(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Tiomnadh Nuadh ar Tighearna agus ar Slanuighir Iosa Criosd : eadar-theangaichte o'n Ghreugais chum Gaelic Albannaich"

National Library of Scotland 




*B000501434* 



TIOMNADH NUADII 



TIGHEARNA AGUS AR SLANUIGHIR 

lOSA CRIOSD, 



EADAR-THEANGAICHTE 

CN GHREUGAIS CHUM GAELIC ALBANNAICH. 



LONDON: 

PRINTED FOR THE BRITISH AND FOREIGN BIBLE SOCIETY, 

INSTITUTED IN THE YEAR 1804: 
BY A. AND G. A. SPOTTISWOODE, NEW-STREET-SQUAKE. 
MDCCCLV, 




jLAURlGTON CASTLE 
iLIBRARYACCESSIUN 



I 



LEABHRAICHEAN 

AN 

TIOMNAIDH NUAIDH. 



CAIB. 

Soisgeul Mhata, anns am bheil - - - 28 
Soisgeul Mharcuis - - -- -- -16 

Soisgeul Lucais - - -- -- --24 

Soisgeul Eoin - -- -- -- -21 

ftnìomhara nan Abstol . . - - . 28 
Litir Phbil chum nan Romhanach - - 16 

I. Corintianach - -..--.-16 

II. Corintianach .....--13 
Galatianach - -- -..... 6 
Ephesianach - Q 
Philipianach 4 
Colosianach - 4 



I. Litir Phòil chum nan Tesalonianach, 5 

II. Litir Phòil chum nan Tesalonianach, 3 



I. Timoteuis 

II. Timoteuis 
Tituis - - 
Philemoin 
Eabhruidheach 
Litir Sheumais 
Litir I. Pheadair 
Litir II. Pheadair 
Litir I. Eoin 
Litu' II. Eom - 
Litir III. Eoin 
Lith- ludais 
Taisbeanadh Eoin 



Digitized by the Interhet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/tiomnadhnuadhart1855brit 



AN SOISGEUL 

A REIR 



M H A T A. 



CAIB. I. 

1 Sinnsearachd, 18 gineamhuinn, 21 hreith, 
23 agus nùneachadh ainm Chriosd. 

LEABHAR ginealaich losa 
Crìosd, mliic Dhaibhidli, 
mliic Abrahaim. 

2 Ghin Abraham Isaac, agus 
ghin Isaac lacob, agus ghin lacob 
ludas agus a bhràithrean. 

3 Agus ghin ludas Phares agus 
Sara o Thamar, agus ghin Phares 
Esrom, agus ghin Esrom Aram. 

4 Agus ghin Aram Aminadab, 
agus ghin Aminadab Xaason, 
agus ghin Naason Salmon. 

5 Agus ghin Salmon Boos o 
Rachab, agus ghin Boos Obed o 
Rut, agus ghin Obed lese. 

6 Agus ghin lese Daibhidli an 
rìgh, agus ghin Daibhidh an rìgh 
Solomon o 'n mhnaoi a hha aig 
Urias. 

7 Agus ghin Solomon Roboam, 
agus ghin Roboam Abia, agus 
ghin Abia Asa. 

8 Agus ghin Asa losaphat, agus 
ghin losaphat loram, agus ghin 
loram Osias. 

9 Agus ghin Osias loatam, agus 
ghin loatam Achas, agus ghin 
Achas Esecias. 

10 Agus ghin Esecias Manases, 
agus ghin Manases Amon, agus 
ghin Amon losias. 

1 



11 Agus ghin losias lechonias 
agus a bhràithre, mu àm an 
giùlain do Bhabilon. 

12 Agus an dèigh an toirt do 
Bhabilon, ghin lechonias Sala- 
tiel, agus ghin Salatiel Serobabel. 

13 Agus ghin Serobabel Abiud, 
agus ghin Abiud Eliacim, agus 
ghin Eliacim Asor. 

14 Agus ghin Asor Sadoc, agus 
ghin Sadoc Achim, agus ghin 
Achim Eliud. 

15 Agus ghin Eliud Eleasar, 
agus ghin Eleasar Matan, agus 
ghin ]Matan lacob. 

16 Agus ghin lacob loseph fear 
^Nlhuire, o 'n d' rugadli losa, d" an 
goirear Crìosd. 

17 Uime sin na h-uile ghineal- 
aich o Abraham gu Daibhidh, 
is ceithir ginealaich deug iad ; 
agus o Dhaibhidli gu bruid Bha- 
biloin, ceithir ginealaich deug ; 
agus o bhruid Bhabiloin gu 
Crìosd, ceithir ginealaich deug. 

18 Agus mar so bha breith 
losa Crìosd : oir an dèigh do 
cheangal-pòsaidh bhi air a dlièa- 
namh eadar a mhàthair ^luire 
agus loseph, roimh dlioibh teachd 
cuideachd, fhuaradli torrach i 
o 'n Spiorad Naomh. 

19 Acli air bhi do loseph a fear 
na dhuine cotliromach, agus gun 

B 



MATA, 1. II. 



toil aige ball-sampuill a dhèan- 
amh dh' i, bu mhiann leis a cur 
uaith os losal.^ 

20 Ach ag smuaineachadh nan 
nithe sin dha, feuch, dh'fhoill- 
sich aingeal an Tighearn e fèin 
da ann am bruadar, ag ràdh, A 
loseph, a mhic Dhaibhidh, na 
biodh eagal ort do bhean Muire 
a ghabhail a d' ionnsuidh : oir an 
ni a ta air a ghineamhuin innte, 
is ann o'n Spiorad Naomh e. 

21 Agus beiridh i mac, agus 
bheir thu losa mar ainm air ; 
oir saoraidh^ e a shluaghfèino'm 
peacaibh. 

22 (Agus rinneadh so uile 
chum gu coimhliontadh an ni a 
thubhairt an Tighearna leis an 
fhàidh, ag ràdh, 

23 Feuch, bithidh maighdean 
torrach, agus beiridh i mac, agus 
bheir iad Emanuel mar ainm 
air, is ionnan sin r' a ràdh, air 
eadar-theangachadh, Dia maille 
ruinn.) 

24 Agus air mosgladh do loseph 
as a chodal, rinn e mar a dh'iarr 
aingeal an Tighearn air, agus 
ghabh e d' a ionnsuidh a bhean : 

25 Agus cha d' aithnich e i gus 
an d' rug i a ceud-ghin mic ; 
agus thug e losa mar ainm air. 

CAIB. II. 

1 Thiig na druìdhean urrani do Chrìosd: 
14 Theìch loseph leis do'n Eiphit, 16 agus 
mharhh Herod na leanabana. 

AGUS an uair a rugadh losa 
ann am Betlehem ludea, 
ann an làithibh Heroid an rigli, 
feuch, thàinig druidhean^ o 'n 
àird an ear gu lerusalem, 

' an uaignidheas. ' slànuichidh. 
' daoine glice. 
2 



2 Ag ràdh, C'àit am bheil rìgh 
sin nan ludhach a ta air a 
bhreith? oir chunnaic sinne a 
reult san àird an ear, agus a ta 
sinn air teachd a thabhairt aor- 
aidh* dha. 

3 An uair a chual Herod an 
rìgh sin, bha e fo thrioblaid^, 
agus lerusalem uile maille ris. 

4 Agus air cruinneachadh nan 
àrd-shagart uile dha, agus 
sgrìobhaichean an t-sluaigh, dh'- 
fheòraich e dhiubh c'àit an 
robh Crìosd gu bhi air a bhreith. 

5 Agus thubhairt iad ris, Ann 
am Betlehem ludea : oir mar so 
sgrìobhadh leis an fhàidh, 

6 Agus thusa Bhetlehem an 
tìr ludah, cha tu idir a 's lugha 
am measg cheannard^ luda : oir 
asadsa thig Uachdaran a stiùras 
mo shhiagh IsraeL 

7 An sin, air do Herod na 
druidhean a ghairm os ìosal d' a 
ionnsuidh, gheur-fhiosraich e 
dhiubh cia an t-àm an d'fhoill- 
sicheadh an reult. 

8 Agus chuir e iad gu Betle- 
hem, agus thubhairt e, Imichibh, 
agus iarraibh gu dìchiollach an 
naoidhean; agus an dèigh dhuibh 
'fhaotainn'', innsibh dhomhsa e, 
chum gu racham-sa fèin, agus 
gu dèanam aoradh dlia. 

9 Agus an uair a chual iad an 
rìgh, dh'imich iad ; agus, feuch, 
chaidh an reult a chunnaic iad 
san àird an ear rompa, gus an 
d'thàinig i agus gu 'n do stad i 
os ceann an ionaid an robh an 
naoidhean. 

10 Agus an uair a chunnaic 

onoir. * air a hhuaireadh. 

^ phrionnsadh. ^ fhaghail. 



MATA, 



II. III. 



iad an reult, rinn iad gàirdeach- 
as le h-aoiblineas ro mhòr. 

11 Agus air dol a steach dlioibh 
do"n tigh, fliuair iad an naoidh- 
ean maille ^ r' a mhàthair Muire, 
agus thuit iad sios, agus rinn iad 
aoradli dha : agus air fosgladli 
an ionmhas dhoibh, thug iad dha 
tiodlilacan ; òr, agus tùis, agus 
mirr. 

12 Agus air faotainn rabhaidli 
Dhia ann am bruadar, gun iad 
a philltinn a dh'ionnsuidli He- 
roid, chaidh iad d'an dùthaich 
fèin air slighe eile. 

13 Agus an uair a dhlmich 
iad air an ais, feuch, nochdadh 
aingeal an Tighearna do loseph 
ann am bruadar, ag ràdh, Eirich, 
agus gabh an ndoidhean agus a 
mhàthair, agus teich do'n Eiphit, 
agus bì an sin gus an labhair 
mise riut: oir iarraidli Herod 
an naoidhean g' a mhilleadli. 

14 Agus dh'èirich e, agus ghabh 
e d' a ionnsuidh an naoidhean 
agus a mhàtliair san oidhche, 
agus dh'imich e do'n Eiphit : 

15 Agus bha e an sin gu bàs 
Heroid : a chum gu coimhliont- 
adh an ni a labhair an Tighearna 
leis an fhàidh, ag ràdli, A mach 
as an Eiphit ghoir mi mo IMliac. 

16 An sin an uair a chunnaic 
Herod gu'n d'rinn na druidhean 
fanoid air las e le feirg ro-mhòir, 
agus chuir e luchd-millidh uaith, 
agus mharbh e na bha do lean- 
abaibh mac am Betlehem, agus 
'na crìochaibh uile, o aois dlià 
bhliadhna agus fuidh, a rèir na 
h-aimsir a dh'fliòghluim e gu 
dìchiollach o na druidhibh. 

' am fachair. 

3 



17 An sin choimhlionadli an ni 
a labhradli le leremias am fàidh, 
ag ràdh, 

18 Chualas guth ann an Ra- 
ma, caoidh, agus gul, agus bròn 
ro mhòr, Rachel a' caoineadh a 
cloinne, agus cha b' àill leatha 
sòlas a ghabhail, a chionn nach 
'eil iad beò. 

19 Ach an uair a dh'eug He- 
rod, feuch, nochdadh aingeal an 
Tighearn ann am bruadar do 
loseph san Eiphit, 

20 Ag ràdh, Eirich, agus gabh 
an naoidhean agus a mhàthair, 
agus imich gu talamh Israeil : 
oir fhuair an dream a bha 'g 
iarraidh anama an leinibh bàs. 

21 Agus dh'èirich esan, agus 
ghabh e an leanabh agus a mhà- 
thair d' a ionnsuidh, agus thàinig 
e gu talamh Israeil. 

22 Ach an uair a chual e gu 'n 
robh Archelaus 'na rìgh an tìr 
ludea an àit Heroid 'athar, bha 
eagal air dol an sin : ach, air 
faotainn da rabhaidh o Dhia ann 
am bruadar, thionndaidh e gu 
crìochaibh Ghalile : 

23 Agus thàinig e agus ghabh 
e còmhnuidh ann am baile d' an 
goirear Nasaret, a chum gu 
coimhliontadh an ni a labhradh 
leis na fàidhibh, Gu goirear Na- 
sarach dheth. 

CAIB. m. 

1 Teoffasg., dreuchd, agns caifhcamh-heatha 
Eoin Bhaiste. 7 Thug e achmhasun do na 
Phàirisich. 13 Bhaist e Crìosd ann an 
uisge lordain. 

AGUS anns na làithibh sin 
thàinig Eoin Baiste, a' sear- 
monachadh am fàsach ludea, 

^ gu 'n do mheall na druidhean e. 
b2 



MATA, 



III. IV. 



2 Agus ag ràdh, Gabhaibli aith- 
reachas : oir a ta rìoghachd 
nèimh am fogus, 

3 Oir is e so an tì ud mu'n do 
labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, 
Guth an tì a ghlaodhas anns an 
fhàsach, Ulkiichibh slighe an 
Tighearna, dèanaibh a cheum- 
anna dìreach. 

4 Agus bha a chulaidh aig 
Eoin do fhionna chàmhal, agus 
crios leathair aige timchioll a 
leasraidh ; agus is e bu bhiadh 
dha locuist agus mil fhiadhaich. 

5 Chaidh lerusalem a mach 
d'a ionnsuidh an sin agus ludea 
uile, agus luchd-àiteachaidh na 
dùthcha timcliioll lordain uile. 

6 Agus bhaisteadh iad leis-san 
ann an lordan, ag aideachadh^ 
a"^i peacanna. 

7 Ach an uair a chunnaic e 
mòran do na Phàirisich, agus do 
na Sadusaich a' teachd a clium a 
bhaistidh-san, thubhairt e riu, A 
shìoì nan nathraiche nimhe, cò 
a thug rabhadh dhuibh-sa teich- 
eadh o 'n f heirg a ta ri teachd ? 

8 Air an aobhar sin thugaibh 
a mach toradh iomchuidh do'n 
aithreachas. 

9 Agus na smuainichibh a ràdh 
annaibh fèin, A ta Abraham 'na 
athair againn : oir a ta mi ag 
ràdh ribh, gur comasach Dia air 
clann a thogail suas a dh'Abra- 
ham do na clochaibh sin. 

10 Agus a nis a ta an tuadh 
air a cur ri freumh nan crann : 
air an aobhar sin, ge b' e crann 
nach toir a mach toradh maith, 
gearrar e,agus tilgear san teine e. 

11 Gu deimhin a ta mise 'gur 

' aidmhriì. 

4 



baisteadh le h-uisge chum aith- 
reachais ; ach an Tì a thig a'm' 
dhèigh, is cumhachdaiche e na 
mi, agus cha'n airidh mise air a 
bhrògan a ghiùlan : baistidh esan 
sibh leis an Spiorad Naomh, 
agus le teine : 

12 Aig am bheil a ghuit 'na 
làimh, agus glanaidh e gu ro 
bhaileach 'ùrlar-bualaidh, agus 
cruinnichidh e a chruithneachd 
d'a thigh-tasgaidh ^ ; ach loisgidh 
e am moll le teine nach feudar 
a mhùchadh. 

13 An sin thàinig losa o Gha- 
lile gu lordan a dh'ionnsuidh 
Eoin, chum gu'm biodh e air a 
bhaisteadh leis. 

14 Ach bhac Eoin e, ag ràdh, 
A ta feum agamsa bhi air mo 
bhaisteadh leatsa, agus am bheil 
thusa a'teachd a m'ionnsuidh-sa ? 

15 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e ris, Leig dd'n chùis 
a bhi mar so a nis : oir mar so 
is iomchuidh dhuinn gach uile 
fhìreantachd a choimhlionadh. 
An sin dh'fhulaing e dha. 

16 Agus an uair a bhaisteadh 
losa, chaidh e air ball suas as 
an uisge ; agus, feuch, dh'fhos- 
gladh nèamh dha, agus chunnaic 
e Spiorad Dè a' tuirling^ mar 
choluman, agus a' teachd air-san : 

17 Agus, feuch, guth o nèamh, 
ag ràdh, Is e so mo Mhac gràdh- 
ach, anns am bheil mo mhòr- 
thlachd. 

CAIB. IV. 

1 Bhuair an dìabhul Crìosd. 17 An deigh 
do losa huadhachadh air, thbisich e air 
searmonachadh. 24 Shlànuich e sluagh a 
bha euslan. 

* thaisg-thigh. ^ tenchd a nuas. 



MATA, IV. 



AN sin threòraiclieadh losa 
leis an Spiorad do 'n fhàs- 
ach, chum gu'm biodh e air a 
bhuaireadh leis an diabhul. 

2 Agus an uair a thraisg e dà 
fhichead là agus dà fhichead 
oidhche, an dèigh sin bha ocras 
air. 

3 Agus air teachd do'n bhuair- 
eadair d' a ionnsuidh thubhairt 
e, Ma 's tu Mac Dhè, thoir àithne 
do na clochaibh so a bhi 'nan 
aran. 

4 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e, A ta e sgrìobhta, 
Cha' n ann le h-aran a mhàin a 
bheathaichear duine, ach leis 
gach uile fhocal a thig o bheul 
Dè. 

5 An sin thug an diabhul e 
do 'n bhaile naomh, agus chuir e 
air binnein an teampuill e. 

6 Agus thubhairt e ris, Ma's 
tu Mac Dhè, tilg thu fèin sìos : 
oir a ta e sgrìobhta, gu toir e 
àithne d' a ainglibh mu d' thim- 
chioll, agus togaidh iad suas thu 
'nan làmhaibh, chum nach buail 
thu, uair air bith, do chos air 
cloich. 

7 Thubhairt losa ris a ris, A 
ta e sgrìobhta, Cha bhuair^ tliu 
an Tighearna do Dhia. 

8 Thug an diabhul e a rìs chum 
beinne ro àird, agus nochd e 
dha uile rìoghachdan an do- 
mhain, agus an glòir ; 

9 Agus thubhairt e ris, lad so 
j uile bheir mise dhuit, ma thuit- 

eas tu sios agus ma m thu aor- 
adh dhomhsa. 

10 An sin thubhairt losa ris, 
Imich uam, a Shàtain : oir a ta 

' dearbh, 
5 



e sgrìobhta, Bheir tliu aoradh 
do'n Tighearna do Dhia, agus 
dhasan 'na aonar nì thu seirbhis. 

11 An sin dh'fhàg an diabhul 
e ; agus, feuch, thàinig aingil 
agus fhritheil iad da. 

12 Ach an uair a chual losa 
gu'n do chuireadh Eoin an làimh, 
dh'imich e do Ghalile. 

13 Agus air fàgail Nasaret da, 
thàinig e agus ghabh'- e còmh- 
nuidh ann an Capernaum, a ta 
ri taobli^ na fairge, ann an leth- 
iomall Shabuloin agus Neph- 
talim : 

14 A chum gu 'n coimhliontadh 
an ni a labhradh le Esaias am 
fàidh, ag ràdh, 

15 Talamh Shabuloin, agus 
talamh Nephtalim, slighe na 
fairge air an taobh thall do lor- 
dan*, Galile nan Cinneach : ' 

16 Am pobull a bha 'nan suidhe 
an dorchadas, chunnaic iad solus 
mòr ; agus a ta solus air èirigh 
do na daoinibh a bha'nan suidhe 
an tìr agus an sgàil a' bhàis. 

17 O sin a mach thòisich losa 
air searmoin a dhèanamh, agus 
a ràdh, Gabhaibh aithreachas, 
oir a ta rìoghachd nèimh am 
fogus. 

18 Agus ag imeachd do losa 
ri taobh fairge Ghalile, chunnaic 
e dithis bhràithre, Simon d'an 
goirear Peadar, agus Aindreas a 
bhràthair, a' tilgeadh lìn san 
fhairge : (oir b'iasgairean iad.) 

19 Agus thubhairt e riu, Lean- 
aibh mise, agus m mi iasgairean 
air daoinibh dliibh. 

20 Agus air ball dh'fhàg iad 
na lionta, agus lean iad esan. 



nnn. 



' chois. 



^ ri taohh lordaiy. 



MATA, 



, IV. V. 



21 Agus air triall da as a sin, 
chunnaic e ditliis eile bhràithre, 
Seumas mac Shebede, agus Eoin 
a bhràthair, ann an luing maille 
r' an athair Sebede, a' càradh an 
lìon : agus ghairm e iad. 

22 Agus air ball dh'fhàg iad 
an long agus an athair, agus lean 
iad e. 

23 Agus dh'imich losa tim- 
chiollGhalile uile, a' teagasg'nan 
sionagogaibh, agus a' searmon- 
achadh soisgeil na rìoghachd, 
agus a' slànuchadh gach gnè 
thinnis, agus gach gnè eucail 
am measg an t-sluaigh. 

24 Agus chaidh a chliù feadh 
Shiria uile : agus thug iad d'a 
ionnsuidh iadsan uile a bha 
euslan, agus a blia air an cuibh- 
reachadh le galaraibh, agus iom- 
adh gnè phianta, agus iadsan 
aig an robh deamhain annta, 
agus air an robh an tuiteamas^, 
agus luchd pairilis^; agus shlàn- 
uich e iad. 

25 Agus lean cuideachd mhòr 
e o Ghaliìe, agus o Dhecapolis, 
agus o lerusalem, agus o ludea, 
agus o na criochaibh a ta an 
taobh thall do lordan. 

CAIB. V. 

1 Searmoin Chrìosd air a bheinn, anns am 
hheil na h-ochd beannachdan, 17 agus nù- 
neachadh an lagha. 

AGUS an uair a chunnaic 
losa an sluagh, chaidh e 
suas air beinn ; agus air suidlie 
dha, thàinig a dheisciobuil d'a 
ionnsuidh. 

2 Agus dh'fhosgail e a bheul, 
agus theagaisg e iad, ag ràdh, 

' tinneas na gealaich, tuìteamach. 
^ crith-ghalair. 
6 



3 Is beannaichte iadsan a ta 
bochd 'nan spiorad : oir is leo 
rìoghachd nèimh. 

4 Is beannaichte iadsan a ta ri 
bròn : oir gheibh iad sòlas. 

5 Is beannaichte na daoine 
macanta^: oir sealbhaichidh iad 
an talamh mar oighreachd. 

6 Is beannaichte an dream air 
am bheil ocras agus tart na 
còrach* : oir sàsuichear iad. 

7 Is beannaichte na daoine 
tròcaireach : oir gheibh iad trò- 
cair. 

8 Is beannaichte na daoine a 
ta glan 'nan cridhe : oir chì iad 
Dia. 

9 Is beannaichte hichd-dèan- 
amh na sìthe : oir goirear clann 
Dè dhiubh. 

10 7* beannaichte an dream a 
ta fulang geur-leanmhuinn air 
son na còrach : oir is leo-san 
rìoghachd nèimh. 

\\ Is beannaichte bhitheas sibh 
an uair a bheir daoine anacainnt 
dhuibh, agus a ni iad geur-lean- 
mhuinn oirbìi, agus a labhras iad 
gach uile dhroch fhocal ribh 
gu breugach, air mo sgàth-sa. 

12 Dèanaibh gàirdeachas, agus 
bithibh ro shubhach ; oir is mòr 
bhur duais air nèamh : oir mar 
sin rinn iad geur-leanmhuinn 
air na fàidhibh a bha roimhibh. 

13 Is sibhse salann na tal- 
mhainn : gidheadh ma chailleas 
an salann a bhlas, ciod leis an 
saillear e ? cha 'n 'eil feum ann 
o sin suas, ach a thilgeadh mach, 
agus a shaltairt fo chosaibh 
dhaoine. 

' ciuin. 

* a' cheartais, na fìreantachd. 



MATA, V. 



14 Is sibhse solus an t-saoghail. 
Cha 'n f heiidar baile a ta air a 
shuidheachadli air sliabli fhol- 
ach. 

15 Agus cha las daoine coinn- 
eal, chum gu 'n cuir iad i fuidh 
shoitheach, ach ann an coinnleir, 
agus nì i sohis do na bheil a 
stigh. 

16 Gu ma h-ann mar sin a 
dhealraicheas bhur solus an làth- 
air dliaoine, chum gu faic iad 
bhur deadh oibre, agus gu toir 
iad gh^ir do bhur n-Athaìr a ta 
air nèanih. 

17 Na measaibh gu 'n d'thàinig 
mise a bhriseadh^ an lagha no 
nam fàidhean ; cha 'n ann^ a 
bhriseadh a thàinig mi, ach a 
choimhlionadh. 

18 Oir a ta mi ag ràdli^ ribh 
gu firinneach, Gus an tèid* 
nèamh agus talamh thairis, cha 
tèid aon lide ^ no aon phunc do 'n 
lagh thairis, gus an coimhlionar 
gach aon ni. 

19 Air an aobhar sin ge b' e 
neach a bhriseas aon do na 
h-àitheantaibh so a 's higha, agus 
a theagaisgeas daoine mar sin, 
goirear an duine a 's lugha dheth 
ann an rìoghachd nèimh : ach 
ge b' e neach a nì, agus a theag- 
aisgeas iad, goirear duine mòr 
dheth ann an rìoghachd nèimh. 

20 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
Mur toir bhur fireantachd-sa 
barrachd air fireantachd nan 
sgrìobhaiche agus nam Phàiris- 
each, nach tèid sibh, air chor air 
bith, a steach do rìoghachd 
nèimh. 

' a sgaoileadh. ^ ni h-ann. 

' deirini, theiream. ^ an d'thèid. 



21 Chuala sibh, gu'n dubhradh 
ris na sinnsiribh, Na dèan murt- 
adh ; agus ge b' e neach a m 
mortadh, bithidli e an cunnart 
a' bhreitheanais. 

22 Ach a ta mise ag ràdh ribh, 
Ge b' e neach aig am b\ fearg r'a 
bhràthair gun aobhar, gu'm bì 
e an cunnart a' bhreitheanais : 
agus ge b' e neach a their r'a 
bhràthair, Raca, gu 'm bi e an 
cunnart na comhairle : ach ge 
b' e neach a their, Amadain, gu 
'm bì e an cunnart teine ifrinn. 

23 Uime sin ma bheir thu do 
thabhartas^ chum na h-altarach'', 
agus gu'n cuimhnich thu an sin 
gu bheil ni air bith aig do 
bhràthair a' d' aghaidh ; 

24 Fàg do thabhartas an sin an 
ìàthair na h-altarach, agus imich, 
agus dèan rèite air tùs ri d' 
bhràthair, agus an dèigh sin thig 
agus tabhair uait do thiodhlac. 

25 Bì rèidh ri d'eascaraid gu 
hiath, am feadh a bhios tu maiUe 
ris san t-slighe ; air eagal gvi 'n 
toir an t-eascaraid thairis thu 
do'n bhreitheamh, agus gu'n toir 
am breitheamh thu do'n mhaor, 
agus gu tilgear am prìosan 
thu. 

26 A ta mi ag ràdh riut gu 
firinneach nach tèid thu mach 
as a sin, gus an ìoc thu an 
f heoirling ^ dheireannach . 

27 Chuala sibh gu'n dubhradh 
ris^ na sinnsiribh, Na dèan adli- 
aUrannas. 

28 Ach a ta mise ag ràdh ribh, 
Ge b' e neach a dh'amhairceas 
air mnaoi chum a miannachadh, 

' aon iota. ^ thiodhlac. ' altaire. 
^farthing. Sasg. ^ leis. 



MATA, V. 



gu n d'rinn e adhaltrannas leatha 

o 

cheana 'na chridhe. 

29 Agus ma bheir do shùil 
dheas aobhar tuislidh dhuit, 
spion a mach i, agus tilg uait i : 
oir is feàrr dhuit gu sgriosar aon 
do d' bhallaibh, na do chorp uile 
bhi air a thilgeadh do ifrinn. 

30 Agus ma bheir do làmh 
dheas oilbheum dhuit, geàrr 
dhìot i, agus tilg uait i: oir is 
feàrr dhuit gu sgriosar aon do d' 
bhallaibh, na do chorp uile bhi 
air a thilgeadh do ifrinn. 

31 Agus a dubhradh, Ge b' e 
chuireas a bhean phòsda air 
falbh, thugadh e litir-dhealaich 
dh'i. 

32 Ach a ta mise ag ràdh ribh, 
Ge b' e neach a chuireas air 
falbh a bhean-phòsda fèin, ach 
a mhàin air son striopachais, gu 
bheil e toirt oirre adhaltrannas 
a dhèanamh : agus an tl a phò- 
sas a' bhean sin a chuireadh air 
falbh, a ta e a' dèanamh adhal- 
trannais. 

33 Mar an ceudna, chuala sibh 
gu 'n dubhradh ris na sinnsiribh, 
Na tabhair mionnan eitheich, 
ach coimhlion do mhionnan do 'n 
Tighearna. 

34 Ach a ta mise ag ràdh ribh, 
Na tugaibh mionnan idir : na 
tugaibh air nèamh, oir is e rìgh- 
chaithir Dhè e. 

35 Na tugaibh air an talamh, 
oir is e stòl a chos e : na tugaibh 
air lerusalem, oir is e baile an 
rìgh mhòir e. 

36 Na tabhair mionnan air do 
cheann, oir cha'n urrainn thu 
aon fhuiltein a dhèanamh geal 
no dubh. 

s 



37 Ach gu ma h-e is còmh- 
radh dhuibh, Seadh, seadh : Ni 
h-eadh, ni h-eadh ; oir ge b' e ni 
a bhios os ceann so, is ann o 'n 
olc a ta e. 

38 Chuala sibh gu'n dubhradh, 
Sùil air son sùla, agus fiacail air 
son fiacla. 

39 Ach a ta mise ag ràdh ribh, 
Na cuiribh an aghaidh an uilc : 
ach ge b' e neach a bhuaileas tu 
air do ghial deas, tionndaidh 
thuige an gial eile mar an 
ceudna. 

40 Agus an tì le 'm b' àill thusa 
a thagradh san lagh, agus do 
chòta a bhuin dìot, leig leis 
d' fhalhiinn mar an ceudna, 

41 Agus ge b' e bheir leis air 
feadh mile a dh'aindeoin thu, 
imich leis air feadh dhà mhìle. 

42 Tabhair do 'n tì a dh'iarras 
ort ; agus uaithsan le 'm bu 
mhiann iasachd fhaotainn uait, 
na pill air falbh. 

43 Chuala sibh gu'n dubhradh, 
Gràdhaichidh tu do choimhears- 
nach, agus bithidh fuath agad 
do d' nàmhaid. 

44 Ach a ta mise ag ràdh 
ribh, Biodh gràdh agaibh do 
bhur naimhdibhjbeannaichibh an 
dream a mhallaicheas sibh, dèan- 
aibh maith do na daoinibh air 
am beag sibh, agus dèanaibh 
ùrnuigh air son na muinntir a 
ta buntuinn ribh gu naimhdeil, 
agus a ta 'g ur geur-leanmhuinn : 

45 A chum gu 'm bì sibh 'nur 
cloinn aig bhur n-Athair a ta 
air nèamh : oir a ta esan a' tabh- 
airt air a ghrèin fèin èirigh air 
na droch dhaoinibh, agus air na 
deadli dhaoinibh, agus a' cur 



MATA, 



V. VI. 



tiisge air na fìreanaibh agus air 
na neo-fhìreanaibh. 

46 Oir ma bhios gràdh agaibh 
do 'n mhuinntir aig am bheil 
gràdh dhuibh, ciod an duais a 
gheibh sibh? nach 'eil eadh- 
on na cìs-mliaoir a' dèanamh an 
ni ceudna ? 

47 Agus ma chuireas sibh fàilte 
air bhur bràithribh fèin a mhàin, 
ciod a tha sibh a' dèanamh thar 
cliàcli ? nach 'eil na c\s-mhaoir 
fèin a' dèanamh an ni ceudna ? 

48 Air an aobhar sin bithibh-sa 
coimhlionta^ màr a ta bhur 
n-Athair a ta air nèamh coimh- 
lionta. 

CATB. VI. 

1 Tha Crìosd a' labhairt mu dheirc, 5 mu 
ùrnuigh, 14 mu mhaitheanas d'ar bràith- 
ribh, 16 mu thrasgadh, 25 agus mu ro- 
chùram an t-saoghail so. 

THUGAIBH an aire nach 
toir^ sibh bhur dèirc am 
fianuis dhaoine, chum gu'm faic- 
ear leo sibh ; no cha'n fhaigh 
sibh tuarasdal o bhur n-Athair 
a ta air nèamh. 

2 Uime sin. an uair a bheir 
thu do dhèirc. na toir fa'near 
galltromp a shèideadh romhad, 
mar a m na ceaigairean, anns 
na sionagogaibh, agus anns na 
sràidibh, chum gu faigh iad glòir 
o dhaoinibh. Gu firinneach a 
ta mise ag ràdh ribh, gu bheil 
an tuarasdal aca. 

3 Ach an uair a bheir thusa 
dèirc, na biodh fios aig do làimh 
chlì ciod a ta do làmh dheas a' 
dèanamh ; 

4 Chum gu'm bì do dhèirc an 
uaignidheas : agus bheir t'Athair 

^foirfe, diongmhalta. ^ dèan. 

9 



a chì an uaignidheas, duais 
dhuitse gu follaiseach. 

5 Agus an uair a m thu ùr- 
nuigh, na bì mar hichd an f huar- 
chràbhaidh: oir is ionmhuinn 
leo ùrnuigh a dhèanamh anns 
na sionagogaibh, agus ann an 
coinneachadh nan sràid 'nan 
seasamh, chum gu faicear le 
daoinibh iad. Gu deimhin tha 
mise ag ràdh ribh, gu bheil an 
tuarasdal aca. 

6 Ach thusa, an uair a nì thu 
ùrnuigh, imich a steach do d' 
slieòmar, agus air dùnadh do 
dhoruis duit, dèan ùrnuigh ri 
t' Athair a ta an uaignidheas, 
agus bheir t' Athair a chì an 
uaignidheas, duais dhuit gu fol- 
laiseach. 

7 Ach an uair a ni sibh ùr- 
nuigh na gnàthaichibh ath-iarr- 
tais dhìomhain, mar na Cinnich : 
oir saoilidh iadsan gu'n èisdear 
riu air son lìonmhoireachd am 
focla. 

8 Uime sin na bithibh-sa cos- 
mhuil riu : oir a ta fios aig bhur 
n-Athair cia iad na nithe a ta 
dh'uireasbhuidh oirbh, mu'n iarr 
sibh air iad. 

9 Air an aobhar sin dèanaibh- 
sa ùrnuigh air a' mhodh so : Ar 
n-Athair a ta air nèamh, Gu 
naomhaichear t'ainm. 

10 Thigeadh do rìoghachd. 
Dèanar do thoil air an talamh, 
mar a nithear air nèamh. 

11 Tabhair dhuinn an diugh 
ar n-aran lathail. 

12 Agus maith dhuinn ar 
fiacha, amhuil mar a mhaitheas 
smne d'ar luchd-fiach^. 

^ fèichneinibh. 



MATA, VI. 



13 Agus na leig am buaireadh 
sinn ; ach saor sinn o olc : oir is 
leatsa an rìoghachd, agus an 
cumhachd, agus a' ghlòir, gu 
sìorruidh. Amen. 

14 Oir ma mhaitheas sibh an 
cionta do dhaoinibh, maith- 
idh bhur n-Athair nèamhaidh 
dhuibh-sa mar an ceudna : 

15 Ach mur maith sibh an 
cionta do dhaoinibh, cha mhò a 
mhaitheas bhur n- Athair dhuibh- 
sa bhur cionta. 

16 Agus an uair a ni sibh trasg- 
adh, na bitheadh gruaim air 
bhur gnùis, mar luchd an fhuar- 
chràbhaidh : oir cuiridh iadsan 
mì-dhreach air an aghaidh chum 
gu faicear le daoinibh iad a bhi 
trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh 
gu firinneach, gu bheil an tuar- 
asdal aca. 

17 Ach thusa, an uair a nì thu 
trasgadh, cuir oladh air do 
cheann, agus ionnail t' aghaidli ' : 

18 Chum nach faicear le daoin- 
ibh gu bheil thu a' dèanamh 
trasgaidh, ach le t'Athair a ta an 
uaignidheas : agus bheir t'Athair 
a chì an uaignidheas, duais dhuit 
gu follaiseach. 

19 Na taisgibh dhuibh fèin 
ionmhais air an talamh, far an 
truailP an leomann^ agus a' 
mheirg e, agus far an cladliaich na 
meirlich a stigh agus an goid iad. 

20 Ach taisgibh ionmhais 
dhuibh fèin air nèamh, far nach 
truaill an leomann no a' mheirg, 
agus nach cladhaich, agus nach 
goid na meirlich. 

21 Oir ge b' e àit am bheil 
bhur n-ionmhas, is ann an sin a 

' t'eudan. ^ miU. 

10 



bhios bhur cridhe mar an 
ceudna. 

22 Is i an t-sùil solus a' chuirp : 
uime sin ma bhios do shùil glan, 
bithidh do chorp uile làn soluis. 

23 Ach ma bhios do shùil gu 
h-olc, bithidh do chorp uile 
dorcha. Air an aobhar sin ma 
tha an solus a ta annad 'na 
dhorchadas, cia mòr an dorch- 
adas sin ? 

24 Cha'n urrainn neach air bith 
seirbhis a dhèanamh do dhà 
Thighearn : oir an dara cuid 
bithidh fuath aige do neach aca, 
agus gràdh do neach eile ; no 
gabhaidh e le neach aca, agus nì 
e tàir air neach eile. Cha 'n 
urrainn sibh seirbhis a dhèan- 
amh do Dhia agus do Mhamon. 

25 Uime sin, a ta mise ag ràdh 
ribh, Na biodh ro-chùram oirbh 
mu thimchioll bhur beatha, ciod 
a dh'itheas no dh'òlas sibh ; no 
mu thimchioU bhur cuirp, ciod 
a chuireas sibh umaibh. Nach 
mò a' bheatha na 'm biadh, agus 
an corp na 'n t-eudach ? 

26 Amhaircibh air eunlaith an 
athair : oir cha chuir iad sìol, 
agus cha bhuain iad, agus cha 
chruinnich iad an saibhlibh : 
gidheadh a ta bhur n-Athair 
nèamhaidh-sa 'g am beathach- 
adli. Nach feàrr sibhse gu mòr 
na iadsan ? 

27 Agus cò agaibh le mòr- 
chùram a dh'fheudas aon làmh- 
choille * a chur r'a àirde fèin ? 

28 Agus c'ar son a ta sibh ro 
chùramach mu thimchioll bhur 
culaidh ? fòghlumaibh cionnus 
a ta na lilighean a' fàs sa 'mhach- 

' an reudan, a' mhiol-chrion. * hhann-Uimh. 



MATA, VI. VII. 



air ; cha saothraich iad, agiis cha 
snìomh iad. 

29 Gidlieadh a ta mise ag ràdh 
ribh, Nach robh Solamh fèin 'na 
uile ghlòir, air eudachadh mar 
aon diubh so. 

30 Air an aobhar sin, ma tha 
Dia mar sin a sgeadachadh feoir 
na macharach, a ta an diugh 
ann, agus am màireach air a 
thilgeadh san àmhuinn, nach mò 
na sin a sgeadaicheas e sibhse, 
a dhaoine air bheag creidimh ? 

31 Uime sin na bithibh làn do 
chùram, ag ràdh, Ciod a dh'itheas 
sinn ? no ciod a dli'òlas sinn ? no 
ciod a chuireas sinn umainn ? 

32 (Oir iad so uile iarraidh na 
Cinnich ;) oir a ta fios aig bhur 
n-Athair nèamhaidh gu bheil 
feum agaibh-sa air na nithibh so 
uile. 

33 Ach iarraibh air tùs rìogh- 
achd Dhè, agus 'f hìreantachd-san, 
agus cuirearna nithe so uile ribh. 

34 Uime sin na bitheadh ro- 
chùram oirbh mu thimcliioll an 
là màireach : oir bithidli a làn 
do chùram air an là màireach 
mu thimchioll a nithe fèin : ù 
leor do 'n là 'olc fèin. 

CAIB. VII. 

1 TTia ar Slànuighear a' cronucTiadh brefh 
ghrad, 6 a' toirmeasg nithe naomha chur 
an neo-shuim, 7 agus ag òrduchadh ùr- 
nuigh a dhèanamh. 13 Chomhairlich e do 
gach neach dol a steach air an dorus chumh- 
ann. 

"IVTA tugaibh breth, chum nach 
-L^ toirear breth oirbh : 
2 Oir a rèir na breth a bheir 
sibh, bheirear breth oirbh : agus 
leis an tomhas le 'n tomhais 



sibh, tomhaisear dhuibh a lìs. 

3 Agus c' ar son a ta thu a' 
faicinn an smùirnein^ a ta an 
sùil do bhràthar, ach nach 'eil 
thu toirt fa'near an t-sail a ta 
ann do shùil fèin ? 

4 No cionnus a their thu ri 
d'bhràthair, Fulaing dhomh an 
smùirnein a spionadh as do 
shùil; agus, feuch, an t-sail ann 
do shùil fèin ? 

5 A chealgair, buin air tùs an 
t-sail as do shùil fèin ; agus an 
sin is lèir dliuit gu maith an 
smùirnein a bhuntuinn à sùil 

: do bhràthar. 

j 6 Na toiribh an ni naomh do 
I na madraibh, agus na tilgibh 
bhur nèamhnuidean am fianuis 
nam muc, air eagal gu saltair 
iad orra le 'n cosaibh, agus^ air 
pilltinn doibh gu reub iad sibh 
fèin as a chèile. 

7 larraibh, agus bheirear 
dhuibh : siribh agus gheibh 
sibh : buailibh an dorus, agus 
fosgailear dhuibh : 
j 8 Oirgachuile neachadh'iarr- 
I as, glacaidh e : agus ge b' e a 
shireas, gheibh e : agus do 'n tì 
a bhuaileas an dorus, fosgailear. 

9 Oir cò an duine agaibh-sa, 
ma 's e 's gu 'n iarr a mhac aran, 
a bheir cloch dha ? 

10 Agus ma 's iasg a dli'iarras 
e, an tabhair e nathair dha ? 

11 Air an aobhar sin ma 's 
aithne dhuibhsa a ta olc, tiodh- 
lacan maithe a thabhairt do bhur 
cloinn, nach mò na sin a bheir 
bhur n-Athair a ta air nèamh 
nithe maithe dhoibhsan a dh' iarr- 
as air iad ? 



' caimein. 

11 



^ no. ' lorgaichihh. 



MATA, VII. 



12 Uime sin, gach uile ni bu 
mliiann leibh daoine a dhèanamh 
dhuibh-sa, dèanaibh-sa a leithid 
dhoibhsan mar an ceudna : oir 
is e so an lagh agus na fàidhean. 

13 Imichibh a steach air an 
dorus chumhann ; oir is farsuinn 
an dorus,. agus is leathan an 
t-slighe a ta treòrachadh chum 
sgrios, agus is lìonmhor iad a ta 
dol a steach oirre : 

14 Ach is^ cumhann an dorus, 
agus is aimhleathan an t-slighe 
6 ta treòrachadh chum na beatha, 
agus is tearc iad a ta 'g amas 
oirre. 

15 Coimhidibh sibh fèin o na 
fàidhibh brèige, a thig d' ur 
n-ionnsuidh ann an culaidhibh 
chaorach, ach a ta o 'n leth a 
stigh 'nam madaibh-alhudh. 

16 Air an toraibh aithnichidh 
sibh iad : an tionail daoine dear- 
can-fìona do dhrisibh, no figean 
do na foghannanaibh ^ ? 

17 Agus mar sin bheir gach 
uile chrann maith toradh maith : 
ach bheir an droch chrann droch 
thoradh. 

18 Cha 'n fheud a' chraobh 
mhaith droch thoradha ghiùlan^, 
no an droch chraobh toradh 
maith a thabhairt. 

19 Gach uile chrann nach giùl- 
ain toradh maith, gearrar sìos e, 
agus tilgear san teine e. 

20 Air an aobhar sin is ann 
air an toraibh a dh'aithnicheas 
sibh iad. 

21 Cha 'n e gach uile neach a 
their riumsa, A Thighearn, a 
Thighearn, a thèid a steach do 

' do hhrigh gur. ^ cluaranaibh. 
^ iomchar. 
12 



rìoghachd nèimh ; ach an tì a 
nì toil m' Athar-sa a ta air 
nèamh. 

22 Is iomadh iad a their riumsa 
san là ud, A Thighearn, a Thigh- 
earn, nach d'rinn sinn fàidhead- 
aireachd a' t'ainm-sa? agus a' 
t'ainm-sa nach do thilg sinn a 
mach deamhain ? agus a' t'ainm- 
sa nach d'rinn sinn iomadh 
mìorbhuile ? 

23 Agus an sin aidichidh mise 
gufollaiseach dhoibh, Chab' aith- 
ne dhomh riamh sibh: imich- 
ibh uam, a luchd-dèanamh na 
h-eucorach. 

24 Air an aobhar sin, gach uile 
neach a chluinneas na briathra 
so agamsa, agus a nì iad, samh- 
luichidh mi e ri duine glic, a 
thog a thigh air carraig : 

25 Agus thuirling* an t-uisge, 
agus thàinig na tuiltean, agus 
shèid na gaothan, agus bhuail 
iad air an tigh sin : agus cha do 
thuit e, oir bha a bhunadh suidh- 
ichte air carraig. 

26 Agus gach uile neach a 
chhiinneas na briathra so agam- 
sa, agus nach coimhlion iad, 
samhluichear e ri duine amaid- 
each a thog a thigh air a' ghain- 
eamh : 

27 Agus thuirling an t-uisge, 
agus thàinig na tuihean, agus 
shèid na gaothan, agus bhuail 
iad air an tigh sin : agus thuit 
e ; agus bu mhòr a thuiteam. 

28 Agus thàrladh^, an uair a 
chrìochnaich losa na briathra so, 
gu 'n do ghabh am pobull ion- 
gantas r' a theagasg-san : 

^ thàinig a nuas. 
^ thachair. 



MATA, 



VII. VIII. 



29 Oir theagaisg e iad mar 
neach aig an robh cumhachd^, 
agus cha 'n ann mar na sgrìobh- 
aichean. 

CAIB. VIII. 

1 Gliìan Crios'l an lobhar ; 5 shlànuich e 
seirhhìseach a' Chaiptin-ceud ; 14 agus 
màthair chàile Pheadair : 23 Chiuinich e 
an fhairge, 28 agas thi/g e mach .deamhain 
à dithis dhaoine. 

AGUS air teachd a nuas o 'n 
bheinn dha, lean cuideachd 
mhòr e. 

2 Agus, feuch, thàinig lobhar, 
agus rinn e aoradh dha, ag ràdh, 
A Thighearna, ma 's àill leat, is 
comasach thu air mise a ghlan- 
adh. 

3 Agus shìn losa mach a làmh, 
agus bhean e ris, ag ràdh. Is àill 
leam ; bì thusa glan. Agus air 
ball bha a kiibhre air a glanadh. 

4 Agus thubhairt losa ris, Feuch 
nach innis thu do dhuine sam 
bith, ach imich, taisbein thu fèin 
do'n t-sagart, agus thoir d'a ionn- 
suidh^ an tiodhlac a dh'àithn i 
Maois, mar fhianuis dhoibh. 

5 Agus air dol do losa a steach 
do Chapernaum, thàinig d' a 
ionnsuidh Caiptin-ceud, a' guidhe 
air, 

6 Agus ag ràdh, A Thighearna, 
tha m' òglach 'na luidhe a stigh 
am pairilis, agus air a phianadh 
gu h-anabarrach. 

7 Agus thubhairt losa ris, Thèid 
mise, agus slànuichidh mi e. 

8 Agus air freagairt do'n Chaip- 
tin-ceud, thubhairt e, A Thigh- 
earna, cha'n airidh mise air thusa 
a theaehd a steach fo m' chleith : 



ach a mhàin abair am focal, agus 
slànuichear m'òglach. 

9 Oir is duine mise fèin a ta 
fuidh ùghdarras, aig am bheil 
saighdeara fodham : agus their 
mi ris an fhear so, Imich, agus 
imichidh e : agus ris an fhear so 
eile, Thig, agus thig e : agus ri 
m' sheirbhiseach, Dèan so, agus 
nì se e. 

10 'Nuair a chual losa so, ghabh 
e iongantas, agus thubhairt e ris 
a' mhuinntir a lean e, Gu fìrinn- 
each a ta mi ag ràdh ribh, ann 
an Israel fèin nach d' fhuair mi 
creidimh co mòr as so. 

11 Agus a ta mi ag ràdh ribh, 
gu'n tig mòran o'n àird an ear, 
agus o'n àird an iar, agus gu'n 
suidh iad maille ri Abraham, 
agus Isaac, agus lacob, ann an 
rìoghachd nèimh : 

12 Ach gu 'n tilgear clann na 
rioghachd ann an dorchadas a ta 
'n leth a muigh ; bithidh an sin 
gul agus gìosgan^ fhiacal. 

! 13 Agus thubhairt losa ris a' 
Chaiptin-ceud, Imich romhad,. 
agus biodli dhuit a rèir mar a 
chreid thu. Agus shlànuicheadh 
'òglach air an uair sin fèin. 

14 Agus an uair a thàinig losa 
gu tigh Pheadair, chunnaic e 
màthair a mhnà 'na luidhe, agus 
i ann am fiabhrus*. 

15 Agus bhean e r' a làimh, 
agus dh'fhàg am fiabhrus i : agus 
dìi'èirich i, agus rinn i fritheal- 
adh dha^. 

16 Agus an uair a bha am 
feasgar air teachd, thug iad d'a 
ionnsuidh mòran anns an robli 



' kghdarras. 
^ thuige, chuige. 

13 



' snagardaich. an tcasaich. 

' doilih. 



MATA. VIII. 



deamhain ; agus thilg e na spior- 
aid a mach le 'fhocal, agus 
shlànuich e iad uile a bha euslan : 

17 A chum gu'n coimhliontadh^ 
an ni a labhradh le Esaias am 
fàidh, ag ràdh, Ghabh esan ar 
n-anmhuinneachdan air fèin, a- 
gus ghiùlain e ar n-euslaintean. 

18 Agus an uair a chunnaic 
losa sluagh mòr m' a thimchioll, 
dh'àithn e dol à sin do 'n taobh 
eile. 

19 Agus thàinig sgrìobhaiche 
àraidh, agus tliubhairt e ris, A 
mhaighstir, leanaidh mise tliu, 
ge b' e taobh a thèid thu. 

20 Agus thubhairt losa ris, Tlia 
tuill aig na sionnaich, agus nid 
aig eunlaith an athair ^ ; ach cha 'n 
'eil aig Mac an duine ionad anns 
an cuir e a cheann fuidh. 

21 Agus thubliairt fear eile d' a 
dheisciobluibh ris, A Thighearna, 
leig dliomh-sa imeachd air tùs 
agus m' athair adhlacadh. 

22 Ach thubhairt losa ris, Lean 
mise, agus leig leis na mairbh 
am mairbh fèin adhlacadh. 

23 Agus air dol dhasan a steach 
do luing, lean a dlieisciobuil e. 

24 Agus, feuch, dh'èirich doin- 
ionn^ mhòr air an f hairge, ionnus 
gu 'n d'f holaich na tuinn an long : 
ach bha esan 'na chodal. 

25 Agus thàinig a dheisciobuil 
d' a ionnsuidh, agus dlmisg iad e, 
ag ràdh, A Thighearn, teasairg 
sinn : a ta sinn caillte. 

26 Agus thubhairt e riu, C' ar 
son a ta sibh eagalach, siblise air 
bheag creidimh? An sin dh'èir- 
ich e, agus chronuich e na gaoth- 

' Air chor as gu 'n do choìwhUonadh. 
- aidhcir. ' stoirm. 

14 



an agus an f hairge ; agus bha 
ciuine mhòr ann. 

27 Ach ghabli na daoine ion- 
gantas, ag ràdh, Ciod* e ghnè 
dhuine so, gu bheil na gaotha 
fèin agus an f hairge ùmhal dha ? 

28 Agus air teachd dha do 'n 
taobli eile, gu tir na Gergesen- 
each^, thachair dithis dhaoine 
air, anns an robli deamliain, a' 
teachd a mach as na h-àitibh 
adhlaic, agus iad ro-gharg, ionn- 
us nach feudadh duine sam bith 
an t-slighe sin a ghabhaiL 

29 Agus, feuch, ghlaodh iad, 
ag ràdh, Ciod e ar gnothuch-ne 
riut, losa, a Mhic Dhè ? An 
d'thàinig thu an so g' ar pianadh 
roirah an àm? 

30 Agus bha treud mòr mhuc 
am fad uatha, ag ionaltradh. 

31 Agus dh'iarr na deamliain a 
dh'athchuinge air-san, ag ràdh, 
Ma thilgeas tu mach sinn, leig 
dhuinn dol san treud mhuc ud. 

32 Agus thubhairt e riu, Imich- 
ibh. Agus air dol a mach 
dhoibh, chaidh iad anns an treud 
mhuc : agus, feuch, ruith an treud 
mhuc uile gu dian sìos air ionad 
corrach^, do 'n chuan ; agus chaill- 
eadh sna h-uisgeachaibh iad. 

33 Agus theich na buachaillean, 
agus chaidli iad do 'n bhaile, agus 
dh'innis iad na nithe so uile, agus 
na thachair dhoibhsan anns an 
robh na deamhain. 

34 Agus, feuch, chaidh am baile 
uile a mach a clioinneachadh 
losa; agus an uair a chunnaic 
iad e, ghuidli iad air imeachd as 
an crìochaibh-san. 

"* Creud. ^ Gadareneach. 

^ cus. 



MATA. IX. 



CAIB. IX. 

1 An dèìgh do Chrlosd neach air an rdbh am 
paìrìlis a kigheas, 9 ghuìrm e Mata o hhòrd 
na cise ; 10 dh'ith e maille ri cis-mhaoir 
agus ri peacaich; 20 shlùnuich e hean air 
an rohh dòrtadh fola ; 32 agus duine halbh 
anns an robh deamhan. 

AGUS air dol an luing dha, 
chaidli e thar an iiisge, agus 
thàinig e d' a bhaile fèin. 

2 Agus, feuch, thug iad d' a 
ionnsuidh duine air an robh am 
pairilis, 'na luidhe air leabaidh : 
agus an uair a chunnaic losa an 
creidimh, thubhairt e ri fear na 
pairilis, Biodh deadh mhisneach 
agad, a mhic, a ta do pheacanna 
air am maitheadh dhuit. 

3 Agus, feuch, tlivibhairt dream 
àraidh do na sgrìobhaichibh ann- 
ta fèin, A ta am fear so a' labh- 
airt toibheim\ 

4 Agus air do losa an smuaint- 
ean f haicinn, thubhairt e, C' ar 
son a ta sibh a smuaineachadh 
uilc ann bhur cridheachaibh ? 

5 Oir cia is usadh a ràdh, A ta 
do pheacanna air am maitheadh 
dhuit? no a ràdh, Eirich agus 
imich ? 

6 Ach a chum gu 'm bì fios 
agaibh gu bheil cumhachd aig 
Mac an duine peacanna a mhaith- 
eadh air an talamh, (thubhairt e 
an sin ri fear na pairilis), Eirich, 
tog do leabaidh, agus imich do d' 
thigh. 

7 Agus dh'èirich e, agus chaidh 
e d' a tliigh fèin. 

8 Ach an uair a chunnaic am 
pobuU so, ghabh iad iongantas, 
agus thug iad ghìir do Dhia, a 
thug a leithid so a chumhachd 
do dhaoinibh. 

' dia-mhasluchaidh. 
15 



9 Agus ag dol do losa as an 
àite sin, chunnaic e duine 'na 
shuidhe aig bòrd na cìse, d' am 
b' ainm Mata ; agus thubhairt e 
ris, Lean mise. Agus dh'èirich 
e, agus lean se e. 

10 Agus thàrladh, air suidhe 
do losa aig biadli san tigh, feuch, 
thàinig mòran chìs-mhaor agus 
pheacach, agus shuidh iad sìos 
maille ris-san agus r' a dheis- 
ciobluibli. 

11 Agus an uair a chunnaic na 
Phàirisich so, thubhairt iad r' a 
dheisciobluibli, C' ar son a dh'itli- 
eas bhur maighstir-sa maille ri 
cìs-mliaoraibh agus ri peacach- 
aibh ? 

12 Ach an uair a chual losa so, 
thubhairt e riu, Cha 'n ann aig a' 
mhuinntir a ta slàaa ta feum air 
an lèigh, ach aig a' mhuinntir a 
ta euslan. 

13 Ach imichibh agus fòghkim- 
aibh ciod is ciall da so, Tròcair 
is àiU leam, agus cha 'n ìobairt : 
oìr cha d'thàinig mise a ghairm 
nam fireanach, ach nam peacach 
chum aithreachais. 

14 An sin thàinig deisciobuil 
Eoin d'a ionnsuidh, ag ràdh, C' ar 
son a ta sinne agus na Phàirisich 
a' trasgadli gu minic, ach ni 'm 
blieil do dlieisciobuil-sa a' trasg- 
adh? 

15 Agus tliubhairt losa riu, Am 
feud clann seòmair an fhir- 
nuadh-phòsda^ bhi brònach, am 
feadh a bhitheas am fear-nuadh- 
pòsda maiUe riu ? Ach thig na 
làithean anns an toirear am fear- 
nuadli-pòsda uatha, agus an sin 
nì iad trasgadh. 

- fhir-na-bainnse. 



MATA, IX. 



16 Cha chuir duine sam bith 
mìr do eudach nuadh air sean 
eudach : oir buinidh an ni a 
chuireadli g' a lìonadh suas as an 
eudach, agus nithear an reubadh 
ni 's miosa. 

17 Cha mhò a chuireas daoine 
fion nuadh ann an seann searrag- 
aibh ^ : no brisear na searragan, 
agus dòirtear am fion, agus caill- 
ear na searragan : ach cuiridh 
iad fion nuadli ann an searrag- 
aibh nuadha, agus bithidh iad 
araon slàn. 

18 'Nuair a bha e a' labhairt 
nan nithe so riu, feuch, thàinig 
uachdaran àraidh, agus thug e 
aoradh dha, ag ràdh, Fhuair mo 
nighean bàs air ball ^ : ach thig- 
sa agus cuir do làmh, oirre agus 
bithidh i beò. 

19 Agus dh'èirich losa, agus 
lean e fèin agus a dheisciobuil e. 

20 (Agus, feuch, thàinig bean, 
air an robh dòrtadh fola rè dhà 
bhliadhna dheug, air a chùlaobh, 
agus bhean i ri iomall 'eudaich : 

21 Oir tliubhairt i innte fèin, 
Ma bheanas mi ach ri 'eudach, 
bithidh mi slàn. 

22 Ach air tionndadh do losa 
mu 'n cuairt, chunnaic e i, agus 
thubhairt e, A ni'ghean, biodh 
deadh mhisneach agad ; shlàn- 
uich do chreidimh thu. Agus 
bha a' bhean slàn o 'n uair sin.) 

23 Agus an uair a thàinig losa 
gu tigh an uachdarain, agus a 
chunnaic e an hichd-ciuil, agus a' 
chuideachd a' dèanamh toirm 
bhròin, 

' 24 Thubhairt e riu, Imichibh 
roimhibh, oir cha 'n 'eil an nigh- 

' hhuideUihh. a nis. 

16 



eanag^ marbh ach 'na codal. 
Agus rinn iad gàire fochaid ris. 

25 Ach an uair a chuireadh a' 
chuideachd a mach, chaidh e a 
steach, agus rug e air làimh oirre, 
agus dh'èirich an nigheanag. 

26 Agus chaidh iomradh sin a 
mach air feadh na tìre sin uile. 

27 Agus an uair a dh'imich lo- 
sa as a sin, lean dithis dhall e, ag 
èigheach, agus ag ràdh, A Mhic 
Dhaibliidh, dèan tròcair oirnne. 

28 Agus an uair a thàinig e 
steach do 'n tigh, thàinig na doill 
d' a ionnsuidh : agus thubhairt 
losa riu, Am bheil sibh a' creid- 
sinn gur comasach mise so a 
dhèanamh? Thubhairt iad ris, 
A ta, a Thighearn. 

29 An sin bhean e r' an sùilibh, 
ag ràdh, Biodli e dhuibh a rèir 
bhur creidimh. 

30 Agus dh'fhosgladh an sùil- 
ean, agus bhagair losa gu geur 
iad*, ag ràdh, Faicibh nach faigh 
neach air bith fios air so : 

31 Ach an uair a dh'imich iad 
a mach, sgaoil iad a chliù air 
feadh na dùthcha sin uile. 

32 Agus ag dol dhoibhsan a 
mach, feuch, thug iad d' a ionn- 
suidh duine balbh anns an robh 
deamhan. 

33 Agus an dèigh do 'n deamh- 
an bhi air a thilgeadh a mach, 
labhair am balbhan : agus ghabh 
an sluagh iongantas, ag ràdh, 
Cha'n fhacas a leithid so ann an 
Israel riamh. 

34 Ach thubhairt na Phàirisich, 
Troimh phrionnsa nan deamhan 
a ta e a' tilgeadh a mach dheamh- 
an. 

^ cailin. ^ thvg losa sparradh geur doihh. 



MATA, IX. X. 



35 Agiis gliabh losa mu cliuairt 
nan uile chaithricliean agus 
bhailtean^, a' teagasg 'nan sion- 
agogaibh, agus a' searmonachadh 
soisgeil na rìoghachd, agus a' 
slànuchadh gach uile euslaint 
agus eucail am measg a' phobuilL 

36 Ach an uair a chunnaic e an 
sluagh, ghabh e truas diubh, air 
son gu'n robh iad air fannachadli, 
agus air an sgapadh o chèile, mar 
chaoraich aig nach'eil buachailP. 

37 An sin thubhairt e r' a dheis- 
ciobluibh, Gu deimhin is mòr am 
fogharadh, ach is tearc an luchd- 
oibre. 

38 Uime sin guidhibh-sa air 
Tighearn an fhogharaidh, luchd- 
oibre chur a mach chum 'f hogh- 
araidh fèin. 

CAIB. X. 

1 Cliuir Crìosda mach a dhà Abstol deug, agus 
thug e cumhachd dhoibh ììùoì-bhuilean a 
dhèanamh: 5 theagaisg e iad : 16 thug e 
misneach dhoibh an aghaidh geur-lean- 
mhuinn, 40 agus gheall e beannachadh do 'n 
dream a ghabhadh riu. 

AGUS air gairm a dhà dheis- 
ciobul deug d'a ionnsuidh, 
thug e cumhachd dhoibh an 
aghaidh nan spiorad neòghlan, 
gu'n tilgeadh a mach, agus a 
shlànuchadh gach gnè euslaint, 
. agus gach gnè eucaiL 

2 Agus is iad so ainmean an dà 
Abstol deug ; an ceud f7iear, Si- 
mon d'an goirear Peadar, agus 
Aindreas a bhràthair, Seumas 
mac Shebede, agusEoin a bhràth- 
air ; 

3 Philip agus Bartolomeu, To- 
mas, agus M ata an cìs-mhaor, 

' bhailte morà agus beaga. ^ aodhaire. 
' an tì a thug thairis esan. 



Seumas mac Alpheuis, agus Le- 
beus d'an co-ainm Tadeus; 

4 Simon an Canaanach, agus 
ludas Iscariot, an neach fòs a 
bhrath esan^ 

5 Chuir losa an dà f hear dheug 
so a mach, a' tabhairt àithne 
dhoibh, ag ràdh, Na gabhaibh 
gu slighe nan Cinneach, agus na 
rachaibh a steach do aon bhaile 
a bhuineas do na Samaraich* : 

6 Ach gu ma feàrr leibh dol a 
dh'ionnsuidh chaorach chaillte 
tighe IsraeiL 

7 Agus air imeachd dhuibh, 
searmonaichibh, ag ràdh, A ta 
rìoghachd nèimh am fagus. 

8 Leighisibh an dream a ta 
tinn, glanaibh na lobhair, [dùisg- 
ibh na mairbh,] tilgibh a mach 
na deamhain : a nasgaidh f huair 
sibh, a nasgaidli thugaibli uaibh. 

9 Na solairibh òr, no airgiod, 
no umha ann bhur sporanaibh^ ; 

10 No màla chum bhur turuis, 
no dà chòta, no brògan, no bat- 
aichean : (oir is airidh am fear- 
oibre air a lòn''.) 

11 Agus ge b' e air bith caithir 
no baile d 'an tèid sibh a steach, 
feòraichibh cò a ta 'na dheadh 
airidh innte ; agus fanaibh an 
sin gus am fàg sibh an t-àite sin, 

12 Agus 'nuair a thig sibh 
steach do thigh, beannaichibh 
dlia. 

13 Agus ma's airidh an tigh 
sin, thigeadh bhur sìth air ; ach 
mur airidh, pilleadh bhur sìth do 
bhur n-ionnsuidh fèin a rìs. 

14 Agus ge b'e neach nach gabh 
ribh, agus nach èisd ri 'ur briath- 

^ Samaritan-s. Sasg. * criosnibh. 
^ isjìù am fear-oibre a bhiadh. 
c 



MATA, X. 



raibh ; air dol a mach as an tigh, 
no as a' bhaile sin dhuibh, crath- 
aibh dhibh duslach bhur cos. 

15 Gu deimhin tha mi ag ràdh 
ribh, gur so-iomchaire a bhitheas 
staid fearainn Shodoim agus 
Ghomorah an là a' bhreitheanais, 
na staid a' bhaile sin. 

16 Feuch, cuiream-sa sibhse 
mach mar chaoraich am measg 
mhadadh-alluidh : air an aobhar 
sin bithibh-sa glic mar na nath- 
raiche, agus neò-clironail mar na 
colum.ain. 

17 Ach bithibh air bhur faicill 
o dhaoinibli ; oir bheir iad an 
làimh sibh do chomhairlibh, agus 
sgiùrsaidh iad sibh 'nan sion- 
agogaibh : 

18 Agus bheirear sibh an làth- 
air uachdaran agus rìghrean air 
mo sgàth-sa, mar fhianuis 
dhoibh-san agus do naCinnich'. 

19 Ach an uair a bheir iad an 
làmh sibh, na biodh e 'na 
ro-chàs oirbh cionnus no ciod 
a labhras sibli ; oir bheirear 
dhuibh, san uair sin fèin, an ni a 
labhras sibh. 

20 Oir cha sibhse a labhras, 
ach Spiorad bhur n-Athar fèin 
a labliras annaibh. 

21 Agus bheir am bràthair a 
bhràthair fèin suas chum bàis, 
agus an t-athair am mac ; agus 
èiridh a' chlann an aghaidh am 
pàrantan, agus bheir iad fa'near 
gu cuirear gu bàs iad. 

22 Agus bithidh fuath aig na 
h-uile dhaoinibh dhuibh air son 
m'ainme-sa : ach, ge b' e bhuan- 
aicheas gus a' chrìocli, is e so a 
thèarnar^. 



23 Agus an uair a nì iad geur- 
leanmhuinn oirbh sa' bhaile so, 
teichibh gu baile eile ; oir gu 
deimhin tha mi ag ràdh ribh, 
Nach imich sibh air feadh bhailt- 
ean Israeil mu 'n tig Mac an 
duine. 

24 Cha 'n 'eil an deisciobul os 
ceann a mhaighstir, no an seir- 
bhiseach os ceann a tliighearna. 

25 Is leòr do'n deisciobul a bhi 
mar a mhaighstir, agus do'n 
t-seirbhiseach a hhi mar a thigh- 
earn : ma ghoir iad Beelsebub do 
fhear an tighe, nach mò na sin 
a ghoireas iad e d'a mhuinntir ? 

26 Uime sin na biodh eagal 
oirbh rompa : oir cha 'n 'eil ni 
sam bith folaichte, nach foill- 
sichear ; agus an ceilt, nach aith- 
nichear. 

27 An ni a dh'innseas mise 
dhuibh san dorchadas, labhraibh 
e san t-solus ; agus an ni a 
chlQÌnneas sibh sa' chluais, sear- 
monaichibh e air mullach nan 
tighean. 

28 Agus na biodh eagal na 
muinntir sin oirbh a mharbhas 
an corp, ach aig nach 'eil comas 
an t-anam a mharbhadh : ach 
gu ma mò bhitheas eagal an Tì 
sin oirbh, a 's urrainn an corp 
agus an t-anam a mhilleadh 
araon an ifrinn. 

29 Nach 'eil dà ghealbhonn air 
an reiceadh air f heoirling ? agus 
cha tuit a h-aon diubh air an 
talamh as eugmhais frcasdail 
bhur n-Atliar-sa. 

30 Ach a ta eadhon fuiheine 
bhur cinn uile air an aireamh. 

31 Air an aobhar sin na biodh 



'nan aghaidh-san aqus an aghaidh nan Geintileach. ^ a shlànuichear. 
18 " 



MATA, 



, X. XI. 



eagal oirbh, is feàrr sibhse na 
mòran ghealbhonn. 

32 Uime sin ge b' e dh'aidich- 
eas mise am fianuis dliaoine, aid- 
icliidh mise esan mar an ceudna 
am fianuis m' Athar a ta air 
nèamh. 

33 Ach ge b' e dh'àicheadhas 
mise am fianuis dliaoine, ài- 
cheadhaidh mise esan am fianuis 
m' Athar a ta air nèamh. 

34 Xa measaibh gu 'n d'thàinig 
mise a chur sìthe * air an talamh : 
eha'n ann a chur sìthe a thàinig 
mi, ach a chur claidheimh; 

35 Oir thàinig mi a chur duine 
an aghaidli 'athar, agus na nigh- 
inn an aghaidh a màthar, agus 
bean a' mhic an aghaidh a 
màthar-chèile. 

36 Agus is iad muinntir a 
theaghlaich fèin a blaitheas 'nan 
naimhdibh do dhuine. 

37 An tì a ghràdhaicheas athair 
no màthair ni's mò na mise, cha'n 
airidh orm e^: agus an ti a 
ghràdhaicheas mac no nighean 
os mo cheann-sa, cha'n airidh 
orm e : 

38 Agus an ti nach glac a 
chrann-cèusaidh, agus nach lean 
mise, cha'n airidh orm e. 

39 An tì a gheibh 'anam, caill- 
idh se e : ach an tì a chailleas 
'anam air mo shonsa, gheibh se e. 

40 An 1ì a ghabhas ribhse, 
gabhaidh e riumsa ; agus an tì a 
ghabhas riumsa, gabhaidh e ris 
an Tì a chuir uaith mi. 

41 An tì a ghabhas ri fàidh an 
ainm fàidh, gheibh e duais fàidh ; 
agus an tì a ghabhas ri firean an 
ainm firein, gheibh e duais firein. 

' s'iochaint. • chn'n fhiìt e m 'se. 
19 



42 Agus ge b' e bheir cupan a 
dli'uisge fuar a mhàin r'a òl do 
aon neach do na daoinibh beaga 
so, an ainm deisciobuil, gu 
deimhin tha mi ag ràdh ribh, 
nach caill e air chor sam bith a 
dlmais. 

CAIB. XI. 

1 Chuir Eoin a dheisciobiiil a dh'ionnsuidh 
Chfiosd. 7 Fianuis Chfiosd mu thim- 
chioll Eoin. 18 Barail an t-sluaigh mu 
thimchioll Eoin agus mu thimchioll Chfiosd. 
20 Chronuich Cftosd muinntirBhetsaida, S^c. 
28 A ghairm tròcaireach do 'n t-sluagh a ta 
fo throm uallaich. 

AGUS thàrladh, an uair a 
chriochnaich losa àitheant- 
ana thabhairt d'a dhà dheisciobul 
deug, gu'n d'imich e as a sin a 
theagasg agus a shearmonachadh 
'nam bailtibh. 

2 A nis an uair a chual Eoin 
sa' phrìosan gnìomliara Chrìosd, 
chuir e dithis d' a dheisciobluibh 
d'a ionnsuidh, 

3 Agus thubhairt e ris, An tusa 
an Tì ud a bha ri teachd, no am 
bì sùil againn ri neach eile ? 

4 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e riu, Imichibh agus innsibh 
do Eoin na nithe a ta sibh a' 
chiinntinn agus a' faicinn : 

5 A ta na doiU a' faotainn^ an 
radliairc, agus na bacaich ag 
imeachd, a ta na lobhair air an 
glanadh, agus na bothair a' 
cluinntinn, a ta na mairbh air 
an dùsgadh, agus an soisgeid air 
a shearmonachadh do na bochd- 
aibh. 

6 Agus is beannaichte an tì 
nach faigh oilbheum annamsa. 

7 Agus air imeachd dhoibhsan 
air falbh, thòisich losa air labh- 

^ faghaiì. 
c 2 



MATA, XI. 



airt ris an t-sluagli mu thimchioll 
Eoin, ag ràdh, Ciod e an ni a 
chaidh sibh a mach do'n f hàsach 
a dh'f haicinn ? an i cuilc air a 
crathadh le gaoith ? 

8 Ach ciod e an ni a chaidh 
sibh a mach a dh'f haicinn 1 an e 
duine air a sgeadachadh ann an 
eudach mìn ? feuch, a' mhuinntir 
a chaitheas eudach m\n, is ann an 
tighibh nan rìghrean a ta iad. 

9 Ach ciod e an ni a chaidh 
sibh a mach a dh'f haicinn ? An 
e fàidh ? seadh, tha mi ag ràdh 
ribh, agus ni 's mò na fàidh. 

10 Oir is e so an Tì mu'm bheil e 
sgrìobhta, Feuch, cuiream-sa mo 
theachdair roimh do ghnùis, a 
dh'uHuicheas do shlighe romhad. 

11 Gu deimhin tha mi ag ràdh 
ribh, 'nam measg-san a rugadh 
le mnaibh, nach d'èirich neach 
a's mò na EoinBaiste : gidheadh, 
an tì sin a 's higha an rìoghachd 
nèimh, is mò e na esàn. 

12 Affus o làithibh Eoin Baiste 
gus a nis, a ta rioghachd nèimh 
a' fulang ainneirt, agus luchd na 
h-ainneirt 'ga glacadh le làmh- 
achas-làidir. 

13 Oir rinn na fàidhean uile, 
agus an lagh fàidheadaireachd 
gu àm Eoin. 

14 Agus ma's toil leibha ghabh- 
ail, is e so Elias a bha ri teachd. 

15 Ge b' e aig am bheil cluasan 
chum èisdeachd, èisdeadh e. 

16 Ach cò ris a shamhluicheas 
mise an ginealach so? Is cos- 
mhuil e ri cloinn a shuidheas anns 
a' mhargadh*, agus ag èigheach 
r'an companaich, 

17 Agus ag ràdh, Rinn sinne 

' anns na margaibh. 
20 



piobaireachd dhuibhse, ach cha 
d' rinn sibhse dannsa : rinn sinne 
tuireadh^ dhuibhse, ach cha 
d'rinn sibhse guL 

18 Oir thàinig Eoin cha'n ann 
ag itheadh no ag òl, agus tha iad 
ag ràdh, A ta deamhan aige. 

19 Thàinig Mac an duine ag 
itheadh agus ag òl, agus tha iad 
ag ràdh, Feuch, duine geòcach 
agus pòiteir fiona, caraid chìs- 
mhaor agus pheacach : ach a ta 
gliocas air a fireanachadh le a 
cloinn. 

20 An sin thòisich e air ach- 
mhasan a thabhairt do na bailt- 
ibh anns am mò a rinneadh d'a 
oibribh cumhachdach, air son 
nach d'rinn iad aithreachas. 

21 Is an-aoibhinn duit, a Cho- 
rasin ; is an-aoibhinn duit, a 
Bhetsaida: oir nam biodh na 
h-oibre cumhachdach a rinneadh 
annaibh-sa, air an dèanamh ann 
an Tirus agus ann an Sidon, is 
fada o 'n a dhèanadh iad aith- 
reachas ann an saic-eudach agus 
an luaith. 

22 Ach tha mi ag ràdh ribh, 
Gu'm bi staid Thiruis agus Shi- 
doin ni 's so-iomchaire ann an là 
a' bhreitheanais, na bhitheas 
bhur staid-sa. 

23 Agus thusa, a Chapernaum, 
a ta air do thogail suas gu nèamh, 
tilgear sios gu h-ifrinn thu : oir 
nam biodh na h-oibre cumhachd- 
ach a rinneadh annad-sa, air 
an dèanamh ann an Sodom, 
dh'fhanadh e giin a sgrios gus 
an diugh. 

24 Ach tha mi ag ràdh ribh, 
gur so-iomchaire a bhitheas e do 

caoine. 

I 



MATA, 



XI. XII 



fhearann Shodoim ann an là a' 
bhreitheanais, na dhuitse. 

25 Anns an àm sin fhreagair 
losa agus thubhairt e, Tha mi 
a' toirt buidheachais dhuit, O 
Athair, Thighearna nèimh agus 
na talmhainn, air son gu d'fhol- 
uich thu na nithe so o dhaoinibh 
eagnuidh agus tuigseach, agus gu 
d'fhoillsich thu iad do leanab- 
aibh. 

26 Seadh, Athair, do bhrìgh 
gu 'm b' ann mar sin a bha do 
dheadh thoil-sa. 

27 A ta na h-uile nithe air an 
tabhairt thairis dhomhsa o m' 
Athair : agus cha 'n aithne do 
neach air bith am Mac, ach do 'n 
Athair : ni mò is aithne do neach 
air bith an t-Athair, ach do'n 
Mhac, agus do gach aon d'an àiU 
leis a' Mhac fhoillseachadh. 

28 Thigibh a m' ionnsuidh-sa, 
sibhse uile a ta ri saothair, agus 
fuidh throm uallaich, agus bheir 
mise suaimhneas^ dhuibh. 

29 Gabhaibh mo chuing oirbh, 
agus fòghlumaibh uam, oir a ta 
mise macanta agus iriosaP an 
cridhe : agus gheibh sibh fois do 
bhur n-anamaibh. 

30 Oir a ta mo chuing-sa so- 
iomchair, agus a ta m' uallach 
eutrom. 

CAIB. XII. 

1 Chronuich Criosd doìlle nam Phàiriseach 
mu thimchioìl hrisidh na sàbuid, 3 le 
sgriobtuiribh, 11 le reuson, 13 agus le 
nùorbhuil. 22 Shlànuich e an duine dall 
agus balbh anns an robh deamhan. 31 Cha 
mhaithear toibhLum an aghaidh an Spioraid 
naoimh. 

CHAIDH losa san àm sin air 
là n a sàbaid troimh^ na 

^fois. ^ ùmhal. 

21 



h-achaibh arbhair, agus bha 
ocras air a dlieisciobuil, agus 
thòisich iad air diasan arbhair a 
bhuain, agus itheadh. 

2 Ach an uair a chunnaic na 
Phàirisich so, thubhairt iad ris, 
Feuch, a ta do dheisciobuil a' 
dèanamh an ni nach còir a 
dhèanamh air là na sàbaid, 

3 Agus thubhairt esan riu, Nach 
do leugh sibh ciod a rinn Daibh- 
idh an uair a bha ocras air fèin, 
agus air a' mhuinntir a bha maille 
ris ; 

4 Cionnus a chaidh e steach do 
thigh Dhè, agus a dh'ith e aran 
na fianuis *, nach robh ceaduichte 
dha fèin itheadh, no dhoibhsan 
a bha maille ris, ach do na sag- 
artaibh a mhàin ? 

5 No nach do leugh sibh san 
lagh, gu bheil na sagairt anns an 
teampull air làithibh na sàbaid 
a' briseadh na sàbaid, agus iad 
neò-chiontach ? 

6 Ach a ta mise ag ràdh ribh, 
gu bheil san ionad so neach a 's 
mò na 'n teampulL 

7 Agus nam biodh fhios agaibh 
ciod is ciall da so, Tròcair is àill 
leam agus cha 'n lobairt, cha dìt- 
eadh sibh an dream a ta neò- 
chiontach, 

8 Oir is e Mac an duine Tigh- 
earna na sàbaid, 

9 Agus air dha imeachd as a 
sin, chaidh e steach d' an sion- 
agog ; 

10 Agus, feuch, bha duine ann, 
aig an robh làmh sheargta : agus 
dh'fheòraich iad dheth, ag ràdh, 
Am bheil e ceaduichte leigheas a 
dhèanamh air làithibh na sàbaid? 

' tì-e, trid. * an t-aran taìsbeanta. 



MATA, XII. 



chum gu 'm biodh cùis dhitidh 
aca 'na aghaidh. 

11 Agus thubhairt esan riu, Cò 
agaibh-sa an duine, aig am bì aon 
chaora, agus ma thuiteas i ann an 
slochd air là na sàbaid, nach beir 
e oirre, agus nach tog e nios i ? 

12 Nach mòr ma ta is feàrr 
duine na caora ? Uime sin a ta e 
ceaduichte maith a dhèanamh 
air làithibh na sàbaid. 

13 An sin thubhairt e ris an 
duine, Sìn a mach do làmh : agus 
shìn e mach i ; agus bha i air a 
h-aiseag slàn, mar an làmh eile. 

14 Ach chaidh na Phàirisich a 
mach, agus chum iad comhairle 
'na aghaidh, ,GÌonnus a dh'fheud- 
adh iad a mhilleadh. 

15 Ach an uair a thuig losa 
so, dh'imich e as a sin : agus 
ìean slòigh mhòr e, agus leigliis 
e iad uile. 

16 Agus thug e sparradh dhoibh 
chum nach dèanadh iad aith- 
nichte^ e: 

17 A chum gu coimhliontadh 
an ni a labhradh le Esaias am 
fàidh, ag ràdh, 

18 Feuch, mo sheirbhiseach 
fèin a thagh mi ; m'aon gràdhach 
anns am bheil tlachd aig m'anam : 
cuiridh mi mo Spiorad fèin air, 
agus nochdaidh e breitheanas do 
na Cinnich. 

19 Cha dèan e stri, agus cha 
ghlaodh e ; ni mò a chluinneas 
neach air bith a ghuth air na 
sràidibh. 

20 Cha bhris e a' chuilc bhrùite, 
agus cha mhùch e an lìon as am 
bì deatach, gus an tabhair e mach 
breitheanas chum buaidh. 

^follus. 

22 



21 Agus is ann a ainm-san a 
bhitheas muinighinn aig na Cin- 
nich. 

22 An sin thugadh d' a ionn- 
suidh duine anns an robh deamh- 
an, dall agus balbh : agus shlàn- 
uich se e, ionnus gu 'n do labhair 
am balbhan agus gu 'n robh an 
dall a' faicinn. 

23 Agus ghabh am pobull uile 
iongantas, agus thubhairt iad, An 
e ^ so Mac Dhaibhidh ? 

24 Ach an uair a chuala 
na Phàirisich so, thubhairt iad, 
Cha'n 'eil amfear so a tilgeadh 
a mach dheamhan, ach troimh 
Bheelsebub prionnsa nan deamh- 
an. 

25 Agus thuig losa an smuaint- 
ean, agus thubhairt e riu, Gach 
rìoghachd a ta roinnte 'na h- 
aghaidh fèin, nithear 'na fàsach 
i ; agus gach uile bhaile no tigh 
a ta roinnte 'na aghaidh fèin, cha 
seas e. 

26 Agus ma thilgeas Sàtan a 
mach Sàtan, a ta e roinnte 'na 
aghaidh fèin ; air an aobhar sin 
cionnus a sheasas a rìoghachd ? 

27 Agus ma tha mise troimh 
Bheelsebub a' tilgeadh a mach 
dheamhan, troimh cò am bheil 
bhur clann-sa 'gan tilgeadh a 
mach? Uime sin bithidh iad 
'nam breitheamhnaibh oirbh : 

28 Ach ma's ann le Spiorad 
Dhè a ta mise a* tilgeadh a mach 
dheamhan, thàinig rìoghachd 
Dhè do bhur n-ionnsuidh-sa ^ 

29 No cionnus is urrainn neach 
dol do thigh duine làidir, agus 
airneis a thighe a chreachadh, 
mur ceangail e air tùs an duine 

^ Nach e? ^ thugaibU-se, 



MATA, Xir. 



làidir ? agus an sin creachaidh e 
a thigh. 

30 An tl nach 'eil leam, tha e 
a m' aghaidh ; agus an tì nach 
cruinnich leam, sgapaidh e. 

31 Air an aobhar sin tha mi ag 
ràdh ribh, Gu maithear gach 
peacadh agus gach toibheum do 
dhaoinibh: gidheadli cha mhaith- 
ear toibheum an aghaidh an 
Spioraid Naoinih do dhaoinibh. 

32 Agus ge b' e neach a labhras 
focal an aghaidh Mhic an duine, 
maithear dha e : ach ge b' e 
neach a labliras an aghaidh an 
Spioraid Naoimh, cha mhaithear 
dha e, anns an t-saoghal so, no 
anns an t-saoghal a ta ri teachd. 

33 An dara cuid dèanaibh a^ 
chraobh maith, agus a toradh 
maith ; no dèanaibh a' chraobh 
truaiUidh, agus a toradh truaill- 
idh : oir is ann air a toradh a 
dh'aithnichear a' chraobh. 

34 A shliochd nan nathraiche 
nimhe, cionnus a dh'fheudas 
sibh nithe maitlie a labhairt, o a 
ta sibh fèin olc? oir is ann à 
pailteas a' chridhe a labhras am 
beul. 

35 Bheir duine maith a mach 
nithe maithe à deadh ionmhas a 
chridhe^: agas bheir an droch 
dhuine mach droch nithe as a 
dhroch ionmhas. 

36 Ach tha mi ag ràdh ribh, 
Gu 'n toir ^ daoine cunntas ann an 
là a' bhreitheanais air son gach 
focail dhìomhain a labhras iad. 

37 Oir Ì3 ann le^ d'fhoclaibh a 
shaorar thu, agus is ann le d'f hoc- 
laibh a dhitear thu. 

38 An sin fhreagair dream 

, ' as a dheadh ionmhas. 
23 



àraidh do na sgrìobhaichean agus 
do na Phàirisich, ag ràdh, A 
mhaighstir, bu mhiann leinn 
comhara fhaicinn uait. 

39 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e riu, A ta ginealach 
olc agus adhaltrannach ag iarr- 
aidh comhara, agus cha toirear 
comhara dhoibh, ach comhar' an 
fhàidh lonais. 

40 Oir mar a bha lonas am 
broinn na muice-mara trì làith- 
ean agus trì oidhchean ; is ann 
mar sin a bhitheas Mac an duine 
ann an cridhe na talmhainn trì 
làithean agus trì oidhchean. 

41 Eiridh muinntir Ninebheh 
sa' bhreitheanas maille ris a' 
ghinealach so, agus dìtidh iad e ; 
oir rinn la d aithreachas aig sear- 
moin lonais ; agus, feuch, a ta 
ni 's mò na lonas an so. 

42 Eiridh ban-rìghinn na h- 
àirde deas sa' bhreitheanas maille 
ris a' ghinealach so, agus dìtidh 
i e : oir thàinig i o na h-àitibh 
a *s iomallaieh do 'n talamh a 
dh'èisdeachd gliocais Sholaimh ; 
agus, feuch, a ta ni 's mò na So- 
lamh an so. 

43 An dèigh do 'n spiorad neò- 
ghlan dol a mach à duine, imich- 
idh e troimh ionadaibh tiorma, 
ag iarraidh fois, agus cha 'n 
fhaigli e. 

44 An sin their e, Pillidh mi 
do m' thigh as an d'thàinig mi ; 
agus air teachd dha, gheibh e 
falamh, sguabta, agus deadh- 
mhaiseach e. 

45 Imichidh e an sin, agus 
bheir e leis seachd spioraid eile 
a 's miosa na e fèin, agus thèid 

^ tabhair. ^ as, d. 



MATA, XII. XIII. 



iad a steach agus gabhaidh iad 
còmhnuidh an sin : agus bithidh 
staid dheireannach an duine sin 
ni's miosa na a thoiseach. Is 
ann eadhon mar sin a thachaireas 
do 'n ghinealach aingidh so. 

46 Agus air dha bhi fathast a' 
labhairt ris a' phobull, feuch, 
sheas a mhàthair agus a bhràith- 
rean a muigh, ag iarraidh labh- 
airt ris. 

47 An sin thubhairt neach èigin 
ris, Feuch, a ta do mhàthair, 
agus do bhràithrean 'nan seas- 
amh a muigh, ag iarraidh labh- 
airt riut. 

48 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e ris an tì a dh'innis 
so dha, Cò i mo mhàthair ? agus 
cò iad mo bhràithrean ? 

49 Agus air smeadh a làimhe 
chum a dheisciobul, tliubhairt e, 
Feuch mo mhàthair, agus mo 
bhràithrean ! 

50 Oir ge b' e neach a nì toil m' 
Athar-sa a ta air nèamh, is e sin 
fèin mo bhràthair, agus mo 
phiuthar, agus mo mhàthair. 

CAIB. XIII. 

1 Cosamhlachd an t-sìoladair agus an t-s)l, 
18 air eadar-mh''ineachadh. 24 Cosamh- 
lachd a' chogail ; 31 an t-s)l mhustaird ; 
33 na laibhin ; 44 an ionmhnis fholaichte ; 
45 agus na nèamhnuid. 54 Rinn muinntir 
a dh thcha tùir air Criosd. 

AIR an là sin fèin chaidh losa 
mach as an tigh, agus 
shuidh e ri taobh na fairge. 

2 Agus chruinnich sluagh mòr 
d' a ionnsuidh, air chor as air dol 
a steach do hiing dha, gu 'n do 
shuidh e ; agus sheas an sluagh 
uile air an tràigh. 

3 Agus labhair e mòran do 

24 



nithibh riu ann an cosamhlach- 
daibh^, ag ràdh, Feuch, chaidh 
sioladair a mach a chur sìl. 

4 Agus ag cur an t-sìl da, thuit 
cuid dheth ri taobh an rathaid ; 
agus thàinig na h-eunlaith agus 
dh'ith iad e. 

5 Thuit cuid air ionadaibh 
creagach, far nach robh mòran 
talmhainn aige ; agus air ball dh'- 
f hàs e suas, do bhrìgh nach robh 
doimhneachd talmhainn aige. 

6 Ach air èirigh do'n ghrèin 
dhothadh e ; agus, do bhrìgh 
nach robh freumh aige, shearg 
e as. 

7 Agus thuit cuid am measg 
droighinn : agus dh'fhàs an 
droighionn suas, agus mhùch se e. 

8 Ach thuit cuid eile am fear- 
ann maith, agus thug e toradh a 
mach, cuid a cheud uiread, cuid 
a thrì fichead, cuid a dheich thar 
fhichead uiread 'sa chuireadh. 

9 Ge b' e neach aig am bheil 
cluasa chum èisdeachd, èisd- 
eadh e. 

10 Agus thàinig na deisciobuil, 
agus thubhairt iad ris, C'ar son 
a ta thu a' labhairt riu ann an 
cosamhlachdaibh ? 

11 Fhreagair esan agus thubh- 
airt e riu, Do bhrigh gu'n 
d'thugadh dhuibh-sa eòlas a bhi 
agaibh air rùn dìomhair rìogh- 
achd nèimh, ach dhoibhsan cha'n 
'eil so air a thoirt. 

12 Oir ge b' e neach aig am 
bheil, dhasan bheirear, agus bith- 
idh aige an tuilleadh pailteis: 
ach ge b' e neach aig nach 'eil, 
uaithsan bheirear eadhon an ni 
a ta aige. 

* parablaibh, comhadaibh. 



MATA, Xlir. 



13 Uime sin a ta mise a' labh- 
airt riu ann an cosamhlaclidaibh, 
do bhrìgh air dhoibh faicinn nach 
faic iad, agus a' cluinntinn nach 
cluinn iad, agus nach tuig iad. 

14 Agus annta-san a ta fàidh- 
eadaireachd Esaiais air a coimh- 
lionadh, a ta 'g ràdh, Le h-èisd- 
eachd cluinnidh sibh, agus cha 
tuig sibh ; affus le h-amharc chì 
sibh, agus cha'n aithnich sibh. 

15 Oir a ta cridhe a' phobuill 
so air fàs reamhar, agus an cki- 
asan mall chum èisdeachd, agus 
dhruid iad an sùilean ; air eagal 
uair air bith gu 'm faiceadh iad 
le'n sùilibh, agus gu'n cluinneadh 
iad le'n chiasaibh, agus gu'n tuig- 
eadh iad le 'n cridhe, agus gu'm 
biodh iad air an iompachadh, 
agus gu 'n slànuichinn-sa iad. 

16 Ach is beannaichte bhur 
sùilean-sa, oir a ta iad a' faicinn ; 
agus bhur cluasan, oir a ta iad a' 
cluinntinn. 

17 Oir tha mi ag ràdh ribh gu 
fireannach, Gu'm b'iomadh fàidh, 
agus firean leis am bu mhiann 
na nithe so fhaicinn a ta sibhse 
a' faicinn, agus nach fac siad iad : 
agus na nithe so chluinntinn a 
ta sibhse a' cluinntinn, agus nach 
cual iad. 

18 Eisdibh air an aobhar sin ri 
cosamhlachd an t-sìoladair. 

19 An uair a chluinneas neach 
air bith focal na rìoghachd, agus 
nach toir e fa'near e\ thig an 
droch spiorad, agus bheir e air 
falbh an ni a chuireadh 'na 
chridhe : is e so esan anns an do 
chuireadh an sìol ri taobh an 
rathaid. 

' nach tuig se e. 

25 



20 Ach esan a fhuair sìol ann 
an àitibh creagach is e so an tì 
a chluinneas am focal, agus a 
ghabhas e air ball le gàirdeachas ; 

21 Gidheadh cha 'n 'eil freumh 
aige ann fèin, ach fanaidh e rè 
tamuill : agus an uair a thig 
trioblaid no geur-leanmhuinn 
air son an f hocail, air ball gheibh 
e oilbheum. 

22 Esan mar an ceudna a ghabh 
sìol am measg an droighinn, is e 
so an tì a ta 'cluinntinn an fhoc- 
ail ; agus a ta ro-chùram an 
t-saoghail so, agus mealltair- 
eachd beartais a' mùchadh an 
fhocail, agus bithidh e gun 
toradh. 

23 Ach an tì ud a ghabh sìol 
ann an deadh fhearann, is e sin 
an neach a ta 'cluinntinn an 
f hocail, agus 'ga thoirt fa'near ; 
neach mar an ceudna ta 'giùlan 
toraidh, agus a ta toirt a mach 
cuid a cheud uiread, cuid a thrì 
fichead, agus cuid eile a dheich 
thar fhichead uiread 'sa chiir- 
eadli. 

24 Chuir e cosamhlachd eile 
mach dhoibh, ag ràdh, Is cos- 
mhuil rìoghachd nèimh ri duine 
a chuir siol maith 'na fhearann : 

25 Agus an uair a bha daoine 
'nan codal, thàinig a nàmhaid 
agus chuir e cogal am measg a' 
chruithneachd, agus dh'imich e 
roimhe. 

26 Ach an uair a thàinig an 
t-arbhar fuidh dhèis, agus a thug 
e mach a thoradh, dh'fhoillsich 
an cogal e fèin mar an ceudna. 

27 Agus air teachd do sheirbh- 
isich fhir-an-tighe thubhairt iad 

^ clochach. 



MATA, XIII. 



ris, A Thighearna, nach do chuir 
thusa siol maith ann ad fhear- 
ann ? c' àite, ma seadh, as an 
d'f huair e an cogal ? 

28 Thubhairt esan riu, Rinn 
nàmhaid èigin so. Agus thubh- 
airt na seirbhisich ris, An àill 
leat, uime sin, gu 'n tèid sinne 
agus gu'n cruinnich sinn ri chèile 
iad? 

29 Ach thubhairt esan, Cha'n 
àill ; air eagal 'nuair a chruinn- 
icheas sibh an cogal, gu spion 
sibh an cruithneachd maille ris. 

30 Leigibh leo fàs araon gus 
an tig am fogharadh : agus an 
àm an fhogharaidh their mise 
ris an luchd-buanaidh, Cruinn- 
ichibh air tùs an cogal, agus 
ceanglaibh e 'na cheanglachan- 
aibh^ chum a losgaidh : ach 
cruinnichibh an cruithneachd do 
m' shabhal. 

31 Chuir e mach cosamhlachd 
eile dhoibh, ag ràdh, A ta rìogh- 
achd nèimh cosmhuil ri gràinne 
do shìol mustaird, a ghabh neach 
agus a chuir e 'na fhearann. 

32 Ni gun amharus a 's lugha 
do gach uile phòr^: gidheadh 
air fàs da, is e a 's mò do na 
luibheanaibh, agus fàsaidh e 'na 
chrann : ionnus gu 'n tig eunlaith 
an athair, agus gu 'n dèan iad nid 
'na gheugaibh. 

33 Cosamhlachd eile labhair e 
riu ; Is cosmhuil rìoghachd 
nèimh ri taois ghoirt^, a ghabh 
bean agus a dh'f holaich i ann an 
trì tomhasaibh mine, gus an do 
ghoirticheadh an t-iomlan. 

34 Na nithe sin uile labhair 
losa ris a' phobull ann an cosamh- 

* thrumichibh. ^ ros. ^ laibhin. 
26 



lachdaibh ; agus gun chosamh- 
lachd cha do labhair e riu : 

35 A chum gu coimhliontadh 
an ni a labhradh leis an fhàidh, 
ag ràdh, Fosglaidh mi mo bheul 
ann an cosamhlachdaibh, cuir- 
idh mi 'n cèill nithe a bha fol- 
aichte o thoiseach an t-saoghail*. 

36 An sin chuir losa am pobull 
air falbh, agus chaidh e steach 
do 'n tigh : agus thàinig a dheis- 
ciobuil d'a ionnsuidh, ag ràdh, 
Mìnich dhuinne cosamhlachd 
cogail an fhearaiVm. 

37 Agus fhreagair esan agus 
thubhairt e riu, An tì a chuireas 
an sìol maith is e Mac an duine e : 

38 'S e 'm fearann an domhan : 
agus is e an sìol maith clann na 
rìoghachd : ach is e an cogal 
clann an droch spioraid : 

39 'S e an nàmhaid a chuir iad 
an diabhul : 's e am fogharadl) 
deireadh an t-saoghail : agus is 

I iad na buanaichean na h-aingil. 

[ 40 Agus amhuil mar a chruinn- 
ichear an cogal, agus a loisgear le 
teine e, is ann mar sin a bhitheas 
ann an deireadh an t-saoghail so. 

41 Cuiridh Mao an duine 'aingil 
uaith, agus tionailidh iad as a 
rìoghachd na h-uile nithe a bheir 
oilbheum, agus iadsan a ta dèan- 
amh aingidheachd ; 

42 Agus tilgidh siad iad anns 
an àrahuinn air dearg-lasadh : 
an sin bithidh gul agus giosgan 
fhiacal. 

43 An sin dealraichidh na 
fìreana mar a' ghrian, ann an 
rìoghachd an Athar fèin. Ge 
b' e aig am bheil cluasa chum 
èisdeachd, èisdeadh e. 

leagndh bunaite an domhain. 



MATA, Xlir. XIV. 



44 A ris, a ta rìoghachd nèimh 
cosmhuil ri ionmhas air fholach 
am fearann ; ni an dèigh fhaot- 
ainn, a dh'fholaich duine, agus 
air sgàth a ghàirdeachais air a 
shon, dh'imich e agus reic e na 
bha aige uile, agus cheannaich e 
am fearann sin. 

45 A rìs, is cosmhuil rìoghachd 
nèimh ri ceannaiche àraidli ag 
iarraidh nèamhnuide maiseach : 

46 Agus air amas^ da air aon 
nèamhnuid ro-luachmhoir, dh'- 
imich e agus reic e na bha aige, 
agus cheannaich e i. 

47 A rìs, a ta rìoghachd nèimh 
cosmhuil ri lìon air a thilgeadh 
san fhairge, agus a chruinnich 
do gach uile sheòrsa èisg: 

48 Agus air dha bhi làn, tharr- 
uing na h-iasgairean e chum na 
tràighe, agus air suidhe dhoibh, 
chruinnich iad na h-èisg mhaithe 
ann an soithichibh, ach thilg iad 
na droch èisg a mach. 

49 Is ann mar sin a bhitheas 
ann an deireadh an t-saoghail : 
thèid na h-aingil a mach, agus 
dealaichidh iad na droch dhaoine 
à measg nam fireanach ; 

50 Agus tilgidh siad iad san 
àmhuinn theinntich : an sin bith- 
idh gul agus gìosgan fhiacal. 

51 Thubhairt losa riu, An do 
thuig sibh na nithe so uile ? 
thubhairt iad ris, Thuig, a Thigh- 
èarn. 

52 Agus thubhairt esan riu, Air 
an aobhar sin, gach uile sgrìobh- 
aiche a ta fòghluimte chum rìogh- 
achd nèimh, is cosmhuil e ri 
fear-tighe, a bheir a mach as 
'ionmhas nithe nuadha agus sean, 

' airmseachd. 

27 



53 Agus thachair an uair a 
chrìochnaich losa na cosamh- 
lachda so, gu 'n d'imich e as a sin. 

54 Agus an uair a thàinig e d' a 
dhùthaich fèin, theagaisg e iad 
'nan sionagog, ionnus gu'n do 
ghabh iad iongantas, agus gu 'n 
dubhairt iad, C ait an d'fhuair 
am fear so an gliocas so, agus na 
feartan ud? 

55 Nach e so mac an t-saoir? 
nach e ainm a mhàthar Muire ? 
nach iad a bhràithre, Seumas, 
agus loses, agus Simon, agus lu- 
das? 

56 Agus a pheathraiche, nach 
'eil iad uile maille ruinn? c'àit 
uime sin an d'fhuair an duine so 
na nithe ud uile ? 

57 Agus fhuair iad oilbheum 
ann. Ach thubhairt losa riu, 
Cha 'n 'eil fàidh gun urram, ach 
'na dhùthaich fèin, agus 'na thigh 
fèin. 

58 Agus cha d'rinn e mòran do 
oibribh cumhachdach an sin, air 
son am mì-chreidimh. 

CAIB. XIV. 

1 Barail Heroid mu thimchìoll Chriosd. 
3 Chaidh an ceann a hhuntuinn a dh'Eoin 
Baiste. 13 Chaidh losa gu ionad fùsuil, 
15 fur an do hheathaich e cùig mìle feur le 
cuig aranaibh, agus dà iasg. 22 Dh'imich 
e air an fhairge a dh'ionnsuidh a dheisciobul. 
34 Shlànuich e sluagh a bha euslan. 

SAN àm sin chual Herod an 
Tetrach cliù losa. 

2 Agus thubhairt e r' a sheirbh- 
isich, Is e so Eoin Baiste ; dh'- 
èirich e o na marbhaibh, agus 
uime sin a ta feartan air an oib- 
reachadh leis. 

3 Oir'nuair a ghlac HerodEoin, 
cheangail se e, agus thilg e am 



MATA, XIV. 



prìosan e air son Herodiais, mnà 
Philip a bhràthar fèin. 

4 Oir thubhairt Eoin ris, Cha'n 
'eil 6 dligheach dhuit i bhi agad. 

5 Agus an uair bu mhiann leis 
a chur gu bàs, bha eagal a' phob- 
uill air, oir bha meas faidh aca 
air. 1 

6 Ach an uair a bha co-ainm 
là-breithe Heroid air a chumail, 
rinn nighean Herodiais dannsa 
'nan làthair, agus thaitinn i ri 
Herod : 

7 lonnus gu'n do gheall e le 
mionnaibh, gu tugadh e dh' i ge 
b' e air bith ni a dh'iarradh i. 

8 Agus air dh' ise bhi air a teag- 
asg le a màthair roimh làimh, 
thubhairt i, Thoir ' dhomh an so 
ceann Eoin Baiste air mèis. 

9 Agusbha'nrìghdoilich : ach 
air son a mhionnan, agus na 
muinntir a bha 'nan suidhe aig 
biadh maille ris, dh'àithn e a 
thabhairt cV i. 

10 Agus air cur fir-marhhaidh 
uaith, bhuin e a cheann do Eoin 
anns a' phrìosan. 

11 Agus thogadh a cheann air 
mèis, agus thugadh do'n chailin 
e : agus thug ise d' a màthair e. 

12 Agus thàinig a dheisciobuil, 
agus thug iad an corp leo, agus 
dh'adhlaic iad e, agus thàinig 
iad agus dh'innis iad shi do losa. 

13 An uair a chual losa so, 
chaidh e as a sin air luing gu 
ionad fasail air leth : agus an 
uair a chual am pobull sin, lean 
iad d' an cois e as na bailtibh. 

14 Agus air dol a mach do losa, 
chunnaic e coimhthional mòr, 
agus ghabh e truas mòr dhiubh, 

' Tabhair. 

28 



agus shlànuich e an dream aca 
bha euslan. 

15 Agus an uair a b'fheasgar e, 
thàinig a dheisciobuil d 'a ionn- 
suidli, ag ràdh, Is àite fasail so, 
agus a ta an t-àm a nis air dol 
seachad ; cuir an sluagh air falbh, 
chum gu'n tèid iad do na bailt- 
ibh, agus gu'n ceannaich iad 
biadh dhoibh fèin. 

16 Ach thubhairt losa riu, Cha 
ruig iad a leas falbh ; thugaibh- 
sa dhoibh r' a itheadh. 

17 Agus thubhairt iad ris, Cha'n 
'eil againn an so ach cùig arain 
agus dà iasg. 

18 Thubhairt esan riu, Thug- 
aibh an so iad a m' ionnsuidh-sa. 

19 Agus dh'àithn e do'n t-sluagh 
suidhe sios air an fheur, agus 
ghlac e na cùig arain, agus an dà 
iasg, agus air amharc dha suas 
gu nèamh, bheannaich agus bhris 
e, agus thug e na h-arain d' a 
dheisciobluibh, agus thug na deis- 
ciobuil do'n t-sluagh iad. 

20 Agus dh'ith iad uile, agus 
shàsuicheadh iad : agus thog iad 
làn dà chliabh dheug do'n bhiadh 
bhriste, a bha dh'f huigheall ^ aca. 

21 Agus blia iadsan a dh'ith 
mu thimchioll cùig mìle fear, 
thuilleadh air mnaibh agus air 
cloinn. 

22 Agus air ball cho-èignich 
losa a dheisciobuil gu dol an 
luing, agus dol roimhe do'n taobh 
eile, gus an cuireadh esan an 
sluagh air falbh. 

23 Agus an uair a leig e an 
sluagh uaith, chaidh e suas air 
beinn 'na aonar a dhèanamh ùr- 
nuigh : agus an uair a bha am 

" builionna. ^ dh'/huighleach. 



MATA, XIV. XV. 



feasgar air teachd, bha e an sin 
'na aonar. 

24 Ach bha an long san àm sin 
am meadhon na fairge, air a tilg- 
eadh a null agus a nall leis na 
tonnaibh : oir bha a' ghaoth 'nan 
aghaidh. 

25 Agus anns a' cheathramh 
faire do 'n oidhche, chaidh losa 
d' an ionnsuidh, ag imeachd air 
an fhairge. 

26 Agus an uair a chunnaic na 
deisciobuil e ag imeachd air an 
fhairge, bha iad fo bhuaireas, ag 
ràdh, Is spiorad a ta ann ; agus ' 
ghlaodh ^ iad a mach le h-eagal. 

27 Ach labhair Tosa riu air ball, 
ag ràdh, Biodh misneach mhaith 
agaibh ; is mise a ta ann, na i 
biodh eagal oirbh. 

28 Agus fhreagair Peadar e 
agus thubhairt e, A Thighear- 
na, ma 's tu a ta ann, iarr orm- 
sa teachd a d' ionnsuidh air na 
h-uisgeachaibh. 

29 Agus thubhairt esan, Thig. 
Agus an uair a bha Peadar air 
teachd a nuas as an luing, dh'- 
imich e air na h-uisgeachaibh, 
chum teachd gu h-Iosa. 

30 Ach an uair a chunnaic e a' 
ghaoth làidir, ghabh e eagal : | 
agus an uair a thòisich e air dol 
fuidh, ghlaodli e, ag ràdh, A 
Thighearna, fòir orm. | 

31 Agus air ball shìn losa mach ' 
a làmh, agus rug e air, agus 
thubhairt e ris, O thusa air bheag 
creidimh, c' ar son a bha thu fo 
amharus ? 

32 Agus an uair a chaidh iad 
a steacli do 'n luing, choisg a' 
ghaoth. 

' dh'èigh. 

29 



33 An sin thàinig iadsan a bha 
san luing, agus rinn iad aoradh 
dha, ag ràdh, Gu firinneach is tu 
Mac Dhè. 

34 Agus an uair a chaidh iad 
do 'n taobh eile, thàinig iad gy 
talamh Ghenesaret. 

35 Agus an uair a fhuair luclid 
an àite sin fiosrachadh uime, 
chuir iad fios air feadh na tìre 
sin uile air gach taobh dhiubh, 
agus thug iad d' a ionnsuidh an 
dream sin uile a bha euslan. 

36 Agus ghuidh iad air, gu 
feudadh iad beantuinn ri iomall 
'eudaich a mhàin : agus a mheud 
dhiubh as a bhean, shlànuicheadh 
gu h-iomlan iad. 

CAIB. XV. 

1 Chronuìch Crwsd na sgriohhaichean agus 
na Phàirisich air son àitheanta Dhè a 
hhriseadh le'n gnàthachadh-san ; 11 tha e 
a' teagasg nach e an ni a thèid a stcach do'n 
hheul a thruaiUeas an duine. 21 ÌShlànuich 
e nighean na mnà do nihuinntir Chanaain. 
32 Shàsuich e ceithir mìle fear.^ Sjc. le seachd 
arain, agus k heagan a dh' iasgaibh heaga. 

AN sin thàinig sgrìobhaich- 
ean agus Phàirisich o Te- 
rusalem gu losa, ag ràdh, 

2 C'ar son a ta do dheisciobuil 
a' dol an aghaidh gnàthachaidh 
nan sinnsear ? oir cha 'n ionnlaid 
iad an làmhan an uair a dh'itheas 
iad aran. 

3 Ach f hreagair esan agus thubh- 
airt e riu, C'ar son a ta sibhse a' 
briseadh àithne Dhè le bhur 
gnàthachadh fèin ? 

4 Oir thug Dia àithne, ag ràdh, 
Thoir urram do t'athair agus do 
d' mhàthair : agus ge b' e mhall- 
aicheas^ 'athair no 'mhàthair, 
cuirear gu bàs e. 

^ chàincas. 



MATA, XV. 



5 Ach their sibhse, Ge b'e neach 
a their r' a athair no r' a mhàthair, 
Biodh e 'na thiodhlac do 'n team- 
puU gach ni leis am feudadh tu 
buannachd f haotainn uamsa ; 

6 Nach feum e urram a thabh- 
airt d' a athair no d' a mhàthair. 
Mar sin chuir sibhse an neò- 
bhrigh àithne Dhè le bhur gnàth- 
achadh fèin. 

7 A chealgairean, is maith a 
rinn Esaias ^ fàidheadaireachd m' 
ur timchioll, ag ràdh, 

8 A ta an sluagh so a' dlùth- 
achadh riumsa le 'm beul, agus 
a' toirt urraim dhomh le'mbilibh : 
ach a ta an cridhe fada uam. 

9 Ach is ann an dìomhanas a ta 
iad a' dèanamh aoraidh dhomh- 

teagasg àitheanta dhaoine 
mar theagasg. 

10 Agus air gairm an t-slòigh 
dha, thubhairt e riu, Eisdibh 
agus tuigibh : 

11 Cha 'n e an ni a thèid a 
steach sa' bheul a shalaicheas an 
duine ; ach an ni a thig a mach 
as a' bheul, is e so a shalaicheas 
an duine. 

12 An sin thàinig a dlieisciob- 
uil, agus thubhairt iad ris, Am 
bheil fhios agad gu'n do ghabh 
na Phàirisich oilbheum, an dèigh 
dhoibh na briathranud a chluinn- 
tinn? 

13 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e, Gach uile luibh nach 
do shuidhich m' Athair nèamh- 
aidh-sa, spìonar à bhun e. 

14 Leigibh leo : is cinn-iuil 
dhall nan dall iad. Agus ma 
threòraicheas dall dall eile, tuit- 
idh iad araon anns a' chlais. 

' Tsaiah. 

30 



15 Agus fhreagair Peadar agus 
thubhairt e ris, Mìnich dhuinn 
a' chosamlachd sin. 

16 Agus thubliairt losa, Am 
bheil sibhse fathast mar an ceud- 
na gun tuigse ? 

17 Nach 'eil sibh a' tuigsinn 
fathast ge b' e ni a thèid a steach 
sa' bheul, gu 'n tèid e sa' bhroinn, 
agus gu'n tilgear a mach do'n 
t-slochd shalchair e ? 

18 Ach na nithe sin a thig a 
mach as a' bheul, a ta iad a' 
teachd o 'n chridhe, agus is iad 
sin a shalaicheas an duine. 

19 Oir is ann as a' chridhe thig 
droch smuainte, mortadh, adhalt- 
rannas, strìopachas, gadachd'^, 
fìanuis bhrèige, toibheum. 

20 Is iad so na nithe a shalaich- 
eas an duine : ach itheadh le 
làmhaibh gun ionnlad,cha salaich 
sin an duine. 

21 Agus air dol do losa as a 
sin, chaidh e gu crìochaibh Thir- 
uis agus Shidoin. 

22 Agus, feuch, thàinig bean do 
mhuinnth' Chanaain o na crìoch- 
aibh sin, agus ghlaodh i ris, ag 
ràdh, Dèan tròcair orm, a Thigh- 
earn, a Mhic Dhaibhidh ; a ta 
mo nighean air a buaireadh gu 
truagh le deamlian, 

23 Ach cha d' thug esan freag- 
radh sam bith dh' i. Agus tliàin- 
ig a dheisciobuil d' a ionnsuidh, 
agus dh'iarr iad air, ag ràdli, 
Cuir air falbh i, oir tha i a' 
glaodhaich 'nar dèigh. 

24 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e, Cha do chuireadh 
mise ach a chum chaorach chaill- 
te thighe Israeih 

^ gaduigheachd. 



MATA, XV. XVI. 



25 An sin thàinig ise agiis rinn 
i aoradh dlia, ag ràdh, A Thigh- 
earna, cuidich leam^ 

26 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e, Cha chòir aran na 
cloinne a ghlacadh, agus a tliilg- 
eadh chum nan con. 

27 Agus thubhairt ise, Is fior, 
a Thighearn : acli ithidli na coin 
do 'n sbruileacli" a thuiteas o 
bhòrd am maiglistirean. 

28 An sin fhreagair losa agus 
thubhairt e rithe, O bhean, is 
mòr do chreidimh : biodh e dliuit 
mar is toil leat. Agus rinneadh 
a nigliean slàn o 'n uair sin a 
mach. 

29 Agus air imeachd do losa as 
a sin thàinig e làimh ri fairge 
Ghalile ; agus an uair a chaidh e 
suas airbeinn,sliuidh e sìos an sin. 

30 Agus thàinig mòr-shluagh 
d' a ionnsuidh, agus aca maille 
riu bacaich, doill, balbhain, daoine 
ciurramach, agus mòran eile, agus 
thilg iad sìos aig cosaibh losa 
iad, agus shlànuich e iad : 

31 lonnus gu 'n do ghabh an 
sluagh iongantas 'nuair a chunn- 
aic iad na balbhain a' labhairt, 
na daoine ciurramach slàn, na 
bacaich ag imeachd, agus na 
doiU a' faicinn : agus thug iad 
glòir do Dhia Israeil. 

32 An sin ghairm losa a dheis- 
ciobuil d' a ionnsuidh, agus thubh- 
airt e, A ta mi a' gabhail truais 
do 'n t-sluagh, oir dh'fhan iad 
maille rium a nis rè thrì làitliean, 
agus cha'n 'eil ni air bith aca 
r' a itheadh : agus cha chiiir mi 
uam 'nan trasg iad, air eagal gu 

^ fòir orm. 
'crumbs. Sasg. 

31 



fannuich iad air an t-slighe. 

33 Agus thubhairt a dheisciob- 
uil ris, Cia as a gheibheamaid na 
h-uiread a dh'aran san fhàsach, 
as bu leòir a shàsuchadli slòigh 
co mhòr ? 

34 Agus thubhairt losa riu, Cia 
lìon aran a ta agaibh ? agus 
thubhairt iadsan, Seachd, agus 
beagan a dh'iasgaibh beaga. 

35 Agus dh'àithn e do'n t-sluagh 
suidhe sìos air an làr. 

36 Agus air glacadh nan seachd 
aran agus nan iasg dha, agus air 
tabliairt buidheachais bhris e 
iad, agus thug e d' a dheisciob- 
luibh, agus thng na deisciobuil 
do'n t-sluagh iad. 

37 Agus dh'ith iad uile, agus 
shàsuicheadh iad : agus thog iad 
do'n bhiadh bhriste a dh'f hàgadli 
làn sheachd bascaid. 

38 Agus b' iad a' mhuinntir a 
dh'ith, ceithir mile fear, thuill- 
eadh air mnaibh agus air cloinn. 

39 Agus air dha an sluagh a 
leigeadh uaith, chaidh e air luing, 
agus thàinig e gu crìochaibh 
Mhagdala. 

CAIB. XVI. 

1 Dh'iarr na Phàirisich eomhara. 6 Thug 
losa rahhadh cCa dheisciobluibh mu thim- 
chioll droch theagaisg nam Phàiriseach agiis 
nan Sadusach. 13 Barail an t-sluaigh mu 
thimchioll Chfiosd. 21 Roìmh-hmis e a 
bhàs ; 23 chronuich e Peadar j 24 agus 
chuir e mar fhiachaibh orra-san le'm h' àill 
a leantuinn, an crann-cèusaidh a ghiulan. 

AGUS air teachd do na Phài- 
risich agus do na Sadusaich 
'g a dhearbhadh*, dh'iarr iad air 
comhar' a nochdadh dlioibh o 
nèamh. 

■' air breth huidheachais. 

*'g a fheuchainn, 'g a bhuaircadh. 



MATA, XVI. 



2 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e riu, An uair is feasg- 
ar e, their sibh, Eithidh deadh 
aimsir ann; oir a ta an t-athar 
dearg : 

3 Agus air maduinn, Bithidh 
droch aimsir ann an diugh ; oir 
a ta an t-athar dearg agus dorcha. 
A chealgairean, is aithne dhuibh 
breth a thoirt air gnùis an athair, 
agus nach 'eil e 'n comas duibh 
comharan nan aimsir a thuig- 
sinn ? 

4 A ta ginealach aingidh agus 
adhaltrannach ag iarraidh comh- 
ara, agus cha toirear comhara 
dhoibh, ach comhar' an fhàidh 
lonais. Agus air dha am fàgail, 
dh'imich e as a sin. 

5 Agus an uair a thàinig a dheis- 
ciobuil a dh'ionnsuidh na taoibh 
eile, dhìchuimhnich iad aran a 
thabhairt leo. 

6 Agus thubhairtIosariu,Thug- 
aibh an aire, agus glèidhibh sibh 
fèin o thaois ghoirt nam Phàiri- 
seach, agus nan Sadusach. 

7 Agus bha iad a' reusonachadh 
eatorra fèin, ag ràdh, Is ann air 
son nach d'thug sinn aran leinn. 

8 Agus 'nuair a thuig losa sìn, 
thubhairt e riu, O sibhse air bheag 
creidimh, c' ar son a ta sibh a' 
reusonachadh eadaraibh fèin, gur 
ann a chionn nach d'thug sibh 
aran leihh ? 

9 Nach 'eil sibh fathast a' tuig- 
sinn, no a' cuimhneachadh nan 
cùig aran nan cùig mile, agus cia 
lìon cliabh a thog sibh ? 

10 No nan seachd aran nan 
ceithir mìle, agus cia lìon bas- 
caid a thog sibh ? 

' leremiah, 

32 



11 Cionnus nach 'eil sibh a' 
tuigsinn, nach ann mu aran a 
thubhairt mi ribh, sibh a bhi air 
bhur faicill o thaois ghoirt nam 
Phàiriseach, agus nan Sadusach ? 

12 An sin thuig iad cionnus 
nach d' iarr e orra bhi air am 
faicill o thaois ghoirt an arain, 
ach o theagasg nam Phàiriseach, 
agus nan Sadusach. 

13 Agus air teachd do losa gu 
crìochaibh Chesarea PhiHpi, dh'- 
fheòraich e d'a dheisciobluibh, 
ag ràdh, Cò tha daoine ag ràdh 
is e Mac an duine ? 

14 Agus thubhairt iadsan, Tha 
cuid ag ràdh Eoin Baiste, cuid 
Elias, agus cuid eile leremias*, 
no aon do na fàidhibh. 

15 Thubhairt esan riu, Ach cò 
tha sibhse ag ràdh is mi ? 

16 Agus f hreagair Simon Pead- 
ar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, 
Mac an Dè bheò, 

17 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e ris, Is beannaichte 
thusa, a Shimoin Bhar-Iona ; oir 
cha d'fhoillsich fuil agus feoil 
sin duitse, ach m' Athair-sa a ta 
air nèamh. 

18 Agus a ta mise ag ràdh riut, 
Gur tusa Peadar, agus air a' char- 
raig^ so togaidh mise m' eaglais: 
agus cha toir geatachan ifrinn 
buaidh oirre. 

19 Agus bheir mi dhuit iuch- 
raiche rìoghachd nèimh : agus 
ge b' e ni a cheanglas tusa air 
talamh bithidh e ceangailte air 
nèamh ; agus ge b' e ni a dh'- 
fhuasglas tusa air talamh,bithidh 
e fuasgailte air nèamh, 

20 An sin dh'àithn e d'a dheis- 

^ petra. Gr. 



MATA, XVI. XVII. 



ciobluibh giin iad a dli'innseadh 
do neach air bith, gu 'm b' esan 
losa an Crìosd. 

21 O 'n àm sin a mach thòisich 
losa air a nochdadh d' a dheis- 
ciobluibh, gur èigin dhasan dol 
suas gu lerusalem, agus mòran 
do nithibli fhulang o na sean- 
airibh, agus na h-àrd-shagart- 
aibh, agus na sgriobhaichibh, agus 
a bhi air a chur gu bàs, agus 
a bhi air a thogail suas air an 
treas là. 

22 Agus ghabh Peadar e, agus 
thòisich e air aclimhasan a thabh- 
airt dha, ag ràdh, Gu ma fada 
sin uaitse, a Thighearna; cha 
tachair sin duitse. 

23 Ach air tionndadh dhasan, 
thubhairt e ri Peadar, Imicli air 
mo chùl, a Sliàtain ; is oilbheum 
dhomh thu : oir cha 'n 'eil spèis 
agad do nithibh Dhè, acli do 
nithibh dhaoine. 

24 An sin tliubhairt losa r' a 
dheisciobluibh, Ma's àill le neach 
air bith teaclid, a' m' dhèigh-sa, 
àicheadhadh se e fèin, agus tog- 
adh e air a clirann-cèusaidh, agus 
leanadh e mise. 

25 Oir ge b' e neach le 'm b' àill 
'anam a ghlèidheadh, caillidh se 
e ; agus ge b' e neach a chailleas 
'anam air mo sgàth-sa, gheibh 
se e, 

26 Oir ciod an tairbhe a ta 
ann do dhuine, ged chosnadh e 
an saoghal uile, agus 'anam fèin 
a chall ? no ciod i a' mhalairt ^ a 
blieir duine air son anama? 

27 Oir thig Mac an duine ann 
an glòir 'Athar, maille r' a ain- 
glibh ; agus an sin bheir e do 

' iondait. 

33 



gach neach a rèir a ghnìomhara, 
28 Gu deimhin tha mi ag ràdh 
ribh, Gu bheil cuid do 'n dream 
a ta 'nan seasamli an so, nach 
blais bàs, gus am faic iad Mac 
an duine a' teachd 'na rìoghachd 
fèin, 

CAIB. XVII. 

1 Atharracliudh agus dealrachadh crutha 
losa. 14 Shlànuich e an leanahh air an 
robh an tuiteamas. 22 Dh'innis e 'fliul- 
angas roimh-làimh, 24 agus dh'ìoc e a' 
chìs. 

AGUS an dèigh shè làithean, 
ghabh losa Peadar, agus 
Seumas, agus Eoin a bhràthair, 
agus threòraich e iad air leth gu 
beinn àrd, 

2 Agus dh' atharraicheadh a 
chruth 'nan làthair ; agus dheal- 
raich 'aghaidh mar a' ghrian, 
agus rinneadh 'eudach geal mar 
an solus. 

3 Agus, feuch, chunnacas leo^ 
Maois agus Elias a' còmhradh ris. 

4 An sin fhreagair Peadar, agus 
thubhairt e ri losa, A Thighearn, 
is maith dhuinne blii an so : ma 's 
àill leatsa, dèanamaid trì pàil- 
liuna^ an so : aon duitse, aon do 
Mhaois, agus aon do Elias. 

5 Air dha bhi fathast a' labh- 
airt, feuch, thilg neul soillseach 
sgàile orra : agus, feuch, guth as 
an neul, ag ràdh, Is e so mo 
Mhac gràdhach-sa, anns am 
bheil mo mhòr-thlachd, èisdibh 
ris, 

6 Agus an uair a chuala na 
deisciobuil so, thuit iad air an 
aghaidh, agus ghabh iad eagal 
ro-mliòr, 

7 Agus thàinig losa agus bhean 

dh'fhoillsicheadh dhoibh. bothain, 

D 



MATA, 



XVIT. 



e riu, agus thubliairt e, Eiribh, 
agus na biodh eagal oirbh. 

8 Agus an uair a thog iad suas 
an sùilean, cha'n fliac iad neach 
air bith, ach losa 'na aonar. 

9 Agus an àm dhoibh teachd 
a nuas o 'n bheinn, thug losa 
àithne dhoibh, ag ràdh, Na inn- 
sibh do neach air bith an ni a 
chunnaic sibh, gus an èirich Mac 
an duine o na marbhaibh. 

10 Agus dh'fheòraich a dheis- 
ciobuil dheth, ag ràdh, C' ar son 
ma seadh a their na sgriobhaich- 
ean, gur èigin Elias a theachd 
air tiìs? 

11 Agus flireagair losa agus 
thubhairt e riu, Thig Eìias gu 
firinneach air tùs, agus aisigidh 
e na h-uile nithe : 

12 Ach a ta mise ag ràdh 
ribh, Gu 'n d' thàinig Elias a 
cheana, agus cha d' aithnich iad 
e, ach rinn iad gach ni bu toil 
leo ris : is ann mar sin mar an 
ceudna a dh'fhulaingeas Mac an 
duine uatha. 

13 An sin thuig na deisciobuil 
gu 'm b' ann mu Eoin Baiste a 
labhair e riu. 

14 Agus an uair a thàinig iad 
chum an t-sluaigh, thàinig duine 
àrnidh d' a ionnsuidh, a' tuiteam 
air a ghlùinibh dha, agus ag 
ràdh, 

15 A Thighearna, dèan tròc- 
air air mo mhac, oir a ta e gu 
tinn leis an tuiteamas agus is 
mòr an cràdh a ta e a' fulang : 
oir a ta e gu minic a' tuiteam 
san teine, agus gu tric san uisge. 

16 Agus thug mi e dli'ionn- 
suidh do dheisciobuil, agus cha 

' tu 'teamach, gxiin na re, tinneas na gealaich. 
31 



b' urrainn iad a leigheas. 

17 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e, A ghinealaich neo- 
chreidich, agus choirbte, cia 
fhad abhitheas mi maille ruibh? 
cia fliad a dh'fhulaingeas mi 
sibh ? thugaibh a m' ionnsuidh- 
sa an so e. 

18 Agus chronuich losa an 
deamhan, agus dh'imich e as : 
agus shlànuicheadh an leanabh 
o 'n uair sin a mach. 

19 An sin an uair a thàinig 
na deisciobuil chum losa fa leth, 
thubhairt iad, C' ar son nach b' 
urrainn sinne a thilgeadh a 
mach ? 

20 Agus thubhairt losa riu, 
Air son bhur mi-chreidimh : oir 
gu firinneach tha mi ag ràdh 
ribh, Nam biodh agaibh creid- 
imh mar ghràinne mustaird, 
theireadh sibh ris a' bheinn so, 
Atharraich à so an sud, agus 
dh'atharraicheadh i ; agus cha 
bhiodh ni air bith eu-comasach 
dhuibh. 

21 Gidheadh, cha tèid a' ghnè 
so mach, ach le h-ùrnuigh agus 
le trasgadh. 

22 Agus am feadh a bha iad 
a' fantuinn ann an Galile, thubh- 
airt losa riu, Bithidh Mac an 
duine air a bhrath thairis do 
làmhaibh dhaoine : 

23 Agus marbhaidh iad e, ach 
an treas là èiridh e. Agus bha 
iadsan ro bhrònach. 

24 Agus air teachd dhoibh do 
Chapernaum, thàinig luchd-tog- 
ail na cise gu Peadar, agus thubh- 
airt iad ris, Nach 'eil bhur maigh- 
stir-sa ag ìocadh na cìse ? 

25 Thubhairl esan, A ta. Agus 



MATA, XVII. XVIII. 



an iiair a chaidli e steach do 'n 
tigh, lahhair losa ris air tùs, ag 
ràdh, Ciod i do bharail-sa, a Shi- 
moin ? co uaith a ta rìghrean na 
talmhainn a togail càine no cise^? 
An ann o 'n cloinn fèin, no o 
choìgrich ? 

26 Thubhairt Peadar ris, O 
choigrich. Thubhairt losa ris- 
san, Air an aobhar sin a ta a 
chlann saor. 

27 Gidheadh, chum nach tug- 
amaid oilbheum dhoibh, imich 
thusa chum na fairge, agus tilg 
dubhan innte, agus tog an ceud 
iasg a thig a nìos : agus air 
fosgladh a bheoil duit, gheibh 
thu bonn airgid ; sin gabh, agus 
tabhair dhoibli air mo shonsa, 
agus air do slìon fèin. 

CAIB. XVIII. 

1 Tlìug Criosd àithne d' a dheisciohlmhh bhi 
ùmhal agus nen-chronai/, 7 oilbheiun a 
sheachnadh, agus gu'n iad a dhèanamh tàir 
air cloinn bhig. 15 Labhair Criosd mu 
thimchioll maitheunais. 23 Cosamhlachd 
an ìùgh a ghahh cunntas d' a sheirbhisich. 

ANNS an àm sin fèin thàinig 
na deisciobuil chum losa, 
ag ràdh, Cò is mò ann an rìogh- 
achd nèimh ? 

2 Agus air do losa leanabh 
beag a ghairm d' a ionnsuidh, 
chuir e 'nam meadlion e, 

3 Agus thubhairt e, Gu firinn- 
each tha mi ag ràdh ribh, Mur 
iompaichear sibh, agus mur bì 
sibh mar leanabana, nach tèid 
sibh a steach do rioghachd 
nèimh. 

4 Air an aobhar sin ge b' e 
dh'ìslicheas e fèin mar an lean- 
aban so, 's e sin fèin is mò ann 
an rìoghachd nèimh. 

' gearraidh no duilinne. 
35 



5 Agus ge b' e ghabhas aon 
leanaban d' a leithid so ann am 
ainm-sa, gabhaidh e mise. 

6 Ach ge b' e neach a bheir 
oilbheum do aon neach do 'n 
mhuinntir bhig so a ta creidsinn 
annam-sa, b' fheàrr dha gu 'm 
biodh cloch-mhuilinn air a croch- 
adh r' a mhuineal, agus gu 'm 
biodh e air a bhàthadh ann an 
doimhne na fairge. 

7 Is an-aoibhinn do 'n t-saogli- 
al air son oilbheuman : oir is 
èigin do oilbheumaibh teachd ; 
ach is an-aoibhinn do 'n duine 
sin troimh an tig an t-oilbheum. 

8 Uime sin ma bheir do làmh 
no do chos aobhar oilbheim^ 
dhuit, geàrr dhìot iad, agus tilg 
uait iad : is feàrr dhuit dol a 
steach do 'n bheatha air leth- 
chois no air leth-làimh, na dà 
làimh no dà chois a bhi agad, 
agus thu bhi air do thilgeadh 
anns an teine shìorruidh. 

9 Agus ma bheir do shùil aobh- 
ar oilbheim dhuit, spìon asad i, 
agus tilg uait i: is feàrr dhuit 
dol a steach chum na beatha air 
leth-shùil, na dà sliùil a bhi agad 
agus thu bhi air do thilgeadh 
ann an teine ifrinn. 

10 Thugaibh an aire nach dèan 
sibh farcuis air aon neach do 'n 
mhuinntir bhig so ; oir tha mise 
ag ràdh ribh, gu bheil an aingil- 
san air nèamh a' faicinn a ghnàth 
gnùis m' Athar-sa, a ta air 
nèamh. 

