Skip to main content

Full text of "Slanuighear air do shon-sa : focal do na h-uile"

See other formats


EX-UBWS 


SLANUIGHEAR 
AIll    DO    SHON-SA. 

FOCAL  DO  NA  H-UILE. 

LE 

S.    M.    HAUGHTON. 


EADARTHEANGAICHTE  O'N  BHEURLA. 


EDINBURGH: 

MAOLACHLAN    &    STEWART, 

C4    SOUTH    BEIDGE. 

S.  M.  HAUGHTON,  SOUTHBORO',  TU^'BEIDGE  AVELLS. 


EDINBURGH : 

PRINTED  BY  LORIMER  AND  GILLIE 

CLYDE  STRHET. 


h'-l 


1 


KOIMH-RADH. 


AiR  feasgar  ài'aidh  mn  tlioìseacli  an  t-samhraidh 
thàinig  cuii'eadh  orm  gu  dhol  a  dh'  amharc  air 
duine  tinn.  jSTuair  a  chaidh  mi  steach  do  'n 
t-seomar  's  an  robh  e,  ghrad  dh'  amhairc  e  gu 
geur  orm,  agus  is  gann  a  tharr  mi  suidhe  laimh 
ris,  nuair  a  dh'  eirich  e  'na  leth-shuidhe  's  a' 
leabaidh,  agus,  le  dùrachd  nach  di-chuimhnich 
mi  gu  bràth,  labhair  e  briathran  cosmhuil  ris 
mar  a  leanas  : — 

"  Oh,  bheil  SlInuighear  ann  air  mo  shonsaI 
Innis  dhomh — na  dean  moiUe,  oir  's  e  sin 
a  tha  uam  fhaotainn  a  mach  !  Cha  'n'  urrainn 
domh  bhi  fada  beo  !  Tha  mi  'n  am  pheacach 
mòr,  agiis  tha  eagal  orm  nach  'eil  tròcair  ann  air 
mo  shon  !  An  urrainn  Dia  maitheanas  a  thoirt 
domhl  OH  BHEIL  SLANUIGHEAR  ANN 
AIR  MO  SHON-SA?  '^S'  e  sin  a  tha  uam 
fhaotainn  a  7?iacA." 

An  deigh  dhomh  'inntinn  thrioblaideach  a 
chiuineachadh  beagan,  dh'  fheuch  mi,  an  earbsadh, 
ri  cuideachadh  an  Spioraid  Naoimh,  ri  slighe  na 
slàinte  chomharrachadh  a  mach  dha,  agus  ann 
am  briathraibh  Chriosd  fhèin  dh'  innis  mi  dha,  . 
gur  '•  Ann  mar  sin  a  ghràdliaicli  Dia  an  saoghal 


4  ROIMH-RADH. 

gu  'n  d'  thug  e  aon-gliin  Mhic  fèin,  chnm  a  's  ge 
b'  e  neach  a  chreideas  ann  nach  sgriosar  e,  ach 
gu  'ra  bi  a  bheatha  shìorruidh  aige.  Oir  cha  do 
cuir  Dia  a  Mhac  do  'n  t-saoghal,  chum  gu  'n 
dìteadh  e  an  saoghal,  ach  a  chum  gu  'm  biodh 
an  saoghal  air  a  shaoradh  trìd-san"  (Eoin  iii. 
16,  17).  Thàinig  fìrinnean  an  t-Soisgeil  mar 
ioc-shlaint  a  dh'  ionnsuidh  an  anma  leointe. 
Ghabh  e  ris  an  naigheachd  mhaith,  chreid  e  ann 
an  losa,  agus  bha  e  anabarrach  sona.  Bha  e  beo 
fada  gu  leor  gu  fianuis  a  thoirt  mu  'n  atharrachadh 
a  thaìnig  air  a  chridhe,  agus  cha  mhòr  nach  iad 
so  na  briathran  deireannach  a  labhair  e,  "  Cha  'n' 
eil  eagal  orm  roimh  'n  bhàs.  DN  fhalhh  an  gath 
as  a'  bhas  !  *  Buidheachas  do  Dhia  a  tha  'toirt 
dhomh-sa  na  buadha  tre  ar  Tighearn  losa 
Criosd'  (1  Cor.  xv.  57).  Tha  fadachd  orm  gus 
am  bi  mi  'falbh  gu  bhi  maille  ri  losa.  Cha  'n 
fhada  gus  am  bi  mi  ann  an  neamh." 

Tha  cheisd  cheudna,  "  Am  bheil  Slànuighear 
ann  air  mo  shon-sa  % "  gu  tric  air  a'  cur  ris  an 
sgrìobhadair  nuair  a  tha  e  'taoghal  air  a'mhuinnt- 
ir  a  tha  bochd  agus  fo  àmhghair,  a  tha  tinn  agus 
ri  uchd  bàis.  Agus  gu  tric  tha  'chridhe  air  a 
dheanamh  aoibhinn  le  bhi  'faicinn  neach  eile, 
agus  fhathasd  neach  eile,  air  an  treorachadh  gu 
bhi  'cur  earbsa  air  son  slàinte  ann-san  a  mhàin 
a  thaìnig  "  a  shireadh  agus  a  theamadh  an  ni  sin 
a  bha  caillte"  (Mata  xviii.  11 ;  Lucas  xix.  10). 

Air  do  'n  sgrìobhadair  a  bhi  'mothachadh  gu  'm 
bheil  a'  cheisd  so.  "  ^m  hheil  Slanuighear  ann 
air  mo  shon-sa  ?  "  na  ceisd  a  tha  ro  chudthrom- 
ach,  agus  na  ceisd  d'  am  bu  chòir  do  gach  uile 


ROIMH-RADH.  5 

anam  beò  mbr  shìlim  a  ghabhail,  's  e  ni  tha  'na 
rùn  's  na  duilleagaibh  so  a  bhi  toirt  freagairt 
seachad  as  an  Fhocal  sin  a  tha  comasach  air  ar 
deanamh  glic  "  a  chum  slaìnte  tre  'n  chreidimh  a 
ta  ann  an  losa  Criosd"  (2  Tim.  iii.  15),  agus  an 
sin  gu  neo-sgàthach  teagasgan  an  Fhocal  air  a 
chuspaii'  so  'fhoillseachadh. 

A  leughadair  ionmhuinn  gu  robh  thusa  's 
mise  air  ar  treorachadh  leis  an  Spiorad  Naomh 
a  dh'  ionnsuidh  gach  uile  fhirinn  agus  gu  faigh 
simi  beatha  shiorruidh  tre  'n  Tighearn  losa 
Criosd  ! 

S.  M.  Haughton. 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 


**  Is  fìor  an  ràdh  so,  agics  is  airidh  e  air  gach  a/)n  chor 
gabhail  ris,  gu  'w  d^  thàinig  losa  Criosd  do  'w  t-saoghal  a 
thearnadh pheacach.'" — 1  Tim.  i.  15. 


'S  ANN  d'  aii  leithidibli  so  a  tlia  gacb  sgeiil  o 
neamh  mu  thimcliioll  teaclidaireaclid  Cliriosd 
do  'n  t-saoghal  so.  "  Is  i  so  an  fhianuis  gii  'n 
d'  thug  Dia  dhuinn  a  bheatha  mhaireannach ; 
agus  tha  a'  bheatha  so  'na  Mhac  "  (1  Eoin  v.  11). 
Beatha  mhaireannach  !  Agus  ma  chreideas  tu  is 
leatsa  a'  bheatha  so.  "  An  ti  a  chreideas  ann 
am  Mac  Dhe,  tha  'n  fhianuis  aige  ann  fèin" 
(1  Eoin  V.  10).  Am  bheil  thu  'cur  teagaimh 
ann  am  Tirinn  an  sgèil  soì  Cùimhnich,  "An 
ti  nach  creid  Dia  rinn  e  breugaire  dheth,  do 
bhrìgh  nach  do  chreid  e  an  fhianuis  a  rinn  Dia 
mu  thimchioll  a  Mliic  "  (1  Eoin  v.  10).  Tha  'n 
ràdh  so  fìor  ged  tha  e  na  aobhar-iongantais. 
Tha  e  air  do  shon-sa,  charaid,  dh'each  mar  nach 
biodh  aon  pheacach  eile  air  an  t-saoghal  uile. 
Chreid  na  muilleanan  e,  's  rinn  e  sona  iad,  agus 
dh'  ullaich  e  iad  air  son  nèimh.  Tha  muilleanan 
aig  an  àm  so  a'  cur  an  earbsa  anii,  agus  tha  iad 
air  an  lionadh  le  sìth  agus  aoibhneas.  **  Is  fìor 
an  ràdh  so  agua  is  airidh  e  air  gach  aon  chor 

GABHAIL  RIS." 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  7 

"lOSACEIOSD ! "  Mu  'n  tèid  siim  air  aghaidh 
gu  bhi  labhairt  mu  ciod  a  thàinig  losa  Criosd  a 
dheanamh,  feuchamaid  ri  freagairt  ghoirid  a 
thoirt  do  'n  cheisd,  Cò  e  losa  Criosd'?  Is  e  Mac 
sìorruidh  an  Athar  e,  a  th'  ann  o  shìorruidheachd 
agus  co-ionnan  ris  an  Athair.  Is  leis-san  uile 
bhuaidhean  agus  uile  iomlanachd  na  Diadhachd. 
Is  E  Mac  Dhè,  is  E  Dia.  Tha  Eoin  a*  labhairt 
uime  agus  ag  ràdh,  "  Anns  an  toiseach  bha  am 
Focal,  agus  bha  am  Focal  maille  ri  Dia,  agus  b'  e 
am  Focal  Dia  "  (Eoin  i  1).  Agus  tha  Pol  ag 
ràdh  is  E  "  Dia  air  fhoillseachadh  's  an  fheoil  " 
(1  Tim.  iii  16).  Dia !  agus  mar  Dhia  tha  E 
sealbhachadh  iomlanachd  gliocais,  cumhachd, 
eòlais,  maitheis,  agus  fìrinn,  Is  E  rinn  an 
saoghal  's  gach  ni  a  th'  ann.  Is  Esan  a  tha 
'riaghladh,  a'  stiùireadh,  agus  a'  cumail  suas, 
gach  ni  le  focal  a  chumhachd.  Esan  a  thug 
dhuit  beatha,  agus  anail,  agus  na  h-uile  nithean. 
Mar  Dhia  tha  e  'deanamh  gach  ni  mar  is  àill  leis 
air  nèamh  agus  air  an  talamh — mu  'n  cuairt, 
g'  a  h-àrd,  gu  h-iosal. 

