha tuig sinn iad sin fèin ; 
Ach tairneanach a chumhachd mhòir, 
Cò dh'f heudas chur an cèill ? 

LAOIDH X. Gnath-fhoc. i. 20—31. 

1 An coimhthional nan iomadh slògh, 

Is anns na ròidibh tiugh, 
Ri cloinn nan daoin 5 tha Gliocas nèimh 
A' togail suas a ghuth' ; 

2 Cia f had a ni luchd-fanoid tàir 

Air fìrinn 's gràsa Dhè ? 
'Sa bheir sibh, amadana, spèis 
Do 'r toil mhi-chèillidh fèin ? 

3 Pillibh, air m' earails', air 'ur n-ais, 

Is bidh sibh sona chaoidh. 



LAOIDH XI. 365 

Pillibh 's a chum 'ur beannachadh, 
Mo Spiorad bheir mi dhuibh. 

4 Ach mur toir sibh mo ghuth fainear, 

9 S mur èisdear leibh mo ghlaodh : 
Trà ghlaodhas sibhs' an là 'ur n-airc, 
'Ur n-athchuinge bidh faoin. 

5 Trà ghlacas lèir-sgrios sibh 'na cuaìrt, 

Mar iom-ghaoth luath nan speur, 
Ni mise fanoid air 'ur caoidh, 

'S 'ur n-urnuigh chaoidh cha 'n èisd. 

6 O ròghnaich sibh roimh bheatha bàs, 

'S èigin gu bràth bhi truagh ; 
Oir ciod air bith a chuireas neach, 
Dheth sin ni 9 n neach sin buain. 

LAOIDH XI. Gnath-fhoc. iii. 13—17. 

1 Cia sona 9 n ti do theagasg Dhè 

Bheir èisdeachd gach aon uair ; 
9 S ri gliocas nèimh, le mòran tlachd, 
Thionndas gu moch a chluas ? 

2 Is fearr a stòr na 'n t-ionmhas faoin 

A ta san t-saogh'l gu lèir ; 
9 S is luachmhoire a dhuais gu mòr 
Na òr a* chruinne-chè. 

3 Tha saoghal fada 'na làimh dheis, 

Is onoir 'na làimh chlì ; 
h h3 



366 LAOIDH XII. 

Iadsan air fad a bheir dha gràdh, 
'S leo saoibhreas, slàint', is sìth. 

4 Do 'n òg 'na shlighe neo-chiontaich, 

Sòlas bheir e gu pailt, 
'S do 'n aosda bheir e coron glòir* 
'S tròcair o Dhia gun airc. 

5 Àn uair tha dìchioll dhaoine mòr, 

Tha 'dhuais-san mòr d'a rèir: 
Do shòlasaibh tha 'shlighe làn ; 
Is sìth do ghnàth 's gach ceum, 

LAOIDH XII. Gnath-fhoc. vi. 6—12. 

1 Eirich a lunndaire gu grad, 

'S thoir ort an seangan beag gun stad ; 
Oir ged nach d' fhuair e riamh fear-iùil, 
No neach g'a ghreasadh air a chùl : 

2 Fa chomhair geamhraidh ni e deas, 
A' cuimhneachadh gun tàmh a leas; 
San t-samhradh trusaidh e a lòn, 

San fhoghar iomlan tha a stòr. 

3 Ach c' uin a dh'èireas tus' o d' shuain ? 
A lunndaire, nach dùisg thu suas ? 
Cha'n iarr do leisg ach tuille tàimh, 

Le clò do'n t-sùil, is pasga làmh. 

4 Ach feuch ! tha bochdainn agus bròn, 
Ag iadhadh air gach làimh a'd' chòir ; 



LAOIDH XIII. 367 

'S mar ghaisgeach armach teachd a'd' dhàiJ, 
Trom-bhruthaidh iad do cheann fo ? n sàil. 

LAOIDH XIII. Gnath-fhoc. viii. 22—36. 

1 Bibh tosdach uile, chlann nan daoin' 

Trà ghlaodhas Gliocas Dè, 

A bhriathra thugar leibh fainear, 

'S d'a earail thugaibh gèill. 

2 Bu mhise Annsachd Dhè o thùs, 

Mu'n robh na nèamha ann ; 
'S mu'n d'fhuair andomhan mòra bhith, 
Bha mise, feadh gach àm. 

3 Mu'n robh ann slèibhte mòr no beag, 

Mu'n robh ann muir no tìr ; 

No ni air bith sa' chruinne-chè, 

Aig deas làimh Dhè bha mi. 

4 Trà dhealbh e neòil is adhar àrd, 

An talamh tràight 's an cuan, 
'S trà ghearr e 'n criochan doibh fa leth, 
Bha mrse leis san uair. 

5 Trà chroch e 'n talamh cothromaieht' 

Gun taic ris o aon taobh, 
Dhearc mi le sòlas mòr an sin 
Air ionad còmhnuidh dhaoin'. 
GDhealbh smaoin mo chridh'o shiorruidh- 
Làn-tearniunn doibho'n bhàs; [eachd 



368 LAOIDH XIV. 

Neo-chaochluidheach, uaith sin gu so, 
Tha m'iochd dhoibh is mo ghràdh. 

7 Ri m' theagasg èisdibh uime sin, 

Is gheibh sibh beatha uaith, 
Is sona 'n ti bheir gèill do m' lagh ; 
Bidh 'iì ti nach tabhair truaigh. 

8 Is mise ni gu nèamh an t-iùl, 

'Sa bheir do 'n ionraic duais ; 
Tha beatha 's càirdeas aig gach neach 
A leanas mi gach uair. 

9 Ach 's naimhde mòr d'an anma fèin 

Na dhiultas gèill do m' reachd ; 
'S na bheir sior-fhuath do m' theagasg 
Chum ifrinnthèidgubeachd. [naomh, 

LAOIDH XIV. Ecles. vii. 2—6. 

1 O Sibhs' air fad le 'm b' àill bhi glic, 

Bibh tric an tigh a' bhròin : 
Oir luath no mall tha sinn gu lèir 
Ri fulang pèin is leòn. 

2 Is fearr gu mòr bhi giùlan goimh, 

O àmhghar tigh na caoidh ; 

Na 'n cridh' a lot le sòlas baoth, 

An cuideachd dhaoine daoi. 

S 'N trà bhios an aghaidh tùirseach trorn, 
9 S an t-sùil a* sileadh dheur, 



LAOIDH XV. 369 

Gheibh smuainte naomh san anam tàmh, 
'S ni iad ni 's fearr an gnè. 

4 An duine crionna thèid gu tric 

Gu bothan bochd a' bhròin ; 
Ach leis an dream air bheagan cèill* 
Is aoibhin talla cheòil. 

5 Is diombuan aighear dhaoine daoi, 

'S is dlùth dhoibh àmhghar truagh : 
Mar bhoisge fuaimneach droighinn f haoin 
Ghrad-chaochlas a chum luath. 

LAOIDH XV. Ecles. ix. 4, 5, 6, 10. 

1 Se nis an t-àm bhi rèidh ri Dia ; 
'S e nis an t-àm thoirt gèill do'n Triath ; 
Am feadh a mhaireas là nan gràs : 
Feudaidh gach neach dol as o'n bhàs. 

2 'S i so an uair a sheachnadh truaigh 5 , 
'S a thabhairt nèimh amach le buaidh ; 
So cothrom àigh, ta dian-dhol seach, 
Deanar deadh-bhuil dheth leis gach neach. 

3 Is fios do'n bheò gu faigh e bàs, 
Air di-chuimhn' tha gach marbh an tràs : 
Do dh'fhalbh an cuimhne, 's dh'fhalbh an 

ainm, 
Cha'n aithnich'r iad, 's cha'n aithne dhoibh. 

4 Theirig an gràdh, is sguir am fuath, 
'S tha'm farmad sìnnte leò san uaigh ; 



370 LAOIDH XVI. 

Cha 'n eòl doibh tii sam bith fo 'n ghrèin ; 
An saothair sguir maraon riu fèin. 

5 Dean dìchioll uime sin 'na thrà, 
Crioch a chur air saothair do làmh; 
Oir saothair, seòl, no obair ghlic, 
Cha deanar leat gu bràth fo 'n lic. 

6 San uaigh, do'm bheil sinn uil' a' triall, 
Maith'nas cha 9 h f haigh, 's cha d'f huaradh 
Gun chaochla'bithidh cor gach neach[riamh; 
Gu àm d'a bhinne teachd a mach. 

LAOIDH XVI. Ecles. xii. 1. 

1 (Juimhnich do Dhia an làithibh d'òig', 

Làithibh gun bhròn gun smal; 
Mu'n tig na bliadhnai' breòite tinn, 
'S am fàs air d'inntinn cal. 

2 Mu'n salaich lochd air bith do chridh > , 

Grad-sgriobh air lagh do Dhia ; 
'S cuimhnich do Chruthadair an tràs 
Mu 'm fàs thu aosmhor liath. 

3 Oir, goirid uait tha pian is bròn, 

Na neòil tha cheana dlùth 
Ni d'aoibhneas dorcha, 's d'òige sean, 
A' cur do ghean air chùl. 

4 'S gearr gus an gearain thu gu goirt 

Fo sprochd is iarguin aois, 



LAOIDH XVII. 371 

'S an cuimhnich thu air aighear d , òig% 
Nach pill ni 's mò do d'thaobh. 

LAOIDH XVII. Isaiah i. 10—19. 

1 A MHAiTHEANShodoimlgabhaibhsuim 

Do fhocal Righ nam feachd ; 
Fheara Ghomorah ! thigibh dlùth, 
Is bithibh ùmh'l d'a reachd. 

2 Mar so a deir e, Ciod is brìgh 

D 'ur n-ìobairtibh gun stà ? 
Tha m' altair sgith d'ur tiodhlacaibh, 
'S thug mi d'ur n-aoradh gràin. 

3 Ged las 'ur n-iobairtean gu nèamh, 

'S ged dhorchaich tùis an speur ; 
Gidheadh bheir mise fuath is gràin 
Do ghnìomh 'ur làmh 's duibh fèin. 

4 'Ur trasg \s 'ur n-urnuigh 's fuathach 

'S 'ur làithe fèill faraon ; [leam, 
Oir tha 'ur cridhe làn do cheilg, 
'S 'ur slighe cam is claon. 

5 Glanaibh 'ur làmhan o gach olc, 

'S na deanaibh lochd ni 's mò ; 
'Nur giùlan uile bithibh ceart, 
'S 'nur cridhe glan, gun ghò. 

6 Na tairgibh dhomhsa onoir f haoin, 

Ach foghlumaibh mo reachd ; 



372 LAOIDH XVIII. 

Teann-thagraibh cùis na bantraiche, 
'S air fann na deanaibh lochd. 

7 3 N sin, dearg mar chorcar ge do robh 
'Ur lochdan, nighear uaibh 
An sal, is bidh sibh glan, trid gràis : 
Mar shneachd is aillidh snuadh. 

LAOIDH XVIII. Isaiah ii. 2—6. 

1 Feuch ! èiridh san linn dheireannaich 

Naomh-theampull Dhia na glòir, 
Os ceann nam beann 's nan slèibhtean 
Fath iongantais ro-mhòr ! [àrd ; 

2 D'a ionnsuidh thig na cinnich ait, 

Gach teanga 's treubh le chèiP : 
Ag ràdh, Suas greasamaid gun dail 
Gu teampull àluinn Dè. 

3 An solus thig o Shion àrd 

Dealraidh feadh dhùthcha cèin ; 
'S do 'n Righ 'na shuidh' air Salem ta 
Bheirear 's gach àite gèill. 

4 Measg chinneach 's eilean iomalìach 

Ard-shuidhidh e gu breth ; 
'S o cheartas naomha gheibh gach aon 
A bhinne fèin fa leth. 

3 Le connspoid is le h-an-iochd borb 
Cha bhuairear linn nan gràs ; 



LAOIDH XIX. 373 

Gu speal is coltar iompaichear 
Gach claidheamh 's inneal bàis. 

6 Le nàmh ni 's mò cha chasgrar nàmh 

'S cha bhi san araich caoidh : 
Chachruinnichtrompaid slòigh ri chèil', 
'S cha 'n èighear cath a chaoidh. 

7 O ghineil Iacoib, uime sin, 

Thigibh gu teampull Dè ; 
'$ 'na sholus-san ta dealrach glan, 
Sior thriallamaid gu nèamh. 

LAOIDH XIX. Isaiah ix. 2—8. 

1 Ju euch ! dh'èirich solus air na slòigh 

Bha chòmhnuidh 5 n duibhre bàis ; 
Is air an t-sluagh a bha fo sgàil, 
Nis dhealraich Grian nan gràs. 

2 Do d'ionnsuidh-sa, a Ghrian an aigh ! 

Le failte thig gach sluagh, 
'S iad aoibhin marluchdbuaino'nfhaich, 
'S am foghar taisgte suas. 

3 Oir thog thu dhinn air n-eallach ghoirt, 

Is lotadh leat ar nàmh, 
Le d'ghairdeantreun ghrad-thilg thu sios 
Luchd mi-ruin chum an làth'r. 

4 Mar laoch a' riuth feadh fola 's àr, 

Tha Slanuighear nam buadh ; 
i i 



374 LAOIDH XX. 

Mar cheumaibh dealanaich nan speur 
Bheir thu fo ghèill gach sluagh. 

5 Feuch duinne rugadh Mac an aigh ; 

Fhuair sinn Slanuighear treun ! 
Gach treubh air thalamh gèillidh dha, 
Is aingle nèimh gu lèir. 