11 Oir thàinig Mac an duine a 
shaoradh an ni sin a bha caiUte. 

12 Ciod is barail dhuibhse? 
ma bhitheas aigduine ceud caora, 

^ tuisìidh. 
D 2 



MATA, 

agus gu 'n tèid aon diubh air 
seacharan, nach fàg e na naoi 
caoraich dheug agus ceithir fìch- 
ead air na beanntaibh, agus nach 
tèid e dh'iarraidh na caorach a 
chaidh air seacharan. 

13 Agus ma thàrlas da gu 'm 
faigh e i, gu deimhin tha mi ag 
ràdh ribh, Gu'n dèan e tuilleadh 
gàirdeachais air son na caorach 
sin, na air son nan naoi caorach 
dheug agus ceithir fichead, nach 
deachaidh air seacharan. 

14 Mar so cha 'n e toil bhur 
n-Athar-sa a ta air nèamh, gu 'n 
rachadh aon neach do 'n mhuinn- 
tir bhig so a chall. 

15 Uime sin ma pheacaicheas 
do bhràthair a' d' aghaidh, imich 
agus innis a lochd dha^ eadar 
thu fèin agus esan a mhàin : ma 
dh'èisdeas e riut, choisinn thu 
do bhràthair. 

16 Ach mur èisd e riut, tlioir^ 
leat aon no dithis eile, chum 
gu'm bì gach ni air a dhèanamh^ 
seasmhach am beul dithis no 
triuir do fhianuisibh. 

17 Agus ma dhiùltas e iad- 
san èisdeachd, innis do 'n eagiais 
e : ach ma dhiùltas e 'n eaglais 
èisdeachd, biodh e dhuit mar 
Gheintileach, agus mar chìs- 
mhaor. 

18 Gu deimhin tha mi ag ràdh 
ribh, Ge b' e air bith nithe a 
cheanglas sibhse air talamh, 
bithidh iad ceangailte air nèamh : 
agus ge b' e air hìth nithe a dh'- 
f huasglas sibhse air talamh, bith- 
idh iad fuasgailte air nèamh. 

19 A rìs tha mi ag ràdh ribh, 

' sprefff, tagair ris. 
^ tahhair. 
36 



XVIII. 

Ma chòirdeas dithis agaibh air 
thalamh mu thimchioll aoin ni a 
dh'iarras iad, nithear so dhoibh 
le m' Athair-sa a ta air nèamh. 

20 Oir ge b' e àit am bheil 
dithis no triuir air an cruinn- 
eachadh an ceann a chèile a' m* 
ainm-sa, a ta mise an sin 'nam 
meadhon. 

21 Air dol do Pheadar d' a 
ionnsuidh san àm sin, thubhairt 
e, A Thighearna, cia minic a 
pheacaicheas mo bhràthair a' m' 
aghaidh, agus a mhaitheas mi 
dha? An ann gu ruig an seachd- 
amh uair ? 

22 Thubhairt losa ris, Cha 'n 
abair mi"* riut, gus an seachdamh 
uair, ach gu deich agus trì fich- 
ead seachd uairean. 

2.3 Air an aobhar sin is cos- 
mhuil rìoghachd nèimh ri righ 
àraidh le 'm b' àill cunntas a 
dhèanamh r' a sheirbhisich. 

24 Agus an uair a thòisich e 
air cunntas a dhèanamh, thugadh 
aon d'a ionnsuidh air an robh 
aige deich mìle tàlann : 

25 Ach do bhrìgh nach robh 
aige ni leis an dìoladh e, dli' àithn 
a thighearn e fèin, agus a bhean, 
agus a chlann, agus na h-uile 
nithe a bha aige a reiceadh, agus 
dìoladh a dhèanamh. 

26 Air an aobhar sin thuit an 
seirbhiseach sin sìos, agus rinn e 
ùmhlachd dha, ag ràdh, A Thigh- 
earn, dèan foighidinn rium, agus 
ìocaidh mi dhuit an t-iomlan. 

27 An sin air do thighearn an 
ògiaich sin truas mòr a ghabhail 
dheth, leig e a chead da, agus 

^ n' chids uile air a dèanamh. 
* Ni abrnm. 



MATA, XVni. XIX. 



iiiliaith e na fìacha dha. 

28 Ach an uair a chaidh an 
seirbhiseach sin fèin a mach, 
fhuair e aon d'a chomh-sheirbh- 
isich air an robh aige ceud pegh- 
inn : agus chuir e làmh ann, 
agus rug e air sgornan air, ag 
ràdh, loc dhomh na bheil agam 
ort. 

29 Agus thuit a chomh-sheirbh- 
iseach sìos aig a chosaibh, agus 
ghuidh e air, ag ràdh, Dèan foigh- 
idinn rium, agus ìocaidh mi dhuit 
an t-iomlan. 

30 Agus cha b' àill leis-san sin : 
ach dh'imich e agus thilg e am 
prìosan e, gus an iocadh e na 
fiachan. 

31 Agus an uair a chunnaic a 
chomh-sheirbhisich na nithe a 
rinneadh, bha iad ro-dhoilich, 
agus thàinig iad, agus dh'fhoill- 
sich iad d' an tighearn gach ni a 
rinneadh. 

32 An sin ghairm a thighearn 
air, agus thubhairt e ris, A dhroch 
sheirbhisich, mhaith mi dhuit na 
fiachan ud uile, do blirìgh gu 'n 
do chuir thu impidh orm : 

33 Nach bu chòir dhuitse mar 
an ceudna tròcair a dhèanamh 
air do chomh-sheirbhiseach fèin, 
amhuil mar a rinn mise tròcair 
ortsa ? 

34 Agus ghabh a thighearn 
fearg, agus thug e do na cèus- 
adairibh' e, gus an ìocadh e 
'fhiachan uile dha. 

35 Agus mar sin nì m' Athair 
nèamhaidh ribhse, mur maith 
gach aon agaibh o bhur cridh- 
eachaibh d' a bhràthair an cionta. 



' tormentors. Pasg. ^ thacliair. 

37 



CAIB. XIX. 

I Slilànuich^Crìosd a' mhuinntir a hha tinn : 
Qfhreugair e na Phàiris-ich mu thimchiol 
dealachaidh: 10 nochd e c' uin' a ta am 
pòsadkfeumail ; 13 agus ghahh e ri cloinn 
bhig. 23 Dh' iìviiis ed'a dheisciohluihh cho 
cì-uaidh is a ta e air duine Saoihhir dol a 
steach do rìoghachd nèimh. 

AGUS thàrladh^, an uair a 
chriochnaich losa na briath- 
ra sin, gu 'n d' imich e o Ghalile, 
agus thàinig e gu crìochaibh lu- 
dea, air an taobh thall do lordan : 

2 Agus lean sluagh mòr e, agus 
shlànuich e iad an sin. 

3 Thàinig na Phàirisich mar 
an ceudna d' a ionnsuidh 'ga 
dhearbhadh^, agus ag ràdh ris, 
Am bheil e ceaduichte do dhuine 
a bhean a chur uaith air gach 
uile aobhar? 

4 Agus fhreagair esan agus 
thubhairt e riu, Nach do leugh 
sibh, An Tì a rinn air tùs iad, 
gu 'n d 'rinn e iad fear agus bean ? 

5 Agus thubhairt e, Air an 
aobhar so fàgaidh duine 'athair 
agus a mhàthair, agus dlùth- 
leanaidh e r' a mhnaoi : agus 
bithidh iad araon 'nan aon 
fheoil. 

6 Air an aobhar sin cha dithis 
iad ni 's mò, ach aon fheoil. 
Uime sin an ni a cheangail Dia, 
na sgaoileadh duine. 

7 Thubhairt iad ris, C' ar son 
ma seadh a dh' àithn Maois litir- 
dhealaich a thabliairt dìi i, agus 
a cur air falbh ? 

8 Thubhairt esan riu, Dh'- 
fhulaing Maois dhuibh-sa air 
son cruais bhur cridhe, bhur 
mnài a chur uaibh : ach cha 
robh e mar sin o thùs. 

' 'ga Jheuchainn^ 'gn hhttaircadh. 



MATA, XIX. 



9 Agus tha mise ag ràdh ribh, 
Ge b' e chuireas uaith a bhean, 
ach air son strìopachais, agus a 
phòsas bean eile, a ta e a dèan- 
amh adhaltrannais : agus ge b' e 
neach a phòsas ise a chuireadh 
air falbh, a ta e a' dèanamh 
adhaltrannais. 

10 Thubhairt a dheisciobuil 
ris, Ma 's e sin cor an f hir r' a 
mhnaoi, cha 'n 'eil am pòsadh 
maith r' a dhèanamh. 

11 Ach thubhairt esan riu, 
Cha 'n 'eil na h-uile dhaoine 
comasach air a' chainnt so a 
ghabhail, ach iadsan d' an d'- 
tliugadh e. 

12 Oir a ta cuid 'nan caillt- 
eanaich, a rugadh mar sin o 
bhroinn am màthar ; agus a ta 
cuid do chaillteanaich ann, a 
rinneadh 'nan caillteanaich le 
daoinibh ; agvis a ta cailltean- 
aich ann, a rinn iad fèin 'nan 
caillteanaich air son rìoghachd 
nèimh. Ge b'e neach a ta com- 
asach air a ghabhail d' a ionn- 
suidh, gabhadh se e. 

13 An sin thugadh clann bheag 
d' a ionnsuidh, chum gu cuireadh 
e a làmhan orra, agus gu'n dèan- 
adh e ùrnuigh : agus chronuich 
na deisciobuil iad. 

14 Ach thubhairt losa, Ful- 
aingibh do na leanabaibh, agus 
na bacaibh dhoibh teachd a m' 
ionnsuidh : oir is ann d' an leith- 
idibh sin a ta rìoghachd nèimh. 

15 Agus an dèigh dha a 
làmhan a chur orra, dh'imich e 
as a sin. 

16 Agus, feuch, thàinig neach 
agus thubhairt e rìs, A mhaigh- 



stir mhaith, ciod am maith a ni 
mi chum gu faigh mi a' bheatha 
mhaireannach ? 

17 Agus thubliairt esan ris, 
C'ar son a ghoireadh tu maith 
dhìom-sa? cha'n'^^Y aon neach 
maith ach a h-aon, eadhon Dia : 
ach ma's àill leat dol a steach 
chum na beatha, coimhid' na h- 
àitheanta. 

18 Thubhairt esan ris, Cia iad ? 
agus thubhairt losa, Na dèan 
mortadh. Na deàn adhaltrann- 
as. Na goid. Na toir fianuis 
bhrèige, 

19 Thoir urram do t' athair, 
agus do d ' mhàthair : agus, 
Gràdhaich do choimhearsnach 
mar thu fèin. 

20 Thubhairt an t-òganach ris, 
Choimhid mi iad sin uile o 
m' òige : ciod a ta dh'uireasbh- 
uidh orm fathast ? 

21 Thubhairt losa ris, Ma 's 
àiU leat bhi coimhlionta, imich, 
reic na bheil agad, agus tabhair 
do na bochdaibh, agus gheibh 
thu ionmhas air nèamh ; agus 
thig, agus lean mise. 

22 Ach an uair a chual an 
t-òganach na briathra sin, dh'- 
fhalbh e gu brònach : oir bha 
mòr-shaoibhreas aige. 

23 An sin thubhairt losa r'a 
dheisciobluibh, Gu fìrinneach tha 
mi ag ràdh ribh, gu bheil e 
cruaidh air duine saoibhir dol a 
steach do rìoghachd nèimh. 

24 Agus a ris tha mi ag ràdh 
ribh, Gur usadh do chàmhal dol 
triomh* chrò snàthaid, na do 
dhuine saoibhir dol a steach do 
rioghachd Dhè.' 

trid, tve. 



' ylcidh. 

38 



MATA, XIX. XX. 



25 Agus 'nuair a chuala dheis- 
ciobuil so, ghabh iad iongantas 
mòr, ag ràdh, Cò ma seadh an 
neach a dh'fheudas a bhi air a 
shaoradh ? 

26 Ach air amharc do losa orra, 
thubhairt e riu, Do dhaoinibli a 
ta so eu-comasach, acli do Dhia 
a ta na h-uile nithe comasach. 

27 An sin fhreagair Peadar, 
agus thubhairt e ris, Feuch, 
thrèig sinne na h-uile nitlie, ag- 
us lean sinn thusa ; air an aobh- 
ar sin ciod a gheibh sinn ? 

28 Agus thubhairt losa riu, Gu 
deimhin a ta mi ag ràdh ribh, 
Sibhse a lean mise, anns an ath- 
ghineamhuin', an uair a shuidh- 
eas Mac an duine air caithir a 
ghlòire fèin, gu'n suidh sibhse 
mar an ceudna air dà chaithir 
dheug, a' toirt breth air dà 
thrèibh dheug Israeil. 

29 Agus ge b' e neach a thrèig 
tighean, no bràithrean, no peath- 
raichean, no athair, no màthair, 
no bean-phòsda, no clann, no 
fearann air sgàth m' ainme-sa, 
gheibh e a' cheud uiread, agus a' 
bheatha mhaireannach mar oigh- 
reachd. 

30 Ach a ta mòran air thoiseach 
a bhitheas air dheireadh ; agus air 
dheireadh, a bhitheas air thoiseach. 

CAIB. XX. 

1 Llnarlh C'rìcsd, le cosan hlachd air a 
yhalhail o ìuchd saoithreach ann an gàradh 

fona, nach 'cil Diafo fhiachaìbh do dhuive 
air bith : 17 roimh-innis e a bhàs ; 20 thcag- 
aisg ed' a dheisciobluibh hhiùmhal ; 30 agus 
thug ean radhurc do dhithis dhaoine dolla. 

OIR is cosmhuil rìoghachd 
nèimh ri fear-tighe, a 
chaidh a mac h moch air mha- 

' ath-ùrachadh, ath-chruthachadh. 
39 



duinn a tliuarasdalachadli luchd- 
oibre d'a ghàradh fiona^. 

2 Agus an dèigh dha còrdadh 
ris an luchd-oibre air pheghinn 
Romhanaich san là, chuir e d' a 
ghàradli fìona iad. 

3 Agus an uair a cliaidh e mach 
timcliioll na treas uaire, chunn- 
aic e dream eile 'nan seasamh 
dìomhanach sa 'mhargadh. 

4 Agus thubhairt e riu, imich- 
ibh-sa mar an ceudna do'n ghàr- 
adh fliìona, agus ge b' e ni a bhith- 
eas ceart, bheir mi dhuibh e. 
Agus dh'imich iad. 

5 An uair a chaidli e mach a 
ris timchioll na seathadh agus 
na naothadh uaire, rinn e mar 
an ceudna. 

6 Agus an uair a chaidh e 
mach mu thimchioll na h-aoin 
uaire deug, fhuair e dream eile 
'nan seasamh diomhanacli, agus 
thubhairt e riu, C' ar son a ta 
sibh 'nur seasamh an so feadh an 
là diomhanach ? 

7 Thubhairt iad ris, A chionn 
nach do thuarasdalaich duine 
air bith sinn. Thubhairt esan 
riu, Imichibh-sa mar an ceudna 
do 'n ghàradh fhìona, agus ge b' e 
ni a ta ceart, gheibh sibh e. 

8 Agus 'nuair thàinig am feasg- 
ar, thubhairt tighearn a' ghàraidh 
fliìona sin r' a stiùbhard^, Gairm 
an luchd-oibre, agus thoir dhoibh 
an tuarasdal, a' toiseachadh o'n 
dream a thàimg mu dheireadh 
gu ruig na ceud daoine. 

9 Agus an uair a thàinig iadsan 
a thuarasdalaicheadh mu thim- 
chioll nah-aoin uaire deug, fliuair 
gach duine dhiubh peghinn. 

'^fh\on-ìios. ^ flienr-riaglaìdh. 



MATA, XX. 



10 Acli an uair a tliàinig an 
ceud dream, shaoil iadsan gu 'm 
faigheadh iad ni bu mhò ; ach 
fhuair gach aon diubh mar an 
ceudna peghinn. 

11 Agus air dhoibh fhaotainn, 
rinn iad geàran an aghaidh fhir- 
an-tighe, 

12 Ag ràdh, An dream sin a 
thàinig mu dheireadh, cha d' 
rinn iad obair ach aon uair, 
agus rinn thu iad ionnan ruinne \ 
a ghiùlain uallach^ agus teas an 
là. 

13 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e ri fear dhiubh, A 
charaid, cha'n'eil mi a' dèanamh 
eucoir ort : nach do chòird thu 
rium air pheghinn ? 

14 Tog leat do chuid fèin, agus 
imich romhad : is i mo thoil-sa 
a thabhairt do 'n tì so a thàìnig 
mu dheireadh, mar a thug mi 
dhuit-sa. 

15 Nach ' eil e ceaduichte 
dhomh-sa an ni a's toil leam a 
dhèanamh ri mo chuid fèin ? am 
bheil do shùil-sa olc, air son gu 
bheil mise maith ? 

16 Mar sin bithidh an dream 
dheireannach air thoiseach, agus 
an dream a ta air thoiseach air 
dheireadh : oir a ta mòran air 
an gairm, ach beagan air an 
taghadh. 

17 Agus a' dol do losa suas gu 
lerusalem, thug e an dà dheis- 
ciobul deug leis a leth taobh 
anns an t-slighe, agus thubhairt 
e riu, 

18 Feuch, a ta sinn a dol suas 
gu lerusalem ; agus bithidh Mac 
an duine air a bhrath thairis do 

' agus sinne. ^ a dlìiomchair eallach. 



na h-ard-shagartaibh, agus do na 
sgrìobhaichibh, agus ditidh iad 
chum bàis e. 

19 Agus bheir iad thairis e 
do na Cinnich chum fanoid a 
dhèanamh air, agus chum a 
sgiùrsadh, agus a chèusadh : ach 
an treas là èiridh e a rìs. 

20 An sin thàinig d' a ionn- 
suidh màthair cloinne Shebede, 
maille r' a mic, a' toirt aoraidh 
dha, agus ag iarraidh ni àraidh 
air. 

21 Agus thubhairt esan rithe, 
Ciod a b' àill leat ? Thubhairt i 
ris, Abair gu 'n suidh iad so mo 
dhithis mhac, fear aca air do 
làimh dheis, agus fear eile air do 
làimh chlì, a' d' rìoghachd. 

22 Ach fhreagair losa agus 
thubhairt e, Cha 'n 'eil fhios ag- 
aibh ciod a ta sibh ag iarraidh. 
Am bheil sibh comasach air a' 
chupan sin òl a dh'òlas mise, 
agus a bhi air bhur baisteadh 
leis a' bhaisteadh leis am baist- 
ear mise ? Thubhairt iad ris, A 
ta sinn comasach. 

23 Agus thubhairt esan riu, 
Olaidh sibh gu deimhin do m' 
chupan-sa, agus baistear sibh 
leis a' bhaisteadh leis am baist- 
ear mise : ach suidhe air mo 
làimh dheis agus chlì, cha 
leamsa sin a thabhairt, ach 
dhoihh-san d' am bheil e air ull- 
uchadh le m' Athair-sa. 

24 Agus 'nuair a chual an 
deichnear so, bha iad diombach 
air an dithis bhràithre, 

25 Ach ghairm losa iad d' a 
ionnsuidh, agus thubhairt e, A 
ta fhios agaibh gu bheil aig 

Dcònuich. 



MATA, 



XX. XXI. 



naclidaranaibli' nan Cinneach 
tighearnas orra, agus gu bheil aig 
an daoinibh mòra smachd orra. 

26 Ach mar sin cha bhi e 'nur 
measg-sa : ach ge b' e neach le 'm 
b' àill a bhi mòr 'nur measg, 
biodh e dhuibh 'na fhear-frith- 
ealaidh. 

27 Agus ge air bith le 'm b' àill 
toiseach a bhi aige 'nur measg, 
biodh esan 'na sheirbhiseach 
dhuibh : 

28 Amlmil mar nach d' thàinig 
Mac an duine chum gu 'n dèan- 
tadh frithealadh dha, ach a 
dhèanamh frithealaidh, agus a 
thabhairt 'anama fèin mar èiric 
air son mhòran. 

" 29 Agus ag dol a mach dhoibh 
à lericho, lean shiagh mòr e : 

30 Agus, feuch, dithis dhaoine 
dall bha 'nan suidhe ri taobh 
na slighe, 'nuair a chual iad gu'n 
robh losa a' dol seachad, ghlaodh 
iad, ag ràdh, Dèan tròcair oirnne, 
a Thighearn, a Mhic Dhaibhidh. 

31 Agus chronuich an sluagh 
iad, chum gu 'm biodh iad 'nan 
tosd : ach is mòid^ a ghlaodh 
iadsan, ag ràdh, Dèan tròcair 
oirnn, a Thighearn, a Mhic 
Dhaibhidh. 

32 Agus sheas losa, agus ghairm 
e iad, agus thubhairt e, Ciod 
is àill leibh mise a dhèanamh 
dhuibh ? 

33 Thubhaìrt iadsan ris, A 
Thighearn, ar sùilean a bhi air 
am fosgladh. 

34 Agus ghabh losa truas 
dhiubh, agus Ishean e r' an sùil- 
ibh : agus air ball ^ thàinig radh- 
arc d' an sùilibh, agus lean iad e. 

' p' ionnsaibh. '- mò ^ gun dàiì, san uair. 
41 



CAIB. XXI. 

1 Mharcaich losa gu lerusahm air asail ; 
12 thilg e niach an luchd-reìcidh agus 
ceannuchd as an teampuU ; 17 mhaìluich e 
an crann-f)gc, 23 chuir e na sagairt 'nan 
tosd ; 28 agus chronuich e iad lc cosam- 
lachd. 

AGUS an uair a dhruid iad ri 
lerusalem, agus a thàinig 
iad gu Betphage, gu sliabh nan 
crann-oladh, an sin chuir losa 
dithis a dheisciobluibh uaith, 

2 Ag ràdh riu, Rachaibh do 'n 
bhaile a ta thall fa 'ur comhair, 
agus air ball gheibh sibh asal 
ceangailte ann, agus loth maille 
rithe* : fuasglaibh, agus thugaibh 
a m' ionnsuidh-sa iad. 

3 Agus ma labhras aon duine 
ni air bith riblì, abraibh, Gu 
bheil feum aig an Tighearn orra ; 
agus cuiridh e uaith air ball iad. 

4 Rinneadh na nithe so uile, 
chum gu 'n coimhliontadh an ni 
a labhradh leis an fhàidh ag 
ràdh, 

5 Innsibh do nighean Shioin, 
Feuch, a ta do Rìgh a' teachd 
a d' ionnsuidh gu ciuin, agus 
e' na shuidhe air asail, agus air 
loth^ mac na h-asail. 

6 Agus dh' imich na deisciobuil, 
agus rinn iad mar a dh'àithn 
losa dhoibh ; 

7 Agus thug iad an asal agus 
an loth leo, agus cliuir iad am 
falluinnean orra, agus chuir iad 
esan 'na shuidhe air am muin. 

8 Agus sgaoil mòr-shluagh am 
falhiinnean air an t-slighe ; agus 
gheàrr dream eile geuga do na 
crannaibli, agus leag iad air an 
t-slighe iad. 

9 Agus thog an sluagh a bha 

^ 'iiafochair. ' bioraichc. " cudach uachdair. 



MATA, XXI. 



roimlie agus 'na dheigli iolach, 
ag ràdh, Hosanna do Mhac 
Dhaibhidh : beannaichte gu robh 
an Tì a thig ann an ainm an 
Tighearna; Hosanna anns na 
h-àrdaibh. 

10 Agus 'nuair thàinig e steach 
do lerusalem, ghluaiseadh am 
baile * uile, ag ràdh, Cò e so ? 

11 Agus thubhairt an sluagh, 
Is e so losa am fàidh o Nasaret 
Ghalile. 

12 Agus chaidh losa a steach 
do theampull Dè, agus thilg e 
mach iadsan uile a bha reic agus 
a' ceannach anns an teampull, 
agus thilg e bùird luchd-malairt^ 
an airgid thairis, agus caithriche 
hichd-reicidh nan columan. 

13 Agus thubhairt e riu, A ta 
e sgrìobhta, Goirear tigh ùrnuigh 
do m' thigli-sa ; ach rinn sibhse 
'na gharaidh luchd-reubainn ^ e. 

14 Agus thàinig na doill agus 
na bacaich d' a ionnsuidh anns 
an teampull, agus shlànuich e 
iad. 

15 Agus an uair a chunnaic na 
h-àrd-shagairt agus na sgriobh- 
aichean na gnìomharan iongan- 
tach a rinn e, agus a' chlann a' 
glaodhaich san teampull, agus ag 
ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibh- 
idh, bha corruich mhòr orra. 

16 Agus thubhairt iad ris, An 
ckiinn thu ciod a ta a mhuinntir 
>in ag ràdh? Agus thubhairt 
losa riu, A ta mi cluinntinn ; 
nach do leugh sibhse riamh, A 
beul naoidhean agus chìochran 
clioimhlion thu moladh ? 

' a' ckaithir. ^ iomlaif. 

' 'na uaimh chreachadairean, 'na shlochd 
mhcirkach. 
42 



17 Agus an uair a dh'fhàg e 
iad, chaidh e mach as a' bhaile 
gu Betani, agus dh'fhan e an 
sin. 

18 Agus an uair a phill e chum 
a' bhaile air mhaduinn, bha ocras 
air. 

19 Agus air dha crann-fìge 
fhaicinn air an t-slighe, thàinig 
e d' a ionnsuidh, agus cha d' 
f huair e ni air bith air, ach duill- 
each a mhàin ; agus thubhairt e 
ris, Na fàsadh* toradh o so suas 
gu bràth ort. Agus chrìon an 
crann-fìge air ball. 

20 Agus an uair a chunnaic na 
deisciobuil e, ghabh iad iongant- 
as, ag ràdh, Cia hiath a shearg 
an crann-fìge as? 

21 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, Gu deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, ma bhitheas 
creidimh agaibh, agus nach bì 
sibh fo amharus, cha 'n e mhàin 
gu 'n dèan sibh an ni a rinneadh 
do'n chrann-fhìge, ach mar an 
ceudna ma their sibh ris a' 
bheinn so, Togar thu, agus tilg- 
ear san fhairge thu, bithidh e 
dèanta : 

22 Agus ge b' e air bith nithe 
a dh' iarras sibh ann bhur n-ùr- 
nuigh, ma chreideas sibh, gheibh 
sibh iad. 

23 Agus an uair a thàinig e 
do 'n teampull, thàinig na h-àrd- 
shagairt agus seanairean a' pho- 
buill d' a ionnsuidh, agus e a' 
teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an 
t-ùghdarras leis* am bheil thusa 
a' dèanamh nan nithe so ? agus 



■* Nar fhùsadh. 
« tiid. 



MATA, XXI. 



cò thusf an ciimhaclid so dhuit ? 

24 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, Feòraichidh 
mise miar an ceudiia aon ni 
dhibh-sa, agus ma dh'innseas 
sibh dhomh e, innsidh mise 
dliuibh-sa air mhodh ceudna cia 
an t-ùghdarras ieis am bheil mi 
dèanamh^ nan nithe so. 

25 Baisteadh Eoin, cia as a 
tliàinig e? O nèamh, no o 
dhaoinibh ? Ach reusonaich iad- 
san 'nam measg fèin, ag ràdh, 
Ma their sinn, O nèamh, their 
esan ruinn, C' ar son ma seadh 
nach do chreid sibh e ? 

26 Ach ma their sinn, O dhaoin- 
ibh, a ta eagal a' phobuill oirnn ; 
oir a ta meas fàidh aig gach'uile 
dhdne air Eoin. 

27 Agus fhreagair iad losa, 
agus thubhairt iad, Cha 'n 'eil 
fhios againn, Agus thubhairt 
esan riu, Ni mò dh'innseas mise 
dhuibh-sa cia an t-ùghdarras leis 
am bheil mi dèanamh nan nithe 
so. 

28 Ach ciod ì bhur barail-sa ? 
Bha aig duine àraidh dithis 
mhac, agus thàinig e dh'ionn- 
suidh a' cheud mhic, agus thubh- 
airt e, A mhic, imich, dèan obair 
an diugh a' m' ghàradh fiona. 

29 Agus fhreagair esan agus 
thubhairt e, Cha dèan : ach 'na 
dhèigh sin, ghabh e aithreachas 
agus dh'imich e. 

30 Agus thàinig e gus an dara 
mac, agus thubhairt e mar an 
ceudna. Agus fhreagair esan 
agus thubhairt e, Thè'ul, a Thigh- 
earn ; gidheadh cha deachaidh e. 

31 Cò do 'n dithis a rinn toil 

' trid an dèanam. 
43 



'athar ? Thubhairt iadsan ris, 
An ceud fhear. Thubhairt losa 
riu, Gu firinneach tha mise ag 
ràdh ribh, gu 'n tèid na cìs- 
mhaoir agus na striopaichean do 
rioghachd Dhè roimhibh-sa. 

32 Oir thàinig Eoin do 'ur n- 
ionnsuidh an slighe na fireant- 
achd, agus cha do chreid sibh e : 
ach chreid na cis-mhaoir agus 
na strìopaichean 'e. Agus ged 
chunnaic sibhse so, cha do ghabh 
sibh aithreachas 'na dhèigh sin, 
a chum gu 'n creideadh sibh e. 

33 Eisdibh ri cosamhlachd eile : 
Bha fear-tighe àraidh ann,. a 
phlannduich fion-lios, agus chuir 
e gàradh ^ m' a thimchioll, agus 
chladhaich e ionad-bruthaidh an 
f hìona ann, agus thog e tùr, agus 
shuidhich e air tuath e ; agus 
chaidh e fèin air choigrich. 

34 Agus an uair a dhruid riu 
àm an toraidli, chuir e a sheirbh- 
isich a dh' ionnsuidh na tuatha, 
a dh'fhaotainn a thoraidh. 

35 Agus rug an tuath air a 
sheirbhisich, agus ghabh iad air 
fear dhiubh, agus mharbh iad 
fear eile, agus chlach iad fear 
eile. 

36 A ris, chuir e seirbhisich 
eile uaith, tuilleadh na sd cheud 
chuideachd ; agus rinn iad orra- 
san mar an ceudna. 

37 Ach ma dheireadh, chuir e 
a mhac fèin d' an ionnsuidh, ag 
ràdh, Bheir iad urram do mo 
mhac. 

38 Ach an uair a chunnaic an 
tuath am mac, thubhairt iad 
eatorra fèin, 'S e so an t-Oigh- 
re, thigibh, marbhamaid e, agus 

d/yi', callaid. 



MATA, XXI. XXII. 



glacamaid' oighreaclid-san dìminn 
fèin. 

39 Agus rug iad air, agus tliilg 
iad a mach as an fhion-lios e, 
agus mharbh iad e. 

40 Air an aobhar sin an uair 
a thig Tighearn an fhìon-lios 
sin, ciod a nì e ris an tuath sin ? 

41 Thubhairt iad ris, Sgrios- 
aidh e gu truagh na droch 
dhaoine sin, agus suidhichidh e 
am fion-lios air tuath eile, a 
bheir a thoraidh dha 'nan aim- 
siribh fèin. 

42 Thubhairt losa riu, Nach 
do leugh sibh riamh anns na 
sgrìobtuiribh, A' chlach a dhiùlt 
na clachairean, rinneadh i 'na 
cloich-chinn na h-oisne : 's e an 
Tighearn a rinn so, agus a ta e 
iongantach 'nar sùilibh-ne ? 

43 Uime sin tha mi ag ràdh 
ribh, Gu 'n toirear rìoghachd 
Dhè uaibhse, agus gu 'n toirear 
do chinneach eile i, a bheir a 
toraidh uatha. 

44 Agus ge b' e neach a thuit- 
eas air a' chloich so, brisear e ; 
ach ge b' e air an tuit i, nì i 
min-luaithre dheth. 

45 Agus an uair a chuala na 
h-àrd-shagairt agus na Phàiris- 
ich a chosamhlachda-san, thuig 
iad gu 'm b' ann mu 'n timchioll 
fèin a labhair e. 

46 Ach an uair bu mhiann leo 
breith air bha eagal a' phobuill 
orra, oir bha meas fàidh ac' air- 
san. 

CAIB. XXII. 

1 Cosamhlàchd bainnse mhic an R)gh. OGairm 
nan Cinneach: Ì2 pcanas an fhir a bha 
dìiiiireashhuidh trusgain na bainnse. 15 /* 
còir cts iocadh do Chcasar. 23 Barail 

' h'àill lco làiìLÌi a chur ann. 
44 



mhearachdach nan Sadusach mu thimchioll 
aiseirigh nam marhh. 

AGUS fhreagair losa, agus 
labhair e riu a ris ann an 
cosamhlachdaibli, ag ràdh, 

2 Is cosmhuil rioghachd nèimh 
ri righ àraidh, a rinnbanais-phòs- 
aidh d' a mhac fèin ; 

3 Agus chuir e a sheirbhisich 
a ghairm na muinntir a fhuair 
cuireadh chum na bainnse : ach 
cha b' àiU leo-san teachd. 

4 A ris, chuir e an ionnsuidh 
seirbhisich eile, ag ràdh, Abraibh- 
sa ris a'mhuinntir d' an d' thug- 
adh cuireadh, Feuch, dheasaich 
mi mo dliìnneir : a ta mo dhaimh 
agus mo sprèidh bhiadhta air 
am marbhadh, agus a na 
h-uile nithe ullamh; thigibh 
chum na bainnse. 

5 Ach chuir iadsan an suarach- 
as e, agus dh' imich iad rompa, 
fear dhiubh d' a f hearann, agus 
fear eile chum a cheannachd : 

6 Agus rug a' chuid eile dhinhh 
air a sheirbhisich, agus thug iad 
masladh dhoihh, agus mharbh 
siad iad. 

7 Ach an uair a chual an rìgh 
so ghabh e fearg ; agus chuir e 
'armailtean uaithe, agus sgrios e 
an luchd-mortaidh sin, agus loisg 
e am baile-san. 

8 An sin thubhairt e r' a sheirbh- 
isich, Gu firinneach a ta a'bhan- 
ais ullamh, gidheadh an dream 
a fhuair cuireadh cha b' airidh 
iad air"^. 

9 Air an aobhar sin imichibh- 
sa gus na rathaidibh mòra, agus 
a lion daoine 's a gheibh sibh, 
cuiribh iad chum na bainnse. 

* cha b'fhiàiad e. 



MATA, 



, XXII. 



10 Agus chaidh na seirbhisich 
sin a mach air na rathaidibh, 
agus chruinnich iad gach uile 
neach a fhuair iad, eadar olc 
agus mhaith : agus lìonadh tigìi 
na bainnse le muinntir a shuidh 
chum bìdh. 

11 Agus air dol a steach do 'n 
rìgh a dh'fhaicinn nan aoidh- 
ean, chunnaic e an sin duine aig 
nach robh trusgan na bainnse 
uime : 

12 Agus thubhairt e ris, A 
charaid, cionnus a thàinig thusa 
steach an so, gun trusgan na 
bainnse umad? Ach dh'fhan 

, esan 'na thosd, 

^ 13 An sin thubhairt an rìgh ris 
na seirbhisich, Air a cheangal 
duibh eadar chosan agus làmhan, 
togaibh leibh e, agus tilgibh e 
anns an dorchadas iomallach : 
an sin bithidh gul agus gìosgan 
fhiacal. 

14 Oir a ta mòran air an gairm, 
ach beagan air an taghadh. 

15 An sin dh'imich na Phàir- 
isich, agus ghabh iad comhairle 
cionnus a dh'fheudadh iad esan 

i j a ribeadh"na chainnt. 
i 16 Agus chuir iad d'a ionn- 
; suidh an deisciobuil fèin, maille 
T ri luchd-leanmhuinn Heroid, ag 

ràdli, A mhaighstir, a ta fhios 
1- againn gu bheil thusa fior, agus 
i. gu bheil thu teagasg slighe Dhè 
11 ann am firinn, agus nach 'eil 
]i suim agad do dhuine sam bith : 

oir cha'n 'eil thu ag amharc air 
\. pearsaibhMhaoine. 
us 17 Uime sin innis dhuinne do 
\ bharail, Am bheil e ceaduichte 

cìs a thabhairt do Cheasar, no 

^ ghlacadh, gnùis. Gr. 

45 



nach 'eil ? 

18 Ach air tuigsinn am m\-ruin 
a dh' losa, thubhairt e, C' ar son 
a ta sibh ga m' bhuaireadh, a 
chealgairean ? 

19 Nochdaibh dhomhsa airgiod 
na cìse. Agus thug iad d' a ionn- 
suidh peghinn^. 

20 Agus thubhairt e riu, Cò 
dha a bhuineas an dealbh so, 
agus an sgriobhadh a ta m a thìm- 
chioll ? 

21 Thubhairt iadsan ris, Do 
Cheasar. An sin thubhairt esan 
riu, Thugaibh uime sin do Chea- 
sar na nithe a 's le Ceasar; agus 
do Dhia, na nithe a 's le Dia. 

22 Agus an uair a chual iad 
so, ghabh iad iongantas, agus 
dh'fhàg iad e, agus dh'imich 
iad rompa. 

23 Air an là sin fèin thàinig 
d' a ionnsuidh na Sadusaich, a 
their nach 'eil aiseirigh ann, agus 
chuir iad ceisd air, 

24 Ag ràdh, A mhaighstir, 
thubhairt Maois, Ma gheibh 
duine bàs gun chlann aige, gur 
còir d' a bhràthair a bhean-san 
a phòsadh adhlighedàimhe,agus 
sliochd a thogail d' a bhràthair. 

25 A nis bha seachdnar bhràith- 
re 'nar measg-ne ; agus air do 'n 
cheud f hear dhiubh bean a phòs- 
adh, f huair e bàs, agus do blirìgh 
nach robh sliochd aige, dh'fhàg 
e a bhean d' a bhràthair. 

26 Agus thachair mar an ceudna 
do 'n dara, agus do'n treas hràth- 
air, gu ruig an seachdamh. 

27 Agus 'nan dèigh uile fhuair 
a' bhean bàs mar an ceudna. 

28 Air an aobliar sin anns an 

b ionnan a phcyhinti Romhanach (igus J. 



MATA, XXII. XXm. 



aiseirigh, cò do'n t-seachdnar 
d' am bean i? Oir bba i aca nile. 

29 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, A ta sibh 'air 
seacharan', gun eolas agaibh air 
na sgriobtuiribh, no air curah- 
achd Dhe : 

30 Oir anns an aiseirigh cha 
dèan iad pòsadh,ni mò a bheirear 
am pòsadh iad ; ach a ta iad mar 
aingil Dhè air nèamh. 

31 Ach mu thimchioll aiseirigh 
nam marbh, nach do leugh sibh 
an ni sin a labhradh ribh le Dia, 
ag ràdh, 

32 Is mise Dia Abrahaim, agus 
Dia Isaaic, agus Dia lacoib ? 
cha'n e Dia, Dia nam marbh, 
ach nam beò. 

33 Agus an uair a chual am 
pobull so, ghabh iad iongantas 
r' a theagasg-san. 

34 Ach an uair a chuala na 
Phàirisich gu 'n do chuir e na 
Sadusaich 'nan tosd, chruinnich- 
eadh iad an ceann a chèile. 

35 An sin chuir neach àraidh 
dhiubh, a b' fhear teagaisg an 
lagha, ceisd air, 'ga dhearbhadh, 
agus ag ràdh, 

36 A mhaighstir, cia i an àithne 
a 's mò san lagh ? 

37 Thubhairt losa ris, Gràdh- 
aichidh tu an Tighearn do Dhia 
le t' uile chridhe, agus le t' uiìe 
anam, agus le t' uile inntinn. 

38 Is i so a' cheud àithne agus 
an àithne mhòr. 

39 Agus is cosmhuil an dara 
rithe so, Gràdhaichidh tu do 
choimhearsnach mar thu fèin. 

40 Air an dà àithne so tha'n 
lagh uile, agus na fàidhean an 

' ìomrall. 

46 



crochadh. 

41 Ach air do na Phàirisich 
bhi cruinn an ceann a chèile, 
dh' fheòraich losa dhiubh, 

42 Ag ràdh, Ciod i bhur barail- 
sa mu thimchioll Chrìosd ? cò 
d' am mac e ? thubhairt iadsan 
ris, Do Dhaibhidh. 

43 Thubhairt esan riu, Cionnus 
ma seadh a ghoireas Daibhidh 
san spiorad a Thighearna dheth, 
ag ràdh, 

44 Thubhairt an Tighearn ri m' 
Thighearn, Suidh air mo làimh 
dlieis, gus an cuir mi do naimh- 
dean 'nan stol fo d' chosaibh ? 

45 Air an aobhar sin ma ghoir- 
easDaibhidh a Thighearndheth, 
cionnus is mac dha e ? 

46 Agus cha b' urrainn aon 
neach freagradh sam bith a 
thabhairt air; ni mò a bha 
chridhe aig aon neach o 'n là sin 
suasni airbith fheòraich dheth. 

CATB. xxni. 

1 Cìiomhairlìch Crìosd do'n t-sluagh Sisdeachd 
ri deadh thcagasg nan sgfiohhaichean, agus 
nam Phàiriseach ; ach gun an droch eisem- 
pleir a Itantuinn: 5 is còir d' a dheiscioh- 
luihh bhi air am faiciU an aghaìdh an 
uahhair ; 13 tha e a' cronuchadh nam 
Phùiriseach airsonan cealgaireachd, 34 agus 
ag innis roimh-Iàimh sgrios lerusaleim. 

AN sin labhair losa ris an 
t-sUiagh, agus r' a dheisciob- 
luibh fèin, 

2 Ag ràdh, a ta na sgriobh- 
aichean agus na Phàirisich 'nan 
suidhe ann an caithir Mhaois : 

3 Air an aobhar sin na h-uile 
nithe dh' iarras iad oirbh-sa a 
choimhead coimhidibh agus 
dèanaibh iad; ach na dèanaibh 
a reir an oibre : oir their iad, 
agus cha dèan iad. 

^ yhièidhcndh. 



MATA xxrn. 



4 Oir ceanglaidh iad iiallaiche ^ 
troma, agus do-ionicbar, agiis 
cuiridh siad iad air guailnibh 
dhaoine : gidheadli cha charuich 
iad fèin iad le h-aon d' am mem'- 
aibh. 

5 Ach an oibre ui!e a ta iad 
a' dèanamh chum a biii air am 
faicinn le daoinibh : nì iad am \ 
philacteridh leathan, agus iomall 
an eudaich mòr ; 

6 Agus is ionmhuinn leo na 
ceud ionada-suidhe anns na fèill- 
ibh, agus na ceud chaithriche 
anns na coimhthionalaibh, 

7 Agus fàilte fhaghaiì air na 
marsaibh. ao^us daoine a ghairm 
Rabbi, Rabbi dhiubh. 

8 Ach na goirear Rabbi dhibh- 
se : oir is aon àrd-mhaighstir a 
ta agaibh. Criosd : agus is bràith- 
re sibh fèin uile. 

9 Agus na goiribh bhur n- 
athair do dhuine sam bith air 
thalamh : oir is aon Athair a ta 
agaibh, a f a air nèamh. 

10 Cha mhò a ghoirear àrd- 
mhaighstirean dhibh : oir is aon 
àrd-mhaighstir a ta agaibh, 
Crlosd. 

11 Ach an tì a 's mò 'nur measg, 
bithidh e 'na òglach agaibh. 

12 Agus ge b" e neach a dh'- 
àrdaicheas e fèin, ìslichear e ; 
agus ge b" e neach a dh" ìslicheas 
e fèin. àrdaichear e. 

13 Ach is an-aoibhinn dhuibh- 
sa, a sgrìobhaichean agus Phàir- 
iseacha,a chealgau'ean,do bhrigh 
gu bheil sibh a" druideadh rìogh- 
achd nèimh an aghaidh dliaoine : 
oir cha tèid sibh fèin a steach, 
agus cha 'n f hulaing sibh do 'n i 



dì'eam a ta dol a stigh dol ann. 

14 Is an-aoibhinn dhuibh, a 
sgrìobhaichean agus Phàiris- 
eacha, a chealgairean ; oir a ta 
sibh ag itheadh suas tighean 
bhantrach, agus air sgàth deadh 
choslais a' dèanamh ùrnuighean 
fada ; uime sin gheibh sibh an 
damnadh a 's mò. 

15 Is an-aoibhinn dhuibh, a 
sgrìobhaichean agus Phah-is- 
eacha, a chealgairean ; oir cuairt- 
ichidh sibh muir as^us ùr chum 
aon duine a dhèanamh do bhur 
creidinih fèin ; agus an uair a 
bhitheas e dèanta, nl sibh mac 
ifi*inn dheth dà uair ni 's mò na 
sibh fèin. 

16 Is an-aoibhinn dhuibh, a 
chinn-iuil- dhalla, a theù', Ge 
b' e duine a bheir mionnan air 
an teampull, cha ni air bith sin : 
ach ge b' e bheir mioiman air 
òr an teampuill, a ta e ceang- 
ailte^. 

17 Amadana, agus a dhaoine 
daUa ! oir cò aca is mò an t-òr, 
no an teampull a ta naomhachadh 
an òir ? 

18 Agus, ge b' e bheir mionnan 
air an altair, cha'n 'eil suun ann: 
ach ge b' e bheir mionnan air 
an tiodlilac a ta oirre, a ta e 
ceangailte. 

19 Amadana, agus a dhaoine 
daUa ! oii- cò aca is mò an tiodh- 
lac, no 'n altair a ta naomhachadh 
an tiodhlaic ? 

20 Air an aobhar sin ge b' e 
mhionnaicheas air an altair, a ta 
e a' mionnachadh oirre fèin, agus 
air gach ni a ta oirre. 

21 Agus ge b' e mhionnaicheas 



eallacha. 
47 



'a luchd seòiaiJh, a thrtòraidiean 



^fuidh fìtiachtiilh. 



MATA, 



, XXIII. 



air an teampull, a ta e a' mìonn- 
achadh airsan, agus air an Tì a 
ta'na chòmhnuidh ann. 

22 Agus ge b' e neach a mliionn- 
aicheas air nèamh, a ta e a' 
mionnachadh air rìgh-chaithir 
Dhè, agus airsan a ta 'na shuidhe 
oirre. 

23 Is an-aoibhinn dhuibh, a 
sgriobhaichean agus Phàiris- 
eacha, a chealgairean ; oir a ta 
sibh a' toirt an deachaimh as a' 
mhionnt, agus an anise, agus a' 
chmmin,agus dhìobair sibh nithe 
cudthromach an lagha, cothrom, 
tròcair, agus firinn : bu chòir 
dhuibh iad so a dhèanamh, agus 
gun iad sud fliàgail gun dèan- 
amh. 

24 A chinn-iuil dhalla, a shiol- 
aidheas a' mhìn-chuileag, agus 
a shluigeas an càmhal. 

25 Is an-aoibliinn dhuibh, a 
sgrìobhaichean agus Phàiris- 
eacha, a chealgairean ; oir glan- 
aidh sibh an taobh a muigh do 'n 
cliupan, agus do 'n mlièis, ach a 
ta iad an taobh a stigh làn do 
reubainn, agus do eucoir ' . 

26 Phàirisich dhoill, glan air 
tùs an taobh a stigli do' n cliupan 
agus do' n mhèis, chum gu 'm bì 
an taobh a muigh dhiubh glan 
mar an ceudna. 

27 Is an-aoibliinn dhuibh, a 
sgriobhaichean agus Phàiris- 
eacha, a chealgairean ; oir is cos- 
mhuil sibh riuaighibh gealaichte, 
a ta deadli-mliaiseach air an 
taobh a muigh, ach air an taobh 
a stigh a ta làn do chnàmhaibh 
dhaoine marbha, agus do 'n uile 
shalachar. 

' syagas. 

48 



28 Mar an ceudna a ta sibhse 
an leth a muigh am fianuis 
dhaoine ann an coslas fliìreana, 
ach san taobh a stigh làn ceilg, 
agus eusaontais. 

29 Is an-aoibliinn dhuibh, a 
sgrìobhaichean agus Phàiris- 
eaclia, a cliealgairean ; oir a ta 
sibh a' togail àitean adhlacaidh 
nam fàidhean, agus a' dèanamh 
leac-lithidh nam firean deadh- 
mhaiseach, 

30 Agus ag ràdh, Nam bith- 
eamaid ann an làithibh ar n- 
aitliriche, cha bliitheamaid com- 
pàirteach riu am fuil nam fàidh- 
ean. 

31 Mar sin a ta sibh 'nur fìanuis- 
ibh 'nur n-aghaidh fèin, gur sibh 
clann na muinntir a mliarbh na 
fàidhean. 

32 Mar sin lìonaibh-sa suas 
tomhas bhur n-aithriche. 

33 A nathraiche, a shìol nan 
nathraiclie nimhe, cionnus a dh'- 
f heudar leibh dol as o dhamnadh 
ifrinn ? 

34 Air an aobhar sin feucli, cuir- 
eamsa d' ur n-ionnsuidh fàidhean, 
agus daoine glice, agus sgrìobh- 
aicliean ; agus cuid dhiubh marbh- 
aidh agus cèusaidh sibh, agus 
cuid dliiubh sgiiirsaidh sibh ann 
bhur sionagogaibli, agus nì sibh 
geur-leanmhuinn orra o bliaile 
gu baile : 

35 Chum gu 'n tig oirbli gach 
uile fhuil fhìreanta a dhòirteadh 
air an talamh, o fhuil Abeil 
fhireanta, gu fuil Shachariais, 
mhic Bliarachiais, a mharbh sibh 
eadar an teampull agus an altair. 

36 Gu fìrinneach a ta nii _ag 

* dlìanahhara. 



MATA, XXni. XXIV. 



ràdh ribh, Gu 'n tig na nithe so 
uile air a ghinealach so. 

37 A lerusalem, a lerusalem, 
a mharbhas na fàidhean, agus a 
cWachas an dream a chuirear a 
d' ionnsuidh, cia minic a b' àill 
leam do chlann a chruinneach- 
adh r'a chèile, mar a chruinn- 
icheas cearc a h-eoin fuidh a 
sgiathaibh, agus cha b'àill leibh! 

38 Feuch, fàgar bhur tigh ag- 
aibh 'na f hàsach. 

39 Oir tha mise ag ràdh ribh, 
nach faic sibh mise o so suas, 
gus an abair sibh, Is beannaichte 
an Tì a' thig ann an ainm an 
Tighearn. 

CAIB, XXIV. 

1 Dh'hinìs Criosd roimh-ìàimh sgrios leyusa- 
leim : 3 ciod iad ayus cia mòr na triobhiid- 
ean a bhitheas roimhe sin: 29 comliaran 
a thcachd gu breitheanus. Sfi Bo hhrìyh gu 
hheil là a' bhreifheanais foluichte, is còir do 
gach neach faire a dhèanamh. 

AGUS chaidh losa mach, agus 
dh'imich e o 'n teampull ; 
agus thàinig a dheisciobuil d' a 
ionnsuidh, a nochdadh dha ait- 
reabh an teampuill. 

2 Agus thubhairt losa riu, 
Nach faic sibh iad so uile ? gu 
firinneach tha mi ag ràdh ribh, 
Nach fàgar clach air muin 
cloiche an so, nach tilgear sìos. 

3 Agus air suidhe dha air 
sliabh nan crann-oladh, thàinig 
a dheisciobuil d' a ionnsuidh an 
uaignidheas^ ag ràdh, Innis 
dhuinne, c' uin' a thig na nithe 
sin gu crìch ? agus ciod e comh- 
ara do theachd-sa, agus deiridh 
an t-saoghail ? 

4 Agus fhreagair losa agus 

' os ìosaì. ìomradh. ' hhuaireus. 
49 



thubhairt e riu, Thugaibh an 
aire nach meall aon neach sibh : 

5 Oir thig mòran a' m' ainm- 
sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; 
agus meallaidh iad mòran. 

G Agus cluinnidh sibh cogan- 
na, agus tuairisgeul" choganna: 
thugaibh an aire nach bì sibh 
fo amhluadh ' : oir is èigin do na 
nitìàhh sin uile teachd gu crich*, 
ach cha 'n 'eil an deireadh ann 
fathast. 

7 Oir èiridh cinneach an agh- 
aidh cinnich, agus rioghachd an 
aghaidh rìoghachd : agus bith- 
idh gorta, agus plàighean, agus 
criothanna-talmhainn ann am 
mòran àitean. 

8 Agus cha 'n 'eil annta so uile 
ach toiseach thruaighean. 

9 An sin bheir iad thairis sibh 
chum àmhghair, agus marbhaidh 
iad sibh : agus bithidh fuath aig 
gach uile chinneach dhuibh air 
sgàth m' ainme-sa. 

10 Agus an sin gabhaidh mòr- 
an oilbheum, agus brathaidh iad 
a chèile, agus bithidh fuath aca 
d' a chèile. 

11 Agus èiridh mòran do fhàidh- 
ibh brèige, agus meallaidh iad 
mòran. 

12 Agus do bhrigh gu'm bì an 
eucoir air a meudachadh, fuar- 
aichidh gràdh mhòran. 

13 Ach ge b' e bhitheas seas- 
mhach chum na crìche, 's e so a 
thèarnar^. 

14 Agus bithidh soisgeul so na 
rìoghachd air a shearmonachadh 
air feadh an domhain uile, mar 
fhianuis do na h-uile chinnich : 
agus an sin thig an deireadh. 

^ tachairt. * u shiànuichcar 



MATA, 



XXIV. 



15 Air an aobhar sin an uair a 
chì sibhse gràineileachd an lèir- 
sgrios, air an do labhair Daniel 
am fàidh, 'na seasamh ann an 
ionad naomh, (tuigeadh an ti a 
leughas,) 

16 An sin teicheadh iadsan a ta 
ann an ludea, chum nam beann : 

17 An tì a ta air mullach an 
tighe, na tigeadh e nuas a thabh- 
airt ni sam bith leis as a thigh : 

18 Agus an tì a ta sa' mhach- 
air, na pilleadh e air ais a thogail 
'fhalluinn leis, 

19 Agus is an-aoibhinn do na 
mnaibh torrach, agus dhoibh-san 
a bheir cìoch uatha sna làithibh 
sin. 

20 Ach guidhibh-sa gun bhur 
teicheadh a bhi sa' gheamhradli, 
no air an t-sàbaid : 

21 Oir anns an àm sin bithidh 
àmhghar mòr ann, amhuil nach 
robh ann o thùs an domhain gus 
a nis, agus nach mò a bhitheas 
a chaoidh. 

22 Agus mur biodh na làithean 
sin air angiorrachadh,chabhiodh 
feoil sam bith air a tèarnadh : 
ach air son nan daoine taghta 
bithidh na làithean siri air an 
giorrachadh. 

23 An sin ma their aon duine 
ribh, Feuch, a ta Crìosd an so, 
no an sud ; na creidibh e : 

24 Oir èiridh Crìosdan brèige, 
agus fàidhean brèige, agus nl 
iad comharan agus mìorbhuilean 
mòra, ionnus gu mealladh iad, 
nam feudadh e bhi, na daoine 
taghta fèin. 

25 Feuch, dh' innis mi dhuibh 
e roimh-làimh. 

" ' b:iìl. 

50 



26 Uime sin ma their iad ribh, 
Feuch, a ta e san fhàsach, na 
rachaibh a mach : feuch, a ta e 
sna seòmraichibh uaigneach, na 
creidibh sin. 

27 Oir a rèir mar a thig an 
dealanach o 'n àird an ear, agus 
a dhealraicheas i gus an àird an 
iar ; mar sin mar an ceudna 
bhitheas teachd Mhic an duine. 

28 Oir ge b'e àit^ am bì a 
chairbh is ann an sin a chruinn- 
ichear na h-iolairean. 

29 Air ball an dèigh trioblaid 
nan làithean ud, dorchaichear a' 
ghrian, agus cha tabhair.a' gheal- 
ach a solus, agus tuitidh na reul- 
tan o nèamh, agus bithidh cumh- 
achdan nan nèamh air an crath- 
adh. 

30 Agus an sin foillsichear 
comhara Mhic an duine an 
nèamh : agus an sin m uile 
tlireubha na talmhainn bròn, 
agus chì iad Mac an duine a' 
teachd air neulaibh nèimh, le 
cumhachd agus glòir ro-mhòir. 

31 Agus cuiridh e mach 'aingil 
le fuaim mhòir na gall-truimp, 
agus cruinnichidh iad a shkiagh 
taghta o na ceithir gaothaibh, o 
leth-iomall nèimh gus an leth- 
iomall eile. 

32 Ach fòghlumaibh cosamh- 
lachd o 'n chrann-f hìge : an uair 
a bhitheas a gheug a nis maoth, 
agus a dh'fhàsas an duilleach, 
aithnichidh sibh gur fagus an 
samhradh : 

33 Agus mar an ceudna, an 
uair a ch\ sibhse na nithe sin 
u Je, biodh fios agaibh gu bheil e 
am fagus, eadìion aig na dorsaibh. 

' d chlosach. 



MATA, XXIV. XXV. 



34 Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, Nach tèid an ginealach so 
fèin thairis, gus an tachair na 
nithe so uile. 

35 Thèid nèamh agus talamh 
thairis, ach clia tèid mo bhriath- 
ra-sa thairis a cliaoidh. 

36 Ach cha 'n 'eil fìos an là no 
na h-uaire sin aig duine air bith, 
no fòs aig ainglibh neimh, ach 
aig m' Athair-sa a mhàin. 

37 Ach amhuil a hha làithean 
Noe, mar sin mar an ceudna 
bithidli teachd Mhic an duine. 

38 Oir mar a bha iad anns na 
làitliibh roimh an tuil ag itheadh 
agus ag òl, a' pòsadh agus a' toirt 
am pòsadh, gus an là an deach- 
aidh Noe a steach san àirc, 

39 Agiis nach robh fhios aca 
gus an d' thàinig an tuil, agus 
an do tliog i leatha iad uile ; mar 
sin mar an ceudna bithidh teachd 
Mhic an duine. 

40 An sin bithidh dithis air a' 
mhachair ; gabliar fear aca, agus 
fàgar am fear eile. 

4L Bithidli dithis bhan a' meil- 
eadh^ anns a' mhuilean; gabhar 
a h-aon aca, agus fàgar an aon 
eile 

42 Uime sin dèanaibh-sa faire, 
oir cha 'n 'eil fhios agaibh cia an 
uair an tig bhur Tighearn. 

43 Acli a ta fhios so agaibh, 
nam b' fhiosrach fear an tighe 
cia an uair an tigeadh an gad- 
uiche, gu 'n dèanadh e faire, agus 
nach fulaingeadh e gu 'm brist- 
eadli a thigh troimh. 

44 Uime sin bithibh-sa ullamh 
mar an ceudna : oir is ann an 
uair nach saoil sibh, a thig Mac 

' b^esith ^ an tè eile. 

Sl 



an duine. 

45 Cò e ma seadh a ta 'na 
òglach fìrinneach agus glic, a 
chuir a Thighearn os ceann a 
mhuinntir, a thabhairt bìdh 
dhoibh na àm fèin ? 
i 46 Is beannaichte an t-òglach 
sin, a gheibh a Thighearna, ri 
àm dha teachd, a' dèanamh mar 
sin. 

I 47 Gu deimhin a ta mi ag ràdli 

ribh, gu'n cuir se e os ceann a 

mhaoin gu h-iomlan. 
I 48 Ach ma their an droch 

sheirbliiseach ud 'na chridhe, A 
i ta mo Thighearn a' cur dàil 'na 

theachd ; 

49 Agus ma thòisicheas e air a 
chomh-slieirbhisich a bhualadh. 

i agus air itheadh agus òl maille 
ri luchd-misge ; 

50 Thig Tighearn an òglaich 
sin ann an là nach 'eil sùil aige 
ris, agus ann an uair nach fios da, 

51 Agus gearraidh e 'na bhloigh- 
i dibh e, agus bheir e a chuibh- 
j rionn da maille ris na cealgair- 

ibh : an sin bithidh gul agus 
I gìosgan fhiacal. 

I CAIB. XXV. 

1 Cosamhlachd nan deich oighean, 14 agus 
nan tàlann : 31 mar an ceudna min-inn- 
seadh mu'n hhreitheanas dheireannach, 

AN sin samhlaichear rìogh- 
achd nèimh ri deich òigh- 
ibh, a thug leo an lòchrain, agus 
a cliaidh a mach an còdhail an 
fhir nuadh-phòsda^. 

2 Agus bha cùignear dhiubh 
glic, agus cùignear amaideach. 

3 Thug iadsan a bha amaideach 
an lòclirain leo, ach cha d'thug 
iad oladh leo. 

' /li ir-na-bainme. 
E 2 



MATA, 



XXV. 



4 Ach iadsan a bha glic, thug 
.ad oladh leo 'nan soithichibh 
maille r' an lòchranaibh. 

5 Agus air dèanamh maille 
lo 'n f hear nuadh-phpsda, thuit 
ch) codail orra uile, agus suain^ 

6 Ach anns a' mheadhon-oidh- 
che rinneadh glaodh, Feuch, a 
ta am fear nuadh-pòsda a' teachd ; 
rachaibh a mach g' a choinneach- 
adh. 

7 An sin dh'èirich na h-òighean 
ud uile, agus dheasaich iad an 
lòchrain. 

8 Agus thubhairt na h-òighean 
amaideach riusan a hha glic, 
Thoiribh dhuinne cuid do bhur 
n-oladh ; oir a ta ar lòchrain a' 
dol as. 

9 Ach fhreagair iadsan a hha 
glic, ag ràdh, Air eagal nach bì 
na 's leoir ann dhuinn fèin agus 
dhuibh-san, gu ma feàrr leibh 
dol a chum an luchd-reicidh, 
agus ceannaichibh dhuibh fèin. 

10 Agus am feadh a bha iad a' 
dol a cheannach, thàinig am 
fear-nuadh pòsda ; agus chaidh 
iadsan a bha ullamh a steach leis 
chum a' phòsaidh, agus dhruid- 
eadh an dorus, 

11 'Na dhèigh sin thàinig mar 
an ceudna na h-òighean eile, ag 
ràdh, A Thighearn, a Thighearn, 
fosgail dhuinne. 

12 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e, Gu deimhin a ta mi 
ag ràdh ribh, nach aithne dhomh 
sibh. 

13 Dèanaibh faire air an aobhar 
sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh 
an là no an uair, air an tig Mac 
an duine. 

' rinn iad dksal uile, agus choidil iad. 
52 



14 Oir is cosmhuil ri duine 
a' dol air choigrich, a ghairm a 
sheirbhisich, agus a thug dhoibh 
a mhaoin : 

15 Agus do h-aon diubh thug 
e cùig tàlanna, agas do neach 
eile a dhà, agus do neach eile 
a h-aon ; do gach aon fa leth a 
rèir a chomais ; agus air ball 
ghabh e a thurus, 

16 Agus dh'imich esan a fhuair 
na cùig tàlanna, agus rinn e 
ceannachd leo, agus bhuannaich 
e cùig tàlanna eile, 

17 Agus mar an ceudna esan 
a fhnair a dhà, bhuannaich e 
dithis eile, 

18 Ach an tì a fhuair a h-aon, 
dh'imich e agus chladhaich e san 
talamh, agus dh'fholaich e air- 
giod a mhaighstir, 

19 An dèigh aimsir fhada 
thàinig Tighearna nan seirbh- 
iseach sin, agus rinn e cunntas 
riu. 

20 Agus thàinig esan a fhuair 
na cùig tàlanna, agus thug e leis 
cùig tàianna eile, ag ràdh, A 
Thighearna, thug thu dhomhsa 
cùig tàìanna : feuch, bhuannaich 
mi cùig tàlanna eile thuiUeadh 
orra, 

21 Agus thubhairt a Thighearna 
ris, Is maith, a dheadh sheirbli- 
isicli f hirinnich ; bha thusa firinn- 
each ann am beagan, cuiridh 
mise os ceann mhòran thu : imich 
a steach do aoiblmeas do Thigh- 
earn. 

22 Agus thàinig esan a fhuair 
an dà tliàlann, agus thubhairt e, 
A Thighearna, thug thu dhomh- 
sa dà thàlann : feucli,bhuannaich 

■ is cosmhuil rìoghachd ncirah. 



MATA, XXV. 



mi dà thàlann eile tliuilleadh orra. 

23 Thubhairt a Thighearna ris, 
Is maith, a dheadh sheirbhisich 
fhìrinnich ; bha thiisa firinneach 
ann am beagan do nithihh, cuiridh 
mise os ceann mòran do nithibh 
tliu : imich a steach do aoibhneas 
do Thighearn. 

24 Ach an uair a thàinig esan 
a fhuair an t-aon tàlann, thubh- 
airt e, A Thighearna, bha fhios 
agam gur duine cruaidh thu, a 
bhuaineas san àite nach do chuir 
thu, agus a thionaileas san ionad 
anns nach do sgaoil thu ; 

25 Agus air dhomh bhi fo eagal, 
chaidh mi agus dh'fholaich mi 
do thàlann san talamh : feuch, 
sin agad do chuid fèin. 

26 Fhreagair a Thighearn agus 
thubhairt e ris, A sheirbliisich 
uilc agus leisg, bha f hios agad gu 
buainim-sa san àit anns nach do 
chuir mi, agus gu tionalam as 
an ionad anns nach do sgaoil mi ; 

27 Bu chòir dhuit, uime sin m' 
airgiod a thabhairt do'n luchd- 
malairt, agus air dhomh teachd 
gheibhinn mo chuid fèin maille 
r' a riadh. 

28 Buinibh uaith uime sin an 
tàlann, agus thugaibh dhasan e, 
aig am bheil na deich tàlanna. 

29 (Oir do gach neach aig am 
bheil bheirear, agus bithidh aige 
gu pailt : ach uaith-san aig nach 
'eil, bheirear eadhon an ni sin a 
ta aige.) 

30 Agus tilgibh an seirbhiseach 
raì-tharbhach so do dhorchadas 
iomallach : an sin bithidh gul 
agus giosgan fhiacal. 

31 Anuair a thig Mac an duine 

' thearbaidheas. 

53 



'na ghlòir, agus na h-aingil 
naomha uile maille ris, an sin 
suidhidh e air caithir rìoghail a 
ghlòire : 

32 Agus cruinnichear 'na làthair 
na h-uile chinnich ; agus sgaraidh 
e iad o chèile, amhuil a sgaras^ 
buachaill na caoraich o na gabh- 
raibh : 

33 Agus cuiridh e na caoraich 
air a làimh dheis, ach na gabhair 
air a làimh chlì. 

34 An sin their an Righ riusan 
air a dheis, Thigibh, a dhaoine 
beannaichte m' Athar-sa, sealbh- 
aichibh mar oighreachd an rìogh- 
achd a ta air adeasachadh dhuibh 
o leagadh bunaite an domhain : 

35 Òir bha mi ocrach, agus 
thug sibh dhomh biadh : bha mi 
tartmhor^, agus thug sibh dhomh 
deoch : bha mi a' m' choigreach, 
agus thug sibh aoidheachd 
dhomh : 

36 Lomnochd, agus dh' eudaich 
sibh mi : bha mi euslan, agus 
thàinig sibh g' am amharc : bha 
mi am prìosan, agus thàinig sibh 
a m' ionnsuidh. 

37 An sin freagraidh na f ìreana 
e, ag ràdh. A Thighearna, c' uin' 
a chunnaic sinn ocrach thu, agus 
a bheathaich sinn thu ? no tart- 
mhor, agus a thug sin deoch 
dhuit? 

38 No c' uin' a chunnaic sin a' d' 
choigreach thu. agus a thug sinn 
aoidheachd dhuit ? no lomnochd, 
agus a dh' eudaich sinn thu ? 

39 No c' uin' a chunnaic sinn 
euslan thu, no am prìosan, agus 
a thàinig sinn a d' ionnsuidh ? 

40 Agus freagraidh an Rìgh, 

wtmhor^ pàitcach. 



MATA, XXV. XXVI. 



agus their e riu, Gu deimhin a 
ta mi ag ràdh ribh, a mheud 's 
gu'n do rinn sibh e do aon do 
na bràithribh a's lugha agam-sa, 
rinn sibh dhomh-sa e. 

41 An sin their e mar an ceudna 
riusan air an làimh chlì, Imich- 
ibh uam, a shluagh malluichte, 
dh'ionnsuidh an teine shìorruidh, 
a dh'uUuicheadh do 'n diabhul 
agLis d' a ainglibh : 

42 Oir bha mi ocrach, agus 
cha d' thug sibh dhomh biadh : 
bha mi tartmhor, agus cha d' thug 
sibh dhomh deoch : 

43 Bha mi a' m' choigreach, 
agus cha d" thug sibh aoidheachd 
dhomh : lomnochd, agus cha 
d' eudaich sibh mi : euslan, agus 
am prìosan, agus cha d' thàinig 
sibh g' am amharc. 

44 An sin freagraidh iadsan 
mar an ceudna e, ag ràdh, A 
Thighearna, c' uin a chunnaic 
sinne thu ocrach, no tartmhor, 
no d' choigreach, no lomnochd, 
no euslan, no am prìosan, agus 
nach do fhritheil sinn dhuit ? 

45 An sin freagraidh esan iad, 
ag ràdh, Gu deimhin a ta mi ag 
ràdh ribh, a mheud 's nach 
d' rinn sibh e do 'n neacli a 's 
kigha dhiubh so, cha d' rinn 
sibh dhomh-sa c. 

46 Agus imichidh iadsan chum 
peanais shìorruidh ; ach na 
fìreana chum na beatha mair- 
eannaich. 

CAIB. XXVI. 

1 Ghahh na h-uachdarahi comhaìrle chnm 
losa a ghhicadh, agus a chur gu bàs. 
6 Dh'ùng hean àraidh a cheann le oladh 
luachmhoir. 14 Reic ludas e ris na h-àrd- 



shagairt. 17 Dh'ith Criosd a' chàisg maiUe 
r' a dheisciobluibh, 26 agus dh' òrduich e an 
t suipeir naomh. 47 Bhrath ludas losa, 
agiis thugadh e an làthair Chuiaphais an 
àrd-shagairt. 69 Dh' àicheadh Feadar e. 

AGUS thàrladh, 'nuair a 
chrìochnaich losana briath- 
ra so uile, gu 'n dubhairt e r' a 
dheisciobluibh, 

2 A ta fhios agaibh gu bheil 
a' chàisg an dèigh dà là, agus a 
ta Mac an duine air a bhrath 
chum a chèusadh \ 

3 An sin chruinnich uachdar- 
ain nan sagart, agus na sgrìobh- 
aichean, agus seanairean a pho- 
builì, gu talla an àrd-shagairt, 
d' an goirear Caiaphas, 

4 Agus ghabh iad comhairle le 
chèile chum losa a ghlacadh le 
feall, agus a chur gu bàs. 

5 Ach thubhairt iad, Na dèaìi- 
amaid e san fhèill, air eagal 
gu 'm bì buaireas am measg a' 
phobuill. 

6 Agus air do losa a bhi ann 
am Betani, ann an tigh Shimoin 
an lobhair, 

7 Thàinig bean d' a ionnsuidh 
aig an robh bocsa alabastair làn 
do oladh ro luachmhoir, agus 
dhòirt i air a cheann e, agus e 
'na shuidhe aig hiadh. 

8 Ach an uair a chunnaic a 
dheisciobuil sin, bha fearg orra, 
ag ràdh, Ciod is ciall do 'n ana- 
caitheadh so ? 

9 Oir dh' flieudadh an oLadli 
so bhi air a reiceadh air mhòran, 
agus a bhi air a toirt do na 
bochdaibh. 

10 Ach air aithneachadh so 
do losa, thubhairt e riu, C' ar 
son a ta sibh a' cur dragha air a' 



' bheìrear thuiris Mac an duine gu hhi air a cheusadh. 

54 



MATA, 



XXVI. 



mlinaoi ? oir rinn i deadh obair 
dliomli-sa. 

11 Oir a ta na bochdan agaibh 
a ghnàth maille ribh, ach cha 'n 
'eil mise agaibh a ghnàth. 

12 Oir air dòrtadh na h-oladh 
so dh' i air mo chorp-sa, is ann 
fa chomhair m'adhlaic a rinn i e. 

13 Gu deimhin a ta mi ag 
ràdh ribh, Ge b' e àit am bì an 
soisgeul so air a shearmonachadh 
air feadh an t-saoghail gu h- 
iomlan, aithrisear an ni a rinn a' 
bhean so, mar chuimhne oirre. 

14 An sin dh' imich aon do 'n 
dà f hear dheug, d' am b' ainm 
ludas Iscariot, chum nan àrd- 
shagart. 

15 Agus thubhairt e, Ciod a 
bheir sibh dhomh-sa, agus brath- 
aidh mi dhuibh e ? Agus chcMrd 
iad ris air dheich buinn fhichead 
airgid. 

16 Agus o 'n àm sin a mach 
dh'iarr e fàth^ air esan a bhrath. 

17 Agus air a' cheud là do 
fhèiìl an arain neo ghoirtichte, 
thàinig na deisciobuil chum losa, 
ag ràdh ris, C'àit an àill leat 
sinne a dh'ulluchadh dhuit, chum 
gu 'n ith thu a' chàisg ? 

18 Agus thubhairt esan, Rach- 
aibh do 'n bhaile gu leithid so do 
dhuine, agus abraibh ris, Tha 
am maighstir ag ràdh, A ta m' àm 
am fagus, cumaidh mi a' chàisg 
aig do thigh-sa maille ri m' 
dheisciobluibh. 

19 Agus rinn na deisciobuil 
mar a dh'òrduich losa dhoibh, 
agus dheasaich iad a' chàisg. 

20 Agus an uair a thàinig am 

' cothrom. 

" agus hheannaich, agus hhris se e. 
55 



feasgar, shuidh e maille ris an 
dà fhear dheug. 

21 Agus ag itheadh dlioibh, 
thubhairt e, Gu deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, gu 'm brath fear 
dhibh mise. 

22 Agus bha iad ro bhrònach, 
agus thòisich gach aon aca fa 
leth air a ràdh ris, Am mise e, a 
Thighearn ? 

23 Agus fhreagair esan agus 
thubhairt e, An tì a thumas a 
làmh sa' mhèis maille rium-sa, 
brathaidh esan mi. 

24 Gu deimhin a ta Mac an 
duine ag imeachd, a rèir mar a 
ta e sgrìobhta m 'a thimchioll : 
ach is an-aoibhinn do 'n duine 
sin le 'm brathar Mac an duine : 
bu mhaith do 'n duine sin mur 
beirte riamh e. 

25 An sin fhreagair ludas a 
bhrath e, agus thubhairt e, A 
mhaighstir, am mise e ? Thubh 
airt esan ris, Thubhairt thu. 

26 Agus ag itheadh dhoibh, 
ghlac losa aran, agus air tabh- 
airt buidheachais, bhris se e^. 
agus thug e do na deisciobhiibh 
e, agus thubhairt e, Gabhaibh^ 
ithibh ; is e so mo chorp-sa. 

27 Agus air glacadh a' chup- 
ain, agus air tabhairt buidheach- 
ais, thug e dhoibh e, ag ràdh, 
Olaibh uile dheth : 

28 Oir is i so m' fhuil-sa ar 
tiomnaidh^ nuaidh, a dhòirtear 
air son mhòran chum maithean- 
ais pheacanna. 

29 Ach tha mi ag ràdh ribh, 
Nach òl mi à so suas do thoradh 
so na fionain *, gus an là sin an 

^ a' choimhcheangaiL 
''fincamhain. Eir. 



MATA, 



XXVI. 



òl mi e nuadli maille ribh ann 
an rioghachd m' Athar. 

30 Agus air dhoibh laoidh a 
sheinn, chaidh iad a mach gu 
sliabh nan crann-oladh. 

31 An sin thubhairt losa riu, 
Gheibh sibh uile oilbheum ann- 
am-sa an nochd ; oir a ta e 
sgriobhta, Buailidh mi am buach- 
aill, agus sgapar caoraich an 
treuda. 

32 Ach an dèigh dhomh-sa 
èirigh a ris, thèid mi roimhibh 
do Ghalile. 

33 Agus f hreagair Peadar agus 
thubliairt e ris, Ged gheibh gach 
uile dhaoine oilbheum annad, 
cha 'n fiiaigh mise oilbheum gu 
bràth. 

34 Thubhairt losa ris, Gu 
deimhin a ta mi ag ràdh riut, air 
an oidhche so fèin mu 'n goir an 
coileach, gu 'n àicheadh thu mi 
trì uairean. 

35 Thubhairt Peadar ris, Ged a 
b' èigin dhomh bàsachadh maille 
riut, cha'n àicheadh mi thu. 
Agus thubhairt na deisciobuil 
uile mar an ceudna. 

36 An sin thàinig losa maille 
riu gu ionad d' an goirear Getse- 
mane, agus thubhairt e ris na 
deisciobluibh, Suidhibh-sa an so, 
gus an tèid mise a dhèanamh 
ùrnuigh an sud. 

37 Agus thug e Peadar leis, 
agus dithis mhac Shebede, agus 
thòisich e air a bhi brònach, 
agus ro dhoilgheasach. 

38 An sin thubhairt e riu, A 
ta m' anam ro bhrònach, eadhon 
gu bàs : fanaibh-sa an so, agus 
dèanaibh faire maille riumsa. 

' air aghaidh. 

56 



39 Agus dh'imich e beagan air 
adliart agus thuit e air aghaidh, 
a' dèanamh ùrnuigh, agus ag 
ràdh, O m' Athair, ma dh'f heudas 
e bhi, rachadh an cupan so 
seachd orm : gidheadh, na biodh 
e mar is àill leamsa, ach mar is 
toil leatsa. 

40 Agus thàinig e chum nan 
deisciobul, agus fliuair e 'nan 
codal iad, agus thubliairt e ri 
Peadar, An ann mar sin, nach 
b' urrainn sibh faire a dhèanamh 
aon uair a mhàin maille riumsa ? 

41 Dèanaibh faire agus ùrnuigh, 
chum nach tuit sibh am buair- 
eadh : a ta gun amharus an 
spiorad togarach ; ach a ta 'w 
fheoil anmhunn^. 

42 A rìs an dara uair, dh'imich 
e agus rinn e ùrnuigh, ag ràdh, 
O m' Athair, mur feudar gu 'n 
tèid an cupan so seachad orm, 
gun mi 'ga òl, do thoil-sa gu 
robh dèanta. 

43 Agus thàinig e agus fhuair 
e iad a ris 'nan codal : oir bha 
an sùilean trom. 

44 Agus dh'fhàg e iad, agus 
dh'imich e a rìs, agus rinn e 
ùrnuigh an treas uair, ag ràdh 
nam briathra ceudna. 

45 An sin thàinig e chum a 
dheisciobul, agus thubhairt e 
riu, Coidlibh roimhibh a nis, 
agus gabliaibh fois ; feuch, a ta 
an uair air druideadh, agus a 
ta Mac an duine air a bhrath 
thairis do làmhaibh pheacach. 

46 Eiribh, imicheamaid : feuch, 
a ta an tì a bhrathas mise am 
fagus. 

47 Agus air dha blii fathast a' 



MATA, 



XXVI. 



labliairt, feuch, thàinig ludas, 
aon do 'n dà fliear dheug, agus 
maille ris cuideachd mhòr le 
claidhibh agus bataibh o na h- 
àrd-shagartaibh agus o shean- 
airibh a' phobuilh 

48 A nis bha an tì a bhrath 
esan air tabhairtcomharadhoibh, 
ag ràdh, Ge b' e neach a phògas 
mise, is e sin e ; dèanaibh greim 
air. 

49 Agus air ball thàinig e 
chum losa, agus thubhairt e, 
Fàilte dhuit, a mhaighstir ; agus 
phòg se e. 

50 Ach thubhairt losa ris, A 
charaid, c' ar son a thàinig thu ? 
An sin thàinig iad, agus chuir 
iad làmh ann an losa, agus ghlac 
iad e. 

51 Agus, feuch, shìn a h-aon 
diubhsan a bha maille ri losa a 
làmh, agus tharruing e a chlaidh- 
eamh, agus air dha seirbhiseach 
an àrd-shagairt a bhualadh, 
gheàrr e a chluas dheth. 

52 An sin thubhairt losa ris, 
Cuir a rìs do chlaidheamh air 
ais 'na ionad fèin : oir iadsan 
uile a ghlacas an claidheamh, 
tuitidh iad leis a' chlaidheamh. 

53 An saoil thusa nach feud 
mise a nis m' Athair a ghuidhe, 
agus bheir e dhomh tuilleadh 
na^ dà legion deug do ainglibh ? 

54 Ach cionnus an sin bhiodh 
na sgriobtuirean air an coimh- 
lionadh, a tha 'g ràdh gur ann 
mar so is èigin tachairt ? 

55 Anns an uair sin fèin thu- 
bhairt losa ris an t-shiagh, An 
d' thàinig sibh a mach mar gu 
b' ann an aghaidh gaduiche, le 



claidhibh agus bataibh chum 
mise a ghìacadh ? Bha mi gach 
là a' m' shuidhe maille ribh san 
teampull a' teagasg, agus cha 
do chuir sibh làmh annam. 

56 Ach thachair so uile, chum 
gu 'm biodh sgriobtuire nam 
fàidhean air an coimhlionadli. 
An sin thrèig na deisciobuil uile 
e, agus theich iad. 

57 Agus air dhoibh-san losa a 
ghlacadh, thug iad leo e gu Cai- 
aphas an t-àrd-shagart, far an 
robh na sgrìobhaichean agus na 
seanairean air cruinneachadh. 

58 Ach lean Peadar e fad uatha, 
eadhon gu talìa an àrd-shagairt, 
agus chaidh e steach, agus shuidh 
e maille ris na seirbhisich, a 
dh'fhaicinn na crìche. 

59 Agus dh'iarr na h-àrd-shag- 
airt agus na seanairean, agus a' 
chomhairle uile, fìanuis bhrèige 
an aghaidh losa, chum a chur gu 
bàs. 

60 Ach cha d'f huair iad : seadh, 
ge do thàinig mòran do fhian- 
uisibh brèige, cha d'fhuair iad. 
Fa dheòidh thàinig dà fhianuis 
bhrèige. 

61 Agus thubhairt iad, Thubh- 
airt amymr so, Is urrainn mise 
teampull Dè a leagadh, agus 
a thogail a rìs an trì làithibh. 

62 Agus air do 'n àrd-shagart 
èirigh, thubhairt e ris, Nach 
freagair thu bheag ? Ciod e a ta 
iad sin a' toirt fianuis ^ a' d' agh- 
aidh ? 

63 Ach dh'flian losa 'na thosd. 
Agus fhreagair an t-àrd-shagart 
agus thubhairt e ris, A ta mi 
ga d' mhionnachadh air an Dia 

^ d Jianuiseadh. 



MATA, XXVI. XXVII. 



bheò, gu 'n innseadh tu dhuinn, 
an tu Crìosd Mac Dhè. 

64 Thubhairt losa ris, Thubh- 
airt thu : gidheadh tha mi ag 
ràdh ribh, 'Na dhèigh so chì 
sibh Mac an duine 'na shuidhe 
air deas làimh cumhachd Dhè, 
agus a' teachd air neulaibh nèimh. 

65 An sin reub an t-àrd-shag- 
art 'eudach, ag ràdh, Gu 'n do 
labhair e toibheum ; ciod am 
feum tuilleadh a ta againn air 
fianuisibh ? feuch, a nis chuala 
sibh a thoibheum. 

66 Ciod i bhur barail-sa? 
Fhreagair iadsan agus thubhairt 
iad, A ta e toillteanach air a' bhàs. 

67 An sin thilg iad smugaid 
'na eudan, agus bhuail iad le 'm 
basaibh e ; agus ghabh cuid eile 
air le slataibh, 

68 Ag ràdh, Dèan fàidhead- 
aireachd^ dhuinn, a Chrìosd, Cò 
e a bhuail thu ? 

69 Agus shuidh Peadar a mach 
anns an talla : agus thàinig cail- 
in àraidh d 'a ionnsuidh, ag ràdh, 
Bha thusa mar an ceudna maille 
ri losa o Ghalile. 

70 Ach dh'àicheadh esan 'nan 
làthair uile, ag ràdh, Cha 'n 'eil 
fhios agam ciod a ta thu ag ràdh. 

71 Agus air dol a mach dha 
do'n fhor-dhorus, chunnaic cail- 
in eile e, agus thubhairt i riusan a 
bha 'n sin, Bha 'm fear so mar an 
ceudna maille ri losa o Nasaret. 

72 Agus dh'àicheadh e a rìs le 
mionnaibh, a(j ràdh, Cha'n aithne 
dhomh an duine. 

73 Agus tamull beag 'na dhèigh 
sin thàinig an dream a bha 'nan 
seasamh a làthair, agus thubhairt 

^ /àistneachd. 

58 



iad ri Peadar, Gu firinneach is 
ann diubh sud fèin tha thusa ; oir 
a ta do chainnt ga d' bhrath. 

74 An sin thòisich e ri mall- 
achadh agus mionnachadh, ag 
ràdh, Cha 'n aithne dhomh an 
duine. Agus air ball ghoir an 
coileach. 

75 Agus chuimhnich Peadar 
briathran losa, a thubhairt ris, 
Mu'n goir an coileach, àicheadh- 
aidh tu mi tri uairean. Agus air 
dol a mach dha, ghuil e gu geur 

CAIB. XXVII. 

1 Cheangail na h-uachdarain agus na sean- 
airean Cì'iosd, agus thug iad thniris e do 
Philat. 3 Chroch ludas efiin. 19 Fhuair 
Pilat rahhadh o 'mhnaoi mu thimchioll 
Chriosd ; 20 dh'ionnluid e a làìnhan, 26 
agiis leig e Barahas fa sgaoil. 29 Chràn- 
adh Cn'osd k droighionn ; 34:agus cheusadh 
e. 50 A hhàs agus 'adhlac. G6 Chuir na 
huachdarain faire air 'uaigh. 

AIR teachd do'n mhaduinn, 
ghabh uachdarain nan sag- 
art uile, agus seanairean a' phob- 
uill, comhairle le chèile an agh- 
aidh losa, chum a chur gu bàs. 

2 Agus airdhoibhesanacheang- 
al, thug iad leo e, agus thug 
iad thairis e do Phontius Pilat 
an t-uachdaran. 

3 An sin an uair a chunnaic 
ludas a bhrath e, gu 'n do dhit- 
eadh e, ghabh e aithreachas, ag- 
us thug e air an ais na deich 
buinn fhichead airgid do na 
h-àrd-shagartaibh, agus do na 
seanairibh, 

4 Ag ràdh, Pheacaich mi, ann 
am brath na fola neòchiontaich. 
Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin 
duinne ? amhairc thusa air sin. 

5 Agus air tilgeadh uaitli nam 

" goirt. 



MATA, 



XXVII. 



bonn airgid anns an teampull, 
tlh'imich e roimhe, agns chaidh 
e agus chroch' se e fèin. 

G Agus ghlac na h-àrd-shag- 
airt na buinn airgid, agus thubh- 
airt iad, Cha chòir an cur san 
ionmhas, oir is luach fola iad. 

7 Agus air gabhail comhairle 
dhoibh, cheannaich iad leo fear- 
ann a' cliriadhadair", chum a bhi 
'na àit-adhlaic do choigrich'. 

8 Air an aobhar sin goirear 
do 'n fhearann sin, Fearann na 
fola, gus an là 'n diugh. 

9 (An sin choimhlionadh an ni 
a labhradh le leremias am f àidh, 
ag ràdh, Agus ghabh iad na deich 
buinn fhichead airgid, luach an 
Tl a mheasadh, neach a mheas 
iadsan a hha do chloinn Israeiì, 

10 Agus thug siad iad air son 
fearainn a' chriadhadair, mar a 
dh'òrduich an Tighearna dhomh- 
sa.) 

11 Ag-is sheas losa an làthair 
an uachdarain : agus dh'fhios- 
raich an t-uachdaran dheth, ag 
ràdh, An tusa Rìgh nan ludh- 
ach? Agus thubhairt losa ris, 
Thubhairt thu. 

12 Agus an uair a chuir na 
h-àrd-shagairt agus na seanair- 
ean cionta as a leth, cha do 
fhreagair e ni sam bith. 

13 An sin thubhairt Pilat ris, 
Nach chiinn thu cia lìon nithe 
air am bheil iad a' toirt fìanuis 
a' d' aghaidh ? 

14 Agus cha d' thug e freagradh 
dha air aon fhocal ; ionnus gu 'n 
do ghabh an t-uachdaran ion- 
gantas ro mhòr. 

15 A nis ri àm na fèille chleachd 

' ihachd. ^ fhir dèanamh shoithiche creadha. 
ÒD 



an t-uachdaran aon phrìosanach 
a b' àill leo chur fa sgaoiì do 'n 
phobull. 

16 Agus bha aca san àm sin 
priosanach ro-chomharaichte, d' 
am b' ainm Barabas. 

17 Air an aobhar sin an uair 
a bha iad cruinn an ceann a 
chèile, thubhairt Pilat riu, Cò is 
àill leibh mise a chur fa sgaoil 
duibh ? Barabas, no losa, d' an 
goirear Crìosd ? 

18 Oir blia fhios aige gu 'm 
b'ann o fharmad a thug iad 
thairis e. 

19 Agus an uair a bha e 'na 
shuidhe air caithir a' bhreith- 
eanais, chuir a bhean teachdair- 
eachd d'a ionnsuidh, ag ràdh, Na 
biodh agacl-sa gnothuch sam bith 
ris an fhìrean* sin : oir is mòr a 
dh'fhulaing mise an diugh ann 
am bruadar, air a shon-san. 

20 Ach chuir na h-àrd-shagairt 
agus na seanairean impidh air a' 
phobull gu 'n iarradh iad Barabas, 
agus gu milleadh iad losa. 

21 Agus fhreagair an t-uachd- 
aran agus thubhairt e riu, Cò 
do 'n dithis is àill leibh mise a 
chur fa sgaoil duibh ? Thubh- 
airt iadsan, Barabas. 

22 Thubhairt Pilat riu, Ciod 
ma seadh a ni mi ri losa, d' an 
goirear Criosd ? Thubhairt iad 
ris uile, Cèusar e. 

23 x4gus thubhairt an t-uachd- 
aran, C' ar son ? ciod an t-olc a 
rinn e ? ach is mò gu mòr a 
ghlaodh iadsan, ag ràdh, Cèusar e. 

24 Agus an uair a chunnaic 
Pihit nach do bhuadhaich e 
bheag sam bith, ach gu 'n d' èir- 

' choigreachaibh. ^ ionracan. 



MATA, 



XXVII. 



ich an tuilleadh buaireis, ghabh 
e uisge, agus dh'ionnlaid e a 
làmhan am fìanuis an t-sluaigh, 
ag ràdh, A ta mise neòchiontach 
do fhuil an fhìrein so ; faicibh- 
sa sin. 

25 Agus fhreagair am pobull 
uile, agus thubhairt iad, Biodh 
'fhuil oirnne, agus air ar cloinn. 

26 An sin leig e fa sgaoil Bar- 
abas dhoibh : ach air dha losa a 
sgiùrsadh, thug e thairis e chum 
a chèusadh. 

27 An sin thug saighdearan an 
uachdarain leo losa do thalla 
a' bhreitheanais, agus chruinn- 
ich iad a' bhuidheann uile m' a 
thimchioll. 

28 Agus air dhoibh a rùsgadh 
chuir iad uime faUuinn scarlaid. 

29 Agus air dhoibh crùn 
droighinn fhigheadh, chuir iad 
m' a cheann e, agus slat chuilce 
'na làimh dheis : agus lùb iad 
an glùn 'na ìàthair, agus rinn 
iad fanoid air, ag ràdh, Gu 'm 
beannaichear thu, a Rìgh nan 
ludhach. 

30 Agus thilg iad smugaid air, 
agus ghlac iad an t-slat chuilce, 
agus bhuail iad sa' cheann e. 

31 Agus an dèigh dhoibh fanoid 
a dhèanamh air, thug iad an 
fhalkiinn dheth, agus chuir iad 
'eudach fèin uime, agus thug iad 
leo e chum a chèusadh. 

32 Agus an uair a chaidh iad 
a mach, fhuair iad duine o Chir- 
ene, d' am b' ainm Simon : esan 
dh'èignich iad chum a chrann- 
cèusaidh-san a ghiùlan. 

33 Agus an uair a thàinig iad 
gu ionad d' an ainm Golgota, sin 

' 'eudnch a thoirt dheth 
60 



r' a ràdh, àite cloiginn, 

34 Thug iad dha r' a òl fion geur, 
measgta le clomblas : agus air 
dha a bhlasaclh, cha'n òladh se e. 

35 Agus an uair a chèus iad e, 
roinn iad a thrusgan eatorra, a' 
tilgeadh crannchuir : chum gu'n 
coimhliontadh an ni a labhradh 
leis an f hàidh, Roinn iad m' eud- 
ach eatyrra, agus chuir iad crann- 
chur air mo bhrat. 

36 Agus shuidh iad, agus rinn 
iad faire air an sin : 

37 Agus chuir iad a chùis- 
dhìtidh sgriobhta os a cheann, 
IS E SO lOSA RIGH NAN 
lUDHACH. 

38 An sin chèusadh maille ris 
dà ghaduiche ; fear air a làimh 
dheis, agus fear eile air a làimh 
chfi. 

39 Agus thug iadsan a blia dol 
seachad toibheum dha, a' crath- 
adh an ceann, 

40 Agus ag ràdh, Thusa a leagas 
an teampull, agus a chuireas suas 
an trì làithibh e, fòir ort fèin : 
ma's tu Mac Dhè, thig a nuas 
o 'n chrann-chèusaidh. 

41 Mar an ceudna thubhairt 
na h-ard-shagairt, maille ris na 
sgrìobhaichibh, agus na seanair- 
ibh, a' fanoid air, 

42 Sliaor e daoine eile, e fèin a 
shaoradh ni 'n comasach e : ma's 
e Rìgh Israeil, thigeadh e nis a 
nuas o'n clirann-chèusaidh, agus 
creididh sinn e. 

43 Chuir e a dhòigh an Dia ; 
saoradh e a nis e, ma tha toil 
aige dha : oir thubhairt e, Is 
mise mac Dhè. 

44 Agus thug na gaduicliean, 

- dà fhcar-reubainn, dà chreachadair. 



MATA, 



XX vn. 



a clièusadh maille ris, am beum 
ceudna dlia, 

45 A nis o 'n t-seathadli uair 
bha dorchadas air an fir uile gus 
an naothadh uair. 

46 Agus mu thimchioll na 
naothadh uaire dh'èigh losa le 
guth àrd, ag ràdh, Eli, eli, lama 
sabachtani ? is e sin r' a ràdh, 
Mo Dhia, mo Dhia, c' ar son a 
thrèig thu mi ? 

47 Agus air cluinntinn sin do 
chuid diubhsan a bha 'nan seas- 
amh an sin, thubhairt iad, A ta 
am fear so a' glaodhach air Elias. 

48 Agus air ball ruith a h-aon 
diubh, agus ghabh e spong, agus 
lìon e do fhìon geur i, agus air 
dha a cur air slait chuilce, thug 
e dha r' a òL 

49 Ach thubhairt càch, Leig 
dha, faiceamaid an tig Eiias g' a 
thèarnadh. 

50 Agus an uair a dh'èigh losa 
a rìs le glaodli mòr, thug e suas 
a spiorad. 

51 Agiis, feuch, reubadh brat- 
roinn an teampuill 'na dhà 
chuid, o mhullach gu ìoclidar ; 
agus chriothnuich an talamh, 
agus sgoilteadh na creagan : 

52 Agus dh'fhosgladh na h- 
uaighean, agus dh'èirich mòran 
da chorpaibh nan naomh, a bha 
'nan codal, 

53 Agus chaidh iad a mach as 
na h-uaighibh an dèigh 'aiseir- 
igh-san, agus chaidh iad a steach 
do 'n bhaile naomh, agus nochd- 
adh iad do mhòran. 

54 A nis an uair a chunnaic an 
ceannard-ceud, agus iadsan a bha 
maille ris a' coimhead^ losa, a' 

* (jlèidheadh. 

61 



chrith-thalmhainn, agus na nithe 
eile a rinneadh, ghabh iad eagal 
mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b' e 
so Mac Dhè. 

55 Agus bha an sin mòran bhan 
(ag amharc am fad,) a lean losa 
o Ghalile, a' frithealadh dha : 

56 Am measg an robh Muire 
Magdalen, agus Muire màthair 
Sheumais agus loseis, agus màth- 
air cloinne Shebede. 

57 Agus air teachd do 'n fheasg- 
ar, thàinig duine saoibhir o Ari- 
matea, d' am b' ainm loseph, a bha 
e fèin 'na dheisciobul aig losa 
mar an ceudna. 

58 Chaidh esan gu Pilat, ag- 
us dh'iarr e corp losa : an sin 
dh'àithn Pilat an corp a thabh- 
airt da. 

59 Agus ghlac losepli an corp, 
agus phaisg e ann an lìon-eudach 
fior-ghlan e, 

60 Agus chuir se e 'na uaigh 
nuaidh fèin, a chladhaich e ann 
an carraig : Agus charuich e 
clach mhòr gu dorus na h- 
uaighe, agus dh'imich e roimhe. 

61 Agus bha Muire Magdalen, 
agus a' Mhuire eile 'nan suidhe 
fa chomhair na h-viaighe. 

62 A nis air an là màireach, 
an là 'n dèigh an ulluchaidh, 
chruinnicheadh rd-shag- 
airt, agus na Phàirisich gu Pilat, 

63 Ag ràdh, a Thighearn, is 
cuimhne leinn an uair a bha am 
mealltair ud fathast beò, gu 'n 
dubhairt e, Eiridh m^i an dèigh 
thri làithean. 

64 Orduich uimio sin an uaigli 
a bhi air a coimhead gu cinnt- 
each gus an treas ìà, air eagal 
gu'n tig a dheisciobuil san oidh- 



MATA, XXVIL XXVIII. 



che, agus gu 'n goìd iad leo e, 
agus gu 'n abair iad ris an t- 
sluagh, Dh'èirich e o na marbh- 
aibh : agus mar sin bithidh am 
mearachd deireannach ni's miosa 
na 'n ceud mhearachd. 

65 Thubhairt Pilat riu, Tha 
faire agaibh ; imichibh, dèan- 
aibh an uaigh cho tèaruinte 's is 
aithne dliuiìjh. 

66 Agus dh'imich iad agus rinn 
iad an uaigh cinnteach, a' cur 
seula air a' chloich, maille ri 
faire. 

CAIB. XXVIII. 

1 Tha aiseiriyh Chrìosd air a cur an c 'ill do 
na mnaibh : 9 nochd Crìosd e fèin doibh. 
11 Thug na h-àrd-shagairt airgiod do na 
saighdeuraibh chum gu'n ahradh iad gu'n do 
ghoideadh as 'uaigh e. 

AN dèigh na sàbaid, aig bris- 
eadh na fàire air a' cheud la 
do 'n t-seachduin, thàinig Muire 
Magdalen, agus a' Mhuire eile, a 
dh'fhaicinn na h-uaighe. 

2 Agus, feuch, bha crith- 
thahnhainn mhòr ann ; oir thàin- 
ig aingeal an Tighearna nuas o 
nèamh, agus air teachd dha 
charuich e a' chlach o 'n dorus, 
agus shuidh e oirre. 

3 Agus bha a ghnùis mar 
dhealanach, agus 'eudach geal 
mar shneachdadh. 

4 Agus air eagal roimhe 
chriothnuich an luchd-coimhid 
agus chaidh iad an riochd mairbh. 

5 Ach fhreagair an t-aingeal 
agus thubhairt e ris na mnaibh, 
Na biodh eagal oirbhse : oir a ta 
f hios agam gu bheil sibh ag iarr- 
aidh losa, a chaidh chèusadh. 

' luchd-faire. 

G2 



6 Cha 'n 'eil e 'n so ; oir dh'- 
èirich e, mar a thubhairt e : 
thigibh, faicibh an t-àit an robh 
an Tighearn 'na luidhe. 

7 Agus imichibh gu luath, agus 
innsibh d' a dheisciobkiibh gu 'n 
d' èirich e o na marbhaibh : agus, 
feuch, tha e dol roimhibh do 
Ghalile ; an sin chi sibh e ; feucli, 
thubhairt mise ribh e. 

8 Agus dh'imich iad gu luath 
o 'n uaigh, le h-eagal agus mòr- 
ghàirdeachas, agus ruith iad a 
dh'innseadh d' a dheisciobluibh. 

9 Agus ag imeachd dhoibhsan 
a dh'innseadh d' a dheisciob- 
luibh, feuch, thachair losa fèin 
orra, ag ràdh, Fàilte dhuibh. 
Agus thàinig iad am fagus da_, 
agus rug iad air a chosaibh, agus 
rinn iad aoradh dha^. 

10 An sin thubhairt losa riu, 
Na biodh eagal oirbh : imichibh, 
abraibh ri m' bhràithribh iadsan 
a dhol do Ghalile, agus an sin chi 
iad mi. 

11 Agus an uair a bha iadsan 
ag imeachd, feuch, thàinig cuid 
do 'n hiclid-faire do 'n bhaiie, ag- 
us nochd iad do na h-àrd-shag- 
artaibh gach ni a thachair. 

12 Agus air cruinneachadh 
dhoibhsan an ceann a chèile 
maille ris na seanairibh, agus 
air gabhail comhairle dhoibh, 
thug iad mòran airgid do na 
saighdearaibh, 

13 Ag ràdh, Abraibh-sa gu 'n 
d' thàinig a dheisciobuil anns an 
oidhche, agus gu 'n do ghoid iad 
e, an ur.ir a bha sinne 'nar codal. 

14 Agus ma chluinneas an 
t-uachdaran so, cuiridh sinne 

^ thug iad urram dha. 



MATA, 



XXVIII. 



impidh air, agus nì sinn sibhse 
tèaruinte. 

15 Agus ghabh iad an t-air- 
giod, agus rinn iad mar a theag- 
aisgeadh dhoibh : agus a ta a' 
chainnt so air a h-aithris am 
measg nan ludliach gus an là 'n 
diugh. 

16 An sin chaidh an t-aon 
deisciobul deug do Ghalile, do 'n 
bheinn far an d' òrduich losa 
dhoibh. 

17 Agus an uair a chunnaic iad 
e, rinn iad aoradli dlia : ach bha 
cuid aca fo amharus. 



18 Agus thàinig losa, agus 
labhair e riu, ag ràdh, Thugadh 
dhomh-sa gach uile chumhachd 
air nèamh agus air talamh. 

19 Uime sin imichibh-sa, agus 
dèanaibh deisciobuil do^ gach 
uile chinneach, 'gam baisteadh 
ann an ainra an Athar, agus a' 
Mhic, agus an Spioraid naoimh ; 

20 A' teagasg dhoibh gach uile 
nithe a dh'àithn mise dhuibh a 
choimhead : Agus, feuch, a ta 
mise maille ribh a ghnàth, gu 
deireadh an t-saoghail. Amen. 

' iompaichibh, teagaisgihh. 



An SOISGEUL a reir MHARCUTS. 



CAIB. T. 

1 Breuchd Eoìn Bhaiste. 9 Bhaisteadh 
losn. 14 Shearmonaich esoisgeulrwghichd 
Dhè. 16 Ghairm e Peadar, Aindreas, Seu- 
mas agus Eoin. 23 Leighis e aon anns an 
robh deamhan, 32 ugus mòran do tnhuinntir 
a hha euslan. 

TOISEACH Soisgeil losa 
Criosd, Mhic Dhè : 

2 A rèir mar a ta e sgrìobhta 
anns na fàidhibh, Feuch, cuiream 
mo theachdair roimh do ghnùis 
a dh' ulluicheas do shlighe romh- 
ad. 

3 Guth an t\ a dh' èigheas anns 
an fhàsach, Ulluichibh slighe an 
Tighearna, dèanaibh a cheum- 
anna dìreach. 

4 Bha Eoin a' baisteadh anns 
an fhàsach, agus a' searmonach- 
adh baistidh an aithreachais, 
chum maitheanais pheacanna. 

_ 5 Agus chaidh a mach d' a 
ionnsuidh tìr ludea uile, agus 
luchd - àiteachaidh ^ lerusaleim, 

' luchd-àitich. 

63 



agus bhaisteadh leis iad uile ann 
an amhainn lordain, ag aideach- 
adh am peacanna. 

6 Agus bha Eoin air eudach- 
adh^ le fionna chàmhal, agus 
crios leathair m' a leasraidh ; 
agus bu bhiadh dha locuist agus 
mil fhiadhaich. 

7 Agus shearmonaich e, ag 
ràdh, A ta neach a' teachd a' m' 
dhèigh a 's cumhachdaiche na 
mise, neach nach airidh mise air 
cromadh sìos agus barr-iall a 
bhròg fhuasgladh. 

8 Bhaist mise gu dearbh sibh 
le h-uisge : ach baistidh esan 
sibh leis an Spiorad Naomh. 

9 Agus thàrladh anns na làith- 
ibh sin, gu 'n d' thàinig losa o 
Nasaret Ghalile, agus bhaisteadh 
e le h-Eoin ann an lordan. 

10 Agus air ball an uair a 
chaidh e suas as an uisge, cliunn- 
aic e na nèamhan air am fosa- 

^ uir a chòmhdach. 



MARC, I. 



!adh, agus an Spiorad mar cho- 
luman a' teachd a nuas air. 

11 Agus thàinig guth o nèamh, 
a(i ràdh, Is tusa mo Mhac gràdh- 
ach, anns am bheil mo mhòr 
thlachd. 

12 Agus air ball tharruing an 
Spiorad e do 'n f hàsach. 

13 Agus bha e 'n sin san fhàs- 
ach dà fhichead là air a bhuair- 
eadh le Sàtan, agus bha e maille 
ris na fiadh-bheathaichibh, agus 
f hritheil na h-aingil dha. 

14 Agus an dèigh Eoin a chur 
am prìosan, thàinig losa do 
Ghalile, a' searmonachadh sois- 
geii rìoghachd Dhè, 

15 Agus ag ràdh, Choimh- 
lionadh an aimsir, agus a ta 
rìogliachd Dhè am fagus ; dèan- 
aibh-sa aitlireachas, agus creid- 
ibh an soisgeul. 

16 Agus air dha bhi 'g im- 
eachd ri taobh fairge Ghalile, 
chunnaic e Simon, agus Aindreas 
a bhràthair, a' tilgeadh Im san 
fhairge : (oir b' iasgairean iad.) 

17 Agus thubliairt losa riu, 
Thigibh a'm' dlièigh-sa, agus nì 
mi 'nur iasgairibh air daoinibh | 
sibh. ! 

18 Agus air ball dh'f hàg iad an j 
lionta, agus lean iad esan. 

19 Agus an uair a chaidh e 
beagan air aghaidh as a sin, 
chunnaic e Seumas mac Shebede, 
agus Eoin a bhràthair, agus iad 
san luing a' càradh an lìonta. 

20 Agus air ball ghairm e iad ; 1 
agus dh'fhàg iad Sebede an ath- ' 
air san hiing maille ris an hiclid- 1 
tuarasdail, agus lean iad esan. i 

21 Agus cliaidh iad a steach 

' tìyh-aoraidh. 

64 



do Chapernaum ; agus air ball 
air dha dol a stigh do 'n t-siona- 
gog ' air an t-sàbaid, theagaisg e. 

22 Agus ghabh iad iongantas 
r' a theagasg : oir bha e 'gan 
teagasg mar neach aig an robh 
ùghdarras, agus cha b' ann mar 
na sgrìobhaichean. 

23 Agus bha 'nan sionagog-san 
neach anns an robh spiorad 
neòghlan, agus ghlaodh e, 

24 Ag ràdh, Leig leinn ; ciod 
ar gnothuch-ne riut, losa o ^ Na- 
saret? an d'thàinig thu g'ar 
sgrios-ne ? Is aitlme dhomh cò 
thu, aon naomh Dhè. 

25 Agus chronuich losa e, ag 
ràdh, Bì a' d' thosd, agus thig a 
mach as. 

26 Agus an uair a reub an 
spiorad neòghlan e, agus a 
ghlaodh e le guth àrd, thàinig 
e mach as. 

27 Agus ghabh iad mòr-iongan- 
tas uiìe, ionnus gu'n robh iad a' 
cur na ceisde so r'a^ chèile, ag 
ràdh, Ciod e so? Ciod e an 
teagasg nuadh so ? oir le h- 
ùghdarras a ta e toirt òrduigh 
eadhon do na spioradaibh neò- 
ghlan, agus tha iad ùmlial dha. 

28 Agus chaidh a chliù air 
ball a mach air feadh na tire 
uile timchioll Ghalile. 

29 Agus gun dàil, air dhoibh 
dol a mach as an t-sionagog, 
chaidh iad a steach do thigh 
Shimoin agus Aindreais, maille 
ri Seumas agus Eoin. 

30 Ach bha màthair-clièile 
Shimoi'i 'na hiidhe ann am 
fiabhrus ; agus ghrad labhair iad 
ris uimpe. 

'■' hho, d. ' air a. 



MARC, I. II. 



31 Agus tliàinig esan agus thog 
e i, a' breith air làimh oirre ; 
agus air ball dh'fhàg am fiabhrus 
i, agus fhritheil i dhoibh. 

32 Agus an uair a bha 'm feasgar 
ann, air do 'n ghrèin dol fuidhe, 
thug iad d' a ionnsuidh iadsan 
uile a bha euslan, agus iadsan 
anns an robh deamhain. 

33 Agus bha 'm baile uile air a 
chruinneachadh chum an doruis. 

34 Agus leighis e mòran air an 
robh iomadh gnè eucail, agus 
thilg e mach mòran dheamhan, 
agus cha d'fhulaing e do na 
deamhnaibh labhairt, air son 
gu 'm b' aithne dhoibh e. 

35 Agus air dha èirigh sa' mha- 
duinn, fada roimh là, chaidh e 
mach, agus dh'imich e gu àite fàs- 
aiP, agus rinn e ùrnuigh an sin. 

36 Agus lean Simon, agus an 
dream a bha maille ris e. 

37 Agus air fhaotainn dhoibh 
thubhairt iad ris, A ta gach uile 
neach ga d' iarraidh. 

38 Agus thubhairt esan riu, 
Rachamaid^ a dh'ionnsuidh nam 
bailtean eile làimh ruinn, chum 
gu 'n searmonaich mi an sin mar 
an ceudna : oir is ann a chum 
na crìche so thàinig mise mach. 

39 Agus shearmonaich e 'nan 
sionagogaibh air feadh Ghalile 
uile, agus thilg e mach na deamh- 
ain. 

40 Agus thàinig lobhar d' a 
ionnsuidh, a' guidhe air, agus a' 
lùbadh a ghlùin da, agus ag 
ràdh ris, Ma 's àiU leat, tha thu 
comasach air mise a dhèanamh 
glan. 

41 Agu s ghabh losa truas mòr 

' dìomhair, uaigneach. 
65 



dheth^, agus air^ìneadh a mach a 
làimhe, bhean e ris, agus thubhairt 
e ris, Is àill leam ; bì-sa glan. 

42 Agus 00 luath as a labhair 
e, air ball dh'fhalbh an luibhre* 
uaith, agus rinneadh glan e. 

43 Agus thug e geur-òrdugh 
dha, agus air ball chuir e air 
falbh e ; 

44 Agus thubhairt e ris, Feuch 
nach innis thu bheag do neach 
air bith : ach imich, nochd thu 
fèin do 'n t-sagart, agus tabhair 
mar ìobairt air son do ghlanaidh 
na nithe a dh'àithn Maois, mar 
fhianuis dhoibh. 

45 Agus air dhasan dol a mach, 
thòisich e air innseadh gu ro- 
fhollaiseach, agus air a' chùis a 
sgaoileadh mu 'n cuairt, air chor 
as nach feudadh losa dol tuiìl- 
eadh gu follaiseach a steach do 'n 
bhaile ; ach bha e mach ann an 
àitibh uaigneach : agus thàinig 
iad d' a ionnsuidh as gach àird. 

CAIB. II. 

1 Leìghis Criosd neach air an rohh am pairi- 
lis : Ugha irm e Ma ta .0 à ite toga il na c)se : 
16 dh'ith e maille ri cìs-mhaoir agus ri 
peacaich : 18 ghabh e leithsgeul a dheisciob- 
ul air son nach rohh iad a' trasgadh ; 2 
agus a chionn gu 'n do spwn iad diasan ar- 
bhair air là na sàbaid. 

AGUS an dèigh làithean 
àraidh, chaidh e a rìs a 
steach do Chapernaum ; agus 
chualas esan a bhi san tigh. 

2 Agus air ball chruinnicheadh 
mòran an ceann a chèile, air chor 
as nach robh àit a chumadh iad, 
eadhon timchioll an doruis : agus 
labhair e am focal riu. 

3 Agus thàinig iad, a' toirt 
d' a ionnsuidh neach air an robh 

2 imicheamaid, theirigcamaid. ris. ' mùire. 

F 



MARC, II. 



am paìrilis, air a ghiùlan le 
ceathrar. 

4 Agus a chionn nach b' urr- 
ainn iad teachd am fagus da leis 
an t-sluagh, rùisg iad mullach 
an tighe anns an robh e : agus 
air dhoibh a tholladh, leig iad 
sìos an leabadh air an robh an 
neach a bha tinn leis a' phairilis 
'na luidhe. 

5 'Nuair clmnnaic losa an 
creidimh-san, thubhairt e ris an 
neach air an robh am pairilis, A 
mhic, tha do pheacanna' air am 
maitheadh dhuit. 

6 Ach bha dream àraidh^ do 
na sgrìobhaichibh 'nan suidhe an 
sin, agus iad a' reusonachadh 
'nan cridheachaibh fèin, 

7 C' ar son a ta am fear so a' 
labhairt toibheim mar so ? Cò 
dh'fheudas peacanna a mhaith- 
eadh ach Dia a mhàin ? 

8 Agus air ball air aithneach- 
adh do losa 'na spiorad fèin gu 'n 
robh iadsan a' reusonachadh mar 
sin annta fèin, thubhairt e riu, 
C'ar son a ta sibh a' reusonach- 
adli nan nitlie sin ann bhur 
cridheachaibh ? 

9 Cò aca is usadh a ràdh ris 
an neach air am bheil am pairil- 
is, Tha do pheacanna air am 
maitheadh dhuit, no a ràdh, 
Eirich, agus tog do leabadh, ag- 
us imich ? 

10 Ach a chum gu 'm bi fios 
agaibh gu bheil ùghdarras aig 
Mac an duine peacanna a mhaith- 
eadh air thalamh, (thubhairt e 
ris an f hear air an robh am pai- 
rilis,) 

11 A ta mi ag ràdh riut, Eirich, 

' pheacaidh, ^ àraìd. 

66 



agus tog do leabadh, agus imich 
do d' thigh. 

12 Agus dh'èirich esan air ball, 
agus thog e an leabadh, agus 
chaidh e mach 'nam fìanuis uile, 
ionnus gu 'n robh mòr-iongantas 
orra uile, agus gu 'n do ghlòr- 
aicli iad Dia, ag ràdh, Cha 'n 
f haca sinne riamh a leithid so. 

13 Agus chaidh e mach a rìs ri 
taobh na mara ; agus thàinig an 
sluagh uile d' a ionnsuidh, agus 
tlieagaisg e iad. 

14 Agus ag dol seachad da, 
chunnaic e Lebhi mac Alpheuis 
'na shuidhe aig àite togail na 
cìse, agus thu^bhairt e ris, Lean 
mise. Agus dh'èirich e, agus 
lean se e. 

15 Agus thàrladh, 'nuair a sliuidh 
losa chum bìdh 'na thigh-san, gu 'n 
do shuidh mòran chis-mhaor agus 
pheacach maille ri losa, agus r' a 
dheisciobhiibh : oir bha mòran 
ann, agus lean iad e. 

16 Agus an uair a chunnaic na 
sgrìobhaichean agus na Phàir- 
isich esan ag itheadli maille ri 
cìs-mhaoraibh agus ri peacach- 
aibh, thubhairt iad r' a dheisciob- t 
luibh, C' ar son a ta e ag itheadli ' 
agus ag òl maille ri cìs-mhaor- 
aibh agus ri peacachaibh ? 

17 Agus an uair a chuala losa i 
so, thubhairt e riu, Clia 'n 'eil ' 
feum acasan a ta slàn air an 
lèigh, ach acasan a ta tinn : cha i 
d' thàinig mise a ghairm nam \ 
firean, ach nam peacach chum j 
aithreacliais. | 

18 Agus bu ghnàth le deis- 
ciobh^iìjh Eoin, agus nam Phàir- \ 
iseach a bhi trasgadh^ : agus j 

trosgadh. 



MARC. II. III. 



thàinig iad, agus thubhairt iad 
ris, C' ar son a ta deisciobuil 
Eoin, agus nam Phàiriseach ri 
trasgadh, agus nach 'eil do dlieis- 
ciobuil-sa a' trasgadh, 

19 Agus thubhairt losa riu, 
Am bheil clann seòmair an fhir 
nuadh-phòsda comasach air 
trasgadli a dhèanamh, am feadh 
a bhitheas am fear nuadh-pòsda 
mailleriui? am feadli a ta am 
fear nuadh-pòsda aca maille riu, 
cha 'n fheud iad trasgadh a 
dhèanamh. 

20 Ach thig na làithean anns 
an toirear am fear nuadh-pòsda 
uatha ; agus an sin nì iad trasg- 
adh sna làithibh sin. 

21 Agus cha 'n 'eil duine sam 
bith a dli' f huaigheas mìr do 
eudach nuadh air sean eudach ; 
no, ma dK fhuaigheas, buinidh am 
m\r nuadh, a chuireadh g' a lìon- 
adh suas, as an t-sean eudach, 
agus nithear an reubadh ni 's 
miosa. 

22 Agus cha chuir duine air 
bith fion ùr ann an seann searr- 
agaibh^; no brisidh am fion 
nuadh na searragan, agus dòirt- 
ear am fion, agus caillear na 
searragan : ach is còir fion nuadh 
a chur ann an searragaibh 
nuadha. 

23 Agus thàrladh gu 'n deach- 
aidh e troimh* na h-achaibh 
arbhair air là na sàbaid ; agus 
thòisich a dheisciobuil, ag im- 
eachd dhoibh, ris na diasan arbh- 
air a spìonadh. 

24 Agus thubhairt na Phàir- 
isich ris, Feuch, c' ar son a ta 

' 'nam fochair. ^ leathar-hhuidealaibh. 
' trid, air feadh. 
67 



[ iad a' dèanamh an ni nach 'eil ' 
ceaduichte air là na sàbaid ? 

25 Agus thubliairt esan riu, 
Nach do leugh sibhse riamh ciod 
a rinn Daibhidh, 'nuair a blia 
uireasbhuidh air, agus ocras air 
fèin agus orra-san a bha maille 
ris ? 

26 Cionnus a chaidli e steach 
do thigh Dhè ann an làithibh 
Abiatair an àrd-shagairt, agus 
a dh'ith e aran na fianuis^, nach 
'eil ceaduichte do neach air bith 
itheadh, ach do na sagartaibh, 
agus a thug e mar an ceudna 
do 'n dream a bha maille ris ? 

27 Agus thubhairt e riu, Dh'- 
òrduicheadh an t-sàbaid air son 
an duine, cha 'n e an duine air 
son na sàbaid : 

28 Air an aobhar sin is Tìgh- 
earna^ Mac an duine air, an t- 
sàbaid fèin. 

CAIB. IIL 

1 Leighis Crìosd an duine aig an robh aìi làmh, 
sheargta. 11 Chronuich e na spiorada 
neòghlan ; 13 agus thagh e dà abstol deug. 
22 Dhearbh e aingidheachd an t-sluaigh a 
bha 'g ràdh gii 'n robh e a' tilgeadh dheamh- 
an a mach le Beclsebuh ; 31 agus nochd e 
cò iad a chàirdean. 

AGUS chaidh e rìs a steach 
do 'n t-sionagog ; agus bh a 
an sin duine aig an robh làmh 
sheargta. 

2 Agus rinn iad faire air, a 
dh'f heuchainn an leighiseadh se e 
air lànasàbaid, chum gu'm bio (Ih 
cùis-dhìtidh aca 'na aghaidh". 

3 Agus thubhairt e ris an dui ne 
aig an robh an làmh sheargva, 
Eirich sa' mheadhon. 

4 Agus thubhairt e riu, Am 

^ an t-aran taisbeanta. 
* Maighstir. « dhu. 
F 2 



MARC, III. 



bheil e ceaduichte maith adhèan- 
amh air làithibh na sàbaid, no 
olc ? anam a thèarnadh, no a 
sgrios ? ach dh'f han iadsan 'nan 
tosd. 

5 Agus an uair a dh'amhairc 
e mu 'n cuairt orra le feirg', air 
dha bhi doilich air son cruais 
an cridhe, thubhairt e ris an 
duine, Sìn a mach do làmh. Ag- 
us shìn e mach i : agus rinneadh 
slàn i mar an làmh eile. 

6 Agus chaidh na Phàirisich 
a mach, agus ghabh iad comh- 
airle air ball maille ri luehd- 
leanmhuinn Heroid 'na aghaidh- 
san, cionnus a dh'fheudadh iad 
a sgrios^. 

7 Ach chaidh losa maille r' a 
dheisciobluibh a leth chum na 
mara : agus lean sluagh mòr e o 
Ghalile, agus o ludea, 

8 Agus o lerusalem, agus o 
Idumea, agus o thaobh thall 
lordain ; agus iadsan a bha 
timchioll Thiruis agus Shidoin, 
thàinig cuideachd mhòr dhiubh 
d' a ionnsuidh, 'nuair a chual iad 
cia mòr na nithe a rinn e. 

9 Agus thubhairt e r' a dheis- 
ciobluibh, long bheag a bhi feith- 
eamh air, air son an t-sluaigh, 
chum nach dòmhluicheadh iad e : 

10 Oir leighis e mòran ; ionnus 
gu 'n do dhlùth-theann iad ris, a 
mheud 's air an robh plàighean, 
chum gu 'm beanadh iad ris. 

11 Agus na spiorada neòghlan, 
an uair a chunnaic iad e,shleuchd 
iad da, agus ghlaodh iad, ag ràdh, 
Is tusa Mac Dhè. 

12 Agus thug e sparradh teann^ 
dhoibh nach dèanadh iad aith- 

' diomb. mhilleadh. 
68 



nichte e. 

13 Agus chaidh e suas gu 
beinn, agus ghairm e iadsan a 
b' àiU leis : agus thàinig iad d' a 
ionnsuidh. 

14 Agus dh'òrduich e dà fhear 
dheug, chum gu 'm biodh iad 
maille ris, agus gu 'n cuireadh e 
mach iad a shearmonachadh ; 

15 Agus gu 'm biodh aca cumh- 
achd a leigheas euslainte, agus a 
thilgeadh a mach dheamhan. 

16 Agus air Simon thug e 
Peadar mar cho-ainm : 

17 Agus Seumas mac Shebede, 
agus Eoin bràthair Sheumais, 
(agus orra-san thug e Boanerges 
mar cho-ainm, is e sin ri ràdh, 
Clann na tairneanaich,) 

18 Agus Aindreas, agus Phi].ip, 
agus Bartolomeus, agus Mata, 
agus Tomas, agus Seumas mac 
Alpheuis, agus Tadeus, agus Si- 
mon an Canaanach, 

19 Agus ludas Iscariot, an 
neach sin a bhrath e : agus 
chaidh iad do thigh. 

20 Agus chruinnicheadh an 
sluagh a rìs, ionnus nach robh 
e 'n comas doibh uiread as aran 
itheadh. 

21 Agus an uair a chual a 
chàirdean so, thàinig iad a mach 
a bhreith air : oir thubhairt iad, 
Tha e air mlii-chèill. 

22 Agus thubhairt na sgrìobh- 
aichean a thàinig a nuas o leru- 
salem, A ta Beelsebub aige, agus 
is ann troimh phrionnsa nan 
deamhan a ta e tilgeadh a mach 
dheamhan. 

23 Agus ghairm e iad d' a ionn- 
suidh, agus thubhairt e riu ann 

^ geur-àithne. 



Mi^, III. IV. 



an cosamhlachdaibli, Cionnus a 
dh'fheudas Sàtan Sàtan a thilg- 
eadh a mach ? 

24 Agus ma bhitheas rìogh- 
achd roinnte 'na h-aghaidh fèin, 
eha'n urrainn an rìoghachd sin 
seasamh. 

25 Agus ma bhitheas tigh air 
a roinn 'na aghaidh fèin, cha 'n 
urrainn an tigh sin seasamh. 

26 Agus ma dh' èireas Sàtan 'na 
aghaidh fèin, agus gu 'm bì e 
roinnte, cha 'n urrainn e seasamh, 
ach a ta crìoch aige. 

27 Cha 'n urrainn neach air 
bith dol a steach do thigh duine 
làidir, agus 'airneis a thogail leis, 
mur ceangail e 'n duine làidir an 
toiseach ; agus an sin creachaidh 
e a thigh. 

28 Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, Gu maithear na h-uile 
pheacanna do chloinn nan daoine, 
agus gach toibheum a labhras 
iad. 

29 Ach ge b' e labhras toibheum 
an aghaidh an Spioraid Naoimh, 
cha 'n fhaigh e maitheanas a 
chaoidh, ach a ta e an cunnart 
peanais ^ shìorruidh ; 

30 Air son gu 'n dubhairt iad, 
Tha spiorad neòghlan aige. 

31 An sin thàinig a bhràithrean 
agus a mhàthair, agus air dhoibh 
seasamh a muigh, chuir iad fìos 
d' a ionnsuidh, a' gairm air. 

32 Agus bha 'n sluagh 'nan 
suidhe m' a thimchioll; agus 
thubhairt iad ris, Feuch, a ta do 
mhàthair agus do bhràithrean a 
muigh ga d' iarraidh. 

33 Agus fhreagair e iad, ag 
ràdh, Cò i mo mhàthair, no mo 

^ damnaidh. breitheanais. 
69 



bhràithrean ? 

34 Agus slieall e mu 'n cuairt 
orra-san a bha 'nan suidhe m' a 
thimchioll, agus thubhairt e, 
Feuch mo mhàthair agus mo 
bhràithrean. 

35 Oir ge b' e neach a ni toil 
Dè, is esan mo bhràthair, agus 
mo phiuthar, agus mo mhàthair. 

CAIB. IV. 

1 Cosamhlachd an t-s)oladair, agus a Ihrigh 
21 Is cbir dhuinn solus ar n-eòlais a phairt- 
eachadh ri muinntir eile. 26 Cosamhlachd 
an t-s'd a ta fàs an uaignidheas, SO agus a' 
ghràinne mhustaird. 39 Chiuinich Crìosd 
onfha na fairge. 

AGUS thòisich a air teagasg 
a rìs làimh ris a' mhuir ; 
agus chruinnicheadh sluagh mòr 
d' a ionnsuidh, ionnus, gu 'n 
deachaidh e steacli do luing, agus 
gu 'n do shuidh e air a' mhuir ; 
agus bha 'n sluagh uile ri taobh 
na mara air tir. 

2 Agus theagaisg e dhoibh 
mòran do nithibh ann an cosamh- 
lachdaibh, agus thubhairt e riu 
'na theagasg, 

3 Eisdibh ; Feuch, chaidh fear- 
cuir" a mach a chur sìl: 

4 Agus thàrladh 'nuair chuir e 
an sìol, gu 'n do thjiit cuid deth 
ri taobh an rathaid, {^gus thàinig 
eunlaith an athair,, agus dh'ith 
iad suas e. 

5 Agus thuit cuid eile dheth air 
fearann creagach, far nach robh 
mòr thalamh aige ; agus air ball 
dli'fhàs e suas, do bhrìgh nach 
robh doimhne tahnhainn aige : 

6 Ach air do 'n ghrèin èirigh, 
loisgeadh e ; agus a chionn nach 
robh freumh^ aige, shearg e as. 

sìoladair. ^freumhach. 



7 Agus thuit cuìd eile am measg 
droighinn, agus dh'fhàs • an 
droighionn suas, agus thachd 
se e, agus cha d' thug e toradh 
uaith, 

8 Agus thuit cuid eile air tal- 
amh maith agus thug e toradh 
uaith a' fàs suas agus a' meud- 
achadh ; agus thug e mach, cuid 
a dheich thar fhichead uiread, 
agus cuid a thrì fichead uiread, 
agus cuid a cheud uiread 's a 
chuireadh. 

9 Agus thubhairt e riu, An tì 
aig am bheil cluasa chum èisd- 
eachd, èisdeadh e. 

10 Agus an uair a bha e 'na 
aonar, dh'fhiosraich iadsan, a bha 
mu 'n cuairt da^, maille ris an dà 
fhear dheug, an cosamhlachd 
deth. 

11 Agus thubhairt e riu, 
Dliuibhse thugadh eòlas a ghabh- 
ail air nithibh dìomhair rìogh- 
achd Dhè : ach dhoibh-san a ta 
an leth muigh nithear gach ni 
an cosamlachdaibh : 

12 Chum as ag faicinn doibh 
gu 'm faic iad, agus nach aith- 
nich iad, agus ag cluinntinn 
dhoibh gu 'n ckiinn iad, agus 
nach tuig iad ; air eagal àm air 
bith gu 'm pilleadh iad, agus 
gu 'm biodh am peacanna air am 
maitheadh dhoibh. 

13 Agus thubhairt e riu, Nach 
aithne dhuibh an cosamhlachd 
so ? agus cionnus ma ta a thuig- 
eas sibh gach uile chosamhlachd ? 

14 Tha 'm fear-cuir a' cur an 
fhocail. 

15 Agus is iad so iadsan ri 
taobh an rathaid, anns an cuir- 

' math. ^ 'na fhochair. 

70 



ear am focal, an dèigh dhoibh a 
chluinntinn, air ball a ta Sàtan 
a' teachd, agus a' togail leis an 
fhocail, a shìol-chuireadh 'nan 
cridheachaibh. 

16 Agus is iad so iadsan mar 
an ceudna a chuireadh air fear- 
ann creagach ; muinntir, an uair 
a chluinneas iad am focal, a 
ghabhas e air ball le gàirdeach- 
as : 

17 Agus cha 'n 'eil freumh aca 
annta fèin, ach mairidh iad rè 
sealain ; 'na dhèigh sin 'nuair 
a dh'èireas àmhghar^ no geur- 
leanmhuinn air son an fhocail, 
air ball a ta iad a' gabhail oil- 
bheim. 

18 Agus is iad so iadsan a chuir- 
eadh am measg an droighinn, an 
dream a dh'èisdeas ris an fhoc- 
al; 

19 Agus a ta ro chùram an t- 
saoghail so, agus mealltaireachd 
saoibhreis, agus anamianna nithe 
eile teachd a steach, agus a' 
tachdadh an f hocail, agus nithear 
neo-thorach e. 

20 Agus is iad so iadsan a chuir- 
eadh ann an talamh maith ; an 
dream a chhnnneas am focal, 
agus a ghabhas e, agus a bheir 
a mach toradh, cuid a dheich 
thar f hichead uiread, cuid a thrì 
fichead uiread, agus cuid a cheud 
uiread as a chuireadh. 

21 Agus tlmbhairt e riu, An 
toirear coinneal chum gu 'n cuir 
ear i fuidh bheul soithich, no 
fuidh leabaidh? nach ann a chum 
a cur ann an coinnleir ? 

22 Oir cha 'n 'eil ni air bith fol- 
uichte, nach foillsichear ; agus 

' triohlaìd 



MARC, IV. V. 



cha robh ni air bith an cleith\ 
nach tig am follais^. 

23 Ma ta cluasa chum èisdeachd 
aig neach air bith, èisdeadh e. 

24 Agus thubhairt e riu, Thug- 
aibh fa'near ciod a chluinneas 
sibh: leis an tomhas a thomh- 
aiseas sibh, tomhaisear dhuibh 
fèin ; agus bheirear tuilleadh 
dhuibh-sa ta 'g èisdeachd. 

25 Oir ge b' e neach aig am 
bheil, bheirear dha : agus ge b' e 

! neach aig nach 'eil, bheirear uaith 
an ni sin fèin a ta aige. 

26 Agus thubhairt e, Is amhuil 
rìoghaclid Dhè, mar gu 'n cuir- 
eadh duine sìol anns an talamh, 

27 Agus gu'n coidleadh e, agus 
gu'n èireadh e a dh'oidliche agus 
a là, agus gu 'n gineadh an siol, 
agus gu 'm fàsadh e suas, air 
dcngh nach fhios da. 

28 Oir bheir an talamh a mach 
toradh uaith fèin, air tùs am 
fochann, a rìs an dias, an dèigh 
sin an làn arbhar anns an dèis. 

29 Ach an uair a ta'n toradh 
abaich, air ball cuiridh e an corr- 
an ann, a chionn gu bheil am 
fogharadh air teachd. 

30 Agus thubhairt e, Ciod an ni 
ri 'n samhluich sinn rìoghachd 
Dhè ? no ciod e an cosamhlachd 
leis an coimhmeas sinn i^? 

31 Js cosmhuil i ri gràinne 
mustaird, ni, 'nuair a chuirear 
san talamh e, a 's lugha do na 
h-uile phòraibh a ta air thalamh. 