Ach  tha  "  lOSA  CKIOSD  "  'NA  DHUINE 
MAR  AN  CEXJDNA I  Nuair  a  thàinig  E 
dh'  ionnsuidh  an  t-saoghail  so,  "  Cha  do  ghabh  e 
nàdur  nan  aingeal  air ;  ach  ghabh  e  sìol  Abra- 
haim  air  "  (Eabh.  ii.  16.)  "  Bha  e  air  a  bhuaii'- 
eadh  's  na  h-uile  nithibh  air  an  doìgh  cheudna 
ruinne,  ach  as  eugmhais  peacaidh"  (Eabh.  iv.  15). 
B'  Esan  "an  duine  losa  Criosd  "  (1  Tim.  ii.  5). 
Duine  aonaichte  ri  Dia.  Fìor  dhuine  aig  am 
bheil  co-mhothuchadh  ruinne  ann  ar  n-uile  bhròin 
agus  fhulangasaibh ;  agus  Dia  a  tha  neo-chrìoch- 

a2 


8  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

nach.  ann  an  gràdh  's  ann  an  tròcair,  a  chum 
cuideachaidh  leinn  anns  gach  uireasbhuidh  agus 
dìth.  Cha  'n'  eil  cràdh  a  dh'  fhairicheas  sinn,  no 
trioblaid  a  dh'  fhiosraicheas  sinn,  air  nach  'eil 
Tosa  làn  èolach,  agus  tha  E,  air  an  aobhar  siii, 
comasach  air  cuideachadh  leinn,  comh-f  hurtachd 
a  thoirt  duinn,  agus  faireachadh  air  ar  son. 
"Oir  cha  'n'  eil  àrd-shagart  againn  nach  'eil 
comasach  air  comh-fhulaugas  a  bhi  aige  r'  ar 
n-anmhuinneachdaibh"  (Eabh.  iv,  15).  "Oira 
mheud  gu  'n  d'  fhuiling  e  fèin,  air  dha  bhi  air  a 
bhuaireadh,  is  comasach  e  air  cabhair  a  dheanamh 
orrasan  a  ta  air  am  buaireadh"  (Eabh.  ii.  18). 

"THAINIGE!"  COAS?  O  chathair  Dhe, 
o  uchd  an  Athar.  O  neamh.  O  ionadaibh- 
còmhnuidh  soillseach  na  glòire  's  an  t-sonais. 
O  chuideachd  nan  aingeal  agus  nan  spiorad 
glòraichte. 

"THÀmiG  El"  CllTE?  A  dh'  ionn- 
suidh  na  talmhainn ;  a  dh'  ionnsuidh  an  t- 
saoghail  so  ;  saoghal  a  th'  ann  an  naimhdeas  'na 
aghaidh;  saoghal  a  bhris  a  laghannan  gu  leir; 
saoghal  a  tha  deanamh  ceannairce  'na  aghaidh ; 
saoghal  a  rinn  E  naomli  agus  maiseach,  ach  a 
chaidh  a  thruailleadh  agus  a  mhilleadh  le  peacadh 
agus  bròn ;  saoghal  dhaoine  aingidh,  còmhdaichte 
le  uaighibh,  agus  aìte-còmhnuidh  nam  marbh. 

CIOD AN  DÒIGHANNS  AN  D'  THAINIG 
E  ?  Anns  an  t-suidheachadh  a  b'  ìsle  anns  am 
b'  urrainn  duine  bhi.  Rugadh  le  òigh  E,  agus 
chuireadh  'na  luidhe  'm  prasaich  E.  Thàinig  E 
''air  a  dhìmeas  agus  air  a  chur  air  chùl  ledaoinibh; 
'na  dhuine  dhoilighiosan  agus  eòlach  air  bròn  " 


SLANUIGHKAK  AIR  DO  SHOX-SA.  \) 

(Isa.  liii.  3).  Am  feadh  a  bha  tiiill  aig  na 
sionnaich,  agus  nid  aig  eunlaith  an  athair,  cha 
robh  Aige-san,  Mac  an  duine,  ionad  anns  an 
cuireadh  E  a  cheann  fodha.  Bha  E  air  a  bheath- 
achadh  aig  bòrd  neach  eile,  ghabh  E  còmhnuidh 
an  tigh  neach  eile,  dh'  adhlaiceadh  E  an  uaigh 
neach  eile.  "  Ged  bha  E  saoibhir,  gidheadh  aii 
bhur  son-sa  rinneadh  bochd  e,  chum  gu  'm  biodh 
sibhsesaoibhirtreabhochdainn-san" (2  Cor.viii.  9.) 

"THÀINIGE!"  C'ARSON?  "ATHEAR- 
NADH!"  Dh'  fhaodadh  E  bhi  air  tighinn  a 
chum  breth  a  thoirt  air  an  t-saoghal,  a  chum  a 
dhìteadh,  a  chum  a  sgrios.  Ach  cha  b'  i  so  a 
theachdaireachd  :  cha  do  chuir  Dia  a  Mhac  do 
'n  t-saoghal  a  chum  gu  'n  dìteadh  E  an  saoghal, 
ach  a  chum  gu  'm  biodh  an  saoghal  aii'  a  shaor- 
adh  Trid-san"  (Eoin  iii.  17).  Tha  E  fhèin 
ag  ràdh,  "  Cha  d'  thàinig  mi  a  dhìteadh  an 
t-saoghail  ach  a  shaoradh  an  t-saoghail"  (Eoin 
xii.  47).  Cha  d'  thàinig  E  a  shaoradh  a  chàirdean 
ach  a  shaoradh  a  naimhdean.  "  An  uair  a  bha 
sinn  'fathasd  'n  ar  peacaich  dh'  fhuiLLng  Criosd 
bàs  aii'  ar  son  "  (Rom.  v.  8). 

''THAINIG  E  SHAORADH!"  Saorsa ! 
Ciod  a  th'  ann  an  saorsa  ?  Faighnich  de  na 
saighdearaibh  treuna  'bha  'dìon  na  Lùchairt  an 
LiLcknow  fad  iomadh  seachduin  an  aghaidh  arm- 
ailt  cheannairceach,  fhuilteach  na  h-Innsean. 
Là  'n  dèigh  là  bha  iad  ag  amharc  air  son  fuasg 
laidh.  Uair  an  dèigh  uaire  bha  'n  neart  'g  an 
treigsinn — bha  'm  biadli  a'  dol  a  lughad  's  a 
highad — bha  'n  aìrneis-chogaidh  gu  bhi  mach — 
bha  'n  companaich   threuna  'tiiiteam  air   gach 


10  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

laìmli  dliiu-~-blia  'n  cridheaclian  air  tliuar  faìl- 
neacliadli  an  taobh  a  stigh  dhiu  :  'nuair  a  bha 
iad,  gu  beag-ni,  an  dèigh  gach  dòchas  ri  saorsa 
fhaotainn  a  thoirt  suas  gu  buileach,  ràinig  sgeul 
iad  gu  'n  robh  buidheann  ghaisgeil  de  'n  luchd- 
dùthcha  faisg  air  laìmh,  agus  ann  am  beagan 
uairibh  gu  'm  biodh  fuasgladh  aca.  Nuair  a 
chual'  iad  so  bha  iad  làn  gàirdeachais  'us  taing- 
ealachd  do  Dhia.  Fhuair  iad  neart  as  ùr  leis  an 
do  sheas  iad  an  aìte.  'S  a  cheart  àm,  's  am 
feasgar  a'  ciaradh  chual'  iad  fuaim  an  luchd- 
saoraidh  a'  dlùthachadh  riu  ;  agus  mar  a  bha 
iad  a'  teannadh  ni's  fhaisge  agus  ni  's  fhaisge 
orra  bha  'n  aoibhneas  air  tighinn  gu  leithid  a 
dh'  ah'de  's  gu  'n  do  ghlaodh  iad  a  mach,  "  Tha 
sinn  air  ar  saoradh!     Tha  sinn  air  ar  saoradh  ! 

CO  UAITHB  THA  lOSA  'SAORADHI 
Tha  'n  t-saorsa'  tha  losa  'toii't  seachad  a'  gabh- 
ail  a  steach  na  h-uile  beannachd  Tha  E  'saoradh. 
o  dhìteadh.  "  Air  an  aobhar  sin  cha  'n'  eil  a  nis 
dìteadh  sam  bith  do  'n  dream  sin  a  ta  ann  an 
losa  Criosd,  a  tha  'gluasad,  cha  'n  ann  a  rèir  na 
feola  ach  a  rèir  an  Spioraid "  (Kom.  viii.  1 ; 
2  Cor.  V.  17).  Tha  E  'saoradh  o  eagal  cionta. 
"  Uime  sin  air  dhuinne  bhi  air  ar  f  ìreanachadh 
tre  chreidimh,  tha  sìth  againn  ri  Dia  tre  ar 
Tighearn  losa  Criosd "  (Rom.  v.  1 ;  Gniomh 
xiii.  39  ;  Job  xxii.  21  ;  1  Phead.  i.  8). 

Bha  duine  òg  an  Eirinn  a  chaidh  iompachadh, 
agus  bha  sonas  anaraa  cho  mòr  's  gu  'n  robh  e  r'  a 
fhaicinn  gu  soiUeir  'na  ghnùis.  Dh'  fhaighnich 
neach  dheth  'de  bha  'ga  fhàgail  cho  sona.  Fhreag- 
air  e,  "  EJiuair  mi   Criosd ;   shaor  E  mi ;  agus 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  1 1 

miir  'eil  sin  gu  leor  gus  neach  a  dlieanamh  sona 
clia  'n  aithne  dhomh  ciod  a  ni  sona  e."  Seadh, 
bheir  Criosd  a  bhi  's  a'  cridhe,  agus  dòchas  na 
gloìre,  aoibhneas  do  'n  spiorad  a  's  brònaiche,  agus 
solus  dealrach  do  na  h-ionadaibh  a  's  doilleire  air 
thalamh. 

THA  E  SAORADH  0  PHEACADH. 
"  Saoraidh  E  a  shluagh  feìn  o  'm  peacaibh " 
(Mata  i.  21).  Cha  'n  e  mhàin  gu  'n  toir  e  maith- 
eanas  do  gach  aon  a  chreideas  ann,  ach  mar  an 
ceudna  naomhaichaidh  E  iad  mar  a  tha  E-fhein 
naomh.  "  Glanaidh  fuil  losa  Criosd  a  Mhic  sinn 
o  gach  uile  pheacadh  "  (1  Eoin  i.  7  j  2  Cor.  v.  17; 
Tit.  ii.  14). 

SAORAIDH  E  O  EAGAL  BAIS.  "  Bheil 
fhios  agaibh,"  arsa  giullan  bochd  a  bh  'ann  an 
tigh-eiridinn  's  na  h-Innsibh  ri  mnaoi  uasail  a 
bha  gach  là  dol  g'  a  fhaicinn,  "  Ciod  air  an  robh 
mi  'smuaineachadh  fad  na  maidne  so  ì "  "  Air 
cho  goirid  's  gus  am  faic  thu  losa,"  fhreagair 
a*  bhean  uasal.  "  'S  e,"  fhreagair  e  ;  "  bha  mi 
'smuaineachadh  mar  a  bha  mi  aig  toiseach  an  là 
Sàbaid  so  a'  m'  ghiullan  bochd  ann  an  tigh- 
eiridinn  air  mo  chuairteachadh  le  daoinibh 
aingidh  's  le  cainnt  pheacaich,  agus  mu  'n  tig  an 
oidhche  gu  'm  bi  mi  aig  mo  dhachaidh  bhuain. 
Tha  mi  'smuaineachadh  gu  'n  do  thoìsich  mi  air 
Sàbaid  air  nach  tig  crioch  gu  bràth.  Cha  chreid 
mi  gu  'm  faic  mi  là  seachduin  eile."  'S  an  fheasg- 
ar  chaidh  i  rìs  g'  a  amharc,  ^s  fhuair  i  e  'na 
luidhe  's  a  shùilean  dùinte,  's  e  sìoladh  seachad 
gu  sèimh.  Chrom  i  os  a  chionn  's  labhair  i  gu 
beag   ris,  " '  Seadh,    ged   shiubhlail   mi  troimh 