6 Prionnsa na siochaint canar ris, 

'S e'n Ti ta glic is treun ; 
Le ceartas riaghlaidh e gach sluagh, 
O 'chaithir shuas air nèamh. 

LAOIDK XX. Isaiah xxvi. 1—7. 

1 C/iA glòirmhor àluinn caithir Dhè ! 

Sion cia breagh a snuadh ! 
Innte chuir Dia a chaithir-righ, 
Chum mairsinn siorruidh buan. 

2 A ballaidh dionaidh e le gràs, 

Gu làr cha tuit i chaoidh ; 
Ni slàinte tèarmunn di gach taobh, 
'S ifrinn cha 'n fheud a claoidh. 

3 A dhorsa siorruidh, èiribh suas, 

Fosglaibh gu luath o chèil'; 
■ S gu racha' naomh-shluagh Dh è a s teacli , 
A thug d'a reachd-san gèill. 
4 An so gun airceas mealaidh sibh 
Sìth shòlasach. gu bràth ; 



LAOIDH XXI. 375 

Sibhse le 'n ionmhuinn àrd-ainm Dhè, 
'S tha deanamh buin à 'ghràs. 

5 Earbaibh à Dia, sior-earbaibh as j 

Gach eagal fògraibh uaibh ; 
AÌ£ Dia tha cumhachd chum 'ur dion, 
Feadh linn nan linn gu buan. 

6 Còmhnuidh nan droch-dhaoin , , ged is àrd, 

Bheir Dia le làimh i nuas ; 
'S am mòr-chuis tilgidh esan sios, 
Co iosal ris an uaigh. 

7 Saltraidh am bochd an sin le tàir, 

Air àrois àrd nan daoi ; 
Trà bhios iad sìnnte air an làr, 
Gun èiridh 'n àird a chaoidh. 

LAOIDH XXI. Isaiah xxxiii. 13—18. 

1 JhLo ! gach aon neach fad as no dlùth, 

Do'n chùis so gabhaibh suim ; 
Bidh àgh is beannachd aig na naoimh, 
Ach sgriosar daoine daoi. 

2 An ti bhios ionraic treibh-dhireach 

Fa chomhair Dhè gach uair, 
Ri gniomh gun iochd nach cuir a làmh, 
5 S air brèig gu bràth nach luaidh ; 

3 An ti nach laimhsich duais an uilc, 

'S gu ceilg nach buair an saogh'l, 

i i 2 



376 LAOIDH XXII. 

Nach seall gun ghràin air lochd air bith, 
'$ nach gluais air slighe chlaoin. 

4 An ti sin còmhnuidh gheibh gu bràth 

An daingneach làidir Dhè ; 
Gun easbhuidh gheibh e'theachd-an-tìr, 
Is caisgear iota 's fheum. 

5 Fadheòidh bidh Nèamh dha fosgailte, 

Le dorsaibh farsuinn fial, 
9 S le Righ nan righrean bithidh e 
Gu tèaruint feadh gach ial. 

LAOIDH XXII. Isaiah xl. 27—31. 

1 O 5 ar son a dhòirtear leat a mach 

Do chaoidh, gun dùil ri iochd ? 
Ceart mar nach tugadh Dia fainear 
Cùis neach air bith d'a shliochd. 

2 Esan a chruthaich talamh 's nèamh, 

Am bheil a thearmunn gann ? 
No 'm feud an làmh a dhealbh gach ni 
Fàs sgìth gu bràth no fann ? 

3 Maith, glic, is uile-chumhachdach, 

Tha 'n Triath ata 'gar dion ; 

A shlighe ged nach lèir do neach, 

Is ceart e anns gach gnìomh. 

4 'S mòr fàth ar misnich, uime sin, 

Fo cheannsal Dhia nan sluagh ; 






LAOIDH XXIII. 377 

Do 'n fhìrean lag bheir esan neart, 
'S do'n anmhunn bheir e buaidh. 

5 Caillidh na sean-daoine an treòir, 

'S an òigridh fèin an lùgh ; 
Ach meud 5 s a dh'f heith ri Dia nan gràs, 
Tha slàinte dhoibhsan dlùth. 

6 Le cosaibh lùghar siùbhlaidh iad 

San t-slighe dh' ionnsuidh glòir ; 
'S fàsaidh an neart mar thrialìas iad, 
'Nan giùlan diadhaidh còir. 

7 Air sgiathaibh creidimh èiridh iad, 

Mar iolar luath nan speur, 
Os ceann an t-saoghail dhorcha so, 
Gu Dia an àirde nèimh. 

LAOIDH XXIII. Isaiah xlii. 1—13. 

1 r euch m' òglach ! feuch mo sheircinn 

'S e àrdaicht' ann am neart;[ghràidh 
Mo roghainn e do'n t-sluagh gu lèir, 
Dha thug mi spèis gu beachd. 

2 Airsan gu saoibhir tuirlingidh 

Mo Spiorad naomha fèin, 
Chum anns na dùthchaibh iomallach 
Mo bhreth gu'n cuir e 'n cèill. 

3 Sèimh agus ciùin, gun gheilt no buirb' 

Bheir esan breth neo-chlaon ; 
i i 3 



378 LAOIDH XXIIL 

Cha bhrist e 'm feasd a' chuilc tha brùit', 
9 S cha mhùch e'n lasair chaol. 

4 Gu lasair sèidear leis an t-srad ; 

do 'n lag bheir e lan-bhuaidh ; 
Feadh mhòr-thìr's eilean sgaoilidh 'eud; 
Is gèillidh dha gach sluagh. 

5 So deir an Dia ghairm nèamh gu bith, 

'S a las na lòchrain iùil, 
A thug do 'n duine spiorad glic, 

9 S a dhealbh gach uile dhùil : 
6 'Stum' Fhàidh, a ghairm'sa thogmisuas! 

Gach uair is leat mo neart ; 
O m' uile chumhachd gheibh thu treòir 

Gu d' chòmhnadh anns gach beairt. 

7 Annadsa ni mi ris gach tìr 

Coimhcheangal siorruidh gràidh, 
Thoirt saorsa do na braighdibh leònt', 
'S do chinnich eòlas aigh. 

8 Na dorsa praise brisidh tu, 

9 3 na glasa làidir teann : 
Is solus aoibhin agus saors' 

Bheir thu do 'n daor 's do'n dall. 

9 'S mise Iehobhah ; 's e sin m 9 ainm 

Air feadh gach uile ial ; 
Mo ghlòir cha bhuin do dhealbha faoin, 
9 S mi fèin a'm 5 aonar Dia. 



LAOIDH XXIV. 379 

10 Feuch ! choimhlionadh a nis gach ni 

Gheall mi o shean do'n t-saogh'l ; 
'S na nithe gheallar leam an tràs 
Coimhlionar iad faraon. 

1 1 Canaibh do 'n Tighearn òran nuadh : 

Air 'ainm biodh luadh 's gach àit ; 
Feadh muir, is tìr, is innse cian, 
Biodh moladh Dhia gu bràth. 

12 A chaithir mhòir! is f hàsaich f haoin ! 

Molaibh araon ar Dia ; 
'Sa mhachair thugaibh moladh dha, 
'S na bheil 'nur tàmh feadh shliabh. 

13 Seinnidhgachsluagh, guh-aon-sgeulach, 

Glòir ion-mholt' Dhè bhith-bhuain ; 
f S do'n chaithream aoibhin agus throm 
Co-f hreagradh fonn is cuan ! 

LAOIDH XXIV. Isaiah xlix. 13—17. 

1 A neamha, togaibh luaghair ait ; 

A thalamh, binn-cheol seinn, 
A shlèibhte, canaibh co-sheirm chiùil, 
'S gach dùil air feadh gach linn ! 

2 Feuchaibh cia tròcaireach ar Dia ! 

Cluinnibh a bhriathra gràis ; 
Do 'n anam thruagh bheir comhf hurtachd, 
Is saors' o dhochann bàis. 



380 LAOIDH XXV. 

3 Sguiribh, an làithibh goirt 'ur claoidh, 

Do'r caoidh 's do'r gearan cruaidh ; 
An saoil sibh nach toir Dia fainear 
Staid gach aon neach d'a shluagh ? 

4 An dìobair màthair ciochran maoth 

A brollaich, le h-an-iochd ? 
Nach maothaich osna 's deòir a cridh , 
'S nach gabh i truas d'a sliochd ? 

5 Ach, arsa Dia, ged chaochail iochd 

D'a gineil anns gach mnaoi, 
M'iochd-sa do m'shluagh, agus mo ghaoL 
Gun chaochladh mairidh chaoidh. 

6 Domhain air dearnaibh mo dhà làimh, 

Ainm Shioin ghearr mi sios ; 
A balla briste càiridh mi, 
'$ a h-àrois togaidh rìs. 

LAOIDH XXV. Isaiah liii. 

1 Cia tearc an dream, le creidimh beò 

A ghabhas eòlas uainn ; 
No mhothaicheas o'm fiosrach fèin, 
Mòr-chumhachd Dhè bhith-bhuain ? 

2 Tha Iosa teachd ! gun ghreadhnachas, 

A dh'fhoillseachadh cia dlùth: 
Oir àille thalmhaidh air cha bhi, 
No bheag do ioghnadh shùl. 



LAOIDH XXV. 381 

3 Mar chinneas ann am fàsach fhaoin 

Luibh mhaoth, gun chùram sluaigh; 
Mar sin, san t-saoghal aingidh so, 
Dh'fhàs Criosd fo ainneart suas. 

4 Fo dhimeas is fo tharcuis dhaoin', 

Feuch fear an àmhghair thruaigh 
Is bròn a' leantuinn ris gun chlos, 
An taobh a bhos do'n uaigh. 

5 Ach cha b'e fèin, ach sinne thoill 

Gach cràdh a rinn a leòn ; 
Oir, neo-chiontach sheas e 'nar riochd, 
'S gu h-iochdmhor ghabh ar bròn. 

6 Gidheadh mar dhroch-dhuin' mheasadh e, 

'S mar fhògarach o ghràs ; 
Trà dhòirt e 'fhuil air son an t-sluaigh, 
Fo osnaidh chruaidh a' bhàis. 

7 Le 'naomh-fhuil nigh e dhinn gu glan, 

Ar truailPeachd is ar lochd ; 
Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs 
Gu bràth ar n-anma bochd. 

8 Chaidh daoine dàll is ceannairceach 

Air seachran truagh, mar threud ; 
Ach ghiùlain Criosd ar n-eusaontas, 
Is dhiol ar n-uile bheud. 

9 Fo bhuille trom ar smachdachaidh, 

Feuch giùlan caomh Mhic Dhè ! 



382 LAOIDH XXVI. 

Mar uan gun lochd, a dh' imlicheas, 
An làmh le 'n casgrar è. 

10 A neo-chionta cò dh'fhoillsicheas ! 

'S e 'n cuibhreach cruaidh an sàs ? 
Feuch dhìteadh e le samhladh reachd, 
Is thugadh seach gu bàs. 

11 Le peacaich luidh e sios san dus, 

Na beartaich thug dha uaigh ; 
Mar chaith' e 'bheatha, chriochnaicli e, 
Gun chiont', air meud a thruaigh. 

12 Mar so ged bhruthadh e le Dia, 

Dh'èirich ar Triath a rìs, 
Oir iobairt iomlan aoin mhic fèin 
Dhiol ceartas Dè gu sior : 

13 Oir, arsa Dia, làn-shoirbhichidh 

Mo thlachd 'na làimh gun cheist ; 
Bidh 'ghineal lìonmhor feadh gach linn, 
'$ bidh inbhe mòr am feasd. 

14 Bidh 'anam ait trà dhearcas e 

Air toradh pailt a phèin ; 
Is bheir na slòigh a shlànuich e, 
Cliu sior d'an Slàn'ear treun. 

15 Roinnidh e chreach le laochraibh treun ; 

'S do 'n eug bheir gach aon nàmh ; 
Le ciontaich ged luidh e san uaigh, 
Dh'èirich le buaidh an àird, 



LAOIDH XXVI. 383 

16 Dh'fhuiling e dhioladh cionta dhaoin' 
A dh' fhaotainn sìth d'a shluagh ; 
'S mar charaid sior-bheò nis air nèamh, 
Tagraidh e 'n cùis gach uair. 

LAOIDH XXVI. Isaiah lv. 

i O dhaoine tartmhor ! thigibh chum 
Sruth pailt nan uisge beò ; 
An nasgaidh gheibh am bochd a dhiol, 
Gun airgiod is gun òr. 

2 C ar son a struidheas sibh 'ur maoin 

Air nithibh faoin nach biadh ; 
'S a chailleas sibh 'ur saoth'r gach là, 
Mu ni nach sàsuich miann ? 

3 Gu deònach cromaibh riums' 'ur cluas, 

Ma 's àill leibh suaimhneas fior ; 
Le m' theagasg bidh 'ur n-anma beò, 
Is gheibh sibh sòlas sior. 

4 Eisdibh, is mairibh beò gu bràth ! 

Mo chùmhnant gràsmhor ^s leibh ; 
An tròcair a rinn Daibhidh ait, 
Gun airc bheir mise dhuibh. 

5 Mar fhianuis ròghnaich '$ thog mi e, 

Mar cheannard treun do m' shluagh ; 
Gach fìne gairmidh e o chèin, 
'S bheir iad fo 'bhrataich buaidh. 



384 LAOIDH XXVI. 

6 Feuch criocha cian nach b'aithne dhuit, 

Is do nach b'aithne thu, 
Ard-f hàidh ! do d'ionnsuidh cruinnichidh, 
'S do m' ainm-sa bheir iad cliu. 