32 Ach an dèigh a chur, fàsaidli 
I e suas, agus cinnidh e ni 's mò na 

luibh sam bith eile, agus fàsaidh 
geugan mòra air ; ionnus gu 'm 

' an uaignidheas. ^ os àird. 

' ctn coihhcarta ris an coibheartaich sinn i ? 
71 



feud eunlaith an athair nid a 
dhèanamh fuidh a sgàile. 

33 Agus le iomadh d 'a leithid- 
ibh sin do chosamhlachdaibh 
labhair e am focal riu, a rèir mar 
a b'urrainn iad a chluinn-tinn. 

34 Ach gun chosamhlachd cha 
do labhair e riu : Agus mhìnich 
e na h-uile nithe d' a dheisciob- 
luibh fèin air leth. 

35 Agus thubhairt e riu air an 
là sin fèin,air teachddo'nfheasg- 
ar,Rachamaid thairis do'n taobh 
eile. 

36 Agus an uair a sgaoil iad an 
coimhthional, thug iad leo esan 
anns an luing mar a bha e ; agus 
bha longa beaga eile maille ris* 
mar an ceudna. 

37 Agus dh'èirich doinionn^ 
mhòr ghaoithe, agus leum na 
tonnan a steach do 'n luing, air 
chor as gu'n robh i nis làn. 

38 Agus bha esan ann an deir- 
eadh na luinge, 'na chodal air 
cluasaig*': agus dhùisgiad e,agus 
thubhairt iad ris, A mhaighstir, 
nach 'eil suim agad gu 'n caillear 
sinn? 

39 Agus dh'èirich e, agus chron- 
uich e a'ghaoth, agus thubhairt 
e ris an f hairge, Tosd, bì sàmh- 
ach. An sin luidh a'ghaoth, agus 
bha fèath'' mòr am. 

40 Agus thubhairt e riu, C' ar 
son a ta sibh co eagalach ? cionn- 
us nach 'eil creidimh agaibh ? 

41 Agus ghabh iad eagal ro 
mhòr, agus thubhairt iad r 'a 
chèile, Ciod e an duine so, gu 
bheil a' ghaoth, agus an fhairge 
fèin ùmhal da ? 

* 'na fhochai . * stoirm. 

" adhartan ? ciuìne. 



MARC, V. 



CAIB. V. 

1 Air do Chrìosd na deamham a chur a mach 
as an duine anns an rohh legion diubh, 
13 chaidh iad a stigh anns na mucuihh. 
26 Leighis e a' bhean air an robh dòrtadh 
folri, 35 agus thog e o na marbhaibh nighean 
lairuis. 

AGUS thàinig iad gu taobh 
eile na mara, gu dùthaich 
nan Gadarach. 

2 Agus an uair a chaidh e mach 
as an luing, air ball thachair air 
as na h-àitibh-adhlaic, duine anns 
an robh spiorad neòghlan, 

3 Aig an robh a chòmhnuidh 
sna h-àitibh-adhlaic ; agus cha 
b'urrainnneach airbith a cheang- 
al, eadhon le slabhraidhibh : 

4 Oir chaidh a cheangal gu tric 
le geimhlibh agus le slabhraidh- 
ibh, agus tharruing e na slabh- 
raidhean as a chèile, agus mhìn- 
bhris e na geimhlean : agus cha 
b'urrainn duine sam bith a cheann- 
sachadh. 

5 Agus bha e ghnàth, a là 
agus a dh'oidhche, sna beannt- 
aibh, agus sna h-ionadaibh-adh- 
laic, a' glaodhaich, agus 'ga 
ghearradh fèin le clachaibh. 

6 Ach an uair a chunnaic e 
losa fada uaith, ruith e agus 
shleuchd e dha, 

7 Agus ghlaodh e le guth mòr, 
agus thubhairt e, Ciod mo ghnoth- 
vich-sa riut, losa, a Mhic an 
Dè a 's ro àirde ? tha mi a' cur 
ort à h-uchd Dè, gun mo phian- 
adh. 

8 (Oir thubhairt e ris, Thig a 
mach as an duine, a spioraid 
neòghloin.) 

9 Agus dh'fhiosraich e dheth, 
Ciod is ainm dhuit ? Agus f hreag- 
air esan, ag ràdh, Legion is ainm 

72 



dhomh : oir a ta sinn mòran 
ann. 

10 Agus ghuidh e gu ro gheur 
air, gun e g' an cur a mach as an 
dùthaich sin. 

11 Agus bha treud mòr mhuc 
an sin, ag ionaltradh am fagus 
do'n bheinn\ 

12 Agus ghuidh na deamhain 
uile air, ag ràdh, Cuir sinne dh'- 
ionnsuidh nam muc, chum gu'n 
rachamaid a steach annta. 

13 Agus air ball thug losa cead 
doibh ; agus air dol a mach do 
na spioradaibh neòghlan, chaidh 
iad a stigh anns na mucaibh, 
agus ruith an treud sios gu dian 
le àite cas do'n fhairge, (bha iad 
mu thimchioll dà mhìle,) agus 
thachdadh iad san fhairge. 

14 Agus theich iadsan a bha 'g 
ionaltradh nam muc, agus dh'innis 
iad sin, araon anns a' bhaile, agus 
anns an t\r. Agus chaidh iad a 
mach a dh'fhaicinn ciod e an ni 
ud a thachair. 

15 Agus thàinig iad chum losa, 
agus chunnaic iad an tì anns an 
robh an deamhan, agus aig an 
robh an legion, 'na shuidhe, agus 
'eudach uime, agus a chiall aige ; 
agus ghabh iad eagah 

16 Agus dh'innis iadsan a chunn- 
aic e dhoibh, cionnus a thachair 
do 'n ti anns an robh an deamhan, 
agus mu thimchioll nam muc. 

17 Agus thòisich iad ri guidhe 
air imeachd a mach as an crioch- 
aibh. 

18 Agus air dha dol a stigh 
san luing, ghuidh an tì anns an 
robh an deamhan air, gu'm feud- 
adh e bhi maille ris. 

' do na slèibhtibh. 



MARC, V. 



19 Gidheadli cha do leig losa 
leis, ach thubhairt e ris, Im- 
icli dhachaidli dh'ionnsuidh do 
mhuinntir, agus innis dhoibh 
meud nan nithe a rinn an Tigh- 
earna dhuit, agus gu'n d'rinn e 
tròcair ort. 

20 Agus dh'imich esan, agus 
thòisich e ri chur an cèill ann 
an Decapolis meud nan nithe a 
rinn losa dha : agus ghabh iad 
iongantas uile. 

21 Agus 'nuair a chaidh losa a 
rìs thairis anns an lulng do'n 
taobh eile, chruinnicheadli shiagh 
mòr d' a ionnsuidh ; agus bha e 
làimh ris a' mhuir. 

22 Agus, feuch, thàinig aon do 
uachdaranaibh nan sionagog, d' 
am b' ainm lairus ; agus an uair 
a chunnaic e esan, leig se e fèin 
sìos aig a chosaibh. 

23 Agus ghuidh e gu dùrachd- 
ach air, ag ràdh, A ta mo nigh- 
ean bheag ann an cunnart grad 
bhàis ; thig, tha mi d giiidhe ort, 
agus leag do làmhan oirre chum 
gu 'n slànuichear i, agus mairidh 
i beò. 

24 Agus dh'imich losa maille 
ris ; agus lean sluagh mòr e, 
agus dhòmhluich iad e. 

25 Agus hka bean àraidh an 
sin, air an robh dòrtadh fola rè 
dhà bhliadhna dheug, 

26 Agus dh'fliulaing i mòran 

iomadh lèigh, agus chaith i na 
bha aice, agus cha b' fheairrd i 
bheag e, ach gu'm bu mhiosd ; 

27 'lNuair a chual i iomradh 
air losa, thàinig i am measg an 
t-sluaigh chùlaobh, agus bhean 

1 r' a eudach : 

28 Oir thubhairt i, Ma dh'- 

73 



flieudas mi beantuinn ach r' a 
eudach, slànuichear mi. 

29 Agus air ball thiormaich- 
eadh tobar a fola ; agus dh'aith- 
nich i air a corp fèin, gu 'n do 
leighiseadh i o'n phlàigh sin. 

30 Agus dh'aithnich losa air 
ball ann fèin gu'n deachaidli 
cumhachd a mach as, agus air 
dha tionndadh san t-sluagh, 
thubhairt e, Cò a bhean ri m' 
eudach ? 

31 Agus thubhairt a dheisciob- 
uil ris, A ta thu faicinn gu bheil 
an sluagh ga d' dhòmhlachadh, 
agus an abàir thu, Cò a bhean 
rium ? 

32 Agus dh'amhairc e mu 'n 
cuairt g'a faicinn-sa a rinn so. 

33 Ach air do'n mhnaoi bhi fo 
eagal agus air chrith, air aith- 
neachadh an ni a rinneadh innte, 
thàinig i, agus leig si i fèin sìos 
'na làthair, agus dh'innis i an 
fhirinn uile dha. 

34 Agus thubhairt e rithe, A 
nighean, shlànuich do chreidimh 
thu ; imich an sìth, agus bì slàn 
o d' phlàigh. 

35 Am feadh a bha e fathast 
a' labhairt, thàinig dream o thigh 
uachdarain na sionagoig, ag ràdh, 
Fhuair do nighean bàs ; c' ar son 
a chuireadh tu tuilleadh dragh 
air a' mhaighstir ? 

36 Co luath is a chual losa an 
còmhradh so a labhradh, thu- 
bhairt e ri uachdaran na siona- 
goig, Na biodh eagal ort, a mhàin 
creid. 

37 Agus clia d'fhulaing e do 
neach air bith a leantuinn, ach 
Peadar, agus Seumas, agus Eoin 
bràthair Sheumais. 



MARC, 



V. VI. 



38 Agus tliàinigegu tighuachd- 
arain na sionagoig, agus chunnaic 
e an iomairt^ agus iadsan a bha 
gul, agus a' caoineadh gu mòr. 

39 Agus 'nuair thàinig e a 
steach, thubhairt e riu, C'ar son 
a ta sibh ris an iomairt so, agus 
ri bròn? cha'n'eil annigheanag^ 
marbh, ach 'na codah 

40 Agus rinn iadsan gàire 
fanoid air ^ : ach air dhasan an cur 
uile mach, thug e leis athair agus 
màthair na nighinn, agus iadsan 
a bha maille ris, agus chaidh e 
steach far an robh an nigheanag 
'na kiidhe. 

41 Agus rug e air an nighean- 
aig air làimh, agus thubhairt e 
rithe, Talitha-cumi ; 's e sin, air 
eadar-mhìneachadh, A chailin, 
(a ta mise ag ràdh riut,) èirich. 

42 Agus air ball dh'èirich an 
nigheanag, agus dh'imich i ; oir 
bha i dà bhliadhna dheug a dli- 
aois : agus ghabh iad iongantas 
anabarrach, 

43 Agus thug e òrdugh teann 
doibh, nach faigheadh duine air 
bith fios air so ; agus dh'àithn e 
càileigin a thoirt d'i r'a itheadh. 

CAIB. VI. 

1 Rinneadh tàir air Crlosd le muinntir a 
dhuthcha. 7 Thug e cumhachd do'n dà 
fhear dheug os ceann spiorada nm-ghlan. 
14 Tomadh barail mu Chrìosd. 1(5 Chuir- 
eadh an ceann do Eoin Baiste. 34 Mìor- 
bhuil nan càig aran, agus an dà eisg. 48 
Dh' imich Crìosd air a' chuan, &c. 

AGUS chaidh e mach as a sin, 
agus thàinig e d'a dhùth- 
aich fèin ; agus lean a dheisciob- 
uil e. 

2 Agus an uair a thàinig an 
t-sàbaid, thòisich e air teagasg 

• am buaireas. nìonag. ^ gàire fochaid ris. 
74 



anns an t-sionagog : agus alr do 
mhòran a chluinntinn, ghabh iad 
iongantas, ag ràdh, Cia uaith a 
ta na nithe sin aig an f hear so ? 
Agus ciod e an gliocas so tliugadh 
dha, gu bheil a leithid so do 
fheartaibh air an dèanamh le a 
làmhaibh-san ? 

3 Nach e so an saor, mac 
Mhuire, bràthair Sheumais, agus 
Ioseis,agus Iudais,agus Shimoin? 
Agus nach'eil a pheathraiche an 
so maille ruinn? Agus fhuair 
iad oilbheum ann*. 

4 Ach thubhairt losa riu, Cha 
'n 'eil fàidh gun urram, ach 'na 
dhùthaich fèin, agus am measg 
a chàirdean, agus 'na thigh fèin. 

5 Agus cha robh e 'n comas da 
mìorblmil air bith a dhèanamh 
an sin, saor o gu 'n do chuir e a 
làmhan air beagan do mhuinntir 
a bha tinn, agus gu 'n do leigliis 
e iad. 

6 Agus bha iongantas air air 
son am mì-chreidimh, Agus 
chaidh e timchioll nam bailtean, 
a' teagasg. 

7 Agus ghairm e d' a ionnsuidli 
an dà f hear dheug, agus thòisich 
e air an cur a mach dithis ag- 
us dithis ; agus thug e dhoibh 
cumhachd air spioradaibh neò- 
ghlan ; 

8 Agus dh'àithn e dhoibh gun 
ni air bith thoirt leo air son na 
slighe, ach lorg a mhàin ; gun 
mhàla, gun aran, gun airgiod 
'nan sporan : 

9 Ach bonn-bhròga^ Ihi air an 
cosaibh, agus gun dà chòta bhi 
umpa. 

10 Agus thubhairt e riu, Ge 

^ ghabh iad oilbheum ris. ' cuarain. 



MARC, VI. 



b ' e ionad air bith anns an tèid 
sibh a steach do thigh, an sin 
fanaibli gus am falbh sibh as an 
àite sin. 

11 Agus cò air bith iad nach 
gabh ribh, agus nach èisd ribh, 
air dhuibh imeachd as an àite 
sin, crathaibh an duslach a 
bhitheas fo 'ur cosaibh, mar 
fhianuis 'nan aghaidh. Gu 
deimhin a ta mi ag radh ribh, 
Gur so-iomcliaire' a bhitheas e 
do Shodom agus do Ghomorah 
ann an là a' bhreitheanais, na 
do'n bhaile sin. 

12 Agus chaidh iad a mach, 
agus shearmonaich iad gu 'n 
dèanadh daoine aithreachas. 

13 Agus thilg iad a mach 
mòran dheamhan, agus dh' ùng 
iad le h-oladh mòran a bha tinn, 
agus leighis siad iad. 

14 Agus chual Herod an rìgh 
ìdme, (oir chaidh 'ainm am foll- 
ais ;) agus thubhairt e, A ta 
Eoin Baiste air èirigh o na 
marbhaibh, agus uime sin a ta 
feartan air an oibreachadh leis. 

15 Thubhairt cuid eile, Gur 
e Elias a t' ann. Agus thubhairt 
cuid eile, Gur fàidh a t' ann, no 
mar aon do na fàidhibh. 

16 Ach an uair a chual Herod 
so, thubhairt e, Is e Eoin, d' an 
do chuir mise an ceann, a th'- 
ann ; dh'èirich e o na marbh- 
aibh. 

17 Oir chuir Herod fèin a 
mach agus ghlac e Eoin, agus 
cheangail e ann am prìosan e, 
air son Herodiais bean phòsda 
Philip, a bhràthar fèin, do bhrìgh 
gu 'n do phòs e i. 

' so fhulaing. 
75 



18 Oir thubhairt Eoin li He- 
rod, Cha 'n 'eil e ceaduichte dhui': 
bean do bhràthar a bhi agad. 

19 Uime sin bha diom mòr 
aig Herodias ris, agus bu mhiann 
leatlia a chur gu bàs ; ach cha 
b' urrainn i. 

20 Oir bha eagal Eoin air He- 
rod, air dha fios a bhi aige gu 
'm bu duine ceart agus naomh 
e, agus thug e fa'near ^ e ; agus 
'nuair a chual se e, rinn e mòran 
do nithibh air a chomJiairle, agus 
dh'èisd e ris gu toileach. 

21 Agus air teachd do là iom- 
chuidh, rinn Herod, air co-ainm 
an là an d' rugadh e, suipeir d' a 
uaislibh, agus d' a àrd-cheann- 
ardaibh, agus do mhaithibh Gha- 
lile: 

22 Agus an uair a chaidh nigh- 
ean Herodiais so steach, agus 
a rinn i dannsa, thaitinn i ri He- 
rod agus riu-san a shuidh maille 
ris, agus thubhairt an rìgh, ris 
a' chailin, larr ormsa ge b' e 
ni is àill leat, agus bheir mi 
dhuit e. 

23 Agus thug e mionnan d' i, 
Ge b' e ni a dh'iarras tu orm, 
bheir mi dhuit e, gu ìetli mo 
rìoghachd. 

24 Agus an uair a chaidh i 
mach thubhairt i r' a màthair, 
Ciod a dh'iarras mi ? Agus thu- 
bhairt ise, Ceann Eoin Bhaiste. 

25 Agus chaidh i air ball le 
cabhaig a steacli a dh' ionnsuidh 
an rìgh, agus dh'iarr i, ag ràdh, 
Is àiìl leam gu 'n tugadh tu 
dhomh gun dàil ceann Eoin 
Bhaiste air mèis. 

26 Agus bha'n righ ro dhoil- 

^ dionih. ^ choimhid se. 



MARC, VI. 



ich ; gidheadh air son a mhionn- 
an, agus an dream a bha 'nan 
snidhe maille ris, cha robh toil 
aige a diùltadh. 

27 Agus air ball chuir an rìgh 
a macli fear-millidh, agus dh'- 
àithn e a cheann a thoirt a 
steach : agus dh'imich esan agus 
thug e an ceann deth anns a' 
phrìosan : 

28 Agus thug e a cheann leis 
air mèis, agus thug e do 'n chail- 
in ^ e : agus thug an cailin d' a 
màthair e. 

29 Agus an uair a chual a 
dheisciobuil sin, thàinig iad agus 
thog iad a chorp, agus chuir iad 
ann an uaigh e. 

30 Agus chruinnicheadh na 
h-Abstoil chum losa, agus dh'- 
innis iad da na h-uile nithe, ar- 
aon gach ni a rinn iad, agus 
gach ni a theagaisg iad, 

31 Agus thubhairt e riu, Thig- 
ibh-sa air leth do àit uaigneach, 
agus gabhaibli fois car tamuill 
bhig : Oir bha mòran a' teachd 
agus a' dol, agus cha robh ùine 
aca uiread as biadh itheadh. 

32 Agus chaidh iad gu àite 
fàsail ann an luing air leth. 

33 Agus chunnaic an sluagh 
iadsan a' falbh, agus dh'aithnich 
mòran e, agus ruith iad d' an cois 
as na bailtibh uile an sin, agus 
bha iad rompa, agus chruinnich- 
eadh iad d' a ionnsuidh. 

34 Agus an uair a chaidh losa 
mach, chunnaic e sluagh mòr, 
agus ghabh e truas mòr dhiubh, 
a chionn gu 'n robh iad mar 
chaoraich gun bhuachaiU aca : 
agus thòisich e air mòran do 

' ghruagaìch, lùonaig, 
76 



nithibh a theagasg dhoibh, 

35 Agus an uair a bha nis 
mòran do 'n là air dol seachad^, 
thàinig a dheisciobuil d'a ionn- 
suidh, ag ràdh, A ta 'n t-àite so 
fàs, agus a ta nis mòran do 'n là 
air dol thairis : 

36 Leig air falbh iad, chum 
gu tèid iad do 'n tìr mu 'n cuairt, 
agus do na bailtibh, agus gu 
ceannaich iad biadh dhoibh fèin : 
oir cha 'n' eil ni air bith aca r' a 
itheadh. 

37 Ach fhreagair esan, agus 
thubhairt e riu, Thugaibh-sa 
dhoibh r' a itheadh. Agus thu- 
bhairt iadsan ris, An tèid sinn 
agus an ceannaich sinn luach 
dhà cheud peghinn a dh'aran, 
chum gu tugamaid dhoibh ni 
r' a itheadh ? 

38 Ach thubhairt esan riu, Cia 
lìon builinn ^ a ta agaibh ? rach- 
aibh agus faicibh. Agus air 
faotainn fios doibh, thubhairt 
iad, Cùig, agus dà iasg. 

39 Agus dh' àithn e dhoibh a 
thoirt orra uile suidhe sios 'nan 
cuideachdaibh air an fheur 
uaine. 

40 Agus shuidh iad sìos 'nam 
buidhnibh fa leth, 'nan ceud- 
aibh, agus 'nan leth-cheudaibh. 

41 Agus air dha na cùig buil- 
innean agus an dà iasg a ghabh- 
ail, agus amharc suas gu nèamh, 
bheannaich, agus bhris e na 
builinnean, agus thug e d' a dheis- 
ciobhiibh iad, chum gu 'n cuir- 
eadh iad rompa iad ; agus roinn 
e an dà iasg orra uile. 

42 Agus dh'ith iad uile, agus 
shàsuicheadh iad. 

^ air a chaitheadh. ' aran. 



MARC, 



VI. VII. 



43 Agus tliog iad dà chliabli 
dheug làn do 'n bhiadh bhriste, 
agus do na h-iasgaibh. 

44 Agus b' iad an dream a dh' ith 
do na builinnibh cùig mìle fear. 

45 Agus air ball cho-èignich 
e a dheisciobuil gu dol anns an 
luing, agus dol roimhe dh' ionn- 
suidh na taoibh thall gu Bet- 
saida, gus an cuireadh e an 
sluagh air falbh. 

46 Agus an uair a chuir e air 
falbh iad, chaidh e gu beinn a 
dhèanamh ùrnuigh. 

47 Agus an uair a bha'n t- 
anmoch ann, bha an long am 
meadlion na mara, agus esan 'na 
aonar air fir. 

48 Agus chunnaic e iadsan air 
am pianadh ag iomramh ; oir 
bha a' ghaoth 'nan aghaidh : 
agus thàinig e d' an ionnsuidh 
mu thimchioll na ceathramh faire 
clo 'n oidhche, ag imeachd air a' 
mhuir, agus b'àill leis dol seach- 
ad orra. 

49 Ach an uair a chunnaic 
iadsan e ag imeachd air a' mhuir, 
shaoil iad gu 'm bu tannasg a 
bh' ann ; agus ghlaodh iad, 

50 (Oir chunnaic iad uile e, 
agus bha iad fo bhviaireas :) 
Agus air ball labhair e riu, agus 
thubhairt e riu, Biodh misneach 
mhaith agaibh ; is mise ta ann, 
na biodh eagal oirbh. 

51 Agus chaidh e suas do'n 
ionnsuidh do 'n luing ; agus luidh 
a' ghaoth : agus bha uamhas 
mòr thar tomhas orra, agus ghabh 
iad iongantas. 

52 Oir cha d' thug iad fa 'near 
mìorbhiiil nam builinnean ; oir 
bha'n cridhe airachruadhachadh. 



53 Agus an uair a chaidh iad 
thairis, thàinig iad gu talamh 
Ghenesaret, agus tharruing iad 
gu tir. 

54 Agus an uair a thàinig iad 
a mach as an luing, air ball dh'- 
aithnich iad e, 

55 Agus ruith iad air feadh 
na tìre sin uile mu 'n cuairt, agus 
thòisich iad air an dream a bha 
tinn a ghiùlan mu'n cuairt air 
leabaichibh, ge b' e àit an cual 
iad esan a bhi. 

56 Agus ge b' e air bith bailte, 
no caithriche, no dùthaich an 
deachaidh e steach, chuir iad na 
daoine tinn air na sràidibh, agus 
ghuidh iad air gu 'm feudadh 
iad beantuinn a mhàin ri iomall 
'eudaich ; agus a mheud is a 
bhean ris, leighiseadh iad. 

CAIB. VII. 

1 Fhuaìr na Phàirisich coire do na deisciob- 
hiihh do bhrìgh gu 'n d' ith iad le làmhaibh 
salach: 6 air an làimh eile fhuair Criosd 
cron dhoibh-san do brigh gu 'n do bhris iad 
àìtheanta Dhè le teagasg agus gnàthachadh 
dhaoine. 14 Cha salaich biadh an dtdne. 
2ALeighis Crwsd nighean aigan robh spiorad 
neòghlan, 81 agus duine a bha bodhar. 

AGUS chruinnicheadh na 
Phàirisich d' a ionnsuidh, 
agus dream àraidh do na sgrìobh- 
aichibh a thàinig o lerusalem. 

2 Agus an uair a chunnaic iad 
cuid d' a dheisciobluibh ag ith- 
eadh arain le làmhaibh salach, 
(sin r' a ràdh neo-ionnlaidte,) 
fhuair iad cron doibh. 

3 Oir cha 'n ith na Phàirisich, 
agus na h-Iudhaich uile, biadh, 
mur ionnlaid iad an làmhan gu 
minic, a' coimhead beul-aithris 
nan seanairean. 

4 Agus air dhoibh teachd o'n 



MARC, VII. 



mhargadh, mur tum ' siad iad, 
cha 'n ith iad. Agus a ta mòran 
do nithibh eile a ghabh" iad orra 
a choimhead, mar a ta nigheadh 
chupan, agus phoitean, agus 
shoithiche umha^, agus leabaich- 
ean 

5 An sin dh'f heòraich na Phàir- 
isich agus na sgrìobhaichean 
dheth, C' ar son nach 'eil do 
dheisciobuil ag imeachd a rèir 
beul-aithris nan seanairean, ach 
a ta iad ag itheadh arain le làmh- 
aibh neo-ionnlaidte ? 

6 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e riu, Is maith a rinn 
Esaias fàidheadaireachd mu bhur 
timchioll chealgairean, a 
rèir mar a ta e sgrìobhta, A 
ta am pobull so toirt urraim* 
dhomhsa le 'm bilibh, ach a ta an 
cridhe fada uam. 

7 Ach is ann gu dìomhanach 
a ta iad a' toirt aoraidh dhomh- 

teagasg àitheanta dhaoine 
mar theagasg. 

8 Oir air dhuibh àithne Dhè 
a thrèigsinn, a ta sibh a' cumail 
òrduchaidh dhaoine, mar a ta 
nigheadh phoitean agus chupan : 
agus mòran eile d' an leithidibh 
sin a ta sibh a' dèanamh. 

9 Agus thubhairt e riu, Is 
maith a ta sibh a' cur air cùl 
àithne Dhè, chum gu 'n coimhid 
sibh bhur òrduchadh fèin. 

10 Oir thubhairt Maois,Thoir 
urram do t' athair, agus do d' 
mhàthair : agus, Ge b' e neach a 
mhallaicheas athair no màthair, 
cuirear gu cinnteach gu bàs e. 

11 Ach their sibhse, Ma their 
neach r' a athair no r' a mhàth- 



air, Biodh e n Chorban, sin r' a 
ràdh, 'na thiodlac do teampull, 
ge b' e ni leis am faigheadh tu 
tairbhe uamsa ; 

12 Nach leig sibh dha à sin 
suas ni sam bith a dhèanamh air 
son 'athar, no a mhàthar ; 

13 A' cur focail Dè an neò- 
bhrigh le bhur beul-aithris fèin, 
a dh'aithris sibh : agus mòran 
d' an leithidibh sin do nithibh a 
ta sibh a' dèanamh. 

14 Agus 'naair a ghairm e an 
skiagh uile d' a ionnsuidli, thu- 
bliairt e riu, Eisdibh riumsa uile, 
agus tuigibh : 

15 Cha 'n 'eil ni sam bith o 'n 
taobh a muigh do 'n duine, a 
thèid a steach ann, d' am bheil e 
'n comas a shalachadh ; ach na 
nithe tha teachd a mach as, is 
iad sin a ta salachadh an duine. 

16 Ge b' e aig am bheil cluasa 
chum èisdeachd, èisdeadh e. 

17 Agus an uair a chaidh e 
steach do 'n tigh o 'n t-sluagh, 
chuir a dheisciobuil ceisd air mu 
thimchioll a' chosamhlachd. 

18 Agus thubhairt e riu, Am 
bheil sibhse mar so fathast gun 
tiiigse ? Nach 'eil f hios agaibh, 
ge b' e ni air bith a thèid a steach 
san duine o 'n leth a muigh, 
nach 'eil e 'n comas da esan a 
shalachadh ? 

19 Do bhrìgh nach tèid e 
steach d' a chridhe, ach do 'n 
bhroinn, agus thèid e mach do 'n 
t-slochd shalchair, a' glanadh 
gach uile bhìdh. 

20 Agus thubhairt e, Is e an 
ni a thig a mach as an duine, a 
shalaicheas an duine. 



' ionnlaid. 
7S 



■ prais. 



' àiteacha-suidhe. * onoir. 



MARC, VII. VIII. 



21 Oir is ann o 'n taobh a 
stigh, a cridhe dhaoine, a thig a 
mach droch smuaintean, adh- 
altrannas, strìopachas, mortadh, 

22 Goid, sannt, aingidlieachd, 
mealltaireachd, macnus \ droch 
shùil, toibheum, uabhar, amaid- 
eachd : 

23 A ta na h-uile so uile a' 
teachd a mach o 'n taobh a stigh, 
agus a' salachadli an duine. 

24 Agus air dha èirigh as a sin, 
chaidh e gu crìochaibh Thiruis 
agus Shidoin : agus an uair a 
chaidh e steach do thigh, cha 
b' àill leis fios a bhi aig neach 
sam bith «»- ; gidheadh cha 'n 
fheudadh e bhi 'm folach. 

25 Oir chuala bean uime, aig 
an robh nighean bheag, anns 
an robh spiorad neòghlan, agus 
thàinig i agus thuit i aig a chos- 
aibh : 

26 (Agus bu Ghreugach a' 
bhean, Ban-shiropheniseach a 
thaobh cinnich ;) agus ghuidh i 
air gu 'n tilgeadh e an deamhan 
a mach as a nighinn. 

27 Agus thubhairt losa rithe, 
Fulaing do'n chloinn air tùs a 
bhi air an sàsuchadh : oir cha 'n 
'eil e iomchuidh aran na cloinne 
a ghabhail, agus a thilgeadh 
chum nan con. 

28 Agus fhreagair ise agus 
thubhairt i ris, Is fior sin, a 
Thighearn : gidheadh ithidh na 
coin fo 'n bhòrd do sbruileach na 
cloinne. 

29 Agus thubhairt esan rithe, 
Air son na cainnte so fèin, imich 
romhad ; a ta an deamhan air 
dol a mach à d' nighinn. 

' amaisceachd. ^ sheil. 
79 



30 Agus an uaìr a bha ise air 
teachd a dh'ionnsuidh a tighe, 
fhuair i an deamhan air dol a 
mach, agus a nighean air a cur 
'na luidlie air an leabaidh. 

31 Agus a rìs 'nuair a dh'imicli 
e o chrìochaibh Thiruis agus Shi- 
doin, thàinig e gu muir Ghalile, 
troimh mheadhon chrioch Dhe- 
capolis. 

32 Agus thug iad d'a ionnsuidh 
duine bodhar, aig an robh stad- 
uich'na chainnt : agus ghuidh iad 
air gu 'n cuireadh e a làmh air. 

33 Agus thug e a leth o 'n t-shiagh 
e, agus chuir e a mheoir 'na 
chk^asaibh, agus shiP e, agus 
bhean e r'a theangaidh. 

34 Agus air dha amharc suas 
gu nèamh, rinn e osna, agus 
thubhairt e ris, Ephphata, is e 
sin r' a ràdh, Bì fosgailte. 

35 Agus air ball dh'fhosgladh 
a chluasan, agus dh'fhuasgladh 
ceangal a theangaidh, agus labhair 
e gu ceart. 

36 Agus dh'àithn e dhoibh gun 
iad a dh'innseadh sin do neach 
air bith : ach mar is mò a thoir- 
misg esan doibh, bu mhòid gu ro 
mhòr a chuir iadsan an gnmnh 
am follais^ ; 

37 Agus bha iad gu ro mhòr air 
an lìonadh le h-iongantas, agràdh, 
Rinn e na h-uile nithe gu maith : 
tha e araon a' tabhairt air na 
bodhair gu'n ckiinn iad, agus air 
na bailbh gu'n labhair iad. 

CAIB. vni. 

l Bheathaich Crinsd an shingh gu miorJihuil- 
each. 11 Dhiìilt e co^nhar' a thoirt do na 
Phùirisich: ìiDh'iarr e air a dheisciobuil 
hhi air am fnicill an aghaidh taois ghoirt 

os àìrd. 



MARC, 



VIII. 



navi Phàiriseach agus Heroìd : 22 Tlmg e 
a radharc do dhuine dall : 27 Dh' innìs e 
d' a dheisciobluibh gu 'n rohh e gu bàs fhaot- 
ainn, agus gu èìrigh a rìs o na marbhaibh. 

ANNS na làithibh sin air do 
shluagh ro mhòr a bhi ann, 
agus gun ni air bith aca r 'a ith- 
eadh, ghairm losa a dheisciobuil 
d' a ionnsuidh, agus thubhairt e 
riu, 

2 A ta truas mòr agam do' n t- 
sluagh, do bhrìgh gu'n d'flian 
iad a nis tri làithean maille rium, 
agus nach 'eil ni air bith aca r' a 
itheadh ; 

3 Agus ma leigeas mi d'an 
tighibh fèin 'nantrasg^ iad, fann- 
uichidh iad air an t-slighe : oir 
thàinig cuid aca am fad. 

4 Agus fhreagair a dheisciob- 
uil e, Cia as a dh'flieudas neach 
iad so a shàsuchadh le h-aran an 
so san fhàsach ? 

5 Agus dh'fhiosraich e dhiubh, 
Cia lìon builinn a ta agaibh ? 
Agus thubhairt iadsan, Seachd. 

6 Agus thug 6 òrdugh do 'n t- 
sluagh suidhe sìos air an làr : 
agus ghlac e na seachd builinn- 
ean, agus air toirt buidheachais, 
bhris e, agus thug e iad d' a 
dheisciobluibh, chum gu 'n cuir- 
eadh iad 'nan làthair iad : agus 
chuir iad sìos an làthair an t- 
sluaigh iad. 

7 Agus bha aca beagan a dh'- 
iasgaibh beaga : agus bheann- 
aich e iad, agus dh'àithn e an cur 
sìos 'nan làthair mar an ceudna. 

8 Agus dh'ith iad, agus shàs- 
uicheadh iad : agus thog iad làn 
sheachd bascaidean do 'n bhiadh 
bhriste, a bha dh'fliuigeall ^ aca. 



9 Agus bha iadsan a dh'ith mu 
thimchioll cheithir mile; agus 
leig e air falbh iad. j 

10 Agus air ball chaidh e steach 
an luing maille r'a dheisciob- 
luibh, agus thàinig e gu crìoch- { 
aibh Dhalmanuta. 

11 Agus thàinig na Phàirisich 

a mach ; agus thòisich iad ri | 
ceisdean a chur air, ag iarraidh \ 
comhara uaith o nèamh, 'ga ' 
dhearbhadh. 

12 Agus air dèanamh osna 
dhasan 'na spiorad, thubhairt e, 
C' ar son a ta an ginealach so ag 
iarraidh comhara? gu deimh- 
in a ta mise ag ràdh ribh nach 
toirear comhara do 'n ghinealach 
so. 

13 Agus dh'fhàg e iad, agus 
air dha dol a steach do 'n luing a | 
rìs, chaidh e do 'n taobh eile. 

14 Agus dhìchuimhnich na 
deisciohuil aran a thoirt leo ; agus 
cha robh aca ach aon bhuilinn ^ , 
maille riu san luing. , 

15 Agus dh'àithn e dhoibh, ag . 
ràdh, Thugaibh an aire, bithibh . 
air bhur faicill an aghaidh taois , 
ghoirt nam Phàiriseach, agus 
taois ghoirt Heroid. j 

16 Agus bha iadsan a' reuson- j, 
achadh 'nam measg fèin;, ag ràdh, j, 
Is ann air son nach 'eil aran 
againn a ta e. \ 

17 Agus air aithneachadh sin 
do losa, thubhairt e riu, C' ar 
son a ta sibh a' reusonachadh do 
bhrìgh nach 'eil aran agaibh ? ^ 
Nach 'eil fhios agaibh fathast, j 
agus nach 'eil sibh a' tuigsinn ? j 
am bheil bhur cridhe fathast air 

a chruadhachadh ? „„ 



' trosg. - dh'flmighleach. 
80 



" arun. 



MARC, VIII. 



18 Air dhuibh siìilean a bhi 
agaibh, nach faic sibh ? agus air 
dhuibh chiasan a bhi agaibh, 
nach cluinn sibh ? agus nach 'eil 
sibh a' cuimhneachadh ? 

19 An uair a bhris mi na cùig 
builinnean am measg nan cùig 
mlle, cia lìon cliabh làn do 
bhiadh briste a thog sibh? 
Thubhairt iadsan ris, A dhà 
dheug. 

20 Agus an uair a bhris mi na 
seachd am measg nan ceithir 
mìle, cia lìon bascaid làn do 
bhiadh briste a thog sibh ? Agus 
thubhairt iadsan, Seachd. 

21 Agus thubhairt e riu, Cionn- 
us nach 'eil sibh a' tuigsinn ? 

22 Agus thàinig e gu Betsaida ; 
agus thug iad d'a ionnsuidh 
duine dall, agus ghuidh iad air 
gu'm beanadh e ris. 

23 Agus rug e air làimh an 
doil agus threòraich e mach as 
a' bhaile e; agus air dha a shil- 
eadh a chur air a shùilibh, agus 
a làmhan a chur air, dli'fheòr- 
aich e dheth an robh e faicinn 
ni air bith. 

24 Agus dh'amhairc esan suas, 
agus thubhairt e, A ta mi faic- 
inn dhaoine mar chraobhan ag 
imeachd. 

25 'Na dhèigh sin, chuir e a 
làmhan a rìs air a shùilibh, agus 
thug e air amharc suas : agus 
dh'aisigeadh a radharc clha, agus 
chunnaic e gach uile dhuine gu 
soilleir. 

26 Agus chuir e dh'ionnsuidh 
a thighe fèin e, ag ràdh, Na 
rach a steach do'n bhaile, agus 
na innis do neach air bith anns 
a bhaile e. 

81 



27 Agus chaidh losa agus a 
dheisciobuil a mach gu bailtibh 
Chesarea Philipi : agus air an 
t-slighe chuir e ceisd air a dheis- 
ciobluibh, ag ràdh riu, Cò a tha 
daoine ag ràdh is mise ? 

28 Agus fhreagair iadsan, Eoin 
Baiste ; agus cuid eile, Elias ; agus 
cuid eile, Aon dona fàidhibh. 

29 Agus thubhairt esan riu, 
Ach cò a tha sibhse ag ràdh is 
mi ? Fhreagair Peadar agus 
thubhairt e ris, Is tu Crìosd. 

30 Agus thug e sparradh 
dhoibh gun iad a dh'innseadh so 
uime do neach sam bith. 

31 Agus thòisich e r' an teag- 
asg, gur èigin do Mhac an duine 
mòran do nithibh fhulang, agus 
a bhi air a dhiùltadh leis na 
seanairibh, agus na h-àrd-shag- 
artaibh, agus na sgrìobhaichibh, 
agus a bhi air a chur gu bàs, 
agus èirigh a rìs an dèigh thrì 
làithean. 

32 Agus labhair e a' chainnt 
so gu follaiseach. Agus rug 
Peadar air, agus thòisich e r' a 
chronuchadh. 

33 Ach air dhasan tionndadh 
mu 'n cuairt, agus amharc air 
a dheisciobluibh, chronuich e 
Peadar, ag ràdh, Imich air mo 
chùlaobh, a Shàtain : oir cha 'n 
'eil spèis agad do nithibh Dhè ^ 
ach do nithibh dhaoine. 

34 Agus air gairm an t-shiaig]i, 
agus a dheisciobul d' a ionnsuidli, 
thubhairt e riu, Ge b'e neach 
leis an àill teachd a' m' dhèigh- 
sa, àicheadhadh se e fèin, agus 
togadh e a chrann-cèusaidh, agus 
leanadh e mise. 

' cìia 'n ' eil d' aire air nitliìhh Dhe. 

G 



MARC, Vni. IX. 



35 Oir ge b'e neacii leis an 
àill 'anam fèin a choimhead, 
caillidh se e ; ach ge b' e neach 
a chailleas 'anam air mo shon-sa, 
agus air son an t-soisgeil, coimh- 
ididh esan e. 

36 Oir ciod e an tairbhe do 
dhuine, ge do chosnadh e an 
saoghal gu h-iomlan, agus 'anam 
a chall ? 

37 No ciod a bheir duine an 
èiric 'anama ? 

38 Oir ge b' e neach a ghabhas 
nàire dhiomsa, agus do m'fhoc- 
laibh, anns a' g-hinealach adh- 
altrannach agus olc so, dheth- 
san gabhaidh Mac an duine 
nàire, 'nuair a thig e an gh)ir 
'Athar, maille ris na h-ainglibh 
naomha. 

CAIB. IX. 

1 Dh'atharmicheadh criith losa. 1 1 Theag- 
aisy e a dheisciohuil mii thimchioll teachd 
Eliais : 14 Thilg e mach Spiorad halhh 
agus hodhar : 80 Roimh-innis e a hhàs 
ngus 'aiseirigh. 33 Chomhairlich e d' 
dheisciobluihh a hhi iriosal. 

AGUS thubhairt e riu, Gu 
deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, gu bheil cuid dhiubhsan a 
ta 'nan seasamh an so, nach 
blais bàs, gus am faic iad rìogh- 
achd Dhè a' teachd le cumhachd. 

2 Agus an ceann shè làithean, 
thug losa Peadar, agus Seumas, 
agus Eoin leis, agus threòruich 
e iad leo fèin air leth gu beinn 
àird : agus dh' atharraicheadh a 
chruth 'nam fianuis. 

3 Agus rinneadh 'eudach deal- 
rach, ro gheal mar an sneachdadh ; 
air mhodh nach robh e'n comas 
do ghlanadair eudaich sam bith 
air talamh a ghealachadh. 

4 Agus dh'f hoillsicheadh dhoibh 

82 



Elias maille ri Maois : agus bha 
iad a' còmhradh ri losa. 

5 Agus fhreagair Peadar, agus 
thubhairt e ri losa, A mhaigh- 
stir is maith dhuinne bhi an so : 
air an aobhar sin dèanamaid trì 
pàilliuna ^ ; aon duitse, agus aon 
do Mhaois, agus aon do Elias. 

6 Oir cha robh fhios aige 
ciod a theireadh e : oir bha iad 
fuidh eagal ro mhòr. 

7 Agus thàinig neul a chuir 
sgàile orra, agus thàinig guth as 
an neul, ag ràdh, Is e so mo 
Mhac gràdhach-sa, èisdibh ris. 

8 Agus air ball, an uair a dh'- 
amhairc iad mu 'n timchioll, 
cha'n fhac iad neach air bith à 
sin suas, ach losa'na aonar maille 
riu. 

9 Agus ag teachd dhoibh a 
nuas o 'n bheinn, dh'àithn e 
dhoibh gun na nithe a chunnaic 
iad innseadh do neach sam bith, 
gus an èireadh Mac an duine a 
rìs o na marbhaibh. 

10 Agus ghlèidh iad a' chainnt 
so aca fèin, a' fiosrachadh d'a 
chèile ciod bu chiall do 'n aiseir- 
igh o na marbhaibh. 

11 Agus dh'fheòraich iad deth, 
ag ràdh, C' ar son ata na sgrìobh- 
aichean ag ràdh, gur èigin Elias 
a theachd air tiis ? 

12 Agus fhreagair esan agus 
thubhairt e riu, Thig Elias gu 
deimhin air tùs, agus aisigidh e 
na h-uile nithe, agus mar a ta e 
sgrìobhta mu Mhac an duine, gu 
bheil e gu mòran do nithibh 
fhulang, agus a bhi air a chur 
an dìmeas. 

13 Ach a ta mi ag ràdh ribh, 

' hothain. 



MARC, IX. 



blieil Elias da rìreadh air 
teachd, agus rinn iad ris gach ni 
a thogair iad, a rèir mar a ta e 
sgrìobhta uime. 

14 Agus 'nuair thàinig e chum 
a dlieisciobul, chunnaic e sluagh 
mòr mu'n timchioll, agus na 
sgrìobhaichean a' deasboireachd 
riu. 

15 Agus air ball.bha'n sluagh 
uile, 'nuair a chunnaic iad e, fo 
uamhas mòr, agus air dhoibh 
ruith d'a ionnsuidh, chuir iad 
fàilte air. 

16 Agus dh'fhiosraich e do 
na sgrìobhaichibh, Ciod e mu 'm 
bheil sibh a' deasboireachd riu? 

17 Agus air freagairt do neach 
do'n t-sluagh, thubhairt e, A 
mhaighstir, thug mi mo mhac 
a d' ionnsuidh, anns am bheil 
spiorad balbh : 

18 Agus ge b' e ionad sam bith 
an glac se e, a ta e 'ga tharruing 
as a chèile ; agus a ta e cur 
cobhair as a bheul, agus a' 
gìosgarnaich le 'fliiaclaibh, agus 
a ta e a' seargadh as : agus thu- 
bhairt mi ri d' dheisciobluibh, 
iad g' a chur a mach, agus cha 
b'urrainn iad. 

19 Ach fhreagair esan, agus 
thubhaìrt e ris, O chinnich gun 
chreidimh, cia fhad a bhitheas 
mi maille ribh ? cia f had a dh'- 
f huilgeas mi sibh ? thugaibh e a 
m' ionnsuidh. 

20 Agus thug iad d'a ionn- 
suidh e : agus an uair a chunn- 
aic se e, reub an spiorad air ball 
8 ; agus thuit e air an talamh, 
agus bha e 'ga aoirneagan ^ fèin, 
agus a' cur cobhair as a bheul. 

' aoineagan, aor'iirt, 
83 



21 Agus dh'fhiosraich e d' a 
athair, Cia fhad an aimsir o 
thàinig so air ? agus thubhairt 
e, O bha e 'na leanabh. 

22 Agus gu minic thilg e san 
teine e, agus anns an uisge, 
chum gu milleadh se e : ach ma 
ta thusa comasach air ni sam 
bith a dhèanamh, gabh truas 
dinn, agus cuidich leinn. 

23 Ach thubhairt losa ris, 
Ma 's urrainn thusa creidsinn, 
a ta gach aon ni comasach do 'n 
neach a chreideas. 

24 Agus ghlaodh athair an 
leinibh a mach air ball, agus 
thubhairt e le deuraibh, A ta mi 
creidsinn, a Thighearn ; cuidich 
thusa le mo mhi-chreidimh. 

25 Agus an uair a chunnaic 
losa an sluagh a' ruith cuid- 
eachd, chronuich e an spiorad 
neòghlan, ag ràdh ris, A spior- 
aid bhailbh agus bhodhair, a ta 
mi 'g òrduchadh dhuit, Thig a 
mach as, agus na rach ^ a steach 
ann ni 's mò. 

26 Agus ghlaodh an spiorad, 
agus reub e gu ro chràiteach e, 
agus chaidh e mach as : agus 
bha e 'n riochd mairbh, ionnus 
gu'n dubhairt mòran, Tha e 
marbh. 

27 Ach air do losa a ghlacadh 
air làimh, thog e suas e, agus 
dh'èirich e. 

28 Agus an uair a chaidh e 
steach do'n tigh, dh'fhiosraicli 
a dheisciobuil deth an uaignidh- 
eas, C'ar son nach b' lUTainn 
sinne a thilgeadh mach ? 

29 Agus thubhairt esan riu, 
Cha 'n 'eil e comasach gu 'n tèid 

^ teirig^ gahh, 
G 2 



MARC, IX. 



ghnè so macli le ni air bith, 
ach le h-ùrnuigh agus trasgadh. 

30 Agus dh'imich iad as a sin, 
agus chaidh iad troimh Ghalile ; 
agus cha b' àill leis f hios so bhi 
aig aon neach. 

31 Oir theagaisg e a dheis- 
ciobuil fèin, agus thubhairt e 
riu, A ta Mac an duine air a 
thabhairt thairis do làmhaibh 
dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs 
e ; agus an dèigh a chur gu bàs, 
èiridh e a ris an treas là. 

32 Ach cha do thuig iad a' 
chainnt so, agus bha eagal orra 
fheòraich dheth. 

33 Agus thàinig e gu Caper- 
naum ; agus air dha bhi san tigh, 
dh'fhiosraich e dhiubh, Ciod e 
mu 'n robh sibh a' deasboireachd 
eadairibh fèin, air an t-slighe ? 

34 Ach dh'fhan iadsan 'nan 
tosd : oir air an t-slighe bha iad 
a' reusonachadh eatorra fèin, cò 
aca bu mhò a bhiodh. 

35 Agus air suidhe dha, ghairm 
e'n dà fhear dheug d'a ionnsuidh, 
agus thubhairt e riu, Ge b' e 
neach leis am miann a bhi air 
thoiseach, bithidh esan air dheir- 
eadh air chàch uile, agus 'na 
sheirbhiseach do na h-uile. 

36 Agus ghabh e leanabh, agus 
chuir e 'nam meadhon e : agus 
an uair a thog e suas 'na uchd 
e, thubhairt e riu, 

37 Ge b' e neach a ghabhas ri 
h-aon d' an leithidibh so do lean- 
abaibh a' m' ainm-sa, a ta e a' 
gabhail riumsa ; agus ge b' e 
neach a ghabhas riumsa, cha 
mhise ris am bheil e a' gabhail, 
ach an Tì a chuir uaith mi. 

' leunmlmìnn ' t/ioirnìisg. 

84 



38 Agus fhreagair Eoin e, ag 
ràdh, A mhaighstir, chunnaic 
sinne neach nach ' eil 'gar leant- 
uinn ^ a' tilgeadh a mach dheamh- 
an a d' ainm-sa ; agus bhac ^ sinn 
e, a chionn nach 'eil e 'gar 
leantuinn fèin. 

39 Ach thubhairt losa, Na 
bacaibh e : oir cha'n 'eil neach 
sam bith a m mìorbhuil a' m' 
ainm-sa, d'am bheil e 'n comas 
olc a labhairt gu h-ealamh 
umam. 

40 Oir ge b'e neach nach 'eil 
'nar n-aghaidh, a ta e leinn \ 

41 Oir ge b'e neach a bheir cup- 
an uisge dhuibh-sa r' a òl a' m' 
ainm-sa, a chionn gur le Criosd 
sibh, gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, nach caill e a dhuais. 

42 Agus ge b'e bheir aobhar 
oilbheim do aon neach do na 
h-aonaibh beaga so, a ta creid- 
sinn annam-sa, b' fheàrr dha 
gu 'm biodh clach-mhuilinn air 
a crochadh m' a mhuineal, agus 
gu 'm biodh e air a thilgeadh 
san fhairge. 

43 Agus ma bheir do làmh 
aobhar oilbheim dhuit, geàrr 
dhìot i : is feàrr dhuit dol a 
steach do 'n bheatha air leth- 
làimh, na dà làimh a bhi agad, 
agus dol gu h-ifrinn, do 'n teine 
nach mùchar a chaoidh ; 

44 Far nach bàsaich an 
cnuimh, agus nach tèid an teine 
as. 

45 Agus ma bheir do chos 
aobhar oilbheim dhuit, geàrr 
dhìot i : is feàrr dhuit dol a 
steach do 'n bheatha air leth- 
chois, na dà chois a bhi agad, 

^ 'nur n-ayhaidh a ta e leihh. 



MARC, IX. X. 



agus a bhi air do tliilgeadh ann 
an ifrinn, do 'n teine nach mùch- 
ar a chaoidli ; 

46 Far nach bàsaich an cnuimh, 
agus nach tèid an teine as. 

47 Agus ma bheir do shùil 
aobhar oilbheim dhuit, spìon 
asad i : is feàrr dhuit dol a 
steach do rìoghachd Dhè air aon 
sùil, na dà shùil a bhi agad, agus 
a bhi air do thilgeadh ann an 
teine ifrinn; 

48 Far nach bàsaich an cnuimh, 
agus nach tèid an teine as. 

49 Oir saillear gach aon neach 
le teine, agus saillear gach aon 
ìobairt le salann. 

50 Is maith an salann : ach ma 
chailleas an salann a shaillt- 
eachd, ciod e leis an dèan sibh 
deadh-bhlasda e ? Biodh agaibh 
salann annaibh fèin, agus bith- 
ibh sìochail r'a chèile. 

CAIB. X. 

1 Ata Crìosd a' deasboìreachd ris na Phàìris- 
ich mu thimchioll dealachaidh fir agus mnà 
pòsda : 13 bheannaich e clann a thugadh 
d' a ionnsuidh: 17 dh'innis e do dhiiìno 
saoibhir cionnus a dh' fhaodas e a' bhcatha 
shuthain a shealbhachadh. 82 Roimh-innis 
e a bhàs agus 'àiseirigh, 46 Dh' aisig e a 
radharc do Bhartinieus. 

AGUS air èirigh dha as a sin, 
thàinig e gu crìochaibh 
ludea troimh an dùthaich a ta air 
an taobh thall do lordan : agus 
thàinig slòigh d'a ionnsuidli a 
rìs ; agus mar bu ghnàth leis, 
theagaisg e iad a rìs. 

2 Agus thàinig na Phàiris- 
ich d'a ionnsuidh, agus dh'fhios- 
raich iad deth, Am bheil e cead- 
uichte do dhuine a bhean a chur 
air falbh ? 'ga dhearbhadh. 

3 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e riu, Ciod a dh'àithn 

85 



Maois dhuibh ? 

4 Agus thubhairt iadsan, Thug 
Maois cead duinn litir-dhealaich 
a sgrìobhadh, agus a cur air falbh. 

5 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, Air son cruais 
bhur cridhe, sgrìobh e an àithne 
so dhuibh. 

6 Gidheadh o tlioiseach na 
cruitheachd, rinn Dia iad fear 
agus bean. 

7 Air an aobhar so, fàgaidh 
duine 'athair agus a mhàthair, 
agus dlùth-leanaidh e r' amhnaoi- 
phòsda : 

8 Agus bithidh iad araon 'nan 
aon fheoil : ionnus nach dithis 
iad o sin suas, ach aon fheoiì. 

9 Air an aobhar sin an ni a 
chuir Dia cuideachd, na cuir- 
eadh duine o chèile. 

10 Agus anns an tigh dh'- 
fheòraich a dheisciobuil deth a 
rìs mu thimohioll an ni cheudna. 

11 Agus thubhairt e riu, Ge 
b' e neacli a chuireas air falbh a 
bhean fèin, agus a phòsas hean 
eile, a ta e a' dèanamh adhalt- 
rannais 'na h-aghaidh. 

12 Agus ma chuireas bean air 
falbh a fear fèin, agus ma bhith- 
eas i air a pòsadh ri fear eile, a 
ta i a' dèanamh adhaltrannais. 

13 Agus thug iad leanabana d' a 
ionnsuidh, chum gu 'm beanadh 
e riu ; agus chronuich a dheis- 
ciobuil a'mhuinntir athug leo iad. 

14 Ach an uair a chunnaic 
losa sin, bha e ro dhiombach, 
agus thubhairt e riu, Leigibh do 
na leanabanaibh teachd a m' 
ionnsuidh, agus na bacaibh iad : 
oir is ann d' an leithidibh a ta 
rioghachd Dhè. 



MARC, X. 



15 Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, Ge b'e neach nach gabh 
rioghachd Dhè mar leanabh 
beag, nach tèid e gu bràth a 
steach innte. 

16 Agus ghlac e 'na uchd iad, 
agus chuir e a làmhan orra, agus 
bheannaich e iad. 

17 Agus an uair a chaidh e 
mach air an t-slighe, thàinig 
neach 'na ruith, agus leig se e 
fèin air a ghlùinibh dha, agus 
dh'f heòraich ^ e dheth, A mhaigh- 
stir mhaith, ciod a ni mi chum 
gu sealbhaich mi a' bheatha 
mhaireannach ? 

18 Agus thubhairt losa ris, 
C'ar son a ghoireas^ tu maith 
dhiomsa ? cha 'n 'eil neach sam 
bithmaith, achah-aon,is esinDìa. 

19 Is aithne dhuit na h-àith- 
eanta, Na dèan adhaltrannas, 
Na dèan mortadh, Na goid, Na 
toir fìanuis bhrèige, Na dèan 
eucoir Thoir urram do t'athair 
agus do d' mliàthair. 

20 Ach fhreagair esan agus 
thubhairt e ris, A mhaighstir, 
choimhid mi iad so uile o 
m' òige. 

21 Agus air amharc do losa air, 
ghràdhaich see, agus thubhairt 
e ris, A ta aon ni dh'uireas- 
bhuidh ort : imich, reic na 
bheil agad, agus tabhair do na 
bochdaibh, agus bithidh agad 
ionmhas air nèamh ; agus thig, 
tog an crann-cèusaidh, agus lean 
mise. 

22 Agus bha doilghios air-san 
air son nam briathra sin, agus 
dh'fhalbh e gu tuirseach ; oir 
bha mòran saoibhreis aige. 

' dh'fhiosraich. ^ ffhairmeas. 

86 



23 Agus air amharc do losa 
mu'n cuairt, thubhairt e r'a 
dheisciobluibh, Cia deacair* do'n 
mhuinntir sin aig am bheil mòr- 
shaoibhreas dol a steach do 
rìoghachd Dhè ! 

24 Agus bha mòr-uamhas air 
na deisciobhiibh air son a bhriath- 
ra. Ach fhreagair losa a rìs, 
agus thubhairt e riu, A chlann, 
cia deacair dhoibh-san a chuir- 
eas an doigh ann an saoibhreas, 
dol a steach do riòghachd Dhè ! 

25 Is usadh do chàmhal dol 
troimh chrò na snàthaid, na do 
dhuine saoibhir dol a steach do 
rìoghachd Dhè. 

26 Ach bha uamhas orra-san 
thar tomhas, ag ràdh eatorra 
fèin, Cò ma seadh a dh'fheudas 
a bhi air a shaoradh ? 

27 Agus air do losa amharc 
orra, thubhairt e, Do dhaoinibh 
a ta so eu-comasach, ach cha 
'n 'eil e do Dhia : oir do Dhia a 
ta na h-uile nithe comasach. 

28 Agus thòisich Peadar air a 
ràdh ris, Feuch, thrèig sinne na 
h-uile nithe, agus lean sinn thusa. 

29 Ach fhreagair losa, agus 
thubhairt e, Gu deimhin a ta mi 
agr ràdh ribh, nach 'eil neach 
sam bith a dh'fhàg' tigh, no 
bràithre, no peathraiche, no 
athair, no màthair, no bean- 
phòsda, no clann, no fearann, 
air mo shonsa agus air son an 
t-soisgeil, 

30 Nach faigh a cheiid uiread 
san aimsir so fèin, tighean, agus 
bràithrean, agus peathraichean, 
agus màthraichean, agus clann, 
agus fearann, maille ri geur- 

•* mealltaìreachd. ^ doilich. 



MAR 



C, X. 



leanmliulnn ; agus anns an 
t-saog]ial a ta ri teaclid, a' 
blieatha mhaireannach. 

31 Ach a ta mòran air thùs, a 
bhitheas air dheireadh ; agus air 
dheireadli, a hhitheas air thùs. 

32 Agus bha iad air an 
t-slighe a' dol suas gu lerusa- 
lem : agus bha losa ag imeachd 
rompa ; agus ghlac uamhas iad, 
agus ag dhoibli esan a leantuinn, 
bha eagal orra. Agus thug e an 
dà fhear dheug air leth a rìs,agus 
thòisich e air na nithe bha 
gu tachairt da innseadh dhoibh, 

33 Ag ràdh, Feuch, a ta sinn 
a' dol suas gu lerusalem ; asfus 
bithidh Mac an duine air a 
thoirt thairis do na h-àrd-shag- 
artaibh^ agus do na sgrìobhaich- 
ibh : agus dìtidh iad chum bàis 
e, agus bheir iad thairis e do 
na Cinnich ; 

34 Agus nì iad fanoid air, 
agus sgiùrsaidh iad e, agus tilg- 
idh iad smugaid air, agus cuir- 
idh iad gu bàs e : agus air an 
treas là èiridh e a rìs. 

35 Agus thàinig d'a ionnsuidli 
Seumas agus Eoin, mic Shebede, 
ag ràdh, A mhaighstir, is àill 
leinn gu'n dèan thu dhuinne ge 
b'eni a dh'iarras sinn. 

36 Agus thubhairt esan riu, 
Ciod is àill leibh mise a dhèan- 
amh dhuibh ? 

37 Agus thubhairt iadsan ris, 
Deònuich dhuinne gu'n suidh- 
eamaid, a h-aon air do làimh 
dheis, agus am fear eile air do 
làimh chlì, ann do ghhnr. 

38 Ach thubhairt losa riu, 
Cha 'n aithne dhuibh ciod a ta 

' priomh-shagartaìbh. 
S7 



sibh ag iarraidh : am bheil sibli 
comasach air a' chupan òl a dh'- 
òlas mise,? agus a bhi air bhur 
baisteadh leis a' bhaisteadh leis 
am baistear mise ? 

39 Thubhairt iadsan ris, A ta 
sinn comasach. Ach thubhairt 
losa riu, Olaidh siblise gu deimh- 
in an cupan a dh'òlas mise ; 
agus baistear sibh leis a' 
bhaisteadh leis am baistear mise : 

40 Ach suidhe air mo làimh 
dheis, agus air mo làimh chB, 
cha leamsa sin r' a thabhairt, ach 
dlioibh-san d' an d' ulhiicheadh e. 

41 Agus air cluinntinn so do'n 
deichnear, thòisich iad air mòr- 
chorruich a ghabhail ri Seumas 
agus Eoin. 

42 Ach ghairm losa iad d'a 
ionnsuidh, agus thubliairt e riu, 
A ta fhios agaibh gu bheil aca- 
san a ta air am meas mar uachd- 
arain air na Cinnich, àrd-thigli- 
earnas orra ; agus gu bheil aig an 
daoinibh mòra làn ùghdarras orra. 

43 Ach cha bhi e mar sin 'nur 
measg-sa : ach ge b' e neach le 'n 
àill a bhi mòr 'nur measg, bith- 
idh e 'na òglach agaibh : 

44 Agus ge b' e neach agaibh le 'n 
aill toiseach a bhi aige bithidh 
e 'na sheirbhiseach do na h-uile. 

45 Oir cha d'thàinig eadhon 
Mac an duine chum gu'n dèant- 
adh frithealadhdha, ach a dhèan- 
amh frithealaidh, agus a thoirt 
'anama fèin mar èiric air son 
mhòran. 

46 Agus thàinig iad gu lericho : 
agus air imeachd dhasan agus 
d'a dheisciobkiibh, agus do 
shkiagh mòr, a mach à lericho, 
bha Bartimeus an dall, mac 



MARC, 



X. XL 



Thimeuis, 'na shuidhe ri taobh 
na slighe, ag iarraidh dèirce. 

47 Agus an uair a cliual e gu'm 
b' e losa o Nasaret a bh'ann, 
thòisich e ri glaodhaich, agus a 
ràdh, losa, Mhic Dhaibhidh, 
dèan tròcair orm. 

48 Agus chronuichmòran e,chum 
gu 'm biodh e 'na thosd : ach bu 
ro mhòid a ghlaodh esan, a Mhic 
Dhaibhidh, dèan tròcair orm. 

49 Agus sheas losa, agus dh'- 
àithn e esan a ghairm a ionn- 
suidh: agus gliairm iad an dall, ag 
ràdh ris, Biodh misneach agad, 
èirich ; tha e ga d' gliairm. 

50 Agus air dhasan 'f'halluinn^ 
a thilgeadh uaith, dh'èirich e, 
agus thàinig e gu losa. 

51 Agus fhreagair losa, agus 
thubhairt e ris, Ciod is àill leat 
mise a dhèanamh dhuit ? Thu- 
bhairt an dall ris, A Thighearn, 
mi dh'fhaotainn mo radhairc. 

52 Agus thubhairt losa ris, 
Imich ; shlànuich do ehreidimh 
thu. Agus air ball fhuair e a 
radharc, agus lean e losa san t- 
slighe. 

CAIB. XI. 

1 Mharcaìch losa gu buadhnch do lerusalem ; 
12 mhalluich e a' chraobh air an robh 
duìlleach gun mheas /15 ghlan e an 
teampull; 20 dh'earalaich e a dhcisciobuil 
chum iad a bhi seasmhach sa' chreidimh, S;c. 

AGUS an uair a tliàinig iad 
am fagus do lerusalem, gu 
Betphage agusBetani, aigsliabh 
nan crann-oladh, chuir e uaith 
dithis d'a dheisciobhiibh, 

2 Agus thubhairt e riu, Rach- 
aibh do 'n bhaile ud thall fa 
bhur comhair ; agus air ball an 
uair a thèid sibh a steach ann, 

' eudach-uachdair. 
88 



gheibh sibh searrach ceangailte, 
air nach do shuidh aon duine 
riamh ; fuasglaibh e, agus thug- 
aihb leibh e. 

3 Agus ma their neach air bith 
ruibh, C' ar son a ta sibh a' dèan- 
amh so? abraibh, Gu bheil 
feum aig an Tighearn air ; agus 
air ball cuiridh e 'n so e. 

4 Agus dh'imich iad, agus 
fhuair iadan searracli ceangailte 
a muigh aig an dorus, aig coinn- 
eachadh dà shlighe ; agus dh'- 
fliuasgail iad e. 

5 Agus thubhairt cuid dhiubh- 
san, a bha 'nan seasamh an sin, 
riu, C' ar son a ta sibh a' fuasg- 
ladh an t-searraich ? 

6 Agus thubhairt iadsan riu 
mar a dh'àithn losa dhoibh: 
agus leig iad uatha iad. 

7 Agus thug iad an searrach 
chum losa, agus chuir iad am 
falluinnean air ; agus shuidh 
esan air. 

8 Agus sgaoil mòran am fall- 
uinnean fèin air an t-slighe : 
agus gheàrr cuid eile geugan clo 
na craobhaibh, agus sgaoil iad 
air an t-slighe iad. 

9 Agus ghlaodh iadsan a bha 
'g imeachd roimhe, agus iadsan 
a bha 'ga leantuinn, ag ràdh, 
Hosanna, is beannaichte an Tì a 
ta teachd ann an ainm an Tigli- 
earn. 

10 Is beannaichte rìoghachd ar 
n-Athar Daibhidh, a ta teachd 
(ann an ainm an Tighearna ;) 
Hosanna anns na h-àrdaibh. 

11 Agus chaidh losa a steach 
do lerusalem, agus do 'n teamp- 
ull ; agus an uair a dh'amhairc 
e air gach ni mu 'n cuairt, agus 



MARC, XI. 



a bha 'm feasgar a nis air teachd, 
chaidh e mach gu Betani maille 
ris an dà f hear dheug. 

12 Agus air an là màireach, 
'nuair a chaidh iad a mach à 
Betani, dh'fhàs e ocrach. 

13 Agus air faicinn craoibh- 
fhìge fada uaith, air an robh 
duilleach, thàinig e, dh'fheuch- 

1 ainn am faigheadh e ni sam 
|i bìth oirre : agus air dha teachd 
d'a h-ionnsuidh, cha d'fhuair e 
ni sam bith ach duilleach ; oir 
cha robh àm tionail nam fìge 
fathast ann. 

14 Agus fhreagair losa agus 
|l thubhairt e rithe, Nar itheadh 

neach sam bith toradh dhìotsa 
o so suas a chaoidh. Agus chual 
a dheisciobuil e. 

15 Agus thàinig iad gu leru- 
salem : agus chaidh losa a steach 
do'n teampull, agus thòisich e 
air an dream a bha reiceadh 
agus a' ceannach san teampull a 
chur a mach, agus thilg e thairis 
bùird luchd malairt an airgid, 
agus caithriche na muinntir a 
bha reiceadh choluman : 

16 Agus cha 'n f huilgeadh e 
gu'n giùlaineadh^ neach sam bith 
soitheach troimh an teampull. 

17 Agus theagaisg e, ag ràdh 
riu, Nach 'eil e sgrìobhta, Goir- 
ear tigh ùrnuigh do m' thigh-sa 
do^ na h-uile chinnich? Ach 
rinn sibhse 'na gharaidh luchd- 
reubainn e. 

18 Agus chuala na sgrìobh- 
aichean agus na h-àrd-shagairt^ 
so, agus dh'iarr iad cionnus a 
dh'fheudadh iad esan a mhill- 
eadh : oir bha 'eagal-san orra, do 

' ìomchavreadh. " leis. 
89 



bhrìgh gu'n robh an sluagh uile 
fo iongantas mòr r'a theagasg. 

19 Agus an uair a bha am 
feasgar air teachd, chaidh e 
mach as a' bhaile.* 

20 Agus air mhaduinn, ag 
gabhail seachad dhoibh, chunn- 
aic iad an crann-f ige air crìon- 
adh o fhreumhaibh. 

21 Agus air cuimhneachadh 
do Pheadar, thubhairt e ris, A 
mhaighstir, feuch, a ta a' 
chraobh-fhìge, a mhalluich thu, 
air crìonadh. 

22 Agus fhreagair losa, agus 
thubhairt e riu, Biodh creidimh 
Dhè agaibh. 

23 Oir gu deimhin a ta mi 
ag ràdh ribh, ge b' e neach a 
their ris a' bheinn so, Togar 
thu, agus tilgear san fhairge 
thu, agus nach bì fo amharus 
'na chridhe,ach a chreideas gu'n 
tachair na nithe a their e, thig 
gach ni a their e gu crìch dha. 

24 Air an aobhar sin tha mi 
ag ràdh ribh, Ge b' e nithe air 
bith a dh'iarras sibh ann an 
ùrnuigh, creidibh gu'm faigh 
sibh, agus gheibh sibh. 

25 Agus an uair a sheasas 
sibh a' dèanamh ùrnuigh, maith- 
ibh, ma ta ni air bith agaibh an 
aghaidh aoin duine ; chum gu 
maith bhur n-Athair a ta air 
nèamh bhur peacanna fèin 
duibhse. 

26 Ach mur maith sibhse, cha 
mhò a mhaitheas bhur n-Athair 
a ta air nèamh bhur peacanna 
fèin duibhse. 

27 Agus thàinig iad a ris gu 
lerusalem : agus air dhasan bhi 

^ priomh-shagairt . a' chaithir. 



MARC, 



XL XII. 



a' spaisdeireaclid ' anns an teamp- 
ull, thàinig d' a ionnsuidh na 
h-àrd-shagairt,^ agus na sgriobh- 
aichean, agus na seanairean. 

28 Agus thubhairt iad ris, 
Ciod e an t-ùghdarras leis am 
bheil thu a' dèanamh nan nithe 
so? Agus cò thug dhuit an 
t-ùghdarras so chum na nithe so 
dhèanamh ? 

29 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, Feòraichidh 
mise mar an ceudna aon ni 
dhibhse, agus freagraibh mi, ag- 
us innsidh mise dhuibh-sa ciod 
e an t-ùghdarras leis am bheil 
mi dèanamh nan nithe so. 

30 An ann o nèamh, no o dhaoin- 
ibh a thàinig baisteadh Eoin? 
freagraibh mi. 

31 Agus bha iad a' reuson- 
achadh eatorra fèin, ag ràdh, 
Ma their sinn, O nèamh ; their 
esan ruinn, C' ar son ma seadh 
nach do chreid sibh e ? 

32 Ach ma their sinn, O 
dhaoinibh ; bhaeagalan t-skiaigh 
orra : oir b' e meas gach uile air 
Eoin gu'm b' fhàidh e gu firinn- 
each. 

33 Agus air freagairt dhoibh, 
thubhairt iad ri losa, Cha'n 'eil 
fhios againn. Agus fhreagair 
losa agus thubhairt e riu, Cha 
mhò a dli'innseas mise dhuibhse 
ciod e an t-ùghdarras leis am 
bheil mi dèanamh nan nithe so. 

CAIB. XII. 

1 Ann an cosamhlachd an fhìonlios a shuìdhf 
icheadh uir tuafh mlù-thaingeil, dh'innis 
Crìosd roimh-làitnh diàltadh nan ludhach, 
agus gairm nan Cinneach. 13 Sheachainn 
e an rib? a chuir na Phùiì-isich, agus na 
Herodianaich roimhe mu thimchioll ìocadh 
cìse do Cheasar : 18 nochd e mearachd nan 

' sràideis, 

90 



Sadusach mu thìmchìoll uiseirigh nam 
marhh. 41 Mhol e a' bhantrach bhochd. 

AGUS thòisich e air labhairt 
riu ann an cosamhlachdaibh. 
Shuidhich duine àraidh fion- 
lios, agus chuir e gàradh mu'n 
cuairt air, agus chladhaich e 
ionad-br uthaidh nam fion-dhearc, 
agvis thog e tùr, agus shuidhich 
e air tuath e, agus ghabh e a 
thurus as a dhùthaich. 

2 Agus san àm dhligheach 
chuir e seirbhiseach a dli'ionn- 
suidh na tuatha, chum gu'm 
faigheadh e do thoradh an fhìon- 
lios o'n tuath. 

3 Ach air dhoibh-san esan a 
ghlacadh, bhuail iad e, agus 
chuir iad uatha falamh e. 

4 Agus a rìs chuir e seirbhis- 
each eile d'an ionnsuidh ; agus 
chlach iad e, agus reub iad a 
cheann, agus chuir iad uatha e 
le h-eas-urram. 

5 Agus a rìs chuir e neacli 
eile (Tan ionnsuidh; agus esan 
mharbh iad : agus mòran eile, 
a' bualadh cuid diubh, agus a' 
marbhadh cuid eile. 

6 Fathast uime sin, air dha 
aon Mhac a bhi aige, a b' ion- 
mhuinn leis, chuir e esan mar 
an ceudna fa dheoidh d' an ionn- 
suidh, ag ràdh, Bheir iad urram 
do m' Mhac. 

7 Ach thubhairt an tuath sin 
'nam measg fèin, Is e so an 
t-oighre ; tìiigibh, marbhamaid 
e, agus bithidh an oighreachd 
againn fèin. 

8 Agus rug iad air, agus 
mharbh iad e, agus thilg iad a 
mach as an fhìon-lios e. 

9 Ciod e uime sin a ni Tigh- 

prìomh-shagairt. 



MARC, XII. 



earn an fhìon-lios? Thig e 
agus sgriosaidh e 'n tuath sin, 
asus bheir e ain fìon-lios do 
dhaoinibh eile. 

10 Nach do leugh sibh an 
sgriobtuir so ? A' chlach a 
dìiiùlt na clachairean, rinneadh 
ceann na h-oisinn d' i. 

11 Rinneadh so leis an Tigh- 
earn, agus is iongantach e 'nar 
sùilibh-ne. 

12 Agus dh'iarr iad breith 
air, ach bha eagal an t-sluaigh 
orra ; oir thuig iad gu 'm b' ann 
'nan agliaidh fèin a labhair e an 
cosainhlachd : agus air fhàgail 
doibh, dh'imich iad rompa. 

13 Agus chuir iad d'a ionn- 
suidh dream àraidh do na Phàir- 
isich, agus do luchd-leanmhuinn 
Heroid, chum gu'n glacadh iad 
e 'na chainnt. 

14 Agus air dhoibh-san teachd, 
thubhairt iad ris, A mhaighstir, 
a ta fhios againn gu bheil thusa 
firinneach, agus nach 'eil suim 
agad do neach air bith : oir 
cha'n 'eil thu ag amharc air 
gnùis dhaoine, ach a' teagasg 
slighe Dhè ann am firinn. Am 
bheil e ceaduichte cìs a thoirt do 
Cheasar, no nach 'eil ? an tabh- 
air, no nach tabhair sinn i ? 

15 Ach air dhasan an cealg a 
thuigsinn, thubhairt e riu, C'ar 
son a ta sibh ga m' bhuaireadh ? 
thugaibh peghinn a m' ionn- 
suidh, chum gu'm faic mi i? 

16 Agus thug iad d' a ionnsuidh 
agus thubhairt e riu, Cò d' an 

ìomhaigh so, agus cò d' am huin 
an sgrìobhadh so ? Agus thubh- 
airt iadsan ris, Do Cheasar. 

17 Agus fhreagair losa, agus 

91 



thubhairt e riu, Thugaibh do 
Cheasar na nithe a's le Ceasar, 
agus do Dhia na nithe a 's le 
Dia. Agus ghabh iad iongant- 
as ris. 

18 An sin thàinig na Sadus- 
aich d'a ionnsuidh, a ta 'g ràdli 
nach 'eil aiseirigh ann ; agus 
dh'fheòraich iad deth, ag ràdh, 

19 A mhaighstir,sgrìobh Maois 
dhuinne, Nam faigheadh bràthair 
duine air bith bàs, agus gu'm 
f àgadh e bean, agus nach f àgadh 
e clann,gu'n gabhadh a bhràthair 
a bhean d'a iomisuidh, agus gu'n 
togadh e sliochd d' a bhràthair. 

20 A nis bha seachdnar bhràith- 
rean ann : agus ghabh an ceud 
fhear dhiubh bean, agus an uair 
a dh'eug e, cha d'fhàg e sliochd. 

21 Agus ghabh an dara fear i, 
agus fhuair esan bàs, agus cha 
mhò a dh'f hàg esan sliochd : ag- 
us an treas fear mar an ceudna. 

22 Agus ghabh an t-seachdnar 
i, agus cha d'fhàg iad sliochd : 
'nandèighuile,chaochail a' bhean 
mar an ceudna. 

23 Anns an aiseirigh uime sin, 
an uair a dh'èireas iad, cò dhiubh 
d' am bean i ? oir bha i aig an 
t-seachdnar 'na mnaoi. 

24 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, Nacli 'eil sibh 
uime sin ann am mearachd, do 
bhrìgh nach 'eil eòlas agaibh air 
na sgriobtuiribh, no air cumh- 
achd Dhè ? 

25 Oir an uaii' a dh'èireas iad 
o na marbhaibh, cha phòs iad, ni 
mò a bheirear am pòsadh iad; 
ach a ta iad mar na h-aingil a ta 
air nèamh. 

26 Ach mu thimchioll nara 



MARC. XII. 



marbh, gu 'n èirich iad, nach 
do leugh sibh ann an leabhar 
Mhaois, cionnus a labhair Dia 
ris anns a' phreas, ag ràdh, Is 
mise Dia Abrahaim, agus Dia 
Isaaic, agus Dia lacoib ? 

27 Cha 'n e Dia nam marbh e, 
ach Dia nam beò : tha sibhse 
uime sin ann am mearachd mòr. 

28 Agus thàinig neach do na 
sgrìobhaichibh, agus an uair a 
chual e iadsan a' deasboireachd 
r'a chèile, agus a thuig e gu'n 
do fhreagair e gu maith iad, 
chuir e ceisd air, Cia i a' cheud 
àithne do na h-àitìieantaibh uile ? 

29 Agus fhreagair losa e, 'S 
i so a' cheud àitlme do na h- 
àitheantaibh uile, Eisd, O Is- 
rael, an Tighearn ar Dia-ne, is 
aon Tighearn e ; 

30 Agus gràdhaichidh tu an 
Tighearn do Dhia le d' uile 
chridhe, agus le d'uile anam, ag- 
us le d' uile inntinn, agus le d' uile 
neart : /s i so a' cheud àithne : 

31 Agus is cosmhuil an dara 
àithie rithe so, Gràdhaichidh tu 
do choimhearsnach mar thu fèin : 
cha 'n 'eil àithne eile ann a's mò 
na iad so. 

32 Agus thubhairt an sgriobh- 
aiche ris, Is maith, gu firinn- 
each, a Mhaighstir, a thubhairt 
thu : oir a ta aon Dia ann, agus 
cha'n'eil atharrach ann ach e 
fèin. 

33 Agus esan a ghràdhachadh 
leis an uile chridhe, agus leis an 
uile thuigse, agus leis an uile 
anam, agus leis an uile neart, 
agus neach a ghràdhachadh a 
choimhearsnaich mar e fèin, is 
mò sin na na h-uile làn ìob- 

92 



airte-loisgte, agus thabharta-sa. 

34 Agus an uair a chunnaic 
losa gu'n do fhreagair e gu 
tuigseach, thubhairt e ris, Cha'n 
'eil thu fada o rioghachd Dhè. 
Agus cha robh a mhisnich aig 
neach air bith o sin suas ceisd a 
chur air. 

35 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e, a' teagasg anns an 
teampull, Cionnus a tha na 
sgrìobliaichean ag ràdh gur e 
Crìosd Mac Dhaibhidh ? 

36 Oir thubairt Daibhidh fèin 
troimh an Spiorad naomh, Thu- 
bhairt an Tighearn ri m' Thigh- 
earn-sa, Suidh air mo làimh 
dheis, gus an cuir mi do naimhde 
'nan stòl fo d' chosaibh ; 

37 Air an aobhar sin a ta 
Daibhidh fèin a' gairm a Thigh- 
earna dheth ; cionnus ma seadh 
is e 'mhac e ? Agus dh'èisd am 
mòr-shluagh ris gu taitneach. 

38 Agus thubhairt e riu 'na 
theagasg, Bithibh air bhur faic- 
ill o na sgrìobhaichibh, leis an 
ionmhuinn imeachd ann an cul- 
aidhibh fada, agus fàilte fhaot- 
aimi air na margaibh, 

39 Agus na ceud chaithriche 
anns na sionagogaibh, agus na 
ceud àiteacha-suidhe aig na fèill- 
ibh : 

40 A dh'itheas suas tighean 
bhantrach, agus air sgàth deadh 
choslais a ni ùrnuighean fada: 
gheibh iad sin an diteadh^ a's 
mò. 

41 Agus air do losa suidhe fa 
chomhair àite-coimhid an ionmh- 
ais, thug e fa 'near cionnus a bha 
'm pobull a' cur an airgid anns 

' peanas, damnadh. 



MARC, XII. XIII. 



an ionmlias : agus cliuir mòran do 
dhaoinibh saoibhir mòran ann. 

42 Asus air teachd do bhan- 
traich bhochd, thilg i dà bhonn 
bheag ann, a ni feoirling. 

43 Agus air dha a dheisciobuil 
a ghairm d' a ionnsuidh, thu- 
bhairt e riu, Gu deimhin a ta mi 
ag ràdh ribh, gu'n do chuir a' 
bhantrach bhochd so tuilleadh 
san ionmhas, na iadsan uile a 
thilg ann. 

44 Oir thilg iadsan uile ann 
d' am mòr-phailteas ; ach thilg 
ise as a gainne na bha aice uile, 
eadhon a beathachadh gu h-iom- 
lan. 

CAIB. XIII. 

1 Dh'innis Crìosd roimh-làimh syrios an 
teampnil/, 9 geur-leanmhuinn air son an 
t-soisgeil, 10 gurèigin an soisgeul a hhìair 
a shearmonachadh do gach uile chinneach; 
14 agus gu 'n tig àmhghara mòra air na h- 
ludhaich : 24 Dòigh a theachd-san chum 
hreitheanais, 3)C. 

AGUS an uair a bha e dol a 
mach as an teampull, thu- 
bhairt neach d' a dheisciobkubh 
ris, A Mhaighstir, feuch ciod e a' 
ghnè chlacli so, agus ciod e a' 
ghnè aitreibh so ! 

2 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e ris, Am faic thu an 
aitreabh mhòr so ? cha 'n f hàg- 
ar clach air muin cloiche, nach 
sgarar o chèile. 

3 Agus 'nuair a shuidh e air 
sliabh nan crann-oladh, fa chomh- 
air an teampuill, dh'fheòraich 
Peadar, agus Seumas, agus Eoin, 
agus Aindreas an uaignidheas 
deth, 

4 Innis duinne c ' uin' a bhith- 
eas na nithe sin, agus ciod e 'n 

' iomraidhean. 

93 



comliara 'nuair a bhitheas na 
nithe sin gu lèir air an coimh- 
lionadh. 

5 Agus f hreagair losa iad, agus 
thòisich e air a ràdh, Thugaibh 
an aire nach meall aon neach 
sibh : 

6 Oir thig mòran an am ainm- 
sa, ag ràdh, Is mise e : agus 
meallaidh iad mòran. 

7 Agus an uair a chluinneas 
sibh coganna, agus tuairisgeul^ 
choganna, na biodh buaireas 
oirbh : oir is èigin iad so a 
theachd ; ach cha ' n 'eil an deir- 
eadh ann fathast. 

8 Oir èiridh cinneach an agh- 
aidh cinnich, agus rìoghachd an 
aghaidh rìoghachd : agus bith- 
idh critheanna talmhainn ann an 
iomadh àit, agus bithidh gorta 
asfus trioblaidean ann : is iad sin 
toiseach dhòruinnean 

9 Ach thugaibh an aire dhuibh 
fèin : oir bheir iad thairis sibh 
do chomhairlibh : agus anns na 
sionagogaibh sgiùrsar sibh, agus 
cuirear sibh an làthair uachdar- 
an agus righrean air mo shon- 
sa, mar fhianuis dhoibh-san^. 

10 Agus is èigin air tùs an 
soisgeul a bhi air a shearmonach- 
adh do na h-uile chinnich. 

11 Ach an uair a bheir iad leo 
sibh, 'gur tabhairt thairis, na 
biodh e na ro-chùram oirbh 
ciod e a labhras sibh, agus na 
smuainichibh roimh-làimh air : 
ach ge b 'e ni a bheirear dhuibh 
san uair sin fèin, abraibh e : oir 
cha sibhse ta labhairt, ach an 
Spiorad naomh. 

12 Agus bheir am bràthair a 

^ àmhgìmran. ^ 'nan aghaidh-aan. 



MARC, XIII. 



bliràthair tliairis chum bàis, 
agus an t-athair a mhac : agus 
èiridh a' chlann suas an agh- 
aidh am pàranta, agus bheir 
iad fa 'near an cur gu bàs. 

13 Agus bithidh sibh air bhur 
faathachadh leisnah-uile dhaoin- 
ibh air sgàth m'ainme-sa : ach an 
tì a bhuanaicheas chum na crìche, 
is e so a shaorar. 

14 Ach an uair a chì sibh 
gràineileachd an lèir-sgrios, air 
an do labhair Daniel am fàidh, 
'na seasamh anns an ionad nach 
bu chòir dh'i, (tuigeadh an ti a 
leughas,) an sin teicheadh iad- 
san, a ta ann an tìr ludea, chum 
nam beann : 

15 Agus na tigeadh esan a ta 
air mullach an tighe, a nuas 
do 'n tigh, agus na rachadh e 
steach, a thoirt ni air bith clS 3i 
thigh. 

16 Agus an t\ a ta sa' mhach- 
air, na pilleadh e air ais a thog- 
ail 't halluinn leis. 

17 Ach mo thruaigh iad na 
mnài sin a ta torrach, agus iad- 
san a ta toirt ciche sna làithibh 
sin ! 

18 Agus guidhibh-sa gun bhur 
teicheadh a bhi sa' gheamh- 
radh. 

19 Oir bithidh àmhghar anns 
na làithidh sin, amhuil nach 
robh a leithid ann o thoiseach 
na cruitheachd a chruthaich 
Dia, gus a nis, agus nach mò a 
bhitheas. 

20 Agus mur giorraicheadh an 
Tighearn na làithean ud, cha 
rachadh feoil air bith as : ach 
air son an t-shiaigh thaghta, 



a thagh e fèin, ghiorraich e na 
làithean ud. 

21 Agus an sin ma their neach 
air bith ribh, Feuch, a ta Crìosd 
an so, no, Feuch, a ta e 'n sin, 
na creidibh e : 

22 Oir èiridh Crìosdan brèige, 
agus fàidhean brèige, agus nì 
iad comharan, agus mìorbhuil- 
ean, chum, nam bu chomasach 
<?, na daoine taghta fèin a mheall- 
adh. 

23 Agus thugaibh-sa an aire : 
feuch, roimh-innis mi dhuibh na 
h-uile nithe. 

24 Ach anns na làithibh sin, 
an dèigh an àmhghair ud, bith- 
idh a' ghrian air a dorchachadh, 
agus cha toir a' ghealach a solus 
uaipe^ ; 

25 Agus tuitidh reulta nèimh, 
agus bithidh na cumhachdan a ta 
sna nèamhaibh air an crathadh. 

26 Agus an sin chì iad Mac an 
duine a' teachd anns na neul- 
aibh, maille ri mòr-chumhachd, 
agus glòir. 

27 Agus an sin cuiridh e 'aingil 
a mach, agus cruinnichidh e 
r' a chèile a dhaoine taghta fèin 
o na ceithir gaothaibh, o leth- 
iomall na talmhainn gu leth- 
iomall nèimh. 

28 A nis fòghkimaibh cosamh- 
lachd o 'n chraoibh-fhìge : An 
uair a bhitheas a geug a nis 
maoth, agus a chuireas i mach 
a duilleach, a ta fhios agaibh gu 
bheil an samhradh am fagus : 

29 Agus mar an ceudna sibhse, 
an uair a chi sibh na nithe sin 
tachairt, biodh fhios agaibh gu 

' uaithe. 



91 



MARC, y 

blieil e'm fagus, eadhon aig na 
dorsaibh. 

30 Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, nach tèid an ginealach ^ so 
thairis, gus an coimhlionar na 
nithe sin uile. 

31 Thèid nèamh agus talamh 
seach ; ach cha tèid m' f hocail-sa 
seach a chaoidh. 

32 Ach cha'n 'eil fios an là no 
na h-uaire sin aig neach air bith, 
cha'n 'eil aig na h-ainghbh a ta 
air nèamh, no aig a' Mhac, ach 
aig an Athàir. 

33 Thugaibh fa'near, dèanaibh 
faire agus ùrnuigh : oir cha 'n 
'eil f hios agaibh c' uin' a thig an 
t-àm. 

34 Oir a ta Mac an duine mar 
dhuine a chaidh air thurus, ag- 
us a dh'fhàg a thigh fèin, agus 
a thug d' a sheirbhisich cumh- 
achd, agus 'obair fèin do gach 
neach, agus a thug àithne do'n 
dorsair faire a dhèanamh. 

35 Uime sin dèanaibh-sa faire, 
(oir cha'n 'eil fhios agaibh c' uin' 
a thig maighstir an tighe ; an 
ann air feasgar,no airmheadhon- 
oidhche, no aig gairm choileach, 
no anns a' mhaduinn ;) 

36 Air eagal air teachd dha 
gu h-obann, gu 'm faigh e sibh 
'nur codal. 

37 Agus na nithe a ta mi ag 
ràdh ribhse, a ta mi ag ràdh ris 
na h-uile dhaoinibh, Dèanaibh 
faire. 

CAIB. XIV. 

1 Comhairle an agliaidh Chrìosd. 3 Dhhirt- 
eadh oladh phrìseìl aìr a cheann. 10 Reic 
Tudas a Mhaighstir air son aìrgid. 12 Tha 

. Crìosdfèin ag innseadh roimh-làimhcionnus 

' linn. 

95 



II. XIV. 

a bka e gu hhi air a hhrath le h-aon d' a dheis- 
ciobluibh. Dh' brduich e an t-suipeir naomh, 
SfC. 

AGUS bha a' chàisg, agus fèiU 
an arain neò-ghoirtichte an 
dèigh dà là: agus dh'iarr na h- 
àrd-shagairt agus na sgrìobh- 
aichean, cionnus a ghlacadh iad 
esan le foilP, agus a chuireadh 
iad gu bàs e. 

2 Ach thubhairt iad, Cha'n 
ann air an fhèill, air eagal gu'n 
èirich buaireas am measg an 
t-sluaigh. 

3 Agus air bhi dha ann am 
Betani, ann an tigh Shimoin an 
lobhair, an uair a bha e 'na 
shuidhe air bòrd, thàinig bean, 
aig an robh bocsa alabastair do 
oladh spicnaird, ro luachmhoir ; 
agus bhris i am bocsa, agus dhòirt 
i air a cheann e. 

4 Agus bha cuid diubh diom- 
bach annta fèin, agus ag ràdh, 
C'ar son a rinneadh an t-ana- 
caitheadh so air an oladh ? 

5 Oir dh'fheudadh i bhi air a 
reiceadh air son tuilleadh na trì 
cheud peghinn, agus air a toirt 
do na bochdaibh. Agus rinn 
iad gearan 'na h-aghaidh. 

6 Ach thubhairt losa, Leigibh 
leatha ; c'ar son a ta sibh cur 
dragha oirre? rinn i obair mhaith 
ormsa. 

7 Oir a ta na bochdan a ghnàth 
maille ribh, agus ge b' e uair is 
àill leibh, feudaidh sibh maith a 
dhèanamh dhoibh : ach cha'n 
'eil mise a ghnàth agaibh. 

8 Rinn i na dh'fheudadh i: 
thàinig i roimh-làimh a dh'- 
ùngadh mo chuirp chum adh- 
laic. 

-Jei/l. 



MARC, XIV. 



9 Gu deimhin a ta mi ag 
ràdli ribh, Ge b' e earrann ^ air 
bith air feadh an domhain iiile 
am bì an soisgeul so air a 
shearmonachadh, bithidh mar an 
ceudna an ni so a rinn i air 
innseadli, mar chuimhne oirre. 

10 Agus dh'imich ludas Isca- 
riot, aon do 'n dà fhear dheug, 
chum nan àrd-shagart, gu esan a 
bhrath dhoibh. 

11 Agus 'nuair a chual iadsan 
so, bha iad aoibhneach, agus 
gheall iad airgiod a thoirt da. 
Agus dh'iarr e cionnus a dh'- 
fheudadh e gu h-iomchuidh esan 
a bhrath. 

12 Agus air a' cheud là do 
fhèill an arain neo-ghoirtichte, 
an uair bu ghnàth leo an t-uan 
càisge a mharbhadh, thubhairt 
a dheisciobuil ris, C'àit an toil 
leat sinne dhol a dh'ulluchadh, 
chum gu'n itheadh tu a' chàisg ? 

13 Agus chuir e dithis d' a 
dheisciobluibh, agus thubhairt e 
riu, Rachaibh a steach do'n 
bhaile, agus coinnichidh duine 
sibh a' giùlan soithich uisge : 
leanaibh e. 

14 Agus ge b'e àit am tèid e 
stigh, abraibh-sa ri fear-an- 
tighe, Tha am Maighstir ag 
ràdh, C'àit am bheil an seòmar 
aoidheachd, anns an ith mi a' 
chàisg maiUe ri m' dheisciob- 
luibh ? 

15 Agus nochdaidh esan dhuibh 
seòmar àrd,farsuinn,'na làn uidh- 
eam agus deasaichte : an sin ull- 
uichibh dhuinn. 

16 Agus chaidh a dheisciobuil 
a mach, agus thàinig iad do'n 

' àit, hall. 

96 



bhaile, agus fhuair iad mar thu- 
bhairt e riu : agus dh'ulluich iad 
a' chàisg. 

17 Agus air teachd do 'n 
f heasgar, thàinig esan maille ris 
an dà f hear dheug. 

18 Agus an uair a bha iad 
'nan suidhe, agus ag itheadh, 
thubhairt losa, Gu deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, gu 'm brath aon 
agaibh-sa, a ta 'g itheadh maille 
rium, mise. 

19 Agus thòisich iad air a bhi 
dubhaeh, agus a ràdh ris an 
dèigh a chèile, Am mise e ? agus 
fear eile, Am mise e ? 

20 Agus air freagairt dhasan 
thubhairt e riu, Is fear do 'n dà 
fhear dheug e, a ta tumadh 
maille ^ riumsa sa' mhèis. 

21 A ta mac an duine gu 
deimhin ag imeachd, mar a ta e 
sgrìobhta uime, ach is an-aoi- 
bhinn do 'n f hear sin le 'm brath- 
ar Mac an duine : bu mhaith 
do 'n duine sin mur beirteadh 
riamh e. 

22 Agus ag itheadh dhoibh, 
ghlac losa aran, agus an dèigh a 
bheannachadh, bhris e, agus thug 
e dhoibhsan e, agus thubhairt e, 
Gabhaibh, ithibh : is e so mo 
chorp-sa. 

23 Agus air glacadh a' chup- 
ain, agus air tabhairt^ buidh- 
eachais, thug e dhoibhsan e : 
agus dh'òl iad uile as. 

24 Agus thubhairt e riu, Is i 
so m' fhuil-sa an Tiomnaidh- 
nuaidh, a dhòirtear air son 
mhòran. 

25 Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, Nach òl mi ni's mò do 

2 ntarrinn. ^ brrith. 



MARC, 



XIV. 



thoradli na fìonain', giis an là 
sin an òl mi nuadh e ann an 
rìoghachd Dhè. 

26 Agus air dhoibh laoidh a 
sheinn, chaidh iad a mach gu 
sliabh nan crann oladh. 

27 Agus thubhairt losa riu, 
Gheibh sibh uile oilbheum ann- 
am-sa an nochd : oir a ta e sgrìobh- 
ta, Buailidh mi am buachaill, 
agus sgapar na caoraich. 

28 Ach an dèigh dhomh èirigh, 
thèid mi roimhibh do Ghalile. 

29 Ach thubhairt Peadar ris, 
Ged f haigh iadsan uile oilbheum 
annad, gidheadh cha 'n fhaigk 
mise e. 

30 Agus thubhairt losa ris, 
Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
riut, An diugh, air an oidhche so 
fèin, mu 'n goir an coileach dà 
uair, gu 'n àicheadh thusa mi trì 
uairean. 

31 Ach is ro mhòid a thubh- 
airt esan, Ged is èigin domh am 
bàs fhulang maille riut, cha 'n 
àicheadh mi chaoidh thu. Agus 
mar sin thubhairt càch uile mar 
an ceudna. 

32 Agus thàinig iad gu ionad 
d' am b' ainm Getsemane ; agus 
thubhairt e r' a dheisciobluibh, 
Suidhibh-sa an so, gus an dèan 
mise ùrnuigh. 

33 Agus thug e leis Peadar, 
agus Seumas, agus Eoin, agus 
thòisich e air a bhi fuidh uamh- 
chrith, agus fuidh anabarra bròin. 

34 Agus thubhairt e riu, Tha 
m' anam ro bhrònach, eadhon gu 
bàs : fanaibh-sa an so, agus dèan- 
aibh faire. 

35 Agus chaidh e beagan air 



aghaidh, agus thuit e air an 
talamh, agus rinn e ùrnuigli, 
nam bu chomasach e, gu 'n rach- 
adh an uair thairis air. 

36 Agus thubhairt e, Abba, 
Athair, a ta gach ni so-dhèanta 
dhuitse ; cuir an cupan so seachad 
orm : gidheadh, na^ b' e an ni a 
b' àill leamsa, ach an ni a 's toil 
leatsa. 

37 Agus thàinig e, agus fhuair 
e iadsan 'nam codal, agus thubh- 
airt e ri Peadar, a Shimoin am 
bheil thu a' d' chodal ? nach b' ur- 
rainn thu faire a dhèanamh aon 
uair ? 

38 Dèanaibh faire agus ùrnuigh, 
chum nach tuit sibh am buair- 
eadh : a an spiorad gu deimhin 
togarrach, ach a ta an fheoil an- 
mhunn^. 

39 Agus air dha imeachd a rìs, 
rinn e ùrnuigh, ag ràdh nam 
briathra ceudna. 

40 Agus an uair a phill e, 
fhuair e iad a ris 'nan codal, 
(oir bha 'n sùilean trom,) agus 
cha robh fhios aca cionnus a 
bheireadh iad freagradh air. 

41 Agus thàinig e an treas 
uair, agus thubhairt e riu, Coid- 
libh roimhibh a nis, agus gabh- 
aibh fois : is leoir e, thàinig an 
uair ; feuch, a ta Mac an duine 
air a bhrath thairis do làmhaibh 
nam peacach. 

42 Eiribh, imicheamaid ; feuch, 
a ta an tì a bhrathas mise am 
fagus. 

43 Agus air ball, air dha bhi 
fathast a' labhairt, thàinig ludas, 
aon do 'n dà fhear dheug, agus 
sluagh mòr maille ris le claidh- 



fìnenmhain. 

91 



'■' nior ^ Imi, 

H 



MARC, XIV. 



ibh agus bataibh, o na h-àrd- 
shagartaibh, agus na sgrìobh- 
aichibh, agus na seanairibh. 

44 Agus bha an tì a bhrath 
e-san air toirt comhara dhoibh, 
ag ràdh, Ge b' e neach d' an toir 
mise pòg, is e sin e ; glacaibh 
e, agus thugaibh leibh e gu tèar- 
uinte. 

45 Agus air teachd dha, chaidh 
e air ball d' a ionnsuidh-sa, agus 
thubhairt e, Fàilte dhuit, a 
mhaighstir ; agus phòg se e. 

46 Agus chuir iadsan làmh ann, 
agus ghlac iad e, 

47 Agus air tarruing claidh- 
eimh do fhear do na bha làthair, 
bhuail e òglach an àrd-shagairt, 
agus gheàrr e a chluas deth. 

48 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, An d' thàinig 
sibh a mach gu mo ghlacadh-sa, 
mar gu b' ann an aghaidh fìr- 
reubainn le claidhibh agus le 
bataibh ? 

49 Bha mi gach là maille ribh 
san teampull, a' teagasg, agus 
cha do ghlac sibh mi : ach a ta 
so chum gu biodh na sgriobtuir- 
ean air an coimhlionadh. 

50 Agus air do na h-uile a 
thrèigsinn, theich iad. 

51 Agus lean òganach àraidh e, 
aig an robh lìon-eudach air a 
chur m' a chorp lomnochd ; agus 
rug na h-òganaich air. 

52 Achairdhasananlìon-eudach 
f hàgail, theich e lomnochd uatha. 

53 Agus thug iad leo losa chum 
an àrd-shagairt : agus cliruinn- 
icheadh maille ris na h-àrd-shag- 
airt uile, agus na seanairean, 
agus na sgrìobhaichean. 

54 Agus lean Peadar e fada 

98 



uatha, gus an deachaidh e steach 
do thalla an àrd-shagairt : agus 
bha e 'na shuidhe maille ris na 
seirbhisich, agus 'ga gharadh ris 
an teine. 

55 Agus dh' iarr na h-àrd-shag- 
airt, agus a' chomhairle uile 
fianuis an aghaidh losa, chum a 
chur gu bàs ; agus cha d' f huair 
iad. 

56 Oir rinn mòran dhaoine fian- 
uis bhrèige 'na aghaidh, ach cha 
do chòird am fianuis r' a chèile\ 

57 Agus dh'èirich dream àr- 
aidh, agus thug iad fianuis bhrèige 
'na aghaidh, ag ràdh, 

58 Chuala sinne e ag ràdh, 
Leagaidh mi sìos an teampull 
so, a rinneadh le làmhaibh, ag- 
us an trì làithibh, togaidh mi 
teampull eile, neo-dhèanta le 
làmhaibh. 

59 Agus mar sin fèin cha robh 
am fianuis a' teachd r' a chèile. 

60 Agus air èirigh suas do 'n 
àrd-shagart sa' mheadhon, chuir 
e ceisd air losa, ag ràdh, Nach 
toir thu freagradh air bith uait ? 
ciod sin mu bheil iad so a' toirt 
fianuis a' d' aghaidh ? 

61 Ach dh'fhan e-san 'na thosd, 
agus cha do flireagair e ni sam 
bith. A rìs dh'f heòraich an t-àrd- 
shagart deth, agus thubhairt e 
ris, An tu Crìosd, Mac an Tì 
bheannaichte ? 

62 Agus thubhairt losa, Is mi : 
agus chì sibh Mac an duine 'na 
shuidhe air deas làimh cumhachd 
Dhè, agus a' teachd le neulaibh 
nèimh. 

63 An sin reub an t-àrd-shagart 

' c/iffl rohh amfianuis ionnan, cha d /hogh- 
ninn am fianuis. 



MARC, 



XIV. XV. 



'eudach, agus tbubliairt e, Ciod 
am feum a ta againn tuilleadh 
air fìanuisibh ? 

64 Chuala sibh an toibheum : 
ciod i bhur barail-sa? Agus 
thug iad iiile breth 'na aghaidh 
gu 'n do thoill e am bàs. 

65 Agus thòisich cuid diubh 
air smugaid a thilgeadh air, agus 
aghaidh fholach, agus a bhual- 
adh le 'n dornaibh, agus a ràdli 
ris, Dèan fàidheadaireachd : agus 
ghabh na seirbhisich le 'm bas- 
aibh air. 

66 Agus air do Pheadar a bhi 
shìos anns an talla, thàinig aon 
do bhanoglaich an àrd-shagairt : 

67 Agus 'nuair a cliunnaic i 
Peadar 'ga gharadh, agus air dh'i 
beachdachadh air, thubhairt i lis, 
Bha thusa cuideachd maille ri 
losa Nasaret. 

68 Ach dh'àicheadh e-san, ag 
ràdh, Cha 'n aithne dhomh, agus 
cha 'n 'eil mi tuigsinn ciod a ta 
thu 'g ràdh. Agus chaidh e-san 
a mach do 'n f hòr-dliorus ' ; agus 
ghoir an coileach. 

69 Agus air do bhanoglaich 
fhaicinn a rìs, thòisich i air a 
ràdh riu-san a bha 'nan seas- 
amh a làthair, Is ann diubh a 
ta 'm fear so. 

70 Agus dh'àicheadh e ris. Ag- 
us an ceann beagan 'na dhèigh sin, 
thubhairt iadsan a bha 'nan seas- 
amh a làthair a rìs ri Peadar, 
Gu fìrinneach is ann diubh sud 
thu: oir is Gahlèach thu, agus 
is cosmhuil do chainnt riu. 

71 Ach thòisich e-san air mall- 
achadh agus air mionnachadh, 
ag ràdh, Cha 'n aithne dhomh an 

' tigh-dorus, sgàth-ihigh. 
99 



duine so mu 'm bheil sibh a' 
labhairt. 

72 Agus ghoir an coileach an 
dara uair. Agus chuimhnich 
Peadar am focal a thubhairt losa 
ris, Mu 'n goir an coileach dà 
uair, àicheadhaidh tu mi trì 
uairean. Agus an uair a smuain- 
ich e air, ghuil e. 

CAIB. XV. 

1 Thugadh losa ceangaiìte an làthair Philait. 
15 Air son gìaodhaich an t-sluaigh chaidh 
mortair, eadhon Barabas, a leigeil as, agus 
losa a thoirt thaiì-is gu bhi air acheusndh : 
17 Chuireadh coron sgithich air, chaidh 
smugaid a thilgeadh air, 20 agus funoid a 
dhèanamhair. 21 Dh'fhannuich e le giul- 
an a' chroinn-cheiisaidh ; 27 chroehadh e 
eadar dà ghaduiche, S;e. 

AGUS air ball sa' mhaduinn 
chum na h-àrd-shagairt 
maille ris na seanairibh, agus na 
sgriòbhaichibh, agus a' chomh- 
airle gu h-iomlan^ comhairle, 
agus air dhoibh losa a cheangal, 
thug iad leo e, agus thug iad 
thairis e do Philat. 

2 Agus dh'f hiosraich Pilat deth, 
An tusa rìgh nan ludhach? 
Agus air freagairt dha, thubhairt 
e ris, Thubhairt thu e. 

3 Agus chuir na h-àrd-shagairt 
mòran do nithibh as a leth : ach 
cha do fhreagair e-san aon ni. 

4 Agus chuir Pilat a rìs ceisd 
air, ag ràdh, Nach freagair thu 
ni sam bith ? feuch cia lìon nithe 
air am bheil iad sin a' toirt fian- 
uis a' d' aghaidh. 

5 Ach cha do fhreagair losa 
ni sam bith tuilleadh ; air chor 
as gu 'n do ghabh Pilat iong;mtas. 

6 A nis air an fhèill bu ghnàth 
leis aon phrìosanach, ge b' e air 
bith a dh'iarradh iad, a leigeadli 
as doibh. 

H 2 



MARC, XV. 



7 Agus blia neach àraidh d' am 
b' ainm Barabas, ceangailte mailìe 
r' a chompanaicli ceannairce, 
muinntir a bha air dèanamh 
mortaidh anns a' cheannairc. 

8 Agus air glaodhaich gu h- 
àrd do'n t-sluagh, thòisich iad air 
iarraidh air, a dhèanamh dhoibh 
mar a rinn e an còmhnuidh. 

9 Ach fhreagair Pilat iad, ag 
ràdh, An àill leibh gu 'n cuir 
mi rìgh nan ludhach fa sgaoil 
duibh ? 

10 (Oir bha fhios aige gu 'm 
b' ann troimh fharmad a thug 
na h-àrd-shagairt thairis e.) 

11 Ach bhrosnuich na h-àrd- 
shagairt an sluagh, chvim gu 'm 
b' fheàrr leis Barabas a chur fa 
sgaoil doibh. 

12 Agus fhreagair Pilat, agus 
thubhairt e riu a rìs, Ciod ma 
seadh is àill leibh mi a dhèanamh 
ris an duine sin, d' an goir sibh 
Rìgh nan ludhach ? 

13 Agus ghlaodh • iad a rìs, 
Cèus e. 

14 An sin thubhairt Pilat riu, 
C' ar son, ciod e 'n t-olc a rinn 
e ? Ach bu ro mhòid a ghlaodh 
iadsan, Cèus e. 

15 Agus air do Philat bhi toil- 
each gni omh taitneach a dhèan- 
amh do 'n t-shiagh, dh'fhuasg- 
ail e Barabas dhoibh, agus thug 
.e thairis losa, an dèigh dha a 
sgiùrsadh, chum a chèusadh. 

16 Agus thug na saighdearan leo 
e steach do 'n talla, eadhon cùirt 
an uachdarain^ : agus ghairm iad 
a' chuideachd uile an ceann a 
chèile. 

■ pretorium. 
corcuir. 

100 



17 Agus chuir iad uime eud- 
ach purpuir^, agus air dhoibh 
coron droighinn f higheadh, chuir 
iad air e. 

18 Agus thòisich iad air beann- 
achadh dha, ag ràdh, Fàilte 
dhuit, a Rìgh nan ludhach ! 

19 Agus bhuail iad sa' cheann 
e le slait chuilce, agus thilg iad 
smugaid air, agus, a' lùbadh an 
glùn, rinn iad aoradh dha^. 

20 Agus an dèigh dhoibh fanoid 
a dhèanamh air, thug iad deth 
an t-eudach purpuir, agus chuir 
iad 'eudach fèin uime, agus thug 
iad a mach e chum gu 'n cèus- 
adh iad e. 

i 21 Agus dh'èignich iad duine 

àraidh bha dol seachad, Simon 
i . . . 

j o Chirene, (athair Alecsandeir 

agus Rufuis, a blia teachd as a' 

mhachair), chum a chrann-cèus- 

aidh a ghiùlan, 

22 Agus thug iad e gu ionad 
d' ani ì) ainni Golgota, is e sin 
air eadar-theangachadli, àite 
cloiginn. 

23 Agus thug iad da r' a òl, fion 
air a mheasgadh le mirr : ach 
cha do ghabh e-san e. 

24 Agus un uair a chèus iad e, 
roinn iad a thrusgan, a' tilgeadh 
croinn air, ciod a' chuid a bhiodh 

I . . 

aig gach duine dheth, 

25 Agus bha 'n treas uair ann ; 
agus chèus iad e, 

I 26 Agus bha sgrìobhadh a 
: chùise-dìtidh air a sgriòbhadh 
I os a cheann, RIGFI NAN lUDII- 
ACH. 

27 Agus chèus iad maille ris 
dà ghaduiche^; fear air a làimh 

^ thug iad urram da. 

^ dà chreachadair, dà fhear-revhuinn. 



MARC, XV. 



dlieis, agus fear aìr a làirali chl\. 

28 An sin clioimlilionadh an 
sgriobtuir, a thubhairt, Agus bha 
e air àireamh am measg nan 
eiontach. 

29 Agus thug iadsan a bha dol 
seachad anacainnt da, a' crathadh 
an ceann, agus ag ràdh, O thusa 
a leagas an teampuU, agus a 
thogas e ann an trì làithibh, 

30 Fòir ort fèin, agus thig' a 
nuas o 'n chrann-chèusaidh, 

31 Agus mar an ceudna thubh- 
airt na h-àrd-shagairt agus na 
sgrìobliaichean r' a clièile, a' 
fanoid air, Shaor e daoine eile ; 
cha 'n 'eil e comasach air e fèin 
a shaoradh. 

32 Thigeadli a nis Crìosd Righ 
Israeil a nuas o 'n chraim-chèus- 
aidh, chum gu 'm faic agus gu 
'n creid sinn. Agus thug iadsan 
a chaidh chèusadh maille ris, 
anacainnt da. 

33 Agus an uair a thàinig an 
seathadh uair, bha dorchadas air 
an talamh uile, gu ruig an naoth- 
adh uair. 

34 Agus air an naothadh uair 
dh'èigh losa le guth àrd, ag 
ràdh, Eloi, Eloi, lama sabacht- 
ani? is e sin, air eadar-theang- 
achadh, Mo Dhia, mo Dhia, c' ar 
son a thrèig thu mi ? 

35 Agus air cluinntinn sin do 
chuid diubhsan a bha 'nan seas- 
amh a Lìthair, thubhairt iad, 
Feuch, a ta e a' gairm Eliais. 

36 Agus ruith fear diubh, agus 
air dha spòng a lìonadh do f hion 
geur agus a cur air slait chuilce, 
thug e deoch dha, ag ràdh, Leig- 
ibh leis; faiceamaid an tig Elias 

' tàr. ^ — ^ 



g' a thoirt a nuas. 

37 Agus air do losa èigheach 
le guth àrd, thug e suas an deò. 

38 Agus bha brat-roinn an 
teampuill air a reubadh 'na dhà 
chuid o mhullach gu ìochdar. 

39 Agus an uair a chunnaic an 
ceannard-ceud, a bha 'na sheas- 
amh fa chomhair, gu 'n d' thug 
e suas an deò, a' glaodhaich mar 
sin, thubhairt e, Gu firinneach 
b' e 'n duine so Mac Dhè. 

40 Agus bha mar an ceudna 
mnài am fad uatha ag amli- 
arc : nam measg sin bha Muire 
Magdalen, agus Muire màthair 
Sheumais bu lugha, agus loseis, 
agus Salome ; 

41 Muinntir a lean e mar an 
ceudna, an uair a bha e an Galile, 
agus a bha frithealadh dha; agus 
mòran eile do mhnaibh a chaidh 
suas maille ris gu lerusalem. 

42 Agus a nis air teachd do 'n 
f heasgar, (do bhrìgh gu 'm b' e là 
an ulìuchaidh e, eadhon an là 
roimh an t-sàbaid,) 

43 Thàinig loseph o Arimatea, 
comhairleach urramach, aig an 
robh mar an ceudna sùil ri rìogh- 
achd Dhè, agus chaidh e steach 
gu dàna dh'ionnsuidh Philait, 
agus dh'iarr e corp losa. 

44 Agus b' ioghnadh le Filat 
ma bha e cheana marbh : Agus 
air dha an ceannard-ceud a 
ghairm, dh'fhiosraich e dheth, 
An robh fad o fhuair e bàs. 

45 Agus air dha fios fhaotainn 
o 'n cheannard-ceud, thug e 'n 
corp do loseph. 

46 Agus cheannaich e-san lìon- 
eudach grinn, agus thug e nuas 
e, agus phaisg e san lìon-eud- 



MARC, 



XV. XVI. 



ach e, agus chuir se e ann an 
uaigh' a chladhaicheadh à carr- 
aig, agus charuich e clach gu 
dorus na h-uaighe. 

47 Agus dh'amhairc Muire Mag- 
dalen, agus Muire màthcdr loseis, 
air an àite san do chuireadh e. 

CAIB. XVI. 

Chuìr aingeal an cèill aiseìrigh Chriosd do 
ihrì mnaibh. 9 Dh'fhoillsicheadh Crìosd 
do Mhuire Maydalen : 12 Chunnacas e le 
dithis a bha dol do n dùthaich; 14 an dèigh 
sin leis na h-Abstoil : 15 chuir e mach iad 
a shearmonachadh an t-soisgeil ; 19 agus 
chaidh e fein suas gu nèamh. 

AGUS air dol do 'n t-sàbaid 
seachad, cheannaich Muire 
Magdalen, agus Muire màthair 
Sheumais, agus Salome, spìos- 
raidh deadh fhàile", chum air 
dhoibhteachd gu 'n ùngadhiad e. 

2 Agus thàinig iad gu ro mhoch 
air maduinn a' cheud là do 'n 
t-seachduin chum na h-uaighe, 
aig èirigh na grèine. 

.3 Agus thubhairt iad eatorra 
fèin, Cò a charuicheas dhuinn a' 
chlach o dhorus na h-uaighe ? 

4 (Agus air dhoibh amharc, 
cliunnaic iad gu 'n robh a' chlach 
air a h~atharrachadh air falbh,) 
oir bha i ro mhòr. 

5 Agus air dhoibh dol a stigh 
do 'n àit-adhlaic, chunnaic iad 
òganach 'na shuidhe air an làimh 
dheis, uime an robh trusgan fada 
geal ; agus bha eagal orra. 

6 Agus thubhairt e-san riu, Na 
biodh eagal oirbh : a ta sibh ag 
iarraidh losa o Nasaret, a chèus- 
adh : dh'èirich e, cha 'n 'eil e 'n 
so : faicibh an t-àit anns an do 
chuir iad e : 



7 Ach imichibh, innsibh d' a 
dheisciobluibh agus do Pheadar, 
gu bheil e dol roimhibh do 
Ghalile : chì sibh an sin e, mar 
thubhairt e ribh. 

8 Agus air dol a mach dhoibh, 
theich iad o 'n uaigh ; oir bha 
ball-chrith agus uamhunn orra : 
agus cha dubhairt iad ni sam 
bith ri neach air bith ; oir bha 
eagal orra. 

9 Agus air èirigh do losa sa' 
mhaduinn air a' cheud là do 'n 
t-seachduin, nochdadh e air tùs 
do Mhuire Magdalen, as an do 
thilg e seachad deamhain. 

10 Agus air imeachd dli'ise, 
dh'innis i sin dhoibh-san a bha 
maille ris, agus iad ri bròn agus 
gul. 

11 Agus iadsan, an uair a 
chual iad gu 'n robh e beò, agus 
gu 'm facadh leatha-san e, cha 
do chreid iad. 

12 'Na dhèigh sin, nochdadh 
e do dhithis diubh ann an cruth 
eile, ag imeachd dhoibh, agus 
iad a' dol do 'n dùthaich. 

13 Agus dh'imich iadsan agus 
dh'innis iad e do chàch : agus 
cha mhò a chreid iad iadsan. 

14 An dèigh sin nochdadh e 
do 'n aon fhear deug, agus iad 
'nan suidlie aig biadh, agus thilg 
e orra am mi-chreidimh, agus an 
cruas-cridhe, a chionn nach do 
chreid iad iadsan a chunnaic e 
an dèigh dha èirigh. 

15 Agus thubhairt e riu, Im- 
ichibh air feadh an t-saoghail 
uile, agus searmonaichibh' an 
soisgeul do gach dùil^. 

16 Ge b' e chreideas agus a 



' àit-adhlacaidh. ^ luibhean cubhraidh. 
102 



creutair. 



LUCAS, I. 



bhaistear, saorar e, ach ge b'e 
nach creid, dìtear e. 

17 Aots leanaidh na comh- 
aran so an dream a chreideas : 
Ann am ainm-sa tilgidli iad a 
mach deamhain; labhraidli iad 
le * teangaibh nuadha ; 

18 Togaidh iad nathraiche 
nimhe ; agus ma dh'òlas iad ni 
air bith marbhtach, cha chiùrr 
e iad; cuiridh iad an làmhan 

' ann an. 



air daoinibh tinne, agus bithidh 
iad gu maith. 

19 Mar sin an dèigh do 'n Tigli- 
earna labhairt riu, ghabhadh 
suas gu nèamh e, agus shuidh e 
air deas làimh Dhè. 

20 Agus air dhoibh-san dol a 
mach, shearmonaich iad anns 
gach àit, air bhi do 'n Tighearn 
a' co-oibreachadh leo, agus a' 
daingneachadh an f hocail leis na 
comharaibh a lean e. Amen. 



An soisgeul 

CAIB. I. 

1 Roììnli-ràdh Lucah d' a shoìsgeul gu h- 
iom/an. 5 Ghabhadh Eoin Baiste am 
broinn a mhàt/ia:; 26 agus Crlosd ani 
broinn Mliuire. 39 Fàid/ieaduireac/id E/i- 
sabet, agus Mhuire mu t/iimc/iio/l Chrìosd. 
57 Breit/i Eoin B/iaiste. 

DO bhrigh gu'n do ghabh 
mòran os làimh eachdraidh 
sgrìobhadh ann an òrdugh air na 
nithibh sin a ta air an coimhlion- 
adh^ 'nar measg-ne, 

2 A rèir mar a dh'aithris na 
daoine sin dhuinne iad, a chunn- 
aic iad o thùs le 'n sùilibh, agus 
a bha 'nan luchd-frithealadh an 
f hocail : 

3 Chunnacas dhomh-sa mar an 
ceudna, a Theophiluis ro òir- 
dheirc, air faotainn dearbh fhios 
nan uile nithe dhomh o 'n fhìor 
thoiseach, sgrìobhadh a d' ionn- 
suidh-sa an òrdugh, 

4 Chum gu 'm biodh fios agad 
air cinnteachd nan nithe anns an 
deachaidh do theagasg. 

5 T) H A ann an làithibh Heroid 
-LJ rìgh ludea, sagart àraidh 



A REIR LUCAIS. 

d' am b' ainm Sacharias, do sheaP 
Abia: agus hha a bhean do nigh-' 
eanaibh Aaroin, agus 6' ainm dh'i 
Elisabet. 

6 Agus bha iad le chèile ion- 
raic am fianuis Dè, ag imeachd 
ann an uile àitheantaibh agus 
òrduighibh an Tighearna, gu 
neo-lochdach. 

7 Agus cha robh duine cloinne 
aca, do bhrìgh gu 'n robh Elisa- 
bet neo-thorrach*, agus blia iad 
le chèile aosmhor. 

8 Agus thàrladh, am feadh a 
bha e-san a' frithealadh mar shag- 
art an làthair Dhè ann an òrdugh 
a sheala, 

9 A rèir gnàtha na sagartachd, 
b' e a chrannchur tùis a losgadh, 
air dha dol a steach do theampull 
an Tighearn. 

10 Agus bha coimhthional an 
t-sluaigh uile a'dèanamhùrnuigh 
a muigh, ri àm na tùise. 

11 Agus chunnacas leis-san 
aingeal anTighearna'na sheasamh 
air taobh deas altrach na tùise. 



^ /e hìn dearbJiadh air an creidsinn. 
103 



' cJìùrsa, roiìin. 



y iin stioc/u/. 



LUCAS, I. 



12 Agus an uair a chunnaic 
Sacharias e, bha e fo thrioblaid, 
agus thuit eagal air. 

13 Ach thubhairt an t-aingeal 
ris, Na gabh eagal, a Shachari- 
ais ; oir f huair t' ùrnuigh èisd- 
eachd, agus beiridh do bhean 
Elisabet mac dhuit, agus bheir 
thu Eoin mar ainm air. 

14 Agus bithidh aoibhneas agus 
subhachas ort ; agus ni mòran 
gàirdeachas r' a bhreith. 

15 Oir bithidh e mòr an làth- 
air an Tighearn, agus cha 'n òl e 
fion no deoch làidir ; agus bith- 
idh e air a lìonadh leis an Spior- 
ad naomh, eadhon o bhroinn a 
mhàthar. 

16 Agus pillidh e mòran do 
chloinn Israeil chum an Tigh- 
earn an Dè. 

17 Agus thèid e roimhe-san 
ann an spiorad agus ann an 
cumhachd Eliais, a thionndadh 
cridlie nan aithriche chum na 
cloinne, agus nan eas-ùmhal gu 
gliocas nam firean, a dh'ulluch- 
adh pobuill deas do 'n Tighearn. 

18 Agus thubhairt Sacharias 
ris an aingeal, Cionnus a bhios 
f hios so agam ? oir is seann 
duine mise, agus a ta mo bhean 
aosmhor, 

19 Agus fhreagair an t-aing- 
eal agus tliubhairt e ris, Is mise 
Gabriel a sheasas an làthair Dhè ; 
agus chuireadh mi a labhairt 
riut-sa, agus a dh'innseadh an 
naidheachd ^ mhaith so dhuit. 

20 Agus, feuch, bithidh tu balbh 
agus gun chomas labliairt, gus 
an là anns an tig na nithe so gu 
crìch. a chionn nach do chreid 

' nuaidheachd^ noimheachd. 
104 



thu mo bhriath bhitheas 
air an coimhlionadh 'nan àm 
fèin. 

21 Agus bha am pobull a' 
feitheamh ri Sacharias, agus 
b' iongantach leo a' mhoille a 
rinn e san teampull. 

22 Agus an uair a thàinig e 
mach, cha b'urrainn e labhairt 
riu : agus thuig iad gu 'm fac e 
sealladh^ nèamìiaidh san teampull: 
oir bha e smèideadh orra, agus 
dli'fhan e'na thosd. 

23 Agus thàrladh, an uair a 
choimhlionadh làithean a f hrith- 
ealaidh, gu'n deachaidh e d' a 
thigh fèin. 

24 Agus an dèigh nan làith- 
ean sin dh'fhàs a bhean Elisabet 
torrach, agus dh'fholaich si i 
fèin rè chuig miosan, ag ràdh, 

25 Is ann mar so a rinn an 
Tighearna dhomh anns na làith- 
ibh air an d' amhairc e orm, a 
thogail dìom mo mhaslaidh am 
measg dhaoine. 

26 Agus anns an t-seathadh 
mios, chuireadh an t-aingeal 
Gabriel o Dhia, gu caithir do 
Ghalile, d' am b' ainm Nasaret. 

27 Dh' ionnsuidh òigh a bha fo 
cheangal pòsaidh aig fear d' am 
b' ainm loseph, do thigh Dhaibh- 
idh ; agus 6' e ainm na h-òigh 
Muire. 

28 Agus air dol a steach do 'n 
aingeal d' a h-ionnsuidh, thubh- 
airt e, Fàilte dhuit, o thusa d'an 
do nochdadh mòr dheadh-ghean, 
a ta an Tighearna maille riut: 
is beannaichte thu am measg 
bhan. 

29 Agus an uair a chunnaic i 

^ taishean. 



LUCAS, I. 



bha i fo thrioblaid inntinn air 
son a chainnte, agus a' reuson- 
achadh ciod a' ghnè altacha- 
beatha dh'fheudadh bhi 'n so. 

30 Agus thubhairt an t-aing- 
eal lithe, Na biodh eagal ort, a 
Mhuire: oir fhuair thu deadh- 
ghean o Dhia. 

31 Agus, feuch, gabhaidh tu 
a' d' bhroinn, agus beiridli tu 
mac, agus bheir thu losa mar 
ainm air. 

32 Bithidh e mòr, agus goir- 
ear Mac an Tì a' s ro-airde dheth ; 
agus bheir an Tighearna Dia dha 
rìgh-chaithir 'athar fèin Dhaibh- 
idh. 

33 Agus bithidh e 'na Rìgh air 
tigh lacoib gu bràth, agus cha 
bhi crìoch air a rìoghachd. 

34 Agus thubhairt Muire ris 
an aingeal, Cionnus a bhitheas 
so, do bhrìgh nach 'eil aithne 
agam-sa air duine? 

35 Agus fhreagair an t-aing- 
eal agus thubhairt e rithe, Thig 
an Spiorad naomh ort, agus 
cuiridh cumhachd an Tì a 's 
àirde sgàil ort : uime sin an ni 
naomh sin a bheirear leat, goir- 
ear Mac Dè dlieth. 

36 Agus,feuch,do bhan-charaid 
Elisabet, a ta ise fèin torrach air 
mac 'na sean aois ; agus is e so 
an seathadh mìos dh'ise d' an 
goirteadh bean neo-thorrach ; 

37 Oir cha 'n 'eil ni sam bith 
do-dhèanta do Dhia. 

38 Agus thubliairt Muire, 
Feuch banoglach an Tighearna; 
biodh e dhomh-sa rèir t' fhocail. 
Agus dh'fhalbh an t-aingeal 
uaipe.' 

' uaithe. 

105 



39 Agus air èirigh do Mhuire 
sna làithibh sin, chaidh i le cabh- 
aig do dhiithaich nam beann, gu 
baile do luda. 

40 Agus chaidh i steach do 
thigh Shachariais, agus chuir i 
fàilte air Elisabet. 

41 Agus thàrladh, an uair a 
chual Elisabet beannachadh 
Mhuire, gu 'n do leum an naoidh- 
ean 'na broinn : agus lionadh 
Elisabet leis an Spiorad naomh. 

42 Agus ghlaodh i mach le 
guth àrd, agus thubhairt i, Is 
beannaichte thu am measg bhan, 
agus is beannaichte toradh do 
bhronn. 

43 Agus cionnus a dJièirich so 
dhomh-sa, gu 'n tigeadh màthair 
mo Thighearn a m' ionnsuidh ? 

44 Oir feuch, co luath as a 
thàinig fuaim do bheannachaidh 
a' m' chluasaibh, bhriosg an 
naoidhean le h-aoibhneas ann 
mo bhroinn. 

45 Agus is beannaichte ise a 
chreid: oir coimhlionar^ na nithe 
a labhradh rithe leis an Tighearn. 

46 Agus thubhairt Muire, A 
ta m' anam ag àrd-mholadh an 
Tighearn, 

47 Agus a ta mo spiorad a' 
dèanamh gàirdeachais ann an 
Dia mo Shlànuighear : 

48 Do bhrìgh gu 'n d' amhairc 
e air staid losail a bhanoglaich : 
oir feuch, o so suas goiridh gach 
linn beannaichte dhlom. 

49 Do bhrìgh gu'n d' rinn an 
Tì a ta cumhachdach nithe 
mòra dhomh ; agus is naomh 
'ainm. 

50 Agus a ta -d thròcair-san o 

" a chreid gu'n coimhlionar. 



LUCAS, I. 



linn gu linn, do 'n dream d' an 
eagal e. 

51 Nochd e neart le 'ghàird- 
ean, sgap e na h-uaibhrich ann 
an smuaintibh an cridhe fèin. 

52 Thug e nuas na daoine 
cumhachdach o 'n caithrichibh 
rìoghdil, agus dh'àrdaioh e iad- 
san a bha ìosal. 

53 Lìon e 'n dream a bha 
ocrach le nithibh maithe ; agus 
chuir e uaith na daoine saoibhir 
falamh, 

54 Rinn e còmhnadh' ri Israel 
ògiach fèin, ann an cuimhneach- 
adh a thròcair : 

55 Mar a labhair e r' ar n-aith- 
richibh, do Abraham agus d' a 
shliochd gu bràth. 

56 Agus dh'fhan Muire maille 
rithe mu thimchioll thrì miosan, 
agus phill i d' a tigh fèin. 

57 A nis thàinig làn inbhe 
Elisabet, gu 'm biodh i air a 
h-aisead ; agus rug i mac. 

58 Agus chual a coimhears- 
naich agus a càirdean mar a 
nochd an Tighearna mòr-thròc- 
air dh'i : agus rinn iad gàirdeach- 
as maille rithe. 

59 Agus thàrladh air an ochd- 
amh là gu 'n d' thàinig iad a 
thimchioll-ghearradh an naoidh- 
ein : agus ghairm iad Sacharias 
deth, a rèir ainme 'athar. 

60 Agus fhreagair a mhàth- 
air, agus thubhairt i, Ni h-eadh ; 
ach goirear Eoin deth. 

61 Agus thubhairt iad rithe, 
Cha 'n 'eil aon neach do d' 
chàirdibh d' an gairmear an t- 
ainm so. 

62 Agus smèid iad air 'ath- 

' congnamh. Eir. 

106 



air, ciod an t-ainm a b' àill leis 
thoirt air. 

63 Agus air iarraidh clàir- 
sgrìobhaidh dhasan, sgrìobh e, 
ag ràdh, Is e Eoin is ainm 
dha. Agus ghabh iad iongantas 
uile. 

64 Agus air ball dh'fhosgladh 
a bheul, agus dh'fhnasgladh a 
theangadh, agus labhair e, a' 
moladh Dhè. 

65 Agus thàinig eagal air an 
coimhearsnaich uile : agus dh'- 
aithriseadh na nithe sin gu lèir 
feadh dhùthaich àrd ludea uile. 

66 Agus iadsan uile a chuala 
na nithe sin, thaisg iad 'nan cridhe 
iad, ag ràdh, Ciod a' ghnè leinibh 
a bhitheas an so? Agus bha 
làmh an Tighearna maille ris. 