12  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

ghlinn  sgaile  bhàis,  cha  bhi  eagal  orai ;  oir  tha 
thusa  maiUe  rium :  bheir  do  shlat  agus  do 
lorg  comh-fhurtachd  dhomh '  (Salm  xxiii.  4). 
UiUeam  a  chagair,  am  bheil  losa  maille  riut  ì  " 
"  Oh,  tha."  "  Am  bheil  eagal  sam  bith  ort  ?  " 
"  Cha'n'  eil  dad,  's  ann  a  tha  mi  fo  ioghnadh  air 
son  iad  a  bhi  'g  ràdh  gleann  dorcha  ris.  Tha  mi 
'faotainn  an  t-soluis  a  'fàs  ni  's  soilleire  na  h-uile 
là  o  chreid  mi ;  agus  's  ann  a  tha  e  nis  cho  soilleir 
's  gu  'm  feum  mi  mo  shùilean  a  dhùnadh."  An 
dèigh  dha  ùrnuigh  a  dheanamh  thuirt  e,  "  'S  i  sid 
m'  urnuigh  dheireannach,  bithidh  mi  gu  sìorr- 
uidh  tuilleadh  a  toirt  molaidh  seachad  do  Dhia." 
Nuair  a  bha  Tomas  Uard,  fear-oibre  aig  an 
rathad-iaruinn,  a  'dol  a  dh'  ionnsuidh  a'  bhàis 
thuirt  e,  "  Tha  mi  'ga  fhaicinn  a  nis  !  Tha  E 
'n  so.  Tha  E  dlùth  dhomh  ;  tha  E  maille  rium  ! 
Tha  E  mu  'n  cuairt  dhomh  ;  cha  leig  E  uaith  a 
chaoidh  mi  ;  cia  mar  is  urrainn  mi  gu  bràth 
teagamh  a  chur  ann.  Is  E  Slànuighear  nam 
peacach,  is  E  mo  Shlànuighear-sa ;  is  leam-sa 
losa,  agus  is  leis-san  mise.  Cheannaich  'fhuil 
mi ;  cha  robh  aithne  riamh  agam  air  gus  a  nis. 
Oh,  iarr  air  na  h-uile  teachd  d'  a  ionnsuidh — 
eadhon  a  nis.  Criosd  airson  na  h-uile  duine  1 
Criosd  air  son  na  h-uile  duine  I " 

THA  E  SAORADH  O  IFFRINN,  AGUS 
A  TREORACHADH  GU  NEAMH.  Eiubha- 
san  uile  tha  'gà  ghràdhachadh,  agus  a  ghèilleas 
gubhi  air  an  tearnadh  leis,  tha  E  'gràdh,  "  Ann 
an  tigh  m'  Athar-sa  tha  iomadh  aìte-còmhnuidh, 
mur  biodh  e  mar  sin  dh'  innsinn-sa  dhuibh. 
Tha  mi  'dol  a  dh'  ulhichadh  aìte  dhuibh.     Agus 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  13 

ina  tlieìd  mi  agus  gii  'n  ulluicTi  mi  aìte  dliuibh, 
tliig  mi  rìs  agus  gabhaidli  mi  sibh  a'  m'  ionnsuidh 
fèin ;  chum  far  am  bheil  mise  gu  'm  bi  sibhse 
mar  an  ceudna  "  (Eoin  xiv.  2,  3). 

CIOD  AN  DOÌGH  ANNS  AN  DO  CHOIS- 
INN  lOSA  AN  T-SAORSA-SO  DHUINNE1 
Le  basachadh  'n  ar  n-aìte  ;  le  paìgheadh  nam 
fiach  nach  b'  urrainn  sinne  phaigheadh.  "  Ghiùl- 
ain  E  ar  peacanna  'na  chorp  fein  air  a'  chrann  " 
(1  Phead.  ii.  24;  2  Cor.  v.  21).  "  Tre  ghràs 
Dhè  bhlais  E  bàs  air  son  gach  uile  dhuine " 
(Eabh.  ii.  9).  "  Lotadh  E  air  son  ar  peacaidh-ne, 
bhruthadh  E  air  son  ar  n-aingidheachdan ; 
leagadh  air-san  smachdachadh  ar  sìth,  agus  le 
chreuchdaibh  san  shlànuicheadh  sinne"  (Isa. 
liii.  5).  "  Oir  dh'  fhuiling  Criosd  fèin  aon  uair 
air  son  pheacanna,  am  fìrean  air  son  an  neo- 
fhìrean,  chum  gu  'n  tugadh  E  sinne  gu  Dia" 
(1  Phead.  iii.  18).  "  Leag  an  Tighearn  aii'- 
san  aingidheach  gach  aoin  dinn"  (Isa.  liii.  6).  "  A 
thug  E-fhein  air  ar  son,  chum  gu  'n  saoradh  E 
sinn  o  gach  aingidheachd  "  (Tit.  ii.  14;  1  Tim. 
iii  6).  "  Shaor  thu  sinn  do  Dhia  le  d'  fhuil 
fein  "  (Taisb.  v.  9).  "  Cha  do  chaomhain  Dia  a 
Mhac  fèin  ach  thug  E  thairis  E  air  ar  son-ne 
uile."  "  Bhàsaich  Criosd  air  son  nan  daoine 
neo-dhiadhaidh."  "  Thugadh  thairis  E  air  son 
ar  ciontaidh  "  (Rom.  viii.  32 ;  v.  6 ;  iv.  25). 

Air  do  aon  de  mhinisteiribh  Mhoràbhia  an 
Greenland  a  bhi  aon  là  'leughadh  a'  Bhìobuil 
do  'n  t-sluagh,  thachair  dha  tighinn  a  dh' 
ionnsuidh  aon  de  na  h-earannaibh  a  tha  toirt 
cunntas  mu  dhòruinn  losa  air  a'  chrann.     Stad 

a3 


14  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

e  a  leugliadh,  agua  air  dha  bhi  air  a  ghhiasad  leis 
an  Spiorad  JSTaomh  thòisich  e  air  labhairt  mu 
ghràdh  an  t-Slànuighir  do  pheacaich,  agus  air 
iarraidh  orra  'n  earbsa  'chur  ann  an  "  Uan 
Dè  a  thàinig  a  thoirt  air  falbh  peacaidh  an  t-saogh- 
ail."  Ghabh  aon  diu  ris  an  sgeul.  Bha  'shùilean 
a*  dealradh  le  aoibhneas,  agus  ghlaodh  e  mach, 
"  Cluinneam  sid  a  rìs,  oir  hu  mhiann  leamsa  bhi 
airmo  shaoradhmar  an  ceudna."  Cha  d'  fhuair 
e  fois  gus  an  robh  a  pheacanna  air  am  maitheadh, 
agus  b'  urrainn  dha  fianuis  a  thoirt  seachd  gu  'n 
robh  Criosd  "  cumhachdach  gu  tearnadh." 

"  A  SH  A  OE ADH  PHE ACACH  ! "  Tha  na 
h-uile  'nam  peacaich.  Cha  'n'  eil  duine  's  an 
t-saoghal  as  eugmhais  peacaidh.  Tha  na  h-uile 
ciontach  am  fianuis  De.  "  Oir  pheacaich  na 
h-uile,  agus  thàinig  iad  gearr  air  gloìr  Dhè" 
(Kom.  iii.  23 ;  1  Kigh  viii.  46).  "  Cha  'n'  eil 
ionracan  ann,  cha  'n'  eil  fiu  a  h-aon  "  (Rom.  iii. 
10;  1  Eoin  i.  8).  "Chaidh  sinn  uile  mar  chaor- 
aich  air  seachran  ;  thionndaidh  gach  aon  againn 
gu  shlighe  fèin "  (Isa.  liii,  6 ;  Rom.  viii.  7). 
"  Feuch  ann  an  euceart  dhealbhadh  mi,  agus 
ann  am  peacadh  ghabh  mo  mhàthair  mi  'na 
broinn  "  (Salm  li.  5).  "  Uime  sin  mar  a  thàinig 
peacadh  a  steach  do  'n  t-saoghal  tre  aon  duine, 
agus  bàs  tre  'n  pheacadh  ;  mar  sin  rnar  an  ceudna 
thàinig  bàs  air  na  h-uile  dhaoinibh,  do  bhrìgh 
gu  'n  do  pheacaich  iad  uile"  (Roni.  v.  12).  "  Tha 
'n  cridhe  cealgach  thar  na  h-uile  nithe,  agus  tha 
e  do-leigheas ;  cò  is  urrainn  a  thuigsinn "  (Ire 
xvii.  9).  "  An  t-anam  a  chiontaicheas  gheibh  e 
sin  bàs  "  (Ese.  xviii.  4).     Is  e  peacadh  a  bhi,  gu 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  15 

toileacli,  a'  deanainh  ceannairc  an  aghaidli  Dhe, 
agus  a  bhi  toirt  dùlain  do  Dhia.  Is  e  peacadh 
an  ni  gràineil  a  tha  Dia  a'  fuathachadh.  Tha 
'm  peacadh  na  ni  cho  uamhasach  's  nach  urrainn 
E  gabhail  thairis  air.  "  Ged  iadhadh  làmh  mu 
làimh  cha  bhi  an  droch  dhuine  gun  pheanas" 
(Gnath-fh.  xi.  21).  "  Is  etuarasdal  a  pheacaidh 
am  bàs"  (Rom.  vi.  23).  Is  e'm  peacadh  aobhar 
gach  fulangais.  Tha  gach  stoii^m  a  tha  'fasachadh 
na  talmhainn;  gach  crith-thahnhainn  a  tha 
luaisgeadh  a'  chruinne-chè,  agus  a'  slugadh  suas 
an  t-sluaigh ;  an  cogadh  a  tha  còmhdachadh  na 
talmhainn  le  fuil  dhaoine ;  a'  ghorta,  a'  phlàigh, 
an  tinneas,  am  bàs,  agus  ifrinn,  a'  sruthadh  o  'n 
pheacadh.  Tha  na  h-uile  cràdh  agus  pian  a  tha 
thu  faireachadh,  na  h-uile  bròn  a  tha  cur  dragh 
air  d'  inntinn  agus  a'  dorchnachadh  do  shlighe, 
a'  sruthadh  o  'n  pLeacadh.  Ach  is  ann  a  mhain 
am  fulangasaibh  's  am  bàs  Chriosd  is  urrainn 
sinn  beachd  ceart  fhaotainn  air  uamhas  a'  pheac- 
aidh.  Cha  deanadh  ìobairt  bu  lugha  na  bàs 
Mhic  Dhè  rèite  air  a  shon.  Is  ann  ah'  a'  chrann- 
cheusaidh  a  chithear  e  'na  làn  ghraineileachd. 
'Nuair  a  bha  Criosd  an  crochadh  air  a'  chrann  's 
E  air  a  thrèigsinn  leis  na  ti-uile,  ghlaodh  E  mach 
o  dhoimhneachd  a  chridhe  leointe,  "  Mo  Dhia, 
mo  Dhia,  carson  a  thrèig  thu  mi  ? "  (Mar.  xv.  34). 
Bha  E  'nuair  sin  a'  paìgheadh  nam  fiach  a  bha 
dligheach  air  pon  peacanna  an  t-saoghail  uile. 
Bha  E  fulang  air  son  ar  peacaidh-ne.  Is  Esan 
a  "  thugadh  thaù^is  air  son  ar  ciontaidh,  agus  a 
thogadh  suas  a  rìs  air  son  ar  f ìreanachaidh " 
(Rom.  iv.   25 ;   1  Eoin  iii  5).     "  Shaor  Criosd 


16  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

sinne  o  mhallachadh  an  lagha,  air  dha  bhi  air  a 
dheanamh  'na  mhallachadh  air  ar  son  "  (Gal.  iii. 
13;  ii.  20). 