7 Grad-iarraibh Dia am feadh tha 'chluas 

'Ga cromadh nuas ri 'r glaodh ; 
'S 'nuair tha e tairgse dhuibh a ghràis, 
Gabhaibh ri shlàinte shaor. 

8 Trèigeadh an t-aingidh 'shlighe chlaon, 

'S an droch-dhuin' smuain a chridh', 
Is pilleadh iad ri Dia gun dàil, 
Is gheibh iad slàint' is sìth. 

9 Oir Dia tha saoibhir ann an iochd, 

Is laghaidh e gach beud ; 
Cha'n ionann nadur dha 's do dhaoin'; 
A thròcair chaomh cha trèig. 

10 Oir mar is àrd an speur, deir Dia, 

Os ceann na talmhainn fhaoin, 
*S co-àrd tha m' iùl 's mo smuainte-sa 
Thar iùl is smuainte dhaoin'. 

1 1 Nuas silidh frasa sneachd is uisg', 

'S cha phill a rìs an àird, 
An talamh gus an taisich iad 
A ghiùlan lòin 's gach àit. 

12 Mar so aon smid a labhras mis' 

Cha tig air ais gun bhuil ; 



LAOIDH XXVII. 385 

Mo ghairrn gheibh èisdeachd ogachdùil, 
Is bidh iad ùmh'l do m* thoil. 

13 'N sin stiùrar dùthcha iompaichte, 

Le h-aoibhneas is le fois : 
Na slèibhte seinnidh air gach taobh ; 
Buailidh gach craobh a bos. 

14 An àite dhroigheann agus dhreas 

Bidh ur-chroinn uain' a' fàs ; 
Mar so sior-mhairidh ; 's bheir gach dùil, 
Ard-chliù do Dhia nan gràs. 

LAOIDH XXVII. Isaiah lvii. 15, 16. 

1 xLiSDiBH ! gach neach air thalamh ta, 

Guth Dhè ro-àrd is naomh; 
'S iad so a bhriathra tròcaireach, 
Fath dòchais chloinn nan daoin' : 

2 An àirde nèimh mo chaithir righ 

O shiorrui'chd shocruich mis'; 
'S leam cliu nan aingeal feadh gach linn, 
'S gach buaidh ta iomlan leis. 

3 Gidheadh o m' ionad còmhnuidh shuas, 

Seallaidh mi nuas do ghnàth, 
Air luchd a' chridhe bhriste ^1x^1', 
'S 'nam bùthan ni mi tàmh: 

4 A cheangal suas an spioraid bhrùit', 

'S g'a thoirt o ? n ùir a nios ; 

Kk 



386 LAOIDH XXVIII. 

'S a bheothachadh nan anma truagh 
Tha dol do'n uaigh a sìos. 

5 Na h-anma sin a dhealbh mi fèin, 

Gheibh tèaruinteachd fo m' ghràs ; 
Tagradh cha dean mi riu do shior, 
Mun tuit iad sios a'm' làth'r. 

' LAOIDH XXVIII. Isaiah lviii. 5—9 

1 Feuch ! ciod an trasg is àill le Dia, 

An e bhi cianail trom ? 
No sgeadaichte le samhla bròin, 
Is aghaidh leònta chrom ? 

2 An ionmhuinn leamsa èididh bròin, 

Deir Righ na glòir e fèin ? 
Le ceann air lubadh, 's gnùis fo smal, 
Am faigh sibh uamsa spèis ? 

3 Ili daoine truagh 'gan sàruchadh, 

Cum baigh is cothrom maith ; 

'S do dhaoine bochd is an-shocrach 

Gabh cùram, 's biodh ort rath. 

4 Do'n dilleachd ocrach thoir do bhiadh, 

^S biodh d'fhardach fial gach uair 
Do'n choigreach tha gun àite tàimh, 
'S do'n anrach dhiblidh thruagh. 

5 Còmhdaich an lomnochd, dion am fuar, 

Tog suas an ti fo leòn j 



LAOIDH XXIX. 387 

'S na druid do chridhe le h-an-iochd 
O neach air bith san fheòil. 

6 An sin mar mhaduinn shoilleir chiùin, 
Bidh d'ùin' air thalamh bhos ; 
Air d'uile shlighe dealraidh Dia, 
'S o d' iarguin gheibh thu fois. 

LAOIDH XXIX. Tuir. iii. 37—40. 

1 Am measg nan cumhachdach co 'n ti 

A bheir gu crìch na 's àill ? 
Nach 'eil gach ni sa' chruinne-chè, 
Fo òrdugh Dhè a mhàin : 

2 'S esan a ni ar n-aoibhneas mòr, 

No bheir dhuinn bròn fa seach ; 
'S i 'làmh a dhealbh an solus iùil, 
'S do dhui-neòil thug an dreach. 

3 Ciod uim' an gearain duine beò ; 

'Ga leòn fo smachdach' Dhè ? 
A chum a leas tha Dia 'ga chlaoidh 
Gu thoirt d'a ionnsuidh fèin. 

4 O dhaoine ! rannsaichibh gu geur, 

Gach ceum do 'r slighe chlaoin ,• 
'S pillibh o 'r seachranaibh gu Dia, 
Thaobh meud a thròcair chaoin. 
Kk2 



388 LAOIDH XXX. Hosea vi. 1—4. 

1 l higibh, is rachamaid gu Dia, 

Le cridhe tiamhaidh bròin : 
Ged pheacaich sinri, ni esan iochd 
Air anmaibh briste leònt'. 

2 Air iarrtus duisgidh 'n doinnion gharbh, 

Is fàsaidh balbh a rìs; 
Is ged tha 'ghàirdean treun gu sgrios, 
Tha e co treun gu'r dìon. 

3 B' fhada 's bu chian ar n-oidhchebhròin, 

Bheir teachd an lò dhuinn gean ; 
Oir thig ar Dia is f òoraidh e 
Gach dòlas ruinn a lean. 

4 *N sin gheibh sinn eòlas air a ghràdh, 

Ma thig sinn dhasan dlùth ; 
Bidh 'ghnùis marghreinnamaidne gloin, 
'S a ghutli mar inneal ciùil. 

5 Mar dhrùchd air bhàrr nan luibhean 

'Siadairgachtaobhfobhlàthj^maoth, 
No mar na frasan thig a nuas 
Air fearann cruaidh sa' Mhàrt ; 

6 Mar sin ni dealradh gnùis ar De 

Ar n-anma aoibhin ait : 
Fògraidh e duibhre 's doilghios uainn, 
Is ni sinn uaill gun airc. 



LAOIDH XXXI. Micah vi. 6—9. 389 

1 C/iA leis a tliig mi 'm fìanuis Dhia, 

Ard-thriath a' chruinne-chè ! 
No ciod an iobairt bheir mi dha, 
Chum e bhi ghnàth rium rèidh ? 

2 An toilich mìle ìobairt loisgt', 

Le'm boltrach tùis an Triath ? 
Deich mìle sruthan oladh 'n leòr, 
'S gach ainmhidh beò san t-sliabh ? 

3 Mur leòr, an gabh e mo cheud-ghin, 

An riochd mo bheatha fèin ; 
Toradh mo chuirp an èiric m' anm' 
Chum bhi 's gach àm rium rèidh ? 

4 Cha'n fhoghainn so ; is aobhar gràin 

Le Dia gach crabhadh saoi ; 
5 Na fhocal leig e ris a rùn, 

A stiùradh chloinn nan daoin'. 

5 O Dhuine ! so na dh'iarr e ort ; 

Dean ceartas, miannaich iochd ; 
Gu h-umhal gluais an làth'r do Dhia, 
Is dean a riar gu glic. 

LAOIDH XXXII. Habac. iii. 17, 18. 

1 Chaoidh ged nachtoir crannfìgeblàth, 
'S nach fàs air fion-chrann meas ; 
Saoth'r a' chroinn oladh ged a thrèig, 
'S fàs dèis gun bhi air slios ; 
Kk3 



390 LAOIDH XXXIII. 

2 Gach treud o'n mhainnir ged a bhuail 

Grad f huathas 'nuair nach saoil ; 
Greigh ged nach f àg an t-Earrach cruaidh, 
No bò air uachdar raoin ; 

3 Gidheadh san Triath bidh mise ait, 

Is ni mi uaill 'na ghràdh ; 
Mòr aoibhneas ni mi ann am Dhia ; 
'S e Dia mo shlàint' gu bràth. 

4 Bheir Dia dhomh neart chum ruith gu 

Mar fhiadh air fireach àrd; [dian 
Is bheir e mi gu riogh'chd na glòir, 
Fo sheòla caomh a ghràis. 

5 'Se Dia mo stòr, mo bheatha, 's m'ìùl 

O 'n tig mo lùgh 's mo threis ; 
Gainne no gort, beatha no bàs, 
Cha sgar o 'ghràdh mi 'm feasd. 

LAOIDH XXXIIL Mat. vi. 9—14. 

1 A thair gach dùil a bhos is shuas ! 

D'an dual gach cliu is glòir ; 
A'd* làthair striochdaidh sinne sios, 
Gu h-iosal mar is còir. 

2 D'ainm naomhaichear 's na h-uile àit, 

Is aoradh dha gach slògh ; 
Craobh-sgaoil do Sboisgeul, 'sthoirdha 
Isluathaichriogh'chdnaglòir.[buaidh, 



LAOIDH XXXIV. 391 

3 Deanadh gach dùil air thalamh bhos, 

Do thoil raar ainglibh nèimh ; 
Dhi gèilleadh iad le cridhe ait, 
'S le giùlan macant' sèimh. 

4 Ar n-aran làthail deònuich dhuinn, 

Is cridhe taingeil leis ; 
Is ciod air bith is cuibhrionn duinn, 
Do bheannachdbiodh'na chois. 

5 Maith dhuinn ar fìacha trom, a Dhè, 

A rèir mar mhaithear leinn, 
D'ar feichnibh fèin an euceartan, 
'S gach beum a thug iad dhuinn. 

6 Na leig am buaireadh sinn, a Dhè, 

Ach gleidh sinn o gach lochd ; 
Oir rioghachd, cumhachd, 's glòir gun 
'S leat nis *s a rìs gu beachd. [chrìoch, 

LAOIDH XXXIV. Mat. xi. 25—30. 

1 Buidheachas follaiseach thug Criosd 

D'a Athair fèin, ag ràdh, 
Sior-bheannaicht' bi-sa, Dhia nam feart, 
O linn gu linn gu bràth ! 

2 'S tu chèil air daoine saoghalt' glic 

Dearbh-fhìrinn shlàinteil nèimh, 
Gidheadh a thaisbein soilleir i 
Do leanbaibh ùmhal sèimh. 



392 LAOIDH XXXV. 

3 'Si so do thoil-sa, Athair chaoimh ! 

'S do naomh-reachd seasmhach buan ; 
Na iarradh aingle naomh no daoin' 
Làn-fhios an aobhair uainn. 

4 Gach uile chumhachd dhomhs' thug Dia ; 

Dha mhàin is fios mo ghnè j 
Is dhomh-sa mhàin a ghnè-san 's eòl, 
'S do 'n dream d'an seòl mi e. 

5 O sibhse ta le uallach trom 

An uilc 's an eagail leòint', 
Thigibh a m'ionnsuidh-sa, is gheibh 
'Ur n-anama fois is treòir. 

6 Le cridhe ùmhal togarach 

Mo chuing-sa togaibh oirbh : 
Do m'cheannsalgeillibh, is do m' reachd, 
Gu beachd cha 'n'eil e doirbh. 

7 Oir caomh tha mise agus sèimh, 

'S cha dean mo chuing 'iir cràdh ; 
Foghlumaibh uam, Yur n-anama sgìth 
Fois shiorruidh gheibh is àgh. 

LAOIDH XXXV. Mat. xxvi. 26—29. 

1 San oidhche san do bhrathadh Ios', 
'S e rèidh gu 'bheatha leigeadh sios, 
Ghlac e aran, is bheannaich e, 
Toirt buidheachais do Righ nan nèamh. 



LAOIDH XXXV. 393 

2 'N sin thubhairt e r'a chàirdibh gaoil, 
('S e briste' 'n t-samhlaidh sin air fheoil,) 
Glacaibh, ithibh ; uaith so gu bràth, 

Air chuimhne gleidhibh là mo bhàis. 

3 Ghlac e an cupan fòs 'na làimh, 
Is thog e rìs a ghuth an àird, 

Trà labhair e le briathraibh sìth, 

Is teas-ghràdh lasadh suas 'na chridh , ; 

4 M' f hui], amhuil so, do bheiream seach, 
Mar èiric anm' air son gach neach ; 

So seula cùmhnainte nan gràs, 
Cruaidh-naisgte leamsa ann am bhàs. 

5 Lan-luchdaichte le gràdh do dhaoin', 
Tha'n cupan so, 's an ioc-shlàint' saor ; 
Gabhaibh dheth uile, 's bithibh beò ; 
Bibh cuimhneach orms' thug suas an deò. 

LAOIDH XXXV. Air sheol eile. 

1 San oidhch' an d' èirich gach aon nàmh 

An aghaidh Slanui'r dhaoin', 
Ghlac e,'se rèidh gu dol gu bàs, 
Aran 'na làmhaibh naomh. 

2 'S air toirt da buidheachais do Dhia, 

Tha riaghladh talamh 's nèimh, 
An t-aran bhrist, mar shamhl' air f heoil, 
Is thuirt gu fòil r'a threud ; 



394 LAOIDH XXXVI. 

3 Mo chorp-sa briste, amhuil so, 

Feuch bheiream dhuibh gu saor ; 
Oir air 'ur sonsa bhristeadh e, 
'S air son a' chinne-daoin\ 

4 Glacaibh is ithibh, uime sin, 

Is cuimhnichibh mo bhàs, 
Gach uair a ni sibh 'n obair cheudn' 
'Na dhèigh so, gu là bhràth. 