67 Agus bha Sacharias 'athair 
air a lìonadh leis an Spiorad 
naomh, agus rinn e fàidheadair- 
eachd, ag ràdh, 

68 Gu ma beannaichte an 
Tighearna Dia Israeil, air son 
gu 'n d' fhiosraicli e, agus gu 'n 
d' thug e saorsa d' a phobull, 

69 Agus gu 'n do thog e suas 
dhuinne adharc slàinte, ann an 
tigh Dhaibhidh 'òglaich fèin ; 

70 A rèir mar a labhair e le 
beul 'fhàidhean naomha fèin, a 
bha ann o thoiseach an t-saoghail ; 

71 A thoirt saorsa dhuinn o ar 
naimhdibh, agus o làimh na 
muinntir sin uile le 'm fuathach 
sinn : 

72 A choimhlionadh na tròcair 
a gheall e d' ar n-aithrichibh, 
agus a chuimhneachadh a choimh- 
chean^ail naoimh fèin : 

73 Na mionnan a mhionnaich 
e d' ar n-athair Abraham, 



LUCAS, II. 



74 Gu 'n tugadh e dhuinn, air 
dhuinn bhi air ar saoradh o 
làinih ar naimhde, gu 'n dèanam- 
aid seirbhis dha as eugmhais 
eagail. 

75 Ann an naomhachd agus 
ann am fireantachd 'na làthair 
fèin, uile làitliean ar beatha. 

76 Agus thusa, a leinibh, goir- 
ear dhìot Fàidli an Tì a 's àirde : 
oir thèid thu roimh aghaidh 
an Tighearna, a dh'ullucliadh a 
shlighe ; 

77 A thoirt eòlais na slàinte 
d' a phobull, ann am maitheanas 
am peacanna, 

78 Troimh thròcair ro mhòir 
ar Dè-ne, leis an d' fhiosraich 
an ùr-mhaduinn o 'n ionad a 's 
àirde sinn, 

79 A thoirt soluis dhoibh-san 
a ta 'nan suidhe ann an sgàil a' 
bhàis, a threòrachadh ar cos air 
slighe na sìthe. 

80 Agus dh'fhàs an leanabh, 
agus neartaicheadh an spiorad e, 
agus bha e san fhàsach gu là 
'fhoillseachaidh do Israel. 

CAIB. II. 

1 Mìieas Augustus Impireachd nan Romhan- 
ach uile. 6 Breith Chr'iosd: 8 chuir aingeal 
so an cèilldo na buachaillibh ; ]3 thiig mòì-an 
diuhh clià do Dhia air a shon. 21 Tha 
Criosd air a thimchioll-ghearradh. 25 Rinn 
Simeon agus Anna /àidheadaireachd mu 
thimchioU Chr'iosd, Sjc. 

AGUS thàrladh sna làithibh 
sin, gu 'n deachaidh òrd- 
ugh a mach ò Cheasar Augus- 
tus, an domhan uile a mheas'. 

2 (Agus rinneadh an ceud 
mheas so 'nuair a bha Cirenius 
'na uachdaran air Siria.) 

' an impireachd uile a sgrìobhadh an cìs-chlàr. 
107 



3 Agus chaidh iad uile chum 
a bhi air am meas, gach aon fa 
leth d' a bhaile fèin. 

4 Agus chaidh loseph mar an 
ceudna suas o Ghalile, à baile 
Nasaret, do ludea, gu baile 
Dhaibhidli, d' an gairmear Bet- 
lehem, (do bhrìgh gu 'n robh e do 
thigh agus do shliochd Dhaibh- 
idh,) 

5 Chum gu biodh e air a mheas 
maille ri Muire a bha fo cheang- 
al pòsaidli dha, agus i mòr-thorr- 
ach. 

6 Agus thàrladh, am feadli a 
bha iad an sin, gu'n do choimh- 
lionadh làithean a h-inbhe, chum 
i bhi air a h-aisead. 

7 Agus rug i a ceud-ghin mic, 
agus phaisg i e am brat-speilidh, 
agus chuir i ' na kiidhe am pras- 
aich e ; do bhrigh nach robh àit 
aca san tigli-òsda. 

8 Agus bha anns an dùthaich 
sin buachaillean a' fantuinn a 
muigh, agus a' dèanamh faire- 
oidhche air an treud. 

9 Agus, feuch, thàinig aingeal 
an Tighearn orra, agus dheal- 
raich glòìr an Tighearna mu 'n 
timchioll ; agus ghabh iad eagal 
mòr. 

10 Agus thubhairt an t-aingeal 
riu, Na biodh eagal oirbh : oir 
feuch, a ta mi ag innseadh dhuibh 
deadh sgèil mhòr-aoibhneis, a 
bhitheas do 'n uile shhiagh : 

11 Oir rugadh dhuibh an diugh 
Slànuighear, ann am baile Dhai- 
bhidh", neach a 's e Crìosd an 
Tighearna. 

12 Agus bithidh so 'na chomh- 
ara dhuibh ; Gheibh sibh an 

■'an caithir Dhaibhidh. 



LUCAS, IT. 



naoidhean paisgte ann am brat- 
speilidh, na luidhe am prasaich. 

13 Agus air ball bha maille ris 
an aingeal cuideaclid mhòr do 
armailtibh nèimli, a' moladh Dhè, 
agus ag ràdh, 

14 Glòir do Dhia anns na h- 
àrdaibh, agus air talamh sìth, 
deadh-ghean do dhaoinibh. 

15 Agus thàrladh, 'nuair a 
dh'fhalbh na h-aingil uatha do 
nèamh, gu 'n dubliairt na buach- 
aillean r' a chèile, Rachamaid a 
nis eadhon do Blietlehem, agus 
faiceamaid an ni so a rinneadh, 
a dh' f lioillsich an Tighearna 
dhuinne. 

16 Agus thàinig iad gu grad, 
agus fhuair iad Muire agus lo- 
seph, agus an leanabh 'na luidhe 
sa' phrasaich. 

17 Agus an uair a chunnaic 
iad sin, dh'aithris iad an ni a 
dh'innseadh dhoibh mu thim- 
chioll an leinibh so. 

18 Agus ghabh gach neach a 
chuala so, iongantas ris na nith- 
ibh sin a dh'innseadli dhoibh 
leis na buachaillibh. 

19 Ach ghlèidh Muire na nithe 
sin uile, a' beachd-smuaineach- 
adh orra' 'na cridhe. 

20 Agus phill na buachaillean, 
a' tabliairt glòire agus molaidh 
do Dliia air son nan nithe sin 
uile a chual agus a chunnaic iad, 
a rèir mar a labhradh riu. 

21 Agus an uair a choimh- 
lionadh ochd làithean chum.an 
leanabh a thimchioll-ghearradh, 
tlmgadh lOSA mar ainm air, 

' 'gan tomhas. Gr. 'an. 
108 



eadhon an t-ainm a ghairm an t- 
aingeal deth mu 'n do ghabhadh 
sa' bhroinn e. 

22 Agus an uair a choimh- 
lionadh làithean a'^ glanaidh, a 
rèir lagha Mhaois, thug iad e-san 
gu lerusalem, chum a thaisb- 
eanadh do 'n Tighearna ; 

23 (Mar a ta e sgrìobhta ann an 
lagh an Tighearna, Gach ceud- 
ghin mic a dh'fhosglas a' bhrù, 
gairmear naomh do 'n Tighearn 

e;) 

24 Agus a thoirt lobairt a rèir 
mar a theirear ann an lagh an 
Tighearna, dà^ thurtur, no dà 
choluman òg. 

25 Agus, feuch, bha duine ann 
an lerusalem d'am b'ainm Si- 
meon ; agus bha 'n duine so ion- 
raic agus diadhaidh, agusbhadùil 
aige ri sòlas Israeil : agus bha'n 
Spiorad naomh air. 

26 Agus dh'fhoillsicheadh dha 
leis an Spiorad naomh, nach 
faiceadh e bàs, gus am faiceadh 
e Crìosd an Tighearn. 

27 Agus thàinig e le treòrach- 
adh an Spioraid do' n teampull : 
Agus an uair a thug na pàrant- 
an an leanabh losa a stigh, chum 
gu'n dèanadh iad air a shon a 

I rèir gnàthachaidh an lagha, 

28 An sin ghlac e-san 'na uchd* 
e agus bheannaich e Dia, agus 

; thubhairt e. 

j 29 A nis, a Thighearn, a ta 
j thvi leigeadh do d' sheirbhiseach 

siubhal an sìth, a rèir t'fhocail ; 
i 30 Oir chunnaic mo shùilean 

do shlàinte ; 

^ Cdraid, Paidhir. ^air a yhàirdeinihh. 



LUCAS, 11. 



31 A dh'ulluich tliu roimh 
ghnùis nan uile shluagh : 

32 Solus a shoillseachadh nan 
Cinneach, agus glòìr do phob- 
uill Israeil. 

33 Agus ghabh loseph agus a 
mhàthair iongantas mu na nith- 
ibh a labhradh uime. 

34 Agus bheannaich Simeon 
iad, agus thubhairt e ri Muire a 
mhàthair, Feuch, chuireadh an 
leanahli so chum tuiteam agus 
aiseirigh mhòran ann an Israel, 
agus 'na chomhar' an aghaidh an 
labhrar ; 

35 (Agus thèid claidheamh 
troimh d' anam-sa fèin,) chum 
gu'mfoillsichear smuainte cridh- 
eacha mhòran. 

36 Agus bha Anna ban-f hàidh, 
nighean Phanueìl, do thrèibh 
Aseir ; hha i ro aosmhor, agus 
chaith i seachd bliadhna maille 
ri fear o àm dh'i bhi 'na h-òigh : 

37 Agus bu bhantrac]i i mu 
thimchioll ceithir bliadhna agus 
ceithir fichead a dh'aois, nach 
deachaidh o 'n teampull, a' dèan- 
amh seirbliis do Dhia a là agus a 
dli'oidhche le trasgadh agus le 
h-ùrnuigh. 

38 Agus air teachd dh'ise a 
stigh san uair sin fèin, thug i 
moladli do 'n Tighearn, agus 
labhair i m' a thimchioll riusan 
uile aig an robh sùil ri saorsa 
ann an lerusalem. 

39 Agus an uair a choimhlion 
iad na h-uile nithe a rèir lagha 
an Tighearna, pliill iad do Gha- 
lile, d' am baile fèin Nasaret. 

40 Agus dh'fhàs an leanabh, 
agus neartaicheadh an spiorad e, 
air a lìonadh le gliocas; agus 

109 



bha gràsa Dhè air. 

41 Agus chaidh a phàranta 
gach bliadhna gu lerusalem, aig 
fèill na càisge, 

42 Agus 'nuair a bha e dà 
bhliadhna dlieug a dh'aois, chaidh 
iacl suas gu lerusalem, a rèir 
gnàtha na fèille. 

43 Agus air coimhlionadh nan 
làithean sin doibh, 'nuair a phiU 
iadsan, dh'fhan an leanabh losa 
'nan dèigh ann an lerusalem ; 
agus cha robh fios aìg loseph no 
aig a mhàtliair air sin. 

44 Ach air dlioibh a shaoilsinn 
gu' n robli e sa chuideachd, dh'im- 
ich iad astar là ; agus dh'iarr 
iad e measg an càirdean, agus an 
luchd-eòlais. 

45 Agus an uair nach d'f huair 
iad e, phill iad gu lerusalem, 
'ga iarraidh. 

46 Agus thàrladh an dèigh thr\ 
làithean, gun d'fhuair iad e san 
teampull, 'na shuidhe am meadh- 
on an luchd-teagaisg, araon 'gan 
èisdeachd, agus a' cur cheisd 
orra. 

47 Agus ghabh a' mh'rnntir 
a chual e uile iongantas r' a 
thuigse agus r' a f hreagraibh. 

48 Agus an uair a chunnaic iad 
e, ghlac uamhas iad : agus thubh- 
airt a mhàthair ris, A mhic, c' ar 
son a rinn thu mar so oirnn? 
feuch, bha t' athair agus mise gu 
brònach ga d' iarraidh. 

49 Agus thubhairt e-san riu, 
C'ar son a bha sibh ga m' iarr- 
aidh? nach robh fhios agaibh 
gu'm bu chòir dhomh-sa bhi ann 
an tigh m'Athar^ ? 

50 Agus cha do thuig iadsan 
an ni a labhair e riu. 

' nm ghnothuicMbh dì Athar. 



LUCAS, IIL 



51 Agus chaidh e sios maille 
riu, agus thàinig e gu Nasaret, 
agus bha e ùmhal doibh: ach 
ghlèidh a mhàthair na nithe sin 
uile 'na cridhe. 

52 Agus thàinig losa air agh- 
aidh ann an gliocas agus am 
meudachd, agus ann an deadh- 
ghean aig Dia, agus aig daoinibh. 

CAIB. III. 

1 Searmonachadh Eoin Bhaiste. lÒ'Fhianuis 
mu thimchioll Chrìosd. 20 Chuir Herod 
Eoin am priosan. 21 Bhaisteadh Crwsd, 
agus fhuair efianuis o nèamh. 23 Aois agus 
sinnsireachd Chrìosd. 

ANIS anns a' chùigeadh 
bliadhna deug do impir- 
eachd Thiberiuis Cheasair, air 
bhi do Phontius Pilat 'na uachd- 
aran air ludea, agus Herod 'na 
Thetrarc air Galile, agus Fhilip 
a bhràthair 'na Thetrarc air 
Iturea agus dùthaich Thracho- 
nitis, agus Lisanias 'na Thet- 
rarc air Abilene. 

2 An uair a bha Annas agus 
Gaiaphas 'nan àrd-shagartaibh, 
thàinig focal Dè chum Eoin, 
mhic Shachariais, anns an fhàs- 
ach. 

3 Agus thàinig e do 'n dùthaich 
uile timchioll Iordain,a'searmon- 
achadh baistidh an aithreachais, 
chum maitheanais pheacanna ; 

4 Mar a ta e sgriobhta ann an 
leabhar bhriathra an fhàidli E- 
saiais, ag ràdh, Guth an tì a 
dh' èigheas anns an f hàsach, Ull- 
uichibh slighe an Tighearna, 
dèanaibh a cheumanna dìreach. 

5 Bithidh gach gleann air a 
lìonadh, agus gach beinn agus 
cnoc air an ìsleachadh ; agus 
bithidh na nithe cama air an 

110 



dèanamh direach, agus na sligh- 
ean garbha air an dèanamh 
rèidh ; 

6 Agus chì gach uile fheoil 
slàinte Dhè. 

7 Uime sin thubhairt e ris an 
t-sluagh a thàinig a mach chum 
bhi air am baisteadh leis, A shìl 
nan nathraiche nimhe, cò thug 
rabhadh dhuibh-sa teicheadh o'n 
fheirg a ta ri teachd ? 

8 Air an aobhar sin thugaibh 
a mach toradh iomchuidh an 
aithreachais, agus na tòisichibh 
air a ràdh annaibh fèin, A ta 
Abraham 'na Athair againn : oir 
a ta mi ag ràdh ribh, gur comas- 
ach Dia do na clachaibh so air 
clann a thogail suas do Abra- 
ham. 

9 Agus a nis fèin a ta 'n tuagh 
air a' cur ri bun nan craobh : air 
an aobhar sin gach craobh nach 
toir a mach toradh maith, 
gearrar sìos i, agus tilgear san 
teine i. 

10 Agus dh'f hiosraich an sluagh 
dheth, ag ràdh, Ciod uime sin a 
m sinne ? 

11 Agus fhreagair e-san agus 
thubhairt e riu, An tì aig am 
bheil dà chòta, roinneadh e ris 
an tì aig nach 'eil ; agus an tì aig 
am bheil biadh, dèanadh e mar 
an ceudna. 

12 Agus thàinig mar an ceud- 
na cìs-mhaoir gu bhi air am 
baisteadh, agus thubhairt iad ris, 
A mhaighstir, ciod a nì sinne ? 

13 Agus thubhairt e-san riu, Na 
dèanaibh^ ni air bith os ceann na 
dh'òrduicheadh dhuibh. 

14 Agus dh'fhiosraich na saighd- 

' togaihh. 



LUCAS, III. 



earan mar an ceudna dlieth, ag 

ràdh, Agus ciod a nì sinne ? Agus 
I thubliairt e riu, Na dèanaibh 
' foirneart air neach sam bith, no 

casaid-bhrèige, agusbithibh toil- 

ichte le 'ur tuarasdal. 

15 Agus air bhi do'n phobull 
a' feitheamh, agus na h-uile 
dliaoine a' reusonachadh 'nan 
cridheachaibh fèin mu thimchioll 
Eoin, am b' e Crìosd a bh' ann ; 

16 Fhreagair Eoin, ag ràdh riu 
uile, Tha mise ga dearbh 'gur 
baisteadh le h-uisge ; ach a ta 
neach a' teachd a's cumhachdaiche 
na mise, agus cha'n airidh mise 
air barr-iall a bhròg fhusgladh: 
baistidh e-san sibh leis an Spior- 
ad naomh, agus le teine. 

17 Aig am blieil a ghuit' 'na 
làimh, agus ro-ghlanaidh e ' ùrlar, 
agus cruinnichidli e an cruith- 
neachd d' a thigh-tasgaidh ; ach 
loisgidh e am moll le teine nach 
fheudar a mhùchadh. 

18 Agus ag earalachadh mòran 
do nithibh eile, shearmonaich e 
do'n t-sluagh. 

19 Ach air do Herod an Tet- 
rarc bhi air a chronachadh leis 
air son Herodiais bean a bhràth- 
ar (Philip,) agus air son gach olc 
a rinn Herod, 

20 Chuir e so ris gach olc eile, 
gu 'n do dhruid e Eoin am 
prìosan. 

21 Agus thàrladh, 'nuair a bha 
'n sluagh uile air am baisteadìi, 
air do losa mar an ceudna bhi 
air a bhaisteadh, agus e ri ùr- 
nuigh, gu'n d'fhosgladh nèamh. 

22 Agus gu'n d' thainig an 
Spiorad naomh a nuas air q.u 



coslas corporra, mar choluman, 
agus gu 'n d' thàinig guth o nèamh, 
ag ràdli, Is tusa mo Mhac 
gràdhach, anns am bheil mo 
mhòr-thhichd-. 

23 Agus thòisich losa fèin air a 
bhi mu thimchioll deich bliadh- 
na fìchead a dh'aois, air dha bhi, 
(a rèir barail dhaoine,) 'na mhac 
do loseph, mac Heli, 

24 MMc Mhatait, mhic Lebhi, 
mhic Mhelchi, mhic lanna, mhic 
loseiph, 

25 Mhic Mhatatiais, mhic Amois, 
mhic Nauim, inhic Esli, ì)ihic 
Nage, 

26 Mhic Mhaait, i7ihic Mha- 
tatiais, mhic Shemei, mhic loseiph, 
mhic ludah, 

27 Mhic loanna, i7ihic Rhesa, 
mhic Shorobabeil, mhic Shalatieil, 
mhic Neri, 

28 Mhic Mhelchi, iiiMc Adi, 
mkic Chosaim, mhic Elmodaim, 
mhic Eir, 

29 Mhic lose, mhic Elieseir, 
mhic loreim, mhic Mhatait, mhic 
Lebhi, 

30 Alhic Shimeoin, mhic ludah, 
mhic loseiph, mhic lonain, mhic 
Eliacim, 

31 Mhic Mhelea, mhic Mhain- 
ain, mhic Mhatata, mhic Natain, 
mhic Dhaibhidli, 

32 Mhic lese, mhic Obeid, nihic 
Bhoois, mhic Shalmoin, mhic 
Naasoin, 

33 Mhic Aminadaib, m/w"c Araim, 
mhic Esroim, mhic Phareis, mhic 
ludah, 

34 Mhic lacoib, mhic Isaaic, 
mhic Abrahaim, mhic Thara, mhic 

I Nachoir, 



' inneal-fasgnaìdh. 
111 



'annadsa tlia mildn-toili-hte. 



LUCAS, IV. 



35 Mhic Sliaruich, mhic Ragaii, 
mhic Phaleic, mhic Ebeir, mJiic 
Shala, 

36 Mhic Chainain, mhic Ar- 
phacsaid, mhic Shem, mhic Noe, 
mhic Lameich, 

37 Mhic Mhatusala, mhic E- 
noich, mhic lareid, mhic Mhale- 
leeil, mhic Chainain, 

38 Mhic Enois, mhic Shet, mhic 
Adhaimh, mhic Dhè. 

CAIB. IV. 

1 Buaìreadhagus trasgadh Chrìosd : 13 Thitg 
" e buaidh air an diuhhul ; 14 thòisich e ri 
searmonachadh : \QGhabh pohull Nasaret 
iongantasr a fhoclaihh grdsmhor . 33 Leigh- 
is e an duine san rohh deàmhan, 88 agus 
màthair-chèile Pheadair, S^c. 

AGUS air do losa bhi làn do'n 
Spiorad naomh, jjhill e air 
ais o lordan, agus threòraich- 
eadh e leis an Spiorad do'n 
fhàsach, 

2 Agus bha e air a bhuaireadh 
rè dhà fhichead là leis an diabh- 
ul ; agus cha d' ith e ni sam bith 
anns na làithibh sin : agus air 
dhoibh bhi air an crìochnachadh, 
an sin dh'fhàs e ocrach. 

3 Agus thubhairt an diabhul 
risj Ma 's tu Mac Dhè, abair ris 
a' chloich so bhi 'na h-aran. 

4 Agus fhreagair losae, ag radh, 
A ta e sgrìobhta, nach ann le h- 
aran a mhàin a thig duine beò, 
ach le gach uile fhocal Dè. 

5 Agus air do 'n diabhul a thoirt 
gu beinn àrd, nochd e dha uile 
rìoghachdan an domhain ann am 
mionaid aimsir. 

G Agus thubhairt an diabhul 
ris, Bheir mise an cu'mhachd 
so uile dhuit, agus an glòir ; 
oir thugadh dhomh-sa sin ; agus | 

112 



1 bheir mi e do neach air bith a \ 
1 's toil leam. 1 

7 Uime sin ma ni thu aoradh ; 
dhomh-sa, is leat iad uile. \ 

8 Agus fhreagair losa agus i 
thubhairt e ris, Tàr air mo chùl- i 
aobh, a Shàtain : oir a ta e sgrìobh- 
ta, Nì thu aoradh do 'n Tighearn 
do Dhia, agus dhasan 'na aonar 

nì thu seirbhis. \ 

9 Agus thug se e gu lerusalem, 
agus chuir e air binnein an leam- 
puill e, agus thubhairt e ris, Ma 's 
tu Mac Dhè, tilg thu fèin sios à 
so. 

10 Oir a ta e sgriobhta, Bheir 
e àithne d' a ainglibh mu d' thim- 
chioll, thusa a choimhead. 

11 Agus togaidh iad suas thu 
'nan làmliaibh, air eagal gu 'm 
buail thu uair air bith do chos 
air cloich. 

12 Agus air freagairt do losa 
thubhairt e ris, A dubhradh, Na 
buair^ thusa an Tighearna do ] 
Dhia. j 

13 Agus an uair a chrìochnaich ( 
an diabhul am buaireadh uile, 
dh'imich e uaith rè tamuill. [ 

14 Agus phill losa ann an cumh- i 
achd an Spioraid chum Gha- fi 
lile; agus chaidh 'iomradh-san tl 
air feadh na dùthcha mu 'n cuairt I( 
gu h-iomlan. ; 

15 Agus theagaisg e 'nan siona- ai 
gogaibh, a' faotainn glòire o na 
h-uile dhaoinibh. (l) 

16 Agus thàinig e gu Nasaret, j nii 
far an d' àraicheadh e : agus /cf, 
chaidh e steach, mar bu ghnàth j cei 
leis, air là na sàbaid do 'n t- fei 
sionagog, agus dh'èirich e 'na % 

'Nadearbh. ' " 



LUCA 



S, IV. 



sheasamh chum leughaidh. 

17 Agus thugadh dha leabhar 
an f hàidh Esaiais ; agus air fosg- 
ladh an leabhair dha, fhuair e 
an t-àit anns an robh e sgrìobh- 
ta, 

18 Tha Spiorad an Tighearn 
orm, do bhrigh gu'n d'ùng e mi 
a shearmonachadh an t-soisgeil 
do na bochdaibh ; chuir e mi a 
shlànuchadh na muinntir aig am 
bheil an cridhe briste, a ghairm^ 
fuasglaidh do na braighdibh, 
agus aiseag an radhairc do na 
doilP, a thoirt saorsa do 'n 
mhuinntir a ta brùite, 

19 A shearmonachadh bliadh- 
na thaitnich an Tighearn. 

20 Agus air dùnadh an leabh- 
air dha, thug e do'n fhear-frith- 
ealaidh e, agus shuidh e : agus 
bha sùilean na bha san t-sion- 
agog uile a' geur-amharc air-san. 

21 Agus thòisich e air a ràdh 
riu, An diugh a ta an sgriobtur 
so air a choimhlionadh ann bhur 
cluasaibh-sa. 

22 Agus thug iad uile fianuis 
da, agus ghabh iad iongantas 
ris na briathraibh gràsmhor a 
thàinig a mach as a bheul. Agus 
thubhairt iad, Nach e so mac 
loseiph ? 

23 Agus thubhairt e riu, Gun 
amharus thubhairt sibh rium an 
gnàth-fhocal so, A lèigh, leighis 
thu fèin : ge b'e air bith iad na 
nithe a chuala sinn a rinneadh 
leat an Capernaum, dèan mar an 
ceudna iad an so a' d' dhùthaich 
fèin. 

24 Agus thubhairt e, Gu deimhin 
a ta mi ag ràdh ribh, nach 'eil 

' a shcarinonachidli. dallai' f'r 
llo 



fàidh air bith taitneach na dhùth- 
aich fèin. 

25 Ach gu firinneach a ta mise 
ag ràdh ribh, gu'n robh mòran 
bhantrach ann an Israel an làith- 
ibh Eliais, an uair a dhruideadh 
nèamh rè thrì bliadhna agus shè 
mìosan, agus a bha gorta mhòr 
air feadh na tìre uile : 

26 Ach cha do chuireadh Elias 
dh'ionnsuidh aoin diubh, ach gu 
Sarepta Shidoin, chum mnà a 
bha 'na bantraich. 

27 Agus bha mòran lobhar ann 
an Israel ri linn Eliseuis an 
fhàidh ; agus cha do ghìanadh 
a h-aon aca, ach Naaman an 
Sirianach. 

28 Agus lìonadh iadsan uile a 
bha san t-sionagog le feirg, an 
uair a chual iad na nithe sin ; 

29 Agus dh'èirich iad suas, 
agus thilg iad a mach as a' 
bhaile e, agus thug iad leo e 
gu maluidh a' chnoic^, air an 
robh am baile togta, chum a 
thilgeadh sìos an coinneamJi a 
chinn. 

30 Ach air gabhail dhasan 
troimh am meadhon, dh'fhalbh e, 

31 Agus chaidh e sios gu Ca- 
pernaum, baile do Ghalile, agus 
bha e 'gan teagasg air làithibh 
na sàbaid : 

32 Agus ghabh iad iongantas 
r' a theagasg ; do blirigh gu 'n 
robh 'fhocal le cmnhachd. 

33 Agus bha anns an t-sion- 
agog duine anns an robh spior- 
ad deamhain neòghloin, agus 
ghlaodh e le guth mòr, 

34 Ag ràdh, Leig leinn ; ciod 
e ar gnothuch-ne riut, losa o 

' bcul-bhruarh a' chnoic. 



LUCAS, IV. V. 



Nasaret? an d'thàinig tliu g'ar 
sgrios? a ta fhios agam cò thu, 
Aon naomh Dhè. 

35 Agus chronuich losa e, ag 
ràdh, Bì a' d' thosd, agus thig a 
mach as. Agus air do 'n deamh- 
an e-san a thilgeadh sios 'nam 
meadhon, thàinig e mach as, gun 
chiurradh sam bith a dhèanamh 
air. 

36 Agus thàinig uamhas orra 
uile, agus labhair iad r' a chèile, 
ag ràdh, Ciod a' ghnè cainnte 
80 ? oir le h-ùghdarras agus 
cumhachd a ta e toirt òrduigh 
do na spioradaibh neòghlan, agus 
tha iad a' teachd a mach. 

37 Agus chaidh iomradh air-san 
a mach feadh gach àite do'n 
dùthaich mu'n cuairt. 

38 Agus dh'èirich e as an t- 
sionagog, agus chaidh e steach do 
thigh Shimoin : agus bha fiabh- 
Tus mòr air màthair-chèile Shi- 
moin ; agus ghuidh iad air as a 
leth. 

39 Agus air dha seasamh os a 
ceann,^ chronuich e am fiabhrus, 
agus dh'fiiàg e i. Agus dli'èirich 
ise air ball, agus rinn i fritheal- 
adh dlioibh. 

40 Agus ag dol fuidhe na 
grèine, iadsan uile aig an robli 
daoine euslan le iomadh gnè 
tinnis, thug iad d' a ionnsuidh 
iad : agus chuir e-san a làmlian air 
gach aon diubh, agus leighis e iad. 

41 Agus chaidh mar an ceudna 
deamhain a mach a mòran, a' 
glaodhaich agus ag ràdh, Is tu 
Criosd Mac Dhè. Agus chron- 
uicli e iad, agus cha d'fhulaing 
e dhoibli hibliairt : oir blia fhios 

' làimh rithe 

1 11 



aca gu 'm b' e-san Crìosd. 

42 Agus air teachd do'n la, 
chaidh e mach, agus dli'imich e 
gu àite fàsail : agus bha'n sluagh 
'ga iarraidh, agus thàinig iad 
d' a ionnsuidli, agus b' àill leo a 
chumail, chum nach rachadh e 
uatha. 

43 Ach tliubhairt e-san riu, Is 
èigin dhomli-sa rìogliachd Dhè 
a shearmonachadli do bhailtibh 
eile mar an ceudna ; oir is ann 
chum so a chuireadh mi. 

44 Agus sliearmonaich e ann 
an sionagogaibh Ghalile. 

CAIB. V. 

1 Theagaisg Cr'tosd an shiagh à luing Phead- 
air ; 4 le tarruing mh'iorbhuileach eisg nochd 
e cionnus a hha e gu Peadar agus a chom- 
panaich a dhèanamh 'nan iasgairihh air 
daoinihh : 12 ghlan e neach a bha 'na 
lohhar, 10 rinn e ìirnuigh anns an fhàs- 
ach, 18 shlànuich e neach a bha tinn leis a' 
phairilis, c\e. 

AGUS thàrladh, 'nuair a bha 
am pobull a' dkith-theann- 
adli air, chum focal Dè èisd- 
eaclid, gu'n do sheas e làimh ri 
loch Ghenesaret, 

2 Agus cliunnaic e dà luing^ 
'nan seasamh ri taobh an locha : 
acli bha an h-iasgairean air dol 
a mach asda, agus a' nigheadh 
an lionta. 

3 Agus cliaidh e steach do aon 
do na longaibh bu le Simon, agus 
dh'iarr e air dol a mach beagan 
o thir : agus air suidlie dha, 
theagaisg e an shiagh as an luing. 

4 A nis an uair a sguir e do 
labliairt, thubhairt e ri Simon, 
Cuir a mach chum na doimhne, 
agus leigibh sios bhur lìonta 
chum tarruing. 

2 bharc. 



LUCAS, V. 



5 Agus fhreagair Simon, agus 
tliubhairt e ris, A mhaighstir, 
shaothraich sinn feadh na h- 
oidhche uile, agus cha do ghlac 
sinn ni sam bith : ach air t'fhoc- 
al-sa leigidh mi sios an lìon, 

6 Agus an uair a rinn iad so, 
chuairtich iad tachdar' mòr 
èisg ; ionnus gu' n do bhriseadh 
an lìon. 

7 Agus smèid iad air an comp- 
anaich, a bha san luing eile, 
teachd agus còmhnadh a dhèan- 
amh leo. Agus thàinig iad, agus 
lìon iad an dà luing, ionnus gu 'n 
robh iad an inbhe dol fuidhe. 

8 'Nuair a chunnaic Simon 
Peadar so, thuit e sìos aig glùin- 
ibh losa, ag ràdh, Imicli uam- 

Thighearn, oir is duine 
peacach mi. 

9 Oir ghlac uamhas e fèin agus 
iadsan uile bha raaille ris, air 
son an tarruing èisg a ghlac iad : 

JO Agus mar an ceudna Seum- 
as agus Eoin, mic Shebede, a 
bha 'nan companaich aig Simon. 
Agus thubhairt losa ri Simon, 
Na biodh eagal ort ; à so suas 
glacaidh tu daoine. 

11 Agus an uair a thug iad an 
longa gu tìr, dh'fhàg iad na 
h-uile nithe, agus lean iad e-san. 

12 Agus an uair a bha e-san 
ann am baile àraidh, feuch duine 
làn do hiibhre : agus air dha 
losa fhaicinn, thuit e sìos air 
'aghaidh, agus ghuidh e air, ag 
ràdh, A Thighearn, ma's toil 
leat, tha thu comasach air mise 
a ghlanadh. 

13 Agus shìn e a làmh, agus 
bhean e ris, ag ràdh, Is toil 

' ùireamh. 

115 



leam ; bì glan. Agus air ball 
dh'fhàg an luibhre e. 

14 Agus dh'àithn e dha, gun 
innseadh do neach air bith • 
Ach imich, agus nochd thu fèin 
do 'n t-sagart, agus thoir seachad 
air son do ghlanaidh, mar a 
dh'àithn Maois, mar fhianuis 
doibh. 

15 Ach bu mhòid a sgaoil- 
eadh 'iomradh-san : agus thàinig 
skiagh mòr an ceann a chèiìe 
chum èisdeachd, agus a bhi air 
an slànuchadh leis o'n eucailibh. 

16 Agus chaidh e air leth chum 
an fhàsaich, agus rinn e ùrnuigh. 

17 Agus thàrladh air là àr- 
aidh, 'nuair a bha e a' teagasg, 
gu'n robh 'nan suidhe an sin 
Phàirisich agus luchd-teagaisg 
an lagha, a thàinig as gach 
uile bliaile do Ghalile, agus do 
ludea, agus o lerusalem : agus 
bha cumhachd an Tighearn a 
làthair chum an slànuchaclh. 

18 Agus, feuch, ghiùlain daoine 
air leabaidh duine air an robh 
am pairilis: agus dh'iarr iad a 
thoirt a steach, agus a chur 'na 
làthair-san. 

19 Agus an uair nach d'fhuair 
iad seòl air am feudadh iad a 
thoirt a steach, le meud na 
cuideachd, chaidh iad suas air 
an tigh, agus leig iad sìos troimh 
mhullach an tighe e fèin agus a 
leabadh, anns a' mheadhon an 
làthair losa. 

20 Agus an uair a chunnaic e 
an creidimh, thubhairt e ris, A 
dhuine, tha do pheacanna air 
am maitheadh dhuit. 

21 Agus thòisich na sgriobh- 
aichean agus na Phàirisicli air 

I 2 



LUCAS, V, 



reusonacliadh, ag ràdh, Cò e so a 
ta labhairt toibheim? cò dh'- 
f heudas peacanna a mhaitheadh 
ach Dia a mhàin ? 

22 Ach air aithneachadh an 
smuainte do losa, fhreagair e 
agus thubhairt e riu, Ciod a ta 
sibh a' reusonachadh 'nur cridh- 
eachaibh ? 

23 Cò aca is usadh a ràdh, 
Tlia do pheacanna air am maith- 
eadh dhuit, no ràdh, Eirich agus 
imich ? 

24 Ach a chum gu'm bi fios 
agaibh gu bheil cumhachd aig 
Mac an duine peacanna a 
mhaitheadh air talamh, (thubh- 
airt e ri fear na pairilis,) A ta 
mi ag ràdh riut, èirich, agus tog 
do leabadh, agus imich do d' 
thigh. 

25 Agus dh'èirich e air ball 
'nan làthair, agus thog e an leah- 
adh air an robh e 'na luidhe, 
agur. chaidh e d' a thigh fèin, a' 
toirt glòire do Dhia, 

26 Agus ghlac uamhas iad uile, 
agus thug iad glòir do Dhia, 
agus lìonadh le h-eagal iad, ag 
ràdh, Chunnaic sinne nithe do- 
chreidsinn' an diugh., 

27 Agus an dèigh nan nithe sin, 
chaidh e mach, agus chunnaic e 
cìs-rahaor d' am b' ainm Lebhi, 
'na shuidhe aig àite togail na 
cìse ; agus thubhairt e ris, Lean 
mise. 

28 Agus air fàgail nan uile 
nithe dha, dh'èirich e, agus lean 
se e. 

29 Agus rinn Lebhi fèisd" mhòr 
dha 'na thigh fèin : agus bha 
cuideachd mhòr do chìs-mhaor- 

' iongantach. ^ ciiirm 

116 



aibh, agus do mhuinntir eile a 
shuidh maille riu. 

30 Agus rinn an sgrìobhaich- 
ean agus am Phàirisich gearan 
an aghaidh a dlieisciobul-san, 
ag ràdh, C'ar son a ta sibh ag 
itheadh, agus ag òl maille ri 
cìs-mhaoraibh agus ri peacach- 
aibh ? 

31 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, Cha 'n 'eil feum 
aca-san a ta slàn air an lèigh, 
ach aca-san a ta tinn. 

32 Cha d'thàinig mise a ghairm 
nam firean, ach nam peacach 
chum aithreachais. 

33 Agus thubhairt iadsan ris, 
C' ar son a ta deisciobuil Eoin gu 
tric ri trasgadh^, agus a' dèanamh 
ùrnuigh, agus mar an ceudna 
deisciohidl nam Phàiriseach ; ach 
a ta do dheisciobuil-sa ag itheadh 
agus ag òl ? 

34 Agus thubhairt e-san riu, 
Am feud sibh a thoirt air cloinn 
seòmair an fhir nuadh-phòsda 
trasgadh a dhèanamh, am feadh 
a ta am fear nuadh-pòsda maille 
riu ? 

35 Ach thig na làithean an 
uair a bheirear am fear nuadh- 
pòsda uatha ; an sin nì iad trasg- 
adh anns na làithibh sin. 

36 Agus labhair e mar an 
ceudna cosamhlachd riu ; Cha 
chuir neach air bith mìr a dh'- 
eudach nuadh air sean eudach : 
no, reubaidh an t-eudach nuadh 
e, agus cha tig am mìr do'n 
eudach nuadh ris an t-sean eud- 
ach. 

37 Agus cha chuir duine sam 
bith fìon nuadh ann an seann 

' trosgadh. 



LUCAS 



, V. VI. 



searragaibli ; no, brisidh am fìon 
nuadh na searragan, agus dòirt- 
ear e fèin, agus caiUear na seàrr- 
agan. 

38 Aeh is còir fìon nuadh a 
chur ann an searragaibh nuadha ; 
agus bithidh iad le chèile tèar- 
uinte. 

39 Agus cha 'n 'eil duine sam 
bith, air dlia sean fliìon òl, a 
dh'iarras air ball fion nuadh : 
oir their e, is e an sean fhìon 
a's feàrr. 

CAIB. VI. 

1 Chronuìch Crìosd doille nam Phàirìseach 
mu thimchioll coimhead na sàbàid, le sgriob- 
tur, le reuson, agus le miorbhuìl; 13 thagh 
e dà abstol deug ; 17 shlànuich e muinntir a 
bha tinn ; 20 shearmonaich e d' a dheìsciob- 
luibh mu bheannachdaibh agus mhaìlachd. 
aibh, Sjc. 

AGUS thàrladh air a' cheud 
là sàbaid an dèigh an 
dara Ih do fhèìll na càisge\ 
gu 'n deachaidh e troimh na 
h-achaibh arbhair; agus spìon 
a dheisciobuil na diasan arbhair, 
agus dh'ith iad, an dèigh am 
bruthadh le 'n làmhaibh. 

2 Agus thubhairt cuid do na 
Phàirisich riu, C' ar son a ta 
sibh a' dèanamh an ni nach 
' eil ceaduichte r' a dhèanamh 
air làithibh na sàbaid ? 

3 Agus fhreagair losa iad, agus 
thubhairt e, Nach do leugh sibhse 
an ni so rinn Daibhidh, 'nuair a 
bha ocras air fèin, agus orra-san 
a bha maille ris ; 

4 Cionnus a chaidh e steach 
do thigh Dhè, agus a ghabh 
e aran na fianuis^, agus a dh'- 
ith e fèin, agus a thug e mar 
an ceudna dhoibh-san a bha 

' air an dara là sdbaid an dèigh na cewrfsàbaid. 
117 



maille ris ; ni nach 'eil cead- 
uichte itheadh ach do na sagart- 
aibh a mhàin ? 

5 Agus thubhairt e riu, Is Tigh- 
earn Mac an duine air an t-sàb- 
aid fèin. 

6 Thàrladh mar an ceudna air 
sàbaid eile, gu'n deachaidh e 
steach do'n t-sionagog, agus gu'n 
do theagaisg e ; agus bha an sin 
duine, aig an robh a làmh cllieas 
air seargadh. 

7 Agus rinn na sgrìobhaichean 
agus na Phàirisich faire, a dh'- 
fheiichainn an leighiseadh e air 
an t-sàbaid; chum gu'm faigh- 
eadh iad cùis-dhìtidh ^ 'na agh- 
aidh. 

8 Ach thuig e-san an smuaint- 
ean, agus thubhairt e ris an 
duine aig an robh an làmh 
sheargta, Eirich, agus seas a 
mach sa' mheadhon. Agus dh'- 
èirich e-san, agus sheas e. 

9 An sin thubhairt losa riu, 
Feòraichidh mise aon ni dhibh; 
Am bheil e ceaduichte air làith- 
ibh na sàbaid maith a dhèanamh, 
no olc? anam a shaoradh, no a 
sgrios ? 

10 Agus air dha amharc mu'n 
cuairt orra uile, thubhairt e ris 
an duine, Sìn a mach do làmh. 
Agus rinn e sin : agus dh'aisig- 
eadh a làmh slàn da mar an 
làmh eile. 

11 Agus lìonadh iadsan do 
chuthach ; agus labhair iad r' a 
chèile, ciod a dhèanadh iad ri 
losa. 

12 Agus anns na làithibh sin 
chaidh e-san gu beinn a dhèan- 
amh ùrnuigh, agus bhuanaich e 

- an t-aran tuisbeanta. ' cùis-chasaid. 



LUCAS, VL 



rè na li-oidhche ann an ùrnuigh 
ri Dia/ 

13 Agus air teachd do'n là, 
ghairm e d' a ionnsuidh a dheis- 
ciobuil ; agus thagh e dà f liear 
dheug asda, d' an do ghoir e 
Abstoil : 

14 Simon, ( a dh'ainmich e mar 
an ceudna Peadar,) agus Aindreas 
a bhràthair, Seumas agus Eoin, 
Philip agus Bartolomeus, 

15 Mata agus Tomas, Seumas 
mac Alpheuis, agus Simon d' an 
goirear Selotes, 

16 ludas hràtliair Sheumais, 
agus ludas Iscariot, e-san a bha 
'na fhear-brathaidh. 

17 Agus thàinig e nuas leo, 
agus sheas e air ionad còmhnard, 
agus coimhthional a dheisciobul, 
agus buidheann mhòr-shluaigh 
o ludea uile agus o lerusalem, 
agus o chois fairge Thiruis agus 
Shidoin, muinntir a thàinig g'a 
eisdeachd, agus gu bhi air an 
leigheas o 'n euslaintibh ; 

18 Agus iadsan a bha air am 
pianadh le spioradaibh neòghlan : 
agvis leighiseadh iad. 

19 Agus dh'iarr an skiagh uile 
beantuinn ris : oir chaidh cumli- 
achd a mach as, agus shlànuicli 
e iad uile. 

20 Agus thog e suas a shiìil- 
ean air a dheisciobkiibh, agus 
thubhairt e, Is beannaichte sihhse 
ta bochd : oir is leibh rìoghachd 
Dhè. 

21 Is beannaichte sihhse ta oc- 
rach a nis : oir sàsuichear sibh. 
Is beannaichte sihhse ta caoidh a 
nis : oir gàiridh sibh. 

22 Is beannaichte sibh, 'nuair 

' tigh-ùrnuigh Dhi 
IIS 



a bheir daoine fuath dliuibh, 
agus a chuireas iad as an cuid- 
eachd sibh, agus a bheir iad 
cainnt mhaslach dhuibh, agus a 
thilgeas iad a mach bhiir n-ainm 
mar oìc, air son Mhic an duine. 

23 Dèanaibh-sa gàirdeaclias san 
là sin, agus leumaibli le h-aoibh- 
neas : oir feuch, is mòr bhur 
duais air nèamh : oir is ann mar 
sin a rinn an aithriche air na 
fàidhibh. 

24 Ach is an-aoibhinn duibhse 
ta saoibhir : oir f huair sibh bhur 
sòlas. 

25 Is an-aoibhinn duibhse ta 
sàitheach : oir bithidh ocras 
oirbh. Is an-aoibhinn duibhse 
ta gàireachdaich a nis : oir nì 
sibh bròn agus guL 

26 Is an-aoibhinn duibhse 'nuair 
a labhras daoine^ maith umaibh : 
oir is ann mar sin a rinn an 
aithriche ris na faidhibh brèige. 

27 Ach a ta mi ag ràdh ribhse 
ta 'g èisdeachd, Gràdhaichibh 
bhur naimhde, dèanaibh maith 
dhoibh-san le 'm fuathach sibh ; 

28 Beannaichibh iadsan a ta 
'gur mallachadh, agus dèanaibh 
ùrnuigh air son na muinntir a ta 
buntuinn gu naimhdeil ribh. 

29 Ris an tì a bhuaileas thu 
air aon ghial, cum an gial eile ; 
agus do 'n tì a bheir t' f halluinn 
dhiot, na bac do chòta mar an 
ceudna. 

30 Thoir do gach neach a dh'- 
iarras ort ; agus o 'n neach a 
blieir uait do mhaoin, na iarr air 
ais i. 

31 Agus mar a b' àill leibh 
daoine dhèanamh dhuibh, dèan- 

* ìta h-uile dhaoinc. 



LUC 



AS. VI. 



aibh-sa mar an ceudna dhoibh- 
san. 

32 Oir ma ghràdhaicheas sibh 
iadsan aig am bheil gràdh 
dhuibh, ciod am buidheachas a 
ta agaibh ? oir gràdhaichidh 
peacaich fèin an dream aig am 
bheil gràdli dhoibh. 

33 Agus ma ni sibh maith do'n 
mhuinntir a ni maith dhuibh, 
ciod am buidheachas a ta ag- 
aibh ? oir nì peacaich an ni so 
fèin mar an ceudna. 

34 Agus ma bheir sibh iasachd' 
dhoiblisan o 'm bheil dùil agaibh 
ri fhaotainn a rìs, ciod am buidh- 
eachas a ta agaibh ? oir bheir 
peacaich fèin iasachd do pheac- 
achaibh, chum gu'm faigh iad 
uiread a rìs. 

35 Ach gràdhaichibh-sa bhur 
naimhde, agus dèanaibh maith, 
agus thugaibh iasachd, gun dùil 
a bhi agaibh ri ni sam bith 'na 
èiric ^ : agus bithidh bhur duais 
mòr, agus bithidh sibh 'nur 
cloinn do 'n Tì a's àirde : oir a 
ta e-san tabhartach dhoibh-san a 
ta mì-thaingeal agus olc. 

36 Bithibh-sa uime sin tròc- 
aireach, mar a ta bhur n-Athair 
tròcaireach. 

37 Agus na tugaibh breth, agus 
cha toirear breth oirbli : na dìt- 
ibh, agus cha dìtear sibh : thug- 
aibh maitheanas, agus bheirear 
maitheanas dhuibh. 

38 Thugaibh uaibh, agus bheir- 
ear dhuibh ; deadh thomhas, air 
a gheinneadh, agus air a chrath- 
adh ri chèile, agus a' cur thairis, 
bheir daoine ann bhur n-uchd ; 
oir leis an tomhas le 'n tomjiais 

' coingheall. 

119 



sibh, tomhaisear dhuibh a rìs. 

39 Agus labhair e cosamhlachd 
riu, Am feud an dall dall a threòr- 
achadh? nach tuit iad le chèile^ 
ann an slochd ? 

40 Cha'n 'eil an deisciobul os 
ceann a mhaighstir : ach ge b' e 
neach a ta coimhlionta, bithidh 
e mar a mhaighstir. 

41 Agus c' ar son a ta thu faic- 
inn an smùirnein a ta an sùil 
do bhràthar, agus nach 'eil thu 
toirt fa'near an t-sail a ta ann 
do shùil fèin ? 

42 No cionnus a dh'fheudas tu 
ràdh ri do bhràthair, A bhràthair; 
leig dhomh an smùirnein a thoirt 
à d' shùil, agus nach 'eil thu toirt 
fa 'near an t-sail a ta ann do shùil 
fèin? A chealgair, tilg a mach 
air tùs an t-sail as do shùil fèin, 
agus an sin is lèir dhuit gu soill- 
eir an smùirnein a ta ann an sùil 
do bhràthar a thoirt aside. 

43 Oir cha deadh chraobh a 
bheir a mach droch thoradh : 
agus cha droch chraobh a bheir 
a mach deadh thoradh. 

44 Oir aithnichear gach craobh 
air a toradh : oir cha tionail 
daoine fìgean do dhroighionn, 
na caoran fiona do'n fhearr-dhris. 

45 Bheir duine maith ni maith a 
mach à deadh ionmhas a chridhe; 
agus bheir drocli dhuine ni olc a 
mach à droch ionmhas a chridhe : 
oir is ann à pailteas a chridhe a 
labhras a bheul. 

46 Agus c' ar son a ghoireas 
sibh, a Thighearn, a Thighearn, 
dhiom-sa, agus nach dèan sibli 
na nithe a ta mi ag ràdh ? 

47 Gach neach a thig a m' ionu- 

gun hhur dòchas a chall. ^ araon. 



LUCA 



S, VI. VII. 



suidh-sa, agus a chluinneas mo 
bhriathra, agus a nì iad, feuch- 
aidh mi dhuibh co ris is cos- 
mhuil e : 

48 Is cosmhuil e ri duine a thog 
tigh, agus a chladhaich domhain, 
agus a chuir a' bhunait air carr- 
aig : agus an uair a thàinig an 
tuil, bhuail an sruth gu dian air 
an tigh sin, agus cha b' urrainn e 
charachadh ; oir bha e air a 
shuidheachadh^ air carraig. 

49 Ach an tì a chluinneas, agus 
nach dèan, is cosmhuil e ri duine 
a thog tigh air an talamh gun 
bhunait, air an do bhuail an 
sruth gu dian, agus air ball thuit 
e ; agus bu mhòr tuiteam an 
tighe sin. 

CAIB. VII. 

1 Leighis Criosd seirbhiscach ceannaird-ceud. 

1 1 Thog e mac na hantraìch ann an Nain 
o'nhhàs; 19 dhearhh e do theachdairihh 
Eoin, le oihrihh mìorhhuileach a rinn e 'nan 
làthair, gu 'm h' e fein an Criosd a hha rì 
teachd ; 24 nochd e do 'n t-sluagh cìod ì a 
hharail mu Eoin, S^c. 

ANIS an uair a chrìochnaich 
e a bhriathra-san uile ann 
an èisdeachd an t-skiaigh, chaidh 
e steach do Chapernaum. 

2 Agus bha seirbhiseach ceann- 
aird-ceud àraidh, a b' ionmhuinn 
leis, gu tinn, agus ri h-uchd bàis, 

3 Agus an uair a chual e mu 
losa, chuir e seanairean nan lùdh- 
ach d' a ionnsuidh, a' cur impidh 
air gu'n tigeadh e, agus gu'n 
leighiseadh e a sheirbhiseach. 

4 Agus an uair a thàinig iad 
gu losa, ghuidh iad air gu dùr- 
achdach, ag ràdh, Gu'm b'airidh 
e gu 'n dèanadh e-san so dha : 

5 Oir is toigh leis ar cinneach- 

' steidheachadh. ^ thog e-san ar sionagog. 
120 



ne, agus thog e-san dhuinn sion- 
agog^ 

6 Agus chaidh losa maille riu. 
Ach air dha bhi nis fagus do 'n 
tigh, chuir an ceannard-ceud 
càirdean d 'a ionnsuidh, ag ràdh 
ris, A Thighearn, na cuir dragh 
ort fèin ; oir cha 'n airidh mise 
gu 'n rachadh tu steuch fo m' 
chleith : 

7 Uime sin cha mhò a mheas 
mi gu 'm b' airidh mi fèin air 
teachd a d' ionnsuidh : ach a 
mliàin abair am focal, agus slàn- 
uichear m' òglach. 

8 Oir is duine mise fèin air mo 
chur fo ùghdarras, aig am bheil 
saighdeara fodham ; agus their 
mi ris an fhear so, Imich, agus 
imichidh e ; agus ri fear eile, 
Thig, agus thig e ; agus ri m' 
sheirbhiseach, Dèan so, agus nì 
se e. 

9 Agus an uair a chual losa na 
nithe so, ghabh e iongantas ris, 
agus air tionndadh dha, thubhairt 
e ris an t-shiagh a lean e, A ta 
mi ag ràdh ribh, nach d' f huair 
mi creidimh co mòr as so, ann 
an Israel fèin. 

10 Agus air pilltinn air an ais 
do 'n tigh do na teachdairibh a 
chuireadh (T a ionnsuidh, fhuair 
iad an seirbhiseach a bha tinn, 
slàn. 

11 Agus thàrladh an là 'na 
dhèigh sin, gu 'n deachaidh e 
chum baile d' an gairmear Nain ; 
agus chaidh a dheisciobuil ^ maille 
ris, agus sluagh mòr. 

12 A nis an uair a thàinig e 
am fagus do gheata a' bhaile, 
feuch, ghiiilaineadh a mach duine 

^ moran d'a dhcisciohluibh. 



LUCAS, VII. 



marbli, aon mhac a mhàthar, 
agus bu bhantrach i : agus bha 
sluagh mòr do mhuinntir a' bhaile 
maille rithe. 

13 Agus an uair a chunnaic 
an Tighearn i, ghabh e truas 
d'i, agus thubhairt e rithe, Na 
guil. 

14 Agus thàinig e agus bhean 
e ris a' ghiùlan ^ ; (agus sheas 
iadsan a bha 'ga iomchar ;) agus 
thubhairt e, Oganaich, a ta mi 
ag ràdh riut, èirich. 

15 Agus dh'èirich an duine bha 
marbh 'na shuidhe, agus thòisich 
e air labhairt : agus thug e d' a 
mhàthair e. 

16 Agus ghlac eagal iad uile : 
agus thug iad glòir do Dhia, ag 
ràdh, Dh'èirich fàidh mor 'nar 
measg-ne ; agus, Dh'amhairc 
Dia air a shluagh fèin. 

17 Agus chaidh an t-iomradh 
so mach air-san air feadh ludea 
uile, agus na dùthcha mu'n cuairt 
uile. 

18 Agus dh'innis a dheisciobuil 
do Eoin mu thimchioll nan nithe 
sin uile. 

19 Agus ghairm Eoin d' a ionn- 
suidh dithis àraidh d' a dheis- 
ciobluibh, agus chuir e iad gu 
losa, ag ràdh, An tusa e-san a bha 
ri teachd, no 'm bì sùil againn ri 
neach eile? 

20 Agus air teachd do na 
daoinibh d' a ionnsuidh, thubh- 
airt iad, Chuir Eoin Baiste sinne 
a d' ionnsuidh, ag ràdh, An tusa 
an Tl a bha ri teachd, no 'm bi 
sùil againn ri neach eile ? 

21 Agus anns an uair sin fèin 
leighis e mòran o 'n euslaintibh 

' chiste mhuirbh. 
l?A 



agus o 'm plàighibh, agus o 
dhroch spioradaibh ; agus thug 
e 'n radharc do mhòran a bha 
dall. 

22 Agus fhreagair losa, agus 
thubhairt e riu, Imichibh-sa agus 
innsibh do Eoin na nithe a 
chunnaic agus a chuala sibh, gu 
bheil na doill a' faicinn, na bac- 
aich ag imeachd, na lobhair air 
an glanadh, na bodhair a' 
cluinntinn, na mairbh air an 
dùsgadh, an soisgeul air a shear- 
monachadh do na bochdaibh. 

23 Agus is beannaichte e-san 
nach faigh oilbheum annam-sa 

24 Agus an uair a dh'fhalbh 
teachdairean Eoin, thòisich e air 
labhairt ris an t-sluagh mu thim- 
chioll Eoin, Ciod an ni a cliaidh 
sibh a mach do 'n f hàsach a dh'- 
f haicinn ? an i cuilc air a crath- 
adh le gaoith ? 

25 Ach ciod e an ni chaidh sibh 
a mach a dh'fhaicinn? an e 
duine air a sgeadachadh ann an 
eudach mìn ? feuch, iadsan a ta 
sgeadaichte le eudach-rìomhach, 
agus a' caitheadh am beatha gu 
sòghail, is ann an cùirtibh nan 
rìghrean a ta iad. 

26 Ach ciod e an ni chaidh 
sibh a mach a dh'fhaicinn ? an 
e fàidh ? seadh, a ta mi ag ràdh 
ribh, agus ni 's mò na fàidh. 

27 Is e so an tì mu 'm bheil e 
sgrìobhta, Feuch, cuiridh mi 
mo theachdair roimh do ghnùis, 
a dh'ulluicheas do shlighe romli- 
ad. 

28 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
'Nam measg-san a rugadh le 
mnaibh, cha 'n 'eil fàidh a 's mò 

^ nach gabh oilbìtevin riitm-sa. 



LUCA 



S, VII. 



na Eoin Baiste : gidheadh an 
tì a's lugha ann an rìoghachd 
Dhè, is mò e na e-san. 

29 Agus dh'fhìreanaich ara pob- 
ull uile a chual agus na cìs- 
mhaoir Dia, air dhoibh bhi air 
am baisteadh le baisteadh Eoin. 

30 Ach chuir na Phàirisich 
agus an luchd-lagha cùl ri 
comhairle Dhè d'an taobh fèin, 
am feadh nach do bhaisteadh 
iad leis. 

31 Agus thubhairt an Tighearn, 
Cò ris uime sin a shamhlaicheas 
mi daoine a' ghinealaich so ? 
agus cò ris a ta iad cosmhuil ? 

32 A ta iad cosmhuil ri cloinn 
a ta 'nan suidhe sa 'mhargadh, 
agus a dh'èigheas r 'a chèile, ag 
ràdh, Rinn sinne pìobaireachd 
dhuibh-sa, agus cha d' rinn sibhse 
dannsa : rinn sinne tuireadh 
dhuibh-sa, agus cha d'rinn sibhse 

33 Oir thàinig Eoin Baiste, 
cha 'n ann ag itheadh arain, no 
ag òl fìona ; agus their sibh, A 
ta deamhan aige. 

34 Thàinig Mac an duine ag 
itheadh agus ag òl ; agus their 
sibh, Feuch duine geòcach, agus 
pòitear-fìona, caraid chìs-mhaor 
agus pheacach. 

35 Ach a ta gliocas air a fìr- 
eanachadh le a cloinn uile. 

36 Agus dh'iarr duine àraidh 
do na Phàirisich air, gu 'n ith- 
eadh e biadh maille ris. Agus 
chaidh e steach do thigh an 
Phàirisich, agus shuidh^ e sìos 
chum bìdh. 

37 Agus, feuch, an uair a 
fhuair bean anns a' bhaile, a 

' ' luidh. Gr. 

122 



bha 'na peacach, fios gu 'n robh 
e 'na shuidhe aig biadh ann an 
tigh an Phàirisich, thug i leatha 
bocsa alabastair làn do oladh 
chùbhraidh, 

38 Agus sheas i aig a chosaibh 
air a chùlaobh a' gul, agus thòis- 
ich i air a chosan a fhliuchadh 
le a deuraibh, agus thiormaich i 
iad le folt a cinn, agus phòg i a 
chosa, agus dh'ùng i leis an ol- 
adh iad. 

39 Agus an uair a chunnaic 
am Phàiriseach, a thug cuireadh 
dha, 50, labhair e ann fèin, ag 
ràdh, Nam b' fliàidh an duine 
so, bhiodh fhios aige cò i a' 
bhean so a ta beantuinn ris, agus 
ciod is gnè dh'i ; oir is peac- 
ach i. 

40 Agus fhreagair losa, agus 
thubhairt e ris, A Shimoin, a ta 
ni agam ri ràdh riut. Agus 
thubhairt e-san, A mhaighstir, 
abair e. 

41 Bha aig fear-fiacha àraidh 
dithis do fheichneinibh : bha 
aige air aon fhear cùig ceud 
peghinn, agus air an fhear eile 
leth-cheud. 

42 Agus do bhrigh nach robh 
aca ni leis an dìoladh iad, mhaith 
e gu saor dhoibh araon. Innis 
dhomh-sa uime sin, cò dhiubh 
is mo a ghràdhaicheas e ? 

43 Agus fhreagair Simon agus 
thubhairt e, Is i mo bharail gur 
e an neach is mò d' an do mliaith 
e. Agus thubhairt e ris, is ceart 
a thug thu breth. 

44 Agus air tionndadh ris a' 
mhnaoi, thubhairt e ri Simon, 
Am faic thu a' bhean so ? thàinig 
mi steach do d'thigh, cha d'thug 



LUCAS, 



VII. VIII. 



thu dhomh iiisge chum mo chos ; 
ach dh'ionnlaid ise mo chosa le 
dem-aibh, agus thiormaich i iad 
le folt a cinn. 

45 Cha d'thug thusa dhomh 
pòg. : ach o thàinig ise ^ stigh, 
cha do sguir i a phògadh mo chos. 

46 Cha d' ùng thusa mo cheann 
le h-oladh : ach dh'ùng ise mo 
chosa le h-oladh chùbhraidh. 

47 Uime sin a ta mi ag ràdh 
riut, Gu bheil a peacanna a ta 
lìonmhor, air am maitheadh ; 
air an aobhar sin ^ ghràdhaich 
i gu mòr : ach ge b' e neach d' 
am maithear beagan, bithidh a 
ghràdh beag. 

48 Agus thubhairt e rithe, Tha 
do pheacanna air am maitheadh. 

49 Agus thòisich iadsan a bha 
'jian suidhe aig biadh maille ris, 
air a ràdh annta fèin, Cò e so a 
ta eadhon a' maitheadh pheac- 
anna ? 

50 Agus thubhairt e ris a' 
mhnaoi Shlànuich do chreidimh 
thu ; imich an sith. 

CAIB. VIII. 

1 Fhritheil mnài do Chrìosd le am maoin. 
4 An dèigh do Chrìosd searmoin a dhcan- 
amh ùit gu h-àit, agus e aìr a leantuinn 
le abstolaibh, labhair e cosanihlachd an t- 
sìoladair, 16 agus na coinnle ; 21 chiiir e 
an cèill cò iad a mhàthair, agus a bhràith- 
rean, 22 chronuich e a' ghaoth, 26 agiis 
thilg e mach à duine legion do dheamh- 
naibh, <$fc. 

AGUS thàrladh an dèigh sin, 
gu'n d'imich e-san troimh 
gach caithir agus baile, a' sear- 
monachadli, agus a' cur an cèill 
soisgeil rìoghachd Dhè, agus an 
dà f hear dheug maille ris ; 
2 Agus mnài àraidh a leigh- 

' fUÌ. 

123 



iseadh o dhroch spioradaibh agus 
o euslaintibh, Muire d' an gairm- 
ear Magdalen, as an deachaidh 
seachd deamhain, 

3 Agus loanna bean Chusa 
stiùbhaird Heroid, agus Susanna, 
agus mòran eile, a bha fritheal- 
adh dha le am maoin. 

4 Agus an uair a chruinnich 
sluagh mòr, agus a thàinig iad 
as gach baile d' a ionnsuidh, labh- 
air e ann an cosamhlachd : 

5 Chaidh fear-cuir a mach a 
chur a shil : agus ag cur da, 
thuit cuid ri taobh an rathaid ; 
agus shaltradh sìos e, agus dh'ith 
eunlaith an athair suas e. 

6 Agus thuit cuid eile air carr- 
aig, agus air fàs da, shearg e, 
do bhrìgh nach robh sùgh aige. 

7 Agus thuit cuid eile am 
measg droighinn, agus dh'fhàs 
an droighionn maille ris, agus 
thachd se e. 

8 Agus thuit cuid eile air tal- 
amh maith, agus dh'fhàs e suas, 
agus thug e toradh uaith a cheud 
uiread as a chuireadh. Agus air 
dha na nithe sin a ràdh, ghlaodh 
e, Ge b' e aig am bheil chiasa 
chum èisdeachd, èisdeadh e. 

9 Agus dh'fhiosraich a dheis- 
ciobuil deth, ag ràdh, Ciod e an 
cosamhlachd so ? 

10 Agus thubhairt e-san,Thug- 
adh dhuibh-sa eòlas fhaotainn 
air rùn dìomhair rioghachd Dhè ; 
ach do chàch an cosamhlachd- 
aibh, ionnus ag faicinn doibh 
nach faiceadh iad, agus ag cluinn- 
tinn doibh nach tuigeadh iad. 

11 Ach is e so an cosamhlachd: 
Is e an sìol focal Dè. 

^ oir. 



LUCAS, VIII. 



12 ladsan ri taobh an rathaid, 
ìs iad sin a dh'èisdeas : 'na 
dhèigh sin a ta an diabhul a' 
teachd, agus a' togail air falbh 
an fhocail as an cridheachaibh, 
air eagal gu'n creideadh iad agus 
gu 'm biodh iad air an saoradh. 

13 An dream air a' charraig, 
is iad sin iadsan, an uair a dh'- 
èisdeas iad, a ghabhas am focal 
d' an ionnsuidh le gàirdeachas ; 
ach cha 'n 'eil aca so freumh, 
muinntir a chreideas rè tamuill, 
agus an àm buairidh a ta tuiteam 
air falbh. 

14 Agus an ni a thuit am 
measg droighinn, is iad sin an 
dream a dh'èisdeas, agus air 
dhoibh dol a mach, a ta iad air 
an tachdadh le cùram, agus le 
saoibhreas, agus le sàimhean na 
beatha so, agus cha 'n 'eil iad a' 
toirt toraidh uatha chum foir- 
feachd. 

15 Ach an ni a thuit san talamh 
mhaith, is iad sin iadsan, air 
dhoibh am focal èisdeachd, a ta 
'ga choimhead ann an cridhe 
trèibh-dhireach agus maith, agus 
a' toirt toraidh uatha le foigh- 
idinn \ 

16 Cha 'n 'eil neach air bith, 
air dha coinneal a lasadh, a dh'- 
fholaicheas fo shoitheach i, no 
chuireas fo leabaidh i : ach cuir- 
idh e ann an coinnleir i, chum 
gu 'm faic iadsan a thig a stigh 
an sohis. 

17 Oir cha 'n 'eil ni sam bith 
folaichte,nach dèanar follaiseach ; 
no uaigneach, nach aithnichear, 
agus nach tig am follais 

18 Air an aobhar sin thugaibh 

' scasmhachd. os àird. 
124 



fa'near cionnus a dh' èisdeas 
sibh : oir ge b 'e neach aig am 
bheil, bheirear dha ; agus ge b 'e 
neach aig nach 'eil, bheirear uaith 
eadhon an ni sin a shaoilear a 
bhi aige. 

19 An sin thàinig d' a ionnsuidh 
a mhàthair agus a bhràithre, 
agus cha b'urrainn iad teachd 
am fagus da leis an dòmhlas. 

20 Agus dh'innseadh dha le 
dream àraidh, a thubhairt,Tha do 
mhàthair agus do bhràithre 'nan 
seasamh a muigh, ag iarraidh 
t' f haicinn. 

21 Agas fhreagair e-san agus 
thubhairt e riu, Is iad mo mhàth- 
air agus mo bhràithrean iadsan 
a dh'èisdeas ri focal Dè, agus 
a nì e. 

22 Agus thàrladh air là àraidh, 
gu 'n deachaidli e fèin agus a 
dheisciobuil a stigh do luing: 
agus thubhairt e riu, Rachamaid 
thairis gu taobh thall an locha. 
Agus chuir iad a mach o thìr. 

23 Ach ag seòladh dhoibh, 
thuit codal air-san : agus thàinig 
ànradh^ gaoithe a nuas air an 
loch, agus lìonadh iad le h-uisge, 
agus bha iad ann an gàbhadh. 

24 Agus thàinig iad d' a ionn- 
suidh, agus dhùisg iad e, ag 
ràdh, A mhaighstir, a mhaigh- 
stir, tha sinn caillte ! An sin 
dh'èirich e-san, agus chronuich e 
a' ghaoth, agus onfa an uisge : 
agus sguir iad, agus thàinig 
fèath* ann : 

25 Agus thubhairt e riu, C' àit 
am bheil bhur creidimh? agus 
air dhoibh bhi fo eagal, ghabh 
iad iongantas, ag ràdh r' a chèile, 

' doinìonn, stoirm. ^ ciuine. 



LUCAS, VIII. 



Ciod a' ghnè dliuine so ? oir a ta 
e toirt àithne do na gaothaibh, 
agus do 'n uisge fèin, agus a ta 
iad ùmhal dha. 

26 Agus thàinig iad air tìr aig 
dùthaich nan Gadareneach, a ta 
thall fa chonihair Ghalile. 

27 Agus an uair a chaidh e 
mach air tir, choinnich duine 
àraidh as a' bhaile e, anns an 
robh deamhain rè aimsir fhada, 
agus aig nach biodh eudach 
uime, agus nach fanadh ann an 
tigh, ach anns na h-àitibh-adh- 
laic, 

28 An uair a chunnaic e losa, 
ghlaodh e mach, agus thuit e 
sìos 'na làthair, agus thubhairt 
e le guth àrd, Ciod e mo ghnoth- 
uch-sa riut, losa, a Mhic an Dè 
a 's ro àirde ? guidheam ort, na 
pian mi. 

29 (Oir bha e air toirt àithne 
do 'n spiorad neòghlan dol a 
mach as an duine. Oir bu tric 
a rug e gu naimhdeil air : agus 
cheangladh e le slabhruidhibh, 
agiis choimhideadh an geimhlibli 
e ; agus air briseadh a chuibh- 
reacha dha, dh'iomaineadh e 
leis an deamhan do 'n f hàsach.) 

30 Agus dh'fhiosraich losa 
dheth, ag ràdh, Ciod is ainm 
dhuit ? agus thubhairt e-san, 
Legion : do bhrìgh gu 'n deach- 
aidh mòran dheamlian a steach 
ann. 

31 Agus ghuidh iad air, gim 
àithne thoirt doibh dol sìos do'n 
doimhneachd \ 

32 Agus bha treud lìonmhor 
mhuc an sin, ag ionaltradh air 

' dubh-aigean. 
* leathad, àite corrach. 
125 



an t-sliabh : agus ghuidh iad air 
cead a thoirt doibh dol a steach 
annta. Agus thug e cead doibh. 

33 An sin air dol do na deamh- 
naibh a mach as an duine, chaidh 
iad anns na mucaibh : agus ruith 
an treud mhuc gu dian sìos le 
bruthach ^ do 'n loch, agus thachd- 
adh^ iad. 

34 Agus an uair a chunnaic 
an dream a bha 'gam biadhadh 
an ni a rinneadh, theich iad, 
agus dh'innis* iad e anns a' 
bhaile, agus anns an dùthaich. 

35 Agus chaidh iadsan a mach 
a dh'fhaicinn an ni a rinneadh ; 
agus thàinig iad gu losa, agus 
f huair iad an duine as an deach- 
aidh na deamhain, 'na shviidhe 
aig cosaibh losa, air eudachadh, 
agus e 'na chèill : agus ghabh 
iad eagal. 

36 Agus dh'innis an dream a 
chunnaic e dhoibh, cionnus a 
shlànuicheadh an duine san robh 
na deamhain. 

37 An sin dh'iarr muinntir 
dùthcha nan Gadareneach uile 
air-san imeachdviatha; oirghlac- 
adh le h-eagal mòr iad : agus 
chaidh e san luing, agus phill e 
air ais a rìs. 

38 A nis ghuidh an duine as 
an deachadh na deamhain air, 
e fèin a bhi maille ris : ach chuir 
losa uaith e, ag ràdh, 

39 Pill do d'thigh fèin, agus 
cuir an cèill meud nan nithe a 
rinn Dia dhuit. Agus dh'imich 
e roimhe, ag innseadh gu foll- 
aiseach air feadh a' bhaile uile, 
meud nan nithe a rinn losa dha. 

^ hhàthadh. 

^ theìch iad, (agus chaidh iad,) agus dh'innìs 



LUCAS, Vm. IX. 



40 Agus tliàrladh, an uair a 
phiU losa air ais, gu 'n do gliabh 
an sluagh gu toikach ris : oir 
bha iad uile 'ga fheitheamh. 

41 Agus, feuch, thàinig duine 
d' am b' ainm lairus, a bha 'na 
uachdaran air an t-sionagog ; 
agus thuit e aig cosaibh losa, 
agus ghuidh e air gu 'n tigeadh 
e d 'a thigh : 

42 Do bhrìgh gu 'n robh aon- 
ghin nighinn aige, mu thimchioll 
dà bhliadhna dheug, agus i faot- 
ainn a' bhàis. (Ach air dha bhi 
'g imeachd, bha'n sluagh 'ga 
theannadh. 

43 Agus thàinig bean air an 
robh dòrtadh fola dà bhliadhna 
dheug, agus a chaidh a beath- 
achadh uile ri lèighibh, agus 
nach b' urrainn bhi air a leigheas 
le neach air bith, 

44 Thàinig ise air a chùlaobh, 
agus bhean i ri iomall 'eudaich : 
agus sguir a dòrtadh fola air ball. 

45 Agus thubhairt losa, Cò bhean 
rium ? Air àicheadh do na h-uile, 
Thubhairt Peadar ris, agus iadsan 
a bha maille ris, A mhaighstir, 
tha'n sluagh ga d' dhòmhlachadh, 
agus ga d' theannadh, agus an 
abair thu, Cò bhean rium ? 

46 Agus thubhairt losa, Bhean 
neach èigin rium : oir mhothaich 
mi cumhachd a' dol asam. 

47 Agus an uair a chunnaic 
a' bhean nach robh i an ain- 
fhios^, thàinig i air chrith, agus 
a' sleuchdadh dha, chuir i 'n 
cèill da, an làthair an t-sluaigh 
uile, c' ar son a bhean i ris, agus 
mar a shlànuicheadh i gu grad. 

48 Agus thubhairt e-san rithe, 

' ayn fnìnch. 

126 



xlnighean, biodh misneacli agad : 
shlànuich do chreidimh thu ; 
imich an sìth.) 

49 Am feadh a bha e fathast 
a' labhairt, thàinig neach o thigh 
Uachdarain na sionagoig, ag 
ràdh ris, Tha do nighean marbh ; 
na cuir dragh air a' mhaighstir. 

50 Ach an uair a chual losa 
so, fhreagair se e, ag ràdh, Na 
biodh eagal ort : a mhàin creid, 
agus bithidh i air a slànuchadh. 

51 Agus an uair a chaidh e 
do 'n tigh, cha do ieig e le neach 
air bith dol a stigh, ach Peadar, 
agus Eoin, agus Seumas, agus 
athair agus màthair na nighinn. 

52 Agus bha iad uile a' gul, 
agus a' dèanamh caoidh air a 
son : ach thubhairt e-san, Na 
guilibh ; cha 'n ' eil i marbh, ach 
'na codal. 

53 Agus rinn iad gàire fanoid 
ris, do bhrìgh gu'n robh fhios 
aca gu'n robh i marbh. 

54 Agus air dha an cur a mach 
uile, ghlac e air làimh i, agus 
ghlaodh e, ag ràdh, A nighean, 
èirich. 

55 Agus thàinig a spiorad air 
ais, agus dh'èirich i air ball : a- 
gus dh' àithn e biadh a thoirt d' i. 

56 Agus ghlac^ uamhas mòr a 
pàrantan : ach thug e-san àithne 
dhoibh gun an ni a rinneadh 
innseadh do neach air bith. 

CAIB. IX. 

1 Chuir Crìosd a mach 'ahstoil a dh'oibreach- 
adh mhìorbhuilc, agus a shearmonachadh. 
7 Tha toyradh aig Herod Criosd fhaicinn. 
17 Thug Crìosd ìòn do chiiig mìle gu mior- 
bhui/each, 22 dh'innis e' fhulangas roimh- 
laìmh, 23 is eigin do na h-uile, le'm V ùill a 
hhi 'nan deisciohuil da, eisiomplair-sa a lean- 

' ghabh. ^ a ginteirean. 



LITCAS, IX. 



tuhìn. 28 Atharrachadh a chruiha. 37 
Shlànuich e leanabh air an rohh an tuit- 
camas. 

AGUS ghairm e an dà fhear 
dheug^ an ceann a chèile, 
agus thug e cumhachd agus 
ùghdarras doibh air na h-uile 
dheamhnaibh, agus a chum eu- 
slaintean a leigheas. 

2 Agus chuir e mach iad a 
shearmonachadh rioghachd Dhè, 
agus a shlànuchadh nan euslan. 

3 Agus thubhairt e riu, Na 
tugaibh ni air bith leibh chum 
na slighe, bataiche, no màla, no 
aran, no airgiod ; ni mò bhios dà 
chòta aig gach fear agaibh. 

4 Agus ge b' e air bith tigh 
d'an tèid sibh a steach, fanaibh 
an sin, agus à sin, rachaibh a 
mach.^ 

5 Agus cò air bith iad nach 
gabh ribh, air dhuibh dol a 
mach as a' bhaile sin, crathaibh 
dhibh eadhon an duslach o bhur 
cosaibh mar fhianuis 'nan agh- 
aidh, 

6 AgiiS chaidh iadsan a mach, 
agus ghabh iad troimh na bailt- 
ibh, a' searmonacliadh an t-soisg- 
eil, agus a' leigheas anns gach 
àit. 

7 Agus chual Herod an Tetrarc 
na h-uile nithe a rinneadh leis : 
agus bha e an imcheist, do bhrìgh 
gu'n dubhradh le cuid, gu'n robh 
Eoin air èirigh o na marbhaibh ; 

8 Agus le cuid, gu'n d'fhoill- 
sicheadh Elias ; agus le cuid eile, 
gu'n robh aon do na sean fhàidh- 
ibh air èirigh a rìs. 

9 Agus thubhairt Herod, Thug 
mise an ceann do Eoin : ach 

' a dhà dheinciobul dcug. 
'^fanaibh an sin gus am fàg sibh an t-àit. 
127 



cò e am fear so mu 'm bheil 
mi cluinntinn' a leithid so do 
nithibh ? Agus dh'iarr e f haic- 
inn. 

10 Agus air pilltinn do na 
h-abstolaibh, dh'innis iad dha 
gach ni a rinn iad. Agus thug e 
leis iad, agus chaidh e fa leth gu 
àite fàsail, a bhuineadh do'n 
bhaile d'an goirear Betsaida. 

11 Agus an uair a fhuair an 
skiagh fios air, lean iad e : agus 
ghabh e (V a ionnsuidh iad, agus 
labhair e riu mu thimchioll 
rìoghachd Dhè, agus leighis e 
iadsan aig an robh feum air 
leigheas. 

12 Agus an uair a thòisich an 
là air teireachdainn, thàinig an 
dà fhear dheug, agus thubhairt 
iad ris, Cuir air falbh an sluagh, 
chum gu'n tèid iad do na bailt- 
ibh agus do 'n tìr mu'n cuairt, 
agus gu'n gabh iad tàmh agus 
gu 'm faigh iad biadh ; oir tha 
sinn an so an àite fàsail. 

13 Ach thubhairt e-san riu, 
Thugaibh-sa dhoibh ni r'a ith- 
eadh. Agus thubhairt iadsan, 
Cha'n 'eil againn tuilleadh na 
cùig builinnean agus dà iasg : 
mur tèid sinn agus biadh a 
cheannach do'n t-sluagh so uile. 

14 Oir bha iad mu thimchioll 
cùig mìle fear. Agus thubhairt 
e r' a dheisciobkiibh, Cuiribh 
'nan suidhe iad, leth-cheud anns 
gach cuideachd. 

15 Agus rinn iad mar sin, agus 
chuir iad 'nan suidhe iad uile. 

16 Agus ghabh e na cùig 
buiHnnean agus an dà iasg, agus 
air amharc suas gu nèamh, 

^ mu 'n cluinneam. 



LUCAS, 



bheannaich e iad, agus bhris e, 
agus thug e d'a dheisciobluibh 
iad gu 'n cur an làthair an 
t-sluaigh. 

17 Agus dh'ith iad, agus shàs- 
uicheadh iad uile : agus thogadh 
dà chliabh dheug do bhiadh 
briste, a bha dh'fhuigheall aca. 

18 Agus thàrladh, air dha bhi 
ri ùrnuigh fa leth, gu'n robh 
a dheisciobuil maille ris : agus 
dh'fheòraich e dhiubh, ag ràdh, 
Cò tha an sluagh ag ràdh is 
mise ? 

19 Fhreagair iadsan agus thubh- 
airt iad, Eoin Baisce : ach tha 
cuid ag ràdh Eìias : agus cuid 
eile, gu bheil aon do na sean 
fhàidhibh air èirigh a rìs. 

20 Thubhairt e riu, Ach cò 
tha sibhse ag ràdh is mi ? Agus 
f hreagair Peadar, agus thubhairt 
e, Crìosd Dhè. 

21 Agus air dha sparradh teann 
a thoirt doibh, dh'àithn e gun 
iad a dh'innseadh so do neach sam 
bith ; 

22 Ag ràdh, Gur èigin do Mhac 
an duine mòran fhulang, agus a 
bhi air a dhiùltadh leis na sean- 
airibh, agus na h-àrd-shagartaibh, 
agus na sgriobhaichibh, agus a 
bhi air a chur gu bàs, agus air 
a thogail suas air an treas là. 

23 Agus thubhairt e riu uile, 
Ma 's àill le neach air bith teachd 
a' m' dhèigh-sa, àicheadhadh se e 
fèin, agus togadh e a chrann- 
cèusaidh gach là, agus leanadh 
e mise. 

24 Oir ge b' e neach le 'm b' àill 
'anam a thèarnadh, caillidh se e : 
ach ge b' e neach a chailleas 'anam 

' nan nithc so. 
128 



air mo sgàth-sa, saoraidh e-san e. 

25 Oir ciod e an tairbhe do 
dhuine, ged chosnadh e an saogh- 
al gu h-iomlan, agus e fèin a 
chall, no bhi air a sgrios ? 

26 Oir ge b'e neach a ghabh- 
as nàire dhìom-sa agus do m' 
bhriathraibh, gabhaidh Mac an 
duine nàire dheth-san, an uair a 
thig e 'na ghlòir fèin, agus an 
gldir 'Athar, agus nan aingeal 
naomha. 

27 Ach a ta mise ag ràdh ribh 
gu fìrinneach, gu bheil cuid 'nan 
seasamh an so, nach blais bàs, gus 
am faic iad rìoghachd Dhè. 

28 Agus thàrladh, mu thim- 
chioll ochd làithean an dèigh 
nam briathra so ', gu 'n d' thug e 
leis Peadar, agus Eoin, agus 
Seumas, agus gu'n deachaidh e 
suas gu beinn a dhèanamh ùrn- 
uigh. 

29 Agus an uair a bha e ri 
ùrnuigh, bha dreach a ghnuise 
air atharrachadh, agus rinneadh 
'eudach geal agus dealrach. 

30 Agus, feuch, bha dithis f hear 
a' còmhradh ris, eadhon Maois a- 
gus Elias, 

31 A nochdadh ann an glòir, 
agus a bha labhairt m' a bhàs^, 
a bha e-san gu choimhlionadh ann 
an lerusalem. 

32 Ach bha Peadar, agus iadsan 
a bha maille ris, trom 'nan codal : 
agus an uair a dhùisg iad, chunn- 
aic iad a ghlòir, agus an dithis 
fhear a bha 'nan seasamh maille 
ris. 

33 Agus an uair a bha iadsan 
a' dealachadh ris, thubhairt Pead- 
ar ri losa, A mhaighstir, is maith 

r)ì a shiubhal. 



LUCAS, IX. 



dhuinne bhi an so ; agus dèan- 
amaid trì pàilliuna^, aon duitse, 
agus aon do Mhaois, agus aon do 
Elias ; gun f hios aige ciod a bha 
e ag ràdh. 

34 Am feadh a bha e ag ràdh 
80, thàinig neul, agus chuir e 
sgàile orra : agus ghabh iad 
eagal an uair a bha iad a' dol a 
stigh san neuL 

35 Agus thàinig guth as an 
neul, ag ràdh, Is e so mo Mhac 
gràdhach-sa ; èisdibh ris. 

36 Agus an uair a rinneadh an 
guth so, f huaradh losa 'na aonar : 
agus dh'fhan iadsan 'nan tosd, 
agus cha d' innis iad do neach 
air bith anns na làithibh sin aon 
ni do na chunnaic iad. 

37 Agus thàrladh, an là 'na 
dhèigh sin, an uair a thàinig iad 
a nuas o'n bheinn, gn'n do thach- j 
air sluagh mòr air. j 

38 Agus, feuch, ghlaodh duine j 
àraidh do'n t-sluagh, ag ràdh, A 1 
mhaighstir, tha mi a' guidhe ort, | 
amhairc air mo mhac, oir is e 
m' aon duine cloinne e^. 

39 Agus, feuch, a ta spiorad 
a' breith air, agus a ta e gu h- 
obann ag èigheach ; agus a ta e 
'ga tharruing as a chèile, air 
chor as gu bheil e cur cobhair a 
mach, agus an dèigh a chomh- 1 
bhruthadh is gann a dh'fhàgas 
se e. 

40 Agus ghuidh mi air do 
dheisciobluibh gu'n cuireadh iad 
a mach e, agus cha b'urrainn 
iad. 

41 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e, O ghinealaich mhì- 
clireidich agus f hiair^, cia f had a 

' hothaìn. - is e m' aon ghin e, choirbte. 
129 



bhios mi maille ribh, agus a 
dh'fhuilgeas mi sibh ? Thoir an 
so do mhac. 

42 Agus am feadh a bha e fath- 
ast a' teachd, thilg an deamhan 
sìos e, agus reub se e : agus chron- 
uich losa an spiorad neòghlan, 
agus shlànuich e an leanabh, agus 
thug e d' a athair e, 

43 Agus ghabh iad uamhas uile 
ri mòr-chumhachd Dhè. Ach 
air dhoibh uile bhi gabhail ion- 
gantais ris na h-uile nithibh a 
rinn losa, thubhairt e r' a dheis- 
ciobluibh, 

44 Taisgibh na briathra so ann 
bhur cluasaibh : oir tha Mac an 
duine gu bhi air a thoirt thairis 
do làmhaibh dhaoine. 

45 Ach cha do thuig iadsan 
an còmhradh so, agus bha e 
folaichte uatha, air chor aS 
nach b' aithne dhoibh e* : agus 
b' eagalach leo ceisd a chur air 
mu thimchioU a' chòmhraidh so. 

46 An sin dh'èirich deasboir- 
eachd eatorra, cò aca bu mhò a 
bhitheadh. 

47 Agus air do losa smuaintean 
an cridhe fhaicinn, ghabh e 
leanabh, agus chuir e làimh ris 
fèin e, 

48 Agus thubhairt e riu, Ge 
b' e ghabhas ris an leanabh so 
ann am ainm-sa, tha e a' gabh- 
ail riumsa : agus ge b' e neach a 
ghabhas riumsa, tha e gabliail 
ris an Tì a chuir uaith mi : oir 
an neach a 's lugha 'nur measg- 
sa uile, bithidh e-san mòr. 

49 Agus fhreagair Eoin, agus 
thubhairt e, A mhaighstir, chunn- 
aic sinne duine àraidh a' tilgeadh 

^ chnm nach mothaicheadh iad e. 
K 



LUCAS, 



IX. X. 



macli dheamhan a' d' ainm-sa; 
agus bhac sinn e, a chionn nach 
'eil e 'gar leantuinn-ne. 

50 Agus thubhairt losa ris, Na 
bacaibh e : oir ge b' e nach 'eil 
'nar n-aghaidh, tha e leinn. 

51 A nis an uair a choimh- 
lionadh làithean a ghabhail suas, 
shuidhich e a ghnùis chum dol 
gu lerusalem ; 

52 Agus chuir e teachdairean 
roimh a ghnùis : agus dh'imich 
iad, agus chaidh iad a steach do 
bhaile leis na Samaritanaich, a 
dh'ulluchadh air a shon-san. 

53 Agus cha do ghabh iadsan 
rìs, a chionn gu 'n robh 'aghaidh 
mar gu 'm biodh e dol gu leru- 
salem. 

54 Agus an uair a chunnaic a 
dheisciobuil Seumas agus Eoin 
so, thubhairt iad, A Thighearn, 
an àill leat gu'n abramaid^ teine 
a theachd a nuas, o nèamh, agus 
an losgadh, eadhon mar a rinn 
Elias ? 

55 Ach thionndaidh e-san agus 
clironuich e iad, agus thubhairt 
e, Cha 'n 'eil fhios agaibh ciod 
a' ghnè spioraid d' am bheil sibh: 

56 Oir clia d' thàinig Mac an 
duine a sgrios anama dliaoine, 
acli g' an saoradh. Agus chaidh 
iad gu baile eile. 

57 Agus thàrladh, an uair a bha 
iad ag imeachd air an t-slighe, 
gu 'n dubhairt duine àraidh ris, 
A Thighearn, leanaidh mise thu 
ge b' e àit an tèid thu. 

58 Agus thubhairt losa ris, Tha 
tuìW aig na sionnaich, agus nid 
aig eunlaith an athair; ach cha'n 
'eil àit aig Mac an duine anns 

' òrduìcheamaid. ^ garaidh, hrocluidh. 
130 



an cuir e a cheann fuidhe. 

59 Agus thubhairt e ri duine 
eile, Lean mise : ach thubhairt 
e-san, A Thighearn, leig dhomh 
dol air tùs agus m' athair adhlac. 

60 Ach thubhairt losa ris, Leig 
leis na mairbh am mairbh fèin 
adhlac ; ach imich thusa agus 
searmonaich rìoghachd Dhè. 

61 Agus thubhairt neach eile 
mar an ceudna, A Thighearn, 
leanaidh mise thu : ach leig 
dhomh air tùs mo chead a ghabh- 
ail diubhsan a ta aig mo thigh. 

62 Ach thubhairt losa ris, Cha'n 
'eil neach air bith, a chuireas a 
làmh ris a' chrann-araidh, agus a 
sheallas 'na dhèigh, iomchuidh 
air son rioghachd Dhè. 

CAIB. X. 

1 Chuir Criosd a mach dh'aon uair deich agus 
tri fichead deisciohul a shearmonuchadh ; 
17 dh'iarr e orra hhi iriosal, agus dh'innis c 
dhoihh ciode an vi anns ant buineadh dhoihh 
gàirdeachas a dhèanamh ; 21 thug e buidh- 
eachas d 'a Athair air son a ghràis ; 23 agiis 
chuir e an cèill staid shona a dheisciohuì. 
41 Chronuich e Martha. 

AN dèigh nan nithe sin, dh'- 
òrduich an Tighearna mar 
an ceudna deichnear agus trì 
fìchead eile, agus chuir e lìon 
dithis agus dithis roimh a ghnùis 
iad, do gach baile, agus àit, anns 
an robh e fèin gu teachd. 

2 Air an aobhar sin thubhairt 
e riu, Tha am fogharadh gu fìr- 
inneach mòr, ach a ta an luchd- 
oibre tearc : guidhibh uime sin 
air Tighearn an fhogharaidh, 
luchd-oibre chur a mach chum 
'fhogharaidh fèin. 

3 Imichibh : feuch, a ta mise 
'gur cur a mach mar uain am 



LUCAS, X. 



measg mlmdadh-alluidh. 

4 Na giùlainibh sporan, no 
màla, no brògan ; agus na beann- 
aichibh do neach air bith san t- 
slighe. 

5 As^us ge b' e tigh d' an tèid 
sibh a steach, abraibh air tùs, 
Sìth do 'n tigh so. 

6 Agus ma bhios mac na sithe 
an sin gabhaidh bhur sith còmh- 
naidh air : ach mur bì, piUidli 
hhur sìth do bhur n-ionnsuidh' 
fèin a rìs. 

7 Agus fanaibh anns an tigh 
sin, ag itheadh agus ag òl nan 
nithe a bheirear dhuibh : oir is 
airidh an t-oibriche air a thuar- 
asdal. Na rachaibh o thigh gu 
tigh. 

8 Agus ge b' e baile d' an tèid 
sibh a steach, agus san gabh iad 
ribh, ithibh na nithe sin a chuir- 
eas iad 'nur làthair. 

9 Agus leighisìbh a' mhuinntir 
a ta euslan ann, agus abraibh 
riu, Tha rìoghachd Dhè air 
teachd am fagus duibh. 

10 Ach ge b' e baile d' an tèid 
sibh a steach, agus nach gabh 
iad ribh, air dhuibh dol a mach 
air a shràidibh, abraibh, 

11 Eadhon duslach bhur baile 
a lean ruinn, tha sinne a' glan- 
adh dhinn 'nur n-aghaidh-sa : 
gidheadh, biodh fhios so agaibh 
gu 'n do dhruid rioghachd Dhè 
ribh. 

12 Ach a ta mise ag ràdh ribh, 
gur so-iomchaire a bhitheas e do 
Shodom san là ud, na do 'n bhaile 
sin. 

13 Is an-aoibhinn duit, a Cho- 
rasin ! is an-aoibhinn duit, a 

' thugaibh. 

131 



Bhetsaida ! oir nam bitheadh na 
h-oibre cumhachdach a rinneadh 
annaibh-sa air an dèanamh ann 
an Tirus agus ann an Sidon, is 
fad o 'n a dhèanadh iad aith- 
reachas, 'nan suidhe ann an saic- 
eudach agvis ann an luaithre. 

14 Ach bithidh e ni's so-iom- 
chaire^ do Thirus agus do Shidon 
anns a' bhreitheanas, na dlmibh- 
sa. 

15 Agus thusa, a Chapernaum, 
a ta air t' àrdachadh gu nèamh, 
tiìgear sìos gu h-ifrinn thu. 

16 E-san a dh'èisdeas ribhse, 
èisdidh e rium-sa : agus e-san a 
dhiùltas sibhse, tha e ga mo 
dhiùltadh-sa : agus an neach a 
dhiùltas mise, tha e a' diùltadh 
an Tì a chuir uaith mi. 

17 Agus phiU an deichnear 
agus an trì fichead le gàirdeach- 
as, ag ràdh, a Thighearn, a ta 
na deamhain fèin fo smachd ag- 
ainne troimh t' ainm-sa. 

18 Agus thubhairt e riu, Chunn- 
aic mi Sàtan, mar dhealanach, a' 
tuiteam o nèamh. 

19 Feuch, a ta mi toirt dhuibli 
cumliachd saltairt air nathraich- 
ibh, agus air scorpionaibh, agus 
air uile neart an nàmhaid; agus 
cha ghoirtich ni air bith air aon 
dòigh sibh. 

20 Gidheadh nadèanaibh gàird- 
eachas air son gu bheil na spior- 
aid fo bhur smachd ; ach dèan- 
aibh gàirdeachas air son gu bheil 
bhur n-ainmean sgrìobhta anns 
na nèamhaibh. 

21 Anns an uair sin fèin rinn 
losa gàirdeachas 'na spiorad, ag- 
us thubhairt e, Tha mi toirt 

^ so-fhuìainge. 
' K 2 



LUCAS, X. 



buidheachais duit, O Athair, a 
Thighearn nèimh agus talmh- 
ainn, air son gu 'n d' f holaich thu 
na nithe sin o dhaoinihh glice 
agus tuigseach, agus gu 'n d'- 
fhoillsich thu iad do naoidhean- 
aibh : seadh, Athair, oir is ann 
mar sin bu toil leatsa. 

22 Tha na h-uile nithe air an 
tabhairt domh-sa le m' Athair : 
agus cha 'n aithne do neach air 
bith cò e am Mac, ach do 'n 
Athair ; no cò e an t-Athair ach 
do 'n Mhac, agus an neach d' an 
àiU leis a' Mhac fhoillseachadh. 

23 Agus air tionndadh r' a 
dheisciobluibh, thubhairt e riu 
an uaignidheas, Is beannaichte 
na sùilean a chì na nithe ta 
sibhse a' faicinn : 

24 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
Gu 'm b' iomadh fàidli agus rìgh, 
le 'm bu mhiann na nithe fhaic- 
inn a ta sibhse a' faicinn, agus 
nach fac iad ; agus na nithe a 
chluinntinn, a ta sibhse a' cluinn- 
tinn, agus nacli cual iad. 

25 Agus, feuch, sheas fear-lagha 
àraidh suas, 'ga dhearbhadh ag- 
us ag ràdh, A mhaighstir, ciod a 
ni mi chum gu sealbhaicli mi a' 
bheatha mhaireannach ? 

26 Agus thubhairt e ris, Ciod 
a tha sgriobhta san lagh ? cionn- 
us a leughas tu ? 

27 Agus ag freagairt dasan, 
thubhairt e, Gràdhaichidh tu an 
Tighearna do Dhia le d' uile 
chridhe, agus le d' uile anam, 
agus le d' uile neart, agus le d' 
uile inntinn ; agus do choimh- 
earsnach mar thu fèin. 

28 Agus thubhairt e-san ris, Is 

' 'ga hhuaireadh. 
132 . 



ceart a f hreagair thu : dèan-sa 
so, agus bithidh tu beò. 

29 Ach air dhasan toil a bhi 
aige e fèin fhireanachadh, thu- 
bhairt e ri losa, Agus cò e mo 
choimhearsnach ? 

30 Agus fhreagair losa, agus 
thubhairt e, Chaidh duine àraidh 
sios o lerusalem gu lericho, agus 
thuit e am measgluchd-reubainn*, 
agus air dhoibh a rùsgadh, agus 
a lotadh, dh'imich iad rompa, air 
fhàgail-san doibh leth-mharbh. 

31 Agus thàrladh, gu 'n d' im- 
ich sagart àraidh sìos air an t- 
slighe sin : agus an uair a chunn- 
aic se e, ghabh e seachad air an 
taobh eile. 

32 Agus mar an ceudna air do 
Lebhitheach bhi dlùth do 'n ion- 
ad sin, thàinig e agus dh'amh- 
airc e air, agus ghabh e seachad 
air an taobh eile. 

33 Ach air do Shamaritanach 
àraidh bhi gabhail an rathaid, 
thàinig e far an robh e-san : agus 
an uair a chunnaic se e, ghabh e 
truas mòr dheth, 

34 Agus thàinig e d' a ionn- 
suidh, agus cheangail e suas a 
chreuchdan, a' dòrtadh olaidh 
agus fìona annta, agus chuir e 
air 'ainmhidh fèin e, agus thug e 
gu tigh-òscla e, agus ghabli e 
cùram dheth. 

35 Agus air an là màireach, 
'nuair a dh'fhalbh e, thug e mach 
dà pheghinn Romhanach, agus 
thug e do fhear an tigh-òsda iad, 
agus thubhairt e ris, Gabh cùram 
dheth ; agus ge b' e ni tuilleadh 
a chaitheas tu, an uair a philleas 
mise air m' ais, diolaidh mi dhuit e. 

^ chreachadairean. 



LUCAS, 



X. xr. 



3G Cò a nis do 'n triuir sa, a 
shaoileas tu, bu clioimliearsnach 
dhasan a thuit am measg an 
luchd-reubainn ? 

37 Agus thubhairt e-san, An tì 
a rinn tròcair air. An sin thu- 
bhairt losa ris, Tmich thusa, agus 
dèan mar an ceudna. 

38 Agus ag imeachd dhoibh, 
chaidh e steach do bhaile àr- 
aidh ; agus ghabh bean àraidh, d' 
am b' ainm ^larta, d' a tigh fèin e. 

39 Agus bha piuthar aice d' an 
goirte Muire, a shuidh aig cos- 
aibh losa, agus a bha 'g èisd- 
eachd 'fhocail. 

40 Ach bha Marta air a ro 
chùradh le mòran frithealaidh, 
agus air seasamh dh' i 'na làthair, 
thubhairt i, A Thighearn, nach 
'eil suim agad gu 'n d' fhàg mo 
phiuthar mise a' m' aonar ri 
frithealadh? uime sin abair rithe 
cuideachadh leam. 

41 Agus fhreagair losa, agus 
thubhairt e rithe, a Mharta, a 
Mharta, tha thusa làn cùraim, 
agus dragha mu thimchioll mòr- 
ain do nithibh : 

42 Ach a ta aon ni feumail. 
Agus rinn Muire roghainn do 'n 
chuid mhaith sin, nach toirear 
uaipe. 

CAIB. XI. 

1 Theuguìsg Crwsd d' a dheisciobluibh ùrnuigh 
a dhèanumh gu bithchionta. 14 Thi/g e 
mach deamhan a bha balbh, agns chronnich 
e na Phhirisich uir son un ioibheim. 
28 JVochde cò iud a ia beannoichie, 37 ag- 
us chronuich e na Phdirisich ugus na 
ggrìobhaichean. 

AGUS thàrladh air dha bhi 
ann an ionad àraidh ri h- 
ùrnuigh, 'nuair a sguir e, gu 'n 
dubhairt neach àraidh d' a dheis- 
133 



ciobluibh ris, A Thighearna, 
teagaisg dhuinne ùrnuigh a 
dhèanamh, mar a theagaisg Eoin 
d' a dheisciobhiibh fèin. 

2 Agus thubhairt e riu, 'Nuair 
a nì sibh ùrnuigh, abraibh, Ar 
n-Athair a ta air nèamh, Gu 
naomhaichear t' ainm. Thigeadh 
do rìoghachd. Dèanar do thoil, 
mar air nèamh, gu ma h-amh- 
luidh sin air thalamh. 

3 Thoir dhuinn o là gu là ar 
n-aran làthail. 

4 Agus maith dhuinn ar peac- 
anna : oir a ta sinne fèin a' 
maitheadh do gach aon air am 
bheil fiachan againn. Agus na 
leig ann am buaireadh sinn, ach 
saor sinn o 'n olc. 

5 Agus thubhairt e riu, Cò 
agaibh-sa aig am bi caraid, agus a 
thèid d' a ionnsuidh air mheadh- 
on-oidhche, agus a their ris, A 
charaid, thoir dhomh trì builinn- 
ean air iasachd ; 

6 Oir thàinig caraid dhomh a 
m' ionnsuidh as a shlighe, agus 
cha 'n 'eil ni agam a chuireas mi 
'na làthair : 

7 Agus gu 'm freagair e-san o 'n 
taobh a stigh agus gu 'n abair e, 
Na cuir dragh orm : tha 'n dorus 
a nis air a dhùnadh, agus tha mo 
chlann maille rium san leabaidh ; 
cha 'n fhaigh mi èirigh agus an 
toirt duit. 

8 A ta mi ag ràdh ribh, Ged 
nach èirich e agus nach toir e 
dha, air son gur e a charaid e ; 
gidheadh air son a liosdachd', 
èiridh e agus bheir e dha mheud 
as a ta dh'uireasbhuidh air. 

9 Agus a ta mise ag ràdh ribh 

' dhian-iarriachd. 



LucAs, xr. 



larraibh, agus bheirear dhuibh : 
siribh, agus gheibh sibh ; buail- 
ibh an dorus, agus fosgailear 
dhuibh. 

10 Oir gach neach a dh'iarras, 
glacaidh e : agus an tì a shireas, 
gheibh e : agus do 'n ti a bhuail- 
eas, fosgailear. 

11 Ma dh'iarras mac aran air 
aon neach agaibh-sa ta 'na athair, 
an toir e dha clach? no ma dìì- 
iarras e iasg, an toir e nathair 
dha an àit èisg? 

12 No ma dh'iarras e ubh, an 
toir e scorpion da? 

13 Air an aobhar sin ma 's 
aithne dhuibh-sa a ta olc, tiodh- 
lacan maithe a tlioirt do 'ur 
cloinn, nach mòr is mò na sin 
a bheir bhur n-Athair nèamh- 
aidh an Spiorad naomh dhoibh- 
san a dh'iarras air e ? 

14 Agus bha e tilgeadh a mach 
deamhain, agus bha e balbh. 
Agus air dol do 'n deamhan a 
mach, hibhair am balbhan ; agus 
ghabh an sluagh iongantas. 

15 Ach thvibhairt cuid diubh, 
Is ann troimh Bheelsebub ceann- 
ard ' nan deamhan a ta e tilgeadh 
mach dheamhan. 

16 Agus dh'iarr dream eile 
dhiubh, ga dhearbhadh, comhar 
air o nèamh. 

17 Ach air dhasan an smuaint- 
ean a thuigsinn, thubhairt e riu, 
Gach rìoghachd a ta roinnte 'na 
h-aghaidh fèin,fàsaichear i; agus 
gach tigh a ia roinnte 'na aghaidh 
fèin, tuitidh e. 

18 Agus ma tha Sàtan mar an 
ceudna air a roinn 'na aghaidh 
fèin, cionnus a sheasas a rìogh- 

' prionnsadh, ceann-feadhna. 
134 



achd? oir tha sibhse ag ràdh, 
gu bheil mise troimh Bheelsebub 
a' tilgeadh a mach dheamhan. 

19 Agus ma 's ann troimh 
Bheelsebub a ta mise a' tilgeadh 
mach dheamhan, cò e troimh am 
bheil bhur clann-sa 'gan tilgeadh 
mach ? uime sin bithidh iadsan 
'nam breitheamhnaibh oirbh. 

20 Ach ma 's ann le mèur Dhè 
a ta mise a' tilgeadh mach 
dheamhan, tha rìoghachd Dhè, 
gun teagamh, air teachd oirbhse. 

21 'Nuair a ghlèidheas duine 
làidir fo armaibh a thalla'^ fèin, 
tha na bhuineas da ann an sìth. 

22 Ach an uair a thig duine 
a 's treise na e, agus a bheir e 
buaidh air, bheir e uaith 'arm- 
achd uile anns an robh a dhòigh, 
agus roinnidh e a chreach. 

2.3 An neach nach 'eil leam-sa, 
tha e a' m' aghaidh ; agus an 
neach nach 'eil a' cruinneachadh 
leam-sa, sgapaidh e. 

24 'Nuair a thèid an spiorad 
neòghlan a mach à duine, imich- 
idh e troimh ionadaibh tiorma, 
ag iarraidh foise : agus an uair 
nach faigh e sin, their e, Pillidh 
mi dh'ionnsuidh mo thighe as an 
d' thàinig mi. 

25 Agus air dha teachd, gheibh 
se e air a sguabadh agus air a 
dhèanamh maiseach. 

26 An sin imichidh e, agus bheir 
e leis seachd spioraid eile a 's 
miosa na e fèin ; agus air dhoibh 
dol a steach, gabhaidh iad còmh- 
nuidh an sin : agus bithidh deir- 
eadh an duine sin ni 's miosa na 
a thoiseach, 

27 Agus an uair a bha e labh- 

' a chùirt. 



LUCAS, xr. 



airt nan nithe so, thog bean 
àraidh do n t-sluagh a guth, ag- 
us thubhairt i ris, Is beannaichte 
a' bhrù a ghiùlain thu, agus na 
ciochan a dheoghail thu. 

28 Ach thvibhairt e-san, Is mò 
gur beannaichte iadsan a dh'èisd- 
eas ri focal Dè, agus a choimh- 
ideas e. 

29 Agus an uair a chruinnich 
an sluagh gutiugh a ionnsindh, 
thòisich e air a ràdh, Is droch 
ghinealach so : tha iad ag iarr- 
aidh comhara ; agus cha toirear 
comhara dhoibh, ach comhara 
lonais an fhàidh. 

30 Oir mar a bha lonas 'na 
chomhara do mhuinntir Ninebh- 
eh, is ann mar sin mar an ceudna 
bhios Mac an duine do 'n ghin- 
ealach so. 

31 Eiridh ban-righinn nah-àirde 
deas suas anns a' bhreitheanas 
maille ri daoinibh a' ghinealaich 
so, agus ditidh i iad : oir thàinig 
ise o iomallaibh na talmhainn, a 
dh'èisdeachd ri gliocas Sholaimh ; 
agus, feuch, a ta ni 's mò na 
Solamh an so. 

32 Eiridh muinntir Ninebheh 
suas anns a' bhreitheanas maille 
ris a' ghinealach so, agus ditidh 
iad e : oir rinn iadsan aithreach- 
as le searmoin lonais ; agus, 
feuch, a ta ni 's mò na lonas 
an so. 

33 Cha 'n 'eil neach sam bith, 
air dha coinneal a lasadh, a 
chuireas am folach i, no fo 
shoitheach ; ach ann an coinn- 
leir, chum gu 'm faic an dream a 
thig a stigh an solus. 

34 Is i an t-sùil solus a' chuirp : 
uime sin an uair a bhios do 

13;> 



shùil glan, bithidh do chorp uile 
làn soluis : ach an uair a bhios 
do shùil olc, bithidh do chorp 
mar an ceudna dorcha. 

35 Uime sin thoir an aire, - 
nach bì an solus a ta annad 'na 
dhorchaclas. 

36 Air an aobhar sin ma bhith- 
eas do chorp wWe soillseach, gun 
chuid sam bith dheth dorcha, 
bithidh e soillseach gu h-iomlan, 
mar an uair a shoillsicheas coinn- 
eal thu le dealradh. 

37 Agus a' labhairt dhasan, 
dh'iarr Phàiriseach àraidh air a 
dhìnneir a ghabhail maille ris : 
agus chaidh e stigh, agus shuidli 
e chum bìdh. 

38 Agus an uair a chunnaic am 
Phàiriseach sin, b' ioghnadh leis 
nach d' ionnlaid se e fèin roimh 
a dhìnneir. 

39 Agus tlnibhairt an Tighearna 
ris, A nis, Phàiriseacha, glanaidh 
sibhse an taobh a muigh do 'n 
chupan agus do 'n mheis : ach a 
ta 'n taobh a stigh dhibh làn do 
revibainn agus do aingidheachd. 

40 Amadana, an tì a rinn an ni 
a ta 'n taobh a miiigh, nach do 
rinn e an ni a ta 'n taobh a stigh 
mar an ceudna ? 

41 Acli thugaibh uaibh dèirc 
do na nithibh a .ta agaibh : agus, 
feuch, a ta na h-uile nithe glan 
duibh. 

42 Ach is an-aoibhinn duibh, 
Phàiriseacha : oir a ta sibh a' 
toirt deachaimh à mionnt, agus à 
rù, agus as gach uile ghnè luibh- 
ean, agus a' gabhail thairis air 
breitheanas agus air gràdh Dhè : 
bu chòir dhuibh iad so a dhèan- 
amh, agus gun iad sud fhàgail 



LUCAS, 



XI XII. 



gun dèanamh. 

43 Is an-aoibliinn duibh, Phàir- 
iseacha : oir is ionmhuinn leibh 
na ceud àiteacha-suidhe anns na 
sionagogaibh, agus fàilte fhaot- 
ainn air na margaibh. 

44 Is an-aoibhinn duibh, a 
sgrìobhaichean agus Phàiris- 
eacha, a chealgairean : oir a ta 
sibh mar uaighean nach faicear, 
agus do nach toir na daoine a ta 
'g imeachd thairis orra, an aire. 

45 Agus fhreagair duine àr- 
aidh do 'n luchd-lagha, agus 
thubliairt e ris, A mhaighstir, le 
so a labhairt, tha thu toirt mas- 
laidh dhuinne mar an ceudna. 

46 Agus thubhairt e-san, Is 
an-aoibhinn dhuibh-sa mar an 
ceudna, a luchd-lagha : oir a ta 
sibh a' cur uallacha troma do 
ghiùlan air daoinibh, agus cha 
bhean sibh fèin ris na h-uallaich- 
ibh le h-aon do bhur mèuraibh. 

47 Is an-aoibhinn duibh : oir a 
ta sibh a' togail àitean-adlilaic 
nam fàidhean, agus is iad bhur 
n-aithriche a mharbh iad. 

48 Gu deimhin a ta sibh a' 
toirt fianuis gu bheil sibh ag aon- 
tachadh le gnìomharaibh bhur 
n-aithriche : oir mharbh iadsan 
gu deimhin iad, agus a ta sibhse 
a' togail an àitean-adhlaic. 

49 Air an aobhar sin thubhairt 
gliocas Dè, Cuiridh mise fàidh- 
ean, agus abstoil d' an ionnsuidh, 
agus cifid diubh marbhaidh iad, 
agus cuid eile geur-leanaidh iad : 

50 Chum gu 'n agrar air a' 
ghinealach so fuil nam fàidhean 
uile a dhòirteadh o thoiseach an 
domhain ; 

51 O fhuil Abeil gu fuil 
136 



Shachariais, a mhilleadh eadar 
an altair agus an teampull : gu 
deimhin a ta mi ag ràdh ribh, 
gu 'n agrar i air a' ghinealach so. 

52 Is an-aoibhinn duibh, a 
luchd-lagha : oir thug sibh air 
falbh iuchair an eòlais : cha 
deachaidh sibh fèin a steach, 
agus an dream a bha dol a 
steach, bhac sibh iad. 

53 Agus an uair a bha e labh- 
airt nan nithe so riu, thòisich na 
sgrìobhaichean agus na Phàir- 
isich air a chur thuige gu dian, 
agus a tharruing gu labhairt air 
mòran do nithibh : 

54 A' dèanamh feall-aire air, 
agus ag iarraidh ni èigin a 
ghlacadh as a bheul, chum gu 'm 
biodh cùis-dhìtidh aca 'na agh- 
aidh. 

CAIB. XII. 

1 Shecirmonaich Cr/osd d' a dhdsciohluihh iad 
a sheuchnadh calg, agns geilt ann an cur a 
theagaisg an cèìll. 13 Rabhudh do 'n t- 
sluagh a bhi air am faicill an aghaidh 
sainnt. 22 Cha 'n fheud sinn hhi ro- 
chùramach mu nithihh talmhaidh ; 31 ach 
is còir dhuinn rioghachd Dhe iarraidh, 
33 dèirc a thoirt uainn, 36 agus a bhi 
ullamh gus an dorus fhosgladh do 'r Tigh- 
earn, ge b' e àm an tig e, Sjc. 

ANNS an àm sin, an uair a 
bha shiagh gun àireamh 
air cruinneachadh, ionnus gu 'n 
robh iad a' saltairt air a clièile, 
thòisich e air a ràdh r' a dheis- 
ciobluibh fèin, Roimh gach ni 
bithibh air bhur faicill o thaois 
ghoirt nam Phàiriseach, eadhon 
cealgaireachd. 

2 Oir cha 'n 'eil ni air bith 
foluichte, nach foillsichear ; no 
uaigneach, air nach faighear fios. 

3 Air an aobhar sin ge b' e ni 
a labliair sibh san dorchadas, 



LUCAS, XII. 



cluinnear e san t-solus : agus 
an ni a labhair sibh sa' chluais 
an seòmraichibh uaigneach, 
gairmear e air mullach nan 
tighean. 

4 Agus a ta mi ag ràdh ribhse, 
mo chàirde, Na biodh eagal 
oirbh roimh 'n mhuinntir sin a 
mharbhas an corp, agus 'na 
dhèigh sin aig nach 'eil ni tuill- 
eadh dh'fheudas iad a dhèan- 
amh : 

5 Ach nochdaidli mi dhuibh 
cò e roimh an còir dhuibh eagal 
a bhi oirbh : Biodh eagal an Tì 
ud oirbh, aig am bheil cumh- 
achd, an dèigh neach a mharbh- 
adh, a thilgeadh do ifrinn ; seadh, 
a ta mi ag ràdh ribh, Biodh 
eagal an Tì so oirbh. 

6 Nach 'eil cùig gealbhoinn 
air an reiceadh air dhà fheoir- 
ling^ agus cha 'n 'eil aon diubh 
air dhearmad am fianuis Dè ? 

7 Ach a ta eadhon fuilteine 
bhur cinn uile air an àireamh. 
Uime sin na biodh eagal oirbh : 
is feàrr sibhse na mòran ghealbh- 
onn. 

8 Agus a ta mise ag ràdh ribh, 
Ge b' e neach a dh'aidicheas mise 
am fianuis dhaoine, aidichidh 
Mac an duine e-san mar an ceud- 
na an làthair aingle Dhè : 

. 9 Ach ge b' e neach a dh'àich- 
eadhas mise am fianuis dhaoine, 
àicheadhar e-san am fianuis ain- 
gle Dhè. 

10 Agus ge b' e neach a labh- 
ras focal an aghaidh Mhic an 
duine, maithear dha e: ach do 
'n tì a labhras toibheum an agli- 
aidh an Spioraid naoimh, cha 

^ farlhinys. Sasg, 
137 



toirear maitheanas. 

11 Agus an uair a bheir iad sibh 
chum nan sionagog, agus nan 
uachdaran, agus nan daoine 
cumhachdach, na biodh e 'na 
ro-chùram oirbh cionnus no ciod 
a f hreagras sibh, no ciod a their 
sibh : 

12 Oir teagaisgidh an Spiorad 
naomh dhuibh anns an uair sin 
fèin na nithe a 's còir dhuibh a 
ràdh. 

13 Agus thubhairt neach àraidh 
do 'n t-skiagh ris, A mhaighstir, 
abair ri m' bhràthair an oigh- 
reachd a roinn rium. 

14 Agus thubhairt e ris, A 
dhuine, cò a chuir mise a' m' 
bhreitheamh, no a' m' f hear-roinn 
os bhur ceann? 

15 Agus thubhairt e riu, Thug- 
aibh an aire, agus glèidhibh 
sibh fèin o shannt : oir cha 'n 
ann am niòr-phailteas nan nithe 
ta e sealbhachadh tha beatha an 
duine. 

16 Agus labhair e cosamhlachd 
riu, ag ràdh, Thug fearann duine 
shaoibhir àraidh bàrr pailte 
uaith : 

17 Agus smuainich e ann fèin, 
ag ràdh, Ciod a nì mi, a chionn 
nach 'eil agam àit anns an 
cruinnich mi mo thoraidh ? 

18 Agus thubhairt e, Nì mi so : 
leagaidh mi mo shaibhlean, agus 
togaidh mi saihhlean a 's mò ; ag- 
us cruinnichidh mi annta sin mo 
thoraidh uile, agus mo mhaoin. 

19 Agus their mi ri m' anam, 
Anam, a ta agad mòran do nith- 
ibh maithe air an tasgaidh fa 
chomhair mòrain bhliadhnacha ; 
gabh fois, ith, òl, agiis b\ subhach. 



LUCAS, XII. 



20 Ach tlmbhairt Dia ris, Am- 
adain, air an oidhche so fèin 
iarrar t'anam uait : an sin cò 
dha a bhuineas na nithe sin a 
dh'ulluich thu ? 

21 Is ann mar sin a ta an ti a 
thaisgeas ionmhas dha fèin, agus 
nach 'eil saoibhir a thaobh Dhè. 

22 Agus thubhairt e r' a dheis- 
ciobluibh, Uime sin a ta mise ag 
ràdh ribh, na biodh ro-chùram 
oirbh mu thimchioll bhur beatha, 
ciod a dh'itheas sibh ; no mu 
tliimchioll bhur cuirp, ciod a 
chuireas sibh umaibh. 

23 Is mò a' bheatha na 'm biadh, 
agus an corp na 'n t-eudach. 

24 Thugaibh fa'near na fìth- 
ich : oir cha 'n 'eil iadsan a' cur 
no buain ; cha 'n 'eil aca tigh- 
tasgaidh no sabhal; agus a ta 
Dia 'gam beathachadh : Cia mòr 
is feàrr sibhse na 'n eunlaith ? 

25 Agus cò agaibh-sa, le ro- 
chùram, is urrainn aon làmh- 
choille ^ a chur r' a àirde fèin ? 

2G Mur 'eil sibh uime sin 
comasach air an ni a 's lugha a 
dhèanamh, c' ar son a ta sibh 
ro-chùramach mu nithibh eile ? 

27 Thugaibh fa'near na liligh- 
ean, cionnus a ta iad a' fàs : cha 
'n 'eil iad a' saoithreachadh, no 
a' snìomh : gidheadh a ta mi ag 
ràdh ribh, nach robh Solamh 
fèin 'na ghhur uile, air a sgead- 
achadh mar aon diubh so. 

28 Agus ma tha Dia mar sin 
a' sgeadachadh an fheoir, a ta 
'n diugh sa' mhachair, agus am 
màireach air a thilgeadh san 
amhuinn ; nach mòr is mò a 
sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine 

' hhan-làmh. 

138 



air bheag creidimh ? 

29 Uime sin na iarraibh-sa 
ciod a dh'itheas sibh, no ciod a 
dh'òlas sibh, agus na bithibh 
amharusach. 

30 Oir na nithe so uile ta 
Cinnich an t-saoghail ag iarr- 
aidh : ach a ta f hios aig bhur 
n-Athair-sa gu bheil feum agaibh 
air na nithibh sin. 

31 Ach iarraibh-sa rioghachd 
Dhè, agus cuirear na nithe so 
uile ribh. 

32 Na biodh eagal ort, a 
threud bhig; oir is e deadh 
thoil bhur n-Athar an rìoghachd 
a thoirt duibh. 

33 Reicibh na bheil agaibh, ag- 
us thugaibh dèirc uaibh : dèan- 
aibh dhuibh fèin sporain nach 
fàs sean, ionmhas nach teirig 
anns na nèamhaibh, far nach tig 
gaduiche am fagus, agus nach 
truaill an reudan^. 

34 Oir ge b' e àit am bheil 
bhur n-ionmhas, an sin bithidh 
bhur cridhe mar an ceudna. 

35 Biodh bhur leasraidh crios- 
laichte mu 'n cuairt, agus hìmr 
h')chrain air an lasadh ; 

36 Agus sibh fèin cosmhuil ri 
daoinibh a ta feitheamh an 
Tighearna, 'nuair a philleas e 
o 'n phòsadh ; ' chum air dha 
teachd agiis bualadh, gu 'n grad- 
fhosgail iad dha. 

37 Is beannaichte na seirbh- 
isich sin, a gheibh an Tighearna, 
'nuair a thig e, ri faire : gu 
deimhin a ta mi ag ràdh ribh, 
gu 'n crioslaich se e fèin mu 'n 
cuairt, agus gu 'n cuir e 'nan 
suidhe iad chum bidh, agus gu 

^ leomaìin. 



LUCAS, xir. 



'n tig e mach agus gu 'n dèan e | 
fritliealadh dhoibh. 

38 Agus ma thig e san dara 
faire, no ma thig e san treas 
faire, agus gu 'm faigh e iad raar 
sin, is beannaichte na seirbhis- 
ich sin. 

39 Agus biodh cinnt agaibh 
air so, nam biodh fhios aig fear 
an tighe cia an uair anns an 
tigeadh an gaduiche, gu 'n dèan- 
adh e faire, agus nach fuilgeadh 
e a thigh a bhi air a thoUadh 
troimh. 

40 Bithibh-sa uime sin deas 
mar an ceudna : oir thig Mac 
an duine 'nuair nach saoil sibli. 

41 Agus thubhairt Peadar ris, 
A Thigliearn, an ann ruinne a ta 
thu labhairt a' chosamhlachd so, 
no ris gach uile ? 

42 Agus thubhairt an Tigh- 
earn, Cò e uime sin an stiùbh- 
ard fìrinneach agus glic sin, a 
chuireas a Thighearn os ceann a 
theaghlaich, a thoirt doibh an 
cuibhrinn bidh 'na àm fèin ? 

43 Is beannaichte an seirbh- 
iseach sin, a gheibh a Thigh- 
earn, an uair a thig e, a' dèan- 
amh mar sin. 

44 Gu fìrinneach a ta mi ag 
ràdh ribh, gu 'n cuir se e os 
ceann na bheil aige. 

45 Ach ma their an seirbhis- 
each sin 'na chridhe, Tha mo 
Thighearn a' cur dàile 'na 
theachd; agus ma thòisicheas e 
air na h-òglaich agus na banog- 
laich a bhualadh, agus itheadh, 
agus òl, agus a blii air mhisg : 

46 Thig Tighearn an t- 
seirbhisich sin ann an là nach 
'eil sùil aige ris, agus ann an 

139 



uair nach fios da, agus gearraidh 
e 'na bhloighdibh e', agus bheir 
e a chuibhrionn da maille ris na 
mVclireidich. 

47 Agus an seirbhiseach sin 
d' am b' aithne toil a mhaighstir, 
agus nach d' ulhiich e fèin, agus 
nach d' rinn a rèir a thoile, 
buailear e le mòran bhuillean. 

48 Ach an tì do nach b' aithne, 
agus a rinn nithe a b' airidh air 
buillibh, buailear e-san le beag- 
an do hhuìUihh. Oir gach neach 
d' an d' thugadh mòran, iarrar 
mòran uaith : agus ge b' e ri 'n 
d' earbadh mòran, iarrar an tuill- 
eadh air. 

49 Thàinig mise a chur teine 
air an talamh, agus ciod is àill 
leam, ma ta e cheana air fhad- 
adh. 

50 Ach a ta baisteadh agam ri 
bhi air mo bhaisteadh leis, agus 
cionnus a ta mi air mo theann- 
adh gus an coimhlionar e ! 

51 Am bheil sibh a' saoilsinn 
gu 'n d' thàinig mise a thoirt 
sithe air an tahimh? ni h-eadh, 
a ta mi ag ràdh ribh, ach aimh- 
reit. 

52 Oir bithidh à so suas cùig- 
near an aon tigh air an roinn, 
triuir an aghaidh dithis, agus 
dithis an aghaidh triuir. 

53 Bithidh an t-athair air a 
roinn an aghaidh a' mhic, agus 
am mac an aghaidh an athar ; 
a' mhàthair an aghaidh na nigh- 
inn, agus an nighean an agh- 
aidh na màthar ; a' mhàthair- 
chèile an aghaidh mnà a mic, 
agus bean a' mhic an aghaidh a 
màthar-chèile. 

' sgaraidh e uaith e. 



LUCAS, XII. XIII. 



54 Agus thubhairt e mar an 
ceudna ris an t-sluagh, 'Nuair a 
chì sibh neul ag èirigh san àird 
an iar, air ball their sibh, A ta 
fras a' teachd ; agus a ta e mar 
sin. 

55 Agus an uair a cìiì sihh a' 
ghaoth à deas a' sèideadh, their 
sibh, Bithidh teas ann ; agus a 
ta e tachairt. 

56 A chealgairean, is aithne 
dhuibh breth a thoirt air aghaidh 
nan speur, agus na talmhainn ; 
ach cionnus nach 'eil sibh a' 
toirt breth air an aimsir so? 

57 Agus c' ar son nach 'eil sibh 
eadhon uaibh fèin a' breithneach- 
adh an ni sin a ta ceart ? 

58 'Nuair a thèid thu maille ri 
d' eascaraid chum an uachdarain, 
dèan dichioll san t-slighe air bhi 
air do shaoradh uaith ' ; air eagal 
gu 'n tarruing e chum a' bhreith- 
eimh thu, agus gu 'n toir am 
breitheamh thairis do 'n mhaor 
thu, agus gu 'n tilg am maor am 
prìosan thu. 

59 A ta mi ag ràdh riut, nach 
tèid thu macli as a sin, gus an 
ìoc thu eadhon a' pheighinn 
dheireannach. 

CAIB. XIII. 

1 Shearmonaich Crlosd aithreachas o 'n sgrios 
a thàìnig air na Galilèaich, ugus air 
muinntir eile. 6 Cosamhlachd na craoibhe- 
fhìge gun toradh. 11 Shlànuich Criosd bean 
a bha air a cromadh le h-eucail phiantaich 
rè ochd bliadhna deuy ; 18 agus nochd e 
oibreachadh cumhachduch an fhocail le cos- 
amhlachd a' ghrainne mhustuird agus na 
laibhin. 

AGUS bha làthair san àm sin 
daoine àraidh a dh'innis 
dha mu thimchioll nan Galilèach, 

' air a bhi rèidh ris. ^fèichneinibfi. 
liO 



muinntir a mheasg Pilat am fuil 
maille r' an lobairtibh. 

2 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e riu, Am bheil sibh 
a' saoilsinn gu 'n robh na Gali- 
lèaich sin 'nam peacaich ni 's mò 
na na Galilèaich uile, air son gu 
'n d' f hulaing iad a leithid so ? 

3 Ni h-eadh, a ta mi ag ràdh 
ribh : ach mur dèan sibhse aith- 
reachas, sgriosar sibh uile mar 
an ceudna. 

4 No na h-ochd fir dheug sin 
air an do tliuit an tùr ann an 
8ik)am, agus a mharbh iad, an 
saoil sibh gu 'n robh iadsan 'nam 
peacaich^ os ceann nan uile 
dhaoine a bha 'nan còmhnuidh 
an lerusalem ? 

5 Ni h-eadh, a ta mi ag ràdh 
ribh : ach mur dèan siblise 
aithreachas, sgriosar sibh uile 
mar an ceudna. 

6 Labhair e mar an ceudna an 
cosamhlachd so : Bha aig duine 
àraidh crann-fìge suidhichte 'na 
ghàradh f lona ' : agus thàinig e 
ag iarraidh toraidh air, agus cha 
d' fhuair e. 

7 An sin Ihubhairt e ris a' 
ghàradair*, Feuch, a ta mi rè thrì. 
bliadhna a' teachd a dh'iarraidh 
toraidh air a' chrann-f hige so, ag- 
us cha 'n 'eil mi faotainn a bheag ; 
geàrr sìos e, c' ar son a ta e 
fàsachadh an tahiihainn ? 

8 Agus fhreagair e-san agus 
thubhairt e ris, A Thighearna, 
leig leis air a' bhliadhna so mar 
an ceudna, gus an cladhaich mi 
m' a thimchioll, agus gu 'n cuir 
mi aolach^ m a bhim : 

9 Agus ma ghiùlaineas e tor- 

^ fhìon-lios. ^ ghaiì-dinear. * inncir. 



LUCA 



S, XIIL 



adh, is maith sin : ach mur giùlain, 
'na dhèigh sin gearraidh tu sios e. 

10 Agus bha e a' teagasg an 
aon do na sionagogaibh air an 
t-sàbaid. 

11 Agus, feuch, bha bean àraidh 
a lathair aig an robh spiorad 
anmhuinneachd rè ochd bliadhna 
deug, agus bha i air a cromadh 
ri chèile, agus gun chomas aice 
air chor sam bith i fèin a dhìr- 
eachadh. 

12 Agus an uair a chunnaic 
losa i, ghairm e d' a ionnsuidh i, 
agus thubhairt e rithe, A bhean, 
tlia thu air d' fhuasgladh' o d' 
anmhuinneachd. 

13 Agus chuir e a làmhan oirre ; 
agus air bali" rinneadh dìreach i, 
agus thug i gh)ir do Dhia. 

14 Agus fhreagair uachdaran 
na sionagoig, agus e làn do f heirg 
air son gu 'n d' rinn losa leigh- 
eas air là na sàbaid, agus tliu- 
bhairt e ris an t-sluagli, Tlia sè 
làithean anns an còir obair a 
dhèanamh : orra so air an aobliar 
sin thigibh, agus bithibh air bhur 
leigheas, agus na b' ann air là na 
sàbaid. 

15 An sin fhreagair an Tigh- 
earn e, agus tliubhairt e, A chealg- 
air^, nacli fuasgail gach aon agaibh 
a dhamli no 'asal o 'n phrasaich, 
agus nach toir e gu uisge e air 
là na sàbaid ? 

16 Agus nach bu chòir a' bhean 
so, a ta 'na nighinn do Abraham, 
a cheangail Sàtan a nis rè ochd 
bliadhna deug, a bhi air a fuas- 
gladh o 'n chuibhreach so air là 
na sàbaid ? 

' air do shaoradh. ^ san uair sin fèin. 
' A chealgaìrean, 
141 



17 Agus an uair a thubhairt e 
na nithe sin, cliuireadh a naimh- 
dean uile gu nàire : aeh rinn an 
sluagh uile gàirdeachas, air son 
nan uile nithe glòrmhor a rinn- 
eadh leis. 

18 An sin thubhairt e, Cò ris 
a ta rioghachd Dhè cosmhuil ? 
agus cò ris a shamhlaicheas mi i ? 

19 Tlia i cosmhuil ri gràinne 
do sliìol mustaird, a ghabh duine, 
agus a chuir e 'na ghàradh : ag- 
us dh'fliàs e, agus rinneadh 
craobh mhòr dheth ; agus rinn 
eunlaitli an athair nid 'na geug- 
aibh. 

20 Agus thubhairt e a rìs, Cò 
ris a shamhlaicheas mi rìogh- 
achd Dhè ? 

21 Tha i cosmhuil ri taois 
ghoirt^, a ghabh bean agus a dh'- 
fliolaicli i an trì tomliasaibli 
mine, gus an do ghoirticheadh 
an t-iomlan. 