CO  NA  PEACAICH  A  THA  E  SAOE- 
ADH 1  Phàigh  Criosd  fiachan  nan  iiile,  rinn  E 
làn  rèite  air  son  nan  uile;  air  an  aobhar  sin 
faodaidh  na  h-uile  bhi  air  an  tearnadh.  "  Is 
airidh  e  air  gach  aon  chor  gabhail  ris  ; "  agiis  air 
do  na  briathraibh  so  a  bhi  fior  tha  iad  a'  gabhail 
a  steach  gu  'n  deachaidh  ulluchadh  a  dheanamh 
air  son  nan  uile,  agus  gu  'n  d'  fhosgladh  dorus 
tròcair  do  na  h-uile.  Ann  an  cainnt  an  Sgriob- 
tuir,  "Leagadh  air-san  aingidheachd  gach  aoin 
againn"  (Isa.  liii.  6).  "  A  thug  E  fein  'na  èiric 
air  son  nan  uile  "  (1  Tim.  ii.  6).  "  Agus  is  esan 
an  iòbairt-rèitich  air  son  ar  peacanna,  agus  cha 
'n  e  air  son  ar  peacanna  a  mhain,  ach  mar  an 
ceudna  air  son  peacanna  an  t-saoghail  uile" 
(1  Eoin  ii.  2).  "  Oir  cha  d'  thàinig  E  dhìteadh 
an  t-saoghail  ach  a  shaoradh  an  t-saoghail" 
(Eoin  xii.  47).  Bhàsaich  Criosd  air  do  shon, 
agus  tha  E  'g  aìthneadh  dhuit  aithreachas  a 
ghabhail,  creidsinn  ann,  agus  a  bhi  air  do  thear- 
nadh.  Tha  Dia  "  a  nis  ag  aìthneadh  do  na 
h-uile  anns  gach  aìte  aithreachas  a  dheanamh" 
(Grnidmh  xvii.  30).  "  Mar  is  beò  mise,  deir  an 
Tighearna,  cha  'n'  eil  tlachd  air  bith  agam-sa 
ann  am  bàs  an  aingidh,  ach  gu  'm  pilleadh  an 
t-aingidh  o  'shlighe,  agus  gu  'm  biodh  e  beò " 
(Esec.  xxxiii.  11).  Tha  E  gladhaich,  "  Ma  tha 
tart  air  neach  sam  bith,  thigeadh  e  m'  ionnsuidh- 
sa,  agus  òladh  e "  (Eoin  vii.  37).  "  Thigibh 
a'  m'  ionnsuidh-sa,  sibhse  uile  a  ta  ri  saothair, 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  17 

agus  fuidh  throm  uallaich,  agus  bheir  mise 
suaimhneas  dhuibh"  (Mata  xi.  28).  "  Is  ami 
do  'ur  n-ionnsuidh-sa  a  chuireadh  focal  na  slaìnte 
eo  "  (Gniomh  xiii.  26).  '^  Uime  sin  biodh  fhios 
agaibh-sa  fheara  agus  a  bhràithre,  gur  ann  tre  'n 
duine  so  a  ta  maitheanas  pheacanna  air  a  shear- 
monachadh  dhuibh"  (Gniomh  xiii.  38). 

THA  E  SAORADH  NA  MUINNTIR 
OÌGE.  Am  bheil  thu  hgì  Saoraidh  E  thu. 
Eisd  r'  a  bhriathraibh  grasmhor.  "  ladsan  aig 
am  bheil  gràdh  dhomh  gi-àdhaichidh  mi;  agus 
iadsan  a  dh'  iarras  mi  gu  moch  gheibh  iad  mi  " 
(Gnathviii.  17).  "  Cuimhnich  a  nis  do  Chruith- 
fhear  ann  an  laìthibh  d'  òige"  (Ecle.  xii.  1). 
"  Le  a  ghàirdean  cuairtichidh  E  na  h-uain,  agus 
gìulainidh  E  iad  'na  uchd  "  (Isa.  xl.  11).  "  Ach 
thubhairt  losa,  Fulaingibh  do  na  leanabaibh, 
agus  na  bacaibh  dhoibh  teachd  a'  m'  ionnsuidh ; 
oir  is  ann  d'  an  leithidibh  sin  a  ta  riòghachd 
nèimh"  (Mata  xix.  14),  Shaor  E  losiah, 
Solamh,  Timoteus,  'nuair  abha  iad  òg.  Shaor  E 
Wesleì/,  Whitjiekl,  Morrison,  Doddridge,  agus 
muinntir  eile,  nuair  a  bha  iad  òg,  agus  bha  iad 
'nam  beannachd  do  'n  t-saoghal  's  'nam  maise  do 
'n  eaglais. 

Thug  caileag  bheag  a  bha  's  an  aon  sgoil- 
Shàbaid  ris  an  sgrìobhadair  a  cridhe  suas  do 
Dhia,  's  bha  i  air  a  saoradh  leis.  Aon  là  thuit  e 
mach  gu  'n  deachaidh  a  losgadh  gu  h-olc.  Gun 
daìl  sam  bith  thugadh  do  'n  Tigh-«ìridinn  i  far 
am  faigheadh  i  aire  na  b'  fhearr  na  gheibheadh  i 
aig  an  dachaidh.  Bha  i  'fulang  mòrain,  's  ged 
a  bha  cha  robh  i  'gearan.     Cràiteach  's  mar  a 


18  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

bha  i,  bha  i  glè  sliona,  agus  cha  robli  eagal  sam 
bith  aice  roimh  'n  bhàs.  Air  oidhche  àraidh  's 
i  'na  luidhe  'san  t-seomar,  càch  uile  tosdach,  's 
gun  a'  bhan-altrum  a  làtlviir,  chualas  a  guth  lag 
a'  seinn  : — 

"  losa  !  an  t-ainm'  tha  prìseìl,  caomh, 
'S  do  pheacaich  chlaon'  bheir  aoibhneas  mòr, 
As  gapas  ciont'  us  geilt  mar  aon, 
'San  doruinn  chaochlaidheas  gu  gloir." 

An  sin  stad  i  's  cha  chluinnte  dad  ach  diog  an 
uaireadair-cluig  's  an  talla,  ach  sheinn  i  rìs — 

"  Sona,  air  ainm  ma  ni  luaidh 
Le  m'  bhriathraibh  f  ann  's  mi  'n  suain  a'  bhh^is ; 
Glaodh  ris  na  h-uile,  'Feuch  an  t-Uan 
A  shaoras  bràighdean  truagh'  tha  'n  slis." 

Sguir  an  t-seinn ;  thàinig  a'  bhanaltrum  air  ais, 
's  chaidh  i  dh'  ionnsuidh  na  leapa  agus  sheall  i 
air  a'  chaileig ;  ach  bha  i  marbh — bha  a  spiorad 
air  neamh.  Shaoradh  i  le  caraid  nam  peacach, 
agus  chaidh  i  gu  bhi  maille  ris  'na  dhachaidh 
ghlòrmhoir  fhein  gu  siorruidh. 

O  chionn  ochd  bliadhna,  bha  giuUan  beag 
's  an  lar-mhinsteir  a  chaidh  a  ghearradh  cho  olc 
le  cù  cuthaich  's  gu  'n  do  bhàsaich  e.  Bha  e  gun 
athair,  air  dhroch  eudach,  agus  bochd  an  staid, 
ach  air  a  shon  sin  ghradhaich  e  'n  Slànuighear 
agus  bha  e  sona.  Bha  'n  lighiche  'thàinig  g'  a 
amharc  'na  sheasarah  aig  cosaibh  na  leapa,  's 
thuirt  e  gu  beag  ri  mathair  a'  ghiullain,  "  Tha 
eagal  orm  nach  bi  do  mhac  fada  beo."  Cho 
beag  's  g'  an  robh  na  briathran  chuala  an  giullan 
bochd  iad  's  ghrad  thuirt  e,  *'  Tha  mi  toilichte 
sin   a   chluinntinn."      "  C'    arson,  mo   ghiullan 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  19 

beag  ì "  ars'  an  lighiclie.  Le  fìamli  gàire  air 
a'  glmùis  fhreagair  an  giullan  boclicl,  "A  chionn 
gu  'm  bheil  mi  dol  dhachaidh."  Car  ùine  bha  e 
còmhradh  r'  a  fhear-teagaisg  mu  na  h-aìtibh- 
còmhnuidh  sìtheil  a  chaidh  Criosd  a  dh'  ulhichadh 
dhoibh-san  a  tha  'ga  ghràdhachadh.  Agus  air 
dha  le  mòr  chaoimhneas  slàn  fhàgail  aig  a 
chàirdibh  thuit  e  'na  chodal  ann  an  losa — chaidh 
e  dhachaidh. 

Tha  Dia  a'  gabhail  tlachd  ann  a  bhi  saoradh 
na  muinntii'  oìge;  agus  tha  aobhar  eagail  gur 
beag  an  aìreamh  de  'n  mhuinntir  aosda  tha  air 
an  iompachadh.  Nuair  a  tha  'n  aois  a'  tighinn 
tha  'n  inntinn  a'  fàs  dorcha,  tha  'n  cridhe  'fàs 
cruaidh,  tha  choguis  air  a  losgadh,  tha  saorsa 
'fàs  duilich;  ach  cha  'n'  eil  a  chùis  mar  so  a  thaobh 
na  muinntir  oìge.  Am  bheil  thu  òg  ì  Thàinig 
losa  Criosd  g'  ad  thearnadh. 

Am  bheil  thu  aosda?  Thàinig  E  g'  ad 
thearnadh.  Tha  E  deonach  agus  comasach  air 
do  thearnadh,  air  bruaich  na  siorruidheachd,  ma 
chuireas  tu  do  dhòchas  ann.  Saoraidh  E,  cha'  n 
e  mhain  a'  mhuinntir  òg,  ach  mar  an  ceudna 
mhuinntir  aosda ;  gheibh  eadhon  peacaich  a  chinn 
lèith  ann-san  làn  shaorsa,  "  Tha  E  comasach  air 
an  dream  a  thig  a  dh'  ionnsuidh  Dhe  trìd-san  a 
theàmadh  gu  h-iomlan"  (Eabh.  vii.  25).  "Ma 
dh'  aidicheas  tu  le  d'  bheul  an  Tighearn  losa, 
agus  ma  chreideas  tu  ann  do  chridhe,  gu  'n  do 
thog  Dia  o  na  marbhaibh  e,  gu  'n  saorar  thu ' 
(Rom.  X.  9  ;  Eom  iii.  14,  15). 

Am  bheil  thu  saoibhir  ì  Gidheadh  tha  feum 
agad  aii-  a  thròcaii'-san,  agus  tha  E  comasach  air 


20  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

clo  tliearnadli.  "  Oir  clia  'n'  eil  eadar-dhealacli- 
Adli  eadar  an  t-Iudliacli  agus  an  Greugach ;  oir 
an  t-aon  Tighearn  a  ta  os  ceann  nan  uile,  tha  E 
saoithir  do  na  h-uile  a  ghairmeas  air.  Oir  ge  b' 
6  neach  a  ghairmeas  air  ainm  an  Tighearna, 
tearnar  e  "  (Rom.  x.  1 2,  1 3). 

Am  bheil  thu  bochd  ì  Is  urrainn  E  do  thear- 
nadh.  Cha  chuir  do  bhocdainn  bacadh  sam  bith 
air  do  shaorsa,  ach  's  ann  is  dòcha  i  chuideachadh 
leatha.  Tha  'n  soisgeul,  ann  an  dòigh  ro  shòn- 
raichte  air  a  shearmonachadh  do  na  bochdaibh. 