5 Ghlac e an sin 'na làimh an cup', 

'S thug buidheachas faraon, 
Bha 'chridhe laiste le teas-ghràdh, 
Shruth slàint' o 'bhilibh caoin. 

6 Feuch amhuil so bheir mise m' fhuil, 

Gu'r tèarn' o ghuin a' bhàis ; 
Gabhadh gach neach ; tha 'n ioc-shlàint 
Do gach uiP aon le'n àill. [saor j 

7 Air feadh gach linn sior-chuimhnichibh, | 
Mor-shaoibhreasm'iochd'smoghràis; 



So seul a' chùmhnaint' ni mi ruibh, 
Is cuimhneachan mo bhàis. 

LAOIDH XXXVI. Luc. i. 46—56. 

jNi m'anam uaill is gàirdeachas 
An Dia mo shlàinte chaoimh ; 

Oir thog a mhaitheas Inilt suas 
O m'inbhe shuaraich fhaoin. 






LAOIDH XXXVII. 395 

2 Canar mi sona leis gach linn, 

Oir rinn mo Dhia orm iochd ; 
Is naomha 'ainm, 's is buan a ghràs, 
Nis is gach trà gu beachd. 

3 Feuch, dh'fhoillsich Dia a ghàirdean 

An t-uaibhreach thrèig e tur; [treun, 
Luchd-àrdain thilg o'n caithir-righ, 
'S an t-iosal thog o'n dus. 

4 An t-ocrach shàsuich e le lòn, 

An saoibhir leòn le gort ; 
Ri luchd an àilghios chuir e cùl, 
Is thug a rùn do'n bhochd. 

5 Chuimhnich e 'thròcair is a ghràs 

Do Iacob òglach fèin ; 
Is thug e cabhair, mar a gheall, 
San aimsir fad o chèin. 

LAOIDH XXXVIL Luc. ii. 8—15. 

1 Air bhith do bhuachaillibh le chèil' 

A' faire' treud san oidhch', 
Thaisbeanadh Aingeal doibh o nèamh, 
'S am magh lion e le soills'. 

2 Bu mhòr an oillt', ach thuirt e riu, 

Na gabhaibh geilt no sgàth ; 
Oir sgeul ro-ait tha agam dhuibh, 
Is do gach linn gu bràth. 



396 LAOIDH XXXVIII. 

3 'N diugh rugadh dhuibhambaile 'n Righ 

An Slànui'ear, seadh Criosd ; 
Feuch, cluinnibh uamsa comhara, 
Le 'm mothaich sibh gur fìor : 

4 An naoidhean nèamhaidh gheibh sibh 

Follais do rosgaibh dhaoin', ['n sin, 
'S e paisgt' an trusgan an-uasal, 
'S na luidh' am prasaich fhaoin. 

5 Labhair an Seraph so, \s air ball 

Bha 'm magh do Ainglibh làn, 

A' seinn gu binn do Dhia na sìth ; 

'S b' e so bu bhrìgh d'an dàn, 

6 " Gach glòir do Dhia sna nèamhaibh 

Sìth bhuan air thalamh ta ; [shuas ! 

Nochd Dia Mheadh-thoil do'n chinne- 

, Schatraoghamfeasdaghràdh.[daoin , , 

LAOIDH XXXVIII. Luc. ii. 25—33. 

1 Oo Shimeon an duine naomh 

Dh'innseadh le Spiorad Dhia, 
Gu faiceadh e roimh uair a bhàis, 
An Slàn'ear, Criosd an Triath. 

2 An gealladh sòlasach so dh'fheith 

An naomh o là gu là ; 
Is cha do mhealladh e 'na dhùil, 
Choimhlionadh chùis 'na trà. 



LAOIDH XXXVIII. 397 

3 'Nuair thugadh Ios' a rèir an lagh' 

A stigh do 'n teampull naomh, 
Do Shimeon dh'fhoillsicheadh co e, 
Le Spiorad nèimh gu saor. 

4 'Na ghàirdean aosda ghlac an naomh 

An naoidhean, 's thug e cliù 
Do Dhia, 's e seinn le aoibhneas àrd, 
'S le gàirdeachas 'na ghnùis. 

5 " Nis leig do d'òglach triall an sìtli 

Chum siorruidheachd mar gheall ; 
O'n chunnaic mi do shlàint', a Thriath, 
Mo thriall na bitheadh mall. 

6 Na làmhan so, a ghlac mo Righ, 

Na glacadh ni 'na dhèigh ; 
'S na sùilean so a chunnaic Criosd, 
Na faiceadh ni fo'n ghrèin. 

7 Tha'n t-slàinte gheallthudhuinno shean 

'S a cho-gheall thu faraon, 
A' dearbhadh dhuinn gur fior do ghràdh 
Gu bràth do'n chinne-daoin'. 

8 So Grian an aigh le'm fògrar duibhr 5 

A' Gheintilich gun iùl, 
Is anns an cuir do theaghlach taght' 
Clann Israeil an duiT. 
Ll 



398 LAOIDH XXXIX. Luc. iv. 18, 19. 

1 Cluinn tbh sgeul ait ; Tha 108* air 

Ri'n robh o shean ar dùil ! [teachd 
Lionar gach cridh' le gàirdeachas, 
Seinnear gu bràth a chliù. 

2 Tha'n Spiorad dhòirteadh air gu pailt, 

Ri fhaicinn anns gach ni ; 
Tha gliocas, cumhachd, eud, is gràdh, 
Dealrach 'na uile glmiomh. 

3 Le 'theachd, lan shaorar braighde truagh 

Bh'aig Satan fo chruaidh-ghlais ; 
Oir sgaoilidh e gach cuibhreach teann, 
Is sgealbaidh dorsa prais. 

4 Le 'theachd, neul cionta thèid air chul, 

\S thig fradharc iùil do'n dall; 
Claisteachd do 'n bhodhar, 's cainnt do'n 
'Sdo'nbhacachlughnamball.j^bhalbh, 

5 Le 'theachd, gheibh bochd is uireasach 

Làn-diol do shaoibhreas gràis ; 
An cridhe briste ceanglar suas, 
An t-anam truagh bidh slàn. 

6 Thàinig là-saoraidh ait o'r Dia, 

'S maithear ar fiacha dhuinn : 
Oir choimhlion Dia a ghealladh mòr, 
Is bidh e 'n còmhnuidh leinn. 

7 Hosanah ait do Righ na sìth ! 

Nis is a rìs gu bràth ; 



LAOIDH XL. 399 

Co-fhreagradh nèamh, is muir, is tìr, 
Le co-sheirm shiorruidh dha. 

LAOIDH XL. Luc. xv. 13—25. 

1 Le misg is mi-bheus 'nuair a chaith 

An struidhear truagh a mhaoin, 
'S e 'g iarraidh lòin am measg nam muc, 
Do phlaosgaibh falamh faoin. 

2 Ged bhàsaichinn, thuirt e, le gort, 

Am fearann coigreach cèin, 
An teaghlach m'athar gheibh gach tràill 
Na 's àill le 'chridhe fèin. 

S Nis pillidh, tuitidh, 's guilidh mi, 
An làthair m' Athar chaoimh ; 
Och ! pheacaich is cha'n airidh mi, 
Air d'iochd-sa no iochd nèimh. 

4 Ag ràdh so, gu tigh Athar phill 

Le inntinn thuirseach throm ; 
Trà chunnaic 'athair e fad as, 
Las tlus is iochd 'na chom. 

5 Ghrad-ruith 'na cliòdhail, 's thug e pòg, 

Le furan mòr, d'a mhac ; 
Is b'aithreach leis an struidhear thruagh 
Gu'n d'thug e fuath d'a smachd. 

6 Och ! pheacaich, is cha'n airidh mi, 

Air d'iochd-sa no iochd nèimh ; 
l 1 <2 



400 LAOIDH XLl. 

Dean mi a'm' sheirbhiseach a mhàin, 
O Athair chàirdeil chaoimh ! 

7 Thugaibh a mach, ars' Athair ait, 

A' chulaidh thaghta dha ? 

'S gach iochd is onoir diolamaid 

Do'n ìompachan gun dàil : 

8 Oir bha e marbh, is tha e beò ; 

Caillte, 's fadheòidh air sgeul ? 
Biodh gàirdeachas oirnn uime sin, 
'S biodh so 'na làtha fèill. 

9 Mar sin bidh gàirdeachas air nèamh, 

Trà thèarnar peacach baoth ; 
Le piileadh dha le h-aithreachas 
Gu 'Athair iochdmhor caomh. 

LAOIDH XLL Eoin iii. 14—19. 

1 .N uajr thogadh suas an nathair phrùis 

Le Maois, san fhàsach chruaidh, 
Dhearc oirre 'n dream bha dlùth do'n 
Is shlànuicheadh an sluagh ; [bhàs, 

2 Mar so tha Criosd air àrdachadh, 

Gu slàinte thabhairt duinn, 
Seallaidh na slòigh chaidh lot an àird, 
Is slànuichear gach tinn. 

3 Cia an-mhor tròcair Dhia nan gràs : 

Cia pailt a ghràdh is 'iochd, 



LAOIDH XLII. 401 

A thug a mhac mar ìobairt suas, 
A dh'fhulang truaigh 'nar riochd ! 
i Cha'n ann a dhìteadh cloinn nan daoin' 

A thàinig Criosd o nèamh ; 
Geur-lann gu sgrios cha robh 'na làimh, 
No bagradh bàis 'na bheul. 

Le creidimh slàinteil gèillibh-sa, 

A luchd mi-bheus, d'a reajhd ; 
Is bheir e tèaruint 5 sibh an sìlh, 

G'a riogh'chd a ta ri teachd. 
6 Ach leanaidh dioghaltas gu luath 

An sluagh nach gèill 'na thrà, 
An dream ni dimeas air mac Dhè, 

'S nach èisd ri tairsgs' a ghràis. 

LAOIDH XLII. Eoin xiv. 1—7. 

1 U aibh f ògraibh eagal 's iomgain cridh ' ; . 

y S na biodh 'ur dòchas fann ; 
Earbaibh à freasdal Dè do ghnàth, 
'S a' m' ghràdh-sa gach aon àm. 

2 Gu aros m' Athar pilleamsa, 

Ann 's lionmhor ionad tàimh : 
'S is dèalrach glòir na rioghachd sin, 
'Ga lionadh air gach làimh. 

3 Mur biodh na nithe so mar so, 

Dhuibh dh'innsinn sin o thùs; 
l 13 



402 LAOIDH XLIII. 

Cha mhealainn sibh le dòchas baotli, 
No muinghinn fhaoin mu'n chùis. 

4 Roimhibhthèid mise chum, 'nur n-ainm, 

Gu gabhninn sealbh air nèamh ; 
'S gu'n ullaichinn duibh ann am riogh- 
Gu siorruidh, àite tàimh. ['ehd 

5 Ach pillidh mi air m'ais a rìs, 

Is bheir mi sibhse leam ; 
An sin cha dealaich sinn ni 's mò, 
'S cha bhi sibh brònach trom. 

6 A' bheatha, 'n fhirinn, is an ròd 

A threòraicheas gu nèamh, 
Is mise sin ; 5 s na leanas mi, 
Gu sonas bheir mi iad. 

LAOIDH XLIIL Eoin xiv. 25—28. 

1 Mo ghuth cha chluinn sibh tuille nis, 

Ghairm m'athair mi chum nèimh, 
O'n tig an comhf hurtair gun dàil, 
An Spiorad gràsmhor naomh. 

2 AW ainm-sa cuiridh 'n t-Athair e, 

A dheanamh dhuibh an iùil ; 
A thoirt na chuala sibh 'nur cuimlln , , 
'S a dh'fhoillseachadh gach cùis. 

3 Mo shìth mar bheannachd dealachaidh, 

\S mar dhìlib gheibh sibh 'n tràs; 



LAOIDH XLIV. 403 

Mo shìth bheir dhuibh làn-chomhf hurt- 
'Nur beatha is 'nur bàs. [achd, 

4 A rèir droch nòis an t-saoghail chlaoin, 

Cha mheall mi sibh gun cheist. 
Is gealla gun a choimhlionadh 
Cha toir mi dhuibh am feasd. 

5 A'd' ghealla, Thriath, ni sinne bun, 

Rè fad ar turuis f haoin ; 
'S ar n-earbsa làidir bidh a'd' ghràdh, 
Ri fàgail dhuinn an t-saogh'l. 

LAOIDH XLIV. Eoin xix. 30. 

1 r euch ! Iosa ceusda air a' chrann ! 

'S a cheann a' lùbadh nuas; 
'Fhuil chraobhach ogach creuchda' ruith, 
Is cruitheachd bàis 'na ghruaidh. 

2 "Tha'nobaircriochnaicht," — Labhair e, 

'S e tiomn' a spioraid suas ; 
Lùb e a cheann 's cha d'fhuiling e 
Gnè tuille pèin no truaigh'. 