22 Agus chaidh e troimh^ gach 
caithir agus baile beag, a' teag- 
asg, agus a' gabhail na slighe gu 
lerusalera. 

23 An sin thubhaìrt neach 
àraidh*' ris, A Thighearn,an tearc 
iad a shaorar? Agus tliubhairt 
e-san riu, 

24 Dèanaibh spairn chruaidh 
gu dol a stigh air a' gheata 
cliumhann : oir a ta mi ag ràdh 
ribh, gu 'n iarr mòran dol a stigh, 
agus nach urrainn iad. 

25 O 'n uair a dh'èireas fear an 
tighe, agus a dhùineas e 'n dorus, 
agus a tliòisicheas sibhse air seas- 
amh a muigh, agus an dorus a 
bhualadh, ag ràdh, A Thighearn, 

^ laibhin. ' tì'e, trid, 

^ àraid. 



LUCAS, XIII. XIV. 



a Thigliearn, fosgail duinn ; ag- 
us air dhasan freagairt their e 
ribh, Cha 'n aithne dhomh sibh, 
cò as a ta sibh : 

26 An sin tòisichidh sibh air a 
ràdh, Dh'ith sinn agus dh'òl sinn 
a' d' làthair, agus theagaisg thu 
'nar sràidibh. 

27 Ach their e-san, A ta mi ag 
ràdh ribh, cha 'n aithne dhomh 
sibh, cò as a ta sibh ; imichibh 
uam uile, a luchd-dèanamh na 
h-eucorach. 

28 An sin bithidh gul agus 
gìosgan fhiacal, an uair a chì 
sibh Abraham, agus Isaac, agus 
lacob, agus na fàidhean uile ann 
an rioghachd Dhè, agus sibh fèin 
air bhur tilgeadh a mach. 

29 Agus thig iad o 'n àird an 
ear, agus o 'n àird an iar, agus 
o 'n àirde tuath agus deas, agus 
suidhidh iad ann an rioghachd 
Dhè. 

30 Agus, feuch, a ta daoine air 
dheireadh a bhitheas air thois- 
each, agus air thoiseach a bhith- 
eas air dheireadh. 

31 Air an là sin fèin thàinig 
Phàirisich àraidh d' a ionnsuidh, 
ag ràdh ris, Gabh' a mach agus 
imich à so : oir tha toil aig He- 
rod do mharbhadh. 

32 Agus thubhairt e riu, Im- 
ichibh agus innsibh do 'n t-sionn- 
ach sin, Feuch, a ta mi tilgeadh 
mach dheamhan, agus a ta mi 
dèanamh leigheas an diugh, ag- 
us am màireach, agus air an treas 
là bithidh mi air mo dhèanamh 
foirfe. 

33 Gidheadh, is èigin domh 
imeachd an diugh agus am màir- 

' Theirig, Rach. 
142 



each, agus an la 'na dhèigh sin : 
oir cha 'n f heud e bhi gu 'n cuir- 
ear fàidh gu bàs a mach à leru- 
salem. 

34 A lerusalem, a lerusalem, a 
mharbhas na fàidhean, agus a 
chlachas an dream a chuirear a 
d' ionnsuidh : cia minic a b' àill 
leam do chlann a chruinneach- 
adh, mar a chriiinnicheas cearc 
a h-àlach fuidh a sgiathaibh, agus 
cha b' àill leibh ! 

35 Feuch, dh'f liàgadh bhur tigh 
fàs agaibh : agus gu deimhin a 
ta mi ag ràdh ribh, nach faic 
sibh mise, gus an tig an t-àm, 
anns an abair sibh, Is beann- 
aichte an tì a thig an ainm an 
Tighearna. 

CAIB. XIV. 

1 Shlnnuich Criosd neach air an rohh a' 
mhend-bhronn, 7 thcagaisg e irioslachd. 
16 Le cosamhlachd na suipeir mbire, nochd 
e cionnus a bhios daoine saoghalta, a nì tàir 
air focal Dè, air an druideadh a mach à 
rloghachd nèimh. 25 Is còir do 'n dream 
le 'm b' dill a bhi 'nan deisciobuil daan crann- 
ceusaidh a ghiùlan. 

AGUS thàrladh, an tràth 
chaidh e gu tigh uachdar- 
ain àraidh do na Phàirisich a 
dh'itheadh bidh air là na sàbaid, 
gu 'n robh iad a' dèanamh geur- 
f haire air. 

2 Agus, feuch, bha duine àr- 
aidh 'na làthair air an robh a' 
mheud-bhronn 

3 Agus fhreagair losa, agus 
labhair e ris an luchd-lagha, 
agus ris na Phàirisich, ag ràdh, 
Am bheil e ceaduichte leigheas 
a dhèanamh air là na sàbaid ? 

4 Ach dh'fhan iadsan'nan tosd. 

- dropsy. Sasg. 



LUCAS, xrv. 



Agus air dha breitli air, leigbis ! 
se e. agiis leig e uaitli e : 

5 Agus fbreagair e iadsan^. ag 
ràdli, Cò agaibh-sa, ma thuiteas 
'asal no a dbamh ann an slocbd, 
nach tarruing a macb gu grad e 
air là na sàbaid ? 

6 Agus cba b' urrainn iad a 
f breao;airt a rìs anns an nithibh 
sin, 

7 Agus labbair e cosamblacbd - 
riu-san a f buair cuireadh, 'nuair a 
thug e fa'near mar a tbagb iad na 
ceud àiteacha-suidbe, ag ràdli riu, 

8 'Nuair a gbeibb thu cuir- 
eadh o neach air bith chum 
bainnse, na suidh anns a' cheud 
àit : air eagal gu 'n d' f huair 
duine a 's urramaicbe na tbusa 
cuireadh uaith ; 

9 Agus gu 'n tig an tì a thug 
cuireadb dliuitse agus dhasan, 
agus gu 'n abair e riut, Tboir 
àit do 'n duine so ; agus gu 'n 
tòisich thusa an sin le nàire air 
suidlie anns an àit a 's ìsle. 

10 Ach an uair a gheibh thu 
cuireadli, imich agus suidli anns 
an àit a 's ìsle ; chum, 'nuair a 
thig e-san a thug cuireadh dliuit, 
gu 'n abair e riut, A charaid, 
suidh suas ni 's àirde : an sin 
gheibb thu urram an làthair na 
muinntir a ta 'nan suidlie air 
bòrd maille riut. 

11 Oir ge b' e neacb a db'àrd- 
aicbeas e fèin, ìslichear e ; agus 
ge b' e neach a dli'lslicheas e 
fèin, àrdaichear e. 

12 An sin tliubhairt e ris an tì 
mar an ceudna a thug cuireadh 
dha, 'Nuair a nì thu dìnneir no 
suipeir, na gairm do chàirdean, 

lalhair e riu a rìs. - comhad, parahal. 
143 



! no do bbràitbre, no do lucbd- 
dàimb, no do choimhearsnaich 
sbaoibhir ; air eagal gu 'n toir 
iadsan mar an ceudna cuireadh 
dhuitse a rìs, agus gu 'm faigb 
tbu a' cbomain cheudna. 

13 Ach an uair a nì tbu cuirm 
gairm na bochdan, na daoine 
ciurramacb, na bacaich, na doiU : 

14 Agusbithidli tu beannaichte, 
a chionn nacb urrainn iad a' 
chomain cheudna thoirt duit : 
oir gbeibh thu comain ann an 
aiseirigli nam fìrean. 

15 Agus an uair a chual aon do 
na shuidb maille ris air bòrd na 
nithe sin, thubhairt e ris, Is 
beannaichte an tì sin a dh'itheas 
aran ann an rìogbachd Dhè. 

16 Ach tbubbairt e-san ris, Rinn 
duine àraidli suipeir mhòr, agus 
tbug e cuireadh do mbòran : 

17 Agus cbuir e a sbeirbbis- 
eacb uaitb an àm na suipeir a 
ràdh ris a' mbuinntir a fhuair 
cuireadh, Tliigibb, oir a ta na h- 
uile nitbe a nis ullamh. 

18 Agus thòisich iad uile a dh'- 
aon glaith air an leitbsgeul a 
ghabhaiL Thubhairt an ceud 
fhear ris, Cheannaicb mi fear- 
ann, agus is èigin domb dol a 
mach agus fbaicinn : tha mi ag 
guidhe ort, gabh mo leitbsgeub 

19 Agus tbubbairt fear eile, 
Cheannaich mi cùig cuing dhamb, 
agus a ta mi dol g' an dearbh- 
adh : tba mi ag guidbe ort, gabh 
mo leithsgeul. 

20 Agus tbubhairt fear eile, 
Phòs mi bean, agus air an aobb- 
ar sin cba 'n 'eil e 'n comas domh 
teachd. 

^fèisd. 



LUCAS, 



XIV. XV. 



21 Agus thàinig an seirbhis- 
each sin, agus dh'innis e na nithe 
sin d' a thighearn. An sin air 
gabhail feirge do f hear an tighe, 
thubhairt e r' a sheirbhiseach, 
Gabh a mach gu grad gu sràidibh 
agus gu caol-shràidibh a' bhaile, 
agus thoir a stigh an so na bochd- 
an, agus na daoine ciurramach, 
agus na bacaich, agus na doill. 

22 Agus thubhairt an seirbh- 
iseach, A Thighearn, rinneadh 
mar a dh'òrduich thu, gidheadh 
tha àite falamh ann fathast. 

23 Agus thubhairt an Tigh- 
earna ris an t-seirbhiseach, Gabh 
a mach gus na rathaidibh mòra 
agus na gàrachaibh, agus co- 
èignich iad gu teachd a steach, 
chum gu 'm bì mo tliigh air a 
lìonadh. 

24 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
nach blais aon do na daoinibh 
ud a fhuair cuireadh, do m' 
shuipeir-sa. 

25 Agus bha sluagh mòr ag 
imeachd maille ris : agus air 
dha tionndadh, thubhairt e riu, 

26 Ma thig neach air bith a m' 
ionnsuidh-sa, agus nach fuath- 
aich e' athair, agus a mhàthair 
agus a bhean-phòsda, agus a 
chlann, agus a bhràithrean, agus 
a pheathraichean, seadh, agus a 
bheatha mar an ceudna, cha 'n 'eil 
e 'n comas da bhi 'na dheisciobul 
dhomh-sa. 

27 Agus ge b' e neach nach 
giùlain a chrann-cèusaidh, agus 
nach lean mise, cha 'n. 'eil e 'n 
comas da bhi 'na dheisciobul 
dhomh-sa. 

28 Oir cò am fear agaibh-sa 
leis am miann tùr a thogail, nach 

1 i4 



suidh slos air tùs, agus nach 
meas an costus, a dh'f heuchainn 
am bheil aige na chuireas crìoch 
air ? 

29 Air eagal an dèigh dha a 
bhunadh a leagadh, agus gun 
bhi comasach air crioch a chuir 
air, gu 'n tòisich na h-uile a chì 
e ri fanoid air, 

30 Ag ràdh, Thòisich an duine 
so air tigh a thogail, agus cha 
b' urrainn e a chrìochnachadh. 

31 No cò an righ, ag dol a 
mach dha gu cogadh an agh- 
aidh rìgh eile, nach suidh sios 
air tùs, agus nach gabh comh- 
airle, a dh'fheuchainn an urr- 
ainn e le deich mìle coinneamh 
a thoirt dasan a ta teachd le 
fichead mìle 'na aghaidh ? 

32 No air bhi dhasan fathast 
fad uaith, cuiridh e teachdair- 
eachd a dh'iarraidh cumhachan 
sìthe. 

33 Mar sin mar an ceudna, gach 
neach agaibh-sa, nach trèig na 
h-uile nithe a ta aige, cha 'n 'eil 
e 'n comas da bhi 'na dheisciobul 
dhomh- sa. 

34 Tha 'n salann maith : ach 
ma chailleas an salann a bhlas, 
ciod e leis an dèanar deadh- 
bhlasda e ? 

35 Cha 'n 'eil e iomchuidh 
chum an tahiihainn, no chum 
an dùnain ' ; ach tilgidh daoine 
mach e. An tì aig am bheil cluasa 
chum èisdeachd, èisdeadh e. 

CAIB. XV. 

1 Cosamhlachd na caorach caillte, 8 a' mhìr 
airgid, 11 agus a' mhic struidheil. 

AN sin thàinig na cis-mhaoir 
uile agus na peacaich am 

' òtraich. 



LUCAS, XV. 



fagus da, clium èisdeaclid ris. 

2 Agus rinn na Phàirisich agus 
na sgriobhaichean gearan, ag 
ràdh, Tha am fear so gabhail 
pheacach d' a ionnsuidh, agus ag 
itheadh maille riu. 

3 Agus labhaire-san an cosamh- 
lachd so riu, ag ràdh, 

4 Cò an duine dhibhse aig am 
bheil ceud caora, ma chailleas e 
aon diubh, nach fàg an naoi deug 
affus an ceithir fichead anns an 
f hàsach, agus nach tèid an dèigh 
na caorach a chailleadh, gus am 
faigh e i ? 

5 Agus air dha a faotainn, cuir- 
idh e air a ghuailHbh i le gàird- 
eachas. 

6 Agus an uair a thig e dhach- 
aidh, gairmidh e a chàirdean 
agus a choimliearsnaich an ceann 
a chèile, ag ràdh riu, Dèanaibh 
gàirdeachas maille rium-sa, a 
chionn gu'n d'fhuair mi mo 
chaora bha caillte. 

7 Mar sin, a ta mi ag ràdh 
ribh, gu 'm bi aoibhneas air 
nèamh airson aoin pheacaich a nì 
aithreachas, ni's mò na air son 
naoi deug agus ceithir fichead 
firean, aig nach 'eil feum air 
aithreachas. 

8 No cò a' bhean aig am bheil 
deich buinn airgid, ma chailleas 
i aon bhonn diulDh, nach las 
coinneal, agus nach sguab an 
tigh, agus nach iarr gu dichioll- 
ach gus am faigh i e ? 

9 Agus air dh'i fhaotainn, gairm- 
idh i a ban-chàirdean agus a 
ban-choimhearsnaich an ceann a 
chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàird- 

' ana-caithtich. ' hhuachailkachd, 
^ cochallaibh. 
145 



eachas leam-sa, oir f huair mi am 
bonn a chaill mi. 

10 Mar an ceudna a ta mi ag 
ràdh ribh, A ta gàirdeachas an 
làthair aingle Dhè, air son aoin 
pheacaich a nì aithreachas. 

11 Agus thubhairt e, Bha aig 
duine àraidh dithis mhac : 

12 Agus thubhairt am mac a 
b' òige dhiubh r' a athair, Ath- 
air, thoir dhomh-sa a' chuid- 
roinn a thig orm do d' mhaoin. 
Agus roinn e eatorra a bheath- 
achadh. 

13 Agus an dèigh beagain do 
làithibh, chruinnich am mac a 
b'òige a chuid uile, agus ghabh 
e a thurus do dhùthaich fad air 
astar, agus an sin chaith e a 
mhaoin le beatha struidheasaich'. 

14 Agus an uair a chaith e a 
cìmid uile, dh'èirich gorta ro 
mhòr san tìr sin ; agus thòisich 
e ri bhi ann an uireasbhuidh. 

15 Agus chaidh e agus cheang- 
ail se e fèin ri aon do shaor- 
dhaoinibh na dùthcha sin ; agus 
chuir e d' a f hearann e, a bhiadh- 
adh" mhuc. 

16 Agus bu mhiann leis a 
bhrù a lionadh do na plaosgaibh^ 
a bha na mucan ag itheadh ; ach* 
cha d'thug neach air bith dha. 

17 Agus an uair a thàinig e 
d' a ionnsuidh' fèin, thubhairt e, 
Cia lìon do luchd-tuarasdail 
m' athar-sa aig am bheil aran gu 
leoir'' agus r' a sheachnadh, 'nuair 
a ta mise a' bàsachadh le gorta ? 

18 Eiridh mi, agus thèid mi 
dh'ionnsuidh m' athar, agus their 
mi ris, Athair, pheacaich mi an 

^ oir. ^ thuige, chuige, 

* leòr. 

L 



LUCAS, 



i, XV. XVI. 



aghaidh fhlaitheanais, agus a' d' 
làthair-sa. 

19 Agus cha'n airidh* mi tuill- 
eadh gu 'n goirte do mhac-sa 
dhiom : dèan mi mar aon do d' 
luchd-tuarasdail. 

20 Agus dh'èirich e, agus 
chaidh e dh'ionnsuidh 'athar. 
Ach air dha blii fathast fad 
uaith, chunnaic 'athair e, agus 
ghabh e truas mòr dheth, agus 
ruith e, agus thuit e air a mhuin- 
eal, agus phòg se e. 

21 Agus thubhairt am mac 
ris, Athair, pheacaich mi an agh- 
aidh fhlaitheanais, agus a' d' 
làthair-sa, agus cha 'n airidh mi 
tuilleadh gu 'n goirte do mhac 
dhìom. 

22 Ach thubhairt an t-athair 
r' a sheirbhisich, Thugaibh a 
mach a' chulaidh a 's feàrr, agus 
cuiribh uime i ; agus cuiribh 
fàinne air a làimh, agus brògan 
air a chosaibh. 

23 Agus thugaibh an so an 
laogh biadhta, agus marbhaibh 
e ; agus itheamaid agus biom- 
aid subhach : 

24 Oir bha mo mhac so marbh, 
agus tha e beò a rìs ; bha e 
caillte, agus fhuaradh e. Agus 
thòisich iad air bhi subhach. 

25 A nis bha a mhac bu shine 
mach san fhearann : agus an 
uair a thàinig e, agus a thàr^ e 
am fagvis do'n tigh, chual e an 
ceòl agus an dannsa. 

26 Agus ghairm e d' a ionn- 
suidh aon do na h-òglaich, agus 
dh'fhiosraich e ciod bu chiall do 
na nithibh sin. 

27 Agus thubhairt e-san ris, 

' cha'n fhiù. 
146 



Thàinig do bhràthair ; agus 
mharbh t' athair an laogh biadh- 
ta a chionn gu'n d' fhuair e rìs 
slàn fallain e. 

28 Agus ghabh e-san fearg, 
agus cha b' àiU leis dol a stigh : 
air an aobhar sin thàinig 'athair 
a mach, agus chuir e impidh air. 

29 Ach fhreagair e-san agus 
thubhairt e r' a athair, Feuch, a 
ta mise a' dèanamh seirbhis duit 
an uiread so do bhliadhnach- 
aibh, agus uair air bith cha do 
bhris mi t' àithne, gidheadh cha 
d' thug thu meann riamh dhomh, 
chum gu'm bithinn subhach 
maille ri m' chàirdibh. 

30 Ach an uair a thàinig do 
mhac so, a dh'ith suas do bheath- 
achadh maille ri strìopaichibh, 
mharbh thu an laogh biadhta 
dha. 

31 Agus thubhairt e ris, A 
mhic, tha thusa a ghnàth maille 
rium, agus na h-uile nithe a's 
leamsa, is leatsa iad. 

32 Bu chòir dhuinn a bhi 
subhach, agus aoibhneach ; oir 
bha do bhràthair so marbh, agus 
tha e beò a ris ; agus bha e 
caillte, agus fhuaradh e. 

CAIB. XVI. 

1 Cosamhlachd an stiìihhaird eucoraich. 14 
Chronuich Cr)osd cealg nam Phàiriseach 
sanntach. 19 Cosamhlachd a' gheòcair 
shaoibhir^ agus an duine bhocM Lasaruis. 

AGUS thubhairt e mar an 
ceudna r' a dheisciobkiibh, 
Bha duine saoibhir àraidh ann 
aig an robh stiùbhard ; agus 
chasaideadh ris e, mar neach a 
bha dèanamh ana-caithidh air a 
mhaoin. 

^ tharruing. 



LUCAS, 



XVII. 



2 Agus ghairm se e, agus 
thubhairt e ris, Ciod e so a ta 
mi cluinntinn mu d' thimchioll ? 
thoir cunntas air do stiùbhard- 
achd; oir cha'n fheud thu bhi 
ni 's faide a' d' stiùbhard. 

3 An sin thubhairt an stiùbh- 
ard ann fèin, Ciod a nì mi ? oir 
a ta mo mliaighstir a' toirt na 
stiùbhardachd uam : cha'n urr- 
ainn mi ruamhar a dhèanamh, 
is nàr leam dèirc iarraidh. 

4 A ta fhios agam ciod a nì 
mi, chura 'nuair a chuirear as an 
stiùbhardachd mi,. gu 'n gabh 
iad a steach d' an tighibh mi. 

5 Agus air dha gach aon diubh- 
san air an robh fiachan aig a 
Thighearn a ghairm d' a ionn- 
suidh, thubhairt e ris a' cheud 
fhear, Cia meud a ta aig mo 
Thighearn ortsa ? 

6 Agus thubhairt e-san, Ceud 
tomhas ' oladh. Agus thubhairt 
e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus 
suidh sìos gu h-ealamh, agus 
sgrìobh leth-cheud. 

7 An sin thubhairt e ri fear 
eììe, Agus cia meud a ta ai(^ 
ortsa? Agus thubhairt e-san, 
Ceud tomhas^ cruithneachd. Ag- 
us; tliubhairt e ris, Gabh do 
sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir 
fichead. 

8 Agus mhol an Tighearn an 
stiùbhard eucorach, do bhrìgh 
gu'n d' rinn e gu glic : oir a ta 
clann an t-saoghail so 'nan gin- 
ealach fèin ni 's glice na clann 
an t-soluis. 

9 Agus a ta mise ag ràdh 
ribh, Dèanaibh dhuibh fèin càird- 
ean le Mamon na h-eucorach ; 

' bat. omer. 
147 



chum 'nuair a shiubhlas sibh^, 
gu 'n gabhar sibh do àitibh-còmh- 
nuidh sìorruidh. 

10 An tì a ta flrinneach anns 
an ni a 's lugha, tha e fìrinn- 
each mar an ceudna ann am 
mòran ; agus an tì a ta eucor- 
aeh anns an ni a 's lugha,, tha e 
eucorach ann am mòran mar an 
ceudna. 

11 Air an aobhar sin mur 
robh sibh fìrinneach anns an 
t-saoibhreas eucorach, cò a dh'- 
earbas ribh an saoìbhreas flor ? 

12 Agus mur robh sibh fìrinn- 
each ann an cuid duine eile, 
cò a bheir dhuibh an ni a's leibh 
fèin ? 

1.3 Cha 'n 'eil seirbhiseach sam 
bith comasach,, air seirbhis a 
dhèanamh do, dhà thighearn ; 
oir an dara cuid fuathaichidh 
e aon diubh, agus bheir e gràdh 
do'n fhe.^ eile ; no gabhaidh e 
le aon diubh agus nì e tàir air 
an fhear eile. Cha'n 'eil sibh 
comasach air seirbhis a dhèan- 
amh do Dhia agus do Mhamon. 

14 Agus chuala na Phàirisich, 
a bha sanntach, na nithe sin 
uile : agus rinn iad fanoid air. 

15 Agus thubhairt e riu, Is 
siblise an dream a ta 'gur fìrean- 
achadh fèin am fianuis dhaoine ; 
ach is aithne do Dhia bhur 
aridheachan : oir an ni sin a ta ro 
mheasail aig daoinibh, is gràin- 
eileachd e am fianuis Dè. 

16 Bha an lagh agus na fàidh- 
ean ann gu teachd Eoin : o sin 
tha rìoghachd Dhè air a sear- 
monachadh*, agus a ta gach duine 
a' dol le dian strì a steach innte. 

'nuair is bàs duibh. ^ soìsyeiilachadU, 
L 2 



LUCAS, XVI. XVII. 



17 Agus is usadli do nèamh 
agus do'n talamh dol thairis, na 
do aon lide do'n lagh tuiteam. 

18 Gach neach a chuireas uaith 
a bhean, agus a phòsas bean eile, 
tha e dèanamh adhaltrannais : 
agus ge b' e neach a phòsas a' 
bhean a chuireadh air falbh o a 
fear, tha e dèanamh adhaltrann- 
ais. 

19 Bha duine saoibhir àraidh ann, 
a bha air a sgeadachadh le pur- 
pur ' agus lìon-eudach grinn, agvs 
bha e caitheadh a beatha gach 
là gu sòghail le mòr-ghreadh- 
nachas : 

20 Agus bha duine bochd àraidh 
ann, d' am b' ainm Lasarus, a 
chuireadh 'na luidhe aig a dhor- 
us, làn do chreuchdaibh, 

21 Agus bu mhiann leis bhi 
air a shàsuchadh leis an sbruiì- 
each a bha tuiteam o bhòrd an 
duine shaoibhir : seadh, agus 
thàinig na madraidh agus dh'- 
imlich iad a chreuchdan. 

22 Agus thàrladh gu 'n d' f huair 
an duine bochd bàs, agus gu'n 
do ghiùlaineadh leis na h-aing- 
libh e gu uchd Abrahaim : f huair 
an duine saoibhir bàs mar an 
ceudna, agus dh'adhlaiceadh e. 

23 Agus ann an ifrinn thog e 
suas a shùilean, air dha bhi ann 
am piantaibh, agus chunnaic e 
Abraham fad uaith, agus Lasar- 
us 'na uchd. 

24 Agus ghlaodh e, agus thubh- 
airt e, Athair Abrahaim, dèan 
tròcair orm, agus cuir Lasarus, 
chum gu 'n tum e bàrr a mheoir 
ann an uisge, agus gu'm fuaraich 
e mo theangadh ; oir a ta mi air 

' gorm-dhearg, corcur. 
148 



mo ro-phianadh san lasair so. 

25 Ach thubhairt Abraham, A 
mhic, cuimhnich gu'n d' fhuair 
thusa do nithe maithe ri àm 
dhuit bhi beò, agus Lasarus mar 
an ceudna droch nithe : ach a 
nis a ta e-san a' faotainn sòlais, 
agus a ta thusa air do phian- 
adh. 

26 Agus a bhàrr air so uile, 
tha doimhne mhòr air a cur 
eadar sinne agus sibhse, air chor 
agus iadsan le am b' àill dol à so 
do 'ur ionnsuidh-sa, nach 'eil e 
'n comas doibh ; agus nach mò 
tha e 'n comas do aon neach 
teachd à sin d' ar n-ionnsuidh-ne. 

27 An sin thubhairt e, Uime 
sin tha mi a' guidhe ort, athair, 
gu 'n cuireadh tu e gu tigh 
m' athar : 

28 Oir a ta cùignear bhràith- 
rean agam ; chum gu'n toir e 
fianuis doibh, air eagal gu'n tig 
iadsan mar an ceudna do 'n ionad 
ro phiantach so. 

29 Thubhairt Abraham ris, 
Tha Maois agus na fàidhean aca, 
èisdeadh iad riu-san. 

30 Agus thubhairt e-san, Ni 
h-eadh, Athair Abrahaim : ach 
ma thèid neach d' an ionnsuidh 

na marbhaibh, nì iad aith- 
reachas. 

31 Agus thubhairt e ris, Mur 
èisd iad ri Maois agus ris na 
fàidhibh, cha mhò a chreideas 
iad, ged èireadh neach o na 
marbhaibh, 

CAIB. XVII. 

1 Theagaisg Crìosd gur còir dhuinn aobhar 
oUhheim a shi achnadh, 3 ugus maithennns 
a thoirt d'a chèile ; 6 noehd e mòr-chumh- 
achd beò chreidimh ; 7 gii 'm hheil sinne fo 
cheangiit do Dhia^ agus nach 'eil e-san mar 



LUCA 



S, XVII. 



sìii dlìumm. 11 Shlànuich e deichncar 
lobhar. 22 Lahhair c mu r)oghachd Dhe, 
agus mu theachd mhic an duìne. 

AN sin thubhairt e r' a dheis- 
ciobkiibh, Cha'n fheudar 
nach tig oilbheuman : ach is an- 
aoibhinn dasan troimh an tig 
iad. 

2 B' fheàrr dha gu'm biodh 
clach-mhuilinn air a crochadh 
m'a mhuineal, agus gu'm biodh 
e air a thilgeadh san fhairge, na 
gu'n tugadh e oilbheum' do aon 
neach do'n mhuinntir bhig so. 

3 Thugaibh an aire dhuibh 
fèin : ma pheacaicheas do bhràth- 
air a' d' aghaidh, cronuich e ; 
agus ma ghabhas e aithreachas, 
thoir maitheanas da. 

4 Agus ma pheacaicheas e a' d' 
aghaidh seachd uairean san là, 
agus gu 'ra piU e riut seachd 
uairean san là, ag ràdh, Tha 
aithreachas orm ; thoir maith- 
eanas da. 

5 Agus thubhairt na h-abstoil 
ris an Tighearn, Meudaich ar 
creidimh. 

6 Agus thubhairt an Tighearn, 
Nam biodh agaibh creidimh mar 
ghràinne do shlol mustaird, their- 
eadh sibh ris a' chraoibh Shic- 
amin so, Bì air do spìonadh as 
do fhreumhaibh, agus bì air do 
shuidheachadh sa' chuan ; agus 
bhitheadh i ùmhal duibh. 

7 Ach cò agaibh-sa aig am 
bheil seirbhiseach a' treabhadh, 
jno ri buachailleachd, a their ris, 
an dèigh dha teachd a steach o 
'n fhearann, Thig air ball, agus 
suidh sios chum bidh ? 

8 Agus nach dòchadh e ràdh 



ris, Ulluich ni a ghabhas mise 
gu m' shuipeir, agus crioslaich 
thu fèin, agus fritheil domh, 
gus an ith agus an òl mi ; agus 
'na dhèigh sin ithidh agus òl- 
aidh tusa ? 

9 An toir e buidheachas do'n 
t-seirbhiseach sin do bhrìgh ga'n 
d' rinn e na nithe a dh'òrduich- 
eadh dha? cha saoil mi gu'71 
toir. 

10 Mar sin sibhse, 'nuair a ni 
sibh na h-uile nithe a dh'àithn- 
eadh dhuibh, abraibh, Is seirbh- 
isich neo-tharbhach sinn : oir 
rinn sinn a mhàbi an ni bu dligh- 
each dhuinn a dhèanamh. 

11 A nis, ag dol suas da gu le- 
salem, chaidh e troimh mheadh- 
on Shamaria agus Ghalile^. 

12 Agus an uair a bha e dol a 
stigii do bhaile àraidh, thachair 
deichnear dhaoine air a bha 'nan 
lobhair, a slieas fad uaith : 

13 Agus thog iad suas an guth, 
ag ràdh, losa, a mlìaighstir, dèan 
tròcair oirnn. 

14 Agus an uair a cliunnaic e 
iad, thubhairt e riu, Imiclnbh, 
noclidaibh sibh fèin do na sagart- 
aibh. Agus ag imeachd dhoibli, 
ghlanadh iad. 

15 Agus an uair a chunnaic 
aon diubli gu'n do leigliiseaclh 
e, phill e air ais, a' toirt glòire 
do Bhia le guth àrd, 

16 Agus thuit e air aghaidh aig a 
chosaibh-san, a' toirt buidheach- 
ais da: agus bu Shamaritanach e. 

17 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e, Nach do ghlanadh 
deichnear ? ach an naoinear, c' 
àit am bheil iad ? 



' aobhar tuislidh. 
149 



eadar Samaria ayus Galile. 



LUCAS, XVII. 



18 Clia d' fhuaradh a phill a 
thoirt ghnre do Dhia, ach an 
coigreach so. 

19 Agus thubhairt e ris, Eirich, 
imich ; shlànuich do chreidimh 
thu. 

20 Agus an uair a dh'fheòr- 
aich na Phàirisich dheth, c'uin 
a thigeadh rioghachd Dhè, 
fhreagair e iad agus thubhairt 
e, Cha tig rioghachd Dhè air 
chor gu faicear i \ 

21 Cha mhò a their iad, Feuch 
an so, no, Feuch an sin : oir 
feuch, a ta rioghachd Dhè an 
taobh a stigh dhibh 

22 Agus thubhairt e ris na 
deisciobluibh, Thig na làithean 
anns am miannach leibh aon do 
làithibh Mhic an duine fhaicinn, 
agus cha'n fhaic sibh e. 

23 Agus their iad ribh, Feuch 
an so, no, Feuch an sud : na 
rachaibh, agus na leanaibh iad. 

24 Oir mar a ta an dealan- 
ach a dhealraicheas o aon ionad 
fo nèamh, a' soillseachadh gus 
an ionad eile fo nèamh, mar sin 
a bhitheas Mac an duine mar 
an ceudna 'na là fèin. 

25 Ach is 'èigin da air tùs 
mòran do nithibh fhuìang, agus 
a bhi air a dhiùltadh leis a' 
ghinealach so. 

26 Agus mar a bha e ann an 
làithibh Noe, mar sin mar an 
ceudna bithidh e ann an làith- 
ibh Mhic an duine : 

27 Bha iad ag itheadh agus 
ag òl, a' pòsadh agus air an 
toirt am pòsadh, gus an là an 
deachaidh Noe a steach do 'n 
àirc : agus thàinig an dile^, agus 

' (ju mothaichear dh'i. cheanu 'nur measg. 
150 



sgrios i iad uile. 

28 Amhuil fòs mar a thachair 
ann an làithibh Lot ; bha iad 
ag itheadh agus ag òl, a' ceann- 
ach agus a' reiceadh, a' plannd- 
achadh agus a' togail aitreabh : 

29 Ach air an là sin fèin anns 
an deachaidh Lot a mach à So- 
dom, fhrasadh teine agus pronn- 
asg o nèamh, agus sgrios e iad 
uile. 

30 Is ann mar sin a bhitheas 
anns an là am foillsichear Mac 
an duine. 

31 Anns an là sin, an tì bhios 
air mullach an tighe, agus 'air- 
neis anns an tigh, na tigeadh e 
nuas gu a toirt leis : agus an tì 
a ta sa' mhachair, na pilleadh 
e-san air ais mar an ceudna. 

32 Cuimhnichibh bean Lot. 

33 Ge b'e neaeh a dh'iarras a 
bheatha fèin a thèarnadh, caill- 
idh e i ; agus ge b' e neach a 
chailleas a bheatha, glèidhidh 
e-san i. 

34 A ta mi ag ràdh ribh, anns 
an oidhche sin bithidh dithis 
dhaoine san aon leabaidh ; gabh- 
ar aon diubh, agus fàgar am 
fear eile. 

35 Bithidh dithis bhan a' bleath* 
cuideachd ; gabhar aon diubh 
agus fàgar a' bhean eile. 

36 Bithidh dithis dhaoine anns 
a' mhachair ; gabhar aon diubh 
agus fàgar am fear eile. 

37 Agus fhreagair iadsan agus 
thubhairt iad ris, C' àit, a Thigh- 
earn? agus thubhairt e-san riu, 
Ge b'e àit am hì an corp, an sin 
cruinnichear na h-iolairean. 



tuil. * meileadh. 



LUCAS, 



I, XVIII. 



CAIB. XVIIL 

1 ilÌM thimchioll na hantraich liosda. 9 Mu 'n 
Phàiriseach agus mu'n ch)s-mhaor. 15 Tha 
clann air an tahhairt gu Crìosd. 18 S àill 
le uachdaran àraidh Ciiosd a ìeantuinn, 
ach a tu e air a bhacadh le a shaoihhrcas. 
Sl Roimh-innis Cr'iosd a hhàs : 85 Dh'- 
aisig e a radharc do dhuine dall. 

AGUS labhair e cosamhlachd 
riu, a' nochdadh gur còir 
ùrnuigh a dhèanamh a ghnàth, 
agus gun fhannacliadh ^ ; 

2 Ag ràdh, Bha breitlieamh ann 
am baile àraidh, air nach robh 
eagal Dè, agus aig nach robh 
urram do dhuine : 

3 Agus bha bantrach àraidli 
sa' bhaile sin, agus thàinig i d' a 
ionnsuidh, ag ràdh, Cum còir 
rium an aghaidh mo nàmhaid. 

4 Agus cha b'àill leis rè tam- 
uill : acli 'na dhèigh sin thubh- 
airt e an fèin, Ged nach 'eil 
eagal Dè orm, no urram agam 
do dhuine ; 

5 Gidheadh air son gu bheil 
a' bhantrach so cur dragha orm, 
cumaidh mi còir rithe, air eagal 
le a sìr-theachd gu'n sgìthich i 

, mi. 

6 Agus thubhairt an Tighearn, 
Eisdibh ciod a ta am breith- 
eamh eucorach ag ràdh. 

7 Agus nach dèan Dia dìogh- 
altas air son a dhaoine taghta 
fèin, a ta ag èigheach ris a là 
agus a dh'oidhche, ged tha e fad- 
fhulangach mu'n timchioìl? 

8 A ta mi ag ràdh ribh gu'n 
dèan e dìoghaltas air an son gu 
luath. Gidheadh, an uair a thig 
mac an duine, am faigh e creid- 
imh air an talamh ? 

9 Agus labhair e an cosamh- 

' sgìtheachadh. 

151 



lachd so ri dream àraidh a bha 
'g earbsadh asda fèin gu 'n robh 
iad 'nam fireanaibh, agus a bha 
dèanamh tàir air dream eile : 

10 Chaidh dithis dhaoine suas 
do 'n teampull a dlièanamh ùrn- 
uigh ; fear diubh 'na Phàiris- 
each, agus am fear eile 'na 
chìs-mhaor. 

11 Sheas am Phàiriseach leis 
fèin, agus rinn e ùrnuigh mar 
so, A Dliè, tha mi toirt buidh- 
eachais duit nach 'eil mi mar a 
ta daoine eile, 'nan hichd-foir- 
eigin, eucorach, adhaltrannach, 
no eadhon mar an cìs-mhaor so. 

12 Tlia mi a' trasgadli^ dà 
uair san t-seachduin, tha mi 
toirt deachaimh as na h-uile 
nithibh a ta mi sealbhachadh. 

13 Agus air seasamli do 'n chìs- 
mhaor fad air ais, cha b' àiU 
leis fiu a shùl a thogail suas gu 
nèamh, ach bhuail e 'uchd, ag 
ràdh, A Dhia, dèan tròcair orra- 
sa ta am pheacach. 

14 A ta mi ag ràdli ribh, gu 'n 
deacliaidh am fear so sios d'a 
thigh air fliìreanacliadh ni 's mo 
na 'm fear ud eile : oir ge b' e 
neach a dh' àrdaicheas e fèin, 
ìslichear e ; agus ge b'e a dli'ìs- 
licheas e fèin, àrdaichear e. 

15 Agus thug iad d' a ionnsuidh 
mar an ceudna naoidheana, chum 
gu'm beanadh e riu : agus an 
uair a chunnaic na deisciobuil 
so, clironuich siad iad. 

16 Ach air do losa an gairm d' a 
ionnsuidh, thubhairt e, Fuilg- 
ibh do na leanabaibh teachd 
a m' ionnsuidh-sa, agus na bac- 
aibh iad : oir is ann d' an leithid- 

• trosgadh. 



LUCAS, XVIIL 



ibli so a ta rìogliachd Dhè. 

17 Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh,ge b'e nach gabh rìoghachd 
Uhè mar leanabh beag, nach 
tèid e air chor sam bith a steach 
innte. 

18 Agiis dh' f heòraich uachd- 
aran àraidh dheth, ag ràdh, A 
mhaighstir nihaith, ciod a ni mi 
chum gu sealbhaich mi a'bheatha 
mhaireannach ? 

19 Agusthubhairt losaris, C'ar 
son a ghoireas tu maith dhiom- 
sa ? cha 'n 'eil neach sam bith 
maith ach a h-aon, eadìwn Dia. 

20 Is aithne dhuit na h-àithean- 
ta. Na dèan adhaltrannas, Na 
dèan morcadh, Na goid, Na toir 
fìanuis bhrèige, Thoir urram^ 
do t'athair agus do d'mhàthair. 

21 Agus thubliairt e-san, 
Choimhid mi iad sin uile o m' 
òige. 

22 Agus an uair a chual losa 
so, thubhairt e ris, Tha aon ni 
fathast a dh'uireasbhuidh ort : 
reic na h-uile nithe a ta agad, ag- 
us roinn air na bochdaibh, agus 
bithidh agad ionmhas airnèamh; 
agus thig, agìts lean mise. 

23 Agus an uair a chual e so, 
bha e ro dhoilich : oir bha mòr- 
bheartas aige. 

24 Agus an uair a chunnaic 
losa gu 'n robh e làn tuirse, 
thubhairt e, Cia deacair dhoibh- 
san ^ aig am bheil saoibhreas, dol 
a steach do rioghachd Dhè ! 

25 Oir is usadh do chàmhal 
dol troimh chrò snàthaid, na do 
dhuine saoibhir dol a steach do 
rìoghachd Dhè. 

26 Agus thubhairt iadsan a 

' orioir. 

Ih2 



chuala so, Cò ma seadh a dh'- 
f heudas bhi air a shaoradh ? 

27 Ach thubhairt e-san, Na 
nithe a ta eu-comasach do 
dhaoinibh, tha iad comasach do 
Dhia. 

28 An sin thubhairt Peadar, 
Feuch, thrèig sinne na h-uile 
nithe, agus lean sinn thusa. 

29 Agus thubhairt e-san riu, 
Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, nach 'eil aon neach a thrèig 
tigh, no pàrantan, no bràith- 
rean, no bean-phòsda, no clann 
air son rìoghachd Dhè, 

30 Nach faigh mòran ni's mò 
anns an aimsir so a ta làthair, 
agus anns an t-saoghal a ta ri 
teachd a' bheatha mhaireannach. 

31 Agus ghabh e an dà fhear 
dheug d' a ionnsuidJi, agus thubh- 
airt e riu, Feuch, a ta sinn a' dol 
suas gu lerusalem, agus bithidh 
na h-uile nithe a ta sgrìobhta 
leis na fàidhibh mu Mhac an 
duine, air an coimhlionadh. 

32 Oir bheirear thairis e do 
na Cinnich, agus thèid fanoid a 
dhèanamh air, agus masluichear 
e, agus tilgear smugaid air ; 

33 Agus sgiùrsaidh agus marbh- 
aidh iad e : agus air an treas là 
èiridh e a rìs. 

34 Agus cha do thuig iadsan 
aon ni dhiubh so : agus bha na 
briathra so fokiichte orra, agus 
cha b' aithne dhoibh na nithe a 
chaidh labhairt. 

35 Agus thàrladh, 'nuair a 
dhruid e ri lericho, gu'n robh 
dall àraidh'na shuidhe ri taobh 
na slighe, ag iarraidh dèirce ; 

36 Agvis air cluinntinn an t- 

^ cruaidh orra-mn. 



LUCAS, XVIII. XIX. 



sluaigli a' dol seachad, dh'fhios- 
raich e ciod e so. 

37 Agus dh'innis iad da, gu'm 
b' e losa o Nasaret a bha gabh- 
ail seachad. 

38 Agus ghlaodh e, ag ràdh, 
losa, Mhic Dhaibhidh, dèan 
tròcair orm. 

39 Agus chronuich iadsan a 
bha air thoiseach e, chum gu'm 
biodh e 'na thosd : ach bu mhòid 
gu mòr a ghlaodh e-san, A Mhic 
bhaibhidh, dèan tròcair orm. 

40 Agus air seasamh do Tosa, 
dh'àithn e a thoirt d'a ionnsuidh : 
agus an uair a thàinig e am 
fagus da, dh' f hiosraich e dheth, 

41 Ag ràdh, Ciod is àill leat 
mise a dhèanamh dhuit?" agus 
thubhairt e-san, a Thighearn, mi 
dh'fhaotainn mo radhairc. 

42 Agus thubhairt losa ris, 
Faigh' do radharc : shlànuich do 
chreidimh thu. 

43 Agus air ball fhuair e a 
radharc, agus lean se e, a' toirt 
gìòire do Dhia : agus thug an 
sluagh uile cliù do Dhia, 'nuair 
a chunnaic iad so. 

CAIB. XIX. 

1 Mu thimchioU Shacheuis a clùs-mhaoir. 
11 Na deich puind airgid. 28 Mliarcaich 
Crìosd do Icrusulem le greadhnachas ; 41 
rinn e caoidh air a son ; 45 thilg e mach 
anluchd ceannachdayusreicidh as anteam- 
pull : 47 B' àill kis na h-uachdarain a 
mhilleadh. 

AGUS air do losa dol a steach, 
chaidh e troimh lericho. 
2 Agus, feuch, hha duine ann 
d' am b' ainm Sacheus, agus b' àrd 
chìs-mhaor e-san, agus bha e 
saoibhir : 

' Gahh. gu h-eucorach. 
153 



3 Agus bha dèidh aige air losa 
fhaicinn, cò e; agus cha b'urr- 
ainn e air son an t-sluaigh, a chionn 
gu'n robh e ìosal 'na phearsa. 

4 Agiis ruith e roimhe, agus 
streap e suas ann an craoibh 
Shicamoir, chum gu faiceadh se 
e ; oir bha e gus an t-slighe sin 
a ghabhail. 

5 Agus an uair a thàinig losa 
chum an àite sin, air dha amh- 
arc suas, chunnaic se e, agus 
thubhairt e ris, A Shacheuis, 
thig a nuas gu grad ; oir is 
èigin domh-sa stad an diugh aig 
do thigh. 

6 Agus thàinig e nuas le cabh- 
aig, agus ghabh e ris gu subh- 
ach. 

7 Agus an uair a chunnaic 
iad so, rinn iad uile gearan, ag 
ràdh, Gu'n deachaidh e steach 
air aoidheachd gu duine a ta'na 
pheacach. 

8 Agus sheas Sacheus agus 
thubhairt e ris an Tighearn, 
Feuch, a Thighearn, a ta mi 
toirt leth mo mhaoin do na 
bochdaibh : agus ma thug mi 
aon ni o neach air bith le casaid 
bhrèige^ tha mi toirt dha a 
cheithir uiread. 

9 Agus thubhairt losa ris', 
Thàinig slàinte an diugh a dh'- 
ionnsuidh an tighe so, do bhrìgh 
gur mac do Abraham e-san mar 
an ceudna. 

10 Oir thàinig Mac an duine 
a dh'iarraidh agus a thèarnadh 
an ni sin a bha caillte. 

11 Agus ag cluinntinn nan 
nithe sin dhoibh, chuir e ris, 
agus labhair e cosamhlachd, do 

' m' M thimchioll. 



LUCAS, XIX. 



bhrigh gu'n robh e am fagus do 
lerusalem, agus gu 'n do shaoil 
iadsan gu'm biodh rìoghachd 
Dhè air a grad-fhoillseachadh, 

12 Air an aobhar sin thubh- 
airt e, Chaidh duine uasal àr- 
aidh do dhùthaich fad as a 
dh'fhaotainn rìoghachd dha fèin, 
agus a philltinn air ais. 

13 Ach ghairm e a dheich 
seirbhisich*, agus thug e dhoibh 
deich puind, agus thubhairt e 
riu, Cuiribh gu buil iad, gus an 
tig mise. 

14 Ach bha fuath aig muinn- 
tir a dhùthcha dha, agus chuir 
iad teachdaireachd 'na dhèigh, 
ag ràdh, Cha'n àill leinn an 
duine so bhi 'na righ oirnn. 

15 A nis an uair a phiU e air 
ais, an dèigh dha an rìoghachd 
fhaotainn, an sin dh'òrduich e 
na seirbhisich ud bhi air an 
gairm d' a ionnsuidh, d' an d' thug 
e an t-airgiod, chum gu'm biodh 
fhios aige ciod a bhuannaich 
gach aon diubh leis a bhuileach- 
adh. 

16 An sin thàinig an ceud 
fhear, ag ràdh, A Thighearn, 
bhuidhinn do phund deichpuind. 

17 Agus thubhairt e ris, Is 
maith, a dheadh sheirbhisich : 
do bhrìgh gu'n robh thusa fìr- 
inneach ann an ro-bheagan, 
biodh agad-sa uachdaranachd air 
deich bailtibh. 

18 Agus thàinig an dara fear, 
ag ràdh, A Thighearn, rinn do 
phund cùig puind. 

19 Agus thubhairt e ris-san, 
Bì-sa mar an ceudna os ceann 
chùig bailtean. 

' deichnear d' a sheirhhisich. 
151 



20 Agus thàinig fear eile, ag 
ràdh, a Thighearn, feuch do 
phund, a bha agam-sa taisgte 
ann an neapaicin^ : 

21 Oir bha eagal orm romhad, 
do bhrigh gur duine geur-theann 
thu : tha thu a' togail an ni 
nach do leag thu, agus a' buain 
an ni nach do chuir thu. 

22 Agus thubhairt e ris, As 
do bheul fèin bheir mi breth ort, 
a dhroch sheirbhisich. Bha f hios 
agad gu'm bu duine geur-theann 
mi, a' togail an ni nach do leag 
mi, agus a' buain an ni nach do 
chuir mi : 

23 Air an aobhar sin c' ar 
son nach d' thug thu m' airgiod 
do'n luchd-malairt^, agus air 
teachd dhomh-sa thogainn e le 
riadh ? 

24 Agus thubhairt e riusan a 
bha 'nan seasamh a làthair, 
Thugaibh uaith am pund, agus 
thoiribh dhasan e aig am bheil 
na deich puind, 

25 (Agus thubhairt iad ris, 
A Thighearn, tha deich puind 
aige ;) 

26 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
Gu'n toirear do gach neach aig 
am bheil : ach uaith-san aig 
nach 'eil, bheirear eadhon an ni 
sin a ta aige. 

27 Ach thugaibh an so na 
naimhdean ud agam-sa, leis 
nach b' àill mise bhi am rìgh os 
an ceann, agus marbhaibh a' m' 
fhianuis iad. 

28 Agus air dha so a ràdh, 
dh'imich e rompa, a' dol suas 
gu lerusalem. 

^ brèid, lùmh-anart. 

3 nach do chuir thu m' aìrgiod do 'n bhanc. 



LUCAS, XIX. 



29 A nis an uair a dhruid e 
ri Betphage agus Betani, làimh 
ris an t-sliabh d' an gairmear ^ 
sliahh nan crann-oladh, chuir e 
dithis d' a dheisciobknbh uaith, 

30 Ag ràdh, Imichibh do 'n 
bhaile ta fa bhur comhair ; anns 
am faigh sibh, air dhuibh dol a 
steach, searrach ceangailte, air 
nach do shuidh aon duine riamh : 
fuasglaibh, agus thugaibh an soe. 

31 Agus ma dh'fhiosraicheas 
neach air bith dhibh, C' ar son a 
ta sibh 'g a fhuasgladh? mar 
80 their sibh ris, A ta feum aig 
an Tighearn air. 

32 Agus air imeachd dhoibh- 
san a chuireadh air falbh, f huair 
iad mar thubhairt e riu. 

33 Agus an uair a bha iad a' 
fuasgladh an t-searraich, thubh- 
airt a shealbhadairean riu, C'ar 
son a ta sibh a' fuasgladh an 
t-searraich ? 

34 Agus thubhairt iadsan, Tha 
feum aig an Tighearn air. 

35 Agus thug iad gu losa e : 
agus thilg iad am falluinnean 
air an t-searrach, agus chuir iad 
losa air. 

36 Agus ag imeachd dhasan, 
sgaoil iad am falluinnean fuidhe 
air an t-slighe. 

37 Agus an uair a thàinig e 
am fagus, eadhon gu dol sìos 
slèibh nan crann-oladh, thòisich 
mòr-chuideachd nan deisciobul 
uile ri gàirdeachas a dhèanamh, 
agus moladh a thoirt do Dhia le 
guth àrd, air son nan uile oibre 
cumhachdach a chunnaic iad. 

38 Ag ràdh, Gu ma beann- 
aichte an Tigh a ta teachd ann 

' cl'an goircar, ris an abrar. 
155 



an ainm an Tighearna : sìth air 
nèamh, agus glòir anns na h-àrd- 
aibh. 

39 Agus thubhairt cuid do na 
Phàirisich o mheasg an t-sluaigh 
ris, A mhaighstir, cronuich do 
dheisciobuil. 

40 Agus fhreagair e-san, agus 
thubhairt e riu, A ta mi ag ràdh 
ribh, nam fanadh iad sin 'nan 
tosd, gu'n glaodhadh na clacha 
fèin. 

41 Agus an uair a thàinig e 
am fagus, chunnaic e am baile, 
agus ghuil e air a shon. 

42 Ag ràdh, Nam b' aithne 
dhuit^, eadhon dhuitse, air bheag 
sam bith ann ad là so fèin, na 
nithe a bhuineas do d' shìth ! 
ach a nis a ta iad folaichte o d' 
shùilibh. 

43 Oir thig na làithean ort, 
anns an tilg do naimhde dìg mu 
d' thimchioll, agus an iadh iad 
umad mu'n cuairt, agus an druid 
iad a stigh air gach taobh thu, 

44 Agus an leag iad co ìosal 
ris an làr thu, agus do chlann 
annad, agus nach fàg iad annad 
clach air muin cloiche ; do 
bhrìgh nach b' aithne dhuit aim- 
sir t' fhiosrachaidh. 

45 Agus chaidh e steach do'n 
teampull, agus thòisich e air an 
dream a bha reiceadh, agus a 
ceannach ann a thilgeadh niach, 

46 Ag ràdh riu, Tha e sgrìobh- 
ta, Is tigh ùrnuigh mo thigh-sa ; 
ach rinn sibhse 'na gharaidh 
luchd-reubainn e. 

47 Agus bha e gach là a' 
teagasg san teampull. Ach dli'- 
iarr 'na li-àrd-shagairt agus na 

O gu 'm h' aithne dhuit. 



LUCAS, 



XIX. XX. 



sgrìobhaicliean, agus ceannard- 
an a' phobuill e-san a mhilleadh : 
48 Gidheadh cha robh fhios 
aca ciod a dhèanadh iad : oir 
bha am pobull uile ag èisdeachd 
ris le ro-aire. 

CATB. XX. 

1 Dhearhh Criosd gu'n rohh ùghdarras aige, 
le ceisd mu hhaisteadh Eoin. 9 Cosamh- 
lachd an fhìon-lios. ] 9 Mu thimchioU cìs 
a thoirt do Cheasur. 27 Dhearhh e mear- 
achd nan Sadusach, a hha 'g dicheadh 
aiseirigh nam marbh. 4-5 Thug e rahhadh 
d' a dheisciohluibh, SjC. 

AGUS thàrladh air aon do na 
làithibh sin, an uair a bha 
e teagasg a' phobuill san team- 
pull, agus a' searmonachadh an 
t-soisgeil gu 'n d'thàinig na h- 
àrd-shagairt, agus na sgrìobh- 
aichean air, maille ris na sean- 
airibh. 

2 Agus labhair iad ris, ag 
ràdh, Innis duinn ciod e an t- 
ùghdarras leis am bheil thu a' 
dèanamh nan nithe so ? no cò 
e-san a thug an t-ùghdarras so 
dhuit ? 

3 Agus fhreagair e-san agus 
thubhairt e riu, Feòraichidh 
mise mar an ceudna aon ni 
dhibhse ; agus freagraibh mi : 

4 Baisteadh Eoin, an ann o 
nèamh a bha e, no o dhaoinibh ? 

5 Agus reusonaich iad eatorra 
fèin, ag ràdh, Ma their sinn, O 
nèamh ; their e-san, C' ar son ma 
ta nach do chreid sibh e ? 

6 Ach ma their sinn, O 
dhaoinibh, clachaidh an shiagh 
uile sinn ; oir is deimhin leo 
gu'm b' fhàidh Eoin. 

7 Agus fhreagair iadsan, Nach 
robh fhios aca cia uaith a hha e. 

8 Agus thubhairt losa riu, Ni 



mò a dh'innseas mise dhuibh-sa 
ciod e an t-ùghdarras leis am 
bheil mi dèanamh nan nithe so. 

9 An sin thòisich e air a' 
chosamhlachd so a labhairt ris 
an t-sluagh ; Phlannduich duine 
àraidh fìon-lios, agus shuidhich 
e air tuath e ; agus chaidh e 
air choigrich rè aimsir fhada. 

10 Agus anns an àm dhligh- 
each chuir e seirbhiseach dh'- 
ionnsuidh na tuatha, chum gu'n 
tugadh iad da .do thoradh an 
f hìon-lios : ach ghabh an tuath 
air, agus chuir iad uatha falamh e. 

11 Agus a rìs chuir e seirbh- 
iseach eile uaith ; agus ghabh 
iad air-san mar an ceudna, agus 
mhaslaich iad agus chuir iad 
uatha falamh e. 

12 Agus a thuilleadh air sin 
chuir e an treas seirbhiseach 
uaith ; agus lot iad e-san mar an 
ceudna, agus thilg iad a mach e. 

13 An sin thubhairt Tighearn 
an fhìon-lios, Ciod a ni mi? 
cuiridh mi mo Mhac gràdhach 
d' an ìonnsuidh : feudaidh e bi, 
'nuair a chì iad e, gu'n toir iad 
urram dha. 

14 Ach an uair a chunnaic an 
tuath e, reusonaich iad eatorra 
fèin, ag ràdh, Is e so an t-oighre : 
thigibh, marbhamaid e, chum 
gu'm bì an oighreachd againn 
fèin. 

15 Agus thilg iad a mach as 
an fhìon-lios e, agus nìharbh 
iad e. Ciod uime sin a nì Tigh- 
earn an f hìon-lios riu ? 

16 Thig e agus sgriosaidh e an 
tuath ud, agus bheir e am fìon- 
lios do dliaoinibh eile. Agus an 
uair a chual iad so, thubhairt 



LUCAS, XX. 



iad, Nar leigeadh Dia. 

17 Agus air dhasan amharc 
orra, thubhairt e, Ciod e so ma 
seadh a ta sgrìobhta, A' chlach 
a dhiùlt na clachairean, rinn- 
eadh ceann na h-oisne dh' i ? 

18 Ge b' e neach a thuiteas 
air a' chloich sin, brisear e : 
ach ge b' e neach air an tuit i, 
pronnaidh i gu luaithre e. 

19 Agus anns an uair sin fèin 
dh'iarr na h-àrd-shagairt agus 
na sgrìobhaichean làmh a chur 
ann ; ach bha eagal an t-sluaigh 
orra ; oir thuig iad gu 'm b' ann 
'nan aghaidh fèin a labhair e 'n 
cosamhlachd so. 

20 Agus rinn iad geur-fhaire 
air, agus chuir iad a mach luchcl- 
feiU, a leigeadh orra fein a bhi 
'nam fìreanaibh, chum gu'n 
dèanadh iad greim air 'fhoc- 
laibh, air chor's gu 'n tugadh iad 
thairis e do chumhachd agus do 
ùghdarras an uachdarain. 

21 Agus dh'fhiosraich iad deth, 
ag ràdh, a mhaighstir, tha f hios 
againn gu bheil thu a' labhairt 
agus a' teagasg gu ceart, agus 
nach 'eil suim agad do phearsa 
dnine sam hith, ach gu bheil thu 
teagasg slighe Dhè a rèir na 
fìrinn. 

22 Am bheil e ceaduichte 
dhuinn cìs a thoirt do Cheasar, 
no nach 'eil ? 

23 Ach thuig e-san an cuil- 
bheartachd, agus thubhairt e 
riu, C' ar son a ta sibh ga m' 
bhuaireadh ? » 

24 Nochdaibh dhomh pegh- 
inn : cò leis an dealbh agus an 
sgrìobhadh a ta oirre ? Fhreag- 
air iadsan agus thubhairt iad, 

157 



Le Ceasar. 

25 Agus thubhairt e-san riu, 
Thugaibh-sa, air an aobhar sin, 
do Cheasar na nithe a 's le Cea- 
sar, agus do Dhia na nithe a 's le 
Dia. 

26 Agus cha b' urrainn iad 
greim a dhèanamh air 'fhoc- 
laibh am fianuis an t-sluaigh : 
agus ghabh iad iongantas r' a 
f hreagradh, agus dh' fan iad 'nan 
tosd. 

27 An sin thàinig d' a ionn- 
suidh dream àraidh do na Sad- 
usaich, a ta 'g àicheadh gu bheil 
aiseirigh ann, agus dh'fhiosraich 
iad deth, 

28 Ag ràdh, A mhaighstir, 
sgrìobh Maois dhuinn, Nam 
faigheadh bràthair duine air 
bith bàs, agus bean-phòsda aige, 
agus gu 'm faigheadh e bàs gun 
chlann, gu 'n gabhadh a bhràth- 
air a bhean, agus gu 'n togadh e 
suas sliochd d' a bhràthair. 

29 Air an aobhar sin, bha 
seachdnar bhràithrean ann : agus 
ghabh an ceud fhear bean, agus 
fhuair e bàs gun chlann. 

30 Agus ghabh an dara fear 
i mar mhnaoi, agus fhuair e-san 
bàs gun chlann. 

31 Agus ghabh an treas fear 
i ; agus mar an ceudna an t- 
seachdnar. Agus cha d'f hàg iad 
clann, agus fhuair iad bàs. 

32 Ma dheireadh uile fhuair a' 
bhean bàs mar an ceudna. 

33 Anns an aiseirigh uime 
sin, cò dliiubh d' am bean i? 
oir bha i aig an t-seachdnar 'na 
mnaoi. 

34 Agus fhreagair losa, agus 
thubhairt e riu, Tha clann an 



LUAS, 



XX. XXI. 



t-saoghail so a' pòsadh^ agus air 
an toirt am pòsadh : 

35 Ach an dream sin a mheas- 
ar gur airidh iad air an t-saogh- 
al ud f haghail, agus an aiseir- 
igh o na marbhaibh, cha 'n 'eil 
iad a' pòsadh, no air an toirt 
am pòsadh. 

36 Agus cha'n urrainn iad bàs 
f haghail ni 's mò ; oir tha iad an 
co-inbhe ris na h-ainglibh ; agus 
is iad clann Dè iad, air bhi 
dhoibh 'nan cloinn do 'n aiseir- 
igh. 

37 Ach gu 'n èirich na mairbh, 
nochd Maois fèin aig a' phreas, 
an uair a ta e a' gairm do 'n 
Tighearn, Dia Abrahaim, agus 
Dia Isaaic, agus Dia lacoib. 

38 A nis cha 'n e Dia nam 
marbh e, ach nam beò : oir a ta 
iad uile beò dhasan. 

39 An sin fhreagair dream 
àraidh do na sgrìobhaichibh, ag- 
us thubhairt iad, A mhaighstir, 
is maith a labhair thu. 

40 Agus cha robh chridhe aca 
tuilleadh ni sam bith fheòraich 
dheth, 

41 Agus thubhairt e riu, Cionn- 
us a their iad gur e Criosd mac 
Dhaibhidh ? 

42 Agus tha Daibhidh fèin ag 
ràdh ann an leabhar nan Salm, 
Thubhairt an Thighearn, ri mo 
Thighearn, Suidh air mo làimh 
dheis, 

43 Gus an cuir mi do naimhde 
'nan stòl fo do chosaibh. 

44 Tha Daibhidh air an aobh- 
ar sin a' gairm a Thighearna 
dheth, cionnus ma seadh is e a 
mhac e? 

45 An sin thubhairt e r' a 

I5y 



dheisciobluibh, ann an èisdeachd 
an t-sluaigh uile, 

46 Thugaibh an aire dhuibh 
fèin o na sgrìobhaichibh, leis 
am miann imeachd ann an cul- 
aidhibh fada, agus leis an ion- 
mhuinn fàilte fhaotaìnn air na 
margaibh, agus na caithrichean 
a 's àirde anns na sionagogaibh, 
agus na ceud àiteacha-suidhe 
aig fèillibh ; 

47 A shluigeas suas tighean 
bhantrach, agus air sgàth deadh 
choslais a ni ùrnuighean fada : 
gheibh iad sin an dìteadh a 's 
mò. 

CAIB. XXI. 

1 Mhol Cr'ìosda' bhantrachbhochd: 4 roimh- 
innis e sgrios an teampuill, agus hhnile le- 
rusakim, ; 25 mar an ceudna na comharan 
bhios ann roimh an là dheireannach. 
34 Earail chum faire a dhèanamh. 

AGUS air dha amharc suas, 
chunnaic e lìa daoine 
saoibhir a' tilgeadh an tiodhlac- 
an ann an àite coimhead an 
ionmhais. 

2 Agus chunnaic e mar an 
ceudna bantrach bhochd àraidh 
a' tilgeadh dà leth-fheoirling an 
sin. 

3 Agus thubhairt e, Gu fìrinn- 
each a ta mi ag ràdh ribh, gu 'n 
do chuir a' bhantrach bhochd 
so ni 's mò ann na iad uile. 

4 Oir thilg iad so uile d' am 
pailteas a steach do thiodhlac- 
aibh Dhè : ach thilg ise d' a h- 
uireasbhuidh fèin am beathach- 
adh uile a bha aice. 

5 Agus air do chuid diubh 
bhi labhairt mu'n teampull, mar 
a bha e air a dhèanamh maiseach 
le clachaibh sgiamhach, agus le 
tiodhlacaibh, thubhairt e, 



LUCAS, XXI. 



6 A thaohh nan nithe so a chi 
sibh, thig na làithean, anns nach 
fagar clach air mnin cloiche 
dhuìhh, nach tilgear àos. 

7 Agus dli'fhiosraich iadsan 
deth, ag ràdh, A mhaighstir, 
c' uin' ma ta bhitheas na nithe 
so ? agus ciod e an comhara 
'nuair a bhios na nithe so gu 
teachd gu crìch ? 

8 Agus thubhairt e-san, Feuch- 
aibh nach meallar sibh ; oir 
thig mòran ann am ainm-sa, ag 
ràdìi, Is mise Crìosd ; agus a ta 
an t-àm am fagus ; uime sin na 
leanaibh iad. 

9 Ach an uair a chluinneas 
sibh mu chogannaibh, agus mu 
cheannaircibh^, na biodh mòr- 
gheilt oirbh : oir is èigin do na 
nithibh so tachairt air tùs ; ach 
cha 'n "eil a' chrioch air ball. 

10 An sin thubhairt e riu, 
Eiridh cinneach an aghaidh 
cinnich, agus rioghachd an agh- 
aidh rìoghachd : 

11 Agus bithidh critheanna 
mòra talmhainn ann an iomadh 
àit, agus gortaidh, agus plàigh- 
ean ; agus nithe uamhasach, ag- 
us comharan mòra o nèamh. 

12 Ach rompa so uile cuiridh 
iad làmh annaibh-sa, agus geur- 
leanaidh iad sìhh, 'gur tabhairt 
thairis do choimhthionalaibh', ag- 
us do phrìosanaibh, 'gur tabhairt 
chum rìghrean agus uachd- 
aran air sgàth m' ainme-sa. 

13 Agus tacharaidli so dlmibh- 
sa mar fhianuis. 

14 Air an aobhar sin daing- 
nichibh ann bhur cridlieachaibh, 
gun smuaineachadh roimh làimh, 

* bhuaireas, èirigh-mach. • shionagogaihh. 
159 



ciod a fhreagras sibh air bhur 
son lem. 

15 Oir bheir mise dhuibh beul 
agus gliocas, nach bì bhur 
naimhdean Tiile comasach air 
labhairt no cur 'na aghaidh. 

16 Agus brathar sibh le 'iir 
pàrantaibh, agus le 'wr bràith- 
ribh, agus le 'ur luchd-dàimhe, 
agus le càirdibh ; agus bheir 
iad fa 'near cuid dliibh a chur gu 
bàs. 

17 Agus bithidh fuath aig na 
h-uile dliaoinibh dhuibh air son 
m' ainrne-sa. 

18 Ach cha chaillear fuiltein' 
do ghruaig bhur cinn. 

19 Ann bhur foighidinn sealbh- 
I aichidh bhur n-anama fèin. 

I 20 Agus an uair a chì sibh 
I lerusalem air a cuairteachadh le 
armailtibh, an sin biodh fhios 
agaibh gu bheil a fàsachadh am 
fagus. 

21 (An sin teicheadli iadsan a ta 
ann an ludea chum nam beann,) 
agus imicheadh iadsan a ta 'na 
meadhon-sa mach aisde ; agus na 
rachadh iadsan a ta sa' mhachair, 
a steach innte. 

22 Oir is iad sin làithean an 
dìoghaltais, chum gu'n coimh- 
lionar na h-uile nithe a ta 
sgrìobhta. 

23 Ach mo thruaigh na mnài 
a bhios torrach, agus iadsan a 
bhios toirt cìche anns na làith- 
ibh sin ! oir bithidh teanntachd* 
mhòr san dùthaich, ao;us fearff 
air a' phobull so. 

24 Agus tuitidh iad le faobh- 
ar a chlaidlieimh, agus bheirear 
iad am braighdeanas chum nan 

^ ròinneag. * cruaidh-cliùs. 



LUCAS, XXI. XXII. 



uile cliinneach : agus bithidh 
lerusalem air a saltairt sìos fuidh 
na Cinnich, gus an coimhlionar 
aimsire nan Cinneach. 

25 Agus bithidh comharan anns 
a' ghrèin, agus anns a' ghealaich, 
agus anns na reultaibh ; agus air 
an talamh airc nan Cinneach, 
ann an ioma-chomhairle ; an cuan 
agus na tonnan a' beuclidaich ; 

26 Cridhe dhaoine 'gan trèig- 
sinn troimh eagal, agus feitheamh 
nan nithe sin a ta teachd air an 
domhan : oir bithidh cumhachd- 
an nan nèamh air an crathadh. 

27 Agus an sin chì iad Mac 
an duine a' teachd ann an neul, 
le cumhachd agus mòr-ghhìir. 

28 Agus an uair a thòisicheas 
na nithe so air tachairt, an sin 
amhaircibh suas, agus togaibh 
bhur cinn ; oir a ta bhur saorsa 
am fagus. 

29 Agus labhair e cosamhlachd 
riu, Amhaircibh air a' chraoibh- 
f hìge, agus na craobhan uile ; 

30 'Nuair a bhios iad a cheana 
a' cur a mach an duillich, tha sibh 
a' faicinn, agus ag aithneachadh 
uaibh fèin, gu bheil an samhradh 
a nis am fagus. 

31 Agus mar an ceudna sibhse, 
'nuair a chi sibh na nithe so a' 
tachairt, biodh fhios agaibh gu 
bheil rìoghachd Dhè fagus do 
làimh. 

32 Gu deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, nach tèid an ginealach' so 
thairis, gus an coimhlionar na 
nithe so uile. 

33 Thèid nèamh agus talamh 
thairis : ach cha tèid mo bhriath- 
ra-sa thairis a chaoidh. 

' liiin . craos. ^ meisg. 
160 



34 Agus thugaibh an aire 
dhuibh fèin, air eagal uair air 
bith gu'm bì bhur cridhe fuidh 
uallaich le geòcaireachd^, agus le 
misg,^ agus le ro-chùram mu 
nithibh na beatha so, agus gu 'n 
tig an là sin oirbh gu h-obann. 

35 Oir mar ribe thig e air na 
h-uile dhaoinibh, a ta 'g àiteach- 
adh aghaidh na talmhainn uile. 

36 Dèanaibh-sa air an aobh- 
ar sin faire, a' dèanamh ùrnuigh 
gach àm, chum gu measar gur 
airidh sibh air dol as o na nith- 
ibh sin uile a ta gu teachd, agus 
seasamh an làthair Mhic an 
duine. 

37 Agus bha e san là a' teag- 
asg san teampull, agus san oidh- 
che chaidh e mach, agus dh'- 
fhan e air an t-sliabh, d' an goir- 
ear sliabh nan crann-oladh. 

38 Agus thàinig an sluagh uile 
gu moch d' a ionnsuidh san 
teampull, a dh'eisdeachd ris. 

CAIB. XXII. 

I 1 Ghahh na h-lùdhaich comhairle an aghaidh 
losa. 3 Dh'aom Sàtan ludas gu e-san a 
hlirath. 7 Dh 'ulìuìch na h-uhstoil a' chaisg. 
19 Dh'òrduich Cr'iosd an t-suipeir naomh. 
82 Dh'innis e do Pheadar nach dìohmdh a 
chreidimh e; 34 ach gu'n àicheadhadh e 
e-san trì uairean ; 39 rinn e urnuigh, 
47 hhrathadh e le pòig. 54 Dh'uicheadh 
Peadar e. 

ANIS dhruid riu fèill* an ar- 
ain neo-ghoirtichte, d' an 
goirear^ a' chàisg. 

2 Agus bha na h-àrd-shagairt^ 
agus na sgriobhaichean ag iarr- 
aidh cionnus a dh'fheudadh iad 
e-san a chur gu bàs ; oir bha 
eagal an t-shiaigh orra. 

3 An sin chaidh Sàtan ann an 

i ^fèisd. ^ gairmcar. prlomh-shagairt. 



LUCA 



S, XXII. 



Iiidas d' an co-ainm Iscariot, a 
blia do àireamh an dà fhir dheug. 

4 Agus dh'imich e, agus labh- 
air e ris na h-àrd-shagartaibh 
agus ri ceannardaibh an teamp- 
u'dl, cionnus a bhrathadh se e-san 
doibh. 

5 Agus bha iad subhach, agus 
rinn iad coimhcheangal airgiod 
a thoirt da. 

6 Agus gheall e-san, agus dh'iarr 
e àm iomchuidli air a bhrath 
dhoibh gun an sluagh a bhi 
làthair. 

7 An sin thàinig là an arain 
neo-ghoirtichte, anns am b' èigin 
an t-uan-càisge a mharbhadh. 

8 Agus chuir e uaith Peadar 
agus Eoin, ag ràdh, Imichibh, 
agus ulluichibh dliuinn a' chàisg, 
chum gu'n ith sinn i. 

9 Agus thubhairt iadsan ris, 
C' àit an àill leat sinn a dh'ull- 
uchadh ? 

10 Agus thubhairt e riu, Feuch, 
air dhuibh dol a steach do' n 
bhaile, tacharaidh oirbh duine, 
a' giùlan soithich uisge ; lean- 
aibh e do'n tigh anns an tèid e 
steach. 

11 Agus abraibh ri fear an 
tighe, Tha am maighstir ag ràdh 
riut, C' àit am bheil an seòmar 
aoidheachd anns an ith mi a' 
chàisg maille ri mo dheisciob- 
luibh ? 

12 Agus feuchaidh e dhuibh 
àrd-sheòmar farsuinn uidhim- 
ichte : ulluichibh an sin. 

13 Agus dh' imich iad agus 
f huair iad mar thubhairt e riu : 
agus dh'ulluich iad a' chàisg. 

14 Agus an tràth thàinig an 
uair, shuidh e sìos, agus an dà 

161 



abstol deug maille ris. 

15 Agus thubhairt e riu, Le 
mòr-thogradh mhiannaich mi a' 
chàisg so itheadh maille ribh 
roimh dhomh fulang : 

16 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
nach ith mi dh'i tuilleadh, gus 
an coimhlionar i ann an riogh- 
achd Dhè. 

17 Agus ghlac e cupan, agus 
air dha buidheachas a thabhairt, 
thubhairt e, Gabhaibh so, agus 
roinnibh eadaraibh fèin e. 

18 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
nach òl mi do thoradh na fìon- 
ain, gus an tig rìoghachd Dhè. 

19 Agus ghlac e aran, agus 
an dèigh buidheachas a thabh- 
airt, bhris e, agus thug e dhoibh- 
san e, ag ràdh, Is e so mo chorp- 
sa a ta air a thoirt air bhur son-sa : 
dèanaibh so mar chuimhneachan 
ormsa. 

20 Agus mar an ceudna an 
cupan, an dèigh na suipeir, ag 
ràdh, Is e an cupan so an tiom- 
nadh nuadh ann am fhuil-sa, 
a dhòirteadh air bhur son-sa. 

21 Ach feuch, làmh an tì a 
bhrathas mise maille rium air a' 
bhòrd. 

22 Agus gu fìrinneach a ta 
Mac an duine ag imeachd, a 
rèir mar a dh'òrduicheadh : ach 
is an-aoibhinn do'n duine sin 
leis am brathar e. 

23 Agus thòisich iadsan air 
fiosrachadh eatorra fèin, cò aca 
bha gus an ni so a dhèanamh. 

24 Agus bha mar an ceudna 
comh-stri eatorra, co aca bu mhò 
a bhiodh. 

25 Ach thubhairt e-san riu, A 
ta aig rìghribh nan Cinneach 

m 



LUCAS, XXIL 



tigliearnas orra ; agus goirear 
daoine fiala dhiubh-sanj aig am 
bheil ùghdarras ^ orra. 

26 Ach na bithibh-sa mar sin : 
ach an neach a's mò 'nur measg, 
biodh e mar an neach a 's òige^ ; 
agus an ti a's àirde, mar e-san a 
ta ri frithealadh. 

27 Oir cò aca is mò, an tì a 
shuidheas air bòrd, no e-san a 
f hritheileas ? nach e an tì a 
shuidheas ; ach a ta mise 'nur 
measg-sa mar fhear-frithealaidh. 

28 Is sibhse iadsan a dh'fhan 
maille rium-sa ann am dheuch- 
ainnibh ; 

29 Agus a ta mise ag òrduchadh 
dhuibh rioghachd, mar a dh'òrd- 
uich m' Adiair dhomhsa ; 

30 Chum gu 'n ith agus gu 'n 
òl sibh air mo bhòrd-sa ann am 
rìoghachd, agus gu 'n suidh sibh 
air caithrichibh rìoghail, a' toirt 
breth air dà thrèibh dheug Is- 
raeil, 

31 Agus thubhairt an Tighearn, 
A Shimoin, a Shimoin, feuch, 
dh'iarr Sàtan sibhse, chum bhur 
criaradh mar chruithneachd. 

32 Ach ghuidh mise air do 
shonsa, nacli diobradh do chreid- 
imh thvi : agus an uair a dh'- 
iompaichear thu'*, neartaicli do 
bhràithre. 

33 Agus thubhairt e-san rìs, A 
Thighearn, tha mis.e ullamh gu 
dol maille riut araon chum 
priosain, agus a chum bàis. 

34 Agus thubhairt e-san, A ta 
mi ag ràdh riut, a Pheadair, 
nach goir an coileach an diugh, 
gus an àicheadh thu trì uairean 
gur aithne dhuit mi. 

■ smachd cumhachd. a 's lut/ha. ^ bhuuiribh. 
162 



35 Agus thubhairt e riu, 'Nuair 
a chuir mi uam sibh gun sporan; 
agus gun mhàla, agus gun bhròg- 
an, an robh uireasbhuidh ni 
sam bith oirbh ? Agus thubhairt 
iad, Cha robh. 

36 An sin thubhairt e riu, Ach 
a nis ge b' e aig am bheil sporan, 
togadh se e, agus mar an ceudna 
a mhàla : agus an tì aig nach 'eil 
claidheamh, reiceadh e 'fhall- 
uinn, agus ceannachadh e aon. 

37 Oir a ta mi ag ràdh ribh, 
gur èigin fathast an ni so ta 
sgrìobhta a choimhlionadh ann- 
amsa, Agus bha e air àireamh 
am measg nan ciontach : oir a 
ta crìoch aig na nithibh ud, a ta 
mu m' thimchioll-sa. 

38 Agus thubhairt iadsan, A 
Thighearn, feuch, a ta dà 
chlaidheamh an so. Agus thubh- 
airt e-san riu, Is leoir e. 

39 Agus air dha dol a mach, 
chaidh e, mar bu ghnàth leis, gu 
sliabh nan crann-oladh ; agus 
lean a dheisciobuil e. 

40 Agus an uair a thàinig e do 
'n àit, thubhairt e riu Dèanaibh 
ùrnuigh, chum nach tuit sibh 
ann am buaireadh. 

41 Agus thairngeadh e-san uatha 
mu thimchioll urchuir chloiche, 
agus leig se e fèin air a ghlùinibh, 
agus rinn e ùrnuigh. 

42 Ag ràdh, Athair, ma 's toil 
leat, cuir an cupan so seachad 
orm ^ : gidheadh, na b' i mo thoil- 
sa, ach do thoil-sa gu robh 
dèanta. 

43 Agus dh'f hoillsicheadh dha 
aingeal o nèamh, 'ga neartach- 
adh. 

bhios fu air tionndadh. ^ tharum. 



LUCAS, 



;, XXII. 



44 Agus air dha bhi ann an 
cruaidh-ghleachd anama, rinn e 
ùrnuigh ni bu dùrachdaiche : 
agus bha 'fhallas mar bhraon- 
aibh mòra fola a* tuiteam sìos 
air an talamh. 

45 Agus air dha èirigh o ùr- 
nuigh, thàinig e chum a dheis- 
ciobul, agus fhuair e 'nan codal 
iad troimh thuirse. 

46 Agus thubhairt e riu, C' ar 
son a ta sibh 'nur codal ? èiribh, 
agus dèanaibh ùrnuigh, chum 
nach tuit sibh ann am buaireadh. 

47 Agus an uair a bha e fathast 
a' labhairt, ftìuch sluagh, agus 
dh'imich e-san d' am b' ainm 
ludas, aon do 'n dà f hear dheug, 
rompa, agus dhruid e ri losa, 
chum a phògadh. 

48 Ach thubhairt losa ris, A 
ludais, am bheil thu le pòig a' 
brath Mhic an duine ? 

49 Agus an uair a chunnaic 
iadsan a bha mu thimchioll-san 
an ni a bha gu tachairt, thubh- 
airt iad ris, A Thighearn, am 
buail sinn leis a' chlaidheamh ? 

50 Agus bhuail aon diubh 
seirbhiseach an àrd-shagairt, ag- 
us gheàrr e dheth a chluas dheas. 

51 Agus fhreagair losa agus 
thubhairt e, Fulaingibh gu so. 
Agus bhean e r' a chluais, agus 
shlànuich e i. 

52 An sin thubhairt losa ris 
na h - àrd - shagartaibh agus ri 
ceannardaibh an teampull, agus 
ris na seanairibh, a thàinig d' a 
ionnsuidh, An d'thàinig sibh a 
mach le claidhibh agus le bat- 
aibh, mar gu b'ann an aghaidh 
fir reubainn'? 

' creachadaiì; meirUch. ~ agus tltng ìad e. 
163 



53 'Nuair a bha mi gach là 
maille ribh san teampull, cha do 
shìn sibh a mach hhir làmhan 
a' m' aghaidh : ach is i so bhur 
n-uair-sa, agus cumhachd an 
dorchadais. 

54 An sin rug iad air, agus 
thug iad leo e ^ do thigh an àrd- 
shagairt. Agus ìean Peadar am 
fad uaith e. 

55 Agus air dhoibh teine fhad- 
adh ann am meadhon an talla, 
agus suidhe sios maille ri^ chèile, 
shuidh Peadar 'nam meadhon. 

56 Ach chunnaic cailin àraidh 
e 'na shuidhe aig an teine, agus 
air dh'i amharc gu geur air, 
thubhairt i, Bha 'm fear so mar 
an ceudna maille riSi 

57 Agus dh'àicheadh e-san e, 
ag ràdh, A bhean, cha 'n aithne 
dhomh e. 

58 Agus beagan 'na dhèigh 
sin chunnaic neach eile e, agus 
thubhairt e, Is ann diubh thusa 
mar an ceudna. Agus thubhairt 
Peadar, A_ dhuine, cha 'n ann. 

69 Agus tìiu thimchioll ùine 
aoin uaire 'ha dhèigh sin, chòmh- 
daich* neach eile air, ag ràdh, 
Gu fìrinneach bha am fear so 
mar an ceudna maille ris ; oir is 
Galilèach e, 

60 Agus tlmbhairt Peadar, A 
dhuine, cha 'n aithne dhomh ciod 
a ta thu 'g ràdh. Agus air ball, 
am feadh a bha e fathast a' labli- 
airt, glioir an coileach. 

61 Agus air tionndadh do 'n 
Tighearn, dh'amhairc e air Pea- 
dar; agus chuimhnich Peadar 
focal an Tighearna, mar thubh- 
airt e ris, Mun goir an coileach, 

a«i fochair. chuthatch. 
M 2 



LUCAS, XXII. XXITI. 



àicheadhaidh tu mi trì uairean. 

62 Agus chaidh Peadar a mach, 
agus ghuil e gu goirt. 

63 Agus rinn na daoine, a chiim 
losa, fanoid air, 'ga bhualadh. 

64 Agus an uair a dh'fholuich 
iad a shùilean, bhuail iad e san 
aghaidh, agus dh'fhiosraich iad 
deth ag ràdh, Dèan fàidliead- 
aireachd cò e a bhuail thu ? 

65 Agus labhair iad mòran do 
nithibh eile gu toibheumaeh 'na 
aghaidh. 

66 Agus an uair a bha an là air 
teachd, chruinnich seanadh an 
t-sluaigh, agus na h-àrd-shagairt, 
agus na sgrlobhaichean an ceann 
a chèile, agus thug iad e-san 
chum an comhairle, 

67 Ag ràdh, An tusa Criosd ? 
innis dhuinn. Agus thubhairt e 
riu, Ma dh'innseas mi dhuibh, 
cha chreid sibh : 

68 Agus ma dli'fhiosraicheas 
mi ni air bith, cha toir sibh freag- 
radh dhomh, agus eha leig sibh 
as mi. 

69 O 'n àm so bithidh Mac an 
duine 'na shuidhe air deas làirah 
cumhachd Dhè. 

70 An sin thubhairt iad uile, 
An tusa ma seadh Mac Dhè? 
Agus thubhairt e riu, A ta sibhse 
ag ràdh gur mi. 

71 Agus thubhairt iad, Ciod 
tuilleadh am feum a ta againn 
air fianuis ? oir chuala sinn fèin 
« as a bheul fèin. 

CAIB. XXIII. 

1 Chasaìd na h-Iudhaich Crmd an làihair 
Philait. 8 Rinn Herod funoid air. 12 
Rinneadh Herod ayus Pilat 'nan càirdibh. 
18 Dh'iarradh Barahas leis an t-sluayh, 
agus air fhuasgladh le Pilat, thug e losa 
thairis gu hhi air a chèusadh : 34 Ghuidh 
164 



Criosd uir son a naimhde. 46 A hhàs 
59 agus 'adhlac. 

AGUS air èirigh d' an cuid- 
eachd uile, thug iad e gu 

Pilat. 

2 Agus thòisich iad air a chas- 
aid, ag ràdh, Fhuair sinn am 
fear so a' claonadh a' chinnich, 
agus a' baeadh cìs a thoirt do 
Cheasar, ag ràdh, Gur e fèin 
Crìosd an rìgh. 

3 Agus dh'fhiosraich Pilat 
deth, ag ràdh, An tusa rìgh nan 
lùdhach? agus fhreagair e-san 
agus thubhairt e, A ta thu 'g a 
ràdìi. 

4 An sin thubhairt Pilat ris 
na h-àrd-shagartaibh agus ris an 
t-sluagh, Cha 'n 'eil mi faotainn 
coire air bith san duine so. 

5 Agus bha iadsan ni bu ro 
dhèine, ag ràdh, Tha e buaireadh 
an t-skiaigh, a' teagasg troimh 
ludea uile, a' tòiseachadh o 
Ghalile, gus an àit so. 

6 'Nuair a chuala Pilat mu 
Ghalile, dh'fhiosraich e am bu 
Ghalilèach an duine. 

7 Agus an uair a chual e gu 'm 
b' ann fo uachdaranachd ^ Heroid 
a bha e, chuir se e gu Herod, a 
bha e fèin ann an lerusalem sna 
làithibh sin. 

8 Agus an uair a chunnaic 
Herod losa, bha aoibhneas mòr 
air : oir bha dèidh aige rè ùine 
fhada air e-san fhaicinn, do 
bhrìgh gu 'n cual e mòran uime ; 
agus bha dùil ^ aige gum faiceadh 
e mìorbhuil èigin air a dhèanamh 
leis. 

9 An sin dh'fheòraich e mòr- 
an do cheisdibh dheth ; ach cha 

'yb chumhachd,fo riaghladh. • dùchas. 



LUCAS, XXIII. 



d' tlmg e freagradh sam bith air. 

10 Agus sheas na h-àrd-shagairt 
agus na sgrìobhaichean 'ga chas- 
aid gu dian. 

11 Ach chuir Herod agus a 
luchd-cogaidh an neo-mheas e, 
agus rinn iad fanoid air, agus an 
dèigh a sgeadachadh an eudach 
dealrach' chuir e air ais gu Pi- 
lat e. 

12 Agus rinneadh Pilat agus 
Herod 'nan càirdibh d' a chèile 
san là sin : oir bha iad roimhe 
sin an naimhdeas r' a chèile. 

13 Agus an uair a ghairm Pilat 
an ceann a chèile na h-àrd- 
shagairt, agus na h-uachdarain, 
agus an sluagh, 

14 Thubhairt e riu, Thug sibh 
a m' ionnsuidh-sa an duine so, 
mar neach a ta tionndadh an 
t-sluaigh a thaobh : agus, feuch, 
air dhomh a cheasnachadh ann 
bhur làthair, cha d' fhuair mi 
coire air bith san duine so thaobh 
nan nithe sin mu 'm bheil sibh a' 
dèanamh casaid air ; 

15 No mar an ceudna Herod : 
oir chuir mi d' a ionnsuidh sibh, 
agiis, feuch, cha d'rinneadh ni 
air bith leis" toilltinneach air 
bàs. 

16 Uime sin, air dhomh-sa a 
smachdachadh, leigidh mi as e. 

17 (Oir b' èigin da aon a leig- 
eadh as doibh air an fhèill.) 

18 Agus ghlaodh iad a mach 
dh'aon ghuth, ag ràdh, Beir 
uainn aìn fear so, agus leig air 
a chomas duinne Barabas : 

19 (Neach air son ceannairc 
àraidli a rinneadh anns a' bhaile, 
agus air son mòrtaidh, a thilg- 

' ro gheal. ^ dha. 

165 



eadh am prìosan.) 

20 Air an aobhar sin labhair 
Pilat riu a rìs, air dha bhi toil- 
each losa a chur fa sgaoil. 

21 Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, 
Cèus e, cèus e. 

22 Agus thubhairt e riu an 
treas uair, C' ar son ? ciod an 
cron a rinn e ? cha d' f huair mise 
cùis bhàis air bith ann : uime 
sin, an dèigh dhomh a smachd- 
achadh, leigidh mi as e. 

23 Agus luidh iadsan air le 
guthaibh mòra, ag iarraidh e-san 
a chèusadh : agus bhuadhaich an 
guthanna-san, agus guthamia nan 
àrd-shagart. 

24 Agus thug Pilat breth gu 'n 
dèanta na dh'iarr iad. 

25 Agus leig e mach dhoibh 
e-san a thilgeadh am prìosan air 
son ceannairc agus mortaidh, an 
neach a dh'iarr iad ; ach thug e 
thairis losa d' an toil. 

26 Agus an tràth thug iad leo 
e, rug iad air Simon, duine àraidh 
o Chirene, a bha teachd o 'n 
dùthaich, agus chuir iad an 
crann-cèusaidh air, g' a ghiùlan 
an dèigh losa. 

27 Agus lean cuideachd mhòr 
e do'n t-shiagh,agus do mhnaibh, 
a bha mar an ceudna ri bròn^, 
agus 'ga chaoineadh-san. 

28 Ach air tionndadh do Tosa 
riu, thubhairt e, A nigheana le- 
rusaleim, na guilibh air mo shon- 
sa, ach guilibh air bhur son fèin, 
agus air son bhur cloinne : 

29 Oir feuch, a ta na làithean 
a' teachd, anns an abair iad, Is 
beannaichte na mnài neo-thorr- 
ach^, agus na bronna nach do 

■* bas-bhualadh. * sheasga, gun sliochd. 



LUCAS 



, xxni. 



ghiùlain clann, agus na cìocha 
nach d' thug bainne. 

30 An sin tòisichidh iad air a 
ràdh ris na beanntaibh, Tuitibh 
oirnne; agus ris na cnocaibh, 
Folaichibh sinn. 

31 Oir ma nì iad na nithe so 
ris a' chrann ùr, ciod a nì iad ris 
a' chrìonaich ? 

32 Agus thugadh mar an ceudna 
dithis eile, a bha 'nan luchd 
droch-bheirt, chum bhi air an 
cèusadh maille ris. 

33 Agus an uair a thàinig iad 
do 'n àit d' an goirear Calbhari 
an sin chèus iad e fein, agus na 
droch dhaoine ; fear dhiubh air 
a làimh dheis, agus am fear eile 
air a làimh clilì. 

34 An sin thubhairt losa, Ath- 
air, maith dhoibh ; oir clia 'n 'eil 
fhios aca ciod a ta iad a' dèan- 
amh. Agus roinn iad 'eudach, 
agus thilg iad crannchur air. 

35 Agus sheas an skiagh ag 
amharc : agus rinn na h-uachd- 
arain fanoid air maille riusan, 
ag ràdh, Shaor e daoine eile ; 
saoradh se e fèin, ma 's e so 
Crìosd, aon taghta Dhè. 

36 Agus rinn na saighdearan 
mar an ceudna fanoid air, a' 
teachd d' a ionnsuidh, agus a' 
tairgseadh f lon geur dha, 

37 Agus ag ràdh, Ma 's tu rìgh 
nan lùdliach, teasairg thu fèin. 

38 Agus bha sgrìobhadh mar 
an ceudna air a sgrìobhadh os a 
cheann, ann an litrichibh Grèigis, 
agus Laidin, agus Eabhra, IS 
E SO RIGH NAN lUDHACH. 

39 Agus thug aon do na droch 
dhaoinibh, a chrochadh,toibheum 

' àìt d cltldiginn. 
1C)G 



dha, ag ràdh, Ma 's tu Crìosd, 
saor thu fèin agus sinne. 

40 Ach fhreagair am fear eile, 
agus chronuich se e, ag ràdh, 
Nach 'eil eagal Dè ort, agus gu 
bheil thu fo 'n aon dìteadh ris ? 

41 Agus sinne da rìreadh an 
ceartas ; oir a ta sinn a' faotainn 
nan nithe sin a thoill ar gniomh- 
aran : ach cha d' rinn an diiine 
so cron air bith. 

42 Agus thubhairt e ri losa, 
A Thighearn, cuirahnich ormsa 
'nuair a thig thu do d' rìoghachd. 

43 Agus thubhairt losa ris, Gu 
deimhin a ta mi ag ràdh riut, 
gu 'm bì thu maille riumsa an 
diugh ann am pàras. 

44 Agus bha e mu thimchioll 
na seathadh uaire, agus bha 
dorchadas air an talamh uile gus 
an naothadh uair. 

45 Agus dhorchaicheadh a' 
ghrian, agus reubadh brat-roinn 
an teampuill 'na mheadhon. 

46 Agus an uair a ghlaodh 
losa le guth mòr, thubhairt e, 
Athair, a ta mi tiomnadh mo 
spioraid a' d' làmhaibh-sa : agus 
an uair a thubhairt e so, thug e 
suas an deò. 

47 A nis an uair a chunnaic 
an ceannard-ceud an ni a rinn- 
eadh, thug e ghnr do Dhia, ag 
radh, Gu fìrinneaeh b' ionracan 
an duine so. 

48 Agus an sluagh uile a 
chruinnich dh'ionnsuidh an t- 
seallaidh sin, an uair a chunn- 
aic iad na nithe a rinneadh, 
phill iad air an ais, a' bualadh 
an uchd. 

49 Agus sheas a kichd-eòlais 
uile agus na mnài a lean e o 



LUCAS, XXIII. XXIV. 



Ghalile, am fad iiaith, ag amh- 
arc air na nithibh sin. 

50 Agus, feuch, duine àraidh 
d' am b' ainm loseph, comh- 
airleach, a hha 'na dhuine maith, 
agus 'na f hìrean ; 

51 (Cha d' aontaich an duine 
so d' an comhairle no d' an 
gniomh ;) O Arimatea, baile leis 
na h-Iùdhaich ; neach mar an 
ceudna aig an robh sùil ri rìogh- 
achd Dhè. 

52 Chaidh e-san gu Pilat, agus 
dh'iarr e corp losa. 

53 Agus air dha a thoirt a 
nuas, phaisg e ann an lion-eud- 
ach e, agus chuir e ann an uaigh 
e a chladhaicheadh à carraig, 
anns nach do cliuireadh aon 
duine riamh roimhe. 

54 Agus b' e sin là an uU- 
uchaidh, agus bha an t-sàbaid 
am fagus. 

55 Agus lean na mnài a thàin- 
ig maille ris o Ghalile, agus 
chimnaic iad an uaigh, agus 
cionnus a chuireadh a chorp. 

56 Agus phill iad, agus dh'- 
ulluich iad spìosraidh \ agus 
oladh deadh fhàile ; agus ghabh 
iad tàmh air là na sàbaid, a rèir 
na h-àithne. 

CAIB. XXIV. 

1 Chuireadh aiseirigh Chrìosd an ceill le dà 
aingeal dona mnaibh a thàinig a dh'amharc 
nah-uaighe: 13 Dh[ffmllsicheadh Crìosd 
fein do 'n dithis dheisc'obul a chaidh gu 
h-Emaus : 36 'na dhrigh sin dh'fhoìllsich- 
eadh e do na h-absiolnibh, agus chronuich e 
iad air son am m'i-chreidinih : 47 thvg e 
àithne dhoibh ; 49 gheall e an Spiorad 
JVaomh, 51 agus chaidh e suas do ncamh. 

ANIS air a cheud ìà do 'n t- 
seachduin, gu ro mhoch 

' luibhean cùbhraidh. 
^07 



air mhaduinn, thàinìg iad chum 
na h-uaighe, a' toirt leo nan 
spìosraidh a dh'ulluich iad, agus 
7nnài àraidh eile maille riu. 

2 Agus fhuair iad a' chlach 
air a caruchadh o 'n uaigh. 

.3 Agus air dhoibh dol a steach 
cha d'fhuair iad corp an Tigh- 
earn losa. 

4 Agus am feadh a bha iad 
an ioma-cheisd mu 'n ni so, 
feuch, sheas dithis dhaoine làimh 
riu ann an eudaichibh dealrach. 

5 Agus air dhoibh bhi faidh 
eagal, agus a' cromadh an agh- 
aidh chum na talmhainn, thubli- 
airt iad riu, C' ar son a ta sibh 
ag iarraidh an Tì a ta beò am 
measg nam marbh ? 

6 Cha 'n 'eil e 'n so, ach dh' 
èirich e r euimhnichibh mar a 
labhair e ribà air dha bhi fathast 
ann an Galile, 

7 Ag ràdh, Is èigin do Mhac 
an duine bhi air a thoirt thairis 
do làmhaibh dhaoine peacach, 
agus a bhi air a chèusadh, agus 
èirigh a rìs an treas là. 

8 Agus ehuimhnich iad a 
bhriathran. 

9 Agus air dhoibh pilltinn o 'n 
uaigh, dh'innis iad na nithe so 
uile do'n aon fhear deug, agus 
do chàch uile. 

10 Agus b' i Muire Magdalen, 
agus loanna, agus Muire màth- 
air Sheumais, agus mnài eile 
maille riu, a dh'innis na nithe 
so do na h-abstolaibh. 

11 Agus mheasadh am briath- 
ra leo-san mar sgeula faoine, ag- 
us cha do chreid siad iad. 

12 An sin air èirigh do Phead- 
ar, ruith e chum na h-uaighe; 



. LUCAS, 

agus air dha cromadh sios, chunn- i 
aic e'n lion-eudach 'na luidhe ! 
leis fèin, agus dh'fhalbh e, a' 
gabhail iongantais leis fèin mu'n 
ni so a rinneadh. 

13 Agus, feuch, bha dithis 
diubh a' dol air an là sin fèin 
gu baile d' am b'ainm Emaus, a 
bha tri fichead stàid o lerusalem. 

14 Agus bha iad a' labhairt 
eatorra fèin mu thimchioll nan 
nithe ud uile a thachair. 

15 Agus an uair a bha iad a' 
oòmhradh, agus a' co-reusonach- 
adh, thàinig losa e fèin am fag- 
us, agus dh'imich e maille riu. 

16 Ach bha'n sùilean air an 
cumail, air chor as nach d' aith- 
nich iad e. 

17 Agus thubhairt e riu, Ciod 
e an còmhradh so air am bheil 
«iibh a' teachd eadaraibh fèin, ag 
imeachd dhuibh, agus sibh dubh- 
ach ? 

18 Agus fhreagair fear diubh 
d' am b' ainm Cleopas, agus thubh- 
airt e ris, Am bheil thusa a 
mhàin a' d' choigreach an leru- 
salem, agus gun fhios agad air 
na nithibh a rinneadh innte anns 
na làithibh so ? 

19 Agus thubhairt e riu, Ciod 
na nithe ? Agus thubhairt iad- 
san ris, Na nithe a thaobh losa 
o Nasaret, a bha 'na fhàidh 
cumhachdach ann an gniomh 
agus ann am focal am fianuis 
Dè, agus an t-sluaigh uile : 

20 Agus cionnus a thug na 
h-àrd-shagairt agus ar n-uachd- 
arain thairis chum dìtidh bàis e, 
agus a chèus iad e. 

21 Ach bha dùil againne gu 'm 
b' e-san an Tì a bha gu Israel a 

1G8 



XXIV. 

shaoradh ; agus a thui]leadh air 
so uile, is e 'n diugh an treas là 
o rinneadh na nithe so. 

22 Agus mar an ceudna, chuir 
mnài àraidh dhinn fèin, a chaidh 
gu moch a dh' ionnsuidh na 
h-uaighe, mòr-ìoghnadh^ oirnn : 

23 Agus an uair nach d' f huair 
iad a chorp, thàinig iad, ag ràdh, 
gu'm fac iad sealladh do aing- 
libh a thubhairt gu bheil e beò. 

24 Agus chaidh dream àraidh 
dhiubh-san a bha maille ruinn 
fèin, chum na h-uaighe, agus 
fhuair iad eadhon mar thubhairt 
na mnài ; ach cha'n fhac iad 
e-san. 

25 An sin thubhairt e riu, O 
dhaoine amaideach,^ agus mall- 
chridheach a chreidsinn nan 
nithe sin uile a labhair na fàidh- 
ean ! 

26 Nach b'èigin do Chrìosd na 
nithe so fhulang, agus dol a 
steacli d' a ghlòir ? 

27 Agus air dha tòiseachadh 
o Mhaois, agus o na fàidhibh 
uile, dh'eadar-mhìnich e dhoibh 
anns na sgriobtuiribh uile na 
nith^ m' a thimchioll fèin. 

28 Agus dhruid iad ris a' 
bhaile, d'an robh iad a' dol : agus 
leig e-san air gu 'n rachadh e ni 
b' f haide. 

29 Ach cho-èignich iadsan e, 
ag ràdh, Fan maille ruinne, oir 
a ta e dlùth do 'n f heasgar, agus 
tha deireadh an là ann. Agus 
chaidh e steach a dh'fhuireach 
maille riu. 

30 Agus an uair a shuidh e gu 
biadh maille riu, air dha aran 
a ghlacadh, bheannaich se 

' uamhas ^ neo-mhothachail. 



LUCAS, XXIV. 



agus, bhris se e, agus thiig e 
dhoibh e. 

31 Agus dh'fhosgladh an sùil- 
ean, agus dli'aithnich iad e ; ag- 
us chaidh e as an t-sealladh. 

32 Agus thubhairt iad r' a 
chèile, Nach robh ar cridhe a' 
lasadli annainn, am feadh a bha 
e a' labhairt ruinn air an t-slighe, 
agus an uair a dh'fhosgail e 
dlimnn na sgriobtuirean ? 

33 Agus dh'èirich iad air an 
uair sin fèin, agus phill iad gu 
lerusalem, agus fhuair iad an 
t-aon fhear deug cruinn an 
ceann a chèile, agus an dream 
a bha maille riu, 

34 Ag ràdh, Dh'èirich an Tigh- 
earna da rìreadh, agus chunn- 
acas le Simon e. 

35 Agus dh'innis iad na nithe 
a rinneadh air an t-slighe, agus 
mar a dli'aithnicheadh leo e ann 
am briseadh an arain. 

36 Agus ag labhairt nan nithe 
so dhoibh, sheas losa fèin 'nam 
meadlion, agus thubhairt e riu, 
Sìth maille ribh. 

37 Ach bha iadsan fuidh gheilt- 
chrith agus fuidh eagal, agus 
shaoil iad gur spiorad a chunn- 
aic iad. 

38 Agus thubhairt e riu, C' ar 
son a ta sibh fo bhuaireas,^ agus 
c' ar son a ta smuaintean ag èir- 
igh suas ann bhur cridheach- 
aibh ? 

39 Feuchaibh mo làmhan agus 
mo chosan, gur mi fèin a th'ann : 
làimhsichibh mi, agus faicibh ; 
oir cha 'n 'eil aig spiorad feoil 
agus cnàmha, mar a chì sibh 
agam-sa. 

' thriohlaid. 

169 



40 Agus an uair a thubhairt 
e so, nochd e dhoibh a làmhaii 
agus a chosan. 

41 Agus air dhoibh bhi fath- 
ast mi-chreideach troimh aoibh- 
neas, agus iad fuidh iongantas, 
thubhairt e riu, Am bheil biadli 
sam bith agaibh an so ? 

42 Agus thug iad da mìr do 
iasg ròiste, agus do chìr-mheala. 

43 Agus ghlac se e, agus dh'- 
ith e 'nam fianuis. 

44 Agus thubhairt e riu, 'S iad 
so na briathran a labhair mi 
ribh, 'nuair a bha mi fathast 
maille ribh, gur èigin do na 
h-uile nithibh a ta sgriobhta ann 
an lagh Mhaois, agus anns na 
fàidhibh, agus anns na salmaibh 
mu m' thimchioll-sa, bhi air an 
coimhlionadh. 

45 An sin dh'fhosgail e an 
tuigse, chum gu'n tuigeadh iad 
na sgriobtuirean. 

46 Agus thubhairt e riu, Mar 
so a ta e sgrìobhta, agus mar so 
b' èigin do Chnosd fulang, agus 
èirigh o na marbhaibh an treas 
là : 

47 Agus aithreachas agus maith- 
eanas peacaidh bhi air an sear- 
monachadh'na ainm-san, do na 
h-uile chinnich, a' tòiseachadh 
aig lerusalem. 

48 Agus is fianuisean sibhse 
air na nithibh so. 

49 Agus, feuch, cuiridh mise 
gealladh m' Athar oirbh : ^ ach 
fanaibh-sa ann am baile lerusa- 
leim, gus an sgeadaichear le 
cumhachd o nah-àrdaibh sibh. 

50 Agus thug e mach iad co 

- cuiridh mise na gheall m' Athair d'ur 
n^ionnsuidh. 



LUCAS, XXIV. 



f had ri * Betani ; agus thog e suas 
a làmhan, agus bheannaich e iad. 

51 Agus am feadh a bha e 'gam 
beannachadh, dhealaicheadh riu 
e, agus thogadh suas gu nèamh e. 

' as. 



52 Agus rinn iad aoradh dha, 
agus phill iad gu lerusalem le 
gàirdeachas mòr : 

53 Agus bha iad a ghnàth 
anns an teampull, a' moladh ag- 
us a' beannachadh Dhè. Amen. 



An SOISGEUL 
CAIB. I. 

1 Diadhachd, daoìneachd, agus dreuchd losa 
Crìosd. 16 Fianuìs Eoin. 39 Gairm Ain- 
dreais, Pheadair, 43 PhiUp, 45 agus 
Natanaeil. 

ANNS an toiseach bha am 
Focal, agus bha am Focal 
maille ri Dia, agus b' e am Focal 
Dia. 

2 Eha e so air tùs maille ri 
Dia, 

3 Rinneadh na li-uile nithe 
leis ; agus as eugmhais cha d'- 
rinneadh aon ni a rinneadh, 

4 Ann-san bha beatha, agus 
b' i a' bheatlia solus dhaoine. 

5 Agus tha'n solus a' soill- 
seachadh anns an dorcliadas, 
agus cha do ghabli an dorchad- 
as e. 

6 Chuireadh duine o Phia, d' 
am b' ainm Eoin. 

7 Thàinig e-san mar fhianuis, 
chum fianuis a thoirt mu'n t- 
sohis, chum gu'n creideadh na 
h-uile dliaoine trìd-san. 

8 Cha b' e-san an solus sin, ach 
cìiuireadh e chum gu tugadh e 
fìanuis mu 'n t-solus. 

9 B' e so an solus fior a ta soill- 
seachadh gach uile dhuine tha 
teachd chum an t-saoghail. 

10 Bha e anns an t-saoghal, 
agus rinneadh an saoglial leis, 

170 



A REIR EOIN. 

agus cha d'aithnich an saoghal e. 

11 Thàinig e dh'ionnsuidli a 
dhùthcha fèin, agus cha do 
ghabh a mhuinniir fèin ris. 

12 Ach a mheud as a ghabh 
ris, thug e dhoibh cumhachd a 
bhi 'nan cloinn do Dhia, eadhon 
dhoibh-san a ta creidsinn 'na 
ainm : 

13 A bha air an gineamhuin, 
cha 'n ann o f huil, no o thoil na 
feòla, no o thoil duine, ach o 
Dhia. 

14 Agus rinneadh' am Foc- 
al 'na fheoil, agus ghabh e 
còmhnuidh 'nar measg-ne, (agus 
chunnaic sinn a ghlòir, mar 
ghlòir aoin ghin Mhic an Athar,) 
làn gràis agus fìrinn. 

15 (Thug Eoin fianuis uime, 
agus ghlaodh e, ag ràdh, Is e so 
an Tì mu'n do labhair mi, An Tì 
a ta teachd a' m' dhèigh, tha 
toiseach aig orm ; oir bha e 
romham,) 

16 Agus as a lànachd-san 
f huair sinne uile, agus gràs air 
son gràis. 

17 Oir thugadh an lagh le 
Maois, ach thàinig an gràs agus 
an f hìrinn le losa Crìosd. 

18 Cha 'n f haca neach air bith 

' dh'fhàs. 



EOIN, r. 



Dia riamli ; an t-aon-ghin Mic, 
a ta ann an uclid an Athar, is 
e-san a dh'fhoillsich e. 

19 Agus is i so fianuis Eoin : 
An uair a chuir na h-Iùdhaich 
sagairt agus Lebhithich o leru- 
salem, chum gu'm fiosraicheadh 
iad deth, Cò thusa? 

20 Dh'aidich e-san, agus cha 
d' àicheadh e ; ach dh'aidich e, 
Cha mhi Crìosd. 

21 Agus dh'f hiosraich iad deth, 
Ciod ma seadh ? An tu Elias ? 
Agus thubhairt e, Cha mhi. An 
iìi am fàidh ? Agus f hreagair e, 
Cha mìii. 

22 An sin thubhairt iad ris, 
Cò thu ? chum gu 'n toir sinn 
freagradh dhoibh-san a chuir 
uatha sinn : ciod a tha thu 'g 
ràdh mu do thimchioll fèin ? 

23 Thubhairt e, Is mise guth 
an Tì a ghlaodhas ^ anns an f hàs- 
ach, Dèanaibh direach slighe an 
Tighearna, mar thubhairt am 
faidh Esaias. 

24 Agus an dream a chuir- 
eadh leis an teachdaireaclid, b'ann 
do na Phàirisich iad. 

25 Agus dh'fhiosraich iad deth, 
agus thubhairt iad ris, C' ar son 
ma seadh a ta thu a' baisteadh, 
mur tu Crìosd, no Elias, no am 
fàidh ? 

26 Fhreagair Eoin iad, ag ràdh, 
A ta mise a' baisteadh le h-uisge ; 
ach a ta neach 'na sheasamh 'nur 
measg, nach aithne dhuibh ; 

27 Is e so an Tì, a ta teachd 
a' m' dhèigh-sa, aig am bheil tois- 
each orm, neach nach airidh 
mise air barr-iall a bhròige 
fhuasgladh. 

^Is mise e-san aig am bheil a ghuth ag eigheach. 
171 



28 Rinneadh na nithe so ann 
am Betani" air an taobh thall do 
lordan, far an robh Eoin a' 
baisteadh. 

29 Air an là màireach chunn- 
aic Eoin losa a' teachd d' a ionn- 
suidh, agus thubhairt e, Feuch 
Uan Dè, a ta toirt air falbh peac- 
aidh an t-saoghail ! 

30 Is e so an Tì mu 'n dubh- 
airt mi, Tha fear a' teachd a' m' 
dhèigh, aig am bheil barrachd 
orm ; oir bha e romham. 

31 Agus cha robh aithne agam- 
sa air : ach a chum gu 'm bith- 
eadh e air fhoillseachadh do 
Israel, uime sin thàinig mi a' 
baisteadh le h-uisge. 

32 Agus thug Eoin fianuis, ag 
ràdh, Chunnaic mi an Spiorad 
a' teachd a nuas mar choluman 
o nèamh, agus ghabh e còmh-» 
nuidh air, 

33 Agus cha b'aithne dhomh-sa 
e : ach an Tl a chuir mi a bhaist- 
eadh le h-uisge, thubhairt e-san 
rium, Ge b' e air am faic thu an 
Spiorad a' teachd a nuas agus a' 
gabhail còmhnuidh air, is e sin 
an Tì a bhaisteas leis an Spiorad 
naomh. 

34 Agus chunnaic mi, agus rinn 
mi fianuis, gur e so Mac Dhè. 

35 Air an là màireach a rìs 
sheas Eoin, agus dithis d' a dheis- 
ciobluibh ; 

36 Agus air dha amharc air 
losa agus e ag imeachd,^ thubh- 
airt e, Feuch Uan Dè ! 

37 Agus chual an dithis dheis- 
ciobul e a' labhair, agus lean iad 
losa. 

38 Agus air tionndadh do losa, 

Bctabara. ^a' sràid-imeachd. 



EOIN, 



I. II. 



cliunnaic e iad 'ga leantuinn, 
agus thubhairt e riu, Ciod a 
ta sibh ag iarraidh ? Thubhairt 
iadsan ris, Rabbi, (is e sin r' a 
ràdh, air eadar-theangachadh, A 
mhaighstir,) c' àit am blieil tliu 
gabliail còmhnuidh ? 

39 Thubhairt e riu, Thigibh 
agus faicibh. Thàinig iad agus 
chunnaic iad c' àit an robh e 
gabhail còmhnuidh, agus dh'- 
f han iad maiUe ris an là sin : 
oir bha e mu thimchioU na 
deicheamh uaire. 

40 B' e Aindreas, bràthair Shim- 
oin Plieadair, aon do 'n dithis a 
chual Eoin a labhairt, agus a 
lean e-san. 

41 Fhuair e-san air tùs abhràth- 
air fèin Simon, agus tliubhairt e 
ris, Fhuair sinne am Mesias, is 
e sin, air eadar-theangachadh, 
Crìosd^ 

42 Agus thug e chum losa e ; 
Agus an uair a dh'amhairc losa 
air, thubhairt e, is tusa Simon 
mac lona : gairmear Cephas 
dhiot, is e sin air eadar-theang- 
achadh, Peadar^. 

43 Air an là 'na dhèigh sin, 
bu toil le losa dol a mach do 
Glialile, agus fhuair e Philip, 
agus thubliairt e ris, Lean mise. 

44 A nis bha Philip o Bhet- 
saida, baile Aindreais agus Phead- 
air. 

45 Fhuair Philip Natanael, agus 
thubhairt e ris, Fhuair sinne an 
Tì mu 'n do sgrìobh Maois anns 
an lagh, agus na fàidhean, losa o 
Nasaret, mac loseiph. 

46 Agus thubhairt Natanael ris, 
Am feud ni maith air bith teachd 



à Nasaret ? Thubhairt Philip 
ris, Thig agus faic. 

47 Chunnaic losa Natanael a' 
teachd d' a ionnsuidh, agus tliubh- 
airt e uime, Feuch Israeleach da 
rìreadh, anns nach 'eil cealg ! 

48 Thubhairt Natanael ris, 
Cionnus is aithne dhuit mi ? 
Fhreagair losa agus thubhairt 
e ris, Mun do ghairm Philip thu, 
'nuair a bha thu fo 'n chrann- 
fhìge, chunnaic mise thu.. 

49 Fhreagair Natanael agus 
thubhairt e ris, Rabbi, is tusa 
Mac Dhè ; is tu Rìgh Israeil. 

50 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e ris, A chionn gu'n dubh- 
airt mi riut, chunnaic mi thu fo 
'n chrann-fhìge, am bheil thu 
creidsinn ? ch\ thu nithe a's mò 
na iad so. 

51 Agus thubhairt e ris, Gu 
deimhin deimhin a ta mi ag 
ràdh ribh, 'Na dhèigh so chì sibh 
nèamh fosgailte, agus aingil Dhè 
a' dol suas agus a' teachd a nuas 
air Mac an duine. 

CAIB. II. 

1 Rinn Crìosdfion do'n uisge : 12 cliaidh e 
do Chapernaum, agus do lerusakm, 14 far 
an do ghlan e an teampuU o làchd-reicidh 
agus ceannnchd : 19 roimh-innis e a hhds 
agus 'aiseirìgh. 23 Chreid mhi-an ann air 
son a mhmrhhuilean, ach cha d'earb se e 
fèin riu. 

AGUS air an treas là bha pòs- 
adh ann an Cana Ghalile ; 
agus bha màthair losa an sin. 

2 Agus fhuair losa mar an 
ceudna agus a dheisciobuil cuir- 
eadh chum a' phòsaidh. 

3 Agus air teireachdainn do 'n 
f hion, thubhairt màthair losa ris, 
Cha 'n 'eil fìon aca. 



1 Christos, Gr. i. e. Aon ungta. 
17:2 



^ Petros, Gr. i. e. carraig. 



EOIN, II. 



4 Tliubhairt losa ritlie, Ciod e 
ino ghnothueh-sa riut, a bhean? 
cha d' thàinig m' uair-sa fathast. 

5 Thubhairt a mhàthair ris an 
hichd-frithealaidh, Ge b' e ni a 
their e ribh, dèanaibh e. 

6 Agus bha sè soithichean 
uisge do chloich air an cur an 
sin, a rèir gnàtha glanaidh nan 
lùdliach, a ghabhadh dà f heircin 
no trì gach aon diubh. 

7 Thubhairt losa riu, Lìonaibh 
na soithiche le uisge. Agus lion 
siad iad gus am beuL 

8 Agus tlmbliairt e riu, Tairng- 
ibh a nis, agus thugaibh chum 
uachdarain na cuirme \ Agus 
thug iad ann e. 

9 'Nuair a bhlais uachdaran 
na cuirme an t-uisge a rinneadh 
'na fhìon, (agus cha robh fhios 
aige cia as a thàinig e ; ach bha 
fhios aig an luchd-frithealaidh 
a tharruing an t-uisge,) ghairm 
uachdaran na cuirme am fear 
nuadh-pòsda 

10 Agus thubhairt e ris, Cuiridh 
gach duine fìon maith a làthair 
air tùs ; agus an uair a dh'òlas 
daoine gu leoir, an sin amfìon 
a 's miosa : ach ghlèidh tlmsa 
am fìon maith gus a nis. 

11 An toiseach so do mhìor- 
bhuilibh rinn losa ann an Cana 
Ghalile, agus dh'fhoillsich e a 
ghlòir ; agus chreid a dlieisciob- 
uil ann. 

12 An dèigh so chaidh e sìos 
do Chapernaum, e fèin, agus a 
mhàthair, agus a bhràithrean, 
agus a dheisciobuil ; agus cha 
d' fhan iad ann mòran do làith- 
ibh. 

^fèisde. • fear na baiiinse. 
173 



13 Agus bha càisg nan lùdhach 
am fagus ; agus chaidh losa suas 
gu lerusalem. 

14 Agus fhuair e 'nan suidhe 
anns an teampull luchd-reicidh 
cruidli^, agus chaorach, agus 
choluman, agus iuchd-malairt an 
airgid : 

15 Agus air dèanamh sgiùrs- 
air* dha do cliòrdaibh caola, dh'- 
fhuadaicli e mach as an teamp- 
ull iad uile, agus na caoraich 
agus an crodli ; agus dhòirt e 
macli airgiod an luclid-malairt, 
agus thilg e na bùird thairis ; 

16 Agus thubhairt e riusan 
a bha reiceadh cliohiman, Tog- 
aibh iad sin a so ; na dèanaibh 
tigh m' Athar-sa 'na thigh mars- 
andachd. 

17 Agus chuimhnich a dheis- 
ciobuil gu 'n robh e sgrìobhta, 
Dh'ith eud^ do thighe suas mi. 

18 An sin flireagair na h-Iùdh- 
aich, agus thubhairt iad ris, 
Ciod an comhar a nochdas tu 
dhuinne, do bhrigli gu bheil thu 
dèanamh nan nitlie sin ? 

19 Fhreagair losa agus tliubh- 
airt e riu, Leagaibh sìos an 
teampull so, agus an trì làithibh 
cuiridh mise suas e. 

20 An sin thubliairt na h-Iùdh- 
aicli, Sè bliadhna agus dà fhich- 
ead bha an teampull so 'ga thog- 
ail, agus an cuir thusa suas an 
trì làitliibh e ? 

21 Ach labhair e-san mu theamp- 
ull a chuirp. 

22 Uime sin an uair blia e air 
èirigh o na marbhaibh, chuimh- 
nich a dheisciobuil gu 'n dubh- 
airt e so: agus chreid iad an 

dhamh. * cnipe. ^ ro-chùram. 



EOIN, 



II. III. 



sgrìobtuir, agus am focal a 
tliubhairt losa. 

23 A nis an uair a blia e an 
lerusalem aig a' chàisg, air an 
fhèill', chreid mòran 'na ainm, 
an uair a chunnaic iad na mìor- 
bhuilean a rinn e. 

24 Ach cha d' earb losa e fèin 
riu, do bhrìgh gu 'm b' aithne 
dha na h-uile dhaoine, 

25 Agus nach robh feum aige 
neach air bith a' dhèanamh fian- 
uis air duine : oir bha f hios aige 
ciod a bha anns an duine. 

CAIB. III. 

1 Theagaisg Crìosd do Nicodemus feum na 
h-ath-ghincamhuin. 14 Mu chreidimh 'na 
hhàs. 16 Mòr ghràdh Dhè do 'n chinne- 
daoine. 23 Baisteadh,fianuis, agus teagasg 
Eoin. 

AGUS bha duine do na Phàir- 
isich, d' am b' ainm Nico- 
demus, a hha 'na uachdaran air 
na h-Iùdhaich : 

2 Thàinig e-san chum losa san 
oidhche, agus thubhairt e ris, A 
mhaighstir, tha fhios againn gur 
fear-teagaisg thu a tliàinig o 
Dhia : oir cha 'n urrainn duine 
air bith na mìorbhuile so a 
dhèanamh a ta thusa a' dèan- 
amh, mur bì Dia maille ris. 

3 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e nis, Gu deimhin deimhin 
a ta mi ag ràdh riut, mur 
beirear dviine a ris^, nach feud e 
rìoghachd Dhè fhaicinn. 

4 Thubhairt Nicodemus ris, 
Cionnus a dhTheudas duine bhi 
air a bhreith 'nuair a ta e aosda? 
am bheil e comasach air dol a 
stigh an dara uair do bhroinn a 
mhàthar, agus a bhi air a bhreith? 

5 Fhreagair losa, Gu deimhin 

* an àm na feisde. o'n àirde. 
174 



deimhin a ta mi ag ràdh riut, 
mur bi duine air a bhreith o 
uisge, agus o 'n Spiorad, cha 'n 
urrainn e dol a steach do rìogh^ 
achd Dhè. 

6 An ni sin a ta air a bhreith 
o 'n f heoil, is feoil e ; agus an 
ni sin a ta air a bhreith o'n 
Spiorad, is spiorad e. 

7 Na gabh iongantas gu 'n dubh- 
airt mi riut, Is èigin duibh. bhi 
air bhur breith a rìs. 

8 Tha a' ghaoth a' sèideadh 
far an àill Itatha, agus tha thu 
a' chiinntinn a fuaim, ach cha 'n 
'eil fhios agad cia as a tha i 
teachd, no c' àit a tha i dol : is 
ann mar sin a tha gach neach a 
tha air a bhreith o 'n Spiorad. 

9 Fhreagair Nicodemus agus 
thubhairt e ris, Cionnus a dh'- 
f heudas na nithe so bhi ? 

10 Fhreagair losà agus thubh- 
airt e ris, Am bheil thusa a' d' 
fhear-teagaisg Israeil, agus nach 
aithne dhuit na nithe so ? 

11 Gu deimliin deimhin a ta 
mi ag ràdh riut, gu bheil sinne 
a' labhairt an ni a 's fios duinn, 
agus a' toirt fianuis air an ni 
sin a chunnaic sinn ; agus cha 
ghabh sibhse ar fianuis. 

12 Ma dh' innis mi dhuibli 
nithe talmhaidh, agus nach creid 
sibh, cionnus a chreideas sibh 
ma dh'innseas mi dhuibh nithe 
nèamhaidh ? 

13 Agus cha deachaidh aor. 
iteach suas do nèamh, ach an 
Tì a thàinig a nuas o nèamh, 
Mac an duine a ta air nèamh. 

14 Agus mar a thog Maois 
suas an nathair san f hàsach, is an 
mar sin is èigin do Mhac an 



EOIN, III. 



duìne bhi air a thogail suas : 

15 Chum as ge b'e neach a 
chreideas ann, nach sgriosar e\ 
ach gu'm bì a' bheatha mhair- 
eannach aige. 

IG Oir is ann mar sin a ghràdli- 
aich Dia an saoghal, gu 'n d' thug 
6 'aon-ghin jNIhic fèin, chum as 
ge b' e neach a chreideas ann, 
nach sgriosar e, ach gu 'm bì a' 
bheatha shìorruidh aige. 

17 Oir clia do chuir Dia a 
Mhac do 'n t-saoghal, chum gu'n 
dìteadh e an saoghal, ach a chum 
gu'm biodh an saoghal air a 
shaoradh trìd-san. 

18 An tì a chreideas ann, cha 
dìtear e : ach an tì nach creid, 
tha e air a dhiteadh cheana, a 
chionn nach do chreid e an ainm 
aoin-ghin Mhic Dhè. 

19 Agus is e so an diteadh, 
gu 'n d' thàinig an solus do 'n 
t-saoghal, agus gu 'n do ghràdh- 
aich daoine an dorchadas ni 's 
mò na'n solus, a chionn gu'n 
robh an gnìomharan olc. 

20 Oir gach neach a ta dèan- 
amh uilc, tha e toirt fuatha do 'n 
t-solus, agus cha 'n 'eil e teachd 
chum an t-soluis, air eagal gu 'm 
biodh 'oibre air an cronachadh. 

21 Ach an tì a nì an fhìrinn, 
thig e chum an t-soluis, chum 
gu 'm bi 'oibre follaiseach, gur 
ann an Dia a rinneadh iad. 

22 An dèigh sin thàinig losa 
agus a dheisciobuil do thìr lu- 
dea; agus dh'fhan e an sin 
maille riu, agus bhaist e. 

23 Agus bha Eoin mar an 
ceudna a' baisteadh ann an Enon, 
làimh ri Salim , do bhrìgh gu 'n 

' bì e caillte. 

175 



robh mòran uisgeachan an sin ; 
agus thàinig iad, agus bhaist- 
eadh iad. 

24 Oir cha robh Eoin fathast 
air a thilgeadh am prìosan. 

25 An sin dh'èirich ceisd eadar 
deisciobuil Eoin agus na h-Iùdh- 
aich, mu thimchioll glanaidh. 

26 Agus thàinig iad chum 
Eoin, agus thubhairt iad ris, A 
mhaighstir, an ti a bha maille 
riut an taobh thall do lordan, 
d' an d' thug thu fianuis, feuch, 
tha e-san a' baisteadh, agus tha 
na h-uile dhaoine a' teachd d' a 
ionnsuidli. 

27 Fhreagair Eoin agus thubh- 
airt e, Cha'n 'eil duine com- 
asach air ni sam bith a ghabhail, 
mur bi e air a thoirt da o neàmh. 

28 Tha sibhse fèin a' toirt 
fianuis dhomh-sa, gu 'n dubhairt 
mi, Cha mhi Criosd, ach gu'n do 
chuireadh roimhe mi. 

29 An tì aig am bheil a' bhean 
nuadh-phòsda, is e am fear 
nuadh-pòsda e : ach caraid an 
fhir nuaidh-phòsda, a ta 'na 
sheasamh agus ag èisdeachd ris, 
tha e a' dèanamh gàirdeachais 
mhòir air son gutha an fhir 
nuaidh-phòsda : uime sin tha mo 
ghàirdeachas so air a choimh- 
lionadh. 

30 Is èigin dasan fàs, ach 
dhomh-sa bhi air mo lughdach- 
adh. 

31 An Tì a thig a nuas, tha e 
os ceann nan uile : an ti a tha 
o'ntalamh, tha e talmhaidh, agus 
labhraidh e air mhodh talmh- 
aidh : an Tì a thig o nèamh, tha 
e os ceann nan uile. 

32 Agus an ni a chunnaic agus 



EOIN, 



III. IV. 



a chual e, air sin tha e toirt 
fìaniiis ; agus cha 'n 'eil aon duine 
a' gabhail r' a f hianuis. 

3.3 An tì a ghabh r' a fhianuis- 
san, chuir e a sheula ris, gu bheil 
Dia fìor. 

34 An Tì a chuir Dia uaith, 
tha e a' labhairt bhriathra Dhè : 
oir cha 'n ann a rèir tomhais a 
tha Dia a' toirt an Spioraid da. 

35 Is toigh leis an Athair am 
Mac, agus thug e na h-uile nithe 
'na làimh. 

36 An tì a chreideas anns a' 
Mhac, tha a' bheatha mhair- 
eannach aige ; ach an ti nach 'eil 
a' creidsinn anns a' Mhac, cha 'n 
f haic e beatha ; ach a ta fearg 
Dhè a' gabhail còmhnuidh air. 

CAIB. IV. 

1 ZZmn Cnosd còmhradh ris a Bhan-samar- 
aich, agus dh'fhoillsich se e fein d'i. 27 Tha 
dheisciobuil fo iongantas. 31 Chuir e an 
ceill doibh ^eud fein air son glòire Dhè. 89 
Chreid mòran do na Samaraich ann. 45 
Chaidh e do Ghulile, agus shlànuich e mac 
.an uachdarain a bha 'na luidhegu tinn ann 
an Capernaum. 

AIR an aobhar sin an uair a 
thuig losa gu'n cuala na 
Phàirisich gu'n robh e a' dèan- 
amh agus a' baisteadli tuilleadh 
dheisciobul na Eoin, 

2 (Ged nach do bhaist losa 
fèin iad ach a dheisciobuil,) 

3 Dh'f hàg e ludea, agus chaidh 
e a ris do Glialile. 

4 Agus b' èigin da dol troimh 
Shamaria. 

5 An sin fliàinig e gu baile a 
hhuineadh do Shamaria, ris an 
abrar Sichar, fagus do 'n fhear- 
ann a thug lacob d' a mliac lo- 
seph. 

6 A nis bha tobar lacoib an sin. 

176 



Uime sin air do losa bhi sgìth 
le a thurus, shuidh e mar sin 
làimh ris an tobar ; agus bha e 
mu thimchioll na seathadh uaire. 

7 Thàinig bean o Shamaria a 
tharruing ui^ge : thubhairt losa 
rithe, Thoir dhomh-sa deoch. 

8 Oir bha a dheisciobuil air 
dol do 'n bhaile a cheannach 
bìdh. 

9 An sin thubhairt a' bhean 
o Shamaria ris, Cionnus a ta 
thusa agus gur lùdhach thu, ag 
iarraidh deoch uam-sa, a ta am 
Bhan-samaritanaich ? oir cha'n 
'eil comunn aig na h-Iùdhaich 
ris na Samaritanaich. 

10 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e rithe, Nam b'aithne dhuit 
tiodhlac' Dhè, agus cò e a ta 'g 
ràdh riut, Thoir dhomh deoch, 
dh'iarradh tu air-san, agus bheir- 
eadh e uisge bèo dhuit. 

11 Thubhairt a' bhean ris, a 
Thighearn, cha 'n 'eil inneal 
tarruing agad, agus tha 'n tobar 
domhain : uime sin cia as a ta 
an t-uisge beò sin agad ? 

12 Am mò thusa na ar n-athair 
lacob, a thug dhuinne an tobar 
so, agus a dh' òl as e fèin, agus a 
chlann, agus a sprèidh ? 

13 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e rithe, Ge b' e neach a 
dh'òlas do 'n uisge so, bithidh 
tart ^ air a rìs : 

14 Ach ge b' e neach a dh'òl- 
as do 'n uisge a bheir mise dha, 
cha bhi tart gu bràth air ; ach 
an t-uisge a bheir mise dha, bith- 
idh e 'na thobar uisge ann, a' 
sruthadh suas chum na beatha 
maireannaich. 

' toirbheartas. ìota. 



EOIN, IV. 



15 Thubhairt a' bhean ris, a 
Thighearn, thoir dhomh-sa an 
t-uisge SO; chum nach bì tart 
orm, agus nach tig mi an so a 
tharruing. 