Am  bheil  thu  beusach?  Tha  feum  agad  air 
saorsa  cho  maith  ris  an  neach  a  's  gràineile  's 
an  t-saoghal.  "  Cha  'n'  eil  neach  a  tha  deanamh 
maith,  cha  'n'  eil  fiu  a  h-aon"  (Rom.  iii.  12; 
1  Righ  viii.  46).  Tha  thu  smuaineachadh  gu  'm 
bheil  fìreantachd  agad,  ach  cha  seas  i  am  fìanuis 
Dhe,  cha  'n'  eil  innte  ach  luideagan  salach.  A 
mach  o  cln-eideamh  ann  an  Criosd,  cha  dean  a 
bhi  dol  gu  riaghailteach  do  'n  tigh-aoraidh,  no 
bhi  'cur  an  gniomh  oibre  beusach,  stà  sam  bith, 
agus  cha  saor  iad  d'  anam  gu  bràth.  "  Ma  tha 
neach  sam  bith  nach  gràdhaich  an  Tighearn  losa 
Criosd,  biodh  e  'na  Anatema  Maranata"  (1  Cor. 
xvi.  22).  Is  e  Criosd  'na  aonar  is  urrainn  do 
shaoradh. 

"  Ann  an  aìte  boidheach  an  aon  de  na  Staidibh 
an  lar,  an  America,  bha  caileag  bheag  a  chòmh- 
nuidh  d  'am  b'  ainm  Anna  Gale.  O  chionn  ùine 
nach  'eil  fada,  bha  i  air  a  treorachadh  gu  gabhail 
ri  losa  mar  a  Slànuighear.  Chualas  's  an  aìte 
gu  lèir  gu  'n  deachaidh  a  h-iompachadh.  Air  là 
àraidh  thàinig  caraid  a  dh'  amharc  air  a  h-athair 


SLANUIGHEAE  AIR  DO  SHON-SA.  21 

's  thuirt  e,  '  Clia  'n'  eil  ann  ach  gnothuch  gnn 
dòigh  a  dh'  Anna  agad-sa  bhi  smiiaineachadh  gu 
'n  deachaidh  a  h-iompachadh.  Bha  i  'n  cbmh- 
nuidh  mar  aingeal  beag.  Cha  chreid  mi  gu  'n 
deanadh  iompachadh  i  dad  na  b'  f  hearr ;  bha  i 
roimhe  maith  gu  leor.  Chreidinn  gu  'n  teagamh 
gu  'n  tugadh  iompachadh  atharrachadh  air  Dan 
Hunter.*  Chuala  Anna  'n  còmhradh  so,  agus 
bha  a  cridhe  gu  mòr  air  a  ghluasad  leis  an  truas 
a  bh'  aice  ri  Dan  bochd.  Bha  fhios  aice  gu  'n 
robh  e  air  aon  de  'n  f  heaghainn  bu  mhiosa  's  bu 
ghràineile  a  b'  urrainn  a  bhi.  Air  dhi  a  bhi 
air  a'  gluasad  le  gràdh  d'  a  anam  chaidh  i  dh' 
ionnsuidh  a'  bhothain  bhochd  anns  an  robh  e  fuir- 
each  's  thbisich  i  air  labhaii't  risgu  ciùin,  caoimh- 
neil,  mu  losa  agus  mu  ghràdh  Dhè  do  cheann- 
feadhna  nam  peacach.  An  dèigh  dhi  beagan  a 
ràdh  mu  'n  atharrachadh  a  thàinig  oirre  an  lorg 
a  h-iompachaidh,  dh'  f  heoraich  i  dheth  an  robh, 
no  nach  robh,  esan  mar  an  ceudna  'na  pheacach, 
agus  an  robh,  no  nach  robh,  feum  aige  air  an 
t-Slànuighear  tre  'n  d'  fhuair  i  fhèin  saorsa. 
Ràinig  na  briathran  so  cridhe  Dhain  bhochd ; 
ghuil  e,  thuit  e  air  a  ghlùinibh,  agus  ghlaodh  e 
mach,  '  A  Thighearna  bi  trbcaireach  do  'n  pheac- 
ach  a  's  mìosa.'  Chuala  Dia  aghlaodh  durachdach, 
aithreachail ;  agus  dh'  fhàg  Anna  e  'moladh  na 
trbcair  a  bha  comasach  air  creutair  cho  gràineil 
risa  n  a  thearnadh.  Bha  nis  mbr  thlachd  aig 
Dan  ann  a  bhi  'g  innseadh  do  na  h-uile  an 
naigheachd  so  mu  ghràdh  Dhe.  Bu  tric  leis  a 
bhi  g  ràdh,  '  Is  e  cheart  shoisgeul  a  bheannaich 
mise,    a    bheannaich  Anna   Gale.     Is    gann   n. 


22  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

gliablias  e  creidsinn — a  leithid  a  pheacach  gràineil 
's  a  tha  mi  ann — ach  's  e  cheart  Thighearna  maith 
a  ghabhas  a'  chlann  bheag  'na  ghairdeanaibh  agus 
a  bheannaicheas  iad,  a  shaoras  ceannfeadha  nam 
peacach  mar  an  ceudna.  Tha  e  fìor.  *' An  ti 
a  thig  a'  m'  ionnsuidh  cha  tilg  mi  air  chor  sam 
bith  a  mach  e."  ' 

Am  bheil  thu  am,aharrach  truaillidh,  agus  ^na 
d'  aon  de  chinn-feadhna  nam  peacach?  Tha  trbc- 
air  ann  eadhon  air  do  shonsa.  Tha  Criosd  araon 
deonach  agus  comasach  air  do  thearnadh,  a  mhain 
ma  chreideas  tu  ann.  Cha  ruig  neach  sam  bith 
a  leas  a  bhi  'n  eu-dòchas,  o  'n  tha  'n  cuireadh  mar 
so,  "  Agus  a  ta  an  Spiorad  agus  a'  bhean  nuadh- 
phòsda  ag  ràdh,  Thig.  Agus  abradh  an  ti  a 
chluinneas,  Thig.  Agus  an  neach  air  am  bheil 
tart,  thigeadh  e.  Agus  ge  b'  e  neach  leis  an  àiU, 
gabhadh  e  uisge  na  beatha  gu  saor"  (Taisb. 
xxii.  17);  agus,  "  Treigeadh  an  t-aingidh  a 
shlighe,  agus  an  duine  eucorach  a  smuainte ; 
agus  pilleadh  e  ris  an  Tighearna,  agus  nochd- 
aidh  e  tròcair  dha ;  agus  ri  ar  Dia-ne,  oir  bheir 
e  maitheanas  gu  pailt"  (Isa.  Iv.  7;  Gniomh 
X.  43).  Mo  charaid  ionmhuinn  na  bi  fo  mhì- 
mhisnich ;  tha  fathast  dòchas  ann  air  do  shon,  oir 
"  glanaidh  fuil  losa  Criosd  a  Mhic  sinn  o  gach 
uile  pheacadh  "  (1  Eoin  i.  7).  Am  bheil  thu  ri 
strìopachas,  ri  mionnaibh,  ri  breugaibh,  ri  misg, 
ri  briseadh  na  Sabaid,  ri  struidhealachd,  agus, 
ma  dh'  fhaodte,  a'  d'  meadhon  air  cridhe  do 
mhàthar  a  bhriseadh  's  air  ceann  liath  d'  athar 
a  thoirt  le  bròn  sìos  do  'n  uaigh  ]  An  dèigh  so 
gu  lèir  faodaidh  tu  maitheanas  f  haotainn.     Faod- 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  23 

aidh  gu  'b.  robli  thii  'na  d'  clireutair  clio  truagh 
's  a  bha  riamh  aii'  thalamh,  gu  'n  do  chùl- 
shleamhnaich  thu  agus  gu  'n  do  pheacaich  thu 
anns  an  doìgh  ro  an-tromaichte,  ach  an  deigh  sin 
gu  leir,  cha  'n'  eil  na  briathran  a  leanas  'gad 
chumail  air  falbh — "  An  ti  a  thig  a'  m'  ionnsuidh 
cha  tilg  mi  air  chor  sam  bith  a  mach  e"  (Eoin 
vi.  37).  Tha  mòran  de  'n  mhuinntir  bu  mhiosa 
bha  riamh  air  an  talamh  a  nis  air  neamh,  air 
dhoibh  a  bhi  air  an  nigheadh  anns  an  "  tobar  a 
dh'  f  hosgladh  do  thigh  Dhaibhidh  air  son  peac- 
aidh  agus  air  son  neò-ghloine"  (Sec.  xiii.  1) — 
mòran  a  bha,  rè  an  cuairt  air  an  talamh,  a'  seinn 
òrain  a'  mhisgeir,  agus  a'  toirt  dùlain  do  Dhia  le 
'm  mionnaibh  gràineil  s  le  'n  toibheum,  ach,  aii' 
dhoibh  creidsinn  ann  an  Criosd,  tha  nis  a  seinn 
maille  r'  an  companaich  air  neamh  òran  na 
muinntir  shaorta,  "  Dhasan  a  ghràdhaich  sinn, 
agus  a  dh'  ionnlaid  sìnn  o  ar  peacaibh  'na  fhuiì 
fèin,  agus  a  rinn  rìghre  dhinn  agus  sagairt  do 
Dhia  agus  d'  a  Athair-san ;  dhasan  gu  robh  glòir 
agus  cumhachd  gu  saoghal  nan  saoghal "  (Taisb. 
i.  5,  6).  Tha  aìte  ann  an  neamh,  a  pheacaich 
bhochd,  air  do  shon.  Tha  gràdh  ann  an  cridhe 
d'  Athar  dhuit.     Cha  till  E  air  falbh  thu. 

Tlia  toil  aige  do  shaoradh  a  nis.  Cha  'n  e 
mhain  gu  'm  faod  thu  bhi  air  do  thearnadh,  ach 
is  miannach  leis  thu  bhi  air  do  thearnadh.  "  Tha 
'n  Tighearn  fad-fhulangach  do  ar  taobh-ne,  gun 
toil  aige  dream  sam  bith  a  bhi  caillte  ach  na 
h-uile  dhaoine  theachd  gu  h-aithreachas"  (2  Phead. 
iii.  9).  "Neach  leis  an  aìll  na  h-uile  dhaoiue 
bhi  aii*  an  tearnadh,  agus  iad  a  theachd  chnm 


24  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA, 

eolais  na  firinn"  (1  Tim.  ii.  4).  "  Feuch  tlia 
mi  a'  m'  sheasamh.  aig  an  dorus,  agus  a'  bualadh ; 
ma  dh'  èisdeas  neach  sam  bith  ri  m'  ghuth,  agus 
gu  'm  fosgail  e  'n  dorus,  thig  mi  a  steach  d'  a 
ionnsuidh,  agus  gabhaidh  mi  mo  shuipeir  maille 
ris  agus  esan  maiUe  riumsa"  (Taisb.  iii.  20). 
"  Tha  mi  saoilsinn,"  arsa  giuUan  beag  ri  mnaoi 
uasail  a  chaidh  g'  a  amharc  do  'n  tigh-eiridinn, 
"  ma  bhàsaich  Criosd  air  ar  son  gur  eiginn  gu  'n 
robh  toil  aige  ar  tearnadh."  Tha  toil  aige  ar 
tearnadh.  Is  ann  air  a  shon  so  a  thug  e  dhuinn 
'fhocal,  an  t-Sabaid  Chriosduidh,  gleachd  a 
Spioraid,  agus  ma  dh'  fhaodte,  caìrdean  Criosd- 
uidh,  pàrantan  diadhaidh,  agus  gach  meadhon 
tròcair  eile.  Ann  an  caochladh  dhoìghean  tha 
E'  bualadh  a  rìs  agus  a  rìs  aig  do  chridhe  air  son 
faighinn  a  steach.  Fad  bhliadhnaichean  tha  E 
air  a  bhi  bualadh ;  agus  a  nis  air  a  cheart 
mhionaid  so  tha  E  feitheamh  fosglaidh.  An 
urrainn  dhuit  a  dhiultadh  ni  's  fhaide  ì 