3 "Tha'n obair criochnaicht" — Bhàsaich 

Air son a' chinne-daoin' ; [Criosd 
Lan fhuasgladh thug e dhuinn o'n bhàs; 
O chumhachd Shatain shaor. 
4"Tha'nobaircriochnaicht",— Sguiraleòn: 
Le 'bhròn, le 'shaoth'r 's le 'fhuil 






404 LAOIDH XLV. 

Làn-cheannsaich e gach uile nàmh, 
Is chreach e iad gu tur. 
5 "Tha'nobaircriochnaicht", — 'slinn an 
Do linn an t-Soisgeil ghèill : [Lagh 
Seann nithe chaidh a nis air ckùl, 
'S tha 'n saoghal ùr gu lèir. 

LAOIDH XLV. Rom. ii. 4—8. 

1 O Dhaoine daoi ! an dean sibh tàir 

Air gràs is faighid Dhia ? 
'S an dean sibh fanoid air a neart ? 
An gleachd sibh ris, gun chiall ? 

2 A chionn gu bheil a thròcair pailt, 

Is 'fhoighidinn cho buan, 
Am meudaich sibh 'ur seacharain, 
'S am peacaich sibh gach uair? 

3 A ghin mhi-thaingeil ! nach ro-mhò 
. Bu chòir do mhaitheas Dè, 

Do stiùradh dh'ionnsuidh aithreachais, 
'S do tharruing thuige fèin ? 

4 Am fearr leat corruich chur air Dia, 

'S an Triath bhi dhuit 'na nàmh, 
Is ionmhas feirge thasgaidh suas, 
Ni truagh thu là a' bhràth ? 

5 An là sin 's dlùth, le 'dhioghaltas, 

'S do bhinne ni e teann : 



LAOIDH XLVL 405 

Thig fearg is claoidh ort air gach làimh, 
Gun neacli gu d' thèamadh ann. 
6 Ach iadsan uil' thug gèill do'n Triath, 
'S a ghluais gu diadhaidh naomh, 

Gheibh crùn na beatha mar an duais 
Bhith-bhuan, fad saogh'l nan saogh'L 

LAOIDH XLVI. Rom. iii. 19—22. 

1 Oia diomhain earbsa chloinn nandaoin' 

A saoth'r an làmha fèin ? 
O nadur truaillidh ceannairceach 
Cha sruth ach olc 's mi-bheus. 

2 Biodh Iudhaich 's Geintilich 'nan tosd ; 

Gun fhocal as am beul ; 
'S na deanadh duin' air bith do'n 
Aon uaill am fianuis Dè. [t-sluagh 

3 An gràs a ni dhinn fìreana, 

Cha toill ar gniomh'ra fèin ; 
Oir dìtidh 'n Lagh gach duine beò 
Gu bròn bith-bhuan is pèin. 

4 Iosa ! trà dh'earbas sinn à d'ainm, 

Cia luachmhor dhuinn do ghràs ! 
Do ghràs a bheir dhuinn fireantachd, 
'S do'r n-anam dion gu bràth. 



406 LAOIDH XLVII. Rom. vi. 1—7. 

1 Sam buanaich sinn gu dàn 'nar ciont', 

Bhrìgh saoibhreis gràsa Chriosd ? 
Nar leigeadh Dia gu faigh gu bràth 
An smuain so tàmh 'nar cridh'. 

2 Trà thugadh sinn do Dhia gu moch, 

Ri droch-bheairt chuir sinn cùl ; 
Is gheall sinn gluasad fad ar làith' 
Mar chruthach àluinn ùr. 

3 Do'n pheacadh bhàsaich sinn leCriosd; 

Leis dh'èirich sinn o'n uaigh 

Gu beatha naomh, a threòraicheas 

Gu beatha ghlòrmhor shuas. 

4 Seadh, nis cha tràillean sinn ni 's mò 

Do pheacadh no do bhàs ; 
Oir dh'f huasgail Criosd gach cuibhreach 
Is mhill ar n-uile nàmh. [dhinn, 

LAOIDH XLVIII. Rom. viii. 31. 

1 Le creidimh 's dòchas f ògramaid ; 

Geilt, ciont', is dòrainn uainn ; 
'S e Dia ar caraid, 's mòr a threis ; 
Cia 'n t-eascair bheir oirnn buaidh? 

2 An Ti thug aon-mhac air arson, 

Mar chobhartach do'n bhàs ; 
Nach toir gach tiodhlac eile dhuinn ? 
\S an ceil e oirnn a ghràs ? 



LAOIDH XLVIII. 407 

3 Feuch, fhuair sinn anns a' ghibht bu 

Làn-chòir air nithibh 's lugh' ; [mhò 
Tha Criosd 'na earlais air gach agh, 
Air nèamh is làr faraon. 

4 Co nis a chuireas ciont à leth 

Sluaigh thaghta Dhè nan gràs ? 
Co dhìteas iad ? no dhiultas sìth, 
O dh 'f huiling Criosd am bàs ? 

5 Dh'fhuiling e 'm bàs, ach dh'èirich e 

Gu deas-làimh Dhè le buaidh ; 
'N sin tagraidh e ar cùis do shior, 
Is bheir làn-dion d'a shluagh. 

6 Co nis ma ta a sgaras sinn 

O chaidreamh caomh ar Triath ? 
An sgaoil aon neach an cuibhreach sin 
A cheangail sinn r'ar Dia ? 

7 Ged èirich dragh, 's ged bhagair bàs, 

^S ged iadh gach nàmh mu'n cuairt, 
Trid Chriosd bheir sinn gu dulanach, 
Orr' uile tuille 's buaidh. 

8 Ifrinn no talamh, beath' no bàs, 

No sàruch uine bhuan, 
O ghràdh ar Triath cha dealaich sinn, 
'S cha sgar arn feasd sinn uaith. 

9 Bheir so dhuinn sonas feadh gach linn, 

Mar rinn e gus an tras : 



408 LAOIDH XLIX. 

O shiorruidheachd gu siorruidheachd 
Bheir Criosd d'ar n-anmaibh gràdh. 

LAOIDH XLIX. 2 Cor. xiii. 

1 I^e briathraibh dhaoin' is aingle nèimh, 

Ged labhrainn, le sgèimh ghrinn ; 
Ioinpaidh ged chuirinn air gach neach, 
Le teangaidh bhlasda bhinn ; 

2 Ard-fhiosachd Fàidh ged bu leam, 

'S ged fhoillsichinn rùn Dè ; 
Gun seirc, is faoin gach ni dhiubh so, 
Cha dean iad dhomh gnè fheim ; 

3 Ged ath'rraichinn le creidimh treun, 

Na slèibhtean as an ceal, 
Is neo-ni mi gun seirc is gràdh, 
Cha mhair mo ghràs ach seal. 

4 Ged bheathaichinn le m' mhaoin am 

^S mo chorp ged loisginn fòs, [bochd, 
Air son mo chreidimh, 's mi gun seirc, 
Cha diong e bheag fadheòidh. 

5 'S fad-fhulangach neo-fharmadach, 

9 S is cairdeil gach uair seirc ; 
Cha dean i uaill a beartaibh fèin, 
*S cha sèidear suas i 'm feasd. 

6 Droch amharus cha bhi aig seirc, 

'S ni faighid ri droch dhaoin' : 



LAOIDH XLIX. 409 

'S fàthbròin leath' iomradh uilc is ciont', 
'S is toigh leath 'n fhìrinn ehaoin. 

7 Giùlan neo-iomchuidh 's fuath le seirc, 

'S fèin-spèis nan cleasa claon ; 
Tha 'cridhe lan le iochd is gràdh 
Do chach air feadh an t-sao'il. 

8 Giulainidh seirc fad ùine mhòir, 

Le dòchas nithe 's fearr ; 
'S fuilingidh i gu macant' sèimh 
Iom' eucoir agus tàir. 

9 Air nèamh is talamh, feadh gach cian 

Sior-rioghlaichidh caomh-sheirc ; 

Trà sguireas teangaidh's fiosachdFàidh, 

Buan-mhairidh gràdh gun cheist. 

10 'S neo-fhoirfidh 'n so gach gràs air bith, 

Ach tionnsgnaidh làithe 's fearr, 
'S an tig lan-iomlaineachd a steach, 
'$ an teich gach ni tha cearr. 

1 1 An tràs 'nar n-òige gluaisidh sinn, 

Mar naoidheana gun iùl : 
Chum foirf'eachd ; ach 'nuair dh'f hàsas 
Theid leanbaidheachd air chùl. [sinn, 

12 Air talamh mar trid dui-neòil doirch' 

Is lèir dhuinn dealradh Dhè ; 
Ach gnùis ri gnùis an nèamh na glòir 
Gu soilleir chi sinn e. 
m m 



410 LAOIDH L. 

13 Tha creidimh, dòchas agus gràdh, 

An tràs an so le chèiP ; 
Ach creidimh 's dòchas fàilnichidh, 
'S buan-mhairidh gràdh gach rè. 

14 Oir sluigear dòchas le làn-sheilbh, 

Is creidimh le beachd sùl ; 
'S iad so na meadhoin, 's i chrioch 
Nach tèid gu bràth air chùl. [gràdh 

LAOIDH L. 1 Cor. xv. 52—58. 

1 Le fuaim na trompaid deireannaich 

Criothnaichidh 'm fonn gu garbh : 
Fosglaidhgach uaigh is brùchdaidh nios, 
Chum siorrui'chd cuirp nam marbh. 

2 Feuch, èiridh cuirp nan saoi an sin 

Le misnich is mòr-sgèimh, 
Iad bàsmhor thuit, ach èiridh chum 
Neo-bhàsmhorachd air nèamh. 

3 Feuch fàisneachd f hior nam Fàidhean 

Coimhlionta nis gu beachd ; [naomh 
Gu gèilleadh bàs do bheatha shior, 
'S gu criochnaicheadh an gleachd. 

4 Suas togadh creidimh luaghair ait, 

Is canadh e mar laoidh, 
Ca J nis am bheil do ghath, a Bhàis ? 
C' àit, Uaigh, am bheil dobhuaidh? 



LAOIDH LI. 411 

5 B'i choguis chiontach gath a' bhàis, 

Teann-shathta 'n cridhe 'n daoi ; 
'S b'e 'n Lagh a thug do chiont a neaO 
Gu luchd a' pheacaidh chlaoidh. 

6 Ach beannaicht' gu robh Diagubràth! 

A chuir ar nàmh fo chois, 
'S a thug dhuinn trid ar Ceannard Criosd 
Buaidh shiorruidh agus fois. 

7 Fa *n aobhar sin, le dùrachd cridh', 

Do 'r Righ bheir sinne gèill ; 
Làn-dearbhta gu faigh sinn fadheòidh, 
Crùn glòir an rioghachd nèimh. 

LAOIDH LI. 2 Cor. v. 1—11. 

1 Grad-thuitidh 'n corp so sios do 'n 

'Na smùr fo chumhachd bàis : [ùir 

Ach gheibh ar n-anma còmhnuidh 5 s 

Gu h-àrd le Dia nan gràs. [fearr, 

2 Gheibh anma naomh an còmhnuidh 'n 

San tigh a thog dhoibh Dia ; [sin 
Trà shaorar iad o 'n phriosan thruagh, 
Sam bheil an cuairt rè cian. 

8 D'ar n-uallach talmhaidh sgìth, mar so 

'S tric thair'near osna leinn ; 
Ach saoraidh 'm bàs gu caomh sinn uaith, 
Is dhachaidh suas thèid sinn. 
m m 2 



412 LAOIDH LI. 

4 Oir tha ar n-earbs' à tigh is fearr, 

Trà dh'fhàgas sinn a' chriadh ; 
Cha'n e bhi ruisgt' ach sgeadaichte 
Ri 'm bheil ar dùil 's ar miann. 

5 So dòchas ait nan anma naomh, 

O 'n Slàn'ear caomh an tras, 
A thug an Spiorad dhoibh maraon, 
Mar sheul is earlais gràidh. 

6 Sior-ghluaisidh sinn le creidimh beò 

An gealladh glòrmhor Dhia ; 
'S bidh sinn, rè fad ar cuairt sa' chorp, 
Ag osnaich 'n dèigh ar Triath. 

7 Na 's ait le 'v n-anma f haotainn, 's fad, 

'S ro-fhada leinn e uainn ; 
Air imrich b' ait leinn dol o 'n fheòil, 
'S ar còmhnuidh fhaotainn shuas. 

8 Ach anns a' chorp, no as a' chorp, 

An so no 'n sin 'gam bi, 
Sinn fèin thoirt suas do sheirbhis Dhia, 
9 S e so ar miann gu sior. 

9 Chum caithir-breitheanais Mhic Dhè, 

Feuch, thèid gach uile neach ; 
A dh'fhaotainn pèin no tuarasdail, 
Mar thoill iad uaith fa seach. 
10 Breith chothromach neo-chlaon an sin 
Gheibh deadh-ghniomh agus lochd ; 



LAOIDH LIL 413 

'S bidh cor gach neach gu siorruidh, rèir 
A bheus, ma's maith no olc. 

LAOIDH LII. Philip. ii. 6—12. 

1 Sibhse ta ainmichte air Criosd, 

Leanaibh gu sior a cheum ; 
'Nur n-inntinn is 'nur coluadar 
Bibh cosmhuil ris gu lèir. 

2 Cruth 's coslas Dhia ged bha air Criosd, 

'S uil' iomhaigh Righ na glòir, 
Ged b' ionann nadur 's inbhe dhoibh, 
Co-ionann air gach dòigh ; 

S Gidheadh a mhòr-achd chuir e thaoibh, 
Is daoineachd ghabh air fèin ; 
Chum sinne shaoradh, chuir e sgàil, 
Rè seal, air àilleachd nèimh. 