16 Thubhairt losa rithe, Im- 
ich, gairm t' iìiear-j)òsda, agus 
thig an so. 

17 Fhreagair a' bhean agus 
thubhairt i, Cha 'n 'eil fear agam. 
Thubhairt losa rithe, Is maith a 
thubhairt thu, Cha 'n 'eil fear 
agam : 

18 Oir bha cùignear f liear agad, 
agus e-san a ta agad a nis, cha 'n 
e t' f hear fèin e : thubhairt thu 
so gu fìor. 

19 Thubhairt a' bhean ris, A 
Thighearn, tha mi faicinn gur 
fàidh thu. 

20 Rinn ar n-aithriche aoradh 
san t-sliabh so ; agus tha sibhse 
ag ràdh, gur ann an lerusalem 
a ta an t-ionad anns an còir aor- 
adh a dhèanamh. 

21 Thubhairt losa rithe, A 
bhean, creid mise, gu bheil an 
uair a' teachd, anns nach dèan 
sibh aoradh do 'n Athair aon 
chuid san t-sliabh so, no ann an 
lerusalem. 

22 Tha sibh a' dèanamh aoraidh 
do 'n ni nach aithne dhuibh: tha 
sinne a' dèanamh aoraidh do 'n 
ni a 's aithne dhuinn : oir is ann 
o na h-Iùdhaich a ta slàinte. 

23 Ach a ta an uair a' teachd, 
agus a ta i nis ann, anns an dèan 
am fìor luchd-aoraidh aoradh 
do 'n Athair ann an spiorad ag- 
us ann am fìrinn : oir a ta an 
t-Athair ag iarraidh an leithide 
so do hichd-aoraidh. 

24 Is Spiorad Dia, agus is èig- 

177 



in d' a luchd-aoraidh, aoradh a 
dhèanamh dha an spiorad agus 
am fìrinn. 

25 Thubhairt a' bhean ris, Tha 
fliios agam gu bheil am Mesias 
a' teachd, ris an abrar Criosd : 
'nuair a thig e-san, innsidh e na 
h-uile nithe dhuinn. 

26 Thubhairt Iosh rithe, Is 
mise e, a ta labhairt riut. 

27 Agus air a so thàinig a 
dheisciobuil, agus b' iongantach 
leo gu 'n robh e labhairt ris a' 
mhnaoi : ach cha dubhairt aon 
neach, Ciod a tha thu 'g iarr- 
aidh ? no, C' ar son a tha thu 
labhairt rithe ? 

28 An sin dh'fìiàg a' bhean a 
soitheach uisge, agus dh'f halbh i 
do 'n bhaile, agus thubhairt i ris 
na daoinibh. 

29 Thigibh, faieibh duine a 
dh'innis dhomh-sa na h-uile nithe 
a rinn mi riamh : Nach e so 
Crìosd' ? 

30 An sin chaidli iad a mach 
as a' bhaile, agus thàinig iad d' a 
ionnsuidh-san. 

31 San àm sin fèin ghuidh a 
dheisciobuil air, ag ràdh, A 
mhaighstir, ith. 

32 Ach thubhairt e-san riu, Tha 
agam-sa biadh r' a itheadh air 
nach 'eil f hios a^aibh-sa. 

33 Uime sin thubhairt na deis- 
ciobuil r' a chèile, An d'thug 
neach air bith ni d' a ionnsuidh 
r' a itheadh ? 

34 Thubhairt losa riu, Is e mo 
bhiadli-sa toil an Tì a chuir uaith, 
mi a dhèanamh, agus obair a 
chriochnachadh. 

35 Nach abair sibhse, A ta 7Ìim 

' An e so Criosd ? 

N 



EOIN, IV. 



clieitliir miosan ann fatliast, agus 
an sin thig am fogharadh ? feuch, ! 
a ta mi ag ràdh ribh, Togaibh I 
suas bhur sùilean, agus seallaibh i 
air na h-achaibh ; oir a ta iad a i 
cheana geal chum an fhoghar- 
aidh. 

36 Agus an tì a bhuaineas tha e 
faotainn tuarasdail, agus a' cruinn- 
eachadh toraidh chum na beatha 
maireannaich ; chum gu 'n dèan 
an tì a chuireas, agus an tì a 
bhuaineas, gàirdeachas le chèile^ 

37 Agus an so tha an ràdh^ ud 
fìor, Gu bheil neach a' cur, agus 
neach eile a' buain, 

38 Chuir mise sibhse a bhuain an 
ni sin nach do shaothraich sibh : 
shaothraich daoine eile, agus 
chaidh sibhse steach 'nan saothair 

39 Agus chreid mòran do Sha- 
maritanaich a' bhaile sin ann, 
air son cainnte na mnà, a thug 
fianuis, ag ràdh, Dh'innis e dhomh 
na h-uile nithe a rinn mi riamh. 

40 Uime sin an uair a thàinig 
na Samaritanaich d' a ionnsuidh, 
ghuidh iad air fantuinn maille 
riu : agus dh'fhuirich e an sin 
dà là. 

41 Agus chreid mòran tuill- 
eadh air son 'fhocail fèin : 

42 Agus thubhairt iad ris a' 
mhnaoi, Tha sinn a' creidsinn, 
cha 'n ann à so suas air son do 
chòmhraidh-sa : oir chuala sinn 
fèin e, agus a ta fhios againn gur 
e so da rireadh Criosd, Slànuigh- 
ear an t-saoghail. 

43 Agus an dèìgh dà là dh'- 
fhalbh e as a sin, agus chaidh e 
do Ghalile : 

44 Oir thug losa fèin fianuis, 

1 cuideachd, maraon. ' an (jnùt^-fhocnl. 
17S 



nach 'eil urram aig fàidh 'na thìr 
fèin. 

45 Uime sin, an uair a thàinig 
e do Ghalile, ghabh na Galilè- 
aich ris, air dhoibh na nithe sin 
uile f haicinn a rinn e ann an le- 
rusalem air an fhèill : oir chaidh 
iadsan mar an ceudna chum na 
fèille. 

46 An sin thàinig losa a rìs do 
Chana Ghalile, far an d' rinn e 
fìon do 'n uisge. Agus bha 
duine cumhachdach^ àraidh, aig 
an robh a mhac gu tinn ann an 
Capernaum. 

47 'Nuair a cliual e-san gu 'n 
robh losa air teachd à ludea 
do Ghalile, chaidh e d' a ionn- 
suidh, agus ghuidh e air gu 'n 
rachadh e sios, agus gu 'n slàn- 
uicheadh e a mhac : oir bha e ri 
h-uchd bàis. 

48 An sin thubhairt losa ris, 
Mur faic sibh comharan agus 
mìorbhuilean, cha chreid sibh. 

49 Thubhairt an duine cumh- 
achdach ris, A Thighearn, rach* 
sios mum faigh mo leanabanbàs. 

50 Thubhairt losa ris, Imich ; 
tha do mhac beò, Agus chreid 
an duine am focal a labhair losa 
ris, agus dh'imich e. 

51 Agus am feadh a bha e 
fathast a' dol sios, choinnich a 
sheirbhisich e, agus dh'innis iad 
da, ag ràdh, Tha do mhac beò^ 

62 An sin dh'f hiosraich e dhiubh 
an uair anns an deachaidh e am 
feabhas : agus thubhairt iad ris, 
An dè air an t-seachdamh uair 
dh'fhàg am fiabhras e. 

53 An sin dh'aithnich an t- 

\ ^ mòr.rmjhdìl. thcìri(j.,falbh,(jabh. 
l * gu maith. 



EOIN, 



IV. V, 



athair gu'm F i an imir sin fèin, 
anns an dubhairt losa ris, Tha 
do mhac beò ; agus chreid e 
fein, agus a theaghlach uile. 

54 '/S e so a rìs an dara mìor- 
bhuil a rinn losa, 'nuair a thàinig 
e à ludea do Ghalile. 

CAIB. V. 

1 Leighis losa air là na sàbaid an duine a 
bha fuidh leòn rc ochd bliadhna deug thar 
fliichead: 10 Rinn na h-Iùdhatch uinie 
sin coìinsachadh ris, agus gcur-Ieanmhuinn 
air. 17 Fhrea^air e air a shon fein, agus 
nochd e dkoibh cò e, le teisteas 'athar, agus 
as na sgriobtuiribh. 

' IVTA dhèigh so bha fèill nan 
lùdhach ami; agus chaidh 
losa suas gu lerusalem. 

2 A nis a ta ann an lerusalera 
làimh rìgeata^ nan caorach loch- 
an, ris an abrar sa' chainnt 
Eabhruidhich, Betesda, aig am 
bheil cùig tighean-fasgaidh^. 

3 Annta sin bha 'nan luidhe 
mòr-bhuidlieann do dhaoinibh 
euslan, dalla, bacach, seargta, a' 
feitheamh ri caruchadh an uisge. 

4 Oir chaidh aingeal sìos an 
àm àraidh san lochan, agus chuir 
e an t-uisge troimh chèile : uime 
sin an ceud neach a rachadh sìos 
arn, an dèigh cur troimh chèile 
an uisge, rinneadh slàn e a dh'- 
aon tinneas a bhiodh air. 

5 Agus bha duine àraidh an 
sin, a bha ochd bliadhna deug 
thar fhichead ann an euslaint. 

6 'Nuair a chunnaic losa e-san 
'na luidhe, agus fios aige gu 'n 
robh e nis ùine fhada mar sin, 
thubhairt e ris, Am miann leat 
bhi air do dhèanamh slàn? 

7 Flireagair an duine eushan 
e, A Thighearn, cha 'n 'eil duine 

' margadh. ^ sgàtft thigkean. 

179 



agam, an uair a chuìrear an t- 
uisge troimh a chèile, a chuireas 
anns an lochan mi : ach am feadh 
a ta mise teachd, tha neach eile 
a' dol sìos romham. 

8 Thubhairt losa ris, Eirieh, 
tog do leabadh, agus imich. 

9 Agus air ball rinneadh an 
duine slàn, agus thog e a leab- 
adh, agus dh'imich e : agus bha 
'n t-sàbaid ann air an là sin. 

10 Uime sin thubhairt na h- 
lùdhaich ris an tì a shlànuich- 
eadh, Is i an t-sàbaid a ta ann ; 
cha 'n 'eil e dligheach dhuit do 
leabadh a ghiùlan. 

11 Fhreagair e iad, An Tì a 
rinn slàn . mi, thubhairt e-san 
rium, Tog do leabadh agus imich ? 

12 An sin dh'fhiosraich iad 
deth, Cò an duine a thubhairt 
riut, Tog do leabadh agus imich ? 

13 Agus cha robh fhios aig an 
tì a shlànuicheadh, cò e : oir 
chaidh losa as a shealladh, air 
do mhòr-shluagh bhi anns an 
àit. 

14 'Na dhèigh so fhuair losa 
e anns an teampull, agus thubh- 
airt e ris, Feuch, rinneadh slàn 
thu : na peacaich ni 's mò, air 
eagal gu 'n tachair ni 's miosa 
dhuit. 

15 Dh'imich an duine, agus dh'- 
innis e do na h-Iùdliaich gu 'm 
b' e losa rinn slàn e. 

16 Agus air a shon so rinn na 
lì-Iùdhaich geur-leanmhuinn air 
losa, agus dh'iarr iad a mharbh- 
adh, do bhrìgh gu 'n d' rinn e na 
nithe so air an t-sàbaid. 

17 Ach fhreagair losa iad, Tiia 
m' Athair ag oibreachadh gus a 
ms,agus tha mise ag oibreachadh. 

N 2 



EOI 



N, V. 



18 Uime sin bu mhòid a dh'- 
iarr na h-Iùdhaich a mharbh- 
adh, a chionn nach e mhàin gu 'n 
do bhris e 'n t-sàbaid, ach gu 'n 
dubhairt e mar an ceudna gu 'm 
b' e Dia 'Athair-san, 'ga dhèan- 
amh fèin co-ionann ri Dia. 

19 Air an aobhar sin fhreagair 
losa, agus thubhairt e riu, Gu 
deimhin deimhin a ta mi ag ràdh 
ribh, nach 'eil am mac comasach 
air ni sam bith a dhèanamh uaith 
fèin, acli an ni a chi e an t-Ath- 
air a' dèanamh : oir ge b' e nithe 
a nì e-san, na nithe sin fèin ni 
am Mac mar an ceudna. 

20 Oir is ionmhuinn leis an 
Athair am Mac, agus a ta e a' 
foillseachadh dha nan uile nithe 
a tha e fèin a' dèanamh : agus 
foillsichidh e dha oibre a 's mò 
na iad so, air chor as gu 'm bì 
iongantas oirbhse. 

21 Oir mar a ta an t-Athair a' 
diisgadh, agus a' beothachadh 
nam marbh, is amhuil sin a ta 
am Mac a' beothachadh an dream 
a 's àill leis. 

22 Oir cha 'n 'eil an t-Athair 
a' toirt breth air duine sam bith ; 
ach thug e gach uile bhreith- 
eanas do 'n Mhac : 

23 Chum gu 'n tugadh na h- 
uile dhaoine urram do 'n Mhac, 
amhuil mar a ta iad a' toirt 
urraim do 'n Athair. An tì nach 
'eil a' toirt urraim do 'n Mliac, 
cha 'n 'eil e toirt urraim do 'n 
Athair a chuir uaith e. 

24 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, An tì a dh'- 
èisdeas ri m' fhocal-sa, agus a 
ta creidsinn anns an Tì a chuir 
uaith mi, tha a' bheatha mhair- 

180 



eannach aige, agus cha tig e 
chum dìtidh ; ach chaidh e 
thairis o bhàs gu beatha. 

25 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, Gu bheil an 
uair a' teachd, agus gu bheil i 
nis ann, anns an cluinn na 
mairbh guth Mhic Dhè : agus 
an dream a chluinneas, bithidh 
iad beò. 

26 Oir mar a ta aig an Ath- 
air beatha ann fèin, is amhuil sin 
a thug e do 'n Mhac beatha a 
bhi aig ann fèin ; 

27 Agus thug e mar an ceud- 
na dha ùghdarras chum breth a 
thabhairt, do bhrìgh gur e Mac 
an duine. 

28 Na gabhaibh iongantas deth 
so ; oir a ta an uair a' teachd, 
anns an chiinn iadsan uile a ta 
sna h-uaighibh a ghuth-san : 

29 Agus thèid iad a mach ; 
iadsan a rinn maith, chum ais- 
eirigh na beatha ; agus iadsan a 
rinn olc, chum aiseirigh an dam- 
naidh. 

30 Cha 'n 'eil mise comasach 
air ni sam bith a dhèanamh uam 
fèin : mar a chhnnneas mi bheir 
mi breth : agus a ta mo lihreith- 
eanas ceart ; do bhrìgh nach 'eil 
mi ag iarraidli mo thoile fèin, 
ach toil an Athar a chuir uaith 
mi. 

31 Ma bheir mise fianuis mu 
m' thimchioll fèin, cha 'n 'eil m' 
fhianuis fìor.' 

32 Tha neach eile a' toirt 
fìanuis mu m' thimchioll, agus 
a ta fhios agam gur fìor an 
fhianuis a ta e dèanamh mu m' 
thimchiolL 

' iorìichuìdh. 



EOIN, V. VI. 



33 Chuir sibhse chum Eoin, 
agus thug e fianuis do 'n fhìr- 
inn. 

34 Ach cha 'n 'eil mise a' gabh- 
ail fianuis o dhuine : ach a ta 
mi ag ràdh nan nithe so, chum 
gu'm bì sibhse air bhur tèarn- 
adh. 

35 B' e-san an lòchran lasarach ' 
agus dealrach : agus bha sibhse 
toileach car tamuill gàirdeachas 
a dhèanamh 'na sholus. 

36 Ach a ta agam-sa fianuis a 
's mò na fanuis Eoin : oir na h- 
oibre a thug an t-Athair dhomh- 
sa chum gu 'n criochnaichinn 
iad, tha na h-oibre sin fèin a tha 
mise a' dèanamh, a' toirt fianuis j 
mu m' thimchioll, gu'n do chuir 
an t-Athair uaith mi. 

37 Agus an t-Athair fèin a chuir 
uaith mi, thug e fianuis mu m' 
thimchioll. Cha chuala sibh 
riamh a ghuth, ni mò a chunnaic 
sibh a choslas. 

38 Agus cha 'n 'eil 'fhocal-san 
agaibh a' gabhail còmhnuidh 
annaibh : oir an tì sin a chuir 
e-san uaith, cha 'n 'eil sibh 'ga 
chreidsinn. 

39 Rannsaichibh ^ na sgriob- 
tuirean, oir a ta sibh a' saoil- ! 
sinn gu bheil a' bheatha mhair- 
eann ach agaibh annta-san ; ag- 
us is iad sin a ta toirt fianuis 
mu m' thimchioll-sa. 

40 Gidheadh cha 'n àiU leibh 
teachd a m' ionnsuidh-sa, chum 
gu'm faigheadli sibh beatha. 

41 Cha 'n 'eil mise a' gabhail 
urraim^ o dhaoinibh. 

42 Ach is aithne dhomh sibh- 



'lasta. - Tha sibh a' runnsavhadh . (jlòìre. 
181 



se, nach 'eil gràdh Dhè agaibh 
annaibh. 

43 Thàinig mise an ainm m' 
Athar, agus cha 'n 'eil sibh a' 
gabhail rium : ma tliig neach 
eile 'na ainm fèin, gabhaidh sibh 
ris-san. 

44 Cionnus a dh'fheudas sibh 
creidsinn, a ta gabhail urraim o 
chèile, agus nach 'eil ag iarraidh 
an urraim a thig o Dhia a 
mhàin ? 

45 Na saoilibh gu 'n dèan mise 
bhur casaid ris an Athair : tha 
aon a tha dèanamh casaid oirbh, 
Maois, anns am bheil sibh a' cur 
bhur dòchais*. 

46 Oir nan creideadh sibh 
Maois chreideadh sibh mise : oir 
sgrìobh e-san mu m' thimchioll. 

47 Ach mur creid sibh a 
sgrìobhadh-san, cionnus a chreid- 
eas sibh mo bhriathra-sa ? 

CAIB. VI. 

1 Bheathaich Crìosd cùig mìle fear le cà'g 
builinnihh arain agus dà iasg : 15 Air un 
aobhar sin b' àiU leis an t-slurigh e-san ii 
dhèanamh 'na t ìgh : 10 Ach air dhasan a 
sgai adhfèin uatha., chaidh e suas gu beiìiii, 
agus dh'hnich e air a' chuana dh'ionusuidh 
a dheisciobul. GG Dh'fhàg mòran d'a 
dheisciobluibh e, 4'c. 

A dhèigh sin chaidh losa 
thar muir^ Ghalile, no Thi- 
beriais. 

2 Agus lean sluagh mòr e, do 
bhrìgh gu'm fac iad a mhìor- 
bhuilean a rinn e air an dream 
a bha euslan. 

3 Agus chaidh losa suas air 
beinn, agus shuidh e an sin 
maille r' a dheisciobluibh. 

4 Agus bha a' chàisg, fèill nan 
lùdhach, am fagus. 

^ as am bheil sibh ag earhsadh. ^ fairge. 




EOI 



N, VL 



5 An sin an uair a thog losa 
suas a shùilean, agus a chunnaic 
e gu 'n d' thàinig buidheann 
nihòr shbiaigh d' a ionnsuidh, 
thubhairt e ri Philip, Cia an 
t-àit as an ceannaich sinn aran 
chum gu 'n ith iad so ? 

6 (Ach thubhairt e so 'ga dhear- 
bhadh-san ; oir bha fhios aige 
fèin ciod a dhèanadh e.) 

7 Fhreagair Philip e, Cha leoir 
dhoibh luach dhà cheud peghinn 
a dh' aran, chum gu 'n gabhadh 
gach aon diubh beagan. 

8 Thubhairt aon d' a dheis- 
ciobluibh. Aindreas, bràthair 
Shimoin Pheadair, ris, 

9 Tha òganach an so, aig am 
bheil cùig builinnean eòrna, ag- 
us dà iasg bheag : ach ciod iad 
so am measg na h-uiread ? 

10 Agus thubhairt losa, Thug- 
aibh air na daoinibh suidhe sìos. 
A nis bha mòran feoir anns an 
àit. Air an aobhar sin shuidh 
na daoine sios, an àireamh tim- 
chioll chùig mile.^ 

11 Agus ghlac losa na buil- 
innean, agus air tabhairt^ buidh- 
eachais da, roinn e air na deis- 
ciobluibh iad, agus na deisciob- 
uil orra-san a shuidh : agus mar 
an ceudna do na h-iasgaibhbeaga, 
mheud as a b' àiU leo. 

12 'Nuair a shàsuicheadh iad, 
thubhairt e r' a dheisciobluibh, 
Cruinnichibh am biadh briste a 
ta thuilleadh ann, chum nach 
caillear a bheag. 

13 Air an aobhar sin chruinn- 
ich iad e r' a chèile, agus lìon iad 
dà chliabh dheug do sbruileach 
nan cùig builinnean eòrna, a bha 

' brcith. 

182 



dh' f huigheall aig a' mhuinntir a 
dh'ith. 

14 An sin an uair a chunnaic 
na daoine sin am miorbhuil a 
rinn losa, thubhairt iad, Gu fir- 
inneach is e so am fàidh a bha 
gu teachd chum an t-saoghail. 

15 Uime sin an uair a thuig 
losa gu 'n robh iad air tì^ teachd 
agus "breith air le làimh làidir, 
chum gu 'n dèanadh iad rìgh 
dheth, dh'imich e rìs do 'n bheinn 
'na aonar. 

16 Agus an uair a thàinig am 
feasgar, chaidh a dheisciobuil 
sìos chum na mara. 

17 Agus air dol an luing dhoibh, 
chaidli iad thar a' mhuir gu Ca- 
pernaum : agus bha an dorchad- 
as a nis ann, agus cha robh losa 
air teachd d' an ionnsuidh. 

18 Agus ag sèideadh do ghaoith 
mhòir, dh'èirich a' mhuir. 

19 Uime sin an uair a rinn iad 
iomramh timchioll cùig no deich 
thar f hichead do stàidibh, chunn- 
aic iad losa ag imeachd air a' 
mhuir, agus a' druideadh ris an 
luing ; agus ghabh iad eagal. 

20 Ach thubhairt e-san riu, Is 
mise ta ann ; na biodh eagal 
oirbh. 

21 Uime sin ghabh iad gu 
toileach a steach do 'n luing e : 
agus air bail ràinig an long an 
tìr gus an robh iad a' dol. 

22 Air an là 'na dhèigh sin, 
an uair a chunnaic an sluagh a 
sheas air taobh eile na mara, 
nach robh long eile an sin, ach 
an long sin anns an deachaidh a 
dheisciobuil a steach, agus nach 
deachaidh losa san luing maille 

^ rùn oì'ra. 



EOI 



N, vr. 



r' a dbeisciobluibli, ach gu 'n d'- 
f halbh a dheisciobuil 'nan aonar ; 

23 (Gidheadh thàinig longa 
beaga eile o Thiberias, làimh ris 
an àit san dh'ith iad an t-aran, 
an dèigh do 'n Tigliearn buidh- 
eachas a thoirt ;) 

24 Uime sin an uair a chunn- 
aic an sluagh nach robh losa an 
sin, no a dheisciobuil, chaidh 
iad fèin mar an ceudna ann an 
longaibh, agus thàinig iad gu 
Capernaum, ag ìarraidh losa. 

25 Agus air dhoibh fhaotainn 
air an taobli thall do 'n mhuir, 
thubhairt iad ris, A mhaighstir, 
c' uin' a thàinig thu an so ? 

26 Fhreagair losa iad agus 
thubhairt e, Gu deimhin deimh- 
in a ta mi ag ràdh ribh, Tha 
sibh ga m' iarraidh, cha 'n ann a 
chionn gu 'm faca sibh na mìor- 
bhuilean, ach a chionn gu 'n d'ith 
sibh do na builinnibh, agus gu'n 
do shàsuicheadh sibh. 

27 Dèanaibh saothair cha 'n 
ann air son a' bhidh a theirgeas, 
ach air son a' bhidh a mhaireas 
chum na beatha siorruidh, a 
bheir Mac an duine dhuibh : oir 
e-san sheulaich' Dia an t-Athair. 

28 An sin thubhairt iad ris, 
Ciod a ni sinn, chum as gu 'n 
oibrich sinn oibre Dhè? 

29 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e riu, Is i so obair Dhè, gu 
'n creid sibh anns an Tì a chuir 
e uaith. 

30 Uime sin thubhairt iad ris, 
Ciod an comhar a nì thusa ma 
ta, chum gu 'm faic sinn, agus 
gu'n creid sinn thu? ciod an 
obair a nì thu ? 

' chòmhraich, shònraich. 
Ib3 



31 Dh'ith ar n-aithriche mana 
san fhàsach ; a rèir mar a ta e 
sgrìobhta, Thug e dhoibh aran 
o nèamh r' a itheadh. 

32 An sin thubhairt losa riu, 
Gu deimhin deimhin a ta mi ag 
ràdh ribh, nach d' thug Maois 
dhuibh an t-aran o nèamh ; acli 
a ta m' Athair-sa a' toirt dhuibh 
an arain fhior o nèarali. 

33 Oir is e sin aran Dhè a ta 
teachd a nuas o nèamh, agus a 
ta tabhairt beatha do'n t-saoghal. 

34 An sin thubhairt iad ris, A 
Thighearn, thoir dhuinne an 
t-aran so an còmhnuidh. 

35 Agus thubhairt losa riu, 
Is mise aran na beatha : an tì a 
thig a m' ionnsuidh-sa, cha bhi 
ocras gu bràth air ; agus an ti a 
chreideas annam-sa, cha bhi tart 
gu bràth air. 

36 Ach mar a thubhairt mi 
ribh, ge do chunnaic sibli mi' 
cha'n 'eil sibh a' creidsinn. 

37 Gach ni a bheir an t-Ath- 
air dhomh-sa, thig e a m' ionn- 
suidh ; agus an t\ a thig a m' 
ionnsuidh, cha tilg mi air chor 
sam bith a mach e. 

38 Oir thàinig mi nuas o 
nèamh, clia 'n ann chum gu 'n 
dèanainn mo thoil fèin, ach toil 
an Tì a chuir uaith mi. 

39 Agus is i so toil an Athar 
a chuir uaith mi, nach caillinn 
a bheag sam bith do 'n uile a 
thug e dhomh, ach gu 'n togainn 
suas e rìs air an là dheireann- 
ach, 

40 Agus is i so toil an Tì a 
chuir uaith mi, gu 'm biodh a' 
bheatha mhaireannach aig gach 
neach a chi am Mac, agus a 



EOIN. VI. 



clireideas ann : agus togaidh 
mise suas e air an là dlieireann- 
ach. 

41 An sin rinn na h-Iùdh- 
aich gearan uime, a chionn gu'n 
dubhairt e, Is mise an t-aran a 
thàinig a nuas o nèamh. 

42 Agus thubhairt iad, Nach 
e so losa mac loseiph, neach 
aig an aithne dhuinn 'athair ag- 
us a mhàthair ? cionnus ma 
seadh a ta e ag ràdh, Thàinig 
mi nuas o nèamh. 

43 Air an aobhar sin fhreag- 
air losa agus thubhairt e riu, 
Na dèanaibh gearan 'nur measg 
fèin. 

44 Cha 'n urrainn neach air 
bith teachd a m' ionnsuidh-sa, 
mur tarruing an t-Athair a 
chuir uaith mise e : agus tog- 
aidh mise suas e air an là dheir- 
eannach. 

45 Tha e sgrìobhta sna fàidh- 
ibh, Agus bithidh iad uile air 
an teagasg o Dhia. Uime sin 
gach^ neach a chuala, agus a dh'- 
fhòghluim o 'n Athair, thig e a 
m' ionnsuidh-sa. 

46 Cha 'n e gu 'm faca neach 
sam bith an t-Athair, ach an Tì 
a ta Dhia ; chunnaic e-san an 
t-Athair. 

47 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, An ti a ta 
creidsinn annam-sa, tha bheatha 
mhaireannach aige. 

48 Is mise aran na beatlia. 

49 Dh'ith bhur n-aithriche 
mana san fhàsach, agus fhuair 
iad bàs. 

50 Is e so an t-aran a tha 

» Gach. 

^ deasboireachd, tagradh. 

m 



teachd a nuas o nèamh, chum 
as gu 'n ith neach dheth, agus 
nach faigh e bàs. 

51 Is mise an t-aran beò, a 
thàinig a nuas o nèamh : ma 
dh'itheas neach air bith do 'n 
aran so, bithidh e beò gu sìor- 
rviidh : agus an t-aran a bheir 
mise uam, is e m' f heoil e, a bheir 
mi air son beatìia an t-saoghail. 

52 Air an aobhar sin bha conn- 
sachadh" aig na h-Iùdhaich r' a 
chèile, ag ràdh, Cionnus a dh'- 
fheudas an duine so 'flieoil a 
thoirt duinn r' a itheadh. 

53 An sin thubhairt losa riu, 
Gu deimhin deimhin a ta mi ag 
ràdh ribh, mur ith sibh feoil 
Mhic an duine, agus mur òl 
sibh 'fhuil, cha 'n 'eil beatha ag- 
aibh annaibh. 

54 E-san a dh'itheas m' f heoil- 
sa, agus a dh'òlas m' fhuil-sa, a 
ta a' blieatha shìorruidh aige ; 
agus togaidh mise suas e air an 
là dheireannach. 

55 Oir is biadh gu fìrinneach 
m' f heoil, agus is deoch gu fìrinn- 
each m' fhuil. 

56 E-san a dh'itheas m' fheoil- 
sa, agus a dh'òlas m' fhuil-sa, 
tha e gabhail còmhnuidh annam- 
sa, agus mise annsan. 

57 Mar a ta 'n t-Athair beò 
a chuir uaith mise,' agus a ta 
mise beò troimh* an Athair ; is 
amhuil sin e-san a dh'itheas mise, 
bithidh e mar an ceudna beò 
tromham-sa^. 

58 Is e so an t-aran sin a thàinig 
a nuas o nèamh ; cha 'n e mar 
a dh'ith bhur n-aithriche mana, 

' Mar a chuir an t-Athair beò uaith mise. 
* tre. ' triom-sa. 



EOIN, 



VI. VI L 



agiis fliuair iad bàs : e-san a 
dìi'itheas an t-aran so, bithidh e 
beò am feasd. 

59 Thubhairt e na nithe so 
anns an t-sionagog, an uair a 
bha e a' teagasg an Capernaum. 

60 Uime sin 'nuair a chual 
mòran d' a dheisciobkiibh so, 
thubhairt iad, is cruaidh a' 
chainnt so ; cò a dh'f heudas èisd- 
eachd rithe. 

61 'Nuair a thuig losa ann 
fèin gu 'n robh a dheisciobuil ri 
gearan uime so, thubhairt e riu, 
Am bheil so a' toirt oilbheim 
dhuibh-sa ? 

62 Agus ciod nam faiceadh sibh 
Mac an duine a' dol suas do 'n 
àit anns an robh e roimhe ? 

63 Is e an Spiorad a bheoth- 
aicheas ; cha 'n 'eil tairbhe air 
bith san fheoil : na briathran a 
tha mise a' labhairt ribh, is 
spiorad agus is beatha iad. 

64 Ach a ta cuid dibhse nach 
'eil a' creidsinn. (Oir b'aithne 
do losa o.thùs, cò iad nach robh 
a' creidsinn, agus cò an tì a 
bhrathadh e.) 

65 Agus thubhairt e, Air an 
aobhar sin thubhairt mi ribh, 
nach urrainn neach air bith 
teachd a' m' ionnsuidh, mur bì e 
air a thoirt da o m' Athair. 

66 O 'n àm sin cliaidh mòran 
d' a dheisciobluibh air an ais, 
agus cha d' ìmich iad ni 's mò 
maiUe ris. 

67 An sin thubhairt losa ris 
an dà f hear dheug, An àill leibh- 
se falbh cuideachd ? 

68 An sin fhreagair Simon 

' an Crìosd, am Mesìas. 
^ cònihmiidh a ghabhaìl. 
185 



Peadar e, A Thighearn, cò dh'- 
ionnsuidh an tèid sinn ? agadsa 
tha briathra na beatha maireamv 
aich. 

69 Agus a ta sinne a' creidsinn, 
agus a ta fhios againn gur tusa 
Crìosd' Mac an Dè bheò, 

70 Fhreàgair losa iad, Nach 
do tiiagh mise sibhse dà fhear 
dheug, agus a ta fear agaibh 'na 
dhiabhul ? 

71 Ach labhair e mu ludas 
Iscariot, ììiac Shimoin : oir is e 
so an tì a bha gu e-san a bhrath, 
air dha bhi 'na aon clo 'n dà 
f hear dheug. 

CAIB. VII. 

1 Chronuich losa ùrd-inntìnn agus dànadas 
a chàirdean ; 10 chaìdh e suas o Ghalile 
gu fèìll nam pàilliun ; 14 agits thcagaisg 
e anns an teampull. 40 lomadh gnc bharail 
mu thimchioll losa am measg an t-sluaigh. 
45 Tha na Phàirisich an corruich ris na 
maoir do hhrìgh nach do ghlac iad losa : 
50 Thug iad achmhasan do Nicodemus. 

AGUS an dèigh nan nithe sin, 
bha losa ag imeachd mu 'n 
cuairt ann an Galile : oir cha 
b' àill leis a bhi 'g imeachd^ ann 
an ludea, a chionn gu'n robh 
na h-Iùdhaich ag iarraidh a 
mharbhadh. 

2 Agus bha fèill nan lùdhach, 
eadhon fèill nam pàilliun, am 
fagus. 

3 Uime sin thubhairt a bhràith- 
re ris, Imich as so agus rach'' do 
ludea, chum gu faic do dheis- 
ciobuil mar an ceudna t'oibre a 
tha thu a' dèanamh. 

4 Oir cha dèan neach air bith 
aon ni am folach, a dh'iarras e 
fèin a bhi am follais :* ma tha thu 

' theirig. 

* bhi iomraìdeach. 



EOIN, VII. 



a' dèanamh nan nithe so, nochd 
thu fèin do 'n t-saoghal. 

5 Oir cha do chreid a bhràith- 
re fèin ann. 

6 An sin thubhairt losa riu, 
Cha d' thàinig m' àm-sa fathast ; 
ach a ta bhur n-àm-sa ghnàth 
deas. 

7 Cha 'n 'eil e 'n comas do 'n 
t-saoghal sibhse fhuathachadh ; 
ach fuathaichidh e mise, do 
bhrìgh gu bheil mi toirt fìanuis 
m'a thimchioll gu bheil 'oibre 
olc. 

8 Rachaibh-sa suas chum na 
fèille so : cha tèid mise suas fath- 
ast clium na fèille so, do bhrìgh 
nach 'eil m' àm fathast air a 
choimhlionadh. 

9 'Nuair thubhairt e na nithe 
so riu, dh'fhan e an Galile. 

10 Ach an uair a chaidh a 
bhràithre suas, an sin chaidh 
e-san suas mar an ceudna chum 
na fèille, cha 'n ann am follais^ 
ach mar gu b' ann an uaignidh- 
eas^. 

11 An sinn dh'iarr na h-Iùdh- 
aich e air an fhèill, agus thubh- 
art iad, C' àit am bheil e ? 

12 Agus bha borbhan^ mòr am 
measg an t-shiaigh m' a thimch- 
ioll : oir thubhairt cuid, Is duine 
maith e : ach thubhairt cuid eile, 
Cha 'n eadh^ ; ach a ta e meall- 
adh an t-sluaigh. 

13 Gidheadh cha do labhair 
neach sam bith gu follaiseach 
uime, air eagal nan lùdhach. 

14 A nis mu mheadhon na 
fèille, chaidh losa suas do 'n 
team])ull, agus theagaisg e. 

15 Agus ghabh na h-Iùdhaich 

' os dìrd. 0.S ìosal ^ cogarsaich 

186 



iongantas, ag ràdh, Cionnus is 
aithne do 'n duine so litrichean, 
agus nach d'f hòghluim e ? 

16 Fhreagair losa iad, agus 
thubhairt e, Cha leam fèin mo 
theagasg, ach leis-san a chuir 
uaith mi. 

17 Ma 's àiU le neach sam bith 
a thoil-san a dhèanamli, bithidh 
fios aige mu 'n teagasg, an ann 
o Dhia a ta e, no 'm bheil mise 
a' labhairt uam fèin. 

18 An ti a labhras uaith fèin, 
tha e 'g iarraidli a ghlòire fèin : 
ach ge b' e dh'iarras glòir an tì 
a chuir uaith e, tha e-san fìrinn- 
each, agus cha'n 'eil eucoir^ air 
bith ann. 

19 Nach d' thug Maois an lagh 
dhuibh, agus gidheadh cha 'n 'eil 
aon neach agaibh a' coimhlion- 
adh an lagha ? C' ar son a ta 
sibh ag iarraidh mise a mharbh- 
adh? 

20 Fhreagair an sluagh agus 
thubhairt iad, Tha deamhan 
agad : cò tha 'g iarraidh do 
mharbhadh ? 

21 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e riu, Rinn mise aon obair, 
agus a ta iongantas oirbh uile 
air an aobhar sin. 

22 Thug Maois dhuibh an tim- 
chioll-ghearradh, (cha 'n e gur 
ann o Mhaois a ta e, ach o na 
h-aithrichibh,) agus timchioll- 
ghearraidh sibhse duine air an 
t- sàbaid. 

2.3 Ma tha duine air an t-sàb- 
aid a' gabhail timchioll-ghearr- 
aidh, chum nach bì lagh Mhaois 
air a bhriseadh ; am bheil fearg 
agaibh riumsa, a chionn gu 'n 

Ni h-eadh. ^ cealg. 



EOIN, VII. 



d' rinn mi duine uile slàn air an 
t-sàbaid ? 

24 Na tugaibh breth a rèir 
coslais, ach thugaibh breth 
cheart. 

25 An sin thubhairt cuid do 
mhuinntir lerusaleim, Nach e so 
e-san a tha iad ag iarraidh a 
mharbhadh ? 

26 Agus, feuch, tha e labhairt 
gu follaiseach, agus cha 'n 'eil 
iad ag ràdh ni sam bith ris : 
am bheil dearbh-fhios aig na 
h-uachdarain gur e so da rireadh 
Criosd ? 

27 Gidheadh is aithne dhuinn 
an duine so cia as da : ach an 
uair a thig Crìosd, cha 'n aithne 
do neach air bith cia as da. 

28 An sin ghlaodh losa san 
teampull, agus e a' teagasg, ag 
ràdli, Is aithne^ dhuibh araon 
mise, agus cia as domh : agus 
cha d' thàinig mi uam fèin, ach 
a ta e-san fìor a chuir uaith mi, 
air nach 'eil eòlas agaibh-sa. 

29 Ach a ta eòlas agam-sa air; 
oir is ann uaith a ta mi, agus 
chuir e-san uaith mi. 

30 An sin dh'iarr iad a ghlac- 
adh : ach cha do chuir neach air 
bith làmh ann, a chionn nach 
robli 'uair-san fathast air teachd. 

31 Agus chreid mòran do 'n 
t-sluagh air, agus thubhairt iad, 
'Nuair a thig Crìosd, an dèan e 
ni's mò do mhiorbhuilibh na iad 
sin a rinn an duine so ? 

32 Chuala na Phàirisich gu 'n 
robh an sluagh a' borbhanaich 
nan nithe so m' a thimchioll : 
agus chuir na Phàirisich agus 

' An aithne, * thubhairt losa riu. 

(1 chom, a ch'iahh. 

187 



na h-àrd-shagairt maoir g' a 
ghlacadh. 

33 An sin thubhairt losa^, f 'ath- 
ast tamull beag tha mise maille 
ribh, agus an sin a ta mi dol 
chum an Tì a chuir uaith mi. 

34 larraidh sibh mi, agus cha'n 
fhaigh sibh mi: agus do'n àit 
am bì mi, cha 'n urrainn sibhse 
teachd. 

35 An sin thubhairt na h-Iùdh- 
aich eatorra fèin, C'àit an tèid 
am fear so, nach faigh sinn e? 
an tèid e chum na muinntir a ta 
air an sgapadh am measg nan 
Greugach, agus an teagaisg e na 
Greugaich ? 

36 Ciod i a' chainnt so a thubh- 
airt e, larraidh sibh mi, agus 
cha 'n fhaigh sibh mi: agus do 'n 
àit am bheil mise, cba'nurrainn 
sibhse teachd? 

37 Air an là dlieireannach, ìà 
mòr sin na fèille, sheas losa agus 
ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart 
air neach sam bith, thigeadh e 
m' ionnsuidh-sa, agus òladh e. 

38 An tì a chreideas annam- 
sa, mar a ta an sgriobtuir ag 
ràdh, sruthaidh as a bhroinn" 
aimhnichean do uisge beò, 

39 (Ach labhair e so mu 'n 
Spiorad, a bha iadsan a chreid- 
eadh annsan gu fhaghail : oir 
cha robh an Spiorad* fathast air 
a thabhairt, do bhrigh nach robh 
losa fatliast air a ghlòrachadh.) 

40 Uime sin, an uair a chuala 
mòran do 'n t-sluagh a' cbainnt 
so, thubhairt iad, Gu fìrinneach 
is e so am fàidh. 

41 Thubhairt cuid eile, Is e so 
Crìosd. Ach thubhairt dream 

* Spiorad naomh. 



EION, VII. Vllt. 



eile, An ann o Ghalile a thig 
Crìosd ? 

42 Nach dubhairt an sgrìob- 
tuir, Gu 'n tig Criosd do shiol 
Dhaibhidh, agus à Betlehem, am 
baile san robh Daibhidh ? 

43 Air an aobhar sin dh'eir- 
ich eas-aonachd' am me isg an 
t-sluaigh air a shon-san. 

44 Agus b'àill le cuid diubh 
a ghlacadh ; ach cha do chuir 
duine air bith làmh ann. 

45 An sin thàinig na maoir 
chum nan àrd-sliagart agus nam 
Phàiriseach ; agus thubhairt iad- 
san riu, C'ar son nach d' thug 
sibh leibh e ? 

46 Fhreagair na maoir, Cha do 
labhair duine riamhmaranduine 
so. 

47 An sin fhreagair na Phàir- 
isich iad, Am bheil sibhse mar 
an ceudna air bhur meaUadh ? 

48 An do chreid aon air bith 
do na h-uachdarain ann, no do 
na Phàirisich ? 

49 Ach an sluagh so aig nach 'eil 
eòlas an lagha, tha iad malluichte, 

50 Thubhairt Nicòdemus riu, 
(e-san a thàinig d' a ionnsuidh 
san oidhche, air dha bhi 'na aon 
diubh,) 

51 Am bheil ar lagh-ne toirt 
breth air duine sam bith gus an 
cluinn e uaith fèin an toiseach, 
agus gus am bi fhios aige ciod 
a tha e a' dèanamh ? 

52 Fhreagair iadsan agus thubh- 
airt iad ris, Am bheil thusa mar 
an ceudna o Ghalile? Ranns- i 
aich, agus faic : oir à Galile cha { 
d' èirich faidh'"'. 1 



53 Agus dh'imich gach aon d' 
a tliigh fèin. 

CAIB. VIII. 

1 Thiig CrìosJ u' bhean a ghlacadh un adhal- 
trannas as saor : 12 shearmonaich e yur e 
fcin solus an t-snoyhail, agus dhcarbh e gu 
bheil a theagasg ceart. 33 Fhreagnir e na 
h-Iàdhaich a bha dkinanih bòsd à Abraham; 
39 agus thug se e J'tin as o 'n ain-iochd. 

CH chaidh losa chum slèibh 
nan crann-oladh : 

2 Agus gu moch air mhaduinn 
thàinig e ris do 'n teampull, agus 
thàinig an sluagh uile d' a ionn- 
suidh ; agus air suidhe dha, 
theagaisg e iad. 

3 Agus thug na sgrìobhaich- 
ean agus na Phàirisich bean d' a 
ionnsuidh a ghlacadh an adhal- 
trannas ; agus air dhoibh a cur 
anns a' mheadhon, 

4 Thubhairt iad ris, A mhaigh- 
stir, ghlacadh a' bhean so anns 
a' ghnìomh fèin, a' dèanamli adh- 
altrannais. 

5 A nis dh'àithn Maois dhuinn 
san lagh, an leithide so a chlach- 
adh : ciod ma seadh a ta thusa 
ag ràdh ? 

6 Thubhairt iad so 'ga dhearbh- 
adh^, chum gu'm biodh aca cùis- 
chasaid 'na aghaidh. Ach chrom 
losa sìos, agus sgrìobh e le 'mheur 
air an làr, (mar nach biodh e 
'gan cluinntinn.) 

7 Mar sin air dhoibh buanach- 
adh a' feòraich dheth, thog se e 
fèin suas agus thubhairt e riu, 
An neach a ta gun pheacadh 
agaibh-sa, tilgeadh e a' cheud 
chlach oirre. 

8 Agus chrom e sìos a rìs, agus 
sgriobh e air an làr. 



' roinn, connsachadh. ^ Rannsaich agus faic nach eirich fàidh à Galtle. 

^ 'ga fheuchainn, 'ga bhuaireadh. 
ISS 



EOIN, VIII. 



9 Agus an uair a chual iadsan 
(air dhoibh bhi air an agairt 

le 'n coguis" fèin,) chaidh iad a 
mach an dèigh a chèile, a' t()is- 
eachadh aig an dream bu shine, 
gus an dream mu dheireadh : 
agus dh'fhàgadh 'na aonar losa, 
agus a' bhean 'na seasamh sa' 
mheadhon. 

10 Agus 'nuair a dh'èirich losa 
suas, agus nach fac e aon air 
bith ach a' bhean, thubhairt e 
rithe, A bhean, c'àit am bheil 
iad sud do luchd-casaid ? an do 
dhìt duine air bith thu ? 

11 Thubhairt ise, Cha do dhìt 
aon duine, a Thighearn. Agus 
thubhairt losa rithe, Cha mhò 
a tha mise ga d' dhiteadh : imich 
romhad, agus napeacaich ni 's mò. 

12 An sin labhair losa riu a 
rìs, ag ràdh, Is mise solus an t- 
saoghail : an tì a leanas mise, 
cha siubhail e an dorchadas, ach 
bithidh sohis na beatha aige. 

13 Uime sin thubhairt naPhàir- 
isich ris, Tha thu toirt fianuis 
mu d' thimchioll fèin ; cha 'n 'eil 
t' fhianuis fìor. 

14 Fhreagair losa, agus thubh- 
airt e riu, Ged tha mi toirt 
fianuis mu m' thimchioll fèin, 
gidheadh a ta m' f hianuis flor : 
oir a ta fhios agam cia as a 
thàinig mi, agus c'àit am bheil 
mi dol ; ach cha 'n 'eil fhios 
agaibh-sa cia as a thàinig mi, no 
c'àit am bheil mi dol. 

15 Tha sibhse a' toirt breth a 
rèir na feòla ; cha 'n 'eil mise a' 
toirt breth air aon duine. 

16 Agus gidheadh ma bheir 
mise breth, tha mo bhreth fìr- 

' co'ni/t-fìiios, coiìiiiicìis. 
189 



inneach : oir cha 'n 'eil mi m' 
aonar, ach mise agus an t-Athair 
a chuir uaith mi. 

17 Agus a ta e sgrìobhta ann 
bhur lagh fèin, gu bheil fianuis 
dithis dhaoine fìor. 

18 Is aon mise a ta dèanamh 
fianuis mu m' thimchioll fèin, 
agus a ta an t-Athair a chuir 
uaith mi, a' dèanamh fìanuis mu 
m' thimchioll. 

19 An sin thubhairt iad ris, 
C' àit am bheil t'Athair ? Fhreag- 
air losa, Cha 'n aithne dhuibhse 
aon chuid mise no m' Athair : 
nam biodh eòlas agaibh ormsa, 
bhiodh eòlas agaibh air m' Ath- 
air mar an ceudna. 

20 Labhair losa na briathra so 
an tigh-coimhead an ionmhais, 
ag teagasg dha san teampull : 
agus cha do chuir duine air bith 
làmh ann ; oir cha robh 'uair 
fathast air teachd. 

21 An sin thubhairt losa riu 
a rìs, Tha mise a' falbh, agus 
iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh 
sibh ann bhur peacadh : cha 'n 
urrainn sibhse teachd do 'n àit 
am bheil mise a' dol. 

22 An sin thubhairt na h-Iùdh- 
aich, Am marbh se e fèin? do 
bhrìgh gu bheil e 'g ràdh, Far 
am bheil niise a' dol, cha 'n urr- 
ainn sibhse teachd. 

23 Agus thubliairt e riu, Tha 
sibhse o shìos, tha mise o shuas : 
tha sibhse do 'n t-saoghal so, cha 
'n 'eil mise do 'n t-saoghal so. 

24 Uime sin thubliairt mi ribh, 
Gu'm bàsaich sibh ann 'bhur 
peacaibh : oir mur creid sibh 
gur mise c, glieibh sibh bàs ann 
bhur peacaibh. 



EOIN, VIII. 



25 An sin thubhairt iad ris, 
Cò thusa ? Agus thubhairt losa 
riu, An neach sin fèin a thubh- 
airt mi ribh o thùs. 

26 Tha mòran agam ri ràdh, 
agus r' a bhreithneachadh m' ur 
timchioll-sa : ach a ta an Tì a 
chuir uaith mi firinneach ; agus 
a ta mise a' labhairt ris an t- 
saoghal nan nithe a chuala mi 
uaith-san. 

27 Cha do thuig iad gu 'm 
b' ann mu thimchioll an Athar a 
labhair e riu. 

28 An sin thubhairt losa riu, 
'Nuair a thogas sibli suas Mac 
an duine, an sin bithidh fios 
agaibh gur mise e^, agus nach 'eil 
mi dèanamh ni sam bith uam 
fèin ; ach mar a theagaisg m' 
Athair mi, gu blieil mi labhairt 
nan nithe so. 

29 Agus tha 'n Tì a chuir uaith 
mi maille rium : cha d' fhàg an 
t-Athair a' m' aonar mi, do 
bhrìgh gu bheil mi dèanamh a 
ghnàth nan nithe sin a 's tait- 
neach leis. 

30 An uair a blia e labhairt 
nan nithe so, clireid mòran ann. 

31 An sin thubliairt losa ris 
na h-Iiidhaicli a chreid ann, Ma 
bhuanaicheas sibh ann am fhoc- i 
al-sa, bithidli sibh da rìreadli 'nur 
deisciobuil agam ; ! 

32 Agus bitliidh eòlas agaibh 
air an fhìrinn, agus n\ an fhìr- 
inn saor sibh. ! 

33 Fhreagair iad e, Is sinne 
sliochd Abrahaim, agus cha robh ^ 
sinn riamh fo dhaorsa aig duine 
sam bith : cionnus a ta thusa ag 
ràdh, Bithidh sibh saor ? 

' bithidhjios agaibh co mise. 
190 



34 Fhreagair losa iad, Gu 
deimhin deimhin a ta mi ag 
ràdh ribh, ge b' e nì peacadh, is 
seirbhiseach do 'n pheacadh e. 

35 Agus cha 'n fhan an seirbh- 
iseach san tigh gu bràth : ach 
fanaidh am mac gu bràth. 

36 Uime sin ma nì am Mac 
saor sibh, bithidh sibh saor da 
rireadh. 

37 Tha fhios agam gur sibh 
sliochd Abrahaim ; ach a ta sibh 
ag iarraidh mise a mharbhadh, 
do blirìgh nach 'eil àit aig m' 
fhocal annaibh. 

38 Tha mise a' labhairt an ni 
sin a chunnaic mi aig m' Athair ; 
agus tha sibhse a' dèanamh an ni 
a chunnaic sibh aig bhur n-athair 
fèin. 

39 Fhreagair iadsan agus thubh- 
airt iad ris, Is e Abraham ar 
n-athair-ne. Thubhairt losa riu, 
Nam bu chlann do Abraham 
sibh, dhèanadh sibh oibre Abra- 
haim. 

40 Ach a nis tha sibh ag iarr- 
aidh mise a mharbhadh, duine 
a dh' innis duibh an fhìrinn, a 
chuala mi o Dhia : cha d' rinn 
Abraham so. 

41 Tha siblise a' dèanamh oibre 
bhur n-athair fèin. An sin 
thubhairt iad ris, Cha d' rugadh 
an strìopachas sinne ; tha aon 
Atliair againn, eadhon Dia. 

42 An sin thubhairt losa riu, 
Nam b' e Dia bhur n-Athair, 
ghràdliaiclieadh sibli mise : oir 
chaidli mise macli, agus thàinig 
mi o Dhia ; agus cha d' thàinig 
mi uam fèin, ach chuir e-san 
uaitli mi. 

43 C' ar son nach 'eil sibh a' 



EOIN, VIII. 



tiiigsinn mo clìòmhraidh ? do 
bhrigh nach urrainn sibh èisd- 
eachd ri m' fhocal. 

44 Tha sibhse o hlmr n-ath- 
air an diabhul, agiis is iad ana- 
mianna bhur n-athar a 's toil 
leibh a dhèanamh : bha e-san 'na 
mhortair' o thùs, agus cha d' f han 
e san f hìrinn, a chionn nach 'eil 
fìrinn ann. 'Nuair a hibhras e 
breug, is ann uaith fèin a ta e 
labhairt : oir is breugaire e, ag- 
us is e athair na brèige. 

45 Agus do bhrìgh gu bheil 
mise ag innseadh na fìrinn, 
cha 'n 'eil sibh ga m' chreidsinn. 

46 Cò agaibh-sa chuireas peac- 
adh as mo leth-sa ? agus ma 
tha mi ag innseadh na firinn, 
c' ar son nach 'eil sibh ga m' 
chreidsinn ? 

47 An tì a ta o Dhia, èisdidh 
e ri briathraibh Dhè : uime sin 
cha 'n 'eil sibhse ag èisdeachd, 
a chionn nach an o Dhia a ta 
sibh. 

48 An sin fhreagair na h- 
lùdhaich, agus thubhairt iad ris, 
Nach maith a thubhairt sinn gur 
Samaritanach thu, agus gu bheil 
deamhan agad ? 

49 Fhreagair losa, Cha 'n 'eil 
deamhan agam ; ach a ta mi 
toirt urraim do m' Athair, agus 
a ta sibhse toirt eas-urraim 
dhomh-sa. 

50 Agus cha 'n 'eil mi 'g iarr- 
aidh mo ghlòire fèin : tha neach 
a ta 'g iarraidh agus a' toirt 
breth, 

51 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, Ma choimhid- 
eas neach m' fhocal-sa, cha 'n 

' 'na fliear -millidh dhaoinc. 
191 



fhaic e bàs am feasd. 

52 An sin thubhairt na h-Iùdh 
aich ris, A nis tha fhios againn 
gu bheil deamhan agad. Fhuair 
Abraham bàs, agus na fàidhean ; 
gidheadh a ta thusa ag ràdh, 
Ma choimhdeas duine m' f hocal- 
sa, cha bhlais e bàs am feasd. 

53 Am mò thusa na ar n-ath- 
air Abraham, a fhuair bàs ? 
agus fhuair na fàidhean bàs : 
cò a tha thu dèanamh dhìot 
fèin ? 

54 Fhreagair losa, Ma tha mì 
toirt glòire dhomh fèin, cha 'n 
'eil ach neo-ni a' m' ghhnr : is 
e m' Athair a ta toirt glòire 
dhomh, neach a ta sibhse ag 
ràdh gur e bhur Dia e : 

55 Gidheadh cha do ghabh 
sibh eòlas air ; ach a ta eòlas 
agam-sa air : agus nan abrainn, 
Nach aithne dhomh e, bhithinn 
cosmhuil ribhse a' m' bhreugaire : 
ach is aithne dhomh e, agus a ta 
mi coimhead^ 'fhocail. 

56 Bha dèidh** mhòr aig Abra- 
ham bhur n-athair-sa air mo 
là-sa f haicinn : agus chunnaic 
se e, agus rinn e gàirdeachas. 

57 An sin thubhairt na h- 
lùdhaich ris, Cha 'n 'eil thu 
fathast leth-cheud bliadhna dh'- 
aois, agus am faca tu Abra- 
ham ? 

58 Thubhairt losa riu, Gu 
deimhin deimhin a ta mi ag 
ràdh ribh, Mun robh Abraham 
ann, A TA MISE. 

59 An sin thog iadsan clachan 
chum an tilgeadh air : ach dh'- 
fhohiich losa e fèin, agus chaidh 
e mach as an teampull, a' dol 

^ glèidheadh. ■* togrudh, gàirdeochas. 



EOfN, IX. 



troimh am meadhon, [agus mar 
sin chaidh e seachad.] 

CAIB. IX. 

1 Dh'aisìgeadh a radharc do dhuinc a rugadh 
dall: 13 Thugadh echum nam Phàiriseach: 
15 ghabh iad corruich ris, agus thilg iad 
mach as an t-sionagog e ; 35 uch a ta 
Cr)osd a guhhail ris. 39 Cò iadsan a ta 
Crìosd a' soillseachadh. 

AGUS an uair a ghabh losa 
seachad, chunnaic e duine 
a bha dall o rugadh e. 

2 Agus dh'fheòraich a dheis- 
ciobuil deth, ag ràdh, A mhaigh- 
stir, cò a pheacaicli, an duine 
so, no a phàrantan, gu 'n d' rug- 
adh dall e ? 

3 Fhreagair losa, Cha do pheac- 
aich aon chuid an duine so, no 
a phàrantan : ach a chum gu 'm 
^oillsichte oibre Dhè ann. 

4 Is èigin domh-sa oibre an Tì 
a chuir uaith mi a dhèanamh, am 
feadh is là e : tha 'n oidhche a' 
teachd, 'nuair nach urrainn aon 
duine obair a dèanamh. 

5 Am feadh a ta mise san t- 
saoghal, is mi solus an t-saoghail. 

6 'Naair a thubhairt e na nithe 
so, chuir e sile air an talamh, 
agus rinn e criadh^ do 'n t-sile, 
agus sgaoil e a' chriadh air sùil- 
ibh an doill. 

7 Agus thubhairt e ris, Imich, 
ionnlaid ann an lochan Shiloaim, 
(is e sin air eadar-theangach- 
adh, Air a chur.) Uime sin dh'- 
imich e, agus dh'ionnlaid e, agus 
thàinig e a' faicinn. 

8 Uime sin thubhairt na coimh- 
earsnaicli, agus iadsan a chunn- 
aic dall e roimhe sin, Nach e so 
e-san a blia 'na s]ìuidlie aa: iarr- 

o 

' làìh'ich. 

192 



aidh na dèirce ? 

9 Thubhairt cuid, Is e so e ; 
cuid eile, Tha e cosmhuil ris : 
thubhairt e fèin, Is mise e. 

10 Air an aobhar sin thubh- 
airt-iad ris, Cionnus a dh'fhosg- 
ladh do shùilean? 

11 Fhreagair e-san agus thubh- 
airt e, Rinn duine d' an ainm 
losa criadh, agus sgaoil e air mo 
shùilibh i, agus thubhairt e rium, 
Imich gu lochan Shiloaim, agus 
ionnlaid : agus dh'imich mi agus 
dh'ionnlaid mi, agus fhuair mi 
mo radharc. 

12 An sin thubhairt iad ris, 
C' àit am bheil e ? Thubhairt 
e-san, Cha 'n aithne dhomh. 

13 Thug iad chum nam Phàir- 
iseach e-san a bha roimhe dall. 

14 Agus b' i an t-sàbaid a bha 
ann an uair a rinn losa a' 
chriadh, agus a dh'fhosgail e 
'shuilean. 

15 An sin a rìs dh'f heòraich na 
Phàirisich dheth mar an ceudna 
cionnus a fhuair e a radharc. 
Agus thubhairt e-san riu, Chuir 
e criadh air mo shùihbh, agus 
dh' ionnlaid mi, agus tlia mi a' 
faicinn. 

16 Uime sin thubhairt cuid do 
na Phàirisich, Cha 'n 'eil an 
duine so o Dhia, do bhrìgh nach 
'eil e glèidheadh na sàbaid. 
Thubhairt cuid eile, Cionnus a 
dh'fheudas duine a ta 'na pheac- 
ach, an leithide so do mhior- 
bhuilibh a dhèanamh ? Agus bha 
eas-aonachd 'nam measg. 

17 Thubhairt iad a rìs ris an 
duine dhall, Ciod a ta thusa a» 
ràdh uime, a thaobh gu 'n d' 

- roinn, sgaradh 



EOIN, IX. 



fliosgail e do shùilean ? Agus 
tluibhairt e-san, is fàidh e. 

18 Ach cha do chreid na h- 
lùdhaich m' a thimchioll, gu 'n 
robh e dall, agus gu 'n d'fhuair 
e a radharc, gus an do ghairm 
iad pàrantan an tì a fhuair a 
radharc. 

19 Agus dh'fhiosraich iad 
dhiubh, ag ràdh, An e so bhur 
mac-sa, ata sibh agràdh a rugadh 
dall? cionnus ma seadh a ta e 
nis a' faicinn ? 

20 Fhreagair a phàrantan iad 
agus thubhairt iad, Tha fhios 
againn gur e so ar mac, agus 
gu 'n do rugadh dall e : 

21 Ach cionnus a ta e nis a' 
faicinn, cha 'n 'eil f hios againn ; 
no cò a dh'fhosgail a shùilean, 
cha 'n aithne dhuinn : tha e fèin 
air teachd gu aois, feòraichibh 
dheth, labhraidh e air a shon 
fèin. 

22 Thubhairt a phàrantan na 
briathra so, a chionn gu robh 
eagal nan lùdhach orra: oir 
shuidhich na h-Iùdhaich a 
cheana eatorra fèin, Nan aid- 
icheadh duine sam " bith gu 'm 
b' e-san Crìosd, gu'n rachadh a 
chur as an t-sionagog. 

23 Air an aobhar sin thubh- 
airt a phàranta, Tha e air teachd 
gu aois, feòraichibh dheth fèin. 

24 Air an aobhar sin ghairm 
iad an dara uair an duine a 
bha dall, agus thubhairt iad 
l is, Thoir glòir do Dhia : tha 
fhios againne gur peacach an 
duine so. 

25 An sin fhreagair e-san ag- 
us thubhairt e, Am peacach e 
cha 'n aithne dhomh : air aon ni 

193 



tha fhios agam, air dhomh bhi 
dall, gu bheil mi nis a' faicinn. 

26 Ach thubhairt iad ris a rìs, 
Ciod a rinn e dhuit? cionnus a 
dh'f hosgail e do shùilean ? 

27 Fhreagair e iad, Dh'innis 
mi dhuibh a cheana, agus cha 
d' èisd sibh ; c' ar son a b' àill 
leibh a chluinntinn a rìs? am 
bheil a' mhiann oirbhse bhi 'nur 
deisciobuil aige mar an ceud- 
na? 

28 An sin chàin iad e, agus 
thubhairt iad, Is tusa a dheis- 
ciobul ; ach is sinne deisciobuil 
Mhaois. 

29 Tha fhios againn gu 'n do 
labhair Dia ri Maois : ach mu 
thimchioll an f hir so, cha 'n 'eil 
fhios againn cia as da. 

30 Fhreagair an duine agus 
thubhairt e riu, An so tha ni 
iongantach, nach 'eil fhios ag- 
aibh cia as da, agus gu 'n d' 
f hosgail e mo shùilean ; 

31 Ach a ta fhios againn nach 
èisd Dia ri peacaich : ach ma ta 
neach air bith 'na f hear-aoraidh 
do Dhia, agus a' dèanamh a 
thoile, ris-san èisdidh e. 

32 O thoiseach an t-saoghail 
cha chualas gu 'n d' f hosgail aon 
neach sùilean duine a rugadh 
dall. 

33 Mur biodh an duine so o 
Dhia, cha b' urrainn e ni sam 
bith a dhèanamh. 

34 Fhreagair iadsan agus 
thubhairt iad ris, Rugadh thusa 
uile ann am peacaibh, agus am 
bheil thu 'gar teagasg-ne ? ag- 
us thilg iad a mach e. 

35 Chual losa gu 'n do thilg 
iad a mach e ; agus air dha 

o 



EOIN, 



IX. X. 



fhaotainn, thubhairt e ris, Am 
bheil thu creidsinn ann am Mac 
Dhè? 

36 Fhreagair e-san agus thubh- 
airt e, Cò e, a Thighearn, chum 
gu 'n creid mi ann? 

37 Agus thubhairt losa ris, 
Chunnaic thu araon e, agus an 
Tì a ta labhairt riut, is e-san e. 

38 Agus thubhairt e-san, Tha 
mi creidsinn, a Thighearn. Ag- 
us rinn e aoradh dha. 

39 Agus thubhairt losa, Is ann 
chum breitheanais a thàinig 
mise chum an t-saoghail so, 
chum iadsan nach 'eil a' faicinn, 
gu 'm faiceadh iad ; agus gu 'm 
biodh iadsan a ta faicinn, air an 
dèanamh dall. 

40 Agus chuala cuid do na 
Phàirisich, a bha maille ris na 
nitlie so, agus thubhairt iad ris, 
Am bheil sinne dall mar an 
ceudna ? 

41 Thubhairt losa riu, Nam 
bitheadh sibh dall, cha bhiodh 
peacadh agaibh : ach a nis a ta 
sibh ag ràdh, Is lèir dhuinn ; 
uime sin tha bhur peacadh a' 
fantuinn. 

CAIB. X. 

1 Is e Criosd an dorus agus an dcadh bhuach- 
aill. 19 lomadh gnè Iharuìl m' a thim- 
chìoll. 24 dhcarbh e le 'oihribh gur e feìn 
Criosd Muc Dhè ; 39 cìiaìdh e as o na h- 
lìidhaich ; 40 agus ràinig e taobh thall 
lordain, far an do chreidmòran ann. 

GU deimhin deimhin a ta mi 
ag ràdh ribh, An tì nach 
tèid a stigh troimh an dorus do 
chrò nan caorach, ach a thèid 
suas air sheòl eile, is gaduiche 
agus fear-reubainn e-san. 
2 Ach an tì a thèid a steach air 

194 



an dorus, is e-san buachaill nan 
caorach. 

3 Dhasan fosglaidh an dorsair; 
agus èisdidh na caoraich r' a 
ghuth : agus gairmidh e a 
chaoraich fèin air an ainm, agus 
treòraicheadh e mach iad. 

4 Agus an uair a chuireas e 
mach a chaoraich fèin, imich- 
idh e rompa, agus leanaidh na 
caoraich e : oir is aithne dhoibh 
a ghuth. 

5 Agus cha lean iad coigreach, 
ach teichidh iad uaith, do bhrigh 
nach aithne dhoibh guth choig- 
reach. 

6 An cosamhlachd so labhair 
losa riu : ach cha do thuig iad- 
san ciod iad na nithe a labhair e 
riu. 

7 An sin thubhairt losa riu a 
ris, Gu deimhin deimhin a ta mi 
ag ràdh ribh, gur mise dorus 
nan caorach. 

8 ladsan uile a thàinig romh- 
am-sa, is gaduichean agus luchd- 
reubainn iad : ach cha d' èisd na 
caoraich riu. 

9 Is mise an dorus : ma thèid 
neach air bith steach tromham- 
sa, tèarnar e, agus thèid e steach 
agus a mach, agus gheibh e 
ionaltradh. 

10 Cha tig an gaduiche ach a 
ghoid, agus a mharbhadh, agus 
a mhilleadh : thàinig mise chum 
gu 'm biodh beatha aca, agus 
gu 'm biodh i aca ni 's pailte. 

11 Is miseam buachaill maith: 
leigidh^ am buachailP maith 
'anam sìos air son nan caorach. 

12 Ach am fear - tuarasdail, 
agus an tì nach e am buachaill, 

' cuiridh. ^ an t-aodhaire. 



EOIN, X. 



agus nach leis fèin na caoraich, 
chì e am madadh-alluidh a' 
teachd, agus fàgaidh e na caor- 
aich, agus teichidh e : agus glac- 
aidh am madadh-alluidh iad, 
agus sgapaidh e na caoraich. 

13 Ach teichidh am fear- 
tuarasdail, a chionn gur fear- 
tuarasdail e, agus nach 'eil suim 
aige do na caoraich. 

14 Is mise am buachaiU 
maith, agus is aithne dhomh 
mo chaoraich fèin, agus aithnich- 
ear le m chaoraich fèin mi. 

15 Mar is aithne do 'n Athair 
mise, mar sin is aithne dhomh- 
sa an t-Athair: agus a ta mi 
leigeadh m' anama sìos air son 
nan caorach. 

16 Agus a ta caoraich eile 
agam, nach 'eil do 'n chrò so : is 
èigin domh iad sin mar an 
ceudna thoirt a stigh, agus èisd- 
idh iad ri m' ghuth ; agus bith- 
idli aon treud ann, agus aon 
bhuachaill. 

17 Air an aobhar so is ionmh- 
uinn^ leis an Athair mise, air 
son gu 'n leig mi sìos m' anam, 
chum gu 'n glac mi e a ris. 

18 Cha 'n 'eil neach air bith 
'ga thoirt uam, ach a ta mi 'ga 
leigeadh sìos uam fèin : tha 
cumhachd agam a leigeadh sìos, 
agus tha cumhachd agam a 
ghlacadh a rìs. An àithne so 
fhuair mi o m' Athair. 

19 Air an aobhar sin dh'- 
èirich eas-aonachd a rìs am 
measg nan lùdhach air son nam 
briathra so. 

20 Agus thubhairt riìòran 



diubh, Tha deamhan aige, agus 
tha e air bhoile^; c' ar son a tha 
sibh ag èisdeachd ris ? 

21 Thubhairt cuid eile, Cha 'n 
iad so briathra duine anns am 
bheil deamhan ; am bheil deamh- 
an comasach air sùilean nan 
dall fhosgladh? 

22 Agus bha fèill - chuimhne 
an ath-choisreagaidh ^ ann an le- 
rusalem, agus b' e an geamh- 
radh a bha ann. 

23 Agus bha losa a' sràid- 
imeachd san teampull ann an 
sgàth-thigh* Sholaimh. 

24 An sin chruinnich na h- 
lùdhaich m' a thimchioll, agus 
thubhairt iad ris, Cia fhad a 
chumas tu ar n-anama an amh- 
arus? ma 's tu Crìosd, innis 
dhuinn gu follaiseach. 

25 Fhreagair losa iad, Dh'- 
innis mi dhuibh, agus cha do 
chreid sibh : na h-oibre a ta mi 
dèanamh an ainm m' Athair, 
tha iad sin a' toirt fianuis mu m' 
thimchioll. 

26 Acli cha 'n 'eil sibhse a' 
creidsinn ; oir cha 'n ann do m' 
chaoraich sibh, mar thubhairt 
mi ribh. 

27 Tha mo chaoraich-sa ag 
èisdeachd ri m' ghuth, agus is 
aithne dhomh iad, agus leanaidh 
iad mi : 

28 Agus bheir mi a' bheatha 
mhaireannach dhoibh ; agus cha 
sgriosar' iad am feasd, ni mò a 
spìonas neach air bith as mo 
làimh iad. 

29 M'Athair a thug dhomh-sa 
iad, is mò e na na h-uile ; agus 



' toigh. 



' mìii chcilì. 



^ feill an ath-nuadhachaidh. ^àileir. * chaillear. 
o 2 



EOIN. 



X. XI. 



cha 'n iirrainn neach air hith an 
spìonadh à làimh m' Athar. 

30 Mise agus an t-Athair, is 
aon sinn. 

31 Uime sin thog na h-Iùdhaich 
clachan a rìs chum a chlachadh. 

32 Fhreagair losa iad, Nochd 
mi dhuibh mòran do oìbribh 
maithe o m' Athair ; cia do na 
h-oibribh sin air son am bheil 
sibh ga m' chlachadh ? 

33 Fhreagair na h-Iùdhaich 
e, ag ràdh, Air son oibre maithe 
cha 'n 'eil sinn ga d' chlachadh ; 
ach air son toibheim, agus air 
son, air bhi dhuitse a' d' dhuine, 
gu bheil thu dèanamh Dè dhìot 
ìèin. 

34 Fhreagair losa iad, Nach 
'eil e sgriobhta ann bhur lagh- 
sa, Thubhairt mi, Is dèe sibh ? 

35 Ma thubhairt e dèe riusan, 
dh'ionnsuidh an robh focal Dè, 
agus nach feudar an sgriobtuir 
a bhriseadh * ; 

36 An abair sibh ris-san, a 
naomhaich an t-Athair, agus a 
chuir e chum an t-saoghail, Tha 
tliu a' labhairt toibheim ; air 
son gu 'n dubhairt mi, Is mi Mac 
Dhè? 

37 Mur dèan mi oibre m' 
Athar, na creidibh mi. 

38 Ach ma m, ged nach creid 
sibh mise, creidibh na h-oibre, 
chum gu 'm bì fios agaibh, agus 
gu 'n creid sibh gu bheil an t- 
Athair annam-sa, agus mise 
annsan. 

39 Uime sin dh'iarr iad a rìs 
a ghlacadh : ach chaidh e as an 
làimh. 



sgaoileadh. 

196 



40 Agus chaidh e ris do 'n 
taobh thall dolordan, do 'n ionad 
anns an robh Eoin air tùs ri 
baisteadh; agus rinn e còmh- 
nuidh an sin. 

41 Agus thàinig mòran d' a 
ionnsuidli, agus thubhairt iad, 
Cha d' rinn Eoin aon mhior- 
bhuil : ach bha na h-uile nithe 
thubhairt Eoin mu 'n duine so 
fìor. 

42 Agus chreid mòran san àit 
sin air. 

cAiB. xr. 

1 Thog Criosd suas Lasarus an deigh dha hhi 
ceithir làithean san uaigh. 45 Chreid 
mòran do na h-Iàdhaich. 47 Chum na h- 
àrd-shagairt agus na Phàirisich comhairle 
an aghaidh Chfiosd. 49 Rinn Caiaphas 
faidheadaireachd. 65 Aig a' chàisg dh'iarr 
an sluagh Crlosd ; 57 dhcalbh na h-nachd- 
arain iìinleachdan gu e-san a ghlacadh. 

ANIS bha duine àraidh gu 
tinn, d' am 6' ainm Lasarus 
o Bhetani, baile Mhuire agus 
Mharta a peathar. 

2 (B' i Mhuire sin a dh'ùng an 
Tighearn le oladh luachmhoir, 
agus a thiormaich a chosan le a 
folt, aig an robh a bràthair La- 
sarus gu tinn.) 

3 Uime sin chuir a pheath- 
raiche fios d' a ionnsuidh, ag 
ràdh, A Thighearn, feuch, tha 'n 
tì a 's ionmhuinn leat tinn. 

4 'Nuair a chual losa so, thubh- 
airt e, Cha 'n 'eil an tinneas so 
chum bàis, ach a chum glòire 
Dhè, chum gu 'm bì Mac Dhè 
air a ghk')rachadh d' a thaobh. 

5 A nis b' ionmhuinn le losa 
Marta, agus a piuthar, agus La- 
sarus. 

6 Uime sin an uair a chual e 



EOIN, XI. 



gii 'n robh e-san tinn, db'fhan e 
fathast dà là anns an ionad an 
robh e. 

7 'Na dhèigh sin thubhairt e 
r' a dheisciobluibh, Rachamaid a 
rìs do ludea. 

8 Thubbairt a dheisciobuil 
ris, A Mhaighstir, a nis dh'iarr 
na h-Iùdhaich do chlachadh; 
agus am bheil thu dol a ris an 
sin? 

9 Fhreagair losa, Nach 'eil 
dà uair dheug san là? Ma dh'- 
imicheas duine anns an là, cha 
tuislich e, oir tha e faicinn sol- 
uis an t-saoghail so : 

10 Ach ma dh'imicheas duine 
anns an oidhche, tuislichidh e, 
do bhrigh nach 'eil an solus ann. 

11 Na nithe so labhair e : 
agus 'na dhèigh sin thubhairt e 
riu, Tha ar caraid Lasarus 'na 
chodal ; ach a ta mise a' dol 
chvmi gu'ndùisgmi as a chodal e. 

12 An sin thubhairt a dheis- 
ciobuil, A Thighearn, ma tha e 
'na chodal, bithidh e slàn. 

13 Gidheadh labhair losa m' a 
bhàs : ach shaoil iadsan gu 'n do 
labhair e mu thimchioll fois 
codaiL 

14 An sin thubhairt losa riu 
gu soilleir, Fhuair Lasarus bàs: 

15 Agus a ta mi subhach air 
bhur son-sa nach robh mi an sin, 
chum gu 'n creid sibh ; ach rach- 
amaid d' a ionnsuidh. 

16 An sin thubhairt Tomas, ris 
an abrar Didimus, r' a cho-dheis- 
ciobluibh, Rachamaid-ne mar 
an ceudna, chum gu 'm faigh 
sin bàs maille ris. 

17 An sin an uair a thàinig 
losa, fhuair se e an dèigh dha 

197 



bhi cheana ceithir làithean san 
uaigh. 

18 (A nis bha Betani fagus do 
lerusalem, mu thimchioll cùig 
stàide deug uaith.) 

19 Agus thàinig mòran do 
na h-Iùdhaich chum Mharta ag- 
us Mhuire, gu comhfhurtachd 
a thoirt doibh a thaobh am 
bràthar. 

20 An sin an uair a chuala 
Mharta gu 'n robh losa a' teachd, 
chaidh i 'na chòdhail : ach 
shuidh Muire san tigh. 

21 An sin thubhairt Marta ri 
losa, A Thighearn, nam biodh 
tusa an so, cha 'n f haigheadh mo 
bhràthair bàs. 

22 Ach à ta fhios agam a nis 
fèin, ge b' e air bith nithe a dh'- 
iarras tu air Dia gu 'n toir Dia 
dhuit iad. 

23 Thubhairt losa rithe, Eir- 
idh do bhràthair a rìs. 

24 Thubhairt Marta ris, Tha 
fhios agam gun èirich e a rìs 
san aiseirigh air an là dheir- 
eannach. 

25 Thubhairt losa rithe, Is 
mise an aiseirigh, agus a' beatha: 
an ti a chreideas annam-sa, ged 
gheibheadh e bàs, bithidh e 
beò : 

26 Agus ge b' e neach a ta beò, 
agus a' creidsinn annam-sa, cha 'n 
fhaigh e bàs am feasd. Ara 
bheil thu creidsinn so ? 

27 Thubhairt i ris, Tha, a 
Thighearn : tha mi creidsinn 
gur tusa Crìosd, Mac Dhè, a 
bha gu teachd chum an t-saogh- 
ail. 

28 Agus air dh' i na nithe so 
ràdh, dh'fhalbh i, agus ghairm i 



EOIN, XI. 



a piuthar Muire an uaignidheas\ 
ag ràdh, Thàinig am Maighstir, 
agus tha e ga d' ghairm, 

29 'Nuair a chual ise sin, dh'- 
èirich i gu grad, agus thàinig i 
d' a ionnsuidh. 

30 A nis cha robh losa fathast 
air teachd do 'n bhaile, ach bha 
e anns an àit an do choinnich 
Marta e. 

31 An sin na h-Iùdhaich a bha 
maille rithe san tigh, agus a' 
toirt comhf hurtachd dh' i, 'nuair 
a chunnaic iad Muire gu'n d' 
èirich i gu grad,agus gu'n deach- 
aidh i mach, lean iad i, ag ràdh, 
Tha i dol chum na h-uaighe, a 
chaoineadh an sin. 

32 An sin an uair a thàinig 
Muire do 'n àit an robh losa, 
agus a chunnaic i e, thuit i aig a 
chosaibh, ag ràdh ris, A Thigh- 
earn, nam biodh tusa an so, cha'n 
fhaigheadh mo bhràthair bàs. 

33 Uime sin an uair a chunn- 
aic losa i a' gul, agus na h-Iùdh- 
aich a thàinig maille rithe a' gul 
mar an ceudna, rinn e osna 'na 
spiorad, agus chuir se e fèin fo 
àmhghar^. 

34 Agus thubhairt e, C' àit an 
do chuir sibh e ? Thubhairt iad 
ris, A Thighearn, thig agus faic. 

35 Ghuil losa. 

36 An sin thubhairt na h-Iùdli- 
aich, Feuch cionn is a ghràdh- 
aich se e ! 

37 Agus thubhairt cuid diubh, 
Nach feudadh an duine so a dh'- 
f hosgail sùilean an doill, a thoirt 
fa'near nach faigheadh eadhon 
am fear so bàs ? 

38 Uime sin thàinig losa, ag 

' os losal. • thriohlaid. 

198 



! osnaich a rìs ann fèin, chum na 
' h-uaighe. Agus b' uaimh^ i, ag- 
j us bha clach air a cur oirre. 
i 39 Thubhairt losa, Togaibh a' 

chlach. ThubhairtMarta,piuth- 
1 ar an duine mhairbh, ris, A 
i Thighearn, tha nis droch bhol- 
I adh dheth ; oir is e so an ceath- 

ramh là*. 

40 Thubhairt losa rithe, Nach 
dubhairt mi riut, Ma chreideas 
tu, gu 'm faic thu glòir Dhè ? 

41 An sin thog iad a' chlach 
(o 'w àit anns an robh an duine 
marbh air a chur.) Agus thog 
losa suas a shùilean, agus thubh- 
airt e, Athair, tha mi toirt buidh- 
eachais duit gu 'n d' èisd thu 
rium. 

42 Agus bha fhios agam gu 
bheil thu ag èisdeachd rium a 
ghnàth : ach thubhairt mi e air 
son an t-sluaigh a tha 'nan seas- 
amh mu m' thimchioll, chum 
gu 'n creid iad gu 'n do chviir 
thusa uait mi. 

43 Agus an uair a labhair e na 
nithe so, ghìaodh e le guth mòr, 
A Lasaruis, thig a mach. 

44 Agus thàinig e-san a bha 
marbh a mach, agus a chosan 
agus a làmhan ceangailte leis an 
eudach mhairbh : agus bha 'agh- 
aidh ceangailte mu 'n cuairt le 
neapaicin. Thubhairt losa riu, 
Fuasglaibh e, agus leigibh leis 
imeachd. 

45 An sin chreid mòran do na 
h-Iùdhaich ann, a thàinig chum 
Mhuire, agus a chunnaic na nithe 
a rinn losa. 

46 Ach dh'fhalbh cuid diubh 
chum nam Phàiriseach, agus dh'- 

^ chuas. * iha >ì ceithir làithean san uaiyh. 



EOIN, 



XI. XII. 



innis iad dhoibh na nithe a rinn 
losa. 

47 An sin chruinnich na h-àrd- 
shagairt agus na Phàirisich comh- 
airle, agus thubhairt iad, Ciod a 
tha sinn a' dèanamh ? oir a ta 
an duine so dèanamh mòrain 
mhìorbhuile. 

48 Ma leigeas sinn leis air an 
dòigh so, creididh na h-uile 
dhaoine ann; agus thignaRomh- 
anaich', agus sgriosaidh iad^ ar 
n-àit, agus ar cinneach. 

49 An sin thubhairt fear àraidh 
dliiubh d' am h" ainm Caiaphas, 
air dha bhi 'na àrd-shagart air a' 
bhliadhna sin, riu, Cha'n aithne 
dhuibh ni sam bith, 

50 Ni mò tha sibh a' toirt fa- 
'near gur iomchuidh dhuinne 
gu 'ra faigheadh aon duine bàs air 
son an t-sluaigh, agus nach biodh 
an cinneach uile air a sgrios. 

51 Ach cha b' ann uaith fèin a 
labhair e so : acli air dha bhi 'na 
àrd-shagart air a' bhliadhna sin, 
rinn e fàidheadaireachd gu 'm 
faigheadh losa bàs air son a' 
chinnich sin ; 

52 Agus cha 'n ann air son a' 
chinnich sin a mhàin, ach a chum 
mar an ceudna gu 'n cruinnich- 
eadh e an ceann a chèile 'nan aon 
clann Dhè a bha air an sgapadh. 

53 Uime sin o 'n là sin a mach, 
chuir iad an comhairle r' a chèile 
chum e-san a chur gu bàs. 

54 Air an aobhar sin cha d'- 
imicli losa ni's mò gu follaiseach^ 
am measg nan lùdhach ; ach 
chaidh e as a sin do dhùthaich 
làimh ris an fhàsach, gu baile 

' Romanaich. 

* dithichidh iad, bheir iad air falhh. 
199 



ris an abrar Ephraim, agus an 
sin ghabh e còmhnuidh maille 
r' a dheisciobluibh. 

55 Agus bha càisg nan lùdhach 
am fagus : agus chaidh mòran 
suas as an dùthaich do lerusalera 
roimh an chàisg, chum iad fèin 
a ghlanadh. 

56 An sin dh' iarr iad losa, agus 
labhair iad r' a chèile 'nan seas 
amh san teampull, Ciod bhur 
barail-sa ? an e nach tig e chum 
na fèille ? 

57 A nis bha araon na h-àrd- 
shagairt agus na Phàirisich air 
toirt àithne, nam biodh f hios aig 
neach air bith c' àit an robh e, 
gu 'n innseadh se e, chum gu 'n 
glacadh iad e. 

CAIB. XII. 

1 Ghabh losa leithsgeul Mhuire air son gu'n 
d ìing i a chosan. 9 Thàinig an sluagh 
'nam buidhnibh a dh'fhaicinn Lasaruis 
10 Ghabh na h-àrd-shagairt comhairle chum 
Lasarus a mharbhadh. 12 Mhurcaich 
Crìosd gu lerusalem. 23 Roimli-innis e 
a bhds. 87 Tha na h-Iudhaìch air ari 
dalludh. 

AN sin thàinig losa, sè làith 
ean roimli an chàisg, gu 
Betani, far an robh Lasarus a „ 
bha marbh, neach a thog e-san o 
na marbhaibh. 

2 Uime sin rinn iad suipeir 
dha an sin ; agus bha Marta a' 
frithealadh : ach bha Lasarus 
'na aon diubh-san a shuidh air 
bòrd maille ris. 

3 An sin ghabh Muire pund do 
oladh spicnaird ro hiachmhoir. 
agus dh' ùng i cosan Tosa, agus 
thiormaich i a chosan le a folt : 
agus Tionadh an tigh le fàile* 
chùbhraidh na h-oladh. 

' os àird. 
* boltrnch. 



EOIN, xir. 



4 An sin thubhairt aon d' a i 
dheisciobluibh, ludas Iscariot, 
mac Shimoin, a bha gu e-san a 
bhrath, 

5 C' ar son nach do reiceadh 
an oladh so air son trì cheud 
peghinn, agus nach d' thugadh 
do na bochdaibh e ? 

6 Thubhairt e so, cha b' ann a 
chionn gu 'n robh suim aige do 
na bochdaibh ; ach a chionn 
gu 'm bu ghaduiche e, agus gu 'n 
robh an sporan aige, agus gu 'n 
do ghiùlain e na nithe a chuir- 
eadh ann. 

7 An sin thubhairt losa, Leig 
leatha : fa chomhair là m' adh- 
laic ghlèidh i so. 

8 Oir tha na bochdan a ghnàth 
agaibh maille ribh, ach cha 'n 'eil 
mise agaibh a ghnàth. 

9 Agus bha fhios aig sluagh 
mòr do na h-Iùdhaich gu 'n robh 
e an sin : agus thàinig iad, cha'n 
ann a mhàin air son losa, ach a 
chum gu 'm faiceadh iad mar an 
ceudna Lasarus, a thog e-san o 
na marbhaibh. 

10 Ach ghabh na h-àrd-shagairt 
comhairle, chum Lasarus mar 
an ceudna a mharbhadh ; 

11 Do bhrìgh air a shon-san 
gu 'n d' imich mòran do na h- 
lùdhaich, agus gu 'n do chreid 
iad ann an losa. 

12 Air an là màireach, air 
cluinntinn do mhòr-shluagh a 
thàinig chum na fèille', gu 'n 
robh losa a' teachd gu lerusalem, 

13 Ghlac iad geuga paihne, 
agus chaidh iad a mach 'na 
chòdhail, agus ghlaodh iad Hos- 
anna, beannaichte gu robh Righ 

' fasde. 

200 



Israeil a tha teachd ann an ainm 
an Tighearn ! 

14 Agus air do losa asal òg 
fhaotainn, shuidh e air ; a rèir 
mar a ta e sgriobhta, 

15 Na biodh eagal ort, a nigh- 
ean Shioin : feuch, a ta do Rìgh 
a' teachd, 'na shuidhe air loth 
asaih 

16 Cha do thuig a dheisciobuil 
na nithe so air tùs : ach an uair 
a ghlòraicheadh losa, an sin 
chuimhnich iad gu 'n robh na 
nithe so sgrìobhta uime, agus 
gu 'n d' rinn iad na nithe so dha. 

17 Uime sin rinn an sluagh a 
bha maille ris fianuis, gu 'n do 
ghairm e Lasarus as an uaigh, 
agus gu 'n do thog e o na marbh- 
aibh e. 

18 Air an aobhar sin mar an 
ceudna choinnich an sluagh e, 
do bhrìgh gu 'n cual iad gu 'n 
d' rinn e am mìorbhuil so. 

19 Thubhairt na Phàirisich 
uime sin eatorra fèin, Am faic 
sibh nach 'eil sibh a' buadhach- 
adh bheag sam bith ? feuch, 
tha 'n saoghal air dol 'na dhèigh. 

20 Agus bha Greugaich àraidh 
am measg na muinntir a chaidh 
suas chum aoradh a dhèanamh 
aig an fhèill : 

21 Air an aobhar sin thàinig 
iadsan gu PhiKp, a bha o Bhet- 
saida Ghalile, agus dh'iarr iad 
air, ag ràdh, A Thighearn, bu 
mhiann leinn losa fhaicinn. 

22 Thàinig Philip agus dh'- 
innis e do Aindreas ; agus a ris 
clh'innis Aindreas agus PhiHp 
do losa. 

23 Agus fhreagair losa iad, 
ag ràdh, Thàinig an uair, chum 



EOIN, 



, xir. 



sii 'm biodh Mac an duine. air a 
ghlòracliadh. 

24 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, Mur faigh an 
gràinne cruithneachd a thuiteas 
anns an talamh bàs, fanaidh e 
'na aonar : ach ma gheibh e bàs, 
bheir e toradh mòr uaith. 

25 E-san a ghràdhaicheas 'an- 
am, caillidh se e ; agus e-san a 
dh'f huathaicheas 'anam anns an 
t-saoghal so, glèidhidh se e chum 
na beatha maireannaich. 

26 Ma nì neach air bith seirbhis 
dhomh-sa, leanadh e mi ; agus 
ge b' e àit am bì mise, an sin 
bithidh mo sheirbhiseach mar an 
ceudna : ma nì neach seirbhis 
dhomh-sa bheir m' Athair ur- 
ram^ dha. 

27 A nis tha. m' anam fo àmh- 
ghar ^ ; agus ciod a their mi ? 
Athair, saor mi o 'n uair so : ach 
is ann air a shon so a thàinig mi 
chum na h-uaire so. 

28 Athair, glòraich t' ainm. 
An sin thàinig guth o nèamh, ag 
ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus 
glòraichidh mi rìs e. 

29 Uime sin thubhairt an sluagh 
a sheas a làthair, agus a chuala 
so, Gu 'n robh tairneanach ann : 
thubhairt cuid eile, Labhair aing- 
eal ris. 

30 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e, Cha 'n ann air mo shon-sa 
thàinig an guth so, ach air bhur 
son-sa. 

31 A nis tha breitheanas an 
t-saoghail so ann : a nis tilgear 
uachdaran an t-saoghail so mach. 

32 Agus mise, ma thogar suas 
'n talamh mi, tairngidh mi na 

' onoir. ^ bhuaireas, thrioblaid. 
201 



h-uile dhaoine a m' ionnsuidh. 

33 (Ach thubhairt e so, a' ciall- 
achadh ciod a'ghnè bàis a gheibh- 
eadh e.) 

34 Fhreagair an sluagh e, 
Chuala sinne as an lagh, gu 'm 
fan Crìosd gu sìorruidh : agus 
cionnus a ta thusa ag ràdh, Gur 
èigin do Mlìac an duine bhi air 
a thogail suas ? cò e mac an 
duine so ? 

35 An sin thubhairt losa riu, 
Fathast rè tamuill bhig tha 'n 
solus mailìe ribh : gluaisibh am 
feadh 's a ta an sokis agaibh, 
chum nach beir an dorchadas 
oirbh : oir an tì a ta ag imeachd 
san dorchadas, cha'n aithne dha 
c' àit ami bheil e dol. 

36 Am feadh as a ta 'n sohis 
agaibh, creidibh san t-solus, chum 
gu 'm bì sibh 'nur cloinn do 'n 
t-solus. Labhair losa na nithe 
so, agus dh'f halbh e, agus dh'f hol- 
aich se e fèin uatha. 

37 Ach ge do rinn e a choimh- 
lion so do mhìorbhuilibh 'nan 
làthair, cha do chreid iad ann : 

38 Chum gu 'm biodh briath- 
ran an fhàidh Esaiais air an 
coimhlionadli, a thubhairt e. A 
Thighearn, cò a chreid ar n-aith- 
ris-ne^? agus cò dha a dh'fhoill- 
sicheadh gàirdean an Tighearna? 

39 Air an aobhar so cha robh 
e 'n comas doibh creidsinn, do 
bhrjgh gu'n dubhairt Esaias a ris, 

40 Dhall e an sùilean, agas 
chruaidhich e an cridhe, chum 
nach faiceadh iad le 'n sùihbh, 
agus nach tuigeadh iad le 'n 
cridhe, agus nach pilleadh iad, 
agus gu 'n slànuichinn iad. 

^ iomradh-ne. 



EOIN, XIL XIII. 



41 Thubhairt Esaias na nithe 
so, 'nuair a chunnaic e a ghlòir- 
san, agus a labhair e uime. 

42 Gidheadh chreid mòran do 
na h-Uachdaranaibh fèin ann : 
ach air son nam Phàiriseach cha 
d' aidich iad e, air eagal gu 'n 
cuirte mach as an t-sionagog 
iad. 

4,3 Oir b' annsa leo giòir dhaoine 
na gh>ir Dhè. 

44 Agus ghlaodh losa, agus 
thubhairt e, An tì a ta creidsinn 
annam-sa, cha 'n ann annam-sa 
tha e creidsinn, ach anns an Tì 
a chuir uaith mi. 

45 Agus an ti a tha ga m' 
fhaicinn-sa, tha e faicinn an Tì 
a chuir uaith mi. 

46 Thàinig mi a' m' sholus 
chum an t-saoghail, chum ge b' e 
chreideas annam, nach fanadh e 
an dorchadas. 

47 Agus ma chiuinneas neach 
air bith mo bhriathran-sa, agus 
nach creid e, cha 'n 'eil mise 'ga 
dhìteadh : oir cha d' thàinig mi 
a dhìteadh an t-saoghail, ach a 
shaoradh an t-saoghail. 

48 An ti a tha cur cùil rium-sa, 
agus nach 'eil a' gabhail ri m' 
bhriathraibh, tha aige neach a 
bheir breth air : am focal a labh- 
air mii, bheir e sin breth air san 
là dheireannach. 

49 Oir cha do labhair mi uam 
fèin ; ach an t-Athair a chuir 
uaith mi, thug e àithne dhomh, 
ciod a theirinn, agus ciod a labli- 
rainn. 

50 Agus a ta fhios agam gur 
beatba mhaireannach 'àithne-san : 
air an aobhar sin na nithe tha 



mi a' labhairt, mar thubhairt an 
t-Athair rium, mar sin a ta mi 
a' labhairt. 

CAIB. XIII. 

1 Niyh Crìosd cosan nan deisciobul, 13 dh'- 
earail e orra bhi iriosal agus seirceil ; 
'ÌQ dh'innis e roimh-laimh, agus dh'fhoill- 
sich e do Eoin le comhara, gu 'm b' e ludus 
a hhrathadh e ; 81 thug e àithne dhoibh iad 
a ghrddhachadh a cheile; 36 agus roimh- 
innis e do Pheadar gu 'n rohh e gu e-san 
àicheadh. 

AN I S roimh f hèill na càisge, 
air do losa fios a bhi aige 
gu 'n robh 'uair air teachd, anns 
an rachadh e as an t-saoghal 
so chum an Athar, air dha 
a mhuinntir fèin a bha anns 
an t-saoghal a ghràdhachadli, 
ghràdhaich e gu crìch iad. 

2 Agus an uair a bha 'n t-sui- 
peir thairis^ (air do 'n diabhul 
a nis a chur an cridhe ludais 
Iscarioit, mhic Shimoin, e-san a 
bhrath,) 

3 Air aithneachadh do losa 
gu'n d' thug an t-Athair na h-uiìe 
nithe 'na làmhaibh, agus gur ann 
Dhia a thàinig e, agus gur ann 
a dh' ionnsuidh Dhè a bha e dol ; 

4 Dh'èirich e o 'sliuipeir, agus 
chuir e dheth 'fhalluinn^ agus 
ghlac e làmh-anart, agus cheang- 
ail e uime e. 

5 'Na dhèigh sin, thaom e 
uisge ann an soitheach-ionnlaid, 
agus thòisich e air cosan nan 
deisciobul ionnlad, agus an tiorm- 
achadh leis an làmh-anart a bha 
ceangailte uime. 

6 An sin thàinig e gu Simon 
Peadar : agus thubhairt e-san ris, 
a Thighearn, am bheil thusa ag 
ionnlad mo chosan-sa ? 



' an uair a bha iad r' an suipeir. 
2U2 



^ 'cuddch-uachdair. 



EOIN. XIII. 



7 Fhreagair losa agus tliubli- 
airt e ris, An ni so ta mi dèan- 
amli cha 'n aithne dliuitse a nis ; 
ach bithidh fios agad air an 
dhèigh so, 

8 Thubhairt Peadar ris, Cha 
nigh thu mo chosan-sa gu bràtli. 
Fhreagair losa e, Mur nigh mi 
thu, cha 'n 'eil cuid agad maille 
rium. 

9 Thubhaiirt Simon Peadar ris, 
A Thighearn, cha'n iad mo chos- 
an a mhàin, acli mar an ceudna 
mo làmhan agus mo cheann. 

10 Thubliairt losa ris, An tì 
a ta air ionnlad, cha 'n 'eil feum 
aige ach a chosan ionnlad, ach 
tha e gu h-iomlan glan : agus 
a ta sibhse glan, ach cha 'n 'eil 
sihh uile gìan. 

11 Oir bha fhios aige cò a 
bhrathadh e ; uime sin thubhairt 
e, Cha 'n 'eiì sibh uile glan. 

12 An sin, an dèigh dha an 
cosan ionnlad, agus 'f halluinn a 
ghabhail d' a iommiidh, shuidh e 
a rìs, agus thubhairt e riu, Am 
bheil f hios agaibh ciod a rinn mi 
dhuibh ? 

13 Tha sibh a' gairm Maighstir, 
agus Tighearn dhìom-sa : agus 
tha sibh ag ràdh gu maith ; oir 
is mi sin. 

14 Uime sin ma dh'ionnlaid 
mise, bhur Tighearn agus bhur 
Maighstir, bhur cosan-sa, is còir 
dhuibh-sa mar an ceudna cosan 
a chèile ionnlad. 

15 Oir thug mi eisempleir 
dhuibh, chum mar a rinn mise 
dhuibh, gu'n dèanadh sibhse mar 
an ceudna. 

16 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, Cha mhò an 

203 



t-ògiach na 'mhaighstir, agus cha 
mhò an teachdair na 'n ti a chuir 
uaith e. 

17 Ma 's aithne dhuibh na nithe 
so, is beannaichte sibh ma nì 
sibh iad. 

18 Cha'n'eil mi labhairt oirbh 
uile : is aithne dhomh cò a thagh 
mi : ach is èigin an sgriobtuir a 
choimhlionadh, An ti a ta 'g ith- 
eadh arain maille rium, thog e 
a shàil a' m' aghaidh. 

19 A nis a ta mi ag ràdh so 
ribh mun tig e gu crìch, chum, 
'nuair a thàrlas e, gu 'n creid sibh 
gur mise e. 

20 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas 
ri neach sam bith a chuireas 
mise uam, gabhaidh e rium-sa ; 
agus an tì a ghabhas rium-sa, 
gabhaidh e ris an Tì. a chuir 
uaith mi. 

21 Air do losa na nithe so ràdh, 
bha e fo thrioblaid 'na spiorad, 
agus rinn e fìanuis, agus thubh- 
airt e, Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, gu 'm brath aon 
agaibli mise. 

22 An sin dh'amhairc na deis- 
ciobuil air a chèile, fo amharus 

; co uime a labhair e. 

I 23 A nis bha aon d' a dheis- 

ciobluibh, 'na luidhe an uclid * 
i losa, neach a b' ionmhuinn le 

losa. 

24 Air an aobhar sin smèid 
i Simon Peadar air-san, gu 'm feòr- 

aicheadh e cò uime a labhair e. 

25 An sin air dhasan aomadh 
ri uchd losa, thubhairt e ris, A 

: Tliighearn, cò e ? 

26 Fhreagair losa, Is e an tì 

' ag aomadh rì uchd. 



EOIN, XIII. XIV. 



sin e, d* an toir mise an greim, 
an dèigh dhomh a thumadh. 
Agus an uair a thum e an greim, 
thuff se e do ludas Iscariot, mac 
Shimoin. 

27 Agus an sin an dèigh a' 
ghreama, chaidh Sàtan a steach 
ann-san. An sin thubhairt losa 
ris, An ni a ta thu a' dèanamh, 
dèan gu grad e. 

28 A nis cha do thuig aon 
diubh-san a bha 'nan suidhe air 
a' bhòrd c' ar son a thubhairt e 
so ris. 

29 Oir shaoil cuid diubh, do 
bhrìgh gu 'n robh an sporan aig 
Judas, gu 'n dubhairt losa ris, 
Ceannaich na nithe a ta dh'uir- 
easbhuidh oirnn chum na fèille ; 
no gu 'n tugadh e ni-èigin do na 
bochdaibh. 

30 An sin an dèigh dhasan an 
greim a ghabhail, chaidh e mach 
aìr ball ; agus bha 'h oidhche 
ann. 

31 Uime sin, 'nuair a chaidh 
e-san a mach, thubhairt losa, A 
nis a ta Mac an duine air a 
ghlòrachadh, agus tha Dia air a 
ghlòrachadh ann. 

32 Ma tha Dia airaghlòrachadh 
ann, ghVaichidh Dia e-san mar 
an ceudna ann fèin, agus air ball 
glòraichidh se e. 

33 A chlann bheag, fathast ùine 
bheag tha mise maille ribh. 
larraidh sibh mi : ag\is^ mar a 
thubhairt mi ris na h-Iùdhaich, 
Do 'n àit an tèid mise, cha 'n 'eil 
e 'n comas duibhse teachd ; mar 
sin a ta mi ag ràdh ribhse nis. 

34 Aithne nuadh tha mi toirt 
dhuibh, Gu'n gràdhaich sibh a 

' ihuaireas. 

204 



chèile ; mar a ghràdhaich mise 
sibhse, gu 'n gràdhaich sibh fèin 
a chèile mar an ceudna. 

35 Le so aithnichidh na h-uile 
dhaoine gur sibh mo dheisciob- 
uil-sa, ma bhios gràdh agaibh 
fèin d' a chèile. 

36 Thubhairt Simon Peadar 
ris, A Thighearn, c' àit a thèid 
thu ? Fhreagair losa e, Do 'n 
àit an tèid mi, cha 'n urrainn 
thusa nis mo leantuinn : gidh- 
eadh leanaidh tu mi 'na dhèigh 
so. 

37 Thubhairt Peadar ris, a 
Thighearn, c' ar son nach urrainn 
mi do leantuinn a nis ? Leigidh 
mi sìos m' anam air do shon. 

38 Fhreagair losa e, An leig 
thu t' anam sìos air mo shon-sa ? 
Gu deimhin deimhin a ta mi ag 
ràdh riut, Nach goir an coileach. 
gus an àicheadh thu mi trì 
uairean. 

CAIB. XIV. 

1 Thug Criosd comhfhurtachd d' a dnisciob- 
luibh le dòchas fhlaitheanais : G dh'innis e 
gur e fèin an t-slighe, an fhìrinn, agus u' 
bheatha, agns gur aon e fcin agus an 
t-Athair : 13 thug e fios doibh gu 'm bl 
an ùrnuighcan 'na ainm-san eifeachdach. 
16 Gheall e an spiorad naomh dhoibh. 

A biodh bhur cridhe fo 
thrioblaid' : tha sibh a, 
creidsinn ann an Dia, creidibh 
annam-sa mar an ceudna^. 

2 Ann an tigh m' Athar-sa tha 
iomadh àite-còmhnuidh : mur 
biodh e mar sin, dh'innsinn-sa 
dhuibh. Tha mi dol a dh'ull- 
uchadh àite dhuibh. 

3 Agus ma thèid mi agus gu 'n 
ulhnch mi àit dhuibh, thig mi 
ris, agus gabhaidh mi sibh a m' 

' creidibh ann an Dia, agus creidibh annani-aa. 




EOIN, 



XIV. 



ionnsuidli fèin ; clium far am 
bheil mise, gu 'm bì sibhse mar 
an ceudna. 

4 Agus is aithne dhuibh c' àit 
am bheil mi dol, agus is aithne 
dhuibh an t-slighe. 

5 Thubhairt Tomas ris, A 
Thighearn, cha 'n 'eil f hios ag- 
ainn c' àit am bheil thu dol : 
agus cionnus a dh'f heudas eòlas 
na slighe bhi againn ? 

6 Thubhairt losa ris, Is mise 
an t-slighe, agus an f liìrinn, ag- 
us a' bheatha : cha tig aon neach 
chum an Athar ach tromham-sa. 

7 Nam b' aithne dhuibh mise, 
b' aithne dhuibh m' Athair mar 
an ceudna : agus à so suas is 
aithne dhuibh e, agus chunnaic 
sibh e. 

8 Thubhairt Philip ris, A 
Thighearn foillsich an t-Athair 
dhuinne, agus is leoir leinn e. 

9 Thubhairt losa ris, Am 
bheil mise ùine co fhada maille 
ribh, agus nach aithne dhuit 
fathast mi, Philip ? an tì a chunn- 
aic mise, chunnaic e 'n t-Athair ; 
agus cionnus a ta thu ag ràdh, 
Foillsich an t-Athair dhuinn ? 

10 Nach 'eil thu creidsinn gu 
bheil mise anns an Athair, agus 
an t-Athair annam-sa ? na briath- 
ran a ta mi labhairt ribh, cha 'n 
ann uam fèin a ta mi 'gan labh- 
airt : ach an t-Athair, a ta gabh- 
ail còmhnuidh annam-sa, tha 
e-san a' dèanamh nan oibre. 

11 Creidibh mise gu hheil mi 
anns an Athair, agus an t-Athair 
annam-sa ; no, creidibh mi air 
son nan oibre fèin. 

12 Gu deimhin deimhin a ta 



mi ag ràdli ribh, An tì a chreid- 
eas annam-sa, na h-oibre a ta 
mise a' dèanamh, nì e-san mar 
an ceudna ; agus nì e oihre a 's 
mò na iad so, do bhrìgh gu bheil 
m^ise dol chum m' Athar. 

Ì3 Agus ge b' e ni a dh'iarras 
sibh a' m' ainm-sa, nì mise sin : 
chum gu 'm bì an t-Athair air a 
ghlòrachadh anns a' Mhac. 

14 Ma dh'iarras sibh ni air 
bith a' m' ainm-sa, nì mise e. 

15 Ma 's toigh leibh mise, 
coimhidibh m' àitheantan : 

16 Agus guidhidli mise an t- 
Athair, agus bheir e dhuibh 
Comhfhurtair^ eile, chum gu fan 
e maille ribh gu bràth ; 

17 Spiorad na f ìrinn ; neach 
nach urrainn an saoghal a ghabh- 
ail, do bhrìgh nach 'eil e 'ga 
fhaicinn, agus nach aithne dha 
e : ach is aithne dhuibhse e, oir 
tha e fantuinn maille ribh, agus 
bithidh e annaibh. 

18 Cha 'n fhàg mi sibh 'nur 
dilleachdain ; thig mi do 'ur n- 
ionnsuidh. 

19 Tamull beag fathast, agus 
cha 'n fhaic an saoghal mi tuill- 
eadh ; ach chì sibhse mi : do 
bhrìgh gu bheil mise beò, bith- 
idh sibhse beò mar an ceudna. 

20 Anns an là sin bithidh fios 
agaibh gu hheil mise ann am 
Athair, agus sibhse annam-sa, 
agus mise annaibh-sa. 

21 An tl aig am bheil m' àith- 
eanta-sa, agus a ta 'gan coimh- 
ead, is e-san aig am bheil gràdh 
dhomh-sa: agus an tì aig am 
bheil gràdh dhomh-sa, gràdh- 
aichear le m' Atliair e, agus 



' Fear-comhfhurtaeM^ Fear-comhairle, Fear-iuìl. 

205 



EOIN, XIV. XV. 



gràdhaichidh mise e, agus foill- 
sichidh mi mi fèin da. 

22 Thubhairt ludas, (cha 'n e 
Iscariot,) ris, A Thighearn, c' ar 
son a dh'fhoiUsicheas tu thu fèin 
dhuinne, agus nach dèan ihii sin 
do 'n t-saoghal ? 

23 Fhreagair losa agus thubh- 
airt e ris, Ma ghràdhaiclieas 
neach mise, coimhididh e m' 
fhocal : agus gràdhaichidh m'- 
Athair e-san, agus thig sinn d'a 
ionnsuidh, agus ni sinn còmh- 
nuidh maiUe ris. 

24 An tì nach gràdhaich mise, 
cha choimhid e mo bhriathra : 
agus am focal a ta sibh a' cluinn- 
tinn, cha leam-sa e, ach leis an 
Athair a chuir uaith mi. 

25 Na nithe so labhair mi ribh, 
air dhomh bhi m' chòmhnuidh 
maille ribh : 

26 Ach an Comhfhurtair, an 
Spiorad naomh, a chuireas an t- 
Athair uaith a' m' ainm-sa, teag- 
aisgidh e-san dhuibh na h-uile 
nithe, agus cuiridh e 'n cuimhne 
dhuibh na h-uile nithe a labhair 
mise ribh. 

27 Tha mi fàgail sìthe agaibh, 
mo shìth-sa a ta mi toirt duibh : 
cha 'n ann mar a bheir an saogh- 
al, a tha mise toirt duibh. Na 
biodh bhur cridhe fo thrioblaid, 
agus na biodh eagal air. 

28 Chuala sibh mar thubh- 
airt mi ribh, Tha mi falbh, agus 
thig mi rìs do 'ur n-ionnsuidh. 
Nam biodh gràdh agaibh dhomh- 
sa, bhiodh aoibhneas oirbh, a 
chionn gu 'n dubhairt mi, Tha 
mi doì' chum an Athar : oir is 
mò m' Athair na mise. 



29 Agus a nis dh'innis mi 
dhuibh so roimh dha teachid gu 
crìch, chum, 'nuair a thig e gu 
crich, gu creideadh sibh. 

30 A so suas cha labhair mi 
mòran ribh : oir a ta uachdaran 
an t-saoghail so a' teachd, agus 
cha 'n 'eil ni air bith aige annam- 
sa. 

31 Ach a chum gu 'm bi fios 
aig an t-saoghal gur ionmhuinn 
leam an t-Athair ; agus mar a 
thug an t-Athair àithne dhomh, 
mar sin a ta mi a' dèanamh. 
Eiribh, rachamaid as so. 

CAIB. XV. 

1 An sòlas a ta aig deisciobluibh Chrìosd ; 
9 an gaol agus an coiinhcheangal a ta eadar 
iad agus e-san. 18 Comhfhurtachd fuidh 
fhuath agus gheur-leunmhuinn an t-saogh- 
ail so. 2G Dreuchd an Spioraid naoimh, 
agus nan abstol. 

IS mise an f hìonain f hior, agus 
is e m' Athair an treabhaiche^. 

2 Gach uile gheug annam-sa 
nach 'eil a' giùlan toraidh, bheir 
e air falbh ; agus gach uile ghevg 
a ta tabhairt toraidh, glanaidh 
e i, chum gu 'n giùlain i tuill- 
eadh toraidh. 

3 A nis a ta sibhse glan tre 
an fhocal a labhair mi ribh. 

4 Fanaibh annam-sa, agus mise 
annaibh-sa. Mar nach urrainn 
a' gheug toradh a tlioirt uaipe^ 
fèin, mur fan i san fhìonain, cha 
mhò is urrainn sibhse, mur fan 
sibh annam-sa. 

5 Is mise an fhìonain, sibhse 
na geuga : an tl a dh'f hanas 
annam-sa, agus mise annsan, 
bheir e-san mòr-thoradh uaith ; 

: oir as m' eugmhais-sa cha 'n urr- 
! ainn sibh aon ni a dhèanamh. 



' a chionn gu bheil mi dol. 
206 



^ tuathanach 



' uaithe. 



EOIN, XV. 



6 INIur fan neach annam-sa, 
tha e air a thilgeadli a mach 
mar ghèig, agus air crìonadh ^ ; 
agus tionailidh daoine iad, agus 
tiìgidh iad san teine iad, agus 
loisgear iad. 

7 Ma dh'fhanas sibh-annam.- 
sa, agus ma dh'fhanas m' f hoc- 
ail-sa annaibh-sa, iarraidh sibh 
gach ni a 's àill leibh, agus nith- 
ear dhuibh e. 

8 An so tha m' Athair-sa air 
a ghlòrachadh, gu 'n toir sibhse 
mòr-thoradh uaibh ; agus bith- 
idh sibh 'nur deisciobuil dhomh- 
sa. 

9 Mar a ghràdhaich an t-Ath- 
air mise, mar sin ghràdhaich 
mise sibhse : fanaibh ann am 
ghràdh-sa. 

10 jNIa choimhideas sibh m' 
àitheanta, fanaidli sibh ann am 
ghràdh ; mar a choimhid mise 
àitheanta m' Athar, agus a tha 
mi a' fantuinn 'na ghràdh. 

11 Na nithe so labhair mi 
ribh, chum gu fanadh mo ghàird- 
eachas annaibh, agus gu 'm biodh 
bhur gàirdeachas-sa làn. 

12 Is i so m' àithne-sa, gu 'n 
gràdhaich sibhse a chèile, mar 
a ghràdhaich mise sibhse. 

13 Gràdh a 's mò na so cha 'n 
'eil aig neach air bith, gu 'n 
leigeadh duine 'anam sìos air | 
son a chàirdean. j 

14 Is sibhse mo chàirdean-sa, ! 
ma nì sibh gach ni a ta mi ag | 
àithneadh dhuibh. i 

15 A so suas cha ghairm mi 
seirbhisich dhibh ; oir cha 'n 
aithne do 'n t-seirbhiseach ciod 
a ta a Thighearn a' dèanamh : 

' mar gheig atae air tT/onadh. 
207 



ach ghairm mi càirde dhibh ; 
oir na h-uile nithe a chuala mi o 
m' Athair, thug mi fios duibhse 
orra. 

16 Cha sibhse a thagh mise, 
ach is mise a thagh sibhse, agus 
dh' òrduich^ mi sibh, chum gu 'n 
rachadh sibh, agus gu 'n tugadh 
sibh a mach toradh, agus gu 
maireadh bhur toradh: chum 
ge b' e ni a dh'iarras sibh air an 
Athair ann am ainm-sa, gu 'n 
toir e dhuibh e. 

17 Tha mi 'g àithneadh nan 
nithe so dhuibh, chum gu 'n 
gràdhaich sibh a chèile. 

18 Ma tha an saoghal 'gur 
fuathachadh, tha fhios agaibh 
gu 'n d'f huathaich e mise roimh- 
ibh. 

19 Nam b' ann do 'n t-saoghal 
sibh, ghràdhaicheadh an saoghal 
a chuid fèin : ach do bhrìgh 
nach ann do 'n t-saoghal sibh, 
ach gu 'n do thagh mise sibh as 
an t-saoghal, uime sin tha fuath 
aig an t-saoghal duibh. 

20 Cuimhnichibh am focal a 
thubhairt mi ribh, Cha 'n 'eil an 
seirbhiseach ni 's mò na a 
Thighearn. Ma rinn iad geur- 
leanmhuinn ormsa, nì iad geur- 
leanmhuinn oirbhse mar an 
ceudna : ma choimhid iad m' 
fhocal-sa, coimhididh iad bhur 
focal-sa mar an ceudna. 

21 Ach na nithe so uile nì iad 
oirbh air son m' ainme-sa, do 
bhrìgh nach aithne dhoibh e-san 
a chuir uaith mi. 

22 Mur bithinn-sa air teachd, 
agus air labhairt riu, cha bhiodh 
peacadh aca : ach anis cha 'n 'eil 

* shuidhich, shrònvich. 



EOIN, XV. XVI. 



leithsgeul am peacaidli aca. 

23 An tì aig am blieil fuath 
dhomh-sa, tha fuath aige do m' 
Atl:dir mar an ceudna. 

2^ Mur bithinn-sa air dèan- 
amh nan oibre 'nam measg nach 
d' rinn aon neach eile, cha bhiodh 
peacadh aca : ach a nis chunn- 
aic siad iad, agus dh'fhuathaich 
iad araon mise agus m' Athair. 

25 Ach rinneadli so chum gu 'n 
coimhliontadh am focal a ta 
sgrìobhta 'nan lagh fèin, Dh'- 
f huathaich iad mi gun aobhar. 

26 Ach an uair a thig an 
Comhfhurtair, a chuireas mise 
do 'ur n-ionnsuidh o 'n Athair, 
Spiorad na fìrinn, a tha teachd 
a mach o 'n Athair, nì e-san fian- 
uis mu m' thimchioll-sa. 

27 Agus nì sibhse fianuis mar 
an ceudna, do bhrìgh gu bheil 
sibh maille rium o thùs. 

CAIB. XVI. 

1 Thug Criosd comhfhurtachd d' a dheisciob- 
luibh an aghaidh trioblaid le gealladh an 
Spioraid naoimh, agus'aiseirigh agus a dhol 
suas air nèamh ; 23 thug e cinnte dhoibh 
gu'm bì na h-iirnvighean a nithear 'na ainm- 
san taitneach d' a Athair ; 83 tha s\th ann 
an Criosd, ach anns an t saoghal, trioblaid. 

A nithe so labhair mi ribh, 
chum nach faigheadh ^ sibh 
oilbheum. 

2 Cuiridh iad as an t-sionagog 
sibh : seadh, thig an uair, ge. b' e 
neach a mharbhas sibh, gu 'n 
saoil e gu bheil e dèanamh 
seirbhis do Dhia. 

3 Agus nì iad na nithe so^, do 
bhrìgh nach aithne dhoibh an 
t-Athair, no mise. 

4 Ach dh'innis mi na nithe so 

' gabhadh. ' na nithe so [dhuibh.] 
208 



dhuibh, chum 'nuair a thig an 
t-àm, gu 'n cuimhnich sibh gu 'n 
d' innis mi dhuibh iad. Ach cha 
dubhairt mi na nithe so ribh o 
thùs, do bhrìgh gu 'n robh mi 
maille ribh. 

5 Ach a nis a ta mi dol chum 
an tì a chuir uaith mi ; agus cha 
'n 'eil a h-aon agaibh-sa a' feòr- 
aich dhìom, C' àit tha thu dol ? 

6 Ach a chionn gu 'n dubhairt 
mi na nithe so ribh, lìon do- 
bhròn bhur cridhe. 

7 Gidheadh a ta mi ag inn- 
seadh dhuibh na firinn, Is 
buannachd dhuibh mise a dh'- 
fhalbh : oir mur falbh mi, cha 
tig an Comhfhurtair do 'ur 
n-ionnsuidh-sa ; ach ma dh'- 
f halbhas mi, cuiridh mi e-san do 
'ur n-ionnsuidh. 

8 Agus an uair a thig e-san, 
bheir e dearbh-shoilleireachd 
do 'n t-saoghal mu pheacadh, 
agus mu f hìreantachd, agus mu 
bhreitheanas : 

9 Mu pheacadh, do bhrìgh 
nach 'eil iad a' creidsinn annam- 
sa ; 

10 Mu fhìreantachd, do bhrìgh 
gu bheil mi dol a dh'ionnsuidh 
m' Athar, agus nach faic sibh 
ni 's mo mi ; 

11 Mu bhreitheanas, a chionn 
gu bheil uachdaran an t-saoghail 
so air a dhìteadh. 

12 Tha mòran nithe agam 
fathast ri ràdh ribh, ach cha 'n 
urrainn sibh an giùlan an tràth 
so. 

13 Ach an uair a thig e-san, 
Spiorad na fìrinn, treòraichidh 
e sibh chum gach uile fhìrinn : 
oir cha labhair e uaith fèin : 




EOIN, 



XVI. 



acli labhraidh e na h-uile nithe 
a chlumneas e : agus foillsichidh 
e dhuibhse nithe a ta ri teachd. 

14 Bheir e-san glòìr dhomh-sa : 
oir gheibh e do m' chuid-sa, ag- 
us nochdaidh e dhuibh-se e. 

15 Na h-uile nithe a ta aig an 
Athair, is leam-sa iad : air an 
aobhar so thubhairt mi, gu 'm 
faigh e do m' chuid-sa, agus 
nochdaidh e dliuibh-se e. 

IG Tamull beag agus cha 'n 
f haic sibh mi ; agus a rìs, tam- 
ull beag agus chì sibh mi, do 
bhrigh gu bheil mi dol chum an 
Athar. 

17 An sin thubhairt cuid d' a 
dheisciobluibh eatorra fèin, Ciod 
e so a ta e ag ràdh ruinn, Tam- 
ull beag agus cha 'n f haic sibh 
mi : agus a rìs, tamull beag ag- 
us chì sibh mi : agus, Do bhrìgh 
gu bheil mi dol chum an Athar ? 

18 Air an aobhar sin thubh- 
airt iad, Ciod e so a ta e ag 
ràdh, Tamull beag ? Cha 'n 'eil 
sinne a' tuigsinn ciod a ta e ag 
ràdh. 

19 A nis dli'aithnich losa gu 'n 
robh toil aca fheòraich dheth, 
agus thubhairt e riu, Am bheil 
sibh a' feòraich 'nur measg fèin 
mar a thubhairt mi, TamuU 
beag agus cha 'n fhaic sibh mi : 
agus a rìs, tamull beag agus chì 
sibh mi ? 

20 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, gu 'n dèan sibh- 
se gul agus caoidh, ach ni an 
saoghal gàirdeachas : agus bith- 
idh sibhse do-bhrònach, ach 
piUear bhur bròn gu gàirdeach- 
as. 



21 'Nuair a bhios bean ri 
saothair-chloinne, bithidh i fo 
dhoilgheas, chionn gu bheil a 
h-uair air teachd : ach an uair 
a bheireas i an leanabh, cha 
chuimhnich i a h-àmhghar ni 's 
mò, tre aoibhneas gu 'n d' rugadh 
duine chum an t-saoghail. 

22 Agus a ta nis uime sin doilgh- 
eas oirbh-sa : ach chì mise a rìs 
sibh, agus nì bhur cridhe gàird- 
eachas, agus bhur gàirdeachas 
clia bhuin neach air bith uaibh. 

23 Agus air an là sin cha'n 
f heòraich sibh ni air bith dhìom- 
sa ^ : Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh ribh, Ge b' e nithe dh'- 
iarras sibh air an Athair ann am 
ainm-sa, gu 'n toir e dhuibh iad. 

24 Gus a so cha d' iarr sibh ni 
air bith ann am ainm-sa : iarr- 
aibh, agus gheibh sibh, chum 
gu 'm bì bhur n-aoibhneas làn 

25 Na nithe so labhair mi ribh 
am briathraibh dorcha ^ : ach thig 
an uair anns nach labhair mi 
ni 's mò ribh am briathraibli 
dorcha, ach innsidh mi gu soill- 
eir mu'n Athair dhuibh. 

26 Anns an là sin iarraidh sibh 
a' m' ainm-sa : agus cha 'n 'eil mi 
ag ràdh ribh, gu 'n guidh mi an 
t-Athair air bhur son : 

27 Oir is toigh leis an Athair 
fèin sibh, air son gu 'n d' thug 
sibh gràdli dhomh-sa, agus gu 'n 
do chreid sibh gur ann o Dhia a 
thàinig mi. 

28 Thàinig mi mach o 'n Athair, 
agus tha mi air teachd chum an 
t-saoghail : a rìs, tha mi fàgail 
an t-saoghail, agus a' dol chum 
an Athar. 



' cha 'n iarr sibh ni air bith ormsa 
209 



^ coimhlionta. an comhadaibl>- 
P 



EOIN, XVI. XVII. 



29 Thubhairt a dheisciobuil ris, 
Feuch, a nis tha thu labhairt gu 
soilleir, agus clia 'n 'eil tliu labh- 
airt cosamlilachd air bith. 

30 A nis tlia f hios againn gur 
aithne dhuit na h-uile nithe, ag- 
us nach feum thu duine air bith 
a dh'f heòraich dhiot : air a shon 
so tha sinn a' creidsinn gur ann 

Dhia a thàinig thu. 

31 Fhreagair losa iad, Am bheil 
sibh a nis a' creidsinn ? 

32 Feuch, thig an t-àm seadh, 
tha e cheana air teachd, anns an 
sgapar o clièile sibh, gach aon 
g' a ionad fèin, agus am fàg sibh 
mise a' m' aonar: gidheadh cha'n 
'eil mise a' m' aonar, oir tha an 
t-Athair maille rium. 

33 Na nithe so labhair mi ribh, 
chum gu 'm biodh sith agaibh 
annam-sa. Anns an t-saoghal 
bithidh àmhghar agaibh : ach 
biodh deadh mhisneach agaibh, 
thng mise buaidh air an t-saoghal. 

CAIB. XVII. 

1 Tha Cì'ÌOkd a' dèanamh vrmdgh r' a 
Athairgu 'nglln-aicheadh se e, 6 gu 'n coimhd- 
eadh e 'abstoi/, 11 ann an aonachd, 17 agus 
anns an fhìrinn ; 20 gu 'n glòraicheadh e 
iad, agus na h-uile chrcidich maille ris feìn 
air nèamh. 

LABHAIR losa na briathra 
so ; agus thog e suas a shùil- 
ean gu nèamh, agus thubhairt e, 
Athair, thàinig an uair; glòraich 
do mhac, chum gu 'n glòraich 
do mhac thusa mar an ceudna : 

2 Chum mar a thug thu cumh- 
achd dha air gach feoil, na h- 
uile a thug thu dha, gu 'n tugadh 
e-san dhoibh a' bheatha mhair- 
eannach. 

' an uair. 

210 



3 Agus is i so a' bheatha mhair- 
eannach, eòlas a bhi aca ortsa an 
t-aon Dia fìor, agus air losa 
Crìosd a chuir thu uait. 

4 GhhVaich mise thusa air thal- 
amh : chrìoclmaich mi 'n obair 
a thug thu dhomh r' a dhèanamh. 

5 Agus a nis, Athair, glòraich 
thusa mise maille riut fèin leis 
a' glilòir a bha agam maille riut 
mun robh an saoghal ann. 

6 Dh'fhoillsich mise t' ainm do 
na daoinibh a thug thu dhomh 
as an t-saoghal : bu leatsa iad, 
agus thug thu dhomh-sa iad ; 
agus choimhid iad t-f hocal. 

7 A nis thuig iad gur ann uait 
a tha na h-uile nithe, a thug thu 
dhomh-sa. 

8 Oir thug mi dhoibh na briath- 
ran a thug thusa dhomh ; agus 
ghabh siad iad, agus thuig iad 
gu fìrinneach gur ann uait-sa 
thàinig mi, agus chreid iad gu 'n 
do chuir thu uait mi. 

9 Air an sonsan tha mi guidhe : 
cha 'n 'eil mi guidhe air son an 
t' saoghail, ach air son na muinn- 
tir sin a thug thu dhomh, oir is 
leat-sa iad. 

10 Agus is leat-sa na h-uile 
nithe a 's leamsa, agus is leamsa 
na nithe a 's leatsa ; agus a ta 
mi air mo ghlòrachadh annta. 

11 Agus a nis cha 'n 'eil mise 
ni 's mò anns an t-saoghal, ach a 
ta iadsan san t-saoghal, agus a 
ta mise a' teachd a d'ionnsuidh-sa. 
Athair naoimh, coimhid iadsan 
tre t' ainm a thug tliu dhomh- 
sa, chum gu 'm bì iad 'nan aon, 
mar a ta sinne. 

12 Am feadh 's a bha mise 

^ a' d^fhianuis, ' ann ad ainm . 



EOIN, XVII. XVIII. 



maille riu anns an t-saoghal, 
choimhid mi iad tre t' ainm-sa : 
ghlèidh mi a' mhuinntir a thug 
thu dhomh, agus cha do chaill- 
eadh a h-aon diubh, ach mac 
an sgrios ; chum gu biodh an 
sgriobtuir air a choimhlionadh. 

13 Agus a nis tha mi teachd a 
d' ionnsuidh-sa ; agus tha mi 
labhairt nan nithe so anns an 
t-saoghal, chum gu 'm biodh mo 
ghàirdeachas aca air a choimh- 
lionadh annta. 

14 Thug mi t' fhocal dhoibh ; 
agus thug an saoghal fuath 
dhoibh, air son nach ann do 'n 
t-saoghal iad, mar nach 'eil mise 
do 'n t-saoghal. 

15 Cha 'n 'eil mi guidhe gu 'n 
tugadh tu as an t-saoghal iad, 
ach gu 'n coimhideadh tu o 'n 
olc iad. 

16 Cha 'n 'eil iadsan do 'n t- 
saoghal, mar nach 'eil mise do 'n 
t-saoghal. 

17 Naomhaich iad troimh an 
f hirinn ' : is e t' f hocal-sa an 
fhìrinn. 

18 Mar a chuir thusa mise chum 
an t-saoghail, mar sin chuir mise 
iadsan chum an t-saoghaiL 

19 Agus air an sonsan tha mise 
ga m' naomhachadh fèin, chum 
gu 'm bì iadsan mar an ceudna 
air an naomhachadh troimh an 
fhìrinn. 

20 Agus cha 'n 'eil mi guidhe 
air an sonsan a mhàin, ach mar 
an ceudna air son na muinntir 
sin a chreideas annam-sa troimh 
am focal-san. 

21 Chum gu 'm bi iad uile 'nan 
aon ; chum mar a ta thusa, Atli- 

' tre t'fhìrinn. 

211 



air, annam-sa, agus mise annad- 
sa, gu 'm bì iadsan mar an ceud- 
na 'nan aon annainne ; chum 
gu 'n creid an saoglial gu 'n do 
chuir thusa uait mi. 

22 Agus thug mise dhoibh-san 
a' ghlòir a thug thusa dhomh-sa, 
chum gu 'm bì iad 'nan aon, mar 
a ta sinne 'nar n-aon ; 

23 Mise annta-san, agus thusa 
annam-sa, chum gu 'n dèanar 
coimhlionta iad ann an aon ; 
agus a chum gu 'm bì fios aig an 
t-saoghal gu 'n do chuir thusa 
uait mi, agus gu 'n do ghràdhaich 
thu iadsan, mar a ghràdliaich 
thu mise. 

24 Athair, is àill leam an dream 
a thug thu dhomh, gu 'm bì iad 
maille rium, far am bheil mi ; 
chum gu faic iad mo ghlòir a 
thug thu dhomh : oir ghràdh- 
aich thusa mi mun do leagadh 
bunaite an domhain. 

25 Athair chothromaich, cha 
b' aithne do 'n t-saoghal thusa ; 
ach b' aithne dhomhsa thu, agus 
thuig iad so gu 'n do chuir thusa 
uait mi. 

26 Agus dh'fhoillsich mise t' 
ainm dhoibh, agus foillsichidh 
mi e, chum gu 'm bì an gràdh 
leis an do ghràdhaich thu mise, 
annta-san, agus mise annta. 

CAIB. XVIII. 

1 Bhrath ludas losa. 6 Thuit na maoir air 
an talamh. 10 Ghearr Peadar cluais 
Mhalchuis dheth. 12 Ghlac na 7naoir losa, 
agus thug iad gu Annas agus Caiaphas e. 
15 Aicheadh Pheadair. 19 Chaidh Criosd 
a chrusnachadh an lathair Chaiajihais. 
40 Dh'iarr na h-Iùdhaich Barabas. 

NUAIR a labhair losa na 
briathra so, chaidh e maille 
r' a dheisciobluibh thairis air 
p 2 



EOIN, 



xvin. 



sruth Cliedroin, far an robh lios, 
anns an deachaidh e fèin agus a 
dheisciobuil. 

2 Agus b' aithne do ludas, a 
bhrath e-san, an t-àit : oir thàinig 
losa gu tric an sin maille r' a 
dheisciobluibh, 

3 An sin air do Tudas buidh- 
eann agus maoir fhaotainn o na 
h-àrd-shagairt agus na Phàiris- 
ich, thàinig e do 'n àit sin le 
leusaibh, agus lòchranaibh, agus 
armaibh. 

4 Uime sin air do losa fios a 
bhi aige air na h-uile nithibh a 
bha gu teachd air, chaidh e 
mach, agus thubhairt e riu, Cò 
tha sibh ag iarraidh ? 