"  Fosgail  dlia,  oir  riamh  cha  d'  thàinig 
Aoidh  cho  caoimhneil  'ghabhail  taimh  leat ; 
Cha  'n  aithris  teang'  am  mile  cuid  de  'n 
Aoibhneas  a  th'aig  sluagh  'na  chuideachd," 

Cuimhnich,  mur  bi  thu  air  do  shaoradh,  's  i  do 
choire  fliein  a  hhitheas  ann.  Cha  'n  e  beairt- 
innleachd  a  th'  annad ;  ach  tlia  thu  'n  d' 
chreutair  modhannail,  agus  saor.  Tha  Dia  'ga 
ìsleachadh  fhèin  gu  bhi  reusonachadh  riut. 
''  Thigibh  a  nis  agus  tagramaid  r'  a  chèile,  deir 
an  Tighearn ;  ged  robh  'ur  peacanna  mar  an 
scàrlaid  bithidh  iad  geal  mar  an  sneachdadh; 
ged  robh  iad  dearg  mar  chorcur,  bithidh  iad  mar 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  25 

olainn"  (Isa.  i.  18).  Tha  E  cur  fad'  cliomhair 
beatha  agus  bàis,  beannachaidh,  agus  mallachaidh; 
agiis  tha  agad  ri  aon  diu  a  roghnachadh  air 
do  shon  fèin.  "  Roghnaichibh  an  diugh  cò  d'  an 
dean  sibh  seirbhis"  (losua  xxiv.  15).  "  Cia 
fhad  a  bhitheas  sibh  san  iom-chomairr  eadar 
dhà  bharain"  (1  Righ  xviii.  21).  "  An  diugh 
ma  chluinneas  sibh  a  ghuth  na  cruaidhichibh 
bhur  cridhe"  (Eabh.  iii.  7,  8).  An  t-Urr.  I. 
Hunt,  a  bha  na  mheadhon  an  laimh  an  Tigheam 
air  mòr  fheum  a  dheanamh  am  measg  nan  doine 
fiadliaich  am  Fiji,  nuair  a  bha  e  mu  shia 
bliadhna  deug,  thachair  dha  bhi  ro  thinn  le 
fiabhrus  a  chaidh  teann  air  a  bheatha  thoirt  air 
falbh.  Thainig  am  bàs  fa  chomhair'  inntinn, 
agus  maille  ris  a  so  bha  mothachadh  trom  aige 
air  cho  neo-iomchuidh  's  a  bha  e  air  son  na 
siorruidheachd.  Bliadhnaichean  na  dheigh  so, 
air  dha  bhi  labhairt  mu  'n  chùis  thuirt  e, 
"  Smuainich  mi  nach  biodh  e  chum  feim  sam 
bith  dhomh  gealladh  a  thoirt  do  'n  Tighearn  gu 
'n  deanainn  seirbhis  dha  nam  b'  e  's  gu  'n 
caomhnadh  E  mi,  a  chionn  gu  'n  d'  rinn  mi 
geallaidh  dhe  'n  t-seòrsa  uair  'us  uair,  agus  gu  'n 
do  bhris  mi  iad.  'S  i'  n  doìgh  a  chunnaic  mi 
freagarrach  toìseachadh  gun  tuilleadh  dàlach  ri 
seirbhis  a  dheanamh  do  Dhia,  a  reir  an  t-soluis 
a  bh'  a  agam.  Mar  so  thuit  mi  air  mo 
ghlùinibh  's  thoìsich  mi  ri  ùrnuigh.  An  dèigh 
na  h-ùrnuigh,  leugh  mi  mo  Bhìobul  gu  dùrachd- 
ach,  ach  thòisich  mi  ann  an  leabhar  an  Taisbein, 
a  dhrùigh  gu  h-anabarrach  orm  ged  nach  do 
thuig  mi  ach  beagan  de  na  leugh  mi,  do  bhrìgh 


26  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

nach  robh  neach  agam  a  stiùireadh  mi.  Dh' 
abuich  am  mothachadh  a  dhùisgeadh  annam, 
agus  do  'n  do  ghèiU  mi  gu  h-ealamh,  gu  fìor 
iompacliadh,  agus  thàinig  atharrachadh  buan  air 
mo  chridhe." 

C'arson  a  rachadh  tu  dhìth?  C'arson  nach 
biodh  tu  air  do  thearnadh  ì  Na  dean  geallaidh- 
nean  air  son  an  ama  ri  teachd  ;  ach  toìsich  a  nis, 
toìsich  air  a'  mhionaid  so,  dean  seirbhis  do  Dhia 
a  reir  an  t-soluis  a  th'  agad ;  guidh  gu  dùrachd- 
ach  gu  'm  faigheadh  tu  'n  Spiorad  Naomh,  agus 
bithidh  tu  gu  siorruidh  taingeil  air  son  gu  'n  do 
ghèiU  thu  do  dhearbhaidhean  do  chridhe. 

Am  miann  leat  a  hhi  air  do  thearnadhì 
Faodaidh  tu  ràdh,  cha  'n  urrainn  mi  mi-fliein  a 
shaoradh.  Tha  e  fior  nach  urrainn ;  ach'  tha 
Criosd  araon  deonach  agus  comasach  :  a  mhain 
earb  ann.  Chuala  mi  muinntir  ag  ràdh,  "  Oh 
nach  saoradh  Criosd  mi!"  mar  so  a'  labhairt 
mar  nach  biodh  E  deonach  air  an  saoradh.  'S 
mòr  am  mearchd  so  !  Tha  E  nis  ag  ràdh,  "  Oh 
nach  bu  mhiam  leibh  a  bhi  aii'  bhur  tearnadh  ! 
Is  sibh  fhèin  a  tha  ain-deonach  's  cha  mhise." 
'Cha  'n  aìll  leibh  teachd  am  ionnsuidh-sa  chum 
gu  'm  faigheadli  sibh  beatha"  (Eoin  v.  40). 
"  Feuch  Uan  De,  a  ta  toirt  air  falbh  peacaidh  an 
an  t-saoghail"  (Eoin  i.  29).  Am  bheil  thu  'g 
ràdh,  Is  e  creideamh  tiodhlac  Dhe  ?  Tha  e  fìor 
gur  e.  Ach  bheir  E  dhuitse  e  ma  dh'  iarras  tu 
e.  Ann  a  bhi  'g  iarraidh  air,  agus  gu  dùrachdach 
a'  deanamh  oidhirp  bheir  Dia  dhuit  comas  air 
creidsinn.  "  Agus  is  i  so  'aìthne-san,  gu  'n 
creideamaid  ann  an  ainm  a  Mhic  losa  Criosd  " 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  27 

(1  Eoin  iii  23 ;  Eoin  viii.  24).  "  Creid  anns 
an  Tighearn  losa  Criosd  agus  teàrnar  thu" 
(Gniomli  xvi.  31 ;  Eoin  viii.  24;  1  Eoin  v.  10). 
Clia  'n'  eil  E  toirt  aìthne  sam  bith  do  'm  bheil 
e  neo-chomasach  dhuinn  umhlachd  a  thoirt,  ni 
mò  dh'  iarras  E  oirnn  ni  sam  bith  a  dheanamh  a 
tha  neo-chomasach  dhuinn  a  dheanamh — tha  'n 
smuain  aingidh.  Mur  bi  thu  air  do  thearnadh 
bithidh  na  briathran  so  fad  na  siorruidheachd  a 
bioradh  do  choguis,  Cia  minic  a  b'  aìll  leam — 
ach  cha  b'  aìll  leìbh "  (Lucas  xiii.  34).  "  A 
chionn  gu  'n  do  ghairm  mi,  agus  gu  *n  do  dhìult 
sibhse,  gu  'n  do  shìn  mi  mach  mo  làmh,  agus 
nach  d'  thug  duine  sam  bith  an  aire ;  ach  gu  'n 
do  chuir  sibh  an  neo-bhrìgh  m'  uile  chomhairle, 
agus  nach  b'  aìU  leibh  a  bheag  do  m'  achmhasan ; 
ni  mise  mar  an  ceudna  gaìre  ri  'r  sgrios-sa ;  ni 
mi  fanoid  'nuair  a  thig  bhur  n-eagal "  (Gnath. 
i.  24-26). 

CUIN  A  THA  E  TEAKNADH  ì  'S  na  h- 
uile  aimsir,  agus  's  na  h-uile  àm.  Tha  dorus 
tì'ocaire  fosgailte  gu  farsuinn  a  là  agus  a  dh* 
oidhche.  Chaidh  sluagh  mòr  nach  urrainn  duine 
aìreamh  a  steach  mar  tha,  agus  aig  an  àm  so  tha 
na  mìltean  a'  dlùthachadh  a  steach.  'S  i  do 
k)heatha-sa  tighinn ;  tha  cuireadh  agad  gu  dhol  a 
steach  a  nis. 

Chaidh  nighean  bàntraìch  bhochd  air  seachran 
ann  an  slighibh  a  pheacaidh  agus  dh'  fhàg  i 
bothan  a  màthar.  Cha  robh  aig  a  màthair  ach 
a  bhi  'g  ùrnuigh  le  mòr  dhùrachd  agus  le  creid- 
eamh ;  's  cha  robh  a  saothair  an  diomhain 
Chuala  Esan  a  chluinneas  glaodh  na  muinntir 


28  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

sliàruichte  glaodh  na  bàntraich  bhochd.  Air  do 
'n  nighinn  a  bhi  air  a  gluasad  le  mothuchadh  air 
a  peacadh,  agus  air  dhi  a  bhi  mi-fhoisneach  gus 
am  faigheadli  i  air  ais  an  t-sìth  sin  air  an  robh  i 
nis  na  coigreach,  anamoch  oidhche  àraidh  }Dhill  i 
dhachaidh.  Bha  e  faisge  air  meadhon-oidhche, 
agus  bha  ioghnadh  oirre  an  dorus  fhaotainn  gun 
ghlasadh.  "  Mo  leanahh,^'  ars'  am  màthair,  "  cha 
deachaidh  an  dorus  a  ghlasadh  a  là  no  dN  oidh- 
che  o  'n  dh'  fhalhh  thu.  Bha  fhios  agam  gu  'n 
tigeadh  tu  là-eigin  dhachaidh,  s  cha  rohh  toil 
agam  do  chicmail  a'  feitheamh  aon  mhionaicV 
Cia  cho  mòr  's  tha  'n  sgeul  beag  so  a'  cur  fa  'r 
comhair  caomh  thrbcair  agus  gràdh  ar  n-Athar 
air  neamh,  agus  air  cho  deonach  's  a  tha  E  air 
sinne  'chaidh  air  seachran  a  ghabhail  air  ais  d'  a 
ionnsuidh  !  "  Tha  thusa,  Thighearn,  maith  agus 
iochdmhor,  agus  pailt  ann  an  tròcair  dhoibhsan 
uile  a  ghairmeas  ort"  (Salm  Ixxxvi.  5).  A 
leughadair,  cuimhnicli  gu  'm  bheil  Dia  a  nis  a' 
cur  doruis  fhosgaiUe  romhad  (Taisb.  iii,  8). 
Tha  e  farsuinn  fosgailte  a  là  agus  a  dh'  oidhche. 
Cha  chum  E  mionaid  a'  feitheamh  thu.  Gun 
dàil  sam  bith  rach  a  steach  le  bhi  'g  earbsadh 
mhain  ann  an  Criosd.  Na  dean  dàil  gus  an  tèid 
là  nan  gràs  seachad  agus  am  bi  dorus  tròcaire  air 
a  dhùnadh  gu  bràth.  Bithidh  e  iuilleadh  'us  an- 
amoch  an  uair  sin. 