4 Seadh chrom ar Slàn'ear caomh a sios 

Gu inbhe iosal tràill ; 
Striochd e do'n bhàs, seadh bks na ceusd' 
An ro-mhor pèin is nàir\ 

5 Feuch dh'àrdaich Dia, fa'n aobhar sin, 

An Triath a shaor a shluagh ; 
Thug e dha rioghachd thar gach righ, 
Is ainm thar ainm r'a luadh. 

6 A chum do ainm an Tighearn Ios' 

Gu'n striochd gach uile ghlùn, 
m m 3 



4H LAOIDH LIII. 

Sna nèamhaibh shuas, air talamh bhos, 
Gu h-urramach 's gu h-ùmh'l. 
7Seadhstriochdaidh dhasanmaran ceudn', 
Is gèillidh ifrinn shios: 
Gach treubh is teangadh 's dùil a t' ann, 
Aidichidh 'ainm gu sior. 

LAOIDH LIII. 1 Tessal. iv. 13—18. 

1 Biodh misneach aig luchd-muinntir 

Trà chi iad luchd an gaoil [Chriosd, 
A' dol gu codal ann an Ios', 
Cha 'n i so crioch an sao'il. 

2 C'ar son ma ta bhios sibh ri bròn, 

Mar dhream gun dòchas mòr ; 
Am bheil sa' bhàs ach teachdair sìth 
^Gan gairm gu rìogh'chd na glòir? 

S Mar chaochail Criosd, 's mar dhùisg e 
Le buaidh o staid a' bhàis : [suas 
Is amhluidh dh'èireas fòs a shiuagh 
Le luaghair là a bhràth. 

4 O thig an là san tuirling Criosd, 

Le h-iolaich, o na neòil, 
Le guth Ard-aingil's fuaim na truimp, 
A chluinn gach marbh is beò. 

5 'N sin ath'rraichear an dream tha beò, 

'S dùisgear na slòigh ta marbh ; 



LAOIDH LIV. 415 

Liubhraidh gach uaigh na f huair i fèin, 
'S bidh sleibht' air chrith gu garbh. 

6 Eiridh na naoimh a suas air tùs, 

O 'n ùir, le h-aoibhneas mòr ; 
Ni aingle Dhè an coinneachadh, 
'S an togail leò gu glòir. 

7 Le chèile thèid iad suas gu h-ait, 

Gu tigh an Athar chaoimh, 
Sam faigh iad còmhnuidh shior le 9 n 
Gun iarguin is gun chlaoidh. [Triath, 

8 Fòs tamul beag, is ruigidh sinn 

An caladh ait fadheòidh, 
San coinnich sinn na sgaradh uainn, 
9 S cha dealaich sinn ni 's mò. 

LAOIDH LIV. 2 Tim. i. 12. 

1 C/HA 'n aobhar nàire leamsa Criosd* 

No 'chùis a dhion gu beachd : 

A crann a cheusaidh ni mi uaill; 

Gèilleam gach uair d'a reachd. 

2 Iosa, mo Dhia ! is eòl dhomh ainm, 

Is earbam as gu bràth ; 
Cha nàraich esan m'anam truagh, 
'S cha chum e uam a ghràs. 

3 Daingean is buan, mar chaithir Dhia, 

Gach cian tha gealladh Chriosd ; 



416 LAOIDH LV. 

O ! 's tèaruint' m'anamsa 'na làimh, 

Gu là a theachd a rìs. 
4 San là sin fàiltichidh e m' ainm, 

An làthair Athar chaoimh ; 
Is sealbh san Nuadh Ierusalem 

Do m'anam bheir le naoimh. 

LAOIDH LV. 2 Tim. iv. 6, 7, 8, 18. 

1 C/HRIochnaich mi nis mo chath 's mo 

Is dlùth dhomh eug is uaigh; [rèis; 
M'anam a choisrig mi do Dhia, 
Triallaidh gu nèamh le buaidh. 

2 Le armaibh nèamhaidh chuir mi 'n cath, 

Fo bhrataich Chriosd mo Thriath : 
Ruith mi mo rèis, mo dhìlseachd dhearbh, 
'$ tha m' earbs' à duais o m' Dhia. 

3 Fa m' chomhair-sa thaisg Dia air nèamh, 

Gu ^0^1^11^ crùn na glòir' ; 
A cliuireas a làmh fèin mu m' chearm 
Air chionn an làtha mhòir. 

4 Mo Dhia cha d' orduich dhomhsa mhàin 

An coron so mar dhuais ; 
Ach do gach neach le'n ionmhuinn teachd 
A Mhic, o nèamh a nuas. 

5 O lochd 's o chunnart dionaidh Criosd ; 

Mo choimhead ni gach uair ; 



LAOIDH LVI. 417 

'S gu tèaruint' m'anam treòraichidh 
Gu riogh'chd na glòire shuas. 
6 Bheir mi, le còmhnadh treunmo Thriath, 
Dùlan do ifrinn fèin ; 
Is dhasan gu robh glòir an-àrd 
Is cliu gu bràth. Amen ! 

LAOIDH LVI. Titus iii. 3—9. 

1 Aidichidh sinn le tuirse cridh' 

Ro mheud ar ciont' a Dhè, 
B' amaideach faoin ar n-uile smuain, 
'S cha b'fhearr ar giulan gnè, 

2 Ach thoir, O m'anam, cliu is gràdh 

Do àrd-ainm Righ na sluagh, 
Nachd'fhàgthu'mfeasd,gunteasairginn, 
Am peacadh, nàire, 's truaigh'. 

3 Cha 'n ann tre oibre fireantachd, 

No gnìomh ar làmha fèin, 
Ach tre gràis Dhè, an losa Criosd, 
A shaorar sinn o phèin. 

4 Is ann an tròcair Dliè a mhàin, 

A ta ar muinghinn threun ; 
A thròcair shaor ar n-anma truagh, 
'S ghlan uainn gach ciont' is beud. 

5 Tha'nSpioraddhoirteadhoirnntrid Ios', 

A' nigheadh dhinn gach sal, 



418 LAOIDH LVII. 

A' fadadh teas-ghràidh feadh ar cfidhl 
9 S 'gar deanamh naomha glan. 

6 Mar so, làn-fhireanaicht' le gràs ; 

Gach là le beatha nuaidh 
Sior-ghluaisidh sinn, 's an Spiorad ìeinn, 
Gu ruig ar n-oighreachd shuas. 

7 Na h-uile 'gam bheil samhuil so 

Do chreidimh 's dòchas naomh, 
Sior-dhearbhadh iad, le giùlan maith, 
Nach 'eil an dòchas faoin. 

LAOIDH LVII. Eabh. iv. 14. 

1 Iosa Mac Dhè, leig aon uair sios 

A bheath' air son a shluaigh, 
Tha nis a' tagradh 'n cùis air nèamh 
Mar Shagart treun bheir buaidh. 

2 Trid beatha 's bàis sior-leanamaid 

Ri Criosd gu daingean dlùth : 
O chreidimh 's dòchas gheibh sinr< 
Is thèid gach geilt air chùl. [neart, 

3 Gu borb cha bhuin ri laigse dhaoin', 

Caomh-Shagart àrd an aigh ; 
Tha 'chridhe làn do thruacantachd, 
Tha 'anam làn do ghràdh. 

4 Co-fhulangas tha aig an Triath 

Air iarguin 's laigs' a shluaigh ; 



LAOIDH LVIII. 419 

Oir dh'fhiosraich e 'na cholainn fèin 
Gach deuchainn agus truaigh\ 

5 Dh'fhiosraich e 'na cholainn fèin, 

Gidheadh as eugmhais lochd : 
Oir nadur duine ge do ghabh, 
Cha b'aithne dha bhi olc. 

6 Bu tuirseach deurach air arson, 

A chaith e 'làith' fo 'n ghrèin; 
'S ge h-àrd e nis air deas-làimh Dhè, 
Co-mhothaichidh ar pèin. 

7 Le dànachd naomha, uime sin, 

Thèid sinn gu 'chaithir-ghràis ; 
Is fàth gach gearain dòirtidh sinn 
'Na fhianuis anns gach càs : 

8 A chum gu'n còmhnadh esan leinn, 

Rèir saoibhireachd a ghràis ; 
'S gu'n tugadh d'ar n-an'maibh lag 
Neart agus fois gu bràth. 

LAOIDH LVIII. Air dhoigh eile. 

1 San teampull am bheil Dia 'na thàmh, 
(Tigh nach do thogadh riamh le làimh,) 
Tha Sagart àrd a' chinne-daoin', 
Ar Slàn'earìs ar caraid caoin. 

2 Esan a sheas an àit a shluaigh, 
Dhoirt'fhuil'nanriochd, 'saluidhsanuaigh, 



420 LAOIDH LIX. 

Tha cuimhneach orra fòs air nèamh, 
An Slàn'ear is an caraid sèimh. 

3 Ge h-àrd e nis sna nèamhaibh shuas, 
Tha 'shùil a' dearcadh oirnn a nuas ; 
Làn sgeadaichte le nadur dhaoin', 

Tha e mìn-eolach air an saoth'r. 

4 Co-fhulangas tha aige ghnàth, 

'S co-mhothachadh le 'r n-uile chràdh ; 
Tha cuimhn' aig air a pheanas fèin, 
A dheòir, a ghoimh, is 'osnaich gheur. 

5 Gach dòrainn dh' f heudas oirnne teachd, 
Fo shamhuil sin rinn esan gleachd ; 
D^ar n-uile bhròn tha 'chuid-san mòr, 

Is bheir e cobhar dhuinn gu leòr. 

6 Fa 'n aobhar sin thèid sinn gu dàn 
Le 'r n-uile ghearan gus a làth'r; 

Is guidhidh sinn a chòmhnadh treun, 
Gu ^r cuideachadh an uair ar feum. 

LAOIDH LIX. Eabh. xii. 1—13. 

1 Feuch neul ro-thiugh do fhianuisibh 

Ag iadhadh oirnn mu 'n cuairt ; 
An dèigh, mar sinne, fulang cian, 
. Thug Dia leis iad a suas. 

2 Air lorg nan naomh so ruitheamaid, 

Chum Chriosd, le faighid bhuain ; 



LAOIDH LIX. 421 

Gach leth-trom 's peacadh leanailteach 
Grad-thilgeamaid fad uainn. 

3 Ach riaghailt-stiùraidh 's fearr na so, 

'S ion thoirt fainear air tùs ; 
Eiseimpleir Ios' a stiùras sinn, 
Trìd creidimh chum ar crùin. 

4 Ri 'r Ceannard, suas siar-dhearcamaid, 

Neach, air son aoibhneis mhòir 
Bha roimhe, dh'f huiling ceusa' 's nàjV, 
'S an tràs tha riaghladh 'n glòir. 

5 Ma ghiùlan Criosd gu foighidneach 

An-cainnt is fanoid sluaigh, 
'N ion duinne, 'n uair ar saruchaidh, 
Bhi gearan cràidh no truaigh' ? 

6 Ri feuchainn ghairbh an d'rinn sibh strì 

Mar Ios', gu fuil is bàs ? 
Is focal Dè 'n do dhearmaid sibh, 
Tha gealltuinn duibh a ghràis. 

7 A mhic, deir e, le foighidinn, 

Sior-fhuiling mo chaomh-smachd, 
Is creid, 'nuair dhearbhas àmhghar thu, 
Gu bheil aig Dia dhiot tlachd. 

8 Teagaisgidh 'n t-Athair caomh mar so 

A naomh-chlann dhìleas fèin, 
'G am fiosrachadh le docair chruaidh, 
'S le iomadh truaigh is pèin. 
n n 



422 LAOIDH LX. 

9 Chi sinn mar so gur toigh leis sinn, 
Trà smachdaichear sinn leis, 
'S nach leig e uaith air seach'ran sinn, 
Gun suim air bith d'ar leas. 

10 Do ghuth ar n-Athar thalmhaidh bhos, 

Nach tric a thug sinn gèill ? 
'S do thoil ar n- Athar nèamhaidh shuas 
Nach toir sinn suas sinn fèin? 

11 Bheir athair talmhaidh smachd gu tric, 

Gun fhios c'ar son d'a chloinn ; 
Ach Dia a mhàin a chum ar leas, 
Bheir docair 's easlaint dhuinn. 

12 Is deacair leinne achmhasan 

Is smachdachadh ar Dè j 
Ach toradh sìth is fireantachd 
Gu siorruidh thig 'nan dèigh. 

13 A nis ma ta na meathar sinn 

Le mi-mhisnich ni 's mò ; 
Ach earbamaid à tròcair Dhè, 
'S dha gèilleamaid r'ar beò. 

LAOIDH LX. Eabh. xiii. 20, 21. 

1 Athair na sìth, 's a Dhè na seirc ! 
Do d' neart bheir sinne cliu ; 
An neart a dhùisg ar n-Aodhair suas, 
Le buaidh, o ghlais na h-ùir\ 



LAOIDH LXI. 123 

2 5 n ùir thog thu ar Triath an àird, 

Gun spàirn o chuibhreach bàis ; 
Mar sin le 'fhuil is 'aiseirigh, 
Shior-naisg e 'n cumhnant gràis. 

3 Le d' spiorad seulaich sinn, a Dhè, 

Is dean sinn ùmh'l do d' thoil ; 
Chum as o d' naomh-reachd nach bi sinn 
Air seach'ran truagh a' dol. 

4 O ! sgrìobh do lagh air clàr ar cridh', 

'Nar gnìomh sior-dhealradh e ! 
'N sin ruigidh sinn, focheannsal Chriosd, 
Air seilbh an rioghachd nèimh. 

LAOIDH LXI. 1 Pead. i. 3—4. 