5 Fhreagair iadsan e, losa o 
Nasaret. Thubhairt losa riu, 
Is mise e. Agus sheas mar an 
ceudna ludas, a bhrath e-san, 
maille riu. 

6 An sin co hiath 's a thubh- 
airt e riu, Is mise e, chaidh iad 
air an ais, agus thuit iad air an 
h\r. 

7 An sin dh'f heòraich e dhiubh 
a rìs, Cò tha sibh ag iarraidli? 
Thubhairt iadsan, losa o Nasaret. 

8 Fhreagair losa, Thubhairt 
mi ribh gur mise e. Uime sin 
ma 's mise tha sibh ag iarraidh, 
leigibh leo sin falbh : 

9 Chum gu 'n coimhhontadh 
am focal a labhair e, An dream 
a thug thu dhomh, cha do chaill 
mi aon diubh. 

10 An sin air do Shimon Peadar 
claidheamh a bhi aige, tharruing 
se e, agus bhuail e òglach an 
àrd-shagairt, agus gheàrr e a' 
chhias dheas deth. Agus b' e 
ainm an òglaich Malchus. 

212 



11 An sin thubhairt losa ri 
Peadar, Cuir do chlaidheamh san 
truaill : an cupan a thug m' 
Athair dhomh-sa, nach òl mi e ? 

12 An sin rug a bhuidheann, 
agus an ceannard, agus maoir 
nan lùdhach air losa, agus 
cheangail iad e, 

13 Agus tliug iad leo e air tùs 
gu Annas ; (oir b' e-san athair- 
cèile Chaiaphais, a bha 'na àrd- 
shagairt air a' bhhadhna sin.) 

14 A nis b' e Caiaphas a thug 
comhairle do na h-Tùdhaich, gu 
'm b' iomchuidh gu 'm faigh- 
eadh aon duine bàs air son an t- 
sluaigh. 

15 Agus lean Simon Peadar 
agus deisciobul eile losa. B' 
aithne do 'n àrd-shagart an deis- 
ciobul sin, agus chaidh e steach 
maille ri losa do chùirt an àrd- 
shagairt. 

16 Ach sheas Peadar aig an 
dorus an leth muigh. Uime sin 
chaidh an deisciobul sin eile a 
b' aithne do 'n àrd-shagart a mach, 
agus labhair e ris a' bhan-dorsair, 
agus thug e Peadar a steach. 

17 An sin thubhairt a' bhanog- 
lach a bha glèidheadh an doruis 
ri Peadar, Nach ann do dheis- 
ciobluibh an duine so thusa mar 
an ceudna ? thubhairt e-san, 
Cha 'n ann. 

18 Agus bha na seirbhisich ag- 
vis na maoir 'nan seasamh, air 
dhoibh teine guail a chur suas, 
oir bha 'm fuachd ann, agus bha 
iad 'gan garadh fèin : agus bha 
Peadar 'na sheasamh maiUe riu, 
agus 'ga gharadh fèin. 

19 An sin dh'fhiosraich an t- 
àrd-shagart do losa mu tliim- 



EOIN. XVIII. 



chioll a dheisciobul, agus mu 
thimchioll a theagaisg. 

20 Fhreagair losa e, Labhair 
mise gu ìollaiseach^ ris an t- 
saoghal ; theagaisg mi a ghnàth 
anns an t-sionagog, agus anns an 
teampull, far am bheil na h- 
lùdhaich a' cruinneachadh as 
gach àit ; agus am folach cha do 
labhair mi ni air bith. 

21 C' ar son a ta thu fìosrach- 
adh dliìom-sa? Fiosraich dhiubh- 
san a chuala, ciod a thubliairt 
mi riu : feuch, a ta f hios aca-san 
ciod a thubliairt mi. 

22 Agus an uair a thubhairt e 
na nithe so, bhuail aon do na 
maoraibh, a bha 'na sheasamh a 
làtliair, a bhas air losa, ag ràdh, 
An ann mar so a f hreagras tu an 
t-àrd-shagart ? 

23 Fhreagair losa e, Ma labh- 
air mi gu h-olc, dèan fianuis air 
an olc : ach ma 's ann gu maith, 
c' ar son a ta thu ga 'm bhualadh ? 

24 (A nis chuir Annas e ceang- 
ailte gu Caiaphas an t-àrd-shag- 
art.) 

25 Agus bha Simon Peadar 'na 
sheasamh agus 'ga gharadh : 
Uime sin thubhairt iad ris, Nach 
aon d' a dheisciobluibh thusa 
mar an ceudna? Dh'àicheadh 
e-san, agus thubhairt e, cha mhi. 

26 Thubhairt aon do slieirbh- 
isich an àrd-shagairt, (caraid do 'n 
fhear do 'n gheàrr Peadar a 
chluas,) Nach faca mise thu san 
lios maille ris ? 

27 An sin dh'àicheadh Peadar 
a rìs, agus air ball ghoir an coil- 
each. 

28 An sin thug iad losa o 

' os àird. 

213 



Chaiaphas gu àit a' bhreithean- 
j ais : agus b' i mhaduinn a bh' ann, 
, agus cha deachaidh iad fèin do 
j àit a' bhreitheanais, chum nach 
biodh iad air an salachadh ; ach 
' gu 'n itheadh iad a' chàisg. 
I 29 An sin cMidh Pilat a mach 
d' an ionnsuidh-san, agus thubh- 
airt e, Ciod a' chasaid a tha sibh 
a' toirt an aghaidh an duine so ? 

30 Fhreagair iadsan agus thubh- 
airt iad ris, Mur b' fhear droch- 
bheirt e, cha tugamaid thairis 
dhuitse e. 

31 An sin thubhairt Pilat riu, 
Gabhaibh-sa e, agus thugaibh 
breth air a rèir bhur lagha fèin. 
An sin thubhairt na h-Iùdhaich 
ris, Cha 'n 'eil e ceaduichte 
dhuinne neach air bith a chur 
gu bàs : 

32 Chum gu 'm biodh focal 
losa air a choimhlionadh, a labh- 
air e, a' ciallachadh ciod a' ghnè 
bàis a bha e gu fhaotainn. 

33 An sin chaidh Pilat a steach 
a rìs do àit a' bhreitheanais, ag- 
us ghairm e losa, agus thubhairt 
e ris, An tusa Rìgh nan lùdhach ? 

34 Fhreagair losa e, Am bheil 
thu ag ràdh so uait fèin, no an 
d' innis daoine eile dhuit e mu 
m' thimchioll-sa ? 

35 Fhreagair Pilat, An lùdh- 
ach mise ? Thug do chinneach 
fèin, agus na h-àrd-shagairt thair- 
is dhomh-sa thu : ciod a rinn 
thu? 

36 Fhreagair losa, Cha 'n ann 
do 'n t-saoghal so tha mo rìogh- 
achd-sa : nam b' ann do 'n t-saogh - 
al so bhiodh mo rìoghachd, 
dhèanadh mo sheirbhisich cog- 
adh, chum nach tugtadh tbairis 



EOIN, XVIII. XIX. 



do na li-Iùdhaich mi : ach a nis 
cha 'n ann o so a ta mo rìogh- 
achd. 

37 Air an aobhar sin thubhairt 
Pilat ris, An rìgh thu ma seadh ? 
Fhreagair losa, Thubhairt thusa 
gur rìgh mi. 'S ann chum na 
crìche so a rugadh mi, agus 
chum na crìche so thàinig mi 
do 'n t-saoghab chum gu 'n dèan- 
ainn fianuis do 'n f hìrinn. Gach 
neach a ta air taobh na firinn, 
èisdidh e ri m' ghuth-sa. 

38 Thubhairt Pilat ris, Ciod i 
an f hìrinn ? Agus air dha so a 
ràdh, chaidh e mach a rìs chum 
nan lùdhach, agus thubhairt e 
riu, Cha 'n 'eil mise a' faotainn 
coire air bith ann. 

39 Ach a ta gnàth agaibh-sa, 
gu 'n leiginn as duine dhuibh 
air a' chàisg : uime sin an àill 
leibh mi a leigeadh rìgh nan 
lùdhach fa sgaoil duibh ? 

40 An sin ghlaodh iadsan uile', 
ag ràdh, Cha 'n e an duine so, 
ach Barabas. A nis b' fhear- 
reubainn Barabas. 

CAIB. XIX. 

1 Chaidh Crìosd a sgiùrsadh, a chrinadh le 
droighinn, agus a bhualadh. 4 Sha Pilat 
togarrach a leigeadh fa sgaoil, ach air dha 
bhi air aomadh le gàraich nan Iudhach,thug 
e thairis e gu bhi air a chèusadh. 23 Thi/g 
iad croinn air 'eudach : 26 Dh'earb e-san 
a mhàthair ri Eoin : 28 Fhuair e bàs : 
38 Dh'adhlaic loseph agus Nicodemus e. 

AN sin air an aobhar sin ghlac 
Pilat losa, agus sgiùrs se e. 

2 Agus dh'fhigh na saighdear- 
an crùn droighinn, agus chuir 
iad air a cheann e, agus chuir 
ìad falluinn phurpuir^ uime. 

3 Agus thubhairt iad, Fàilte 

' uilc [a rìs.'\ chorcnir. 
214 



ort, a rìgh nan lùdhach! agus 
bhuail iad le 'm basaibh e. 

4 An sin chaidh Pilat a mach 
a rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, 
a ta mise 'ga thoirt a mach do 
'ur n-ionnsuidh, chum gu 'm bì 
fios agaibh nach 'eil mise faotainn 
coire sam bith ann. 

5 An sin thàinig losa mach, 
agus an crùn droighinn air, ag- 
us an fhalluinn phurpuir uime. 
Agus thubhairt Pilat riu, Feuch 
an duine ! 

6 Uime sin, an uair a chunnaic 
na h-àrd-shagairt agus na maoir 
e, ghlaodh iad, ag ràdh, Cèus e, 
cèus e. Thubhairt Pilat riu, 
Gabhaibh-sa e, agus cèusaibh 

e : oir cha 'n 'eil mise a' faotainn i 
coire sam bith ann. ■ 

7 Fhreagair na h-Iùdhaich e, m 
Tha lagh againne, agus a rèir ar 
lagha-ne is còir a chur gu bàs, 
air son gu 'n d' rinn e Mac Dhè 
dheth fèin. 

8 Uime sin an uair a chuala 
Pilat a' chainnt sin, bu mhòid a 
bha dh'eagal air; 

9 Agus chaidh e steach a rìs do 
àit a' bhreitheanais, agus thubh- 
airt e ri losa, Cia as duit ? ach 
cha d' thug losa freagradh air. 

10 An sin thubhairt Pilat ris, 
Nach labhair thu riumsa ? nach 
'eil f hios agad gubheil cumhachd 
agam-sa do chèusadh, agus gu 
bheil cumhachd agam do chur fa 
sgaoil ? 

11 Fhreagair losa, Cha bhiodh 
cumhachd air bith agad a' m' 
aghaidh-sa, mar tugtadh dhuit | 
o 'n àird e : air an aobhar sin an 

tì a thug mise thairis dhuit, tha 
aige-san am peacadh a 's mò. / 



EOIN, XIX. 



12 Agus o sin suas dh'iarr Pilat 
a chur fa sgaoil : ach ghlaodh 
na h-Iùdhaich, ag ràdh, Ma leig- 
eas tu am fear so fa sgaoil, cha 
charaid do Cheasar thu : ge b' e 
neach a ta 'ga dhèanamh fèin 'na 
rìgh, tha e labhairt an agliaidh 
Cheasair. 

13 Uime sin an uair a chuala 
Pilat a' chainnt sin, thug e mach 
losa, agus shuidh e air a'chaithir- 
bhreitheanais, anns an ionad ris 
an abrar an Leac-ùrlar, ach anns 
an Eabhra', Gabata. 

14 Agus b' e là-ulhichaidh na 
càisge e, agus mu thimchioll na 
seathadh uaire : agus thubhairt 
e ris na h-Iùdhaich, Feuch bhur 
righ ! 

15 Ach ghlaodh iadsan a mach, 
Beir uainn, beir uainn, cèus e. 
Thubhairt Pilat riu, An cèus mi 
bhur rìgh-sa? Fhreagair na 
h-àrd-shagairt, Cha 'n 'eil rìgh 
againne ach Ceasar. 

16 An sin air an aobhar sin 
thug e thairis dhoibh e, gu bhi 
air a chèusadh. Agus ghlac iad 
losa, agus thug iad leo e. 

17 Agus chaidh e mach, a' 
giùlan a chrann-cèusaidh, do 'n 
ionad d' an goirear àit a' chloig- 
inn, d' an ainm san Eabhra, Gol- 
gota. 

18 An sin chèus iad e, agus 
dithis eile maille ris, fear air 
gach taobh, agus losa sa 
mheadhon. 

19 Agus sgrìobh Pilat mar an 
ceudna tiodal, agus chuir e air 
a' chrann-chèusaidh e. Agus b' e 
an sgrìobhadh, lOSA O NASA- 
RET RIGH NAN lUDHACH. 

' Eabhrais. 

215 



20 Uime sin leugh mòran do 
na h-Iùdhaich an tiodal so : oir 
bha 'n t-àit anns an do chèusadh 
losa fagus do 'n bhaile : agus 
bha an sgrìobhadh an Eabhra, 
an Greugais, agus an Laidin. 

21 An sin thubhairt àrd-shag- 
airt nan lùdhach ri Pilat, Na 
sgriobh, Rìgh nan lùdhach ; ach 
gu 'n dubhairt e fèin, Is mi rìgh 
nan lùdhach. 

22 Fhreagair Pilat, An ni a 
sgrìobh mi, sgrìobh mi e. 

23 An sin an uair a chèus na 
saighdearan losa, ghlac iad a 
thrusgan, (agus rinn iad ceithir 
earrannan, earrann do gach 
saighdear,) agus a chòta mar an 
ceudna : agus bha 'n còta gun 
fhuaigheal, air fhigheadh o 
bhràigh sios gu h-iomlan. 

24 Thubhairt iad uime sin eat- 
orra fèin, Na reubamaid e, ach 
tilgeamaid croinn air, cò aig a 
bhitheas e : chum gu 'n coimh- 
liontadh an sgriobtuir, a ta 'g 
ràdh, Roinn iad mo thrusgan 
eatorra, agus thilg iad croinn air 
mo bhrat. Air an aobhar sin 
rinn na saighdearan na nithe so. 

25 A nis sheas làimh ri crann- 
cèusaidh losa, a rahàthair, agus 
piuthar a mhàthar, Muire hcan 
Clileophais, agus Muire Mag- 
dalen. 

26 Uime sin an uair a chumi- 
aic losa a mhàthair, agus an 
deisciobul a b' ionmhuinn leis 'na 
sheasamh a làthair, tliubhairt e 
r' a mhàthair, A bhean, feuch do 
mhac ! 

27 An sin thubliairt e ris an 
deisciobul, Feuch do mhàthair ! 
Agus 'n àm sin a maeh thug 



EOIN, XIX. XX. 



an deisciobul sin leis i d' a thigh 
fèin. 

28 An dèigh so air do losa fios 
a bhi aige gu 'n robh na h-uile 
nithe a nis air an crìochnachadh, 
chum gu 'n coimhliontadh an 
sgriobtuir, thubhairt e, Tha tart 
orm. 

29 A nis bha an sin soitheach 
làn do fhìon geur : agus air 
dhoibh-san spong a lionadh do 'n 
fhìon gheur, agus a chur air 
hisop, shìn iad chum a bheoil e. 

30 An sin an uair a ghabh 
losa am f\on geur, thubhairt e, 
Tiia e criochnaichte : agus air 
cromadh a cliinn da, thug e suas 
a spiorad. 

31 An sin chum nach fanadli 
na cuirp air a' clirann-chèusaidh 
air an t-sàbaid, a chionn gu 'm 
b' e là an ulkichaidli a bha ann, 
(oir bu là mòr an là sàbaid sin,) 
dh'iarr na h-Iùdhaich air Pilat 
gu 'n rachadh an luirgne a bhris- 
eadh, agus gu 'n tugtadh air 
falbh iad. 

32 An sin thàinig na saighd- 
earan, agus bhris iad luirgne 
a' cheud fhir, agus luirgne an 
fhir eile, a chèusadh maille ris. 

33 Acli air dhoibh teachd chum 
losa, an uair a chunnaic iad gu 'n 
robh e cheana marbh, cha do 
bhris iad a luirgne-san. 

34 Ach lot fear do na saighd- 
earaibh a thaobli le sleagh, agus 
air ball thàinig a mach fuil agus 
uisge. 

35 Agus tliug an ti a chunnaic 
sin fianuis, agus a ta 'f hianuis 
fìrinneach : agus a ta f hios aige 
gu bheil e lalahairt na fìrinn, 

' shàth iad troimhe. '^phaisg. 
216 



chum gu 'n creideadh sibhse. 

36 Oir rinneadh na nithe so 
chum gh. 'n coimhliontadh an 
sgriobtuir, Clia bhrisear cnàimh 
dheth. 

37 Agus a ris a ta sgriobtuir 
eile ag ràdh, Amhaircidli iad air- 
san a lot iad \ 

38 'Na dhèigh so dli'iarr loseph 

Arimatea, (a bha'na dheisciobul 
aig losa, ach am folach air eagal 
nan lùdhach,) air Pilat comas 
corp losa a thoirt leis : agus leig 
Pilat sin leis, Thàinig e air an 
aobhar sin, agus thug e leis corp 
losa. 

39 Thàinig mar an ceudna 
Nicodemus, (a thàinig air tùs 
gu losa san oidhche,) agus thug 
e leis mu tliimchioll ceud pund 
do mhirr agus do aloes air am 
measgadh feadh a chèile. 

40 An sin ghabh iad corp losa, 
agus cheangail'^ iad e ann an 
lion-eudaichibh, maille ris an 
spìosraidh^, mar is gnàth leis na 
h-Iùdliaich adhlac a dlièanamh*. 

41 A nis bha lios anns an àit 
an do chèusadh e ; agus anns an 
lios uaigh nuadh, anns nach do 
chuireadh aon duine riamh. 

42 Air an aobhar sin air son 
ulluchaidh càisge nan lùdhach, 
do bhrìgh gu'n robh an uaigh 
am fagus, chuir iad losa an sin. 

CAIB. XX. 

1 Thàinìg Muire chum na h-uaighe ; 3 agiis 
Peudar agus Eoin, agus iad gimfhios aca 
air aiseirigh Chi ìosd. 14 Dh'fhoiUsicheadh 
Crìosd do Mhuire Magdakn, 19 agus d' a 
dhciscìohluibh. 24 Mì-chreidimh agus uid- 
mheil Thomais. 80 Tha an sgriobtuir 
foghainteach chum slàinte. 

' maille ris na luibhibh c'ibhraidh. 

* spìosraidh chur air corp ; embalm Sasg. 



EOIN, XX 



AIR a' cljeud là do 'n t-seachd- 
uin thàinig Muire Magda- 
len gu moch, agus an dbrchadas 
fathast ann, chum na h-uaighe, 
agus chunnaic i a' chlach air a 
togail o 'n uaigh. 

2 Ruith i an sin, agus thàinig 
i gu Simon Peadar, agus gus an 
deisciobul eile a b' ionmliuinn le 
losa, agus thubhairt i riu, Thug 
iad leo an Tighearn as an uaigh, 
agus cha 'n 'eii f hios againn c' àit 
an do chuir iad e. 

3 Uime sin chaidh Peadar a 
mach, agus an deisciobul sin eile, 
agus thàinig iad chum na h- 
uaighe. 

4 Agus ruith iad 'nan dithis 
cuideachd^: agus ruith an deis- 
ciobul eile ni bu luaithe na Pead- 
ar, agus thàinig e air tùs chum 
na h-uaighe. 

5 Agus air cromadh sìos da, 
chunnaic e 'n lìon-eudach 'na 
luidlie ; gidheadh cha deachaidh 
e steach. 

6 An sin thàinig Simon Peadar 
'ga leantuinn, agus chaidh e 
steacli do 'n uaigh agus chunn- 
aic e 'n lìon-eudach 'na luidhe ; 

7 Agus an neapaicin a bha m' 
a cheann, cha 'n ann 'na luidhe 
maille ris an lìon-eudach, ach air 
leth air f hilleadh ann an aon àit. 

8 An sin chaidh a steach mar 
an ceudna an deisciobul sin eile 
a thàinig air tùs chum na h- 
uaighe, agus chunnaic, agus 
chreid e. 

9 Oir cha do thuig iad fathast 
an sgriobtuir, gu 'm b' èigin gu 
'n èireadh e-san a rìs o na marbh- 
aibh. 

' maraon ^ àit-adhlacaidh. 

217 



10 An sin dh' imich na deis- 
ciobuil a rìs chum an cuideachd. 
fèin. 

11 Ach sheas Muire aig an 
uaigh a muigh, a' gul : agus ag 
gul d' i chrom i sìos, ag amharc a 
steach do 'n uaigh, 

12 Agus chunnaic i dà aingeal 
ann an cidaidhihh geala, 'nan 
suidhe, fear aig a' cheann, agus 
fear aig na cosaibh, san àit an 
robh corp losa 'na luidhe ; 

1.3 Agus thubhairt iadsanrithe, 
A bhean, c' ar son a ta thu gul? 
Thubhairt i riu, Air son gu 'n 
d' thug iad mo Thighearn leo, 
agus nach 'eil fhios agam c' àit 
an do chuir iad e. 

14 Agus an uair a thubhairt i 
so, phill i air a h-ais, agus chunn- 
aic i losa 'na sheasamh, agus 
cha d' aithnich i gu 'm b' e losa 
bha ann. 

15 Thubhairt losa rithe, A. 
bhean, c' ar son a ta thu gul ? cò 
tha thu 'g iarraidh ? air saoilsinn 
d' ise gu 'm b' e an gàradair a 
bh' ann, thubhairt i ris, A thigh- 
earn, ma thug thusa leat e, innis 
dhomh-sa c' àit an do chuir thu 
e, agus bheir mise leam e. 

16 Thubhairt losa rithe, A 
Mhuire. Air tionndadh dh'ise, 
thubhairt i ris, Rabboni, 's e sin 
r' a ràdh, A Mhaighstir. 

17 Thubhairt losa rithe, Na 
bean rium ; oir cha deachaidh mi 
fathast suas chum m' Athar : ach 
imich chum mo bhràithre, agus 
abair riu, Tha mise dol suas 
chum m' Athar fèin agus bhur 
n-Athar-sa, agus chi(7n mo Dhè 
fèin agus bhur Dè-sa. 

18 Thàinig Muire Magdalen 



^;òiN, XX. xxr. 



agus dh'innìs i do na deisciob- 
luibh, gu 'm fac i an Tighearn, 
agus gu 'n dubhairt e na nithe so 
rithe. 

19 Agus air teachd do 'n 
fheasgar an là sin fèin, air a' 
cheud là do 'n t-seachduin, agus 
na dorsa dùinte far an robh na 
deisciobuil cruinn air eagal nan 
lùdhach, thàinig losa agus sheas 
e sa' mheadhon, agus thubhairt 
e riu, Sìth dhuibh. 

20 Agus air dha so a ràdh, 
nochd e dhoibh a làmhan agus a 
thaobh. An sin bha aoibhneas 
air na deisciobluibh an uair a 
chunnaic iad an Tighearn. 

21 An sin thubhairt losa riu a 
rìs, Sìth dhuibh : mar a chuir an 
t-Athaìr uaith mise, mar sin a ta 
mise 'gur cur-sa uam. 

22 Agus air dha so a ràdh, shèid 
e orra, agus thubhairt e riu, 
Gabhaibh-sa an Spiorad naomh. 

23 Cò air bith iad d' am maith 
sibh am peacanna, tha iad maith- 
te dhoibh ; agus cò air bith iad 
d' an cum sibh am peacanna gun 
am maitheadh, tha iad air an 
cumail. 

24 Ach cha robh Tomas, aon do 
'n dà f hear dheug, d' an goirear 
Didimus, maille riu, 'nuair a 
thàinig losa. 

25 Uime sin thubhairt na deis- 
ciobuil eile ris, Chunnaic sinne 
an Tighearn. Ach thubhairt 
e-san riu, Mur faic mise aileadh 
nan tairngean 'na làmhaibh, agus 
mur cuir mi mo mheur ann an 
aileadh nan tairngean, agus mur 
cuir mi mo làmh 'na thaobh, cha 
chreid mi. 

' lorg^ dit. 

' 218 



26 Agus an ceann ochd làithean 
'na dhèigh sin, bha a dheisciobuil 
a rìs a stigh, agus Tomas maiUe 
rìu : thàinig losa, agus na dorsa 
dùinte, agus sheas e sa' mheadh- 
on, agus thubhairt e, Sìth dhuibh. 

27 'Na dhèigh sin thubhairt e 
ri Tomas, Cuir an so do mheur, 
agus feuch mo làmhan ; agus sìn 
an so do làmh, agus cuir a' m' 
thaobh i : agus na bì mi-chreid- 
each, ach creideach. 

28 Agus fhreagair Tomas, agus 
thubhairt e ris, Mo Thighearn 
agus mo Dhia. 

29 Thubhairt losa ris, Air son 
gu faca tu mi, a Thomais, chreid 
thu : is beannaichte iadsan nach 
faca, agus a chreid. 

30 Agus rinn losa gu f ìrinneach 
mòran do mhìorbhuilibh eile am 
fianuis a dheisciobul, nach 'eil 
sgrìobhta, san leabhar so. 

31 Ach tha iad so sgrìobhta, 
chum gu 'n creideadh sibh gur e 
losa an Crìosd Mac Dhè, agus ag 
creidsinn [duibh, gu 'm biodh 
agaibh beatha troimh 'ainm-san. 

CAIB. XXI. 

1 Dh'fhoìllsich Cn'osd e fèin a rìs d' a dheis- 
ciobluibh, agus dh' aithnicheadh leo e leij an 
tarruing mhòr eisg : 12 Ghabh ea dhìnneir 
maille riu : 15 thug e sparradh do Pheadar 
'uain agus a chaoraich a bhìadhadh ; 18 
roimh-innis e a bhàs dha, 22 chronuich se e 
air son a thograidh air fios fhaotainn mu 
bhàs Eoin. 25 Comh-dhànadh an leabhair- 

AN dèigh nan nithe sin dh'- 
fhoillsich losa e fèin a ìs 
d' a dheisciobluibh aig muir Thi- 
beriais ; agus air an dòigh so 
nochd se efèin: 

2 Bha maille r' a chèile Simon 
Peadar, agus Tomas d' an goirear 



EOIN, XXI. 



Didimus, agus Natanael o Clìàna 
Ghalile, agus mic Sliebede, agus 
dithis eile d' a dheisciobluibh. 

3 Thubhairt Simon Peadar riu, 
Tha mi dol a dh'iasgacli, Thubh- 
airt iadsan ris, Tha sinne a' dol 
maille riut. Dh'imich iad a 
mach,agus chaidh iad a steach do 
luing air ball ; agus cha do ghlac 
iad ni air bith an oidhche sin. 

4 Ach an uair a bha a' mhad- 
uinn a nis air teachd, sheas losa 
air an tràigh ^ : gidheadh cha 
robh fhios aig na deisciobluibh 
gu 'm b' e losa bha ann, 

5 An sin thubhairt losa riu, A 
chlann, am bheil biadh air bith 
agaibh ? Fhreagair iadsan e, Cha 
'n 'eiL 

6 Agus thubhairt e-san riu, 
Tilgibh an lìon air an taobh deas 
do 'n luing, agus gheibh sibh. 
Thilg iad uime sin, agus a nis cha 
b' urrainn iad a tharruing air son 
lìonmhoireachd an èisg. 

7 Uime sin thubhairt an deis- 
ciobul sin, a b' ionmhuinn le 
losa, ri Peadar, Is e 'n Tighearn 
a ta ann. A nis an uair a chuala 
Simon Peadar gur e an Tigh- 
earn a bh' ann, cheangail e a 
chòt-uachdair uime, (oir bha e 
lomnochd,) agus thilg se e fèin 
sa' mhuir. 

8 Thàinig na deisciobuil eile 
ann an luing bhig ; (oir cha 
robh iad fada o thìr, ach mu 
thimchioll dà cheud làmh- 
choille" ,) a' tarruing an lìn èisg. 

9 Uime sin an uair a thàinig 
iad air tir, chunnaic iad grìosach 
an sin, agus iasg air a chur oirre, 
agus aran. 

' a chladach. ^ hann-làmh. 

219 



10 Thubhairt losa riu, Thug- 
aibh an so do 'n iasg a ghlac sibh 
a nis. 

11 Chaidh Simon Peadar suas, 
agus tharruing e an lìon gu tìr, 
làn do iasgaibh mòra, ceud agus 
leth-cheud agus tri : agus ged 
bha 'n uiread sin ann, cha do 
bhriseadh an lìon. 

12 Thubhairt losa riu, Thigibh, 
gabhaibh bhur dmneir. Agus 
cha robh a chridhe^ aig a h-aon 
do na deisciobluibh fheòraich 
dheth, Cò thusa? oir dh'aith- 
nich iad gur e an Tighearn a 
bha ann. 

13 An sin thàinig losa, agus 
ghlac e aran, agus thug e dhoibh 
e, agus iasg mar an ceudna. 

14 Is i so a nis an treas uair 
a nochd losa e fèin d' a dheis- 
ciobluibh, an dèigh dha èirigh o 
na marbhaibh. 

15 An sin an dèigh dhoibh an 
dìnneir a ghabhail, thubhairt 
losa ri Simon Peadar, a Shimoin 
mhic lonais, am bheil barrachd 
gràidh agad dhomh-sa orra sin ? 
Thubhairt e ris, Tha, a Thigh- 
earn ; tha fios agad gur toigh 
leam thu. Thubhairt e ris, 
Beathaich m' uain. 

16 Thubhairt e ris a rìs an 
dara uair, A Shimoin mhic lonais, 
an toigh leat mise ? Thubhairt 
e ris, Seadh, a Thighearn ; tha 
fios agad gur toigh leam thu. 
Thubhairt e ris, Beathaich mo 
chaoraich *. 

17 Thubhairt e ris an treas 
uair, A Shimoin mhic lonais, 
an toigh leat mise ? Bha Peadar 
doilich a chionn gu 'n dubhairt 

' mhimich. bì d' aodhairc air mo chaoraich. 



EOIN, 

e ris an treas ùair, An toigh 
leat mise ? Agus thubhairt e 
ris, A Thighearn, is aithne dhuit 
na h-uile nithe ; tlia fhios agad 
gur toigh leam thu. Thubhairt 
losa ris, Beathaich mo chaor- 
aich. 

18 Gu deimhin deimhin a ta 
mi ag ràdh riut, an uair a bha 
thu òg, chrioslaich thu thu fèin, 
agus dh'imich thu an taobh bu 
mhiann leat : ach an uair a 
bhios tu aosmhor, sinidh tu mach 
do làmhan, agus crioslaichidh 
neach eile thu, agus bheir e thu 
an taobh nach àill leat. 

19 So thubhairt e, a' ciallach- 
adh ciod a' ghnè bàis leis an 
tugadh e glòir do Dhia. Agus 
air dha so a ràdh, thubhairt e 
ris, Lean mise. 

20 An sin air do Pheadar 
tionndadh, chunnaic e an deis- 
ciobul a b' ionmhuinn le losa, a' 
leantuinn ; an tì mar an ceudna 
a luidh air uchd losa air a 
shiiipeir, agus a thubhairt ris, A 
Thighearn, cò e a bhrathas thu? 



XXI. 

21 Air do Pheadar e-san fhaic- 
inn, thubhairt e ri losa, A 
Thighearn, ciod a nì am fear so ? 

22 Thubhairt losa ris, Ma 's 
àill leam-sa e dh'fhantuinn gus 
an tig mi, ciod e sin duitse ? 
Lean tliusa mise. 

23 Uime sin chaidh an ràdh 
so mach am measg nam bràithre, 
nach faigheadh an deisciobul sin 
bàs : gidheadh cha dubhairt 
losa ris, nach faigheadh e bàs : 
acli, Ma 's i mo thoil-sa e dh'- 
fhantuinn gus an tig mi, ciod e 
sin duitse ? 

24 Is e so an deisciobul a ta 
dèanamh fianuis air na nithibh 
so, agus a sgrìobh na nithe so : 
agus a ta f hios againne gu bheil 
'f hianuis fìor. 

25 Agus a ta mar an ceudna 
mòran do nithibh eile a rinn 
losa, agus nam biodh iad uile 
sgrìobhta, is i mo bharail nach 
cumadh an saoghal fèin na rach- 
adh a sgrìobhadh do leabhraich- 
ibh. Amen. 



GNIOMHARA nan ABSTOL. 



CAIB. I. 

1 Dol suas losa gu nèamh, 10 an deigh a 
dhol siias thuy dà aingeal rabhadh do na h- 
ahstolaihh iad a dh'imeachd rompa, agiis 
a sliocrachadh an inntinn air 'ath-theachd- 
snn : 12 a rèìr sìn phitl iad, agus rinn iad 
ùì'nuigh, agus thagh iad Matias 'na Ahstol 
un àit ludais. 

INN mi an ceud leabhar, a 
Theophiluis, mu thimchioll 
nan uile nithe a thòisich^ losa air 
a dhèanamh agus a theagasg, 

' thionnsgain, 

220 



2 Gus an là an do thogadh 
suas e, an dèigh dha, troimh 
an Spiorad Naomh, àitheantan 
a thoirt do na h-abstolaibh a 
thagh e : 

3 D' ann d' rinn e mar an 
ceudna e fèin a nochdadh beò 
an dèigh 'fhulangais, le mòran 
do chomharaibh fìrinneach, air 
dha bhi air fhaicinn leo feadh 
dhà f hichead là, agus e labhairt 
mu na nithibh sin a bhuineadh 




GNIOMHARA, I. 



do rìoghaclid Dhè : 

4 Agus air dha bhi maille riu, 
dh aithn e dhoibh gu 'n iad a 
dliol o lerusalem, ach feitheamh 
ri gealladh an Athar, ars e-san, 
a chuala sibh uam-sa. 

5 Oir bhaist Eoin gu deimhin 
le uisge : ach baistear sibhse leis 
an Spiorad Naomh, air bheag do 
làithibh an dèigh so. 

6 Uime sin an uair a chruinn- 
ich iad an ceann a chèile, dh'- 
fheòraich iad deth, ag ràdh, A 
Thighearn, an aisig thu san àm 
so an rìoghachd do Israel ? 

7 Ach thubhairt e-san riu, Cha 
bhuin e dhuibh-sa fios nan aim- 
sir no nan àm fhaotainn, a chuir 
an t-Athair 'na chumhachd fèin. 

8 Ach gheibh siblise cumhachd 
an uair a tliig an Spiorad Naomh 
oirbh : agus bithidh sibh 'nur 
fianuisibh dhomh-sa, araon ann 
an lerusalem, agus ann an ludea 
uile, agus ann an Samaria, agus 
gu iomall na talmhainn. 

9 Agus an uair a thubhairt e na 
nithe so, thogadh suas e, agus 
iadsan 'ga f haicinn ; agus thug 
neul as an sealladh e. 

10 Agus am feadh a bha iad- 
san a' geur-amharc gu nèamh, 
agus e-san a' dol suas, feuch, 
slieas dithis f hear làimh riu ann 
an eudach geal ; 

11 Agus thubhairt iad, Fheara 
Ghalile, c' ar son a ta sibh 'nur 
seasamh ag amliarc gu nèamh? 
An t-Iosa so a thogadh suas 
uaibh gu nèamh, is amhuil sin a 
thig e, mar a chunnaic sibh e a' 
dol gu nèamh. 

12 An sin phill iad gu lerusa- 
lem, o 'n t-sliabh ris an abrar 

221 



sìiahh nan crann-oladh, a tha 'ni 
fagus do lerusalem, astar là sàb- 
aid as. 

1.3 Agus an uair a thàinig iad a 
stigh, chaidh iad suas do sheòm- 
ar uachdarach, far an robh a' 
fantuinn Peadar, agus Seumas, 
agus Eoin, agus Aindreas, Phi- 
lip, agus Tomas, Bartolomeus, 
agus Mata, Seumas mac Alphe- 
uis, agus Simon Selotes, agus 
ludas hràthair Sheumais. 

14 Bhuanaich iad so uile a dh'- 
aon inntinn ann an ùrnuigh, [agus 
an guidhe,] maille ris na mnaibh, 
agus Muire màthair losa, agus 
maille r' a bhràithribh. 

15 Agus anns na làithibh sin 
dh'èirich Peadar ann am meadh- 
on nan deisciobul, agus thubhairt 
e, (b' e àireamh nan ainm a bha 
làthair, mu thimchioll ceud agus 
fichead,) 

16 Fheara agus a bhràithre, b' 
èigin an sgriobtuir so bhi air 
a choimhlionadh, a roimh-labh- 
air an Spiorad Naomh le beul 
Dhaibhidh timchioll ludais, a 
bha 'na cheann-iuil^ aca-san a 
ghlac Tosa. 

17 Oir bha e air àireamh maille 
ruinne, agus fhuair e cuibhrionn 
do 'n fhrithealadh so. 

18 A nis cheannaich am fear so 
fearann le duais na h-eucorach ; 
agus air dha tuiteam sios air 
'aghaidh'^, sgàin e sa' mheadhon, 
agus blirùchd a mhionach uile 
mach. 

19 Agus rinneadh so aithnichte 
do hichd-àiteachaidh lerusaleim 
uile ; air chor as gu 'n abrar ris 
an fhearann sin 'nan cainnt fèin. 

' tlireòruiche. an comhair a chinn. 



GNIOMHARA, I. 11. 



Aceldama, sin ri ràdh, Fearann 
fola. 

20 Oir a ta e sgrìobhta ann an 
leabhar nan Salm, Biodh 'àite- 
còmhnuidh 'na fhàsach, agus na 
gabhadh neach sam bith tàmh 
ann : agus, Glacadli neach eile a 
dhreuchd'. 

21 Air an aobhar sin is còir 
aon do na daoinibh sin a bha 
maille ruinne, rè na h-aimsir sin 
uile anns an deachaidh an Tigh- 
earn losa steach agus a mach 
'nar measg-ne, 

22 A' tòiseachadh o bhaisteadh 
Eoin, gus an là an do thogadh 
suas uainn e, bhi air a dhèan- 
arah 'na fhianuis air 'aiseirigh- 
san maille ruinne. 

23 Agus shònraich iad dithis, 
loseph ris an abrar Barsabas, 
d' am bu cho-ainm lustus, agus 
Matias. 

24 Agus rinn iad ùrnuigh, agus 
thubhairt iad, Thusa a Thigh- 
earn, d' an aithne cridheacha 
nan uile dliaoine, foillsich cò 
do 'n dithis so a thagh thu, 

25 A ghabhail cuibhrinn do 'n 
fhrithealadh agus do 'n abstol- 
achd ^o, o 'n do thuit ludas le 
seacharan^ gu dol d' a àit fèin. 

26 Agus thilg iad an crann- 
chur ; agus thuit an crannchur 
air Matias ; agus bha e air àir- 
eamh maille ris an aon abstol i 
deug. 

CAIB. II. 

1 L'ionadh na h-ahstoil leìs an Spìorad nnomh, 
(iffus /abhair iad ioiiiadh gnècainnte; 7 yhalyh 
cuid iongantas riu^ agus riiin cuid ei'tifan- 
oid orra : 1 4 Novh d Peadar gu 'n do la bh'i ir 
na h-abstoille cumhachdan Spioraidnaoimh, 

' oify. ' a dh'fhùg ludaa. 

222 



gu 'n d' eirich Crìosd o na marlhaibh, agus 
gu 'n deachaidh e suas air nèamh, Sjc. 

AGUS an uair a thàinig là na 
cuingis^ bha iad gu lèir a 
dh'aon inntinn ann an aon àit. 

2 Agus thàinig gu h-obann 
toirm o nèamh, mar shèideadh 
gaoithe ro thrèin, agus lìon i an 
tigh uile far an robh iad 'nan 
suidhe. 

3 Agus dh'f hoillsicheadh dhoibh 
teanganna sgoilte, mar do theine, 
agus shuidh e air gach aon diubh 
fa leth : 

4 Agus lìonadh iad uile leis an 
Spiorad Naomh, agus thòisich 
iad air labhairt le teangaibh eile, 
a rèir mar a thug an Spiorad 
comas labhairt dhoibh. 

5 Agus bha a' gabhail còmh- 
nuidh ann an lerusalem, lùdh- 
aich, daoine cràbhach, do gach 
uile chinneach fo nèamh. 

6 A nis an uair a sgaoileadh 
an t-iomradh so, thàinig an 
sluagh an ceann a chèile, agus 
bha iad fo amhluadh, do ìahrìgh 
gu 'n cuala gach aon iad a' labh- 
airt 'nan cànain* fèin. 

7 Agus bha iad uile fo uamhas 
agus ghabh iad iongantas, ag 
ràdh r' a chèile, Feuch, nach 
Galilèich iad sin uile a ta labh- 
airt? 

8 Agus cionnus a ta sinne 'gan 
cluinntinn gach aon 'nar cànain 
fèin, anns an d' rugadh sinn ? 

9 Partaicli, agus Medich, agus 
Elamaich, agus luchd-àiteach- 
aidh Mhesopotamia, ludea, agus 
Cliapadocia, Phontuis, agus Asia, 

10 Phrigia, agus Phamphilia, 
na h-Eiphit, agus chrìoch na 

' an uair a choimhlionadh là na cuingi^, 
^ cainnt. 



GNIOMHARA, II. 



Libìa timchioll Chirene, agus 
coigrich o 'n Roimh, lùdhaich 
agus Proselitich^ 

11 Muinntir Chrete, agus Ara- 
bia, tha sinn 'gan cluinntinn a' 
labhairt 'nar teangaibh fèin 
gniomhara mòralach Uhè. 
^ 12 Agus bha iad uile fo uamh- 
as, agus ann an ioma-chomh- 
airle, ag ràdh, gach aon r' a 
chèile, Ciod is ciall da so ? 

13 Ach thubhairt dream eile a' 
fanoid, Tha na daoine so làn do 
f hìon ùr. 

14 Ach air seasamh do Pheadar 
maille ris an aon fhear deug, 
thog e a ghuth, agus thubhairt 
e riu, Fheara ludea, agus sibhse 
uile a luchd-àiteachaidh lerusa- 
leim, biodh fios so agaibh, agus 
èisdibh ri m' bliriathraibh-sa : 

15 Oir cha 'n 'eil iad so air 
mhisg, mar a ta sibhse a' meas, 
oir is i an treas uair do 'n là^ a 
ta ann. 

16 Ach is e so an ni a chaidh 
labhairt leis an f hàidh loel : 

17 Agus tàrlaidh^ anns na laith- 
ibh deireannach, (arsa Dia,) 
dòirtidh mise do m' Spiorad air 
gach uile fheoil ; agus nì bhur 
mic agus bhur nigheana fàidh- 
eadaireachd, agus cliì bhur n-òg- 
anaich seallanna, agus bruad- 
araidh bhur seann daoine bruad- 
aran* : 

18 Agus dòirtidh mise air m' 
òglaich, agus air mo bhanoglaich 
do m' Spiorad anns na làith- 
ibh sin ; agus nì iad fàidhead- 
aireachd : 

1 i. e. Geintilich a dh'iompaicheadh gu crcid- 
imh nan lùdhach. 
i. e. an naothadh uair roimh niìieadhon-là. 
^ tachuìridh. 

223 



19 Agus nochdaidh mise ìong- 
antais anns na nèamhaibh shuas, 
agus comharan air an talamh 
shios ; fuil, agus teine, agus 
duibh-neul deataich. 

20 lompaichear a' ghrian gu 
dorchadas, agus a' ghealach gu 
fuil, mun tig là mòr agus comh- 
araichte sin an Tighearna : 

21 Agus tàrlaidh, ge b' e neach 
a ghairmeas air ainm an Tigh- 
earna, gu 'n tèarnar e. 

22 Fheara Israeil, èisdibh ris 
na briathraibh so : losa o Na- 
saret, duine a dhearbhadh le Dia 
'nur measg-sa, le cumhachdaibh 
agus le mìorbhuilibh agus le 
comharaibh, a rinn Dia leis-san 
'nur meadhon-sa, mar a ta fhios 
agaibh fèin; 

23 An duine so, a thugadh 
thairis le comhairle chinntich 
agus roimh-eòlas Dè, ghlac sibh- 
se, agus le làmhaibh dhroch 
dhaoine* chèus agus mharbh 
sibh e ' : 

24 Neach a thog Dia suas, air 
dha piantan' a' bhàis fhuasg- 
ladh ; do bhrìgh nach robh e 'n 
comas gu 'n cumtadh e-san leis : 

25 Oir thubhairt Daibhidh m' a 
thimchioll,Chunnaic mi an Tigh- 
earn romham a ghnàth ; oir a ta 
e aig mo dheas làimh, chum nach 
gluaisteadh mi. 

26 Air an aobhar so rinn mo 
chridhe gàirdeachas, agus rinn 
mo theangadh aoibhneas : tuill- 
eadh fòs, gabhaidh m' fheoil 
còmhnuidh fhoisneach ann an 
dòchas " : 

chi hhur seann daoine aislingean. 
^ le làmhan aingidh. 

^ 'nnaìr a rinn sibh fanoid air, mharbh sibh e. 
' cuibhreach, boinn. « carbsa. 



GNIOMHARA, IL 



27 Do Hirìgh nacli fàg thu m' 
anam shios ann an ifrinn^ ni mò 
a dh'fhuilingeas tu do d' naomh 
Aon fèin gu faic e truaillidh- 
eachd. 

28 Dh'fhoillsich thu dhomh-sa 
slighean na beatha ; lionaidh tu 
mi do shubhachas le d' ghnùis. 

29 Fheara agus a bhràithre, 
leigibh leam-sa labhairt gu dàna 
ribh mu 'nphrìomh-athair Daibh- 
idh, araon gu 'n d' f huair e bàs, 
agus gu 'n d' adhlaiceadh e, agus 
gu bheil 'uaigh maille ruinne gus 
an là 'n diugh : 

30 Air an aobhar sin air dha 
bhi 'na fhàidh, agus fìosrach gu 
'n do mhionnaich Dia le mionn- 
aibh dha, do thoradh a leas- 
raidh, [a rèir na feòla, gu togadh 
e suas Crìosd,] gu suidhe^ air a 
rìgh-chaithir-san. 

31 Air dhasan so a roimh- 
fhaicinn, labhair e mu aiseirigh 
Chrìosd, nach d' fhàgadh 'aijam 
ann an ifrinn^, agus nach fac 
'fheoil truaillidheachd. 

32 An t-Iosa so thog Dia suas, 
air am bheil sinne uile 'nar fian- 
tiisibh] 

33 Uime sin air dha bhi air 
àrdachadh le* deas làimh Dhè, 
agus gealladh an SpioraidNaoimh 
fhaotainn o 'n Athair, dhòirt e 
mach an ni so, a tha sibhse nis a' 
faicinn a£cus a' chiinntinn. 

34 Oir cha deachaidh Daibh- 
idh suas chum nan nèamh : ach 
a ta e fèin ag ràdh, Thubhairt an 
Tighearn ri m' Thighearn, Suidh 
air mo làimh dheis, 

35 Gus an cuir mi do naimhde 

' san naigh. 2 gu' n suidhicheadh e. 
^ san uaigh. 4 aig. 
224 



'nan stòl fo d' chosaibh. 

36 Uime sin biodh fios gu cinnt- 
each aig tigh Israeil uile, gu 'n 
d' rinn Dia 'na Thighearn agus 
'na Chrìosd an t-Iosa so fèin, a 
chèus sibhse. 

37 A nis an uair a chual iad so, 
bha iad air am bioradh 'nan 
cridhe, agus thubhairt iad ri 
Peadar, agus ris a' chuid eile do 
na h-abstolaibh, Fheara agus a 
bhràithre, ciod a nì sinn ? 

3,8 An sin thubhairt Peadar riu, 
Dèanaibh aithreachas, agus bith- 
ibh air bhur baisteadh gach aon 
agaibh ann an ainm losa Crìosd, 
chum maitheanais pheacanna, 
agus gheibh sibh tiodhlac an 
Spioraid Naoimh. 

39 Oir a ta an gealladh dhuibh- 
sa, agus do 'ur cloinn, agus do 
na h-uile a ta fad o làimh, eadh- 
on a mheud as a ghairmeas an 
Tighearn ar Dia. 

40 Agus le mòran do bhriath- 
raibh eile rinn e fianuis agus dh'- 
earalaich e iad\ ag ràdh, Saor- 
aibh sibh fèin o 'n ghinealach 
fhiar^ so. 

41 An sin bhaisteadh iadsan a 
ghabh r' a fhocal gu toileach : 
agus an là sin fèin chuireadh riu 
timchioll trì mìle anam. 

42 Agus bhuanaich iad gu 
seasmhach ann an teagasg nan 
abstol, agus ann an co-chomunn, 
agus ann am briseadli arain, ag- 
us ann an ùrnuighibh. 

43 Agus thàinig eagal air gach 
anam : agus rinneadh mòran do 
mhiorbhuilibh agus do chomh- 
araibh leis na h-abstolaibh. 

chonihairlich e iad, ghuidh e orra. . 
6 olc. 



GNIOMHARA, II. III. 



44 Agus bha iadsan uile a 
ehreid ann an aon àit, agus bha 
na h-uile nithe aca coitchionn ' : 

45 Agus reic iad an seilbh agus I 
am maoin, agus roinn iad air 
na h-uile iad, a rèir mar a bha 
feum gach neach. 

46 Agus ag buanachadh dhoibh 
gach là a dh'aon inntinn anns 
an teampull, agus a' briseadh 
arain o thigh gu tigh, chaith iad | 
am biadh le gàirdeachas agus le 
aon-fhillteachd cridhe, 

47 A' moladh Dhè, agus deadh- 
ghean aca o 'n t-sluagh uile. 
Agus chuir an Tighearn gach là 
ris an eaglais an dream a thèar- 
uinear. 

CAIB. III. 

1 Leiyhis Peadar agus Eoin dHÌne hacach 
12 dh'ìnnis iad do 'n t-sluagh a hha air 
cruinneachadh nach d' rinneadh am nùor- 
Muil so le naomhachd nan Abstol, ach le 
cumhachd diadhaidh Chriosd ; \8chronuich 
siad iad air son Crsan a chur gu hàs; 1 9 thug 
iad earail doibh aithreachas a ghabhail, 3;c. 

AGUS chaidh Peadar agus 
Eoin le chèile suas do 'n 
teampull, aig uair na h-ùrnuigh, 
eadhoti an naothadh uair'^. 

2 Agus bha duine àraidh a bha 
'na bhacach' o bhroinn a mhàth- 
ar air a ghiùlan, neach a chuir- 
eadh gach là aig dorus sin an 
teampuill ris an abrar Sgiamhach, 
a dh'iarraidh dèirce orra-san a 
bha dol a steach do 'n team- 
pull: 

3 Neach, an uair a chunnaic e 
Peadar agus Eoin air ti dol a 
steach do' n teampull, a dh'iarr 
dèirc. 

' ann an comhpàirt. 

^ i. e. an treasuair an dcigh mheadlton-li). 
223 



4 Agus air do Pheadar seall- 
tuinn gu geur air, maille ri Eoin, 
thubhairt e, Amhairc oirnne. 

5 Agus thug e-san aire dhoibh 
an dòchas gu 'm faigheadh e ni- 
èigin uatha. 

6 An sin thubhairt Peadar, 
Airgiod no òr cha 'n 'eil agam ; 
ach an ni a ta agam, so bheir mi 
dhuit : An ainm losa Criosd o 
Nasaret, èirich agus imich. 

7 Agus air dha breith air a 
làimh dheis, thog e suas e ; agus 
air ball neartaicheadh 'aobrunn- 
an agus a throidhean. 

8 Agus leum e suas, agus sheas, 
agus dh'imich e, agus chaidh e 
steach maille riu do 'n teampull, 
ag imeachd, agus a' leumnaich 
agus a' toirt cliù do Dhia. 

9 Agus chunnaic an sluagh uile 
e ag imeachd, agus a' toirt cliù 
do Dhia. 

10 Agus dh'aithnich iad e-san 
gu 'm b' e a bha 'na shuidhe aig 
geata Sgiamhach an teampuill 
ag iarraidh dèirce : agus lìonadh 
iad le h-iongantas agus le h- 
uamhas air son an ni sin a thach- 
air dha. 

11 Agus ag cumail Pheadair ag- 
us Eoin, [do 'n bhacach a chaidh 
leigheas,] ruith an sluagh uile d' 
an ionnsuidh anns an sgàth-thigh* 
ris an abrar sgàth-thigli Shol- 
aimh, làn iongantais. 

12 Agus an uair a chunnaic 
Peadar so, f hreagair e an sluagh, 
Fheara Israeil, c' ar son a ta ion- 
gantas oirbh mu 'n ni so ? no c' 
ar son a ta sibh a' geur-amharc 
oirnne, mar gu b' ann le ar cumh- 

^ chrioplach. 
àileir,, phnrsa. 
Q 



GN[OMHARA, III. IV. 



achd no ar naomhachd fèin a 
thug sinn air an duine so im- 
eachd? 

13 Ghh'^raich Dia Abrahaim, 
agus Isaaic, agus lacoib, Dia ar 
n-aithriche a Mhac losa ; a thug 
sibhse thairis, agus a dh'àicheadh 
sibh an làthair Philait, an uair a 
b' i a bhreth a chur fa sgaoil. 

14 Ach dh'àicheadh sibhse an 
t-Aon naomh, agus am Fìrean, ag- 
us dh'iarr sibh mortair a thiodh- 
lacadh ^ dhuibh ; 

15 Agus mharbh sibh Prionn- 
sa" na beatha, a thog Dia o na 
marbhaibh ; air am bheil sinne 
'nar fianuisibh. 

16 Agus tre chreidimh 'na ainm 
neartaich e an tì so, a tha sibh- 
se a' faicinn, agus a 's aithne 
dhuibh : seadh, thug 'ainm-san 
agus an creidimh a ta trid-san, 
dhasan an t-slàinte iomlan so 
'nur làthair-sa uile. 

17 Agus a nis, a bhràithre, tha 
fhios agam gur ann troimh ain- 
eolas a rinn sibh e, mar a rinn 
mar an ceudna bhur n-uachdar- 
ain. 

18 Ach choimhlion Dia air an 
dòigh so na nithe sin a roimh- 
fhoillsich e le beul 'fhàidhean 
uile, gu 'm fuilingeadh Criosd. 

19 Air an aobhar sin dèanaibh- 
sa aithreachas agus l)ithibh air 
bhur n-iompachadh, chum gu 
'm bì bhur peacanna air an glan- 
adh as, 'nuair a thig amanna 
fionnuaireachd o làthair an Tigh- 
earn, 

20 Agus a chuireas e losa^ 



^ thabhairt. ^ Ceann-iuil, Ceannard. 
chum gu tig amanna fois o luthair an 
226 



Crìosd d' ur ionnsuidh, a chaidh 
roimh-òrduchadh * ; 

21 Neach is èigin do nèamh a 
ghabhail gu aimsiribh aisig nan 
uile nithe, air an do labhair Dia 
le beul 'fhàidhean naomha uile, 

thoiseach an t-saoghaiL 

22 Oir gu fìrinneach thubhairt 
Maois ris na h-aithrichibh, Tog- 
aidh an Tighearn bhur Dia suas 
fàidh dhuibh, do 'ur bràithribh, 
mar mise ; ris-san èisdidh sibh 
anns na h-uile nithibh a labhras 
e ribh. 

23 Agus tàrlaidh, gach anam 
nach èisd ris an fhàidh sin, gu 'n 
sgriosar a mach as an t-sluagh e. 

24 Seadh, dh'fhoillsich nafàidh- 
ean uile o Shamuel, agus iadsan 
a lean o sin, a mheud diubh as 
a labhair, roimh-làimh mu na 
làithibh so. 

25 Is sibhse clann nam fàidh- 
ean, agus a' choimhcheangail a 
rinn Dia r' ar n-aithrichibh, ag 
ràdh ri Abraham, Agus ann ad 
shliochd-sa bithidh uile theagh- 
laiche na talmhainn air ambeann- 
achadh. 

26 Air do Dhia a Mhac losa 
I thogail suas, chuir e do 'ur n- 
! ionnsuidh-sa e air tùs, chum gu 

'm beannaicheadh e sibh, leis 
gach aon agaibh iompachadh o 
bhur lochdaibh. 

CAIB. IV. 

1 Chuir uachdarain nan liidhach Peadar ag- 
us Eoin am pr)osan, air son iad- a bhi sear- 
monachadh losa do 'n t-sluagh : 5 an deigh 
an ceasnuchadh dh'aidich Peudar gu 'n do 
leighiseadh am bacach le cumhachd diadhuidh 
losa a mhùin, agus gur ann trid-san 'na 
aonar a ta sLinte sh)orruidh r' a faghail. 
l.T Thtigadh sparrad h teann doibh gu 'n iad 

Tighearna, agus gu cuir e losa, 

roirìihe so u sheurmonaicheadh dhuibh. 



GNIOMHARA, IV. 



a shearmonachadh ni 's mò ann an ainm 
losa. 

AGUS am feadh 's a bha iad 
a' labhairt ris an t-sluagh, 
thàinig orra na sagairt, agus 
ceannard an teampuill, agus na 
Sadusaich ; 

2 Agus bha iad fo dhoilgheas 
gu 'n robh iadsan a' teagasg an 
t-sluaigh, agus a' searmonachadh 
tre losa aiseirigh nam marbh. 

3 Agus chuir iad làmh annta, 
agus chuir iad am prìosan iad 
gus an là màireach* : oir b' e nis 
am feasgar a bh' ann. 

4 Gidheadh, chreid mòran 
diubh-san a chual am focal ; agus 
b' e àireamh nan daoine timchioll 
cliùig mìle. 

5 Agus thàrladh air an là 
màireach, gu 'n do chruinnich- 
eadh an ceann a chèile an uachd- 
arain, agus an seanairean, agus 
an sgrìobhaichean, ann an leru- 
salem, 

6 Agus Annas an t-àrd-shagart, 
agus Caiaphas, agus Eoin, agus 
Alecsander agus a mheud as a 
bha do chinneach an àrd-shagairt, 

7 Agus air dhoibh iadsan a 
chur anns a' mlieadhon, dh'- 
f hiosraich iad, Ciod e an cumh- 
achd, no ciod e an t-ainm anns 
an d' rinn sibh so ? 

8 An sin air do Pheadar bhi 
air a lionadh leis an Spiorad 
Naomh, thubhairt e riu, Uachd- 
arana a' phobuill, agus a shean- 
airean Israeil, 

9 Ma tha sinne an diugh air 
ar ceasnachadh mu 'n deadh 
ghniomh a rinneadh do 'n duine 

' an là air na mhdireach. ^ Alastuir. 
^ sldnuchndli, sàbhn/n 'h. 
■221 



euslan, cionnus a shlànuicheadh e; 

10 Biodh e aithnichte dhuibh- 
sa uile, agus do phobull Israeil 
uile, gur ann tre ainm losa 
Crìosd o Nasaret, a chèus sibhse, 
a thog Dia o na marbhaibh, 
eadhon trid-san a ta 'n duine so 
'na sheasamh an so 'nur làthair-sa 
slàn. 

11 Is i so a' chlach sin adhiùlt- 
adh leibhse, a luchd togail, a 
rinneadh 'na ceann na h-oisne. 

12 Agus cha 'n 'eil slàinte ann 
an neach air bith eile : oir cha 'n 
'eil ainm air bith eile fo nèamh 
air a thoirt am measg dhaoine, 
tre am feud sinn bhi air ar 
tèarnadh'. 

13 A nis an uair a chunnaic iad 
dànachd Pheadair agus Eoin, ag- 
us a thuig iad gu 'm bu daoine 
gun f hòghlum agus cumanta iad, 
ghabh iad iongantas ; agus dh'- 
aithnich siad iad* gu'n robh iad- 
san maille ri losa. 

14 Agus air faicinn an duine a 
leighiseadh 'na sheasamh maille 
riu, cha robh ni air bith aca ri 
ràdh 'na aghaidh. 

15 Agus an dèigh dhoibh òrd- 
uchadh dhoibh-san dol a mach as 
a' chomhairle, chuir iad an cinn 
cuideachd 

16 Ag ràdh, Ciod a nì sinn ris 
na daoinibh so ? Oir gu 'n deach- 
aidh mìorbhuil aithnichte ° dhèan- 
amh leo, a ta e follaiseach do 
luchd - àiteachaidh lerusaleim 
uile, agus cha 'n urrainn sinne 
àicheadh. 

17 Ach a chum nacli sgaoilear 
e ni 's raò air feadh an t-shiaigh, 

^ thvy iad aire dhoibh. 
' an comhni: h' r' a chcik'. ^ soillcir. 
Q 2 



GNIOMHARA, IV. 



bagramaid orra gu geur, gu 'n iad ' 
a labhairt ni 's mò ri neach air 
bith anns an ainm so. I 

18 Agus air dhoibh an gairm, i 
dh'àithn iad dhoibh gu 'n iad a 
labhairt air chor sam bith, no a 
theagasg ann an ainm losa. j 

19 Ach fhreagair Peadar agus 
Eoin agus thubhairt iad riu, Am \ 
bheil e ceart am fianuis Dè, eisd- 
eachd ribhse roimh Dhia, thug- 
aibh fèin breth. 

20 Oir cha 'n 'eil e 'n comas 
duinne gu 'n na nithe a chunnaic 
agus a cliuala sinn a labhairt. 

21 Ach air dhoibh-san tuilleadh 
bagraidh a dhèanamh orra, leig 
iad as iad, gun dòigh air bith 
fhaotainn air am feudadh iad 
peanas a dhèanamh orra, air son 
an t-sluaigh : oir bha na h-uile 
a' toirt glòire do Dhia air son an 
ni a rinneadh. 

22 Oir bha an duine air an d' 
rinneadh am miorbhuil leighis 
so tuilleadh as dà fhichead 
bliadhna dh'aois. 

23 Agus an uair a leigeadh as 
iad, thàinig iad dh'ionnsuidh am 
muinntir fèin, agus dh'innis iad na 
h-uile nithe a thubhairt na h-àrd- 
shagairt, agus na seanairean riu. 

24 Agus an uair a chual iadsan 
so, thog iad suas a dh'aon inn- 
tinn an guth ri Dia, agus thubh- 
airt iad, A Thighearn, is tusa an 
Dia a rinn nèamh agus talamh, 
agus an fhairge, agus na h-uile 
nithe ta annta : 

25 A thubhairt le beul Dhaibh- 
idh do sheirbhisich, C' ar son a 

228 



ghabh na Cinnich boil, agus a 
smuainich an sluagh nithe diomh- 
anach ? 

26 Sheas rìghrean na talmhainn 
suas, agus chruinnicheadh na h- 
uachdarain an ceann a chèile, an 
aghaidh an Tghearn, agus an 
aghaidh a Chrìosd'. 

27 Oir gu fìrinneach chruinn- 
icheadh an ceann a chèile, an 
aghaidh do Leinibh naoimh losa, 
a dh'ùng thu, araon Herod agus 
Pontius Pilat, maille ris na Cinn- 
ich, agus sluagh Israeil, 

28 A dhèanamh gach ni a 
roimh-òrduich do làmh agus do 
chomhairle a bhi dèanta. 

29 Agus a nis, a Thighearn, 
amhairc air am bagraidhibh : ag- 
us deònaich do d' sheirbhisich 
fèin, t' fhocal a labhairt leis gach 
uile dhànachd. 

30 Le d' làimh a shìneadh f 
mach chum leighis : agus gu 'm 
bì comharan agus mìorbhuilean 
air an dèanamh tre ainm do 
Leinibh naoimh losa. 

31 Agus air dhoibh ùrnuigh a 
dhèanamh, chrathadh an t-àit 
anns an robh iad cruinn ; agus 
lionadh iad uile do 'n Spiorad 
Naomh, agus labhair iad focal 
Dè le dànachd. 

32 Agus bha aig a' chuideachd a 
chreid aon chridhe, agus aon an- 
am : agus ni mò a thubhairt neach 
air bith dhkibh, gu 'm bu leis fèin 
aon ni a shealbhaich e ; ach bha 
na h-uile nithe coitchionn aca. 

33 Agus le mòr-chumhachd 
thug na h-abstoil fianuis air ais- 

' an aghaidh Aoin ungta-san. 



GNIOMHARA, IV. V. 



eirigh an Tighearna losa : agus 
bha mòr-ghràs orra uile. 

31 Agus ni mò a bha aon neach 
uireasbhuidheach nam measg : 
oir a mheud as a bha 'nan sealbh- 
adairibh fearainn, no thighean, 
air dhoibh an reiceadh, thug iad 
hiach nan nithe a chaidh reiceadh 
leo ; 

35 Agus chuir iad aig cosaibh 
nan abstol e: agus roinneadh e 
air gach neach a rèir 'fheuma. 

36 Agus air do f hearann a bhi 
aig loses d' an do ghoireadh leis 
na h-abstolaibh Barnabas, (is e 
sin, air eadar-theangachadh, Mac 
na comhf hurtachd,) Lebhitheach, 
d' am bu dùthaich Ciprus, 

37 Reic se e, agus thug e 'n 
t-airgiod, agus chuir e aig cos- 
aibh nan abstol e. 

CAIB. V. 

1 Air son an cèilge thuit Ananìas agus Sa- 
phira s)os marbh le cì'onachadh Pheadair. • 
12 Mòran mh'iorbhui/ean air an oib- 
reachadh ; 17 chuireadk na h-abstoil a ris 
am prìosan, 19 ach a ta iad a 'r an leig- 
eadh as le aingea/, a thug òrdugh doibh 
searmonacbadh gu fo/taiseach^ &^c. 

ACH reic fear àraidli d' am 
b' ainm Ananias, maille r' a 
mhnaoi Saphira, sealbh fearainn, 

2 Agus cheil e cuid do'n luach, 
le fios a mhnà, agus air dha cuid- 
èigin a thoirt leis, chuir e aig 
cosaibh nan abstol e. 

3 Ach thubhairt Peadar, Ana- 
niais, c' ar son a lìon Sàtan do 
chridhe a dhèanamh brèige do 
'n Spiorad Naomh, agus a cheil- 
tinn cuid do luach an f hearainn ? 

4 Am feadh 's a dh'f huirich e 
gun reiceadh, nach bu leat fèin 
e? agus an dèigh a reiceadh 
nach robh e a' d' chomas fèin ? 

229 



c' ar son a smuainich thu ann do 
chridhe an gnìomh so? cha d' 
rinn thu breug do dhaoinibh, ach 
do Dhia. 

5 Agus an uair a chuala An- 
anias na briathra so, thuit e sios, 
agus chaidh an deò as : agus 
thàinig eagal mòr air na h-uile a 
ehuala na nithe so. • 

6 Agus air èirigh do na h- 
òganaich, phaisg iad an eudach- 
mairbh e, agus air dhoibh a 
ghiùlan a mach, dh'adhlaic iad e. 

7 Agus thàrladh timchioll trì 
uaire 'na dhèigh sin, gu 'n d'- 
thàinig a bhean a steach, gun 
fhios aice air q,n ni a rinneadli. 

8 Agus f hreagair Peadar i, In- 
nis dhomh-sa an ann air an uir- 
ead so reic sibh am fearann? 
Agus thubhairt ise, Is ann, air 
son an uiread sin. 

9 An sin thubhairt Peadar 
rithe, C' ar son a cho-aontaich 
sibh Spiorad an Tighearna a 
dhearbhadh' ? feuch, tha cosan 
na muinntir a dh'adhlaic t' f hear 
aig an dorus, agus giùlainidh iad 
thusa mach. 

10 An sin thuit i air ball aig 
a chosaibh, agus chaidh an deò 
aisde : agus air do na h-òganaicli 
teachd a steach, fhuair iad i 
marbh, agus air dhoibh a giùlan 
a mach, dh'adhlaic iad làimh r' a 
fear i. 

11 Agus thàinig eagal mòr air 
an eaglais uile, agus air na h-uile 
a chuala na nitlie so. 

12 Agus rinneadhmòran chomh- 
aran agus mhìorbhuilean am 
measg a' phobuiU le làmhaibh 
nan abstol ; (agus bha iad uile 

' a bhuaireadh. 



dh'aon inntinn ann an sgàth- 
thigh^ Sholaimh : 

13 AgiTS cha robh chridhe aig 
aon do chàch e fèin a cheangal 
riu :) ach bha mòr-mheas aig a' 
phobull orra. 

14 Agus is mòid a chuireadh 
creidich ris an Tighearn, buidh- 
eann mhòr" araon do fhearaibh 
agus do mhnaibh : 

15 Air chor as gu 'n d' thug 
iad a mach a' mhuinntir euslan 
air na sràidibh, agus gu 'n do 
chuir iad air leabaichibh agus air 
uirighibh^ iad, chum ag teachd 
do Pheadar gu 'n cuireadh 'f hail- 
eas, mar bu lugha, sgàile* air 
neach èigin aca. 

16 Agus thàinig mar an ceud- 
na mòr-shluagh as na bailtibh 
mu 'n cuairt air lerusalem, a' 
toirt leo muinntir euslain, agus 
dream a bha air am buaireadh 
le spioradaibh neòghlan : agus 
leighiseadh iad uile. 

17 An sin dh'èirich an t-àrd- 
shagart, agus iadsan uile a bha 
maille ris, (eadhon luchd-bharail 
nan Sadusach,) agus lìonadh iad 
le tnùth^, 

18 Agus chuir iad làmh anns 
na h-abstolaibh, agus chuir iad 
sa' phrìosan chumanta iad. 

19 Ach dh'fhosgail aingeal an 
Tighearna dorsan a' phrìosain 
san oidhche, agus thug e iadsan 
a mach, agus thubhairt e, 

20 Imichibh, agus ag seasamh 
dhuibh labhraibh san teampuU 
ris an t-sluagh, uile bhriathra na 
beatha so. 

21 Agus an uair a chual iad so, 
chaidh iad gu moch a steàch 

' ùìlear, phrsa . ' slungh mòr 

■230 



[ARA, V. 

do 'n teampull, agus theagaisg 
iad. Ach thàinig an t-àrd-shag- 
art agus iadsan a bha maiUe ris, 
agus ghairm iad a' chomhairle, 
agus seanadh chloinn Israeil uile 
an ceann a chèile, agus chuir iad 
do 'n phrìosan chum gu 'n tug- 
tadh iadsan d' an ionnsuidh. 

22 Ach an uair a thàinig na 
maoir, cha d'f huair iadsa' phrios- 
an iad, agus air pilltinn dhoibn, 
dh'innis iad. 

23 Ag ràdh, Fhuair sinne gu 
fìrinneach am priosan dùinte gu 
ro thèaruinte, agus an hichd- 
coimhead 'nan seasamh a mach 
fa chomhair nan dorsan ; ach an 
uair a dli'fhosgail sinn, cha d' 
fhuair sinn aon duine a stigh. 

24 A nis an uair a chual an 
t-àrd-shagart, agus ceannard an 
teampuill, agus uachdarain nan 
sagart na briathra so, bha iad fo 
amharus mu 'n timchioll ciod gus 
an tigeadh so. 

25 An sin thàinig neach àraidh 
agus dh'innis e dhoibh, ag ràdh, 
Feuch, a ta na daoine a chuir 
sibh sa' phrìosan, 'nan seasamh 
san teampull, agus a' teagasg a' 
phobuill. 

26 An sin dh'imich an ceann- 
ard maille ris na maoraibh, agus 
thug e leis iad gun ainneart : 
(oir bha eagal orra roimh an t- 
sluagh, gu 'm biodh iad air an 
clachadh leo^ 

27 Agus an uair a thug iad leo 
iad, chuir iad ann am fianuis na 
comhairle ìad : agus dh'fheòr- 
aich an t-àrd-shagart diubli, 

28 Ag ràdh, Nach d' thug sinne 
geur-òrdugh dhuibh gu'n teagasg 

' couches. Sasg. ■* duhhar. ' eud. 



GNIOMHARA, V. VI. 



a dhèanamh san ainm so ? agus, 
feuch, lion sibh lerusalem le ur 
teagasg, agus is àill leibh fuil 
an duine so a tharruing' oirnne. 

29 An sin f hreagair Peadar ag- 
us na h-abstoil eile, agus thubh- 
airt iad, Is còir gèill a thoirt do 
Dhia ni 's mò na do dhaoinibh. 

30 Thog Dia ar n-aithriche 
losa, a mharbh sibhse agus a 
chroch sibh air crann. 

31 E-san dh'àrdaich Dia le a 
dheas làimh 'na Cheannard^ ag- 
us 'na Shlànuighear, a thoirt aith- 
reachais agus maitheanais pheac- 
anna do Israel. 

32 Agus tha sinne 'nar fian- 
uisibh dha air na nithibh so ; 
agus mar an ceudna an Spiorad 
Naomh, a thug Dia dhoibh-san a 
ta ùmhal dha. 

33 Agus an uair a chual iad- 
san so, bha iad air an gonadh^, 
agus ghabh iad comhairle an cur 
gu bàs. 

34 An sin dh'èirich Phàiriseach 
àraidh anns a' chomhairle, d' am 
b' ainm Gamaliel, fear teagaisg 
an lagha, air an robh meas aig 
an t-sluagh uile, agus dh'òrduich 
e na h-abstoil a chur a mach rè 
tamuill ; 

35 Agus thubhairt e riu, Fheara 
Israeil, thugaibh aire dhuibh fèin, 
ciod a ta roimhibli a dhèanamh 
mu thimchioll nan daoine sin. 

36 Oir roimh na làithibh so 
dh'èirich Teudas suas, ag ràdh, 
gu 'm bu neach èigin mòr e fèin, 
agus cheangail àireamh dhaoine, 
timchioll ceithir cheud, iad fèin 
ris : mharbhadh e-san, agus a 

' thoirt. 2 Phrionnsa. 

^ chus iad am fiacla. 
231 



mheud 's a dh'aontaich leis, sgaoil- 
eadh iad uile as a chèile, agus 
chaidh iad gu neo-ni. 

37 An dèigh an fhir so dh'èir- 
ich ludas an Galilèach suas, ann 
an làithibh na cìs-mheasaidh, 
agus tharruing e mòran sluaigh 
'na dhèigh : sgriosadh e-san mar 
an ceudna, agus a mheud 's a 
ghèill da*, sgapadh iad uile. 

38 Agus a nis a ta mi ag ràdh 
ribh, Fanaibh o na daoinibh so, 
agus leigibh leo : oir ma 's ann o 
dhaoinibh a ta a' chomhairle so, 
no an obair so, thig i gu neo- 
bhrigh* : 

39 Ach ma 's ann o Dhia a ta 
i, cha 'n urrainn sibhse a cur gu 
neo-bhrigh : air eagal gu 'n tàr 
ladh gu 'm faighear sibh eadhon 
a' cogadh an aghaidh Dhè. * 

40 Agus dh'aontaich iad leis- 
san : agus an uair a ghairm iad 
na h-abstoil, agus a ghabh iad 
orra, dh'òrduich iad dhoibh gu 'n 
labhairt ann an ainm losa, agus 
leig iad as iad. 

41 Agus dh'imich iadsan o 
làthair na comhairle, le gàird- 
eachas a chionn gu 'n do mheas- 
adh gu 'ra b' airidh iad air eas-ur- 
ram fhulang air son 'ainme-san. 

42 Agus gach là anns an team- 
pull, agus o thigh gu tigh, cha 
do sguir iad a bhi teagasg, agus 
a' searmonachadh losa Crìosd. 

CAIB. VI. 

1 Thaghna h-ahstoil scachdnar gu frithealadh 
do uireashhuidh nam hochd : 5 b' aon dinhh 
so Stephan, neach a hha lùn do chrcidimh, 
ayus do 'n Spiorad Naomh : 12 Ghhicudk 
e-san agus chaidh ugairt gu h-eucorach an 
làthair na comhair/e, kis an dream a chuir 
c 'nan tosd le dLasboireachd. 

dh'earb as. thi id as d' i. 



GNIOMH 



ARA, vr. 



AGUS anns na làithibli sin, an 
uair a bha àireamh nan 
deisciobul a' meudachadh, dh'- 
èirich gearan am measg nan 
Greugach an aghaidh nan Eabh- 
rach, a chionn gu 'n do dhearm- 
aideadh am bantraichean san 
fhrithealadh lathaiL 

2 An sin ghairm an dà fhear 
dheug mòr-chuideachd nan deis- 
ciobul d' an ionnsuidh, agus 
thubhairt iad, Cha 'n 'eil e iom- 
chuidh sinne dh'fhàgail focail 
Dè, agus a fhrithealadh do 
bhòrdaibh. 

.3 Uime sin, a bhràithre, iarr- 
aibh a mach 'nur measg seachd- 
nar dhaoine fo dheadh iomradh, 
làn do 'n Spiorad Naomh agus 
do ghliocas, a chuireas sinne os 
ceann an dreuchd so^ 

4 Ach buanaichidh sinne a 
ghnàth ann an ùrnuigh, agus 
am ministreileachd an f hocaiL 

5 Agus bha chainnt so tait- 
neach an làthair na mòr-chuid- 
eachd uile : agus thagh iad Ste- 
phan, duine làn do chreidimh, 
agus do 'n Spiorad Naomh, agus 
Philip, agus Prochorus, agus 
Nicanor, agus Timon, agus Par- 
menas, agus Nicolas proseliteach 
do mhuinntir Antioch : 

6 Chuir iad iadsan an làthair 
nan abstol : agus air dèanamh 
ùrnuigh dhoibh, chuir iad an 
làmhan orra. 

7 Agus dh'fhàs focal Dè ; ag- 
us mheudaicheadh àireamh nan 
deisciobul gu ro mhòr ann an 
lerusalem ; agus bha cuideachd 
mhòr do na sagartaibh ùmha' 

' na h-Oìhre. 
' Saoirsìneach. 

232 



do 'n chreidimh. 

8 Agus rinn Stephan, làn do 
chreidimh agus do chumhachd, 
mìorbhuilean agus comharan 
mòra am measg an t-sluaigh. 

9 An sin dh'èirich dream àr- 
aidh do 'n t-sionagog, ris an 
abYnv sionagog nan Libertineach^, 
agus nan Cirenianach, agus 
mhuinntir Alecsandria, agus na 
dream o Chilicia, agus o 'n 
Asia, a' deasboireachd ri Ste- 
phan. 

10 Agus cha b' urrainn iad cur 
an aghaidh a' ghliocais agus an 
spioraid leis an do labhair e, 

11 An sin thug iad a steach an 
uaignidheas daoine a thubhairt, 
Chuala sinne e labhairt bhriathra 
toibheumach an aghaidh Mhaois, 
agus Dhè. 

12 Agus dhùisg iad suas an 
sluagh, agus na seanairean, agus 
na sgrìobhaichean, agus thàinig 
iad air, agus ghlac iad e, agus 
thug iad an làthair na comh- 
airle e. 

13 Agus chuir iad suas fìan- 
uisean brèige, a thubhairt, Cha 'n 
'eil an duine so a' sgur do labh- 
airt bhriathra toibheumach^ an 
aghaidh an ionaid naoimh so, 
agus an lagha. 

14 Oir chuala sinn e ag ràdh, 
gu 'n sgrios an t-Iosa so o Na- 
saret an t-àit so, agus gu 'n 
caochail e na gnàthanna* a thug 
Maois dhuinne. 

15 Agus air dhoibh-san uile 
a bha 'nan suidhe sa' chomhairle 
amharc gu geur air, chunnaic 
iad 'aghaidh mar aghaidh aingiL 

^ maslach. 

^ cleuchdan, hrduìghean. 



GNIOMHARA, VII. 



CAIB. VII. 

1 Air do Stephan comas fkaghail freagaìrt air 
a shonfiin, 2 nochdegu 'n d' rinn Abraham 
aoradh do Dhia gu taitneach ; 37 gu 'n 
d' thug Maoìs fnn fianuis mu Chrìosd ; 
51 chronuich e iad air son an ceannairc, 
agus moi ta Chriosd : 64 air a so chlach 
iad gu bàs e. 59 Tha e tiomnadh anama 
do losa, agus a' guidheadh Dhc air an 
sonsan. 

AN sin thubhairt an t-àrd- 
shagart, Am bheil ma ta na 
nithe so mar so ? 1 

2 Agus thubhairt e-san, Fheara, 
a bhràithre, agus aithriche èisd- 
ibh ; Dh'f hoillsicheadh Dia na 
gh)ire d' ar n-athair Abraham, 
'nuair a bha e ann am Mesopo- 
tamia, mun do ghabh e còmh- 
nuidh ann an Charan. 

3 Agus thubhairt e ris, Rach a 
mach à d' thìr fèin, agus o d' 
chinneach, agus thig chum na 
tire a nochdas mise dhuit. 

4 An sin chaidh e-san a mach à 
talamh nan Caldèach,agus ghabh 
e còmhnuidh ann an Charan : 
agus as a sin, an dèigh bàis 'ath- 
ar, dh'atharraich se e do 'n fhear- 
ann so anns am bheil sibhse nis 
'nur còmhnuidh. 

5 Agus cha d' thug e dha oigh- 
reachd sam bith ann, cha d' thug 
Jlà leud troidhe : gidheadh 
gheall e gu 'n tugadh e mar 
sheilbh e dha fèin agus d' a 
shliochd 'na dhèigh, ged nach 
robh fathast duine cloinne aige. 

6 Agus labhair Dia air an 
dòigh so, Gu 'm biodh a shliochd 
air chuairt ann an dùthaich 
choigrich, agus gu 'n dèanadh 
iad tràillean diubh, agus gu 'm 
buineadh iad gu h-olc riit re 

' cùnradh, cùmhnant. ^ chreic. 

233 



ceithir cheud bliadhna. 

7 Agus air a' chinneach sin 
d' am bì iadsan fo dhaorsa, bheir 
mise breth, arsa Dia: agus an 
dèigh nan nithe sin thig iad a 
mach, agus ni iad seirbhis 
dhomh-sa anns an àit so. 

8 Agus thug e dha coimh- 
cheangaP an timchioll-ghearr- 
aidh : agus mar sin ghin Ahra- 
ham Isaac, agus thimchioll- 
gheàrr se e air an ochdamh là : 
agus ghhi Isaac lacob, agus 
lacob an dà phriomh - athair 
dheug. 

9 Agus a' gabhail farmaid reic^ 
na prìomh-aithriche loseph do 'n 
Eiphit : ach bha Dia maille ris, 

10 Agus shaor se e as a thriob- 
laidibh uile, agus thug e deadh- 

I ghean^ agus gliocas da an làth- 
air Pharaoh rìgh na h-Eiphit ; 
agus chuir se e 'na uachdaran air 
an Eiphit, agus air a theaghlach 
fèin uile. 

11 Nis thàinig gorta agus 
àmhghar mòr air an Eiphit uile, 
agus air talamh Chanaain ; agus 
cha d' fhuair ar n-aithriche 
teachd-an-tir.* 

12 Ach an uair a chuala lacob 
gu 'n robh arbhar san Eiphit, 
chuir e mach ar n-aithriche air 
tùs. 

13 Agus air an dara uair rinn- 
eadh loseph aithnichte d' a 
bhràithribh ; agus rinneadh cinn- 
each loseiph follaiseach do Pha- 
raoh. 

14 An sin chuir loseph fns 
uaith, agus ghairm e d' a ionn- 
suidh lacob 'athair, agus a hichd- 
dàimhe uile, cùig anama deiig 

bàig]i,f.bhor. * biatachd. 



GNIOMHARA, VII. 



agus trì fichead. 

15 Agus chaidh lacob sìos do 'n 
Eiphit, agus f huair e bàs, e fèin 
agus ar n-aithriche. 

16 Agus ghiùlaineadh thairis 
iad gu Sichem, agus chviireadh 
iad anns an àit-aclhlaic a cheann- 
aich Abraham air suim airgid o 
mhic Emoir, athar Shicheim. 

17 Ach an uair a dhruid àm a' 
gheallaidh, a mhionnaich Dia do 
Abraham, dh'f hàs an shiagh ag- 
us rinneadh iad lìonmhor san 
Eiphit, 

18 Gus an d' èirich righ eile, 
do nach b' aithne loseph. 

19 Bhuin e-san^ gu cuilbheirt- 
each r' ar cinneach, agus rinn e 
olc air ar n-aithrichibh, air chor 
as gu 'n d' thug e orra an naoidh- 
eana a thilgeadh mach, chum 
nach sìolaicheadh iad^. 

20 Anns an àm sin rugadh 
Maois, agus bha e ro sgiamh- 
ach, agus dh'altrumadh e trì 
miosan ann an tigh 'athar : 

21 Agus an uair a thilgeadh 
a mach e, thog nighean Pharaoh 
leatha e, agus dh'altrum^ i e 
mar mhac dh' i fèin. 

22 Agus dh'f hòghlumadh ' Ma- 
ois ann an uile ghliocas nan Ei- 
phiteach, agus bha e cumhachd- 
ach am briathraibh agus an 
gmomharaibh. 

23 Agus an uair a bha e dà 
fhichead bliadhna iomlan a dh' 
aois, thàinig e 'na chridhe a 
bhràithre clann Israeil fhios- 
rachadh 

24 Agus air dha duine àraidh 
dhiuhh f haicinn a' fulang eucoir, 

' Ghìulain se e fcin 

^ nach fàsadh sliochd orra, nnch maircadh 
iadbcò. •'dh'oil. 
234 



theasairg se e, agus air bualadh 
an Eiphitich dha, rinn e dìogh- 
altas do 'n f hear air an d' rinn- 
eadh an eucoir : 

25 Oir shaoil e gu 'n tuigeadh 
a bhràithre, gu 'n tugadh Dia le 
a làimh-san saorsa dhoibh ; ach 
cha do thuig iadsan. 

26 Agus air an là 'na dhèigh 
sin nochd se e fèin doibh agus 
iad a' comh-stri, agus b' àill leis 
sìth a dhèanamh eatorra^, ag 
ràdh, A dhaoiuB, is bràithre sibh 
fèin ; c' ar son a ta sibh a' dècin- 
amh eucoir air a chèile? 

27 Ach chuir am fear a rinn an 
eucoir air a' choimhearsnach 
uaith e, ag ràdh, Cò a rinn 
thusa a' d' uachdaran agus a' d' 
bhreitheamh oirnne? 

28 Am miann leat mise a 
mharbhadh, mar a mharhh thu an 
t-Eiphiteach an dè ? 

29 An sin theich Maois air son 
an fhocail so, agus bha e 'na 
choigreach ann an dùthaich 
Mhidiain, far an do ghin e dithis 
mhac. 

30 Agus an uair a choimh- 
lionadh dà fhichead bliadhna, 
dh'f hoillsicheadh dha ann am fàs- 
ach beinne Shina, aingeal anTigh- 
earn ann an lasair theine ann am 
preas. 

* 31 Agus an uair a chunnaic 
Maois so, ghabh e iongantas mu 'n 
t-sealladh ; agus air dha teachd 
am fagus gu beachdachadh air, 
thàinig guth an Tighearna d' a 
ionnsuidh, 

32 Ag rùclh, Is mise Dia t' aith- 
riche, Dia Abrahaim, agus Dia 

* dh' iunmaicheadh. 

^ dol a shcalltuinn a hhràithre cloinn Israeìi, 
«)t cur reidh. 



GNIOMHARA, VII. 



Isaaic, agus Dia lacoib. An sin 
cliriothnuicli Maois, agus cha 
robh chridhe aige amharc\ 

33 An sin thubhairt an Tigh- 
earn ris, Fuasgail do bhrògan o 
d' chosaibh : oir is talamh naomh 
an t-àit air am bheil thu a' d' 
sheasamh. 

34 Chunnaic mi gu cinnteach 
àmhghar mo phobuill a ta san 
Eiphit, agus chuala mi an os- 
naidh, agus thàinig mi nuas g' an 
saoradh. Agus a nis thig, cuiridh 
mi do 'n Eiphit thu. 

35 Am Maois so fèin a dhiùlt 
iadsan, ag ràdh, Cò rinn uachd- 
aran agus breitheamh dh\ot-sa? 
e-san chuir Dia gu bhi 'na uachd- 
aran agus 'na f hear-saoraidh le 
làimh an aingil a dh'f hoillsich- 
eadh dha sa' phreas. 

36 Thug e-san a mach iad an 
dèigh dha mìorbhuilean, agus 
comharan a dhèanamh ann an 
tìr na h-Eiphit, agus anns a' 
mhuir ruaidh, agus anns an 
fhàsach rè dhà fhichead bliadh- 
na. 

37 Is e so am Maois ud a 
thubhairt ri cloinn Israeil, Tog- 
aidh an Tighearn bhur Dia suas 
fàidh dhuibh do 'ur bràithribh, 
c(^mhuil rium-sa; ris-san èisd- 
idh sibh. 

38 So e-san a bha san eaghìis 
anns an fhàsach, maille ris an 
aingeal a labhair ris ann am 
beinn Shina, agus maille r' ar 
n-aithrichibh-ne : neach a f huair 
briathra na beatha'^ chum an 
toirt dhuinne : 

39 Do nach b' àill le ar n-aith- 
richibh bhi ùmhal, ach chuir iad 

' ' aire a thahhairt. ' na heò-bhì'iathra. 
2òb 



uatha e, agus 'nan cridhe phill 
iad air an ais do 'n Eiphit, 

40 Ag ràdh ri Aaron, Dèan 
dhuinne dèe a thèid romhainn: 
oir mu thimchioll a' Mhaois so, a 
thug a mach sinn à tlr na h- 
Eiphit, cha 'n 'eil fhios againn 
ciod a dh'èirich dha. 

41 Agus rinn iad laogh sna 
làithibh sin, agus thug iad ìob- 
airt do 'n dealbh, agus rinn iad 
gàirdeachas ann an oibribh an 
làmha fèin. 

42 An sin phill Dia, agus thug 
e thairis iad clmm aoradh a 
dhèanamh do àrmailt nèimh, a 
rèir mar a ta e sgrìobhta ann an 
leabhar nam fàidhean, An d' 
thug sibh dhomh-sa beathaichean 
marbhta, agus ìobairte rè dhà 
fhichead bliadhna anns an 
f hàsach, O a thigh Israeil ? 

43 Seadh, thog sibh suas pàill- 
iun Mholoich, agus reult bhur 
dè Remphain, dealbhan a rinn 
sibh chum aoraidh dhoibh : uime 
sin atharraichidh mi sibh an 
taobh thall do Bhabilon. 

44 Bha pàilliun na fìanuis aig 
ar n-aithrichibh san fhàsach, a 
rèir mar a dh'àithn an Tì a labh- 
air ri Maois, gu 'n dèanadh se e 
a rèir an t-samhlaidh^ a chunn- 
aic e. 

45 An ni a thug mar an ceud- 
na ar n-aithriche a bha 'nan. 
dèigh, a steach maille ri losa do 
sheilbh nan Cinneach, a thilg 
Dia a mach roimh ghnùis ar 
n-aithriche, gu làithibli Dhaibh- 
idh; 

46 Neach a fhuair deadh-ghean 
am tìanuis Dhè, agus a dh'iarr 

^ un t-S(iimpleÌ7; an t-samhlachais. 



GNIOMHARA, VII. VIII. 



pàìlliun fhaotainn do Dhia la- | 
coib. 

47 Ach thog Solamh tigh dha. 

48 Gidheadh cha 'n 'eil an Tì 
a 'S àirde a' gabhail còmhnuidh 
ann an teampluibh làmh-dhèan- 
ta; mar a ta am fàidh ag ràdh, 

49 Is e nèamh mo rìgh-chaithir, 
agus an talamh stòl mo chos : 
ciod an tigh a thogas sibh 
dhomh? a ta an Tighearn ag 
ràdh : no ciod e ionad mo 
thàimh ? 

50 Nach do rinn mo làmh na 
nithe so uile ? 

51 A dhaoine cruaidh-mhuin- 
ealach, agus neo-thimchioll 
ghearrta ann an cridhe agus ann 
an chiasaibh, tha sibh a ghnàth 
a' cur an aghaidh an Spioraid 
Naoimh : mar a rinn bhur n- 
aithriche, mar sin a ta sibhse a 
dèanamh. 

52 Cò do na fàidhibh air nach 
d' rinn bhur n-aithriche geur- 
leanmhuinn ? agus mharbh siad 
iadsan a roimh-fhoillsich teachd 
an Fhìrein ud ; air an robh 
sibhse a nis 'nur hichd-brath- 
aidh, agus 'nur mortairibh : 

53 Sibhse a fhuair an lagh le 
frithealadh nan aingeal, agus 
nach do choimhid e. 

54 'Nuair a chual iad na nithe 
sin, bha iad air an gonadh 'nan 
cridhe, agus chas iad am fiaclan 
ris. 

55 Ach air dhasan bhi làn do 'n 
Spiorad Naomh, dh'amhairc e 
gu geur suas gu nèamh, agus 
chunnaic e glòir Dhè, agus losa 
'na sheasamh air deas làimh 
Dhè; 

56 Agus thubhairt e, Feuch, 

236 



tha mi faicinn nan nèamh fosg- 
ailte, agus Mac an duine 'na 
sheasamh air deas làimh Dhè. 

57 An sin ghlaodh iadsan le 
guth mòr, agus dhruid' iad an 
cluasan, agus leum iad air a 
dh'aon inntinn, 

58 Agus air dhoibh a thilgeadh 
a mach as a' bhaile'^, chlach iad 
e: agus thilg na fianuisean an 
eudach sìos aig cosaibh òganaich, 
d' am b' ainm Saul. 

59 Agus chlach iad Stephan, 
agus e a' gairm air Crìosd, agus 
ag ràdh, A Thighearn losa, glac 
mo spiorad. 

60 Agus air dha a leigeadh 
fèin air a ghlùinibh, ghlaodh e 
le guth mòr, A Thighearn, na 
cuir am peacadh so as an leth. 
Agus air dha so a ràdh, choidil e. 

CAIB. VIII. 

1 Shearmonaicheadh an soisgeul ann an Sa- 
maria le Phi/ip, a hhaist mbran, agus am 
measg chàich Simon an Druidh. 1 4 Thdinig 
Peadar agus Eoin a dhaingneachadh nah- 
eaglais : \T le curun làmh air an dream a 
chreid, bha an Spiorad Naomh air a thiodh- 
lacadh : 18 'nuair a 6' dill le Simon an 
tiodhlac ceudna cheannach uatha le h-air- 
giod, 20 chronuicheadh gu geur e le Peadar, 

AG U S bha Saul ag aontach- 
adh le a bhàs-san. Agus 
dh'èirich anns an àm sin geur- 
leanmhuinn mhòr an aghaidh na 
h-eaglais a bha ann an lerusa- 
lem ; agus bha iad uile air an 
sgapadh air feadh tìre ludea ag- 
us Shamaria, ach na h-abstoil a 
mhàin. 

2 Agus ghiùlain daoine diadh- 
aidh ^ Stephan chum 'adhlaic, agus 
rinn iad caoidh mhòr air a shon. 

' dhuiìi, stop- * a' chaithir. ^ crahhach. 



GNIOMHARA, VIII. 



3 Acli blia Saul a' fàsachadh 
na h-eaglais, a' dol a steach do 
gach tigh ; agus ag tarruing a 
mach fhear agus bhan, chuir e 
am priosan iad. 

4 Uime sin dh'imich an dream 
a sgapadh, feadh gach àite, a' 
searmonachadh an fhocail. 

5 An sin chaidh Philip sios do 
bhaile Shamaria, agus shearmon- 
aich e Crìosd doibh. 

6 Agus thug an sluagh a dh'aon 
toil aire do na nithibh a labh- 
radh le Philip, ag èisdeachd 
ris\ agus a' faicinn nam mìor- 
bhuile a rinn e. 

7 Oir chaidh spiorada neò- 
ghlan a mach à moran anns an 
robh iad, a' glaodhaich le guth 
mòr: agus chaidh mòran air an 
robh am pairilis", agus a bha 'nam 
bacaich, a shlànuchadh. 

8 Agus bha gàirdeachas mòr 
sa' bhaile sin. 

9 Ach bha roimhe sin duine 
àraidh sa' bhaile sin d' am b' ainm 
Simon, a ghnàthaich druidh- 
eachd, agus a mheall^ muinntir 
Shamaria, ag ràdhgu 'mbu neach 
mòr èigin e fèin. 

10 Dhasan thug iad uile aire 
o 'n bheag gus a' mhòr, ag ràdh, 
Ts e an duine so cumhachd mòr 
Dhè 

11 Agus thug iad an aire dha, 
a chionn gu 'n do mheall e iad 
rè ùine f hada le a dhruidheachd. 

12 Ach an uair a chreid iad 
Philip, a' searmonachadh nan 
nithe a bhuineas do rìoghachd 
Dhè, agus do ainm losa Crlosd, 
bhaisteadh iad eadar fheara ag- 
us mhnài. 

' riu. ^ crith-ghalar, palsy. Sasg. 
237 



13 An sin chreid Simon fèin 
mar an ceudna: agus an uair a 
bhaisteadh e, dh'fhan e maille 
ri Philip, agus a' faicinn nan 
comhara agus nam feartan a 
rinneadh, ghabh e iongantas ro 
mhòr. 

14 Agus an uair a chuala na 
h-abstoil a bha ann an lerusa- 
lem, gu 'n do ghabh Samaria 
focal Dhè, chuir iad d' an ionn- 
suidh Peadar agus Eoin : 

15 Agus an uair a chaidh iad 
sìos, ghuidh iad air an son gu 'm 
faigheadhiad an Spiorad Naomh. 

16 (Oir cha d' thàinig e fath- 
ast a nuas air aon aca: ach a 
mhàin bhaisteadh iad ann an 
ainm an Tighearna losa.) 

17 An sin chuir iad an làmhan 
orra, agus f huair iad an Spiorad 
naomh. 

18 Agus an uair a chunnaic 
Simon gu 'n robh an Spiorad 
Naomh air a thoirt tre làmhan 
nan abstol a chur orra, thairg e 
airgiod dhoibh, 

19 Ag ràdh, Thugaibh dhomh- 
sa mar an ceudna an cumhachd 
so, ge b' e neach air an cuir mi 
mo làmha, gu 'm faigh e an 
Spiorad Naomh. 

20 Ach thubhairt Peadar ris, 
Gu rachadh t' airgiod am mugha 
maille riut fèin, a chionn gu 'n 
do mheas thu gu 'm feudtadh 
tiodhlac Dhè a cheannach le Ii- 
airgiod. 

21 Cha 'n 'eil agad cuid no 
crannchur sa' chùis so : oir cha 
'n'eil do chridhe direach'* am 
fianuis Dhè. 

^ a chuir uamhas air, a chuir'nam hrcathaL 
^ ceart, treihhdhireach. 



GNIOMHARA, VIII. 



22 Gabh aithreachas iiime sin 
do t' olc so, agus guidh air Dia, 
ma dh'fheudar gu maitliear 
dhuit smuaine do chridhe. 

23 Oir a ta mi 'gad fhaicinn 
ann an domblas na seirbhe, agus 
fo chuibhreach na h-eucorach. 

24 An sin fhreagair Simon, ag- 
us thubhairt e, Guidhibh-sa an 
Tighearn air mo shon, nach tig 
aon do na nithibh sin a thubh- 
airt sibh orm. 

25 An sin air dlioibh-san fianuis 
a dhèanamh agus focal an Tigh- 
earn a labhairt, phill iad gu 
lerusalem, agus shearmonaich 
iad an soisgeul ann am mòran 
do bhailtibh nan Samaritanach. 

26 Agus labhair aingeal an 
Tighearna ri Philip, ag ràdh, 
Eirich agus imich chum na h- 
àirde deas, chum na slighe a ta 
dol sìos o lerusalem gu Gasa, a 
ta 'na f hàsach^ 

27 Agus dh'èirich e, agus dh'- 
imich e : agus, feuch, duine 
àraidh, caillteanach o Etiopia, 
aig an robh mòr-ùghdarras fo 
Chandace ban-righinn na h- 
Etiopia, agus a bha os ceann a 
h-ionmhais uile, agus a bha air 
teachd gu lerusalem chum aor- 
adh a dhèanamh, 

28 Bha e a' pilltinn air ais, agus 
'na shuidhe 'na charbad, agus bha 
e a' leughadh an f hàidh Esaiais. 

29 An sin thubhairt an Spior- 
ad ri Philip, Imich am fagus, 
agus druid ris a' charbad so. 

30 Agus ruith Philip d' a ionn- 
suidh, agus chuala se e a' leugh- 
adh an fhàidh Esaiais, agus 
thubhairt e, Am bheil thu a' 

' troimh an fhàsach. 
238 



tuigsinn nan nithe a tha thu a' 
leughadh ? 

31 Agus thubhairt e-san, Cionn- 
us is urrainn mi, mur seòl neach 
èigin mi? Agus dh'iarr e air 
Philip teachd a nìos, agus suidhe 
maille ris. 

32 A' clmibhrionn do 'n sgriob- 
tuir a bha e leughadh, b' i so i, 
Thugadh e mar chaora chum 
marbhaidh ; agus mar uan a ta 
'na thosd am fìanuis an fhir- 
lomairt, mar sin clia d' fhosgail 
e a bheul : 

33 'Na ìsleachadh thugadh a 
bhreitheanas air falbh : agus cò 
a nochdas a ghinealach ? oir 
thogadh a bheatha o 'n talamh. 

34 Agus fhreagair an caill- 
teanach, agus thubhairt e ri 
Philip, Guidheam thu, cò uime 
tha am fàidh ag ràdh so ? uime 
fèin, no mu neach èigin eile ? 

35 An sin dh'fhosgail Philip a 
bheul, agus a' tòiseachadh o 'n 
sgriobtuir sin^ shearmonaich e 
losa dha. 

36 Agus an uair a dh'imich 
iad air an t-slighe, thàinig iad 
gu h-uisge àraidh : agus thubh- 
airt an caillteanach, Feuch, 
uisge ; ciod a ta bacadh mise 
bhi air mo bhaisteadh ? 

37 Agus thubhairt Philip, Ma 
tha thu a' creidsinn le d' uile 
chridhe, feudaidh tu. Agus 
fhreagair e agus thubhairt e, 
Tha mi a' creidsinn gur e losa 
Crìosd Mac Dhè. 

38 Agus dh'àithn e 'n carbad 
a sheasamh : agus chaidh iad sìos 
le chèile do 'n uisge, araon Phi- 
lip agus an caillteanach ; agus 
bhaist se e. 



GNIOMHARA, VIII. IX. 



39 Agus an uair a thàinig iad 
a nios as an uisge, thug Spiorad 
an Tighearna Philip leis, agus 
cha 'n fhac an caillteanach tuiU- 
eadh e : agus dh'iniich e air 
'aghaidh le gàirdeachas. 

40 Ach fhuaradh Philip ann 
an Asotos : agus shearmonaich 
e anns na bailtibh uile, a' dol 
troimh an dùthaich, gus an d' 
thàinig e gu Cesarea. 

CAIB. IX. 

1 Tha Saul, aìr dha bhi 'g ìmeachd gu Da- 
mascus, air a leagadh s'ws gu talamh le 
solus, agus guth o nèamh : 10 ghairmeadh 
e chum na h-abstolachd, 18 agus bhaisteadh 
e ìe Ananias : 20 shearmonaich e Cr'iosd gu 
dàna. 23 Chuir na h-Iùdhaìch, agus mar 
an ceudna na Greugaich, an comhairle ri 
chèile chum a mharbhadh. 81 Leigheas 
Peadar Eneas do 'n phairilis ; 38 thug e 
Tabita beò. 

AGUS air do Shaul bhi fath- 
ast a' sèideadh bagraidh, 
agus àir' an aghaidh dlieisciobul 
an Tighearna, chaidh e chum an 
àrd-shagairt, 

2 Agus dh'iarr e litrichean 
uaith gu Damascus chum nan 
sionagog, chum nam faigheadh e 
aon neach do 'n t-slighe so, co 
aca b' fhir no mnài iad, gu 'n 
tugadh e leis ceangailte gu leru- 
salem iad. 

3 Agus ag imeachd dha, thàr- 
ladh" gu 'n do dhruid e ri Da- 
mascus ; agus dhealraich gu h- 
obann mu 'n cuairt air solus o 
nèamh. 

4 Agus air tuiteam dha air an ta- 
lamh, chual e guth ag ràdh ris, 
A Shauil, A Shauil, c' ar son a ta 

' marbhaidh. 
■ thuchair. 

239 



thu 'gam gheur-leanmhuinn-sa ? 

5 Agus thubhairt e-san, Cò thu, 
a Thighearn ? Agus thubhairt 
an Tighearn, Is mise losa a ta 
thusa a' geur-leanmhuinn : is 
cruaidh dhuitse breabadh an 
aghaidh nan dealg. 

6 Agus air dhasan bhi air 
chrith agus làn uamhainn, thubh- 
airt e, A Thighearn, ciod is àill 
leat mise a dhèanamh ? Agus 
thnhhairt an Tighearn ris, Eirich, 
agus rach^ a steach do 'n bhaile, 
agus innsear dhu.it ciod is còir 
dhuit a dhèanamh. 

7 Agus sheas na daoine bha 'g 
imeachd maille ris 'nan tosd, a' 
cluinntinn a' ghutha, ach gun 
neach air bith fhaicinn. 

8 Agus dh'èirich Saul o 'n tal- 
amh, agus air fosgladh a shùl 
dha, cha 'n fhac e neach* air 
bith : ach air dhoibh breith air 
a làimh, threòraich iad e gu Da- 
mascus. 

9 Agus bha e tri làithean gun 
radharc, agus cha d' ith agus cha 
d' òl e ni air bith. 

10 Agus bha deisciobul àraidh 
ann an Damascus, d' am b' ainm 
Ananias ; agus thubhairt an 
Tighearn ris ann am foillseach- 
adh^, Ananiais. Agus thubhairt 
e-san, Feuch a ta mi an so, a 
Thighearn, 

11 Agus thiihhairt an Tighearn 
ris, Eirich, agus imich do 'n t- 
sràid, ris an abrar Dìreach, agus 
iarr ann an tigh ludais, duine o 
Tharsus d' ann goirear Saul : oir 
feuch, a ta e ri ùrnuigh, 

12 Agus chunnaic e ann am 

' theirig, gabh. _ m. 
^ sealladh. 



GNIOMHARA, IX. 



foillseacliadh duìne d' an ainm 
Ananias, a' teachd a steach, agus 
a' cur a làimhe air, chum gu 'm 
faigheadh e a radharc. 

13 An sin fhreagair Ananias, 
A Thighearn, chuala mi o mhòr- 
an mu 'n duine so, cia fion olc a 
rinn e do d' naomhaibh ann an 
lerusalem : 

14 Agus a ta an so ùghdarras 
aige o uachdaranaibh nan sag- 
art, iadsan uile a cheangal a ta 
gairm air t' ainm-sa\ 

15 Ach thubhairt an Tigh- 
earn ris, Imich ; oir is soitheach 
taghta dhomh-sa e, chum m' ainm 
a ghiùlan am fianuis nan Cinn- 
each, agus rìghrean, agus chloinn 
Israeil. 

16 Oir nochdaidh mise dha 
cia mòr na nithe a 's èigin da 
fhulang air sgath m' ainme-sa. 

17 Agus dh'imich Ananias, ag- 
us chaidh e steach do 'n tigh; 
agus chuir e a làmhan air, agus 
thubhairt e, A Shauil, a bhràth- 
air, chuir an Tighearn, (eadhon 
'losa a dh'fhoillsicheadh dhuitse 
anns an t-slighe air an d' thàinig 
thu,) mise chum gu 'm faigheadh 
tu do radharc, agus gu 'm biodh 
tu air do lìonadh leis an Spiorad 
Naomh. 

18 Agus air ball thuit o'shùil- 
ibh mar gu 'm biodh lannan ; 
agus dli'aisigeadh a radharc dha 
gi^n dàil, agus, air dha èirigh, 
bhaisteadh e. 

19 Agus an uair a ghabh e 
biadh, neartaicheadh e. An sin 
bha Saul làithean àraidh maille 
ris na deisciobkiibh a bha ann 
an Damascus. 



20 Agus air ball shearmonaich 
e losa^ anns na sionagogaibh, 
gur e-san Mac Dhè. 

21 Ach bha na h-uile a chual 
e fo uamhas, agus thubhairt iad, 
Nach e so e-san a bha sgrios ann 
an lerusalem iadsan a bha gairm 
air an ainm so, agus a thàinig 
an so chum na crìche so, gu 'n 
tugadh e ceangailte iad dh'ionn- 
suidh uachdarana nan sagart ? 

22 Ach bu mhòid a neartaich- 
eadh Saul, agus cliuir e gu h- 
amhlùadh na h-Iùdhaich a bha 
chòmhnuidh ann an Damascus, 
a' dearbhadh gur e so an Crìosd, 

23 Agus air dol do mhòran 
làithean seachad, rinn na h-Iùdh- 
aich comhairle r' a chèile e-san a 
mharbhadh : 

24 Ach thugadh fios do Shaul 
air am feilP : agus bha faire aca 
air na geatachaibh a là agus a 
dh'oidhche chum a mharbhadh. 

I 25 An sin ghabh na deisciob- 

j uil e san oidhche, agus chuir iad 
a mach thar a' bhalla e, agus leig 
iad sios ann an cliabh e. 
26 Agus an uair a thàinig Saul 

\ gu lervisalem, dh'fheuch e ri e 
fèin a cheangal ris na deisciob- 
luibh : ach bha eagal orra uile 
roimhe, agus cha do chreid iad 

j gu 'm bu deisciobul e. 

j 27 Ach ghabh Barnabas d' a 
ionnsuidh e, agus thug e chum 
nan abstol e, agus chuir e 'n ceill 
doibh cionnus a chunnaic e 'n 

^ Tighearn anns an t-slighe, agus 

\ gu 'n do labhair e ris, agus cionn- 
us a shearmonaich e gu dàna 
ann an Damascus an ainm losa. 
28 Agus bha e maille riu a' 



' a tha aìr an gairm air t' aìnm. 
240 



^ Crmd. ' ceilg. 



GNIOMHARA, IX. 



teachd a steacli, agus a' dol a 
mach ann an lerusalem. 

29 Agus labhair e gu dàna an 
ainm an Tighearna losa, agus 
rinn e deasboireachd an aghaidh 
nan Greugach : ach chuir iad- 
san rompa e-san a mharbhadli. 

30 Ach an uair a thuig na 
bràithre so, thug iad sios e gu 
Cesarea, agus chuir iad air falbh 
gu Tarsus e. 

31 An sin bha fois aig na h- 
eaglaisibh troimh ludea uile, 
agus Ghalile, agus Shamaria, ag- 
us air dhoibh bhi air an togail 
suas, agus a' siubhal ann an 
eagal an Tighearn, agus ann 
an comhf hurtachd ' an Spioraid 
Naoimh, mheudaicheadh gu mòr 
iad. 

32 Agus thàrladh, air do Phead- 
ar imeachd troimh gach àite, 
gu 'n deachaidh e sìos mar an 
ceudna chum nan naomh a bha 
gabhail còmhnuidh ann an Lida. 

33 Agus f huair e an sin duine 
àraidh d' am b' ainm Eneas, a 
bha rè ochd bliadhna air a leab- 
aidh, agus e gu tinn leis a' phair- 
ilis^ 

34 Agus thubhairt Peadar ris, 
Eneais, tha losa Crìosd ga d' 
leigheas : èirich agus dèan do 
leabadh. Agus air ball dli'eir- 
ich e, 

35 Agus chunnaic iadsan uile 
e, a bha chòmhnuidh ann an 
Lida, agus ami an Saron, agus 
phill iad chum an Tighearn. 

36 A nis bha ban - deisciobul 
àraidh ann an lopa d' am b' ainm 
Tabita, 's e sin, air eadar-theang- 
achadh, Dorcas : bha a' bhean 

' còmhnadh, cuideachadh. 
2il 



so làn do dheadh oibribh, agus 
do dhèircibh a rinn i, 

37 Agus thàrladh anns na làith- 
ibh sin, air dh'i bhi gu tinn 
gu 'n d' fhuair i bàs : Agus air 
dhoibh a h-ionnlad, chuir iad 
ann an seòmar uachdarach i. 

38 Agus air do Lida bhi fagus 
do lopa, agiis air chiinntinn do 
na deisciobhiibh gu 'n robh Pead- 
ar an sin, chuir iad dithis 
dhaoine d'a ionnsuidh, a' guidhe 
air e theachd d' an ionnsuidh 
gun dàil, 

39 An sin dh'èirich Peadar, 
agus chaidh e maille riu, Agus 
an uair a bha e air teachd, 
threòraich iad suas e do 'n t- 
seòraar uachdarach : agus sheas 
na bantraichean uile làimh ris a' 
caoineadh, agus a' nochdadh nan 
còta agus nan trusgan a rinn 
Dorcas am feadh a bha i maille 
riu, 

40 Ach air do Pheadar an 
cur a mach uile, leig se e fèin 
air a ghlùinibh agus rinn e ùrn- 
uigh ; agus air dha tionndadh 
ris a' chorp, thubhairt e, A 
Thabita, èirich. Agus dh'f hosg- 
ail ise a sùilean : Agus air dh'i 
Peadar fhaicinn, dh'èirich i 'na 
suidhe, 

41 Agus thug e a làmh dh'i, 
agus thog e 'na seasamh i ; agus 
an uair a ghairm e na naoimh 
agus na bantraichean, chuir 
'nan làthair beò i, 

42 Agus fhuaradh fios air so 
tre lopa uile ; agus chreid mòr- 
an anns an Tighearn. 

43 Agus thàrladh gu 'n d' fhan 
e mòran do làithibh ann an lopa 

^ chrith-ghalar. 
11 



GNIOMHARA, X. 



maille ri Simon àraidli fear- 
deasachaidh leathair. 

CAIB. X. 

1 Air do Chornelius, duine crùbhach, àithne 
fhaotainn o aingeal, chuir efios air Peadar, 
11 a hha air a theagasg ann an taisbean 
gun e dheanamh tdir air na Cinnich : 34 
Am feadh a bha e searmonachadh Chrìosd 
do Chornelius agus d' a chuideachd, thàinig 
un Spiorad Naomh nuas orra, agus bhaist- 
eadh iad. 

AGUS bha duine àraidh ann 
an Cesarea, d' am b' ainm 
Cornelius, ceannard-ceud do 'n 
chuideaclid ris an abrar a chuid- 
eachd Eadailteach, 

2 Duine cràbhach, agus air an 
robh eagal Dè maille r' a thigh 
uile, a bha toirt mòrain dèirce 
do 'n t-sluagh, agus a' dèanamh 
ùrnuigh ri Dia a ghnàth. 

.3 Chunnaic e ann an sealladh^ 
gu soilleir, mu thimchioll na 
naothadh uaire do 'n là, aingeal 
Dè a' teachd a stigh d' a ionn- 
suidh, agus ag ràdh, A Chorne- 
liuis. 

4 Agus air dhasan amharc gu 
geur air, ghabh e eagal, agus 
thubhairt e, Ciod e, a Thigh- 
earn? Agus thubhairt e ris, 
Chaidh t' ùrnuighean agus do 
dhèircean suas mar chuimh- 
neachan ann am fianuis Dè. 

5 Agus a nis euir daoine gu 
lopa, agus cuir fios air Simon, 
d' an co-ainm Feadar : 

6 Tha e air atiidheachd maille 
ri Simon àraidh fear-deasach- 
aidh leathair, aig am blieil a 
thigh làimh ris an f hairge : inn- 
sidh e-san duit ciod is còir dhuit 
a dhèanamh. 

' foillscachadh, taisbcanadh. 
^ i. e. meadhon-lù. 
212 



7 Agus an uair a dh'fhalbh 
an t-aingeal a labhair ri Corne- 
lius, ghairm e d' a ionnsuidh 
dithis do mhuinntir a thighe, 
agus saighdear cràbhach do 'n 
dream a bha ghnàth a' feitheamh 
air ; 

8 Agus an uair a chuir e an 
t-iomlan an cèiU doibh, chuir e 
iad gu lopa. 

9 Agus air an là màireach, 
'nuair a bha iadsan air an turus, 
agus a' teachd am fagus do 'n 
bhaile, chaidh Peadar suas air 
muUach an tighe a dhèanamh 
ùrnuigh, mu thimchioll na seath- 
adh uaire^. 

10 Agus dh'fhàs e ro ocrach, 
agus bu mhiann leis hiadh ith- 
eadh : ach am feadh a bha iad- 
san ag ulluchadh, thuit e ann 
an neul, 

11 Agus chunnaic e nèamh 
fosgailte, agus soitheach àraidh 
a' teaclid a nuas d' a ionnsuidh, 
mar bhraith-lm^ mhòir, ceang- 
ailte air a ceithir oisnibh*, agus 
air a leigeadh sìos air an talamh ; 

12 Anns an robh gach uile 
ghnè bheathaiche ceithir-chos- 
ach na talmhainn, agus bheath- 
aiche allta, agus bhiasda snàig- 
each, agus eunlaith an athair. 

13 Agus thàinig guth d' a ionn- 
suidh, Eirich, a Pheadair ; marbh 
agus ith. 

14 Ach thubhairt Peadar, Ni 
h-eadh, a Thighearn ; oir cha 
d' ith mi riamh aon ni coitchionn ^ 
no neò-ghlan. 

15 Agus thuhhairt an guth ris 
a rìs an dara uair, Na nithe sin 

' Don-eudach. ^ beannaìbh. 

' cumanta. 



GNIOMHARA, X. 



a ghlan Dia, na gairm thusa 
coitchionn. 

16 Agus rinneadh so trì uair- 
ean : agus thogadh an soitheach 
a rìs suas gu nèamh. 

17 A nis an uair a bha Pead- 
ar fo amharus ann fèin ciod bu 
chiall do 'n t-sealladh a chunnaic 
e, feuch, bha na daoine a chuir- 
eadh o Chornelius, an dèigh 
dhoibh tigh Shimoin iarraidh, 
'nan seasamh aig an dorus. 

18 Agus air gairm dhoibh, 
dh'fheòraich iad an robh Simon 
d' an co-ainm Peadar, air aoidh- 
eachd an sin. 

19 Am feadh a bha Peadar a' 
smuaineachadh air an t-sealladh, 
thubhairt an Spiorad ris, Feuch, 
tha triuir dhaoine ga d' iarraidh. 

20 Uime sin èirich, agus gabh 
sìos, agus imich maille riu, gun 
amharus air bith a bhi ort: oir 
is mise a chuir uam iad. 

21 Agus chaidh Peadar sìos 
chum nan daoine, [a chuireadh 
d' a ionnsuidh o Chornelius,] 
agus thubhairt e, Feuch, is mise 
an tì a tha sibh ag iarraidh : 
ciod e an t-aobhar mu 'n d' thàin- 
ig sibh ? 

22 Agus thubhairt iadsan, 
Fhuair Cornelius an ceannard- 
ceud, duine cothromach, air am 
bheil eagal Dè, agus fo dheadh 
ainm ' aig cinneach nan lùdhach 
uile, rabhadh o Dhia le aingeal 
naomh, fios a chur ortsa d' a 
thigh, agus briathran a chluinnt- 
inn uait. 

23 An sin ghairm e steach iad, 
agus thug 6 aoidheachd dhoihh. 
Agus air an là màireach dh'im- 

' air am hheil deadh theisteas- 
243 



ich Peadar maille riu, agus 
chaidh dream àraidh do na 
bràithribh o lopa maille ris. 

24 Agus air an là màireach 
chaidh iad a steach do Chesarea : 
asjus bha Cornelius a' feitheamh 
riu, agus air gairm a luchd- 
dàimh agus a chàirde dìsle an 
ceann a chèile. 

25 Agus an uair a bha Pead- 
ar a' dol a steach, choinnich 
Cornelius e, agus thuit e sìos 
aig a chosaibh, agus rinn e aor- 
adh dha. 

26 Ach thog Peadar suas e, 
ag ràdh, Seas suas; is duine 
mise mar an ceudna. 

27 Agus ag còmhradh ris, 
chaidh e steach, agus fhuair e 
mòran cruinn. 

28 Agus thubhairt e riu, Tha 
fios agaibh gu bheil e mì-dhligh- 
each do dhuine a tha 'na lùdh- 
ach, comhluadar a chumail ri 
neach a tha do chinneach eile, 
no teachd am fagus da ; ach 
nochd Dia dhomh-sa, gu 'n duine 
air bith a ghairm coitchionn no 
neò-ghlan. 

29 Uime sin thàinis^ mise 
'nuair a chuireadh fios orm, gun 
aon ni a ràdh 'na aghaidh ; air 
an aobhar sin tha mi feòraich 
c' ar son a chuir sibh fios orm ? 

30 Agus thubhairt Cornelius, 
O 'n cheathramh là gus an uair 
so bha mi a' dèanamh trasgaidh ; 
agus air an naothadh uair bha 
mi dèanamh ùrnuigh ann mo 
thigh, agus, feuch, sheas duine 
a' m' làthair ann an eudach deal- 
rach 

31 Agus thubhairt e, A Chor- 

^ 7-0 gheal. 
r2 



GNIOMHARA, X. 



neliuis, fhuair t' ùrnuigh èisd- 
eachd', agus tha do dhèircean 
air an cuimhneachadh am fian- 
uis Dè. 

32 Uime sin cuir gu lopa, ag- 
us cuir fios air Simon, d 'an co- 
ainm Peadar ; tha e air aoidh- 
eachd ann an tigh Shimoin 
fear-deasachaidh leathair, làimh 
TÌs a' mhuir ; neach, 'nuair a thig 
e, a labhras riut. 

33 Uime sin chuir mi air ball 
fios ort ; agus is maith a rinn 
thu teachd. Air an aobhar sin 
tha sinne uile an so a làthair am 
fianuis Dè, a dli'èisdeachd nan 
uile nithe a tha air an àithneadh 
dhuitse le Dia. 

34 An sin dh'fhosgail Peadar 
a bheul, agus thubhairt e, Gu 
flrinneach tha mi 'g aithneach- 
adh nach 'eil Dia ag amharc air 
pearsaibh seach a chèile : 

35 Ach anns gach uile chinn- 
each a ta an neach air am bheil 
'eagal-san, agus a ta 'g oib- 
reachadh fìreantachd, taitneach 
aige. 

36 Am focal a chuir Dia gu 
cloinn Israeil, a' searmonach- 
adh sìth tre losa Crìosd, (neach 
is e Tighearna nan uile,) 

37 Am focal sin is aithne 
dhuibh, a sgaoileadh air feadh 
tìre ludea uile, agus a thòisich 
o Ghalile, an dèigh a bhaistidh a 
shearmonaich Eoin : 

38 Cionnus a dh'ùng Dia losa 
o Nasaret leis an SpioradNaomh, 
agus le cumhachd ; neach a 
chaidh mu 'n cuairt a' dèanamh 
maith, agus a' slànuchadh nan 
uile a bha air am foir-eigneach- 

' dh'èisdeadh ri t' ùrnuigh. 
244 



adh ^ leis an diabhul : oir bha 
Dia maiUe ris. 

39 Agus tha sinne 'nar fian- 
uisibh air na h-uile nithibh a rinn 
e, araon ann an tìr nan lùdhach, 
agus ann an lerusalem ; neach 
a mharbh iad, 'ga chrochadh air 
crann : 

40 E-san thog Dia suas air an 
treas là, agus nochd se e gu 
follaiseach ; 

41 Cha 'n ann do 'n t-shiagh 
uile, ach do f hianuisibh, a thagh- 
adh le Dia roimh-làimh, eadhon 
dhuinne, a dh'ith agus a dh'òl 
maille ris an dèigh dha èirigh o 
na marbhaibh. 

42 Agus dh'àithn e dhuinne 
searmonachadh do 'n t-shiagh, 
agus fianuis a dhèanamh gur 
e-san a dh'òrduicheadh le Dia'na 
bhreitheamh air bheòthaibh agus 
air mharbhaibh. 

43 Dhasan tha na fàidhean uile 
a' toirt fianuis, gu 'm faigh gach 
neach a chreideas ann maith- 
eanas 'nam peacaibh tre 'ainm- 
san. 

44 Am feadh a bha Peadar 
fathast a' labhairt nam briathra 
sin, thuirling^ an Spiorad Naomh 
orra-san uile a chual am focal. 

45 Agus ghabh na creidich 
do 'n timchioll - ghearradh, a 
mheud diubh 'sa thàinig maille 
ri Peadar, iongantas mòr, do 
bhrìgh gu 'n do dhòirteadh air na 
Cinnich mar an ceudna tiodhlac 
an Spioraid Naoìmh. 

46 Oir chuala siad iad a' labh- 
airt le teangaibh, agus ag àrd- 
mholadh Dhè. An sin fhi-eag- 
air Peadar, 

^ thugadh fo chean is . l. ' thuit. 



GNIOMHARA, X. XI. 



47 Am feud neach sam bith 
uisge a thoirmeasg, chum nach 
rachadh iad so a bhaisteadh, a 
fhuair an Spiorad Naomh, co 
maith ruinne ? 

48 Agus dh'òrduich e iad a bhi 
air am baisteadh ann an ainm 
an Tighearna. An sin ghuidh 
iad air fantuinn maille riu làith- 
ean àraidh. 

CAIB. XI. 

1 Fhuaradh cron do Pheadar uir son comh- 
luadar a ghlèìdheadh ris na Cinnich : 4 
dh' innìs e a reuson, agus thaitinn sin r' a 
luchd-dì'tidh. 19 Sgaoileadh an soisgeul 
feadh Phenice, agus Chipruis, agus An- 
tioeh. 26 Dh'ainmicheadh na deisciohuil 
'nan Crìosduidhean air tùs ann an An- 
tioch, SfC. 

AGUS chuala na h-abstoil ag- 
us na bràithrean a bha ann 
an ludea, gu 'n do ghabh na 
Cinnich mar an ceudna ri focal 
Dè. 

2 Agus an uair a chaidh Peadar 
suas gu lerusalem, rinn iadsan a 
bha do 'n timchioll-ghearradh 
conspoid ris, 

3 Ag ràdh, Chaidh thu steach 
a dh'ionnsuidh dhaoine nach 
robh air an timchioll-ghearradh, 
agus dh'ith thu maille riu. 

4 Agus thòisich Peadar, agus 
chuir e 'n t-iomlan an cèill doibh 
an òrdugh, ag ràdh, 

5 Bha mi ann am baile' lopa 
ri ùrnuigh ; agus ann an neul 
chunnaic mi sealladh, Soitheach 
àraidh a' teachd a nuas, mar 
bhraith-lìn mhòir, air a leigeadh 
a nuas o nèamh air a ceithir ois- 
nibh ; agus thàinig i a m' ionn- 
suidh-sa. 

6 Agus air dhomh beachdach- 

' caithir. 2 beannaibh. 

215 



1 adh gu geur oirre, thug mi fa 'n- 
ear, agus chunnaic mi beathaiche 
ceithir - chosach na talmhainn, 
agus na fiadh-bheathaiche, agus 
na biasda snàigeach, agus eun- 
laith an athair. 

7 Agus chuala mi guth ag 
ràdh rium, Eirich, a Pheadair; 
marbh agus ith, 

8 Ach thubhairt mise, Ni h- 
eadh, a Thighearn : oir cha 
deachaidh riamh aon ni coit- 
chionn no neò-ghlan a steach do 

I m' bheul. 

} 9 Ach fhreagair an guth mi 
an dara uair o nèamh, Na nithe 
a ghlan Dia na meas thusa neò- 
ghlan 

10 Agus rinneadh so tri uair- 
ean : agus thogadh an t-iomlan 
a rìs suas gu nèamh. 

11 Agus, feuch, air ball bha 
triuir dhaoine air teachd chum 
an tighe anns an robh mi, a 
chuireadh o Chesarea a m' ionn- 
suidh. 

12 Agus thubhairt an Spiorad 
rium dol maille riu, gun amhar- 
us air bith a bhi orm. Agus 
chaidh mar an ceudna an t-seath- 
nar bhràithre so maille rium, 
agus chaidh sinn a steach do 
thigh an duine : 

13 Agusnochd e dhuinn cionn- 
us a chunnaic e aingeal 'na 
sheasamh 'na thigh, a thubhairt 
ris, Cuir daoine gu lopa, agus 
cuir fios air Simon, d' an co- 
ainm Peadar ; 

14 Neach a labhras briathra 
riut, leis an tèarnar" thu fèin ag- 
us do thigh uile. 

15 Agus an uair a thòisich mi 

' coitchionn. ^ saorar. 



GNIOMHARA, XL 



air labhairt, thuirling^ anSpiorad 
Naomh orra-san, mar oirnne air 
tùs. 

16 An sin chuimhnich mise 
focal an Tighearna, mar a thubh- 
airt e, Bhaist Eoin gun amharus 
le h-uisge ; ach baistear sibhse 
leis an Spiorad Naomh. 

17 Uime sin ma thug Dia 
dlioibh-san a cho-ionann tiodh- 
laca ruinne, a chreid anns an 
Tighearn losa Crìosd, cò mise 
gu 'm bithinn comasach bacadh a 
chur air Dia? 

18 Agus an uair a chual iad na 
nithe so, thosd iad, agus thug iad 
glòir do Dhia, ag ràdh, Thug 
Dia ma seadh mar an ceudna do 
na Cinnich aithreachas chum na 
beatha. 

19 A nis chaidh iadsan a sgap- 
adh a mach leis an àmhghar" a 
dh'èirich air son Stephain, gu 
ruig Phenice, agus Ciprus, agus 
Antioch, gun am focal a labh- 
airt ri aon neach ach ris na h- 
lùdhaich a mhàin. 

20 Agus bha cuid diubh o 
Chiprus, agus o Chirene, dream 
air dhoibh dol a steach do An- 
tioch, a labhair ris na Greugaich, 
a' searmonachadh an Tighearna 
losa. 

21 Agus bha làmh an Tìgh- 
earna maille riu: agus chreid 
àireamh mhòr, agus phill iad 
chum an Tighearn. 

22 Agus thàinig sgeula air na 
nithibh sin gu cluasaibh na h- 
eaglais a bha ann an lerusalem : 
agus chuir iad Barnabas uatha, 
chum gu 'n rachadh e gu An- 
tioch : 

' thuit. 2 triohlaìd. 
24G 



23 Neach an uair a thàinig e, 
agus a chunnaic e gràs Dhè, a 
rinn gàirdeachas, agus a dh'- 
earail orra uile, gu 'n dlùth-lean- 
adh iad ris an Tighearn le rùn 
cridhe. 

24 Oir bha e 'na dhuine maith, 
agus làn do 'n Spiorad Naomh, 
agus do chreidimh. Agus chuir- 
eadh sluagh mòr ris an Tighearn. 

25 An sin chaidh Barnabas gu 
Tarsus, a dh'iarraidh Shauil. 

26 Agus air dha fhaotainn, 
thug e leis e gu Antioch. Agus 
thàrladh, gu 'n robh iad rè bliadh- 
na iomlain air an cruinneach- 
adh maille ris an eaglais, agus 
gu 'n do theagaisg iad sluagh 
mòr ; agus gu 'n do ghoireadh 
Criosduidhean do na deisciob- 
luibh air tùs ann an Antioch. 

27 Agus anns na làithibh sin 
thàinig fàidhean o lerusalem gu 
Antioch. 

28 Agus air seasamh suas do 
aon diubh d' am b' ainm Agabus, 
dh' f hoillsich e troimh an Spiorad, 
gu 'm biodh gorta mhòr air feadh 
an domhain uile': ni mar an 
ceudna a thachair ri linn Chlau- 
diuis Cheasair. 

29 An sin chuir gach aon do 
na deisciobluibh roimhe, a rèir a 
chomais, còmhnadh a chur chum 
nam bràithrean, a bha chòmh- 
nuidh ann an ludea. 

30 Ni mar an ceudna a rinn 
iad, agus chuir iad e chum nan 
seanairean le làimh Bharnabais 
agus Shauil. 



na tire uile. 



GNIOMHARA, XTl. 



CAIB. XII. 

1 R'mnHerod geur-leanmhuinn airna Criosd- 
uidhibh, 2 mharbh e Seumas, 3 agus chuir 
e Peadar atn pì-wsan, neach a thugadh a 
mach leaingealtre ùrnuighibh na h-eaglaìs: 
23 Bhuaileadh Herod le aingeal, agus 
hhàsaich e gu truagh : 24 Shoirbhich focal 
De an deigh bàis Heroid. 

ANIS mu 'n àm sin, shm 
Herod an righ a làmhan, a 
dhèanamh uilc air dream àraidh 
do 'n eaglais. 

2 A^us mharbh e Seumas 
bràthair Eoin leis a' chlaidh- 
eamh. 

3 Agus an uair a chunnaic e 
gu 'n do thaitinn sin ris na h- 
lùdhaich, chaidh e air aghaidh a 
ghlacadh Pheadair mar an ceud- 
na. (Agus b' iad làithean an 
arain neo-ghoirtichte a bh' ann.) 