CAÌTE  AM  BHEIL  E  TEARNADH] 
Air  muir  no  air  tìr,  aig  an  tig  no  o  'n  tigh,  a' 
seasamh  no  a'  suidhe,  anns  an  eaglais  no  as  an 
eaglais ;  anns  na  h-uile  aìte — rè  gach  ama.  Cia 
b'  e  aite  air  bith  anns  am  bheil  anam  a'  glaodh- 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  29 

aicli  airson  tròcaire  thu  E  làthair  gu  èisdeachd, 
agus  tearnaidh  E.  Tha  E  tearnadh  a  nis.  Is  e 
so  an  t-àm  sònraichte.  Dìreach  far  am  bheil 
thu ;  cha  ruig  thu  leas  do  shuidheachadh  atharr- 
achadh,  no  feuchainn  ri  do  staid  atharrachadh, 
chum  gu  'm  biodh  tu  air  do  thearnadh.  Cha 
ruig  thu  leas  feitheamh  mionaid  ni  's  fhaide. 
Dh'each  gabh  Dia  aig  fhocah  Cha  'n'  eil  agad 
ach  innis  a  dli'  losa  'de  tha  thu,  's  'd  e  tha  dhìth 
ort.     Earb  ann  agus  is  leat  saorsa. 

Ann  am  baile  beag,  air  taobh  na  h-aird  a  tuath 
de  Lunnain,  bha  bean  bhochd  dhiadhaidh  a'  fuir- 
each.  Coltach  ris  a'  chuid  eile  de  'n  chinnedaona, 
tliachair  iomadh  trioblaid  rithe ;  ach  an  còmh- 
nuidh  bha  Caraid  aice  aig  an  robh  comh-fhair- 
eachadh  rithe  agus  a  dheanadh  cuideachadh 
leatha.  Nuair  a  bha  i  air  a  leagadh  sìos  le 
tinneas  agus  a  dlùthachadh  ris  a'  bhàs  cha  robh  i 
troimh  a  chèile,  's  cha  mhò  bha  eagal  oirre ;  oir 
cheana  rinn  i  uHuchadh  airson  an  ama,  agus 
cha  d'  thàinig  a  cliùis  gu  h-obann  oirre.  Mar 
a  thàinig  solus  na  grèine  d'  a  seomar-cadail  bha' 
gathan  a'  tuiteam  air  aghaidh  a  bha  air  a  lasadh 
suas  le  aoibhneas.  Bha  i'  faothachadh  a  chràidh 
agus  a'  cur  seachad  na  h-ùine  le  brain  mholaidh. 
Air  feasgar  grianach,  thaoghail  ministeir  an  aìte 
ga  faicinn  agus  a  dh'  fhaighneachde  'de  mar  a  bha 
i  "  Tha  'n  lighiche  ag  innseadh  dhomh,"  ars' 
am  ministear,  "  nach  urrainn  dhuit  a  bhi  fada 
beo,  agus  gu  'm  faod  am  bàs  tighinn  ort  ann 
tiotadh."  "  Mata,"  ars'  a'  bhean,  "tha  mi  deas 
gu  falbh.  Cha  'n'  eil  eagal  orm."  "  'D  e  !  'n  e 
nach  'eil   eagal  ort   a  dhol  an   làthair   an  De 


30  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

naoimli?"  dh'  fhaighnich  am  ministear.  "Cha 
'n'  eil,  buidheachas  do  'n  Tighearna,  cha  'n'  eil 
eagal  orm,"  fhreagair  a  bhean  bhochd  thinn. 
"  'D  e  !  nach  'eil  eagal  ort  a  dhol  'na  làthair  'n 
ad  neart  fhèin,"  ars'  am  ministear.  ''  Tha  eagal 
orm,"  ars'  ise,  "  dhol  'na  làthair  'nam  neart  fhein  ; 
ach  cha  deanainn,  's  cha  dean  mi,  dhol  'na  làthair 
'n  am  neart  f  hein — 

*'  Luach  a'  m'  laimli  cha  toir  mi  leam, 
Dhe  d'  chrann-ceusaidh  ni  mi  grein," 

Nach  uasal  an  f  hianuis  so  air  an  dòigh  anns  an 
tabhair  creideamh  ann  an  losa  neart  agus  comh- 
f hurtachd  seachad.  Cha  robh  ni  a  dh'  fhein- 
fhìreantachd  an  so  ach  Criosd  a  mhain — a  bhàs 
agus  a  thoillteanas.  Am  blieil  thu  'g  earbsadh 
ann  an  Criosd,  a'  greimeachadh  ris  a'  chranu, 
a  leigeadh  do  thaic  air  losa  air  son  saorsa  !  Eìsd 
ma  tha  r'  a  ghuth  gràidh.  Biodh  deadh  mhisneach 
agad,  a  ta  do  pheacanna  air  am  maitheadh  dhuit " 
(Mata  ix.  2).  "  Is  mise,  mise  fein,  csan  a 
dhubhas  d'  euceartan  as,  air  mo  sgàth  fèin  ;  agus 
do  lochdan  cha  chum  mi  air  chuimhne  "  (Isa. 
xliii.  25;  Eabh.  viii.  12). 

Is  e  Criosd  's  cha  neach  sam  hith  eile  is  urrainn 
tearnadh.  "  Agus  cha  'n'  eil  slàinte  ann  an 
neach  air  bith  eile ;  oir  cha  'n'  eil  ainm  air  bith 
eile  fo  nèamh  air  a  thoirt  am  measg  dhaoine,  tre 
am  feud  sinn  a  bhi  air  ar  tearnadh  "  (Gniomh 
iv.  12;  1  Cor.  iii.  11).  Tha  cuid  a'  feuchainn  ri 
iad  fhèin  a  thearnadh  le  trasgadh,  le  peanas,  le 
ernuighibh,  le  bhi  dol  do  'n  eaglais  's  le  nithibh 
uile ;  ach  is  ni  dìomhain  so  gu  lèir ;  Is  e  Criosd, 
agus  Criosd  a  mhàin,  ìs  urrainn  tearnadh. 


SLANUIGHEAK  AIR  DO  SHONSA.  31 

!     Ri  linn  Eanriùg  YITI.,  bha  oileanacli  òg  ann 

!  an  Camhridge,  d'  am  b'  ainm  Bilney.     Tliàinig  e 

gu  bhi  fo  mhòr  chùram  mu  dheidhinn  anma. 

Bha  na  sagairt  ag  iarraidh  air  a  bhi  ri  trasgadh, 

ri  peanas,  s  ri  nithibh  de  'n  t-seorsa,  ach  's  ann 

'  a  dh'  f  hàs  e  ni  bu  mhiosa  's  ni  bu  mhiosa.     Mu 

i  dheireadh  thachair  gu  'n  d'  fliuair  e  greim  air 

1  an  Tiomnadh  Nuadh,  agus  dhùin  e  e-fhèin  suas 

':  'na  sheomar  a  chum  's  gu  'n  leughadh  se  e.     Mar 

a  bha  e*  leughadh  thàinig  e  dh'  ionnsuidh  nam 

!  briathran,  "  Is  fìor  an  ràdh  so,  agus  is  airidh  e 

1  air  gach  aon  chor  gabhail  ris,  gu  'n  d'  thàinig 

losa  Criosd  do  'n  t-saoghal  a  thearnadh  pheac- 

I  ach."     Leig  e  sios  an  leabhar  gu  smuaineachadh 

I  air  ciod  e  leugh  e.     Tha  e  'g  innseadh  mu  'n 

i  òoradh  a  thug  na  briathran  so  a  mach  :    "  Tre 

theagasg  Dhe  an  taobh  a  stigh  dhiom,  rinn  an 

aon  rann  so  mo  chridhe  cho  aoibhinn,  s  gu  'n  d' 

fhuair  mi  sith  an  ùine  ghearr,  ged  a  bha  mi 

roimhe  sin  an  eu-dochas.    Tha  Criosd  a'  tearnadh ! 

Tha  Criosd  a'  tearnadh  !"     0  'n  àm  sin  thòisich 

e  air  searmonachadh  an  ''  deadh  sgèil,"  agus  mu 

dheireadh  dh'  fhuiling  e  'm  bàs  mar  fhianuis 

i  dhìleis. 

CIA  MAR  A  THA  E  TEARNADH1 
Gu  caoimhneil,  gu  caomhail,  gun  chronachadh ; 
gu  cridheil,  le  sòlas,  le  gràdh ;  cha  'n  ann  mar 
gu  'm  biodh  E  paigheadh  felch  nach  robh  toil  aige 
phàigheadh;  Cha  'n  ann  ag  innseadli  dhuit  a 
mheud  's  a  chosg  e  dha  do  shaorsa  chosnadh ; 
Cha  'n  ann  ag  innseadh  dhuit  gur  maith  an 
airidh  thu  dh'  fhulang.  Oh,  Cha  'n  ann ;  tha  E 
tearnadh  le  a  làn  thoil.     Grad  rach  d'  a  ionn- 


32  SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

suidli.  Ni-h-eadh,  tlia  E  ri  do  thaobh,  a'  feith- 
eamh  gus  an  leig  thu  dha  dhol  a  steach  do  d* 
chridhe.  Tha  E  gabhail  tlachd  ann  an  tròcair 
(Micah  vii.  18,  19).  Tha  E  feitheamh  gu  bhi 
gràsmhor  (Isa.  xxx.  18,  19).  Tha  E  gabhail 
fadachd  gus  am  pill  thu  d'  a  ionnsuidh.  Is  iad 
a  bhriathran,  "  Cionnus  a  bheir  mi  thairis  thu" 
(Hpsea  xi.  8).  Ge  b'  e  air  bith  a  tha  'g  amharc 
gu  suarach  air  do  phiUeadh,  Cha  'n'  eil  losa  mar 
sin.  Cha  'n'  eil  an-earbsa  no  amhrus  'na  chridhe. 
Bithidh  E  deas  gu  failte  chridheil  a  chur  ort, 
g3,bhaidh  d'  a  ionnsuidh  thu  le  sòlas,  Coinnichidh 
E  thu  air  an  t-slighe,  bheir  E  pòg  ghràidh  dhuit, 
glacaidh  E  thu  'n  a  uchd,  agus  leigidh  E  dhuit 
fhaireachadh  mar  tha  'chridhe  a'  bualadh  le 
blàths  dhuit.  Nuair  tha  thu  'n  a  ghlacaibh 
leigidh  E  dhuit  fhaireachadh  gu  'm  bheil  gach  ni 
ceart  a  nis. 