1 Beannaicht' gu robh ar Dia gu sior, 

Caomh-Athair Chriosd ar Triatli ; 
Beannaicht' gu robh a thròcair mhòr, 
'S a mhòrachd feadh gach ial. 

2 O'n uaigh trà thog thu rìs do mhac, 

'S a ghlac thu e gu nèamh, 
Lan-chinnteach rinn thu sinne fòs 
Gu'n toir thu beò sinn fèin. 

3 Ri oighreachd shiorruidh ann an glòir 

Beò dhòchas thug thu dhuinn ; 
Oighreachd neo-thruaillidh saor o smal, 
A mhaireas feadh gach linn. 
n n 2 



m LAOIDH LXIl. 

4 Gu ruige sin, le d' chumhachd treun, 

Làn thearuint' bidh gach naomh ; 
Trid creidimh stiùrar sinn gu slàint' 
Le gràs do Spioraid Naoimh. 

LAOIDH LXII. 2 Pead. iii. 3—14. 

1 F euch! anns na làitlùbh deireannach, 

Suas èiridh gineal olc ; 
D'am miannaibh peacach bheir iad srian, 
'S 'nam briathraibh their mar so : 

2 C' a bheil an gealladh thuirt o shean 

Gu robh am Breitheamh dlùth ? 
O linn ar sinnsear gus a so, 

Cha'n fhaic sinn gnè do mhùth\ 

3 Tha bliadhn' air ^^1^^^^^^^' ruith gun 

Mar bha o thùs an t-saogh'l ; [tàmh, 
'S mar thonn airthuinn a' ruithgu traigh, 
Gu bràth bidh gineal dhaoin\ 

4 So deir iad, aineolach d'an deòin 

Gu'n d' dhòirteadh tuil a nuas, 
A sgrios an saoghal ceannairceach 
A chaidh air seach'ran truagh. 

5 Ach sgriosnach ionann gheibh an saogh'J-s' 
'S na daoine olc a t' ann ; 
Le teine las'rach millear iad, 
\S is gearr gu ruig an t-àm. 



LAOIDH LXIL 425 

6 Gc fada leis na naoirnh an ùin', 

'S an dùil ri teachd an Triath, 
'Na shealladh-san tha là is uair 
Co buan ri mìle bliadhn'. 

7 Cha dichuimhn' geallaidh rugair Crisod, 

Ach gaol bhi'n sìth ri daoin' ; 
A' feitheamh dh'f heuch am pillear leò, 

'S an iarr iad tròcair chaoin. 
8Gidheadh mar ghaduich'anns an oidhch' 

Nach cura na croinn a mach, 
Grad-thuirlingidh an Triath a nuas, 

'S thig fuathas air gach neach. 

9 Le tàirneanaich.'s le dealan speur, 
Na nèamha teichidh as ; 
Na dùilean leaghaidh, 's thèid an saogh'l 
'Na chaoiribh le dian theas. 
10 O'n thèid gach ni mar so a sgrios, 
Mar fhuair sinn fios o Dhia, 
Nach iomchuidh dhuinne deasachadh 
Fa chomhair teachd ar Triath. 

[ 1 Cia naomh bu chòir dhuinn bhi gach uair 
'Nar smuain', 'nar cainnt, 's 'nar gnìomh, 
'Nuair tha ar sùil ri crìch an t-saogh'l, 
'S ri caochladh gach aon ni ? 
n n 3 



426 LAOIDH LXIII. 1 Eoin iii. 1—4. 

1 r euch ! saoibhreas iongantach aghràidh 

Thug Dia ar slàinte dhuinn, 
Peacach is truaillidh ge do bha, 
Clann dha-san rinneadh dhinn. 

2 Folaicht' tha'n onoir so an tràs, 

'S an-àrd a sealladh dhaoin' ; 
Mar so air Criosd e fèin san fheoil 
Neo-eòlach bha an saogh'l. 

3 Is àrd ar n-inbhe cheana bhos, 

Ach 's àirde bhios sinn shuas ; 
Gidheadh an inbhe sin cha lèir 
Do neach fo 'n ghrèin san uairs\ 

4 Ach 's lèir dhuinn so, gu faic sinn Dia, 

Ar Triath, seadh gnùis ri gnùis ; 
'S gu'n iompaichear gu 'choslas sinn 
Trà mhosglas sinn o'n ùir. 

5 Gach neach 'gam bheil an dòchas so, 

'Na chòmhradh is 'na ghniomh 
Biodh e sior-naomh ; 's a chridhe glan, 
Ceart amhuil a bha Criosd. 

LAOIDH LXIV. Taisb. i. 5—9. 

1 JDhasan a ghràdhaich anma dhaoin' 
'S a dhòirt gach braon d'a fhuil, 
A chum ar ciont' a ghlanadh uainn, 
'S ar deanamh naomh gu tur : 



LAOIDH LXV. 427 

2 Dhasan rinn sagairt 's rìghrean dhinn, 

Air feadh gach linn, do Dhia, 
Biodh moladh, urram, agus gràdh, 
Gu bràth air feadh gach iaL 

3 Lionar gach beul le binn-cheòl da, 

'S gach cridh' le teas-ghràdh caomh, 
Air talamh canar moladh dha, 
'S gu h-àrd le ainglibh naomh ! 

4 Feuch teachd mhic Dè air neulaibh 

'S ro-ait le 'shluagh an là ; [tiugh, 
Ach guilidh a luchd-casgraidh truagh, 
Le àmhghar is le cràdh. 

S^Stu^nceudneach/sanneachdeireannach, 
'S leat bith gun tùs gun chrìoch; 
Maith, glic, is uile-chumhachdach, 
Bha, tha thu, 's bithidh chaoidh. 

LAOIDH LXV. Taisb. v. 6. 

1 Air caithir rioghail ' Athar fèin, 

Feuch dealradh glòir an Uain; 
Ur-urram deasaichibh d'a ainm, 
Is bibh le taing 'ga luadh. 

2 Feuch, iosal aig a chosaibh striochdt' 

Tha'n Eaglais shiorruidh shuas, 
Le boltrach cùbhraidh iobairt thùis, 
'S le clàraibh ciùil ri fuaim. 



428 LAOIDH LXV. 

3 Is iad so urnuighean nan naomh, 

'S na laoidhean tha iad seinn ; 
Ri 'n urnuigh cromaidh Criosd a chluas, 
Do'n luaghair gabhaidh suim. 

4 Rùn diomhair siorruidh do thoil naoimh, 

O Athair, cò d'an lèir ? 
Ce ch do rahac a leughas sin, 
'S a dh'f huasgaileas gach seul ! 

5 Cluinn! armailt nèimh le'n luaghair ait, 

Timchioll na caithreach-righ ; 
Mìlte do mhìltibh 's àireamh dhoibh, 
Ach 's aon a mhàin an cridh'. 

6 'S airidh an t-Uan a dh' ìobaireadh, 

Deir iad, air inbh' ro-àrd ! 
'S airidh, oir b'e ar n-ìobairt-ne, 



Co-fhreagradh daoin' 's gach àit 



7 Is airidh 'n t-Uan, a striochd do'n bhàs, 

Air àgh is beannachd buan ; 
Biodh slàinte, glòir, is aoibhneas àrd 
Gu bràth air ceann an Uain ! 

8 O'r cionta shaor e sinn le 'fhuil, 

'$ thug braighde truagh à pèin ; 
Rinn sagairt 's rìghrean dhinn do Dhia, 
Gu riaghladh shuas leis fèin. 

9 As gach aon teangaidh agus tìr, 

Thionail 's thug Criosd a shliochd j 



LAOIDH LXVI. 429 

Gach dùthaich chèin is innis cuain, 
Fios fhuair air saoibhreas 'iochd. 

10 *S airidh air gèill 's air ceannsal Criosd, 

Air talamh 's nèamh gu bràth ; 
Is cliu ni 's fearr na 's urrainn daoin', 
Thugadh naomh-aingle dha ! 

1 1 Gach neachtha'gàiteachadhnannèamh, 

No chruinne-chè a bhos ; 
Gach duil air bith, do Righ nan sluagh, 
Seinnibh gach uair gun fhois. 

12 An cruthach' aontaicheadh gu lèir, 

Thoirt gèill is cliù do 'n Triath, 
Tha riaghladh anns na nèamhaibh shuas, 
'S do 'n Uan air feadh gach ial. 

LAOIDH LXVI. Taisb. vii. 13. 

1 Gi a dealrach glòir a' mhaith-shluaigh ud! 

An trusgain ùr' cia geal ! 
Cionnus a thàinig iad gu soills', 
'S cò dh'ionnlaid dhiubh gach sal ? 

2 Feuch, sud an dream a ràinig nèamh, 

Troimh f heuchainn ghairbh is chruaidh, 
'S a nigh an trusgain ann am fuil, 
Fuil ioch-shlainteach an Uain. 

3 Nis sleuchdar leo le glùnaibh lùbt' 

Gu h-ùmh'l aig caithir Dhia j 



430 LAOIDH LXVII. 

'S le an'maibh cràbhach molaidh iad 
A mhòrachd feadh gach ial. 

4 Gach cridh' bidh ait le làth'reachd Dhè, 

'S gach beul am fonn gu seinn ; 
Co-fhreagraidh 'n teampull naomh gach 
D'an àrd hosanah bhinn. [trà 

5 Acras no tart cha chlaoidh an sin, 

No boisge loisgeach grèin' ; 
'S e Dia an grian, 's o dhealradh caomh, 
Sior-sgaoilidh là an cèin. 

6 Stiùraidh an t-Uan a naomh-threud fèin 

Gu tobar slàint > nach tràigh ; 
Is tiormaichidh gu bràth o 'n gruaidh 
Deur, truaighe, bròin is cràidh. 

LAOIDH LXVII. Taisb. xxi. 1—9. 

1 Nach glòrmhor àrd an sealladh so, 

Chithear le sùilibh dhaoin' ! 
Am fonn ?s an fhairge gabhail seach, 
'S na speura sean maraon. 

2 O nèamh thig Nuadh Ierusalem, 

Lan ulluichte d'a Righ ; 
Feuch nis gach ni ath-nuadhaichte ; 
Is fhuair sinn agh gu sior. 

3 Cliu seinnidh aingle coimheadachd, 

Is armailt fhlathail nèimh ; 



LAOIDH LXVII. 431 

Feuch, chi gach sùil a' chaithir-righ 
Air an suidh Iosa fèin. 

4 Dh' atharraich Dia chum dhaoin' a nuas 

A phàilliun uasal naomh : 
Le daoin' tha chòmhnuidh ; 's iad a shl uagh ; 
'S d'a shluagh 's e 'n tearmun caomh. 

5 Deur mulaid siabaidh e le 'làimh 

Gu cairdeal bhàrr an gruaidh ; 
Is eugaidh eagal, caoidh, is cràdh, 
Is àmhghar, bàs, is uaigh. 

6 Feuch, gach ni saoghalt 5 caochlaidh mi ! 

So deir an Righ sior-bheò ; 
An domhan as am amharc theid, 
'S cha ruith ùin' fèin ni 's mò. 

7 'S mi'n ceud neach, 's an neach deir- 

Gun atharrach' gu bràth ; [eannach, 
Ataim : so m' ainm 'smo chuimhneachan 
Air feadh gach linn gu bràth. 

8 Do 'n deadh dhuin' bheir mo ghràsa 

Ni maith, gun luach, gu saor; [pailt 
O dhuine thartmhoir, òl do dhiol 
Do 'n ìoc-shlaint so nach traogh. 

9 Do'n ti bheir buaidh air eusaontas 

Bheir mise oighreachd mic ; 
Is aidichidh mi 'n làth'r gach sluaigh 
A ghluasad naomha glic. 



432 LAOIDH LXVIL 

10 Ach daoine neòghlan 's breugairean, 

'S luchd-muirt thug spèis do bhàs, 
Le mheud 's a dhiùlt gu h-amaideach 
Mo ghràs, le fanoid 's tàir ; 

1 1 A m' f hianuis tilgear fada sios, 

An cuibhreach siorruidh cruaidh, 
Gu builsgein fairge lasaraich, 
Sam faigh iad peanas buan. 

12 O bitheam-sa air deas-làimh Chriosd, 

Trà dhiobras fonn is cuan ; 
Is fàigheam failte uaith air m'ainm 
Gu sonas anmhor buan ! 



JDANA SPIORADAIL. 



Dan I. 

1 AiR d'uile thròcair, O mo Dhia, 

Trà dhearcas mi gu dlùth, 
A' mosgladh suas tha m'anam blàth, 
Le h-ioghnadh, gràdh, is cliu. 

2 Cha 'n urrainn mi le briathraibh beòil, 

An taing a chur an cèill, 
Tha lasadh ann am chridhe stigh, 
Ach dhuits' an sin is lèir : 

3 Do fhreasdal chum mo bheatha beò, 

Gun uireasbhuidh, gun dì, 
Ri àm dhomh bhi sa' bhroinn a'm' thosd, 
'S an crochadh ris a' chìch. 

4 Ri m' ghearan is ri m'osnaich mhaoth, 

Chrom thu gu caomh do chluas, 

' S mu'm b'urrainn mi aon urnuigh dhealbh, 

Do 'n bhalbh ghabh thusa truas. 

5 Tiodhlaca lìonmhor dheònaich d'iochd 

Gu tric do m'anam maoth, 
Mun robh a'm' chridhe leanbaidh neart, 
A thoirt fainear a h-aon. 

6 Trà ruith mi dian, gun mhothachadh, 

An ceumnaibh sleamhainn òig' ; 
Oo 



434 Dan 1. 

Do làmh nach facas, dhìon is stiùir, 
Is chum, gu so, mi beò. 