Tha  cuid  ann  a  tha  rùnachadh  a  bhi  air  an 
tearnadh ;  ach  thu  iad  a'  smuaineachadh  gu  'm 
feuch  iad  ri  iad  fhein  a  dheanamh  ni  's  ftiearr 
mu  'n  tìg  iad  gu  Criosd,  gu  'n  sguir  iad  de  'n 
pheacadh,  agus  an  sin,  gu  'n  tig  iad.  A  charaid 
ionmhuinn,  an  e  so  do  shuidheachadh-sa  ?  Cha 
'n  urrainn  thuthu-fhein  a  dheanamh  ni'sfhearr. 
Nam  b'  urrainn  thu  thu-fhèin  a  thearnadh  cha 
bhiodh  feum  agad  air  Slànuighear.  Ma  's 
urrainn  thu  ni  sam  bith  a  dheanamh  a  chum 
thu-fhein  a  thearnadh  feumaidh  pairt  a  chliù 
Chriosd  a  bhi  agad.  Ach  cha  'n  urrainn  thu ; 
is  iad  do  pheacanna  agus  do  laigse  tha  'g  ad 
dheanamh  freagarrach  air  son  Chriosd.  Thàinig 
E  shaoradh  na  muinntir  chaillte.     Ma  tha  thu 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  33 

caillte  's  e  sin  do  bharrantas  air  son  a  blii  'g 
earbs'  ann  airson  slàinte.  Tha  cuid  ann  nach 
'eil  a'  faotainn  comh-fhurtachd  d'  an  anmaibh,  do 
bhrìgh  gu  'm  bheil  iad  a  toirt  trioblaid  orra  fhein 
le  teagasgaibh  's  le  beachdaibh  mu  dhiadhachd  a 
tha  buailteach  air  a  bhi  fàgail  an  inntinnean 
dorcha  agus  troimh  a  chèile ;  tha  iad  ann  an 
teagamh  co  dhiu  ghabh  iad  aithreachas  fior — co 
dhiù  tha  e  a  reir  an  lagha  's  cha  'n  ann  a  rèir  an 
t-soisgeil ;  co  dhiù.  tha  'n  creideamh  de  ghne 
cheirt,  agus  co  dhiù  is  e  eagal  tràilleil  a  th'  orra 
's  cha  'n  e  fior  eagal  De.  Mo  charaid  ionmhuinn, 
cha  'n'  eil  dad  agad  r'  a  dheanamh  mu  'n  chaoch- 
ladh  bharailean  's  mu  'n  doìgh  anns  am  bheil  cuid 
a'  feuchainn  ri  solus  a  chur  air  creideamh,  gràdh, 
eagal,  agus  iomadh  ni  eile.  'S  e  tha  agad-sa  gu 
lèir  ri  hi  smuaineachadh  air,  gu  'm  bheil  thu 
'n  ad  pheacach  bochd,  caillte,  agus  gu'm  bheil 
feum  agad  air  Slànuighear ;  agus  tha  Aon  an  so 
a  tha  anns  na  h-uile  doìgh  freagarrach  dha  d' 
chor — tha  E  comasach,  deas,  agus  deonach  air 
maitheanas  a  thoirt  duit  agus  do  bheannachadh 
air  a'  mhionaid  so ;  agus  tha  'n  sgeul  aoibhneach 
so  air  a  chur  thugad  le  Dia,  a  chum  comh-fhurt- 
achd,  solas,  agus  sonas,  a  thoirt  duit. 

Air  là  àraidh  chaidh  leth-linn  d'  am  b'  ainm 
loseph,  a  dh'  eaglais  an  Olla  Chalamy,  agus 
chuala  e  air  son  na  ceud  uaire  gu  'n  *'  thainig 
losa  Criosd  do  'n  t-saoghail  a  thearnadli  pheac- 
ach,"  eadhon  an  ceann-feadhna.  Ghabh  an  ràdh 
so  greim  air  a  chridhe,  agus  'nuair  a  bha  o  dol 
dliachaidh  le  'eallach  air  a  dhruim,  bha  e  sìor 
ràdh  ris  fhein,  "  Cha  chuala  loseph  a  leithid  sid 


34  SLANUIOTIEAR  ATR  DO  SIION-SA. 

a  naigheachd  riamh  roimhe ;  thàinig  losa  Criosd, , 
an  Dia  a  rinn  na  h-iiile  nithe  do  'n  t-saoghal 
thearnadh  pheacach  mar  a  tha  loseph  ;  agus  tha  i 
so  f ìor — is  ràdh  iiòr  e  !  "  So  gu  leir  na  bh  'aige  5 
dhe  'n  t-soisgenl,  ach  bu  leor  e  airson  beatha  agus  t 
bàis.  Ach  bha  a  choimhearsnaich,  air  dhoibh  > 
a  bhi  'ga  chluinntinn  ag  aithris  nam  briathran  so  > 
an  còmhnuidh,  fo  eagal,  mar  a  tha  aobhar 
againn  a  bhi  creidsinn  a  tha  mòran  fathast,  gu 
robh  e  na  ni  cunnartach  a  bhi  tarruing  ar  comh- 
fhurtachd  o  losa  mhain,  agus  bhiodh  iad  ag  ràdh 
ris  an  duine,  bhochd  aig  àm  a  bhàis.  "  Ach  de 
th'  agad,  loseiph,  ri  ràdh  mu  d'  chridhe  fhèin  ì 
An  e  nach  'eil  comharra  maith  air — an  e  nach 
d'  thàinig  atharrachadh  air  ì  an  do  dhùin  thu  ri 
Criosd  le  creideamh  gniomhach  ann  ? "  Air  do 
loseph  a  bhi  air  a  theagasg  le  Spiorad  Dhe, 
fhreagair  e,  "  Ali,  cha  'n'  eil,  cha  'n  urrainn 
loseph  ni  a  dheanamh ;  cha  'n'  eil  aig  loseph  ri 
ràdh  mu  thimchioll  fhèin  ach  gur  h-e  ceann- 
feadhna  nam  peacach;  gidheadh  o'n  is  ràdh  fior 
e,  gu  'n  d'  thàinig  losa,  a  rinn  na  h-uile  nithean, 
a  chum  an  t-saoghail  a  thearnadh  pheacach, 
carson  nach  feud  loseph,  an  dèigh  na  h-uile  rud, 
a  bhi  air  a  thearnadh."  Duine  sona  !  a  fhuair  a 
shonas  gu  lèir  ann  an  so ;  agus  is  sona  iadsan 
nach  'eil,  mar  nach  robh  esan,  ag  iarraidh  no 
'gabhail  comh-fhurtachd  ach  na  bheil  a  tighinn 
o  Chrìosd  ! 

"  Feumaidh  creideamh  a  bhi  ann,  cha  'n  ann 

•  gu  sìth  a  cheannach,  no  thoilltinn,  no  fhaotainn, 

ach  a  mhain  gu  a  leigeadh  a  stigh ;  dìreach  raar 

a  dh'  fheumas  fosgladh  a  bhi  air  an  t-sùil  a  chum 


SLANUIGHEAR  AIR  DO  SHON-SA.  35 

an  solus  a  tha  cheana  dearita  a  leigeadh  a  steach. 
Is  e  creideamh  fosgladli  na  sul'  ud.  Is  e  creideamh 
a  bhi  'g  amharc  ris  an  t-Slànuighear  a  tha  toirt 
comh-fhurtachd  dhuinn.  Tha  bhi  faicinn  losa 
toirt  air  falbh  ar  peacanna,  'gar  lionadh  le  sìth, 
agus  aoibhneas,  agus  dochas,  agus  gràdh." 

'A  leughadair  ionmhuinn,  na  cuir  dragh  ort 
fhein  mu  thimchioll  do  chridhe  chruaidh  no  ni 
sam  bith  eile.  Ma  tha  thu  'n  ad  pheacach,  agus 
feum  agad  air  tròcair,  tha  an  so  sgeul  aoibh- 
neach  air  do  shon.  Thàinig  criosd  g'ad  thearnadh. 
ÌNach  maith  an  naigheachd  sin  %  Ciod  tuilleadh 
a  tha  dhìth  ort  1  Leigidh  an  naigheachd  mhaith 
jso,  ach  a  mhain  creid  i,  neamh  a  steach  do  d' 
chridhe.  Oh,  cho  faisge,  cho  saor,  cho  simplidh 
's  a  tha  'n  gràs  so  !  Cha  'n'  eil  neach  sam  bith 
air  a  dhùnadh  amach  o  bhi  gabhail  pàirt  ann ; 
cha  'n'  eil  neach  sam  bith  air  a  bhacadh  ach 
iadsan  a  bhacas  iad  fhein.  Tha  e  ann  am 
Imeadhon  nan  uile  ;  tha  e  air  son  feim  nan  uile  ; 
Itha  e  saor  do  na  h-uile  ;  is  i  so  an  doìgh  air  son 
fhaotainn,  "  Amhaircibh  riumsa  agus  bithibh  air 
bhur  tearnadh"  (Isa.  xlv.  22).  "  Eisdibh,  agus 
mairidh  'ur  n-anma  beo"  (Isa.  Iv.  3). 

Charaid  ionmhuinn — aon  fhocal  eile.  Am 
ìmiann  leat  a  bhi  air  do  thearnadh  1  Feumaidh 
tu  bhi  air  do  thearnadh  an  uine  ghearr,  air  neo 
;cha  blii  thu  air  do  thearnadli  idir.  Cha  mhair 
là  nan  gràs  gu  bràth.  Cha  bhi  Spiorad  Dhe  a 
strì  ris  an  duine  an  còmhnuidh.  Air  a'  mhionaid 
80  tha  Dia  a'  feitheamh  gu  bhi  gràsmhor.  Oh, 
am  niianii  leat  a  hhi  air  do  tJiearnadh  ì 

Am   bi  thu  air  do  thearnadh'?     Tha  dòchas 


36  SLANUIGriEAR  AIR  DO  SHON-SA. 

agam  gu  'm  bi.  Tlia  iomadh  a'  guidlie  gii  'm 
biodli.  Tha  Dia  a'  cuireadh;  tha  tròcair  a 
gairm  ;  tha  ifrinn  a'  bagairt.  Tha  do  shuidh- 
eachadh  ro  chud-thromach.  Cha  'n  urrainn  staici 
neach  sam  bith  a  bhi  ni  's  cudthromaiche.  Ma 
bhàsaicheas  tu  ann  ad  pheacannaibh  ni  thu  bròr 
mu  dhekeadh.  Tha  Cecil  ag  ràdh,  '^  Is  e  ifrinri 
an  fhìrinn  fhaicinn  nuair  a  tha  e  ro  anamoch 
An  e  nach  f  haic  thu  'n  f  hìrinn  ann  an  àm  gu  bhi 
air  do  thearnadh  leatha  %  Tha  mi  faighneachd  a 
rìs — agus  faodaidh  e  bhi  gur  h-i  so  an  uair  mu 
dheireadh  a  chuireas  duine  cheisd  ort — Am  bi 

THU  AIR  DO  TIIEARNADH  ] 

"  IS  FIOR  AN  RÀDH  SO,  AGUS  IS  AIRIDH  E  AIR 
GACH  AON  CHOR  GABHAIL  RIS,  GU  'n  d'  THÀINIG 
losA  Criosd  DO  'n  T-SAOGHAL  A  THEARNADH 
pheacach"  (1  Tim.  i.  15). 

"  A  TA  MI  'g  innseadh  dhuibh  deadh  sgeil 

MHÒR-AOIBHNEIS.    .    .    .    OlR  RUGADH  DHUIBH   AN 
DIUGH    SlInUIGHEAR   .    .    .    NEACH   A'S   E    CrIOSD 

AN  Tighearna"  (Lucas  ii.  10,  11). 

"  Chuala  sinn  fein  E,  agus  a  ta  fhios 

AGAINN  GUR  E  SO  DA  EIREADH  CrIOSD,  SlÀNUIGH- 

EAR  AN  t-saoghail"  (Eoin  iv.  42). 

"  Agus  chunnaic  sinn  agus  tha  sinn  a  dean- 
amh  fanuis,  gu  ^n  do  chuir  an  t-Athair  am  Mac 
uaith  mar  Shlànuighear  an  domhain^^  (1  Eoin 
iv.  U). 

"  Cionnus  a  thèid  sinne  as,  ma  ni  sinn  dimeas 
air  slàinte  co  mòrV^  (Eabh.  ii.  3). 

A'  CHRIOCH. 


5r