7 O ioma slochd do-lèirsinn leam, 

O rib is eangach bàis, 
'S o bhuairibh cealgach blasd' an uilc, 
Thug thu mi tèaruint' slàn. 

8 Trà shearg mo ghruaidh fo anshocair 

Rinn thus' i nuadh le slàint' ; 
'S trà bha mi bàitht' am peac' is bròn, 
Do m'anam dheònaich gràs. 

9 Shrutlì mìle sochair shaoghalta, 

O d' làimh ro f haoilidh chaoin ; 
Is ann an caraid dìleas dlùth, 
Dhùblaich thu m' uile mhaoin. 

10 Deich mìle mhìlte comhar' gràidh 

Fhuair mi gach là o m' Dliia ; 
Is ni nach lugha, cridhe ait, 
A mheal le tlachd iad riamh. 

1 1 Am fad is beò mi molaidh mi 

Ard-righ mo bheatha 's m'iùil ; 
'S an dèigh mo bhàis, an saoghal cèin 
Cuiridh mi 'n cèill a chliù. 

12 Trà theirgeas nèamh, is muir, is tìr, 

'S thig crioch air là is oidhch', 
Mo chridhe taino;eil seinnidh cliù 
Do Dhia nan dùl a chaoidh. 



Dan II. 4S5 

13 Feadh linnte bith-bhuantachd gu lèir 
Togaidh mi òran binn ; 
Ach O ! 's ro ghoirid bith-bhuantachd 
Gu moladh Dhè a sheinn. 

DAN II. 

1 Na speuran àrd is àillidh dreacli, 
'S a sgaoil an gorm-bhrat cian a mach, 
Le 'n reulta dealrach maiseach grinn, 
Tha seinn d'an Cruith'ear co-sheirm bhinn. 

2 Tha ghrian gun sgìos o là gu là, 
A' sgaoileadh cliu a Dhia ? s gach àit, 
'S a' glaodhaich feadh gach tìr fa leth, 

" Cia treun an Dia thug dhomh mo bhith!" 

3 An-moch,tràdh'aomasneòil nan speur, 
Togaidh a' ghealach ait an sgeul ; 

'S do 'n talamh, chluinn le tosd a guth, 
Innsidh i cò thug dhi a cruth. 

4 Na mìlte reul tha dh'ise dlììth, 
Gach solus eile 's lòchran iùil, 
Canaidh an sgeul so fad' is cian, 

O 'n àird an ear gu ruig an iar. 

5 Sàmhach is ciùin ged tha an triall, 
Mu 'n talamh dhorcha so a^ iadh ; 

CJ f 

Guth ged nach cluìnnear fòs no fuaim, 
'Nan imeachd dealrach tosdach shuas ; 
o o 2 



436 Dan III. 

6 Gidheadli le cluasaibh tuigse p;hlic 
Clumnear am fonn 's an ceòl gu tric, 
A' seinn gun tàmh air feadh gach linn, 
" Is tusa, Dhia, a chruthaich sinn". 

Dan III. 

1 Tra dh'èireas mi le ciont' is geilt, 
O leabaidh dhoirch a' bhàis, 
'S a chi mi 'm Breithe' gnùis ri gnùis: 
Co ghiùlaineas a làth'r. 
( 2 Ma 's e 's gu bheil mo chridhe fo gheilt, 
Seadh cheana leis an smuain, 
Trà dh'fheudar tròcair fhaotainn pailt, 
Is maitheanas gu saor ; 

3 O cionnus idir sheasas mi, 

Trà dh' fhoillsichear thu, Iiigh, 
A'd' shuidh' air caithir breitheanais, 
A thoirt air m'anam binn' ? 

4 Ach dh'innis thu do luchd a' bhròin, 

Tha leònt' air son an lochd, 
Gu bac an aithreachas 's an deòir 
An dòrainn so gu beachd. 

5 O seall ma ta air bròn mo chridhe 

Mu 'm bi e tuille 's mall, 
'S èisd acain bàis mo Shlànuighir 
A ghuidh dhomh slàint' gu teann. 



Dan IV. 4S7 

6 Mo dhùil ri maitheanas, a Dhè, 
Cha chaill mi fèin gu bràth ; 
Oir 's ann a choisneadh maitheanais 
A f huair do mhac am bàs. 

Dan IV. 

1 Failte do 'n là san d'èirich Criosd, 

Le cumhachd nìos o'n uaigh ; 
'S an d' fhuair e air gach uile nàmh, 
Air ifrinn 's bàs lan-bhuaidh. 

2 'Na leabaidh thosdaich anns an ùir 

Ghabh Righ nan dùl a thàmh, 
Gu ruig an treas là glòrmhor sin 
A shonraich e roimh làimh. 

3 Chuir ifrinn 's uaigh an làmh r'a chèil' 

G'a chumail shios fo ghlais ; 
Ach bhrist an gaisgeach dheth gach sàs, 

Is dhuisg e'n àird gu cas. 
4Do d'ainm ro-àrd, a Thriath nam buadh, 

Gach uair bheir sinne cliu ; 
\S le 'r n-ait hosanah failtichidh 

An là san d'èirich thu. 

5 Slàinte is cliu gun cliriocli d'ar Dia, 
An Triath le'n d 5 shaoradh sinn ; 
Dha seinneadh nèamh is fonn is cuari 
Gach uair hosanah bliinn. 
o o 3 



438 DAN V. 

6 Do'n Ath'r, do'n Mhac, 's do'n Spiorad 
An t-aon Dia beò is fior, [Naomh, 
Biodh glòir mar bha, a ta, 's a bhios, 
Nis is a rìs gu sìor. 

Dan V. 

1 Thainig an uair : 's tha mis' a' triall; 
Chluinn mi an guth t'am ghairm gu Dia ; 
Sguireadh m' uil' àmhghar nis, a Kigh, 
'S ceadaich do d'òglach triall an sìth. 

c 2 Chriochnaich mi nismo chath'smorèis, 
Mo dhuais tha cinnteach, 's m'anam rèidh ; 
Tha m'fhianuis shuas le Dia nan gràs, 
Mo theisteas anns na nèamhaibh àrd. 

3 M' earbsa cha 'n'eil a'm' neo-chiont 
Striochdam san dus am fianuis Dè ; [fèin ; 
Trid fuil is fearta Chriosd a mhàin, 
Tha m'earbs'à d'iochd, O Dhia,'s à d'shlàint. 
4 Chachruaidhleam dealach' risant-saogh'l, 
Mur cruaidh bhi fagail luchd mo ghaoil ; 
Leighis am bròn, a Dhia nan gràs, 
'S ri call dhoibh caraid, cum riu bàigh. 

5 Air d'iarrtus tha mi falbh gun dàil, 
Mo spiorad tiomnam suas do d'làimh ; 
O ! sìn a mach do ghàirdean treun, 
'S o ghath a' bhàis dion mi le d' sgèith. 



A' CHREUD. 439 

6 Thainig an uair, *s tha mis' a' triall : 
Chluinn nii an guth t'am gliairm gu Dia; 
Sguireadh m' uii' àmhghar nis, a Righ, 
'S ceadaich do d'òglach triall an sìth. 



^fcT 



A' CHREUD. 

1 Creideam san Dia ta uile threun, 
A thug do'n chruinne-chè a bhith, 

A chruthaich nèamh is talamh trom, 
An cuan agus am fonn fa leth. 

2 Creideam an Iosa Criosd ar Triath, 
Aon mhac siorruidh Dhia na glòir, 

An ti le feart an Spioraid Naoimh, 
Ghabhadh 's a rugadh le Muir' Oigli : 

3 An ti a dh'fhuiling cràdh is pèin, 
'S a cheusadh fòs ri crann an àird ; 

A dh'adhlaiceadh 's a luidh san uaigh, 
'S a dh'èirich suas air an treas là : 

4 An ti a chaidh gu nèamh nan nèamh ; 
'S aig deas-làimh Dhè tha nis 'na thàmh, 
Ach gus am pill e nuas fadheòidh, 
Thoirt breitheanais air bheò 's air mharbh . 

5 Creideam anns an Spiorad Naomh ; 
Gu bheil Eaglais a dh'aon-rùn ann, 



MO URNUIGH AN TIGHEARN. 

Is co-chomunn aig naomh-shluagh Dhè 
Maille ri chèile feadh gach àm. 

6 Creideam an aiseirigh a' chuirp 
O'n duslach fhuair air iarrtus los' ; 
Creideam sa' bheatha shiorruidh bhuan, 
A mhealar leinn shuas : Amhluidh biodh, 



A PHAIDIR 



URNUIGH AN TIGHEARN. Mat. vi. 9— 14. 



1 O athair naoimh ! a ta air nèamh 
Am measg nan Cerubim a'd' thàmh, 

*S a chi a nuas o d' chaithir-righ, 
Gach uile ni sa' chruinne ta : 

2 Naomhaichear d'ainm, Ard-Righ na 
Co sheinneas mar is còir do chliù \ [glòir , 
5 S nach feud na h-aingil fèin gun sgàiP 
Seasamh an dealradh glan do ghnùis ; 

3 Thigeadh is buadhaicheadh do riogh^chd, 
Sgaoil Soisgeul Chriosd air feadh gach àit, 
Thoir dha mar oighreachd is mar sheilbh 5 
Gach aon fhine a dhealbh do làmh. 



URNUIGH AN TIGHEARN. 441 

4 Gacli fin' air an dealraich a* ghrian, 
Deanadh do riar is moladh thu ; 

Is seinneadh daoin' air thalamh bhos, 
Mar ainglibh nèimh gun chlos do chliu. 

5 O 's tu is beatha do gach feòil, 
'S ata cumail an deò 'nan crè ; 

Thoir dhuinn le d' bheannachadh gach là, 
Ar lòn gach trà mar thig ar feum. 

6 Maith dhuinn ar ciont' air sgàth do ghràis, 
Mar mhaitheamaid do chàch gach uair ; 
Dean fòs ar neartachadh, a Righ, 
Gu maitheanas o'r cridh' thoirt uainn. 

7 Na leig am buaire sinn chum lochd, 
Saor sinn o'n olc, is gabh dhinn truas ; 
No anns an àm sam buairear sinn, 
Grad-chuidich leinn is cum sinn suas. 

8 Oir's leats' an rioghachd, cumhachd, 's 
Onoir is mòralachd, gu sior ; [glòir, 
Sleuchdaidh is aoraidh dhuit gach sluagh 
Gu siorruidh buan ! gu b'amhluidh bhios. 



NA DEICH AITHEANTAN. ecsod. xx. 



AN ROIMH-RADH. 

An Reachd ro-mhaith so thabhair Dia, 

Shuas air an t-sliabh d' a phobull naomh ; 

Mar riaghailt beatha agus beus 

Air feadh an rè bhos anns an t-saogh'l. 

Is mis' an Tighearna do Dhia, 

Eisd thus' ri m' bhriathraibh-sa gu ceart ; 

A tìr na h-Eiphit 's mi shaor thu, 

'S à tigh na daorsa dlùth le m' neart. 

1 jSi A sleuchd do ni, no neach ach Dia, 
An Triath a chruthaich gach aon ni, 

D 5 am buin a mhàin urram is glòir 
Nan uile shlògh gu suthain sìor. 

2 Trìd iomhaigh f haoin cha 'n aor thu è, 
No coslas gnè a rinneadh leis : 

'Fhocal a threòraicheas gu glòir, 
Lean-sa mar sheòP, 's na dealaich ris. 

3 Ainm naomh an Tighearna do Dhia 
Na luaidh gu diomhain ann ad bheul, 
Le buidheachas, urram is gràdh, 
Luadhaidh tu e do ghnàth gun bheud. 



NA DEICH AITHEANTAN. 443 

4 Coimhead an t-Sàbaide gu naomh, 
Is tarruing-sa o 'n t-saogh'l do chridh' : 
Le 'shluagh, le d' theaghlach, is a'd' aonar, 
Thoir gnàth-aoradh do 'n Ard-Righ. 

5 Onoir do d' Athair is do d' Mhàthair 
O lagli naduir 's dleasnach dhuit, 

'S na 's dual fa leth do gach inbhe 
Ni thu gu suilbhir sin a dhiol. 

6 Cum o Mhurtadh air ais do làrnh : 
Criothnaichidh nadur dhaoin'roimhMhurt': 
Ach coimhead d'anam fèin do ghnàth, 

Is anam' chaich a rèir do neirt. 

7 Adhaltrannas na cuir an gniomh ; 
An neo-ghloine na biodh do spèis : 

Bi geamnuidh, subhailceach is naomh, 
Am briathraibh, smuaintibh, is am beus. 

8 Na deanar leat Meirle gu brcàth, 
Ach ceart do ghnàth dean ris gach aon ; 
Cuid do choimhearsnaich na goid, 
Cuidich, is na grab a mhaoin. 

9 Na tog-sa fianuis leis a' bhrèig ; 
Na siach agus na seun a' cheart ; 
Ach seas gu teann leis an fhìrinn, 
Oir 's e 's fianuis ort Righ nam feart. 

10 Còmhnuidh do choimhearsnaich gu 
No 'bhean air aillead's mais' adeilbh [bràth, 



444 NA DEICH AITHEANTAN. 

Am feasd r.a Sanntaich-sa a' d' chrìdh, 
No fòs aon ni 'gam bheil 'na sheilbh. 



Gràdhaich-sa Dia le d' uile chridh', 
Le d'anam, d' inntinn is le d' neart ; 
f S do choimhearsnach amhuil thu fèin, 
Tha 'n sin gu lèir dhuit suim an reachd. 



A CHRIOCH.