4 Agus ghlac e agus chuir e 
'm prìosan e, agus thug se e 
r' a ghlèidheadh do cheithir 
cheathrar shaighdearan, fa rùn a 
thoirt a mach do 'n t-sluagh an 
dèigh na càisge. 

5 Air an aobhar sin ghlèidh- 
eadh Peadar anns a' phrìosan : 
ach bha bith-ùrnuigh ' air a dèan- 
amh leis an eaglais ri Dia air a 
shon. 

6 Agus an uair a b' àill le 
Herod a thoirt a mach, san 
oidhche sin fèin bha Peadar 'na 
chodal eadar dithis shaighdear- 
an, ceangailte le dà shlabhruidh : 
agusbha'n luchd-faire fachomh- 
air an doruis a' coimhead a' 
phrlosain. 

7 Agus, feuch, thàinig aingeal 
an Tighearn air, agus dhealraich 
solus anns a' phrìosan : agus 
bhuail e taobh Plieadair, agus 

^ gnnth-ùrnuigh, sìor-àrnuìgh . • chuarain. 



dhùisg se e, ag ràdh, Eirich gu 
grad. Agus thuit a cheanglaiche 
d' a làmhaibh. 

8 Agus thubhairt an t-aing- 
eal ris, Crioslaich thu fèin, agus 
ceangail ort do bhonn-bhrògan ^ : 
agus rinn e mar sin. Agus 
thubhairt e ris,Tilg t' fhalluinn * 
umad, agus lean mise. 

9 Agvis chaidh e mach, agus 
lean se e ; agus cha robh fhios 
aige gu 'n robh e fìor an ni a 
rinneadh leis an aingeal: ach 
shaoil e gu 'm bu taisbean* a 
chunnaic e. 

10 Agus air dhoibh dol troimh 
'n cheud agus an dara faire, 
thàinig iad chum a' gheata iar- 
uinn a ta treòrachadh do 'n 
bhaile, a dh'fhosgail doibh leis 
fèin : agus air dol a mach dhoibh, 
chaidh iad air an aghaidh troimh 
aon sràid, agus air ball dh'fhalbli 
an t-aingeal uaith. 

11 Agus an uair a thàinig 
Peadar d' a ionnsuidh fèin, thubh- 
airt e, A nis tha f hios agam gu 
fìrinneach gu 'n do chuir an 
Tighearn 'aingeal uaith, agus 
gu 'n do shaor e mi o làimli 
Heroid, agus o uile dhùil pobuill 
nan lùdhach. 

12 Agus an uair a smuainich 
e air a chùis, thàinig e gu tigh 
Mhuire màthar Eoin, d' an co- 
ainm Marcus, far an robh mòran 
cruinn, agus iad ri ùrnuigh. 

13 Agus an uair a bha Peadar 
a' bualadh doruis a' gheata, 
thàinig gruagach d' am b' ainm 
Roda a dh'èisdeachd. 

14 Agus an uair a dh'aithnich 
i guth Pheadair, tre aoibhneas 

■* do bhrat, t' eudach-uachdair. '' shmllndk. 



GNIOMHARA, XII. XIII. 



cha d' fhosgail i an geata, ach 
ruitli i stigh, agus dh'innis i gu 
'n robh Peadar 'na sheasamh aig 
a' gheata. 

15 Ach thubhairt iad rithe, 
Tha thu air mh\-chèill, Ach 
bha ise toirt dearbh-chinnte ' gu 
'n robh e mar sin. An sin thubh- 
airt iad, Is e 'aingeal a ta ann. 

16 Ach bhuanaicli Peadar a' 
bualadh an doruis: agus an uair 
a dh'fhosgail iad, agus a chunn- 
aic iad e, bha iad làn uamhais. 

17 Ach air dhasan smèideadh 
orra le a làimh iad a bhi 'nan 
tosd, ehuir e 'n cèill doibh cionnus 
a tliug an Tighearn as a' phrìos- 
an e. Agus thubhairt e, Innsibh 
na nithe so do Sheumas agus do 
na bràithribh. Agus air dol a 
mach dha, chaidh e gu àit eile. 

18 Agus air teachd do 'n là 
bha iomairt^ nach bu bheag am 
measg nan saighdearan, ciod a 
thachair do Pheadar. 

19 Agus an uair a dh'iarr He- 
rod e, agus nach d'fhuair se e, 
rannsaich e an luchd-coimhead, 
agus dh'òrduich e an toirt air 
falbh cìmmpeanais. Agus chaidh 
e sìos o ludea gu Cesarea, agus 
rinn e còmhnuidh an sÌ7i. 

20 Agus bha fearg mhòr aig 
Ilerod ri muinntir Thiruis agus 
Shidoin : ach thàinig iadsan a 
dh'aon inntinn d' a ionnsuidh, ag- 
us, air dhoibh Blastus seomradair 
an rìgh a thoirt air an crann, 
dh' iarr iad sìth ; do bhrigh gu'n 
robh an tìr air a beathachadh 
le tìr an rìgh. 

21 Agus air là òrduichte, air do 
Herod bhi air a sgeudachadh le 

a cuthiichiiiUi. 2 buaireas. 



eudach rìoghail, agus 'na shuidhe 
air a rìgh-chaithir, labhair e gu 
deas-bhriathrach riu 

22 Agus rinn an sluagh iolach*, 
ag ràdh, Is guth Dè so, agus cha 
ghuth duine. 

23 Agus air ball bhuail aing- 
eal an Tighearn e, do bhrìgh 
nach d' thug e a' ghlòir do Dhia : 
agus dh'itheadh le cnuimhibh e, 
agus chaidh an deò as. 

24 Ach dh'fhàs focal an Tigh- 
earn agus mheudaicheadh e. 

25 Agus phill Barnabas agus 
Saul o lerusalem, air dhoibh 
ministrileachd a choimhlionadh, 
a' toirt leo mar an ceudna Eoin, 
d' an co-ainm Marcus. 

CAIB. XIII. 

1 Thaghadh Pòl agus Barnahas gu ddl vhum 
nan Cinneach. 7 Mu thimchioll Shergiuis 
Pauluis, agus Elimais an druidh, 14 
Shearmonaich Pòl aig Antioch, gur e losa 
an Cr'iosd. 42 Chreid na Cinnich, ach 
labl-.air na h-Iùdhaich an aghaidh na 
fìrinn. 

ANIS bha anns an eagiais a 
bha aig Antioch, fàidhean, 
agus luclid-teagaisg àraidh ; mai- 
a ta Barnabas, agus Simeon ris 
an abrar Niger, agus Lucius o 
Chirene, agus Manaen comh-alta 
Heroid ari Tetrairc, agus Saul. 

2 Agus air dhoibh bhi ri mi- 
nistrileachd do 'n Tighearn, agus 
a' trasgadh, thubhairt an Spiorad 
Naomh, Cuiribh air leth dhomh- 
sa Barnabas agus Saul, chum na 
h-oibre gus an do ghairm mi iad. 

3 An sin air dhoibh trasgadh 
agus ùrnuigh a dhèanamh, agus 
an lamhan a chur orra, leig iad 
uatha iad. 

4 Mar sin air dhoibh-san a bhi 

^ rinn e òraid doibh. * gàir. 



GNIOMHARA, XIII. 



air an cur a mach leis an Spiorad 
Naomh, chaidh iad sìos gu Seleu- 
cia ; agus o sin sheòl iad gu Ciprus. 

5 Agus air dhoibh bhi ann an 
Salamis, shearmonaich iad focal 
Dè ann an sionagogaibh nan 
lùdhach : agus bha mar an 
ceudna Eoin aca mar fhear- 
frithealaidh. 

6 Agus an uair a chaidh iad 
troimh an eilean gu Paphos, 
fhuair iad druidh àraidh, ìaidh 
brèige, lùdhach, d' am b' ainm 
Bariesus : 

7 Neach a bha maille ri Ser- 
gius Paulus an t-uachdaran, 
duine tuigseach ; air dhasan 
Barnabas agus Saul a ghairm d' 
a ionnsuidh, dh'iarr e focal Dè 
a chluinntinn. 

8 Ach chuir Elimas an druidh, 
(oir is ann mar so a dh'eadar- 
theangaichear ainm,) nan ^igh- 
aidh, ag iarraidh an t-uachdaran 
a thionndadh o 'n chreidimh. 

9 An sin air bhi do Shaul, (d' 
an goirear Pòl,) làn do 'n Spiorad 
Naomh, agus ag amharc gu geur 
ah', 

10 Thubhairt e, O thusa a ta 
làn do 'n uile cheilg, agus do 'n 
ùile dhroch-bheirt, a mhic an 
diabhuil, a nàmhaid na h-uile 
f hireantachd, nach sguir thu do 
fhiaradh slilighean dìreach an 
Tighearna ? 

11 Agus feuch a nis, tha làmh 
an Tighearn ort, agus bithidh tu 
dall, gun a' ghrian fhaicinn rè 
tamuill. Agus air ball thuit ceò 
agus dorchadas air ; agus a' 
tionndadli mu 'n cuairt, dh'iarr 
e dream a threòraicheadh air 

* làimh e. 

249 



12 An sin an uair a chunnaic 
an t-uachdaran an ni a rinneadh, 
chreid e, air dha bhi làn iong- 
antais mu theagasg an Tighearna. 

13 Agus air gabhail luinge 
do Phòl agus d' a chuideachd o 
Phaphos, thàinig iad gu Perga 
na Pamphilia : agus air do Eoin 
am fàgail, phill e gu lerusalem. 

14 Ach air dhoibh-san imeachd 
o Pherga, thàinig iad gu An- 
tioch na Pisidia, agus chaidh iad 
a steach do 'n t-sionagog air là 
na sàbaid, agus shuidh iad. 

15 Agus an dèigh leughadh 
an lagha agus nam Fàidhean, 
chuir uachdarain na sionagoig 
d' an ionnsuidh, ag ràdh, Fheara 
agus a bhràithre, ma tha focal 
earail agaibh do 'n t-shiagh, ab- 
raibh e. 

16 An sin an uair a sheas Pòl 
suas agus a smèid e orra le 
'làimh, thubhairt e, Fheara Is- 
raeil, agus sibhse air am bheil 
eagal Dè, èisdibh. 

17 Thagh Dia a' phobuill so 
Israeil ar n-aithriche, agus dh'- 
àrdaich e 'm pobull 'nuair a bha 
iad air choigrich ann an tìr na 
h-Eiphit, agus le làimh àrd thug 
e iad a mach aisde. 

18 Agus mu thimchioll ùine 
dhà fhichead bliadhna ghiùlain 
e le 'm beusaibh^ anns an f hàs- 
ach. 

19 Agus an uair a sgrios e 
seachd cinnich ann an tìr Cha- 
naain, roinn e am fearann orra- 
san le crannchur. 

20 Agus 'na dhèigh sin mu 
thimchioll ceithir cheud agus 
leth-cheud bliadhna, thug e 

' dh'altrum e iad. 



GNTOMHARA, XIII. 



dhoibh breitheamhna; gu Samuel 
am fàidh. 

21 Agus'na dhèigh sin dh'iarr 
iad rìgh : agus thug Dia dhoibh 
Saul mac Chis, duine do thrèibh 
Bheniamin, rè dhà fhichead 
bliadhna. 

22 Agus air dha e-san atharr- 
achadh, thog e suas Daibhidh 
gu bhi 'na rìgh dhoibh; d' an 
d' thug e mar an ceudna fianuis, 
ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac 
lese, duine a rèir mo chridhe 
fèin, a nì m' uile thoil. 

23 Do shliochd an duine so 
thog Dia suas do Israel, a rèir a 
gheallaidh, Slànuighear, eadhon 
losa : 

24 Air do Eoin roimh a 
theachd-san, baisteadh an aith- 
reachais air tùs a shearmonach- 
adh do phobull Israeil uile. 

25 Agus mar a choimhlion 
Eoin a thrialP, thubhairt e, An 
tì a ta sibh a' saoilsinn is mise, 
cha mhi e. Ach feuch, a ta 
neach a' teachd a' m' dhèigh, 
nach airidh mi air brògan a chos 
fhuasgladh. 

26 Fheara agus a bhràithre, a 
chlann fine Abrahaim, agus a 
mheud agaibh air am bheil eagal 
Dè, is ann do 'ur n-ionnsuidh-sa 
a chuireadh focal na slàinte so. 

27 Oir iadsan a ta chòmh- 
nuidh ann an lerusalera, agus 
an uachdarain, air dhoibh bhi 
aineolach air-san, agus air foc- 
laibh nam Fàidhean a ta air an 
leughadh gach sàbaid, le e-san a 
dhìteadh choimhlion siad iad. 

28 Agus ged nach d' fhuair 
iad coire bàis air bith ann, dh'- 

'' a thurus, a chnrsa. 
250 



iarr iad air Pilat gu 'n cuirteadh 
e-san gu bàs. 

29 Agus an uair a choimhlion 
iad na h-uile nithe bha sgrìobh- 
ta mu 'thimchioll, thug iad a 
nuas o 'n chrann e, agus chuir 
iad ann an uaigh e. 

30 Ach thog Dia suas o na 
marbhaibh e : 

31 Agus chunnacas e rè mòr- 
ain làithean leo-san a chaidh 
suas maille ris o Ghalile gu le- 
rusalem, dream a ta 'nam fian- 
uisibh dhasan do 'n t-sluagh. 

32 Agus a ta sinne a' soisg- 
eulachadh dhuibhse a' gheall- 
aidh^, a rinneadh do na h-aith- 
richibh, 

33 Gu 'n do choimhlion Dia so 
dhuinne an clann, air dha losa 
thogail suas ; mar a ta e sgriobh- 
ta mar an ceudna san dara Salm, 
Is tu mo Mhac-sa, an diugh ghin 
mi thu. 

34 Agus ìnaì' dhearhhadh gu 'n 
do thog e suas e o na marbhaibh, 
gun e a philltinn air ais tuilleadh 
chum truaillidheachd, thubhairt 
e mar so, Bheir mise dhuibh 
tròcaire cinnteach Dhaibhidh. 

35 Uime sin thubhairt e mar 
an ceudna ann an Salm eile, Cha 
'n f huiling thu do d' Aon Naomh 
gu 'm faic e truaillidheachd : 

36 Oir an dèigh do Dhaibhidh 
a ghinealach fèin a riarachadh 
a rèir toil Dhè, choidil e, agus 
chuireadh e chum aithriche,agus 
chunnaic e truaillidheachd : 

37 Ach an Tì a thog Dia suas, 
cha 'n f hac e truaillidheachd. 

38 Uime sin biodh fhios ag- 

2 ay innseadh deadh sgeil duìhhse eadhon o' 
ghenlluidh. 



GNIOMHARA, XIII. XIV. 



aibh-sa, f heara agus a bhràithre, 
gur ann tre 'n duine so a ta 
maitheanas pheacanna air a 
shearmonachadh dhuibh : 

39 Agus trid-san a ta gach 
neach a chreideas air a shaoradh 
o na h-uile nithibh, o nach robh 
e 'n comas duibh bhi air bhur 
saoradh le lagh Mhaois. 

40 Thugaibh aire uime sin, 
nach tig oirbh an ni a ta air a 
ràdh anns na Fàidhibh ; 

41 Feuchaibh, a luchd-tarcuis, 
agus gabhaibh iongantas, agus 
rachadh as duibh ^ : oir oibrichidh 
mise obair ann bhur làithibh-sa, 
obair nach creid sibh idir, ge do 
ohuireadh duine an cèill duibh 
e. 

42 Agus an uair a chaidh na 
h-Iùdhaich a mach as an t-sion- 
agog, ghuidh na Cinnich gu 'n 
rachadh na briathra so a labh- 
airt riu fèin an t-sàbaid 'na 
dhèigh sin. 

43 A nis an uair a sgaoil an 
coimhthional, lean mòran do na 
h-Iùdhaichagus do na proselitich 
chi'àbhach Pòl agus Barnabas : 
agus labhair iadsan riu, agus 
chuir iad impidh orra fuireach 
ann an gràs Dhè. 

44 Agus air an là sàbaid a 
b' fhaigse, is beag nach do 
chruinnich am baile gu h-iomlan 
a dh'èisdeachd ri focal Dè. 

45 Ach an uair a chunnaic na 
h-Iùdhaich na slòigh, lionadh 
iad le h-eud agus labhair iad an 
aghaidh nan nithe sin a labh- 
radh le Pòl, a' labhairt 'nan agh- 
aidh agus a' tabhairt toibheim. 

46 An sin dh'fhàs Pòl agus 

' rachaibh as aii t-scalladh. tnìith. 
251 



Barnabas dàna, agus thubhairt 
iad, B' èigin focal Dè bhi air a 
labhairt ribhse air tùs : ach do 
bhrìgh gu 'n do chuir sibh cùl 
ris, agus gur i bhur breth oirbh 
fèin nach airidh sibh air a' 
bheatha mhaireannach, feuch, a 
ta sinne a' pilltinn chum nan 
Cinneach. 

47 Oir is ann mar sin a dh'- 
àithn an Tighearna dhuinn, ac/ 
ràdh, Chuir mi thu mar sholus 
do na Cinnich, chum gu 'm 
bitheadh tu mar shlàinte gu iom- 
all na talmhainn. 

48 Agus an uair a chuala na 
Cinnich so, rinn iad gàirdeach- 
as, agus ghlòraich iad focal an 
Tighearna : agus chreid a mheud 
'sa bha òrduichte^ chum na 
beatha maireannaich. 

49 Agus sgaoileadh focal an 
Tighearna feadh na tire uile. 

50 Ach bhrosnuich na h-Iùdh- 
aich na mnài chràbhach agus 
urramach, agus daoine uaisle* 
na caithreach, agus thog iad 
geur-leanmhuinn air Pòl agus 
Barnabas, agus thilg iad a mach 
as an crìochaibh iad. 

51 Ach chrath iadsan duslach 
an cos dliiubh 'nan aghaidh, ag- 
us thàinig iad gu Iconium. 

52 Agus bha na deisciobuil air 
an lionadh le h-aoibhneas, agus 
leis an Spiorad Naomh. 

CAIB. XIV. 

1 Dhian-ruagadh Pòl agus Barnahas o Ico- 
nium. 8 Aig Listra leigheas Pòl criop- 
lach : uime sin mheasadh iad 'nan diath- 
aihh. 19 Chlachadh Pòl : 21 chaidh iad 
troimh iomadh eaglais, a' daingneachudh 
nan deisciohul ann an creidimh agus ann 

^ air an cur an òrdngh. * pr)omh-d''^oinc. 



GNIOMHARA, XIV. 



am foìghìdìn : 2G agus an uair a phill iad 
gu Antioch, dh'uithris iad na nithe a rinn 
Dia leo. 

AGUS thàrladh ann an Ico- 
nium, gu 'n deachaidh iad 
araon a steach do shionagog nan 
lùdhach, agus gu 'n do labhair 
iad air chor as gu 'n do chreid 
cuideachd mhòr do na h-Iùdh- 
aich, agus mar an ceudna do na 
Greugaich. 

2 Ach bhrosnuich na h-Iùdh- 
aich mhì-chreideach, agus lìon 
iad do dhroch rùn inntinn nan 
Cinneach an aghaidh nam bràith- 
re. 

.3 Uime sin dh'fhan iad aim- 
sir fhada a' labhairt gu dàna 
mu thimchioll an Tighearn, a 
rinn fianuis do fhocal a ghràis, 
agus a thug fa 'near comharan 
agus mìorbhuilean a bhi air an 
dèanamh le 'n làmhaibh-san. 

4 Ach bha sluagh a' bhaile 
air an roinn : agus bha cuid 
diubh leis na h-Iùdhaich, agus 
cuid eile leis na h-abstolaibh. 

5 Agus an uair a thugadh ionn- 
suidh araon leis na Cinnich, 
agus mar an ceudna leis na h- 
lùdhaich, maille r' an uachdaran- 
aibh, chum iadsan a mhaslach- 
adh agus a chlachadh, 

6 'Nuair a thuig iadsan so, 
theich iad gu Listra agus Derbe, 
bailte do Licaonia, agus chum 
na dùthcha mu 'n cuairt : 

7 Agus bha iad a' searmon- 
achadh an t-soisgeil an sin. 

8 Agus bha ann an Listra 
duine àraidh gun lùth 'na chos- 
aibh 'na shuidhe, a bha bacach o 
bhroinn a mhàthar, neach nach 
d' imich riamh : 



9 Chual e-san Pòl a' làbhairt : 
neach air dha amharc gu geur 
air, agus a thuigsinn gu robh 
creidimh aige chum a leigheas, 

10 Thubhairt e le guth àrd, 
Seas suas gu dìreach air do chos- 
aibh. Agus leum e-san agus 
dh'imich e. 

11 Agus an uair a chunnaic 
an sluagh an ni a rinn Pòl, thog 
iad an guth, ag ràdh ann an 
cànain Licaonia, Tha na Dèe 
air teachd a nuas an coslas 
dhaoine d' ar n-ionnsuidh-ne. 

12 Agus ghoir iad do Bhar- 
nabas, lupiter ; agus do Phòl, 
Mercurius, do bhrìgh gu 'm b' e 
am prìomh fhear-labhairt e. 

13 An sin thug sagart lupi- 
teir, a bha fa chomhair an caith- 
reach-san, tairbh agus blàth- 
fhleasgaidh' chum nan geata, 
agus b' àill leis ìobairt a dhèan- 
amh maille ris an t-sluagh. 

14 Ach an uair a chuala na 
h-abstoil Barnabas agus Pòl so, 
reub iad an eudach, agus ruith 
iad a steach am measg an t- 
sluaigh, ag èigheach, 

15 Agus ag ràdh, A dhaoine, 
c' ar son a ta sibh a' dèanamh 
nan nithe so ? oir is daoine sinne 
cosmhuil ribh fèin thaobh fulang- 
ais", a' searmonachadh dhuibhse, 
pilltinn o na nithibh dìomhain 
sin chum an Dè bheò, a rinn 
nèamh, agus an talamh, agus an 
cuan, agus na h-uile nithe a ta 
annta : 

16 Neach anns na linnibh a 
chaidh seachad, a dh'f huiling do 
na h-uile Chinnich imeachd 'nan 
slighibh fèin. 



' lus-chrìina. 

232 



2 aig um bheil comh-aìgne ribh fèin. 



17 Gidheadh, cha d' fhàg se e 
fèin gun fhianuis, a' dèanamh 
maith, agus a' toirt dhuinn uisge 
o nèamh, agus aimsire tarbhach, 
a' lìonadh ar cridheacha le biadh 
agus le subhachas. 

18 Agus ag ràdh nan nithe so 
dhoibh, is gann a chum iad an 
sluagh gun lobairt a dhèanamh 
dhoibh. 

19 Agus thàinig lùdhaich o An- 
tiochagus olconium,aguschomh- 
airlich iad.an sluagh, agus air 
dhoibh Pòl a chlachadh, tharr- 
uing iad a mach as a' bhaile 
e, a' saoilsinn gu robh e marbh. 

20 Ach air seasamh do na 
deisciobluibh m' a thimchioll, 
dh'èirich e, agus chaidh e steach 
do 'n bhaile ; agus air an là màir- 
each dli'imich e maille ri Bar- 
nabas gu Derbe. 

21 Agus an uair a shearmon- 
aich iad an soisgeul do 'n bhaile 
sin, agus a rinn iad mòran dheis- 
ciobul, phiU iad gu Listra, agus 
Iconium, agus Antioch, 

22 A' neartachadh anama nan 
deisciobul, agus ag earaiP orra 
buanachadh sa' chreidimh, agus 
a teagasg gur an tre lomadh 
amhghar is èigin duinn dol a 
steach do rìoghachd Dhè. 

23 Agus an uair a dh'òrduich 
iad seanairean dhoibh anns gach 
eaglais, agus a rinn iad ùrnuigh 
maille ri trasgadh, dh'earb siad 
iad ris an Tighearn, anns an do 
chreid iad. 

24 Agus an dèigh dhoibh dol 
troimh Phisidia, thàinig iad gu 
Pamphilia. 

25 Agus air dhoibh am focal a 

guidhe. 

253 



xrv. XV. 

labhairt ann am Perga, chaidh 
iad sìos gu Atalia : 

26 Agus sheòl iad as a sin gu 
Antioch, an t-àit o 'n d' earbadh 
iad ri gràs Dhè, chum na h-oibre 
a choimhlion iad. 

27 Agus an uair a thàinig iad, 
agus a chruinnich iad an eaglais 
an ceann a chèile, dh'aithris iad 
meud nan nithe a rinn Dia leo, 
agus gu 'n d' fhosgail e dorus 
creidimh do na Cinnich. 

28 Agus dh'fhan iad an sin 
aimsir nach bu bheag maille ris 
na deisciobluibh. 

CAIB. XV. 

1 Dh'eirich connsachadh mòr mu thimchtoU 
an timchioll-ghec.rraidh : 6 chnm na h- 
ahstoil comhairle mu 'n chùis sin, 22 agus 
chuir iad òrdugh na comhairle ann an lit- 
richibh chum nan eaglaisean. 36 Air do 
Phòl agus do Bharnahas hhi a' smuaineach- 
adh air dol araon a dh'amharc am bràithre, 
chuir iad a mach air a chèile, agus dheal- 
aich iad. 

AGUS theagaisg dream àr- 
aidh, a thàinig a nuas o 
ludea, na bràithre, ag ràdh, Mur 
timchioll-ghearrar sibh a rèir 
gnàtha Mhaois, cha 'n 'eil e 'n 
comas duibh bhi air bhur tèarn- 
adh^. 

2 Uime sin air do Phòl, agus 
do Bharnabas connsachadh agus 
deasboireachd nach bu bheag a 
bhi aca riu, dh'òrduich iad Pòl 
agus Barnabas, agus dream àr- 
aidh eile dhiubh fèin, a dhol 
suas chum nan abstol agus nan 
seanairean gu lerusalem mu 
thimchioll na ceisde so. 

3 Agus air dhoibh bhi air an 
toirt air an aghaidh leis an eag- 
lais, chaidh iad tròimh Phenice, 

^ slànuchadh. 



GNIOMHARA, XV. 



agus Shamaria, a' cur an cèill 
iompachaidh nan Cinneach : ag- 
us thug iad aoibhneas mòr do na 
bràithribh uile. 

4 Agus an uair a thàinig iad 
gu lerusalem, ghabhadh riu leis 
an eaglais, agus na h-abstolaibh, 
agus na seanairibh, agus dh'innis 
iad meud nan nithe a rinn Dìa 
leo-san. 

5 Ach dh'èirich dream àraidh 
do bharail nam Phàiriseach a 
bha 'nan creidich, ag ràdh, Gur 
còir an timchioll-ghearradh,agus 
àithneadh dhoibh lagh Mhaois a 
choimhead. 

6 Agus thàinig na h-abstoil 
agus na seanairean an ceann a 
chèile a dh'fheuchainn mu 'n 
chùis so. 

7 Agus an dèigh mòrain deasb- 
oireachd, dh'èirich Peadar agus 
thubhairt e riu, Fheara agi(s a 
bhràithre, tha fhios agaibh o 
cheann f hada gu 'n do ròghnuich 
Dia 'nar measg-ne, o m' bheul-sa 
gu 'n cluinneadh na Cinnich focal 
an t-soisgeil, agus gu 'n creid- 
eadh iad : 

8 Agus rinn an Dia d' an aithne 
an cridhe, fianuis dhoibh, a' tabh- 
airt an Spioraid Naoimh dhoibh, 
mar a thug e dhuinne ; 

9 Agus cha d' rinn e eadar- 
dhealachadh eadar sinne agus 
iadsan, a' glanadh an cridhe le 
creidimh. 

10 C' ar son uime sin a nis a 
ta sibh a' brosnuchadh Dhè', le 
cuing a chur air muineal nan 
deisciobul, nach robh aon chuid 
ar n-aithriche no sinne comasach 
air a giùlan ? 

' a' cur cathachaidh air Dia, a' dearbhadh Dhè, 
254 



11 Gidheadh a ta sinn a' creid- 
sinn, tre ghràs an Tighearna losa 
Crìosd, gu saorar sinn amhuil 
mar iadsan. 

12 An sin dh'fhan a' chuid- 
eachd uile 'nan tosd, agus thug 
iad èisdeachd do Bharnabas agus 
do Phòl, ag innseadh meud nan 
comhara agus nam miorbhuile 
a rinn Dia leo-san am measg nan 
Cinneach. 

13 Agus an dèigh dhoibh bhi 
'nan tosd, fhreagair Seumas, ag 
ràdh, Fheara agiis a bhràithre, 
èisdibh riumsa : 

14 Chuir Simeon an cèill cionn- 
us a dh'f hiosraich Dia na Cinnich 
air tùs, ]e pobull a ghabhail as 
am measg d' a ainm fèin. 

15 Agus do so tha briathra nam 
fàidhean a' co-f hreagairt ; a rèir 
mar a ta e sgrìobhta. 

16 An dèigh so piliidh mi, ag- 
us togaidh mi suas a rìs pàilliun 
Dhaibhidh, a ta air tuiteam ; agu? 
togaidh mi a rìs an ni a thui: 
deth, agus cuiridh mi suas e : 

17 Chum gu 'n iarr fuigheall 
nan daoine an Tighearn, agus 
na h-uile Chinnich, air an goir- 
ear m' ainm-sa, tha an Tighearn 
ag ràdh, a ta dèanamh nan nithe 
sin uile. 

18 Aithnichte do Dhia tha 
'oibre fèin uile o thoiseach an 
t-saoghail. 

19 Uime sin is i mo bhreth-sa, 
nach cuir sinn mì-shuaimhneas ^ 
orra-san do na Cinnich, a ta air 
pilltinn chum Dhè : 

20 Ach gu 'n sgriobh sinn d' an 
ionnsuidh, iad a sheachnadh 
truillidheachd ìodhola, agus 

^ dragh. 



GNIOMHARA. XV. 



striòpachais, agus ni taclidta, 
agus fola. 

21 Oir a ta aig Maois o na linn- 
ibh cian anns gach baile daoine 
a ta 'ga shearmonachadh, air dha 
bhi a leughadh gach là sàbaid 
anns na sionagogaibh. 

22 An sin chunnacas iomchuidh 
do na h-abstolaibh, agus do na 
seanairibh, maille ris an eaglais 
uile, daoine taghta dhiubh fèin 
a chur gu Antioch, maille ri Pòl 
agus Barnabas ; eadhon, ludas 
d' an co-ainm Barsabas, agus 
Silas, daoine inbheach am measg 
nam bràithre : 

23 Agus sgrìobh iad litriche 
leo air an dòigh so, Tha na h- 
abstoil, agus na seanairean, agus 
na bràithrean a' cur beannachd 
chum nam bràithre do na Cinn- 
ich a ta ann an Antioch, agus ann 
an Siria, agus ann an Cilicia : 

24 Do bhrìgh gu 'n cuala sinne, 
gu 'n do chuir dream àraidh a 
chaidh uainne mì-shuaimhneas 
oirbh le briathraibh, ag atharr- 
achadh ' bhur n-inntinn, ag ràdh, 
Gur còir dhuihh bhi air bhur 
limchioll-ghearradh, agus an lagh ! 
a choimhead ; do nach d' thug 
sinne a leithid sin a c?A'àithne : 

25 Chunnacas iomchuidh duinne, 
air dhuinn bhi cruinn a dh'aon j 
toil, daoine taghta a chur do 'ur | 
n-ionnsuidh-sa, maille ri ar hràith- \ 
rihh gràdhach Barnabas agus 
Pòl; 

26 Daoine a thug an anama fèin 
air son ainme ar Tighearna losa 
Crìosd. 

27 Chuir sjnn uime sin ludas 
agus Silas uainn, a dh'innseas 

' a' daingneachadh. 1 
255 I 



dhuihh na nithe ceudna le cainnt 
bheoil. 

28 Oir chunnacas iomchuidh 
do' n Spiorad Naomh, agus 
dhuinne, gu 'n ni air bith tuiU- 
eadh a chur oirbh a dh'uallaich 
ach na nithe feumail so ; 

29 Sibh a sheachnadh nithe a 
chaidh ìobradh do ìodholaibh, 
agus fola, agus ni tachdta, ag- 
us strìopachais : uatha so ma 
choimhideas sibh sibh fèin, nì 
sibh gu maith, Slàn leibh. 

30 Uime sin an uair a leigeadh 
uatha iad, thàinig iad gu Antioch : 
agus air cruinneachadh an t- 
shiaigh dhoibh, thug iad seachad 
an litir, 

31 Agus an uair a leugh iad 
sin, rinn iad gàirdeachas air son 
na comh-fhurtachd, 

32 Agus air bhi do ludas ag- 
us do Shilas 'nam fàidhibh iad 
fèin, le mòran bhriathraibh dh'- 
earailich, agus neartaich iad na 
bràithre. 

33 Agus air fuireach rè ùine 
dhoibh, leigeadh air falbh an sìth 
iad o na bràithribh chum nan 
abstol. 

34 Gidheadh chunnacas iom- 
chuidh do Shilas còmhnuidh a 
dhèanamh an sin, 

35 Dh'fhan Pòl mar an ceudna 
agus Barnabas ann an Antioch, 
a' teagasg agus a' searmonachadh 
maille ri mòran eile mar an 
ceudna, focail an Tighearna. ' 

36 Agus an dèigh làithean 
àraidh, thubhairt Pòl ri Barna- 
bas, Pilleamaid agus faiceamaid 
ar bràithre, anns.gach baile anns 
an do shearmonaich sinn focal an 
Tighearna, cionnus a ta iad. 



GNIOMHARA, XV. XVI. 



37 Agus b' àill le Barnabas 
iad a thoirt Eoin, d' an co-ainm 
Marcus leo. 

38 Ach cha do mheas Pòl gu 'm 
bu chòir dhoibh e-san,a dh'f halbh 
uatha o Phamphilia, agus nach 
deachaidh maille riu chum na 
h-oibre, a thoirt leo. 

39 Dh'èirich uime sin conspoid 
eatorra cho dian, as gu'n do sgar- 
adh o chèile iad : agus mar sin 
thug Barnabas leis Marcus, agus 
chaidh e air luing gu Ciprus ; 

40 Ach thagh Pòl Silas, agus 
dh'imich e, air dha bhi air earb- 
sadh ri gràs Dè leis na bràithribh. 

41 Agus shiubhail e troimh 
Shiria agus Chilicia, a' daing- 
neachadh^ 'nan eaglaisean. 

CAIB. XVI. 

1 Thimchioll-gheàrr Pòl Timoteus : 7 ghairm- 
eadh e leis an Spiorad o dhùthaich gu 
dùthaich ; 14 dh'iompaich e Lidia : 16 thilg 
e a mach spiorad fiosachd : 19 uime sin 
bha e fèin agus Silas àir an sgiùrsadh, agus 
air an cur am priosan. 26 Dh'fhosgladh 
dorsan a'phrwsain, agus dh'iompaicheadh 
an dorsair. 86 Chuireadh iadsan fa sgaoil. 

AN sin thàinig e gu Derbe 
agus Listra: agus, feuch, 
bha deisciobul àraidh an sin, d' 
am b' ainm Timoteus, mac mnà 
àraidh do 'n chinneach lùdhach, 
a bha 'na creideach ; ach bu 
Ghreugach a b' athair dha: 

2 A bha fo dheadh ainm aig 
na bràithribh a bha ann an Lis- 
tra agus ann an Iconium. 

3 Bha toil aig Pòl am fear so 
a dhol a mach maiìle ris ; agus 
ghabh e agus thimchioll-gheàrr 
se e, air son nan lùdhach a bha 
anns na h-àitibh sin : oir bha fìos 

1 a' ncartachadh. 
2£Q 



aca uile gu 'm bu Ghreugach 
'athair. 

4 Agus mar a shiubhail iad 
troimh na bailtibh, ithùg iad 
troimh na bailtibh, thug iad 
doibh na h-òrduighean r' an 
coimhead, a dh'òrduicheadh leis 
na h-abstolaibh agus na sean- 
airibh a bha ann an lerusalem, 

5 Agus mar sin bha na h- 
eaglaisean air an daingneachadh 
anns a' chreidimh, agus mheud- 
aicheadh iad gach là an àireamh. 

6 A nis an uair a chaidh iad 
troimh Phrigia, agus tìr Ghala- 
tia, agus a bhacadh dhoibh leis 
an Spiorad Naomh am focal a 
labhairt san Asia. 

7 An dèigh dhoibh teachd gu 
Misia, dh'fheuch iad ri dol gu 
Bitinia : acli cha do leig an 
Spiorad^ leo. 

8 Agus air dhoibh gabhail 
seachad air Misia, chaidh iad sìos 
gu Troas. 

9 Agus chunnacas sealladh^ le 
Pòl san oidhche : Sheas duine 
àraidh o Mhacedonia, agus 
ghuidh e air, ag ràdh, Thig 
thdiris gu Macedonia, agus cuid- 
ich leinne. 

10 Agus an uair a chunnaic 
e an sealladh, air ball dh'iari 
sinn dol thairis gu Macedonia, a' 
dearbh-thuigsinn gu 'n do ghairm 
an Tighearna sinn chum an sois- 
geul a shearmonachadh dhoibh. 

11 Uime sin air dhuinn long a 
ghabhail o Throas, thàinig sinn 
gu dìreach gu Samotracia, agus 
air an ìà 'na dhèigh sin gu Nea- 
polis ; 

12 Agus o sin gu Philipi, ceud* 

^ Spiorad losa. taisbean. * prìomh. 



GNIOMHARA, XVI. 



bliaile na cuid sin do Mhace- 
donia, agus V ùr-threabhachas^ e; 
agus bha sinn a chòmhnuidh anns 
a" bhaile sin làithean àraidh. 

13 Agus air là na sàbaid chaidh 
sinn a mach as a' bhaile ri taobh 
aimhne, far am b' àbhaist ùr- 
nuigh a dhèanamh^; agus air 
dhuinn suidhe, labhair sinn ris 
na mnaibh a ehruinnicheadh an 
siìi. 

14 Agus dh'èisd bean àraidh 
ruinn d' am b' ainm Lidia, bean- 
reicidh purpuir^, o bhaile Thia- 
tira, a bha dèanamh aoraidh do 
Dhia ; aig an d' fhosgail an Tigh- 
earn a cridhe, ionnus gu'n d' thug 
i aire do na nithibh a labhradh 
le Pòl. 

15 Agus an uair a bhaisteadh 
i, agus a teaghlach, ghuidh i 
oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh 
mise bhi dìleas do 'n Tighearn, 
thigibh a steach do m' thigh, 
agus dèanaibh còmhnuidli ann. 
Agus cho-èignich i sinn. 

16 Agus thàrladh, ag dol 
dhuinne chum ùrnuigh, gu 'n do 
thachair oirnn banoglach àraidh 
aig an robh spiorad fìosachd, 
a thug mòr-bhuannachd d' a 
maighstiribh le fiosachd a dhèan- 
amh : 

17 Lean ise Pòl agus sinne, 
agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad 
na daoine so seirbhisich an Dè 
a 's ro-àirde, a ta a' nochdadh 
dhuinne slighe na slàinte. 

18 Agus rinn i so rè mòrain 
do làithibh. Ach air do Phòl a 
bhi doilich, thionndaidh e agus 
thubhairt e ris an Spiorad, A 

' cholamhuin ; colony. Sasg. 
^ far am b' àbhaùst do thiyh ùrnu'gh a bhi. 
257 



ta mi toirt òrduigh dhuit ann 
an ainm losa Crìosd dol a mach 
aisde. Agus chaidli e mach air 
an uair sin fèin. 

19 Agus an uair a chunnaic 
a maighstirean gu 'n d' f halbh 
dòchas^ am buannachd, rug iad 
air Pòl agus air Silas, agus 
tharruing iad do 'n mhargadli 
iad, chum nan uachdaran ; 

20 Agus air dhoibh an toirt 
chum luchd-riaghlaidh a bhaile, 
thubhairt iad, Tha na daoine so 
a' buaireadh ar baile gu ro mhòr, 
air dhoibh bhi 'nan lùdhaich, 

21 Agus a ta iad a' teagasg 
ghnàthanna nach 'eil ceaduichte 
dhuinne a ghabhail no leantuinn, 
do bhrigh gur Romhanaich sinn. 

22 Agus dh'èirich ansluaghdh'- 
aon fheachd 'nan aghaidh : agus 
reub na h-uachdarain an eudach 
diubh, agus dh'àithn iad an sgiùrs- 
adh le slataibh. 

23 Agus an dèigh dhoibh iom- 
adh buille a leagadh orra, thilg 
iad am prìosan iad, a' toirt sparr- 
aidh do f hear-coimhead a' phrìos- 
ain an glèidheadh gu tèaruinte. 

24 Neach air dha an àithne sin 
f haotainn, a thilg iad do 'n phrìos- 
an a b' fhaide a stigh, agus a 
dhaingnich an cosa sa' cheap. 

25 Agus mu mheadhon-oidhche 
air do Phòl agus do Shilas ùr- 
nuigh a dhèanamh, sheinn iad 
laoidh-mholaidh do Dhia; agus 
chuala na prìosanaich iad. 

26 Agus gu h-obann bha crìth- 
thahnhainn mhòr ann, air chor 
as gu 'n do ehrathadh bunaitean 
a' phrìosain : agus air ball dh'- 

' coraxir. 
* earbsa. 



GNIOMHARA, XVI. XVII. 



fhosgladh na dorsan uile, agus 
dh'f huasgladh cuibhreacha gach 
neach aca. 

27 Agus air do fhear-coimh- 
ead a' phrìosain dùsgadh à codal, 
agus air faicinn dorsa a' phrìos- 
ain fosgailte, tharruing e a 
chlaidheamh, air ti' e fèin a 
mharbhadh, a' saoilsinn gu robh 
na prìosanaich air teicheadh. 

28 Ach ghlaodh Pòl le guth 
àrd, ag ràdh, Na dèan cron sam 
bith ort fèin ; oir tha sinn uile 
an so. 

29 Agus air gairm soluis dasan, 
leum e steach, agus thàinig e air 
chrith, agus thuit e sìos an làth- 
air Phòil agus Shilais ; 

30 Agus air dha an toirt a 
mach, thubhairt e, A mhaigh- 
stirean, ciod is còir domh a 
dhèanamh chum gu tèarnar^ mi? 

31 Agus thubhairt iadsan, 
Creid anns an Tighearna losa 
Criosd, agus tèarnar thu fèin, 
agus do thigh. 

32 Agus labhair iad focal an 
Tighearna ris, agus riusan uile 
a bha 'na thigh. 

33 Agus air dha an toirt leis 
air an uair sin fèin do'n oidh- 
che, nigh e an creuchdan ; agus 
bhaisteadh e fèin, agus a mhuinn- 
tìr uile, gun dàil. 

34 Agus an uair a thug e d' a 
thigh iad, chuir e bòrd rompa, 
agus rinn e gàirdeachas maille 
r' a theaghlach uile, a' creidsinn 
ann an Dia. 

35 Agus air teachd do 'n là 
chuir an luchd-riagldaidh na, 
maoir uatha, ag ràdh, Leig air 
an comas na daoine sin. 



36 Agus dh'innis fear-coimh- 
ead a' phrìosain na briathra so 
do Phòl, Gu 'n do chuir an luchd- 
riaghlaidh fios uatha sibhse a 
leigeadh as : uime sin rachaibh 
a mach, agus imichibh an sìth, 

37 Ach thubhairt Pòl riu, an 
dèigh dhoibh ar sgiùrsadh gu 
follaiseach gun ar dìteadh, agus 
gur Romhanaich sinn, thilg iad 
am prìosan sinn ; agus a nis am 
b' àiU leo ar cur a mach an 
uaignidlieas ? cha 'n eadh gu 
deimhin ; ach thigeadh iad fèin 
agus thugadh iad a mach sinn. 

38 Agus dh'innis na maoir na 
briathra sin do na h-uachdar- 
anaibh : agus ghabh iad eagal 
an uair a chual iad gu'm bu 
Romhanaich iad. 

39 Agus thàinig iad agus chuir 
iad impidh orra, agus air dhoibh 
an toirt a mach, ghuidh iad 
orra imeachd a mach as a' bhaile. 

40 Agus air dol a mach as a' 
phriosan doibh, chaidh iad a 
steach do thigh Lidia: agus an 
uair a chunnaic iad na bràithre, 
thugiad comh-fhurtachd dlioibh, 
agus dh'imich iad rompa. 

CAIB. xvir. 

1 Shenrmonaich Pòl aig Tesalonica, ifar an 
do chreid cuid agus an d'rinn cuid eile geur- 
leanmhuinnair. 10 Chuireadh e ffu Berea, 
rgus shearmonaich e an siji. 13 Rinneadh 
geur-leanmhuinn air ; 15 thùinig e gu haile 
na h-Aithne, agus shearinonaich e dhoibh 
an Dia beò : 34 tha cuid air an iompachadh 
gu Criosd. 

ANIS air dhoibh imeachd 
troimh Amphipolis, agus 
Apotonia, thàinig iad gu Tesa- 
lonica, far an robh sionagog aig 



^ fa rùn. 

258 



* saorar, slànuichear. 



GNIOMHARA, XVIT. 



na h-Iùdliaich : 

2 Agus mar bu ghnàth le Pòl, 
chaidh e steach d' an ionnsuidh, 
agus air trì làithibh sàbaid 
reusonaich^ e riu as na sgriob- 
tuiribh, 

3 'Gam fosgladh agus a' dearbh- 
adh gu 'm b' èigin do Chrìosd 
fulang, agus èirigh a rìs o na 
marbhaibh: agus gur e an t-Iosa 
so, a ta mise a' searmonachadh 
dliuibh, Crìosd. 

4 Agus chreid cuid diubh, agus 
lean iad ri Pòl agus ri Silas : 
agus do na Greugaich chràbhach 
buidheann mhòr, agus do na 
mnaibh inbheach àireamh nach 
bu bheag. 

5 Ach air do na h-Iùdhaich 
mì-chreideach bhi air am bros- 
nuchadh le tnùth^, ghabh iad 
d' an ionnsuidli droch dhaoine 
àraidh do na corraibh-margaidh', 
agus air tional cuideachd mòire 
dhiubh, chuir iad am baile uile 
thar a chèile, agus chuairtich 
iad tigh lasoin, agus dh'iarr 
iad an toirt a mach chum an 
t-sluaigh. 

6 Agus an uair nach d' fhuair 
siad iad, tharruing iad lason, 
agus bràithrean àraidh chum 
uachdaran a' bhaile, ag èigheach, 
Tha na daoine so a chuir an 
saoghal bun os ceann, air teachd 
an so mar an ceudna ; 

7 D' an d' thug lason aoidh- 
eachd : agus a ta iad so uile a' 
cur an aghaidh òrduigh Cheasair, 
ag ràdh, Gu bheil rìgh eile ann, 
eadhon losa. 

8 Agus chuir iad buaireas* fo'n 

' thagair. ' farmad, eud, 
' do 'n ghràìsg. 
259 

V 



t-sluagh, agus fo uachdarain a' 
bhaile, 'nuair a chual iad na 
nithe so. 

9 Agus an uair a ghabh iad 
urras * o lason, agus o chàch, leig 
iad uatha iad. 

10 Agus air ball chuir na 
bràithre Pòl agus Silas san oidh- 
che gu Berea: agus air teachd 
dhoibh-san an sin, chaidh iad a 
steach do shionagog nan lùdh- 
ach. 

11 Bha iad sin ni b' uaisle na 
muinntir Thesalonica, oir ghabh 
iad am focal d' an ionnsuidh leis 
an uile thogradh, a' rannsachadh 
nan sgriobtuir gach aon là, a 
dKfheuchainn an robh na nithe 
sin mar so. 

12 Uime sin chreid mòran 
diubh : agus mar an ceudna do 
mhnaibh uaisle do na Greugaich, 
agus do fhearaibh àireamh nach 
bu bheag. 

13 Ach an uair a thuig na 
h-Iùdhaich o Thesalonica gu 'n 
do shearmonaicheadh focal Dè 
le Pòl am Berea, thàinig iad an 
sin mar an ceudna, a' brosnuch- 
adh an t-sluaigh. 

14 An sin air ball chuir na 
bràithrean uatha Pòl, chum gu'n 
rachadh e mar gu b' ann chum 
na mara : ach dh'f han Silas agus 
Timoteus an sin fathast. 

15 Agus threòraich . luchd- 
coimheadachd Phòil e gu haile 
na h-Aithne'' ; agus air faghail 
àithne dhoibh gu Silas agus Ti- 
moteus, iad a theachd d' a ionn- 
suidh-san mar bu hiaithe, dh'- 
imich iad rompa. 

^ tuairgne, gluasachd. ' daingncnchadh. 
^ Athens. Sasg. ' 



GNIOMHARA, XVII. 



16 A nis am feadh a bha Pòl 
a' feitheamh riu san Aithne, bha 
a spiorad air a bhrosnuchadh' 
ann, do bhrigh gu'm fac e am 
baile làn ìodhol-aoraidh. 

17 Air an aobhar sin rinn e 
deasboireachd ris na h-Iùdhaich, 
agus ris na daoinibh cràbhach 
anns an t-sionagog, agus air a' 
mhargadh gach là riu-san a 
thachair air. 

18 An sin thug feallsanaich^ 
àraidh do na h-Epicuraich, agus 
do na Stoicich, aghaidh air ; agus 
thubhairt cuid, Ciod a b' àill leis 
an fhear bhith-bhriathrach so a 
ràdh ? thubhairt cuid eile, Is 
cosmhuil gu bheil e a' searmon- 
achadh dhèe coimheach ; do 
bhrìgh gu'n do shearmonaich e 
dhoibh losa, agus an aiseirigh. 

19 Agus rug iad air, agus thug 
iad leo e gu Areopagus, ag ràdh, 
Am feud sinn fìos f haotainn ciod 
e an teagasg nuadh^ so, a labhrar 
leat? 

20 Oir a ta. thu toirt nithe 
àraidh neo-ghnàthach chum ar 
cluasan : b' àill leinn uime sin fios 
fhaotainn ciod is ciall doibh sin. 

21 (Oir cha do chaith muinntir 
na h-Aithne uile, agus a' choig- 
rich a bha air chuairt 'nam 
measg, an ùine ri ni air bith eile, 
ach ri innseadh, no ri cluinntinn 
noimheachd èigin.) 

22 An sin air seasamh do 
Phòl am meadhon Areopaguis, 
thubhairt e, A mhuinntir na h- 
Aithne, tha mi faicinn gu bheil 
sibh anns na h-uile nithibh 
cràbhach thar tomhas : 

' bhuaireadh. 

^ daoine foghlumta, eagnuidhean. 

260 



23 Oir air dhomh bhi dol 
seachad, agus ag amharc air 
bhur nithibh naomha, fhuair mi 
altair air an robh an sgrìobh- 
adh so, DO'N DIA NEO- 
AITHNICHTE. Uime sin e-san 
d' am bheil sibh a' dèanamh aor- 
aidh gun eòlas agaibh air, is e a 
ta mise a' searmonachadh dhuibh. 

24 An Dia a rinn an saoghal, 
agus na h-uile nithe a ta ann, 
do bhrìgh gur e fèin Tighearna 
nèimh agus na talmhainn, cha 'n 
'eil e gabhail còmhnuidh ann an 
teampluibh làmh-dhèanta : 

25 Ni mò a bheirear aoradh 
dha le làmhaibh dhaoine, mar 
gu 'm biodh uireasbhuidh ni sam 
bith air ; oir is e fèin a ta toirt 
do na h-uile beatha, agus anail, 
agus nan uile nithe : 

26 Agus rinn e dh'aon fhuil 
uile chinnich dhaoine, chum iad 
a ghabhail còmhnuidh air agh- 
aidh na talmhainn uile, agus 
shònraich'^ e na h-amanna roimh- 
òrduichte, agus crìochan an àite- 
còmhnuidh ; 

27 Chum gu 'n iarradh iad an 
Tighearn, a dh'fheuchainn an 
tàrladh dhoibh, le mìn-rannsach- 
adh, gu 'm faigheadh iad e, ged 
nach'eil e fada o gach aon ag- 
ainn : 

28 Oir annsan tha sinn beò, ag- 
us a' gluasad, agus tha ar bith 
againn ; mar a thubhairt mar an 
ceudna dream àraidh do 'ur bàrd- 
aibh fèin, Oir is sinne fòs a 
ghineal-san. 

29 Uime sin do bhrìgh gur 
sinne gineal Dè, cha chòir dhuinn 

^ nomha. 
* ^huidhinh. 



GNIOMHARA, 



XVII. XVIII. 



a shaoilsinn gu bheil an Diadh- 
achd cosmhuil ri h-òr, no ri h- 
airgiod, no ri cloich, nithe a 
ghearradh^ le h-ealadhain agus 
innleachd dhaoine. 

30 A nis air do Dhia amharc 
thairis air aimsiribh an aineolais 
so, tha e nis ag àithneadh do na 
h-uile anns gach àit aithreachas 
a dhèanamh : 

31 Do bhrigh gu 'n do shuidh- 
ich e là anns an toir e breth air 
an t-saoghal am fìreantachd, tre 
'n duine sin a dh'òrduich e ; 
agus air so thug e dearbhadh do 
na h-uile dhaoinibh, le e-san a 
thogail suas o na marbhaibh. 

32 Agus an uair a chual iad 
mu aiseirigh nam marbh, rinn 
cuid diubh fanoid : ach thubh- 
airt cuid eile, Eisdidh sinn riut 
a rìs mu 'n ni so. 

33 Agus mar sin chaidh Pòl a 
mach as am meadhon. 

34 Gidheadh, lean cuid do 
dhaoinibh ris, agus chreid iad. 
'Nam measg so bha Dionisius an 
t-Areopagach, agus bean d' am 
b' ainm Damaris, agus dream eile 
maille riu. 

CAIB. XVIII. 

1 Rinn Pbl obatr le a lànìliaìbh fein, ayus 
shearmonaich e do na Ciniiich ann un Co- 
rintus : 9 Thug an Tigheurn misneach dha 
ann an taisbean : 12 chaidh u chusaid uu 
luthair un uachdarain Ghalio, ach kigeadh 
as e: 18 'iia dhiigh sin, chaidh e o bhuile 
gu baile, agns neartaich e na deisciobuil, S;c- 

AN dèigh nan nithe so, dh'- 
fhàg Pòl baile na h-Aithne, 
agus thàinig e gu Corintus ; 

2 Agus fhuair e lùdhach àr- 
aidh d' am b' ainm Acuila, a rug- 

' o dhualadh, a ghràbhaladh. ^ reitsomùch. 
261 



adh am Pontus, air iir-theachd 
as an Eadailt, maille r' a mhnaoi 
Priscila, (a chionn gu 'n d' òrd- 
uich Claudius do na h-Iùdhaich 
uile an Ròimh fhàgail,) agus 
thàinig e d' an ionnsuidh. 

3 Agus a chionn gu 'n robh e 
a dh'aon cheird riu, dh'fhan e 
maille riu, agus bha e ag obair, 
(oir bu cheird doibh bhi dèan- 
amh phàilliuna.) 

4 Agus thagair'^ e anns an t-sion- 
agog gacli aon là sàbaid, agus 
chuir e impidh air lùdhaich 
agus Greugaich. 

5 Agus an uair a thàinig Silas 
agus Timoteus o Mhacedonia, 
bha Pòl air a theannadh 'na spior- 
ad, agus rinn e fianuis do na h- 
lùdhaich, gu 'm b' e losa an 
Crìosd. 

6 Agus an uair a chuir iad 'na 
aghaidh, agus a labhair iad toi- 
b}ieum, chrath e 'eudach, agus 
thubhairt e riu, Biodh bhur fuil 
air bhur ceann fèin ; tìia mise 
glan : à so suas thèid mi chum 
nan Cinneach. 

7 Agus chaidh e as a sin, agus 
thàinig e gu tigh duine àraidh, 
d' am b' ainm lustus, a bha dèan- 
amh aoraidh do Dhia, agus aig 
an robh a thigh làimh ris an t- 
sionagog. 

8 Agus chreid Crispus, priomh^ 
uachdaran na sionagoig anns an 
Tighearna, maille r' a theaghlach 
uile : agus chreid mòran do na 
Corintianaich, air dhoibli èisd- 
eaehd ris, agus bhaisteadh iad. 

9 An sin tliubhairt an Tighearn 
ri Pòl ann an sealladh^ san oidh 
che, Na biodh eagal ort, ach 

^ àrd. ^ taisbcu7i 



GNIOMHARA, XVin. 



labhair, agus na bi a' d' thosd : 

10 Oir a ta mise maille riut, 
agus cha toir duine sam bith 
ionnsuidh ort, chum do chron a 
dlièanamh : oir a ta mòr-shluagh 
agam-sa anns a' bhaile so. 

11 Agus dh'f han e bliadhna ag- 
us sè mìosan an sin, a' teagasg 
focail Dè 'nam measg. 

12 Agus an uair a bha Galio 
'na uachdaran air Achaia, dh'- 
èirich na h-Iùdhaich a dh'aon 
inntinn an aghaidh Phòil, agus 
thug iad e gu caithir a' bhreith- 
eanais, 

13 Ag ràdh, Tha 'n duine so a' 
comhairleachadh dhaoine aoradh 
a dhèanamh do Dhia an aghaidh 
an lagha. 

14 Agus an uair a bha Pòl dol 
a dh'f hòsgladh a bheoil, thubh- 
airt Galio ris na h-Iùdliaieh, Nam 
b' eucoir no droch ghnìomh a 
bhiodh ann, O lùdhacha, bu reu- 
sonta, gu 'n giùlaininn leibh : 

15 Ach ma 's ceisd a ta ann 
timchioU fhocla agus ainmean, 
agus bhur lagha fèin, amhaircibh 
fèin air sin ; oir cha 'n àill leam- 
sa bhi m' bhreitheamh air an 
leithidibh sin do nithibh. 

16 Agus dh'fhuadaich e iad o 
chaithir a' bhreitheanais. 

17 An sin rug na Greugaich 
uile air Sostenes, uachdaran na 
sionagoig, agus ghabh iad air an 
làthair caithir a' bhreitheanais : 
agus cha do ghabh Galio suim 
do ni sam bith dhiubh sin. 

18 Agus dh'fhan Pòl fathast 
ùine mhaith sd hhaile sin, agus 
an sin an dèigh a chead a ghabh- 
ail do na bràithribh, chaidh e air 

' a lomadh. * an fhèisd, 

262 



luing o sin gu Siria, agus maille 
ris-san Priscila agus Acuila ; an 
dèigh a cheann a bhearradh ^ ann 
an Cenchrea : oir bha bòid air. 

19 Agus thàinig e gu h-Ephe- 
sus, agus dh'fhàg e iadsan an 
sin : ach chaidh e fèin a steach 
do 'n t-sionagog, agus reuson- 
aich e ris na h-Iùdhaich. 

20 Agus an uair a dh'iarr iad 
air fuireach maille riu ni b' 
f haide, cha d' aontaich e : 

21 Acli ghabh e a chead diubh, 
ag ràdh, Is èigin domh air gach 
aon chor an fhèilP so a ta teachd 
a choimhead ann an lerusalem : 
ach pillidh mi a rìs do 'ur n- 
ionnsuidh-sa, ma 's toil le Dia. 
Agus sheòl e o Ephesus. 

22 Agus thàinig e tir aig Ce- 
sarea, agus air dha dol suas agus 
fàilt a chur air an eaglais, chaidh 
e sìos gu Antioch. 

23 Agus an uair a dh'fhan e 
rè tamuill an sin, dh'imich e, 
agus chaidh e an òrdughUroimh 
thir Ghalatia uile agus Phrigi.i, 
a' neartachadh nan deisciobul 
uile. 

24 Agus thàinig gu h-Ephesus 
lùdhach àraidh d' am b' ainm 
Apollos, a rugadh an Alecsan- 
dria, duine deas-bhriathrach, ag- 
us cumhachdach anns na sgriob- 
tuiribh. 

25 Bha 'n duine so air a theag- 
asg ann an slighe an Tighearn ; 
agusair dha bhi dian' 'na spiorad, 
labhair agus theagaisg e gu dì- 
chiollach na nithe a bhuineadh 
do 'n Tighearn, agus gun eòlas 
aige ach air baisteadh Eoin. 

26 Agus thòisich e air labhairt 

' an eayar. 4 teth. 



GNIOMHARA, XVIII. XIX. 



gu dàna san t-sionagog. Agus 
air do Acuila agus do Phris- 
cila a chluinntinn, ghabh iad d' 
an ionnsuidh e, agus mhìnich 
iad dha slighe Dhè ni bu choimh- 
lionta. 

27 Agus an uair bu mhiann 
leis dol gu Achaia, an dèigh a 
chomhairleachadh, sgrìobh na 
bràithre chum nan deisciobul 
iad a ghabhail ris: neach, air 
dha teachd, a rinn còmhnadh^ 
mòr riu-san a chreid tre ghràs : 

28 Oir le mòr-dhìchioll rinn 
e deasboireachd^ ris na h-Iùdh- 
aich gu follaiseach, a' dearbhadh 
leis na sgriobtuiribh, gur e losa 
an Crìosd. 

CAIB. XIX. 

1 Tha an Spiorad JVaomh air a thahhairt le 
lamhaìbh Phòìl. 9 Thug nà h-Iùdhaich 
toibheum d' a theagasg, a hha air a dhaing- 
neachadh le mìorhhniUhh. 13 Bhuaileadh 
na h-Iàdhaich a hha cur spiorada fo gheas- 
aibh leis anDiahhul. 19 Loisgeadh leabh- 
raiche druidheachd. 2-1 Air ghaol huann- 
achd d' a fèin bhuair Demetrius am pobull 
an aghaidh Phòil. 

AGUS thàrladh, 'nuair a bha | 
Apollos ann an Corintus, 
air do Phòl dol troimh na crìoch- 
aibh uachdarach, gu 'n d' thàinig 
e gu Ephesus. Agus air faotainn j 
dheisciobul àraidh, ! 

2 Thubhairt e riu, An d' f huair 
sibh an'Spiorad Naomh o chreid 
sibh? Agus thubhairt iadsan ris, 
Cha chuala sinn uiread as gu 
bheil Spiorad Naomh ann. 

3 Agus thubhairt e riu, Ciod 
ma seadh anns an do bhaisteadh 
sibh? Agus thubhairt iadsan, 
Am baisteadh Eoin. 

4 An sin thubhairt Pòl, Bhaist 

' cògmhnadh, congnamh. 

263 l 



Eoin gu deim.hin le baisteadli 
an aithreachais, ag ràdh ris an t- 
sluagh, iadsan a chreidsinn anns 
an neach a bha gu teachd 'na 
dhèigh-san, sin r' a ràdh, ann an 
losa Crìosd. 

5 Agus an uair a chual iad so, 
bhaisteadh iad ann an ainm an 
Tighearna losa. 

6 Agus air do Phòl a làmhan 
a chur orra, thàinig an Spiorad 
Naomh orra ; agus labhair iad le 
teangaibh, agus rinn iad fàidh- 
eadaireachd. 

7 Agus bha ann uile timchioll 
dà f hear dheug. 

8 Agus chaidh e-san a steach 
do 'n t-sionagog, agus labhair e 
gu dàna rè thrì miosan, a' deas- 
boireachd agus a' comhairleach- 
adh nan nithe a bhuineas do 
rìoghachd Uhè. 

9 Ach an uair a chruadhaich- 
eadh cuid, agus nach do chreid 
iad, ach a labhair iad olc mu 'n 
t-slighe sin an làthair an t- 
sluaigh, dh'f hàg e iad, agus sgar 
e na deisciobuil uatha, agus bha 
e gach là a' deasboireachd ann 
an sgoil neach àraidli d' am V 
ainm Tirannus. 

10 Agus rinneadh so rè dhà 
bhliadhna; air chor as gu 'n 
cuala luchd-àiteachaidh na li- 
Asia uile, eadar lùdhaich agus 
Ghreugaich, focal an Tighearna 
losa. 

11 Agus rinn Dia mìorbhuilean 
nach bu bheag le làmhaibh 
Phòil: 

12 Air chor as gu 'n d' tliugadh 
o 'chorp-san chum nan daoine 
tinne, neapaicinne no aprain, 

^ lc mòr-spaii n thagair e. 



GNIOMHARA, XIX. 



agus gu 'n d' fhalbh an euslaint- 
eaii uatha, agus gu deachaidh na 
droch spioraid a mach asda. 

13 Agus ghabh dream àraidh 
do na h-Iùdhaich, a bha 'g im- 
eachd o àit gu h-àit, a' cur 
spiorada fo gheasaibh^ os làimh 
ainm an Tighearna losa ainm- 
eachadh os ceann na muinntir 
sin anns an robh droch spioraid, 
ag ràdh, Cuireamaid fo gheas- 
aibh sibh tre losa a ta Pòl a' 
searmonachadh. 

14 Agus bha aig Scebha lùdh- 
ach àraidh, aon do na h-àrd-shag- 
artaibh, seachdnar mhae a bha 
dèanamh so. 

15 Agus fhreagair an droch 
spiorad, agus thubhairt e, Tha 
eòlas agam air losa, agus is 
aithne dhomh Pòl : ach cò 
sibhse ? 

16 Agus leum an duine anns 
an robh an droch spiorad orra, 
agus air dha làmh an uachdar 
fhaotainn òrra, thug e buaidh 
orra, air chor as gu 'n do theich 
iad a mach as an tigh sin lom- 
nochd agus reubta. 

17 Agus fhuair na h-Iùdhaich 
uile agus mar an ceudna na 
Greugaich a bha thàmh ann an 
Ephesus fios air so ; agus thuit 
eagal orra uile, agus bha ainm 
an Tighearna losa air àrdachadh. 

18 Agus thàinig mòran diubh- 
san a chreid, ag aideachadh, ag- 
us ag innseadh an gniomhara. 

19 Agus thug mòran diubhsan 
a bha gnàthachadh dhroch inn- 
leachda an leabhraiche leo, ag- 
us loisg siad iad am fianuis nan 
uile: agus dh'àireamh iad an 

' a' cur spiorada fo mhionnaibh, a' tilgeadh 
a mach spiorada. 

264 



luach, agus f huair iad e 'na leth- 
cheud mile bonn airgid. 

20 Mar sin le cumhachd dh'- 
fhàs agus bhuadhaich focal An 
Tighearn. 

21 Agus an uair a choimh- 
lionadh na nithe so, chuir Pòl 
roimhe 'na spiorad, an dèigh 
dha imeachd troimh Mhacedonia, 
agus Achaia, dol gu lerusalem, 
ag ràdh, An dèigh dhomh bhi 
an sin, is èigin domh an Ròimh 
fhaicinn mar an ceudna. 

22 Agus air dha dithis dhiubh- 
san a bha frithealadh dha, Ti- 
moteus, agus Erastus, a chur do 
Mhacedonia, dh'fhan e fèin rè 
tamuill san Asia. 

23 Agus dh'èirich mu 'n àm 
sin iomairt^ nach bu bheag mu 
thimchioU na slighe sin. 

2i Oir bha ceard-airgid àr- 
aidh d' am b' ainm Demetrius 
ann, a bha dèanamh theampull 
airgid^ do Dhiana, agus a thug 
buannachd nach bhu bheag do 'n 
luchd-ceirde ; 

25 Agus air dha iadsan a 
chruinneachadh an ceann a 
chèile, agus a' mhuinntir eile a 
bha dh'aon cheird riu, thubhairt 
e, Fheara, tha f hios agaibh gur 
ann o 'n cheird so a ta ar beartas* 
againne : 

26 Os bàrr, tha sibh a' faicinn 
agus a' chnnntinn gu bheil am 
Pòl so le 'chomhairle air tionn- 
dadh air falbh sluaigh mhòir, 
cha 'n e a mhàin ann an Ephe- 
sus, ach cha mhòr^ san Asia uile, 
ag ràdh, Nach dèe iad a nithear 
le làmhaibh : 

27 Air chor as nach e mhàin 



buaireas. 
saibhreas. 



' dealbh-theampulL 
' air bheag nithe. 



GNIOMHARA, XIX. XX. 



gu bbeil e 'n cunnart gu 'n 
dèanar tàir air ar ceird ; acb mar 
an ceudna gu cuirear teampuU 
na ban-dè mòire Diana an neo- 
pbrìs, agus gu claoidbear a mòr- 
acbd-sa, d' am bbeil an Asia uile, 
agus an domban a' dèanamb 
aoraidb. 

28 Agus an uair a cbual iadsan 
so, llonadli le feirg iad, agus 
gblaodli iad, ag ràdb, Is mòr 
Diana nan Epbesianacb. 

29 Agus bba am baile uile air 
a lìonadb le mi-riagbailt : Agus 
ruitb iad a db'aon toil cbum 
àite-cruinnicb an t-sluaigb, a' 
tarruing leo Gbaiuis agus Aris- 
tarcbuis ]\Iacedonaicb, lucbd 
comb-tburuis PbòiL 

30 Agus an uair a b' àill le 
Pòl dol a steacb cbum an t- 
sluaigb, cba do leig na deisciob- 
uil leis. 

31 Agus mar an ceudna cbuir 
cuid do uacbdaranaibb na b-Asia, 
a bba 'nan càirdibb dba, fìòs d' a 
ionnsuidb, a' guidlie air nacb 
racbadb e gu àite-cruinnicb an 
t-sluaìgb. 

32 Gblaodb uime sin cuid 
diubb aon ni, agus cuid ni eile : 
oir bba an coimbtbional troimh 
a 'cbèile, agus cba robb fìos aig a' 
cbuid bu mbò c' ar son a tbàinig 
iad cuideacbd. 

33 Agus tbarruing iad a macb 
Alecsander as an t-sluagb, air | 
bbi do na b-Iùdbaicb 'ga iomain 
rompa. Agus smèid Alecsander 
le 'làimb, agus b' àill leis a leitb- 
sgeul a gbabbail ris an t-sluagb. 

34 Acb an uair a tbuig iad 
gu 'm b' lùdbacb e, rinneadb 
àrd-iolacb leo uile mu tbimcbioll j 

265 I 



ùine dbà uair, a' glaodbaicb, Is 
mòr Diana nan Epbesianacb. 

35 Agus an uair a cbiuinicb 
an clèireacb ^ an sluagb, tbubbairt 
e, Fbeara Epbesuis, cò an duine 
aig nacb 'eil fios gu bbeil baile - 
nan Epbesianacb a' dèanamb 
aoraidb do 'n bban-dia mbòir 
Diana, agus do 'n dealbh a tbuit 
a nuas o lupiter? 

36 Air an aobbar sin do bbrìgb 
nacb fbeudar cur an agbaidb 
nan nitbe so, is còir dbuibbse 
bbi ciuin, agus gu 'n ni sam bitb 
a dlièanamb gu b-obann. 

37 Oir tbug sibb an so na 
daoine so, ged nacb 'eil iad a' 
creacbadb tbeampull, no a' toirt 
toibbeim, d' ar ban-dia. 

38 Uime sin ma ta aig Deme- 
trius agus aig an lucbd-ceird a ta 
maille ris, cùis an agbaidb neacb 
air bitb, tba 'n lagb rèidb dhoibh, 
agus tba uacbdarain ann ; ag- 
radb iad a cbèile. 

39 Acb ma ta ceisd sam bitb 
agaibb mu nitbibb eile, rèiticb- 
ear sin ann an coimbtbional 
dligbeacb. 

40 Oir tba sinn an cunnart bbi 
air ar n-agairt air son ceannairc 
air an là 'n diugb, do bbrìgb 

! nacb 'eil cùis sam bitb againn a' 
dliTbeudas sinn a tboirt seacbad 
mar aobbar a' cbruinneacbaidb 
so. 

I 41 Agus air dbà so a ràdb, 
sgaoil e an coimbtbionab 

CAIB. XX. 

1 Chaìdh Pòl do Mhacedonia : 7 flirUheìl e 
suìpeir an Tiijhearn, agus shearmonaich e: 
I 9 air do Eutichus tuiteam s)os an cruth 
maìrbh, thogadh suas beò e. 17 Aig Mile- 
I I Clèircach-sgriobhaidh a' bhaile. ^caithir. 



GNIOMHARA, XX. 



tus ghairm Pòl seanaìrean na h-eaglais an 
ceann a chèilc, agus dh'innis e dhoihh ciod 
a Iha gu tachairt dha fèin, S^c. 

AGUS an dèigh do 'n chomh- 
ghàir^ sgur, ghairm Pòl na 
deisciobuil d' a ionnsuidh, agus 
airdha a chead a ghabhail diubh^, 
thriall e gu dol do Mhacedonia. 

2 Agus air dha dol triomh na 
crìochaibh sin, agus mòr-earail 
a dhèanamh orra, thàinig e do 'n 
Ghrèig ; 

3 Agus dh'fhan e an sin tn 
miosan : agus an uair a bha na 
h-Iùdhaich ri feall-f holach^ air a 
shon, agus e air ti' dol air luing 
do Shiria, chuir e roimhe pilltinn 
troimh Mhacedonia. 

4 Agus chaidh 'na chuideachd 
gu h-Asia, Sopater o Bherea ; 
agus do mhuinntir Thesalonica, 
Aristarchus agus Secundus ; ag- 
us Gaius o Dherbe, agus Timo- 
teus ; agus do mhuinntir na h- 
Asia, Tichicus agus Trophimus. 

5 Air dhoibh so imeachd romh- 
ainne, dh'fheith iad ruinn ann 
an Troas. 

6 Agus sheòl sinn o Philipi, an 
dèigh làithean an arain neo- 
ghoirtichte, agus thàinig sinn d' 
an ionnsuidh-san gu Troas ann 
an cùig làithibh, far an d'fhan 
sinn seachduin. 

7 Agus an ceud là do 'n t- 
seachduin, air do na deisciobluibh 
cruinneachadh an ceann a chèile 
a bhriseadh arain, shearmonaich 
Pòl doibh, agus a rùn air^ 
imeachd uatha air an là màir- 
each, agus lean e air labhairt gu 
meadhon-oidhche. 

8 Agus bha mòran lòchran 

' bhuaireas. " an g/acadh 'na uchd. 

^ n' luidhe am folach, am plaid. 
266 



anns an t-seòmar uachdarach, 
far an robh iad cruinn. 

9 Agus bha òganach àraidh d' 
am b' ainm Eutichus 'na shuidhe 
ann an uinneig, air tuiteam gu 
trom 'na chodal : agus air do 
Phòl bhi rè fad a' searmonach- 
adh, shàruicheadh leis a' chodal 
e, agus thuit e sìos o 'n treas lobh- 
ta, agus thogadh marbh e. 

10 Agus chaidh Pòl sìos, agus 
thuit e air, agus air dha a ghlac- 
adh 'na uchd, thubhairt e, Na 
biodh trioblaid ^ oirbh ; oir a ta 
'anam ann. 

11 Agus air dol suas da a rìs, 
bhris e aran agus dh'ith e, agus 
labhair e riu rè ùine fhada, 
eadhon gu teachd na maidne, 
agus mar sin dh'fhalbh e. 

12 Agus thug iad leo an t- 
òganach agus e beò, agus rinn 
iad gàirdeachas nach bu bheag. 

13 Agus air dhuinne imeachd 
air thoiseach chum na luinge, 
sheòl sinn gu Asos, fa rùn Pòl a 
ghabhail a steach an sin : oir is 
ann mar sin a dh'òrduich e, a' 
cur roimh gu 'n imicheadh e fèin 
d' a chois. 

14 Agus an uair a choinnich 
e sinn aig Asos, ghabh sinn a 
steach e, agus thàinig sinn gu 
Mitilene. 

15 Agus air seòladh dhuinn as 
! a sin, thàinig sinn air an la 
\ màireach fa chomhair Chiois ; 
! agus air an là 'na dhèigh sin 

thàinig sinn gu Samos, agus 
dh'f han sinn aig Trogillium ; 
agus air an là b' f haisge thàinig 
sinn gu Miletus. 

16 Oir chuir Pòl roimhe seòl- 

* a rùn air. ' air hhifuìdhe. * huaireas. 



GNIOMHARA, XX. 



adh seacli Ephesus, chum nach 
tàrladh dha moìlle a dhèanamh 
anns an Asia : oir rinn e cabhag^ 
chum nam feudadh e, bhi ann an 
lerusalem air là na Cuingeis. 

17 Agus ehuir e fìos o Mhile- 
tus gu h-Ephesus, agus ghairni 
e d' a ionnsuidh seanairean na 
h-eaglais. 

18 Agus an uair a thàinig iad 
d' a ionnsnidh, tliubhairt e riu, 
Tha f hios agaibh, cionnus a bha 
mi 'nur measg anns an uile 
aimsir, o 'n cheud là a thàinig 
mi do 'n Asia, 

19 A' dèanamh seirbhis do 'n 
Tighearn leis gach uile irios- 
lachd inntinn, agus maille ri 
mòran dheur, agus dheuchainn- 
ean, a thachair dhomh le ceilg 
nan lùdhach. 

20 Agus cionnus nach do 
ghlèidh mi ni sam bith am fol- 
ach a bha feumail dhuibhse, gun 
a nochdadh dhuibh, agus gun 
sibhse a theagasg am follais, 
agus o thigh gu tigh, 

21 A' dèanamh fìanuis araon do 
na h-Iùdhaich, agus do na Greug- 
aich, mu aithreachas a thaobh 
Dhè, agus mu chreidimh a 
thaobh ar Tighearna losa Crìosd. 

22 Agus a nis feuch, a ta mi 
dol gu lerusalem ceangailte san 
Spiorad, gun f hios agam ciod iad 
na nithe a thàrlas dliomh an sin ; 

23 Ach a mhàin gu bheil an 
Spiorad Naomh a' dèanamh fian- 
uis anns gach baile, ag ràdh, Gu 
bheil geimhlichean agus triob- 
laidean^ a' feitheamh orm. 

. 24 Ach cha 'n 'eil suim agam 

■ bha deifir air. ' dmhghair 

^ thriall, chùrsa. 
267 



do ni air bith, ni mò tha mi a' 
measadh m' anama fèin luach- 
mhor dhomh, chum gu crìoch- 
naich mi mo thurus^ le h-aoibh- 
neas, agus gu coimhlion mi a' 
mhinistreileachd a fhuair mi o'n 
Tighearn losa, a dh èanamh fianuis 
do shoisgeul gràis Dhè. 

25 Agus a nis feuch, a ta f hios 
agam nach faic sibhse uile, measg 
an d'imich mise a' searmonach- 
adh rìoghachd Dhè, mo ghnùis 
ni 's mò. 

26 Uime sin a ta mi a' dèanamh 
fianuis duibh* air an là 'n diugh, 
gu bheil mise glan o fhuil nan 
uile. 

27 Oir cha do sheachainn mi 
uile chomhairle Dhè f hoillseach- 
adh dhuibh. 

28 Air an aobhar sin thugaibh 
aire dhuibh fèin, agus do 'n treud 
uile, air an d' rinn an Spiorad 
Naomh luchd-coimhead^ dhibh, a 
bheathachadh eaglais Dhè*^, a 
cheannaich e le 'f huil fèin. 

29 Oir a ta f hios agam-sa air 
so, an dèigh m' imeachd-sa gu 'n 
tig madaidh-allaidh gharga 'nur 
measg, nach caomhain an treud. 

30 Agus èiridh daoine dhibh 
fèin, a labhras nithe fiara, chum 
deisciobuil a tharruing 'nan dèigh 
fèin. 

31 Uime sin dèanaibh faire, a' 
cuimhneachadh nach do sguir 
mise, rè thrì bliadhna, a chomh- 
airleachadh gach aon agaibli a là 
agus a dh'oidhche le deuraibh. 

32 Agus a nis, a bhràithre, ear- 
bam sibh ri Dia, agus ri focal a 
ghràis, a ta comasach air bhur 

^ gahham sihhse mar fhiamiisìbh. 

' easbuigean. ^ caghiis an Tighearna. 



GNIOJVIHARA, XX. XXI. 



togail suas, agus oighreaclid a 
thoirt duibh am measg na muinn- 
tir sin uile a ta air an naomhach- 
adh. 

33 Cha do shanntaich mi air- 
giod, no òr, no eudach duine 
sam bith. 

34 Seadh, is aithne dhuibh fèin, 
gu 'n do f hritheil na làmhan so 
do m' uireasbhuidh fèin, agus do 
'n mhuinntir sin a bha maille 
rium. 

35 Nochd mi na h-uile nithe 
dhuibh, gur ann le saoithreach- 
adh mar so is còir dhuibli còmh- 
nadh a dhèanamh riu-san a ta 
anmhunn ' ; agus focail an Tigh- 
earna losa a chuimhneachadh, 
mar a thubhairt e, Tha e ni 's 
beannaichte ni a thoirt na ghabh- 
ail. 

36 Agus air dha na briathra 
so a ràdh, leig se e fèin air a 
ghlùinibli, agus rinn e ùrnuigh 
maille riu uile. 

37 Agus ghuil iad uile gu goirt, 
agus thuit iad air muineal Phòil, 
agus phòg iad e. 

38 Air dhoibh bhi gu h-àraidh 
brònach air son nam briathra so 
a thubliairt e, Nacli faiceadh iad 
a ghnùis-san ni 's mò. Agus 
thug iad coimheadachd dhachum 
na luinge. 

CATB. XXI. 

1 Cha ghahhadh Pòl comhairleachadh o dhol 
gu lerusalem. 8 Mu Phiìip an soisgcul- 
aiche, agus a cheathrar nighean a bha 'nam 
ban-fhdidhibh. 17 Thàinìg Pùl gu leru- 
salem, 27 far an robh e air a ghlacadh agus 
an cunnart mòr. 81 Theasairgeadh e leis 
an àrd-chaiptin. 

AGUS air dhuinn dealachadh 
riu-san, sheòl sinn romhainn, 

268 



agus thàinig sinn gu direach gu 
Coos, agus air an là màireach gu 
Rodos, agus as a sin gu Patara : 

2 Agus air dhuinn long fhaot- 
ainn a bha a' gabhail thairis gu 
Phenicia, chaidh sinn air bòrd, 
agus sheòl sinn romhainn. 

3 Agus air dhuinn teachd an 
sealladh Chipruis, agus fhàgail 
air an làimh chlì, sheòl sinn gu 
Siria, agus thàinig sinn tìr aig 
Tirus : oir is ann an sin a bha 
an long gus a luclid a chur a 
mach. 

4 Agus air dhuinn deisciobuil 
fhaotainn, dh'fhan sinn an sin 
seachd làithean : muinntir a 
thubhairt ri Pòl tre 'n Spiorad, 
gu 'n e dhol suas gu lerusalem. 

5 Agus an uair a chrìochnaich- 
eadh na làitliean sin, chaidh sinn 
a mach, agus thriall sinn romh- 
ainn ; agus thàinig iadsan uile 
maille ri mnaibh agus ri cloinn 
'nar cuideachd, a mach as a' 
bhaile : agus chaidh sinn air ar 
ghìinibh air an tràigh, agus rinn 
sinn ùrnuigh. 

6 Agus an dèigh dhuinn air 
cead a ghabhail d' a chèile, chaidh 
sinn do 'n luing ; agus phill iad- 
san d' an tighibh fèin. 

7 Agus an uair a chriochnaich 
sinn ar turus^ o Thirus, thàinig 
sinn gu Ptolemais, agus chuir 
sinn failte air na bràithribh, agus 
dh'fhan sinn aon là maille riu. 

8 Agus air an là màireach, air 
dhuinne, a bha do chuideachd 
Phòil, imeachd, thàinig sinn gu 
Cesarea ; agus chaidh sinn a 
steach do thigh Philip an t-soi- 
sgeulaiche, (a bha do 'n t-seachd- 

' triall, taisdeal, c rsa. 



GNIOMHARA, XXI. 



nar,) agus dh'fhan smn aìge. 

9 Agus bha ceathrar nighean 
aige-san, òighean, a bha ri fàidh- 
eadaireachd. 

10 Agus ag fantuinn duinn 
mòran do làithibh an sin, thàinig j 
a nuas o ludea fàidh àraidh, d' 
am b' ainm Agabus. 

11 Agus an uair a thàinig e d' 
ar n-ionnsuidh-ne, ghabh e crios 
Phòil, agus cheangail e a làmhan 
agus a chosan fèin, agus thubhairt 
e, Mar so tha an Spiorad Naomh 
ag ràdh, Is ann mar so a cheang- 
las na h-Iùdhaich ann an leru- 
salem an duine d' am buin an 
crios so, agus bheir iad thairis e 
do làmhaibh nan Cinneach. 

12 Agus an uair a chuala sinne 
na nithe so, ghuidh sinn fèin ag- 
us muinntir an àite air, gu'n e 
dhol suas gu lerusalem. 

13 An sin fhreagair Pòl, Ciod 
is ciall duibh a' gul, agus a' 
briseadh mo chridhe ? oir a ta 
mise ullamh cha 'n e a mhàin 
gu bhi air mo cheangal, ach eadh- 
on gu bàsachadh ann an leru- 
salem air son ainme an Tighear- 
na losa. 

14 Agus an uair nach gabhadh 
e comhairle, sguir sinne, ag ràdh, 
Dèanar toil an Tighearna. 

15 Agus an dèigh nan làithean 
80, air dhuinn bhi ullamh chaidh 
sinn suas gu lerusalem. 

16 Agus chaidh mar an ceudna 
maille ruinn cuid do na deisciob- 
luibh o Chesarea, a' toirt leo 
Mlinasoin o Chiprus, seann deis- 
ciobul àraidh, aig an robh sinn 
gu bhi air aoidheachd. 

' thog sinn ar n-airneis, agus, S)-c. 
^ do Dhia. 
269 



17 Agus an uair a thàinig sinn 
gu lerusalem, ghabh na bràithre 
ruinn gu subhach. 

18 Agus air an ath ìà, chaidh 
Pòl maille ruinne dh'ionnsuidh 
Sheumais ; agus bha na seanair- 
ean uile a làthair. 

19 Agus air dhasan fàilte chur 
orra, chuir e 'n cèill doibh fa leth 
na nithe a rinn Dia le 'mhinis- 
treileachd-san am measg nan 
Cinneach. 

20 Agus an uair a chual iad- 
san so, thug iad ghnr do 'n Tigh- 
earn^, agus thubhairt iad ris-san, 
Tha thu faicinn, a bhràthair, cia 
lion mìle do na h-Iùdhaich a ta 
creidsinn ; agus tha iad uile ro 
eudmhor mu 'n lagh. 

21 Agus chual iad umad-sa, 
gu bheil thu teagasg do na h- 
lùdhaich uile a ta measg nan 
Cinneach, Maois a thrèigsinn, 
ag ràdh riu, Nach còir dhoibh an 
clann a thimchioll-ghearradh, no 
ghiasad a rèir nan gnàth'. 

22 Ciod uime sin a nithear ? 
Gun teagamh, is èigin do 'n 
t-sluagh cruinneachadh : oir 
cluinnidh iad gu 'n d' thàinig thu. 

23 Uime sin dèan so a ta sinne 
ag ràdh riut : Tha ceathrar 
f hear maille ruinne, air am bheil 
bòid ; 

24 Thoir* iadsan leat, agus bì 
air do ghlanadh maille riu, agus 
dèan costus' leo, chum gu beàrr® 
iad an cinn : agus gu 'm bì f hios 
aig na h-uile nach 'eil ach neo-ni 

j anns na chual iad mu d' thim- 
chioll-sa, ach gu bheil thu fèin 
i mar an ceudna ag imeachd gu 

^ a rèir gndthanna \an lagha. ] ^ Heir. 
* caithcamh, cosgus. ^ lom. 



'GNIOMHARA, XXL 



riaghailteach agus a' coimhead 
an lagha. 

25 Ach mu thimchioU nan 
Cinneach a chreid, sgrìobh sinne 
agus b' i ar breth, gu 'n iad a 
ghlèidheadh a h-aon do na nith- 
ibh sin, acli a mhàin iad fèin 
a choimhead o nithibh a chaidh 
ìobradh do ìodholaibh, agus o 
f huil^ agus o ni tachdta, agus o 
strìopachas. 

26 An sin ghabh Pòl na daoine ; 
agus air an là màireach air dha 
bhi air a ghlanadh maille riu, 
chaidh e steach do'n teampull, 
a' foillseachadh coimhlionaidh 
làithean a' ghlanaidh, gus an 
tugtadh tabhartas air son gach 
aon aca. 

27 Agus an uair a bha na 
seachd làithean air bheag nithe' 
air an coimhlionadh, air do na 
h-Iùdhaich o'n Asia e-san fhaic- 
inn san teampull, bhrosnuich iad 
am pobull uile, agus chuir iad 
làmh ann, 

28 Ag èigheach, Fheara Isra- 
eil, cuidichibh : is e so an duine a 
ta teagasg nan uile dhaoine anns 
gach àit an aghaidh a' phob- 
uill, agus an lagha, agus an àite 
so : agus os bàrr, thug e steach 
Greugaich do 'n teampull, agus 
shalaich e 'n t-ionad naomh so. 

29 (Oir chunnaic iad Trophi- 
mus an t-Ephesianach roimhe 
sin anns a' bhaile maille ris, agus 
shaoil iad gu 'n d' thug Pòl a 
steach do 'n teampull e.) 

30 Agus ghluaiseadh am baile 
gu h-iomlan, agus ruith an 
sluagh cuideachd: agus air 
dhoibh breith air Pòl, tharruing 

' cìia mhòr. 

270 



iad a mach as an teampull e : 
agus air ball dhùineadh na dorsa. 

31 Agus an uair a b' àill leo a 
mharbhadh, chaidh sgeula dh'- 
ionnsuidh àrd-cheannaird na 
cuideachd, gu 'n robh Terusalem 
uile thar a chèile': 

32 Neach air ball a thug leis 
saighdearan, agus ceannardan- 
cheud, agus a ruith sìos d' an 
ionnsuidh : Agus an uair a chunn- 
aic iadsan an t-àrd-cheannard 
agus na saighdearan, sguir iad 
do bhualadh Phòil. 

33 An sin thàinig an t-àrd- 
cheannard am fagus agus rug e 
air, agus dh'àithn e a cheangal 
le dà shlabhraidh ; agus dh'f hios- 
raich e, Cò e, agus ciod a rinn e. 

34 Agus ghlaodh aon chuid am 
measg an t-sluaigh aon ni, agus 
cuid eile ni eile: agus an uair 
nach robh e an comas da cinnt- 
eachd na càise a thuigsinn air 
son na h-àrd-bhruidhne, dh'òrd- 
uich e e-san a thoirt do 'n 
chaisteal. 

3j Agus an uair a thàinig e 
chum na staidhreach, thàrladh 
gu 'n do ghiùlaineadh e leis na 
saighdearaibh, air son foireigin 
an t-shiaigh. 

36 Oir lean am mòr-shluagh e, 
a' glaodhaich, Beir uainn e. 

37 Agus an uair a bha Pòl gu 
bhi air a thoirt a steach do 'n 
chaisteal, thubhairt e ris an àrd- 
cheannard, An cead domh-sa ni 
a labhairt riut? agus thubhairt 
e-san, An labhair thu Grèigis ? 

38 Nach tusa an t-Eiphiteach 
sin a thog ceannairc roimh na 
làithibh so, agus a thug leat do 'n 

^fo bhuaireas 



GNIOiMHARA, XXI. XXII. 



fbàsach ceithir mìle fear a bha 
'nan luchd-mortaidh ? 

39 Ach thubhairt Pòl, Is duine 
mise a tha a' m' lùdhach gun 
amharus o Tharsus, saor-dhuine 
do bhaile ro inbheach ann an 
Cilicia : agus guidheam ort, thoir 
cead domh labhairt ris an t-sluagh. 

40 Agus an uair a thug e cead 
da, Air do Phòl seasamh air an 
staidhir, smèid e le 'làimh air 
an t-sluagh, ag iarraidli èisd- 
eachd: agus air fantuinn ro 
thosdach dhoibh-san, labhair e 
riu sa' chànain Eabhruidliich, ag | 
ràdh, j 

CAIB. XXII. 

1 Chuìr Pòl gu pai/t an cèill cionnus a' dh'- 
ìompaicheadh e chum a' chreidimh, 17 agus 
a ghairmeadh e chum na h-abstohchd. 22 
'JVuair a dh'ainmich e na Cinnich, thog 
am pobull aon ghàir rìs : 24 Bha e gu bhi 
air a sgiiirsadh ; 25 ach air dha a chòir- 
shaorsa mar Romhanach agairt, leigeadh 
as e. 

FHEARA, a bhràithre, agus 
aitliriche, èisdibh-sa ri m' 
dhìon-chainnt^ ribhanis: 

2 (Agus an uair a chual iadsan 
gu 'n do labhair e riu sa' chànain 
Eabhruidhich, bu mhòid a thosd 
iad: agus thubhairt e-san,) 

3 Is lùdhach mise da rìreadh, 
a rugadh ann an Tarsus na Ci- 
licia, ach a dh'oileadh" sa' bhaile 
so, aig cosaibh Ghamalieil, agits 
a theagaisgeadh gu coimhlionta 
a rèir gnàtha lagha nan aith- 
riche, agus bha mi eudmhor a 
thaobh Dhè, mar a ta sibhse 
uile an diugh. 

4 Agus rinn mi geur-lean- 
mhuinn gu bàs air an t-slighe so, 
a' ceangal f hear agus bhan, agus 
'gan tarruing gu prìosan : 

' mo leithsgeul. - thogadh suas. 
271 



5 INIar a m an t-àrd-shagart 
mar an ceudna fianuis domh, 
agus comhairle nan seanairean 
uile ; 'n d' f huair mise mar an 
ceudna litriche chum nam bràith- 
re, agus chaidh mi gu Damascus, 
chum an dream a bha 'n sin a 
thoirt ceangailte gu lerusalem, 
chum gu dèantadh peanas orra. 

6 Agus thàrladh, air dhomh 
bhi 'g imeachd, agus a' druid- 
eadh ri Damascus mu mheadlion- 
là, gu 'n do dliealraich gu h- 
obann o nèamh solus mòr mu 'n 
cuairt orm. 

7 Agus thuit mi air an talamh, 
agus chuala mi guth ag ràdh, 
A Shauil, a Shauil, c' ar son a ta 
thu 'gam gheur-leanmhuinn-sa? 

8 Agus fhreagair mise, Cò thu, 
a Thighearn? Agus thubhairt e 
rium, is mise losa o Nasaret, air 
am bheil thusa a' dèanamh geur- 
leanmhviinn. 

9 Agus chunnaic na daoine a 
bha maille rium an solus gu 
deimhin, agus ghabh iad eagal ; 
ach cha chual iad guth an Tì a 
labhair rium-sa. 

10 Agus thubhairt mise, Ciod a 
nì mi, a Thighearn ? Agus thubh- 
airt an Tighearn rium, Eirich, 

j agus imich gu Damascus, agus 
'■ an sin labhrar riut mu thim- 
j chioll nan nithe sin uile a dh'òrd- 

uicheadh dhuitse a dhèanamh. 
I II Agus an uair nach bu lèir 
dhomh tre ghlòir an t-sokvis sin, 
air dhomh bhi air mo threòrach- 
adh air làimh leo-san a bha 
maille rium, thàinig mi gu Da- 
mascus. 

12 Agus air do dhuine àraidh 
fZ' a}7i ì) ainm Ananias, a bha 



GNIOMHARA, XXII. 



cràbhach a rèir an lagha, agus 
air an robh deadh theisteas aig 
na h-Iùdhaich uile a bha chòmh- 
nuidh mi sin, 

13 Teachd a m' ionnsuidh, ag- 
us seasamh làimh rium, thubh- 
airt e rium, A Shauil a bhràthair, 
faigh do radharc. Agus air an 
uair sin fèin dh'amhairc mi suas 
air. 

14 Agus thubhairt e-san, Thagh 
Dia ar n-aithriche roimh-làimli 
thusa, chum gu 'n gabhadh tu 
eòlas air a thoil, agus gu 'm 
faiceadh tu an t-Aon cothromach 
sin, agus gu 'n cluinneadh tu 
guth as a bheuL 

15 Oir bithidh tu a' d' f hianuis 
aige chum nan uile dhaoine, air 
na nitliibh a chunnaic agus a 
chuala tu. 

16 Agus a nis c' ar son a ta thu 
a' dèanamh moille? Eirich, ag- 
us bì air do bhaisteadh, agus 
ionnlaid uait do pheacanna, a' 
gairm air ainm an Tighearn. 

17 Agus thàrladh, 'nuair a phill 
mise gu lerusalem, agus a bha 
mi a' dèanamh ùrnuigh san team- 
pull, gu 'n deachaidh mi ann an 
neul, 

18 Agus gu "m faca mi e-san ag 
ràdh rium, Dèan deifir, agus 
imich gu grad à lerusalem ; oir 
cha ghabh iad ri d' theisteas mu 
m' thimchioll-sa. 

19 Agus thubhairt mise, A 
Thighearn, tha fhios aca gu robh 
mise a' tilgeadh am prìosan, ag- 
us a' sgiùrsadh anns gach siona- 
gog iadsan a chreid annad-sa : 

20 Agus an uair a dhòirteadh 
fuil do mhairtirich' Stephain, 

> t' fhianuis-sa. 

272 



bha mise mar an ceudna a' m' 
sheasamh a làthair, agus ag 
aontachadh leis a mharbhadh, 
agus a' coimhead eudaich na 
muinntir a mharbh e. 

21 Agus thubhairt e rium, Im- 
ich : oir cuiridh mise thu am fad 
chum nan Cinneach. 

22 Agus dh'èisd iad ris gus an 
f hocal so, agus thog iad an sin 
an guth gu h-àrd, ag ràdh, Beir 
o 'n talamh a leithid so do 
dhuine ; oir cha chòir e bhi beò. 

23 Agus an uair a bha iadsan 
ag èigheach, agus a' tilgeadh 
dhiubh an eudaich, agus a' tilg- 
eadh luaithre san athar^, 

24 Dh'àithn an t-àrd-cheann- 
ard e-san a thoirt do 'n chaisteal, 
ag òrduchadh a cheasnachadh le 
a sgiùrsadh ; chum gu faigheadh 
e fìos ciod i a' choire mu 'n robh 
iad a' glaodhaich mar sin 'na 
aghaidh. 

25 Agus an uair a bha iad 'ga 
cheangal le iallaibh, thubhairt 
Pòl ris a' cheannard-ceud a sheas 
a làthair, Am bheil e ceaduichte 
dhuibhse duine a ta 'na Romh- 
anach a sgiùrsadh, agus gun e 
air a dhìteadh ? 

26 Agus an uair a chual an 
ceannard-ceud so, dh'imich e 
agus dh'innis e do 'n àrd-cheann- 
ard, ag ràdh, Thoir fa 'near ciod 
a m thu ; oir is Romhanach an 
duine so. 

27 An sin thàinig an t-àrd 
cheannard d' a ionnsuidh, agus 
thubhairt e ris, Innis domh-sa, 
an Romhanach thu? Agus 
thubhairt e-san, Is mi. 

28 Agus f hreagair an t-àrd- 

aidhear. 



GNIO:vnL\RA, XXII. XXIII. 



clieannard, Is mòr an t-suim air 
an do cheannaich mise an t-saorsa 
80. Agus thubhairt Pòl, Ach 
rugadh mise saor. 

29 An sin dh'imich iadsan 
uaith air ball a bha gus a cheas- 
nachadh : agus ghabh an t-àrd- 
cheannard mar an ceudna eagal 
'nuair a thuig e gu 'm bu Romh- 
anach e, agus a chionn gu 'n do 
cheangail se e. 

30 Agus air an là màireach, 
air dha bhi togarrach air fios 
cinnteach fhaotainn eiod i a' 
choii'e a bha na h-Iùdhaich a' 
cur as a leth, dli'f huasgail se e 

a chuibhreachaibh, agus dh'- 
àithn e do na h-àrd-shagartaibh 
agus d' an comhairle uile teachd 
a làthair, agus air dha Pòl a 
thoirt sìos, chuir e 'nam fianuis e. 

CAiB. xxm. 

1 Thagaìr Pòl a chùìs, 2 Dliòrduich Ana- 
nias ahhunladh. 7 Connsachadh ammeasg 
a luchd-casaid . 11 Thug Dia misneach 
dha. 14 JVochdadlì feall nan lùdhach 
an aghaidh Phòil do 'n àrd-cheannard. 
23 Chuir se e gu Felics an t-uachdaran. 

AGUS air dearcadh do Phòl 
air a' chomhairle, thubh- 
airt e, Fheara agus a bhràithre, 
anns an uile dheadh choguis 
chaith mise mo bheatha a thaobh 
Dhè gus an là 'n diugh. 

2 Agus dh'àithn an t-àrd-shag- 
art Ananias dhoibh-san a bha 
'nan seasamh làimh ris, a bhual- 
adh air a bheul. 

3 An sin thubliairt Pòl ris, 
Buailidh Dia thusa, a bhalla 
ghealaichte : oir am bheil thusa a' 
d' shuidlie a thoirt breth ormsa a 

^ cùineadh. 

2 Cltn d' tkug mifa 'itear. 

Q'r.ì 



rèir an lagha, agus an aghaidh an 
lagha ag òrduchadh mo bhualadli? 

4 Agus thubhairt iadsan a sheas 
làimh ris, Am bheil thusa a' toirt 
ana-cainnt^ do àrd-shagart Dhè? 

5 An sin thubhairt Pòl, Cha 
robh fhios agam^, a bhràithre, 
gu 'm b' e an t-àrd-shagart e : oir 
a ta e sgrìobhta, Na labhair olc 
mu uachdaran do phobuill. 

6 Ach an uair a thuig Pòl, gu 
robh cuid diubh 'nan Sadusaich, 
agus a' chuid eile 'nam Phàiris- 
ich, ghlaodh e anns a' chomh- 
airle, Fheara agns a bhràithre, 
is Phàiriseach mise, mac Phàiris- 
ich : is ann à leth dòchais agus 
aiseirigh nam marbh, a tha mi 
air mo thoirt am breitheanas. 

7 Agus. air dhasan so a labh- 
airt, dh'èirich comh-stri eadar na 
Phàirisich agus na Sadusaich . 
agus roinneadh an coimhthional 
an aghaìdh a chèile. 

8 Oir tha na Sadusaich ag ràdh 
nach 'eil aiseirigh, no aingeal, 
no spiorad ann ; ach a ta na 
Phàirisich ag aideachadh gach 
aon diubh^. 

9 Agus dh'èirich gàir* mhòr : 
agus air seasamh suas do na 
sgrìobhaichibh a bha air taobh 
nam Phàiriseach, chathaich iad 
'nan agìiaidh, ag ràdh, Cha 'n 'eil 
sinne làotainn ^ cron air bith san 
duine so : ach ma labhair spiorad 
no aingeal ris, na cogamaid an 
aghaidh Dhè. 

10 Agus an uair a dh'èirich 
connsachadh mòr eatorra, air 
do 'n àrd-cheannard bhi fo eagal 
gu'n rachadh Pòl a tharruing as 

3 'gan aidearliadh le chcile. * io 'ath. 
^fuyhuil,f(iyh :inn. 



GNIOMHARA, XXIII. 



a clièile leo, dh'àithn e do na 
saighdearaibh dol sìos, agus e-san 
a thogail leis an làimh làidir as 
am meadhon, agus a thoirt do 'n 
chaisteaL 

11 Agus air an oidhche 'na 
dhèigh sin, sheas an Tighearn 
làimh ris, agus thubhairt e, 
Biodh misneach mhaith agad, a 
Phòil ; oir mar a rinn thu fìan- 
uis mu m' thirachioll-sa ann an 
lerusalem, is amhuil sin is èigin 
duit fianuis a dhèanamh anns an 
Roimh. 

12 Agus air teachd do 'n là, 
chruinnich dream àraidh do na 
h-Iììdhaich an ceann a chèile', 
agus chuir siad iad fèin fo 
mhallachadh, ag ràdh, nach 
itheadh agus nach òladh iad gus 
am marbhadh iad Pòl. 

13 Agus bha iad os ceann dà 
fhichead fear a rinn an co- 
mhionnachadh so. 

14 Agus thàinig iad chum nan 
àrd-shagart, agus nan seanairean, 
agus thubhairt iad, Chuir sinne 
sinn fèin fo àrd-mhallachadh, 
nach blaiseamaid ni sam bith gus 
am marbhamaid Pòh 

15 A nis uime sin iarraibh-sa 
maille ris a' chomhairle air an 
àrd-cheannard, gu 'n tugadh e 
do 'ur n-ionnsuidh-sa e am màir- 
each, mar gu biodh a rùn oirbh 
fios fhaotainn ni bu choimh- 
lionta air ni èigin m' a thimchioll ; 
agus tha sinne deas chum e-san a 
mharbhadh, mu 'n tig e 'm fagus 
duibh. 

16 Agus an uair a chuala mac 
peathar Phòil am feall-f holach ^ 

' rinn dream àraidh do na h-Iiidhairh conih- 
bhann r' n chnk. p/uid luidhe. 

214 



so, thàinig e, agus, air dha dol a 
steach do 'n chaisteal, dh'innis e 
sin do PhòL 

17 An sin ghairm Pòl d' a 
ionnsuidh aon do na ceannard- 
aibh-cheud, agus thubhairt e, 
Thoir an t-òganach so chum an 
àrd-cheannaird ; oir a ta ni 
àraidh aige r' a innseadh dha. 

18 An sin thug e leis e, agus 
threòraich se e, chum an àrd- 
cheannaird, agus thubhairt e, 
Ghairm Pòl am prìosanach mise 
d' a ionnsuidh, agus ghuidh e 
orm an t-òganach so thoirt a 
d' ionnsuidh-sa, aig am bheil ni 
èigin r' a innseadh dhuit. 

19 An sin rug an t-àrd-cheann- 
ard air a làimh, agus chaidh e a 
leth-taobh an uaignidheas maiUe 
ris, agus dh'fhiosraich e dheth, 
Ciod a tha agad r' a innseadh 
dhomh-sa ? 

20 Agus thubhairt e-san, Rinn 
na h-Iùdhaich comhairle iarr- 
aidh ortsa, gu 'n tugadh tu Pòl 
am màireach do 'n chomhairle, 
mar gu 'm biodh iad gu rann- 
sachadh ni 's gèire a dhèanamh 
air ni èigin m' a thimchiolL 

21 Ach na aontaich thusa leo : 
oir a ta os ceann dà fhichead 
fear dhiubh ri feall-fholach 'na 
aghaidh, a chuir iad fèin fo 
mhallachadh, nach ith agus nach 
òl iad gus am marbh iad e : agus 
a nis tha iad ullamh, a' feith- 
eamh ri gealladh uaitse. 

22 Aìisin leig an t-àrd-cheann- 
ard uaith an t-òganach, agus 
dh'àithn e dha, ag ràdh, Feiich, 
nach innis thu do neach sam bith, 
gu 'n d' fhoillsich thu na nithe 
so dhomh-sa. 



GNIOMHARA, XXIII. XXIV. 



23 Agus gliairm e d' a ionn- 
siiidh dà cheannard-ceud, agus 
thubhairt e, Ulhiichibh dà cheud 
saighdear a thèid gu Cesarea, 
agus deich agus trì fichead marc- 
ach, agus dà cheud fear-sleagha, 
air an treas uair do 'n oidhche. 

24 Agus ulluichibh eich, chum 
air dhoibh Pòl a chur orra, gu 'n 
toir iad e gu tèaruinte chum an 
uachdarain Felics. 

25 Agus sgrìobh e litir air a' 
mhodh so : 

26 Beatha agus slàinte o 
Chlaudius Lisias, chum an 
uachdarain ro òirdheirc Felics. 

27 Ghlacadh an duine so leis 
na h-Iùdhaich, agus an uair a 
bha iad air ti a mharbhadh, 
thàinig mise orra le saighdear- 
aibh, agus thug mi dhuibh e, a' 
tuigsinn gu 'm bu Romhanach e. 

28 Agus air dhomh bhi toileach 
air fios an aobhair fhaotainn air 
son an d' agair iad e, thug mi 
sìos e chum an comliairle-san : 

29 Agus thuig mi gu 'n robh 
e air agairt mu cheisdibh d' an 
lagh fèin, gun ni sam bith air a 
chur as a leth a b' airidh air bàs 
no air ceanglaichibh. 

30 Ach an uair a dh'innseadh 
dhomh gu 'n robh na h-Iùdhaich 
gu feall a chaitheadh air an 
duine, air ball chuir mi a d' ionn- 
suidh-sa e, agus thug mi àithne 
mar an ceudna d' a luchd-casaid, 
gach cùis a hha aca 'na aghaidh 
a chur an cèill a' d' làthair-sa. 
Slàn leat. 

31 An sin air do na saighdear- 
aibh Pòl a ghabhail, a rèir raar a 
dh'àithneadh dhoibh, thug iad 
san oidhche e gu Antipatris. 

275 



32 Agus air an là màireach 
leig iad do 'n mharc-shluagh dol 
leis, agus phiU iad fèin do 'n 
chaisteal. 

33 Agus an uair a chaidh iad a 
stigh do Chesarea, agus a thug 
iad an litir do 'n uachdaran, chuir 
iad mar an ceudna Pòl 'na f hian- 
uis. 

34 Agus an uair a leugh an t- 
uachdaran an litir, dh'f hiosraich 
e cò an dùthaich o 'n robh e. 
Agus an uair a thuig e gur ann 

Chilicia hha e, 

35 Thubhairt e, Eisdidh mi riut, 
'nuair a thig do luchd-casaid mar 
an ceudna. Agusdh'àithn se e-san 
a choimhead ann an talla-breith- 
eanais Heroid, 

CAIB. XXIV. 

1 Air do Plìòl a ìthi air a chasaid le Tertulhis 
an cainnt-fhear, 10 fhreagair e air a 
shon fein thaobh a chaithe-beutha, agus a 
theagaisg : shearrnonaich e Cnosd do 'n 
uachdaran agus d' a mhnaoi. 26 Bha sàil 
aige-san ri airgiad fhaotainn uaith, achan 
d'ìomhanas : 27 fa dheireadh, 'nuair a 
chuireadh as a dhreuchd e, dh'fhàg e Pòl 
am prìosan. 

AGUS an ceann chùig làithean 
'na dhèigh sin, chaidh Anan- 
ias an t-àrd-shagart sios maille 
ris na seanairibli, agus ri Tertul- 
lus fear-tagraidh^ àraidh, muinn- 
tir a nochd iad fèin an làthair 
an uachdarain an aghaidh Phòil. 

2 Agus an uair a ghairmeadh 
a mach e thòisich Tertullus air 
a chasaid, ag ràdh, Do bhrìgh gu 
bheil sinn tromhad-sa a' meal- 
tuinn mòr-shìth, agus gu 'n d'- 
rinneadh iomadh deadh ghniomh 
do 'n chinneach so tre do ghlioc- 
as-sa, 

' cainnt-fhcar. 
T i 



GNÌOMHARA, XX IV 



3 Tha sinne gabhail ri so, anns 
gach àm agus anns gach àit, 
Fhelics ro òirdheirc, maille ris 
gach nile bhuidheachas. 

4 Ach, chum nach cuirinn mòr- 
mhoille ort, guidheam ort, do d' 
shuairceas gu 'n èisd thu ruinn 
gu h-ath-ghoirid. 

5 Oir fhuair sinn am fear so 
'na phlàigh, agus a' dùsgadh^ nan 
làdhach uile gu ceannairc air 
feadh an domhain, agus 'na 
cheann-feadhna do luchd saobh- 
chreidimh nan Nasarenach. 

6 Neach mar an ceudna a thog- 
air an teampull a shalachadh ; 
agus a ghlac sinne, agus b' àill 
leinn breth a thoirt air a rèir ar 
lagha fèin : 

7 Ach air teachd do Lisias an 
t-àrd-cheannard oirnn, thug e le 
mòr-ainneart as ar làmhaibh e. 

8 Ag àithneadh d' a luchd- 
casaid teachd a d' ionnsuidh-sa ; 
neach o 'm feud thu le a cheas- 
nachadh, fios f haotainn air na h- 
uile nithibh a tha sinne a' cur 
as a leth. 

9 Agus dh'aontaich na h-Iùdh- 
aich mar an ceudna, ag ràdh, 
Gu 'n robh na nithe sin mar sin. 

10 An sin air do 'n uachdaran 
smèideadh air Pòl e a labhairt, 
f hreagair e-san, Is mòid mo mhis- 
neach gu freagairt air mo shon 
fèin, gu bheil f hios agam gu robh 
thusa rè mòrain bhliadhna a' d' 
bhreitheamh air a' chinneach so : 

11 Oir feudaidh tu fios fhaot- 
ainn, nach mò na dà là dheug 
o chaidh mi suas gu lerusalem 
a dhèanamh aoraidh. 

12 Agus cha d' fhuair iad mi 

' hrosnuchadh. 

276 



a' deasboireachd ri aon neach 
san teampull, no a' brosnuchadh 
an t-sluaigh gu ceannairc, aon 
chuid sna sionagogaibh, no anns 
a' bhaile. 

13 Ni mò is urrainn iad na 
nithe sin a dhearbhadh a tha iad 
a' cur as mo leth. 

14 Ach tha mi ag aideachadh 
so dhuitse, gur ann a rèir na 
slighe sin ris an abair iadsan 
saobh-chreidimh, a ta mise a' 
dèanamh aoraidh do Dhia m'- 
aithriche, a' creidsinn nan uile 
nithe a ta sgriobhta san lagh 
agus anns na fàidhibh : 

15 Agus a ta dòchas agam an 
Dia, ris am bheil sùil mar an 
ceudna aca fèin, gu 'n tig aiseirigh 
nam marbh, nam fìrean araon 
agus nan neo-fhìrean. 

16 Agus an so tha mi a' saoith- 
reachadh a ghnàth coguis^ neo- 
lochdach a bhi agam a thaobh 
Dhè, agus a thaobh dhaoine. 

17 A nis an dèigh mòrain 
bhliadhna, thàinig mi a thoirt 
dèirce chum mo chinnich, agus 
thabhartas. 

18 Air a so fhuair lùdhaich \ 
àraidh o 'n Asia mi air mo ghlan- 
adh san teampull, gun sluagh, 
agus gun bhuaireas. 

19 Muinntir d' am bu chòir 
bhi 'n so a' d' làthair-sa, agus m'- 
agairt, nam biodh ni sam bith j 
aca a' m' aghaidh. 1 

20 No abradh iad so fèin, ma | 
fhuair iad eucoir^ sam bith j 
annam-sa, 'nuair a sheas mi an 
làthair na comhairle ; 

21 Mur ann a mhàin air son 
an aoin fhocail so, a ghlaodh mì 

^ coìmh-fhioò; coinskns. ^ nà-giùoiiìh. 



GNIOMHARA, XXIV. XXV. 



a' m' sheasamh 'nam measg, Gur 
ann air son aiseirigh nam marbh, 
a ta mi air mo thoirt gu breith- 
eanas leibhse an diugh. 

22 Agus an uair a chuala Fe- 
lics na nithe so, air dha eòlas 
ni bu diongmhalta bhi aige air 
an t-slighe sin, chuir e air dàil 
iad, ag ràdh, 'nuair a thig Li- 
sias an t-àrd-cheannard a nuas, 
làn-rannsaichidh mi^ bhur cùis. 

23 Agus dh'àithn e do cheann- 
ard-ceud Pòl a ghlèidheadh. 
agus e bhi fuasgailte aige, agus 
gu 'n neach d' a mhuinntir fèin 
a bhacadh o fhrithealadh dha, 
no teachd d' a ionnsuidh. 

24 Agus an dèigh làithean 
àraidh, 'nuair a thàinig Felics 
maille r' a mhnaoi Drusilla, a bha 
'na Ban-Iùdhach, chuir e fios 
air Pòl, agus dh'èisd e ris mu 
thimchioll a' chreidimh^ ann an 
Crìosd. 

25 Agus air dhasan bhi a' 
reusonachadh mu fhireantachd, 
stuaim^, agus breitheanas ri 
teachd, ghabh Felics eagal mòr, 
agus fhreagair e, Imich romhad 
an tràth so ; 'nuair a bhios ùine 
agam cuiridh mi fios ort. 

26 Bha dùil aige mar an ceud- 
na gu rachadh airgiod a thoirt 
da le Pòl, chum gu 'm fuasgladli 
se e : uime sin chuir e fios air ni 
bu trice, agus labhair e ris. 

27 Ach air do dhà bhliadhna 
bhi air an coimhlionadh, thàinig 
Porcius Festus an àit Fhelics : 
agus air do Fhelics bhi toileach 
comain a chur air na h-Iùdhaich*, 
dli'fhàg e Pòl ceangailte. 

' bithidh làn-fhios ugam air. 
"■ -n.a creidimh. 
3 mcanarrachd. 
277 



CAIB. XXV. 

1 Chasaid na h-Iùdhaich Pòl an làihair Fhes- 
tiiis : 8 fh' eagair Pòl air a shon fein, 
11 agus thog e a chùis gu Ceasar. 14 Dh'- 
fhosgail Festus cfiis Phòil do Agripa, agus 
dh'innis e nach d' fhuaradh còire air bith 
ann a b' airidh air bàs. 

ANIS 'nuair a thàinig Festus 
do 'n mhòr-roinn^, an ceann 
trì làithean chaidh e suas o 
Chesarea gu lerusalem. 

2 Agus nochd an t-àrd-shagart 
agus maithean nan lùdhach iad 
fèin 'na làthair an aghaidh Phòil 
agus chuir iad impidh air, 

3 Ag iarraidh fàbhoir 'na 
aghaidh, gu 'n cuireadh e fios air 
gu lerusalem, ogns iad a dhèan- 
amh feall-fholach^ chum e-san a 
mharbhadh air an t-slighe. 

4 Ach fhreagair Festus, Gu'm 
bu chòir Pòl a ghlèidheavlh ann 
an Cesarea, agus gu 'n rachadh e 
fèin an sin gu h-aithghearr. 

5 Uime sin, ars' e-san, rachadh 
iadsan 'nur measg a dh'fheudas, 
sìos maille rium-sa, agus ma ta 
coire air bith san duine so, 
cuireadh iad sin as a leth. 

6 Agus air dha fantuinn 'nam 
measg os ceann deich làithean, 
chaidh e sìos do Chesarea ; agus 
air an là màireach shuidh e air 
a' chaithir-bhreitheanais, agus 
dh'àithn e Pòl a thoirt a làthair. 

7 Agus an uair a thàinig e-san, 
sheas na h-Iùdhaich a thàinig a 
nuas o lerusalem m' a thimchioll, 
a' cur choireanna lìonmhor agus 
mòra à leth Phòil, nach b' urrainn 
iad a dhearbhadh : 

8 'Nuair a f hreagair e-san 'ga 
shaoradh fèin, Cha d' rinn mi 

gnìomh laitneach a dhèanaình do na h-Iùdh- 
aich. 

^ earrainn ; province. S.isg. phiid-luidhe. 



GNIOMHARA, XXV. 



cionta sam bith an aghaidh lagha 
nan lùdhach, no'n aghaidh an 
teampuill, no 'n aghaidh Chea- 
sair. 

9 Ach air bhi do Fhestus 
togarrach air toileachas-inntinn 
a thoirt do na h-Iùdhaich, 
fhreagair e Pòl, agus thubhairt 
e, An àill leatsa dol suas gu 
lerusalem, agus an sin dol fo 
bhreitheanas thaobh nan nithe 
sin ann mo làthair-sa ? 

10 An sin thubhairt Pòl, Tha mi 
m' sheasamh aig caithir-breith- 
eanais Cheasair, far an còir 
breth a thoirt orm : air na h-Iùdh- 
aich cha d' rinn mi eucoir sam 
bith, mar is maith a ta fios agad-sa. 

11 Oir ma tha mi dèanamh 
eucoir, agus ma rinn mi ni sam 
bith a thoill bàs, cha 'n 'eil mi 
diùltadh bàs f hulang : ach mur 
'eil ni sam bith dhiubh sin fìor 
a tha iad so a' cur as mo ìeth, 
cha 'n f heud duine sam bith mo 
thoirt thairis doibh^ Tha mi 
togail mo chùis gu Ceasar. 

12 An sin an dèigh do Fhes- 
tus labhairt ris a' chomhairle, 
fhreagair e, An do thog thu do 
chùis gu Ceasar? gu Ceasar 
thèid thu. 

13 Air dol d« làithibh àraidh 
seachad, thàinig Agripa an rìgh 
agus Bernice gu Cesarea a chur 
fàilte air Festus. 

14 Agus air dhoibh mòran 
làithean a chaitheadh an sin, 
chuir Festus cùis Phòil an cèill 
do''n righ, ag ràdh, Dh'fhàgadh 
duine àraidh le Felics 'na phrìo- 
sanach. 

' cha'n fheud duinc snm hìth an toilcuchadh 
le mise a thoirt tfiairis doibh. - dìtidh. 
273 



15 Air-san, an uair a bha mise 
ann an lerusalem, rinn na h- 
àrd-shagairt agus seanairean nan 
lùdhach casaid ì-mm, ag iarraidh 
binne^ 'na aghaidh. 

IQ D' an d' thug mise am 
freagradh so, Cha 'n e gnàth nan 
Romhanach duine sam bith a 
thoirt thairis ehum bàis', gus am 
bì aig an neach a tha air agairt, 
a luchd-casaid aghaidh ri h-agh- 
aidh, agus gu 'm bì cothrom aige 
air e fèin a shaoradh o 'n choire 
a chuireadh as a leth. 

17 Uime sin an uair a thàinig 
iad araon an so, gun mhoille sam 
bith shuidh mi air an là màir- 
each sa' chaithir-bhreitheanais, 
asfus dh'àithn mi'n duine a thoirt 

o 

a làthair. 

18 Agus an uair a sheas a 
hichd-casaid* m'a thimchioll, cha 
do chuir iad coire air bith as a 
leth do na nithibh a shaoil mise : 

19 Ach thug iad ceisdean àr- 
aidh 'na aghaidh mu thimchioll 
an creidimh^ fèin, agus mu thim- 
ehioll losa àraidh, a f huair bàs, 
neach a thubhairt Pòl a bhi beò. 

20 Agus a chionn gu robh 
mise amharusach mu thimchioU 
an leithid sin do cheisdibh, 
dh'iheòraich mi dheth^ am b'àill 
leis dol suas gu lerusalem, agus 
an sin dol fo bhreitheanas mu na 
nithibh so. 

21 Ach an uair a dh'iarr Pòl a 
choimhead gus am fiosraich- 
teadh a chùis-san le Augustus, 
dh'àithn mi e bhi air a ghlèidh- 
eadh gus an cuirinn gu Ceasar e. 

22 An sin thubhairt Agripa ri 

' mil'i 'h. * luchd tagraidh. 

* an aaohh-chreidinih. >' tliuhhairt mi ris- 



GNIOMHARA, 



XXV. XXVI. 



Festus, B' àill leamsafèin aiiduine 
so chluinntinn. Am màireach, 
thubhairt e-san, cluinnidh tu e. 

23 Uime sin air an là màireach, 
'nuair a thàinig Agripa, agus 
Bernice, le mòr-ghreadhnachas, 
agus a chaidh iad a steach 
maille ris na h-àrd-cheannard- 
aibh agus prìomh-dhaoinibh na 
caithreach do 'n ionad èisdeachd, 
air do Fhestus àithne a tlioirt, 
thugadh Pòl a làthair. 

24 Agus thubhairt Festus, A 
rìgh Agripa, agus sibhse a 
dhaoine uile a ta làthair an so 
maille ruinn, tha sibh a' faicinn 
an duine so, mu'n do chuir 
sluagh nan lùdhach uile impidh 
ormsa, araon ann an lerusaiem, 
agus an so, a' glaodliaich nach 
bu chòir e bhi ni b' f haide beò. 

25 Ach an uair a thuig mise 
nach d' rinn e ni sam bith a 
thoill bàs, agus a chionn gu 'n do 
thog e fèin a chiiis gu Augustus, 
shònraicli mi a cliur d'a iomisuidh. 

26 Mu nach 'eil ni sam bith 
cinnteach agam r' a sgrìobhadh 
chum mo Thighearn. Uime sin 
thug mi mach e do 'ur n-ionn- 
suidh-sa, agus gu h-àraidh a d' 
ionnsuidh-sa, a rìgh Agripa, 
chum an dèigh rannsachadh a 
dhèanamh, gu 'm biodh agam ni 
èigin r' a sgrìobhadh. 

27 Oir is mi-reusonta a' m' 
bheachd-sa prìosanach a chur 
uam, agus gun na cùisean a ta 
'na aghaidh ainmeachadh. 

CAIB. XXVI. 

1 An làthaìr Agripa, cJiuir Pòl an cèill a 
chaithe-heatliao'òige, 12 agus cìnnnusadh'- 
iompaicheadh e gu lìùorbhuilmch, agus a 
ghairmeadh e gu hhi'nn ahstol. 24 Chuir 
Fv-stus as a ìcth gu rohh e air a chuthach, 
279 



ach fhreagair e san gu sèimh. 31 Mheas 
a' chuideachd gu h-iomlan neo-chiontuch e, 

AN sin thubliairt Agripa ri 
Pòl, Tha cead agad labhairt 
air do shon fèin. An sin shìn 
Pòl a mach a làmh, agus f hreag- 
air e air a shon fèin, 

2 A ta mi 'gam mheas fèiii 
sona, a rìgh Agripa, do bhrìgh 
gu bheil mi gu freagairt air mo 
shon fèin an diugh a' d' làthair- 
sa, tliaobh nan nitlie sin uile a 
ta air an cur as mo leth leis na 
h-Iùdhaich. 

3 Gu h-àraidh, a chionn gu 
bheil thusa eòlacli^ air gach gnàth 
agus ceisd a tha am measg nan 
lùdliach : uime sin guidheam 
ort, èisd rium gu foighidneach. 

4 Tha mo bheatha-sa o m' 
òige, a chaitheadh air tùs am 
measg mo chinnich fèin ann an 
lerusalem, aitlmichte do na h- 
lùdliaich uile ; 

5 D' am b' aithne mi o thùs, 
(nam b'àill leo fianuis a dhèan- 
amh,) gu 'n do cliaitli mi mo 
blieatha a' m' Phàiriseach, a rèir 
an luchd comli-bharail a 's teinne 
d' ar creidimh-ne. 

6 Agus a nis tha mi m' 
sheasamh fo bhreitheanas air son 
dòchais a' gheallaidh a rinneadh 
le Dia d' ar n-aitlirichibh : 

7 Chum am bheil dùil aig ar 
dà thrèibli dheug-ne teachd, a' 
dèanamh seirbhis do Dhia a là 
agus a dh'oidhche do ghnàth ; 
agus air son an dòchais so tha 
mise, a rìgh Agripa, air m' agairt 
leis na h-Iùdhaich. 

8 C' ar son a mheasar^ leibhse 

' [_gur aithne dhonth'] gu hhcil thusn eòlach. 
' Ù ur son ? ant nicafiur. 



GNIOMHARA, XXVI. 



mar. ni do-chreidsinn, gu 'n 
dùisgeadh Dia na mairbh ? 

9 Gii deimhin mheas mise 
annam fèin, gu'm bu chòirdhomh 
mòran nithe a dhèanamh an agh- 
aidh ainme losa o Nasaret. 

10 Ni mar an ceudna a rinn 
mi ann an lerusalem : agus air 
faotainn ùghdarrais o na-hàrd- 
shagartaibh, dhruid mi mòran do 
na naoimh am prìosanaibh ; agus, 
an uair a chuireadh gu bàs iad, 
tliug mi mo ghuth 'nan aghaidh. 

11 Agus a' dèanamh peanais 
orra gu minic anns gach sion- 
agog, cho-èignich mi iad gu 
toibheum* a labhairt ; agus air 
dhomh biii gu ro mhòr air bhoile 
'nan aghaidh, rinn mi geur-lean- 
mhuinn orra, eadhon gu bailtibli 
coigreach. 

12 Air a so 'nuair a blia mi 
dol gu Damascus, le cumhaclid 
agus barantas^ o na h-àrd-shag- 
artaibh ; 

J3 Mu mheadhon-là, O a rìgh, 
cliunnaic mi air an t-slighe solus 
o nèamh, bu shoiìleire na solus 
na grèine, a' dealrachadh mu 'n 
cuairt orm, agus orra-san a blia 'g 
imeachd maille rium. 

14 Agus an uair a thuit sinn 
uile air an ta^amh, chuala mi 
gutli a' labhairt rium, agus ag \ 
ràdh anns a' cliainnt Eabhruidli- ' 
ich, A Shauil, a Shauil, c' ar son 
a ta thu ga m' gheur-lean- 
mhuinn ? Is cruaidli dhuitse bhi 
breabadh an agliaidh nan dealg. 

15 Agus thubhairt mise, Cò 
thu, a Thighearn ? Agus thubh- 

' gii heitm n thahhant do ainm losa. 
nghclarras, tornas. 
jyiis gu'n tìonndadh, 
2S0 



airt e-san, Is mise losa a ta 
thusa a' geur-leanmhuinn. 

16 Ach èirich, agus seas air 
do chosaibli ; oir dh'f hoillsich mi 
mi fèin duit chum na crìche so, 
gu 'n òrduichinn thu a' d' mliinis- 
teir agus a' d' f hianuis araon air 
na nithibh sin a chunnaic thu, 
agus air na nithibh anns am 
foillsich mi mi fèin duit ; 

17 Ga d' sliaoradh o 'n t-sluagh 
agus o na Cinnich, chum am 
bheil mi nis ga d' chur, 

18 A dh'f hosgladh an sùl, chum 
gu tionndaidli iad^ o dhorchad- 
as gu solus, agus o chumhachd 
Shàtain gu Dia, chum g'Jt faigh 
iad maitheanas pheacanna, agus 
oighreachd maille ris a' mhuinn- 
tir sin a ta air an naomhachadh 
tre 'n chreidimh a ta annam-sa. 

19 Uime sin, a rìgh Agripa, 
clia robli mi eas-ùmhal do 'n 
taisbean nèamhaidh : 

20 Ach shearmonaich mi air 
tùs dhoibh-san ann an Damascus, 
agus ann an lerusalem, agus air 
feadh tìre ludea uile, agus ansin 
do na Cinnich, iad a dhèanamh 
aithreachais agus pilltinn ri Dia, 
a' dèanamh oibre iomchuidh an 
aithreachais*. 

21 Air son nan nithe so ghlac 
na h-Iùdhaich mi san teampull, 
agus b' àill leo mo mharbhadh'. 

22 Uime sin air dliomh còmh- 
nadh fhaotainn o Dhia, bhuan- 
aich mi gus an là 'n diugh, a' 
dèanamh fìanuis do 'n bheag 
agus do 'n mhòr, gu 'n ni air bith 
a' labhairt ach na nithe sin a 

^ cuhhniblt do aithrcachas, airidh air aith- 
reachns. 

' làmh a chur aiinam. 



GNIOMH/mA, 



XXVI. XXVII. 



tlìubliairt na fàidhean agus Ma- 
ois a bha gu teachd ; 

23 Gu robh Crìosd gu fulang, 
agus gu robh e gu èirigh an 
ceud neach o na marbhaibh, agus 
su 'm foillsicheadh e sohis do 'n 
phobull, agus do na Cmmch. 

24 Agus air dha bhi labhairt 
nan nithe so air a shon fèin, thubh- 
airt Festus le guth àrd, Tha thu 
air mhì-chèilP a Phòil : tha 
mòr-fhòghlum ga d' chur air 
bhoile. 

25 Ach thubhairt e-san, Cha 
'n 'eil mi air bhoile, Fhestuis ro 
òirdheirc ; ach tha mi a' labh- 
airt bhriathra na fìrinn agus na 
cèille. 

26 Oir a ta fhios aig an rìgh 
roimh am bheil mise a' labhairt 
gu saor, air na nithibh so: oir 
tha cinnt agam nach 'eil a h-aon 
do na nithibh so an ain-f hios da ; 
oir cha 'n ann an cùil a rinneadh 
so. 

27 Am bheil thu creidsinn nam 
fàidhean, a righ Agripa? tha 
fhios agam gu bheil thu 'g an 
creidsinn. 

28 An sin thubhairt Agripa 
ri Pòl, Ts beag nach 'eil thu 
gam aomadh gu bhi am Chrìosd- 
ludh. 

29 Agus thubhairt Pòl, B' e 
mo ghuidhe air Dia, gu 'm biodh 
cha 'n e mhàin thusa, ach mar 
an ceudna iadsan uile a tha 'g 
èisdeachd rium an diugh, ann am 
beag agus am mor, mar a ta mise, 
saor na geimhlibh so. 

30 Agus air dha na briathra 
so a labhairt, dh'èirich an rìgh, 
agus an t-uachdaran, agus Ber- 

' air a chuthach. 
281 



nice, agus an dream a shuidh 
maille riu : 

31 Agus an uair a chaidh iad a 
leth-taobli, labhair iad r' a chèile, 
ag ràdh, Cha 'n 'eil an duine so 
a' dèanamh ni air bith toillteann- 
ach air bàs, no air geimhhbh, 

32 An sin thubhairt Agripa ri 
Festus, Dh'fheudtadh an duine 
so a leigeadh as, mur bhiodh 
gu 'n do thog e a chùis gu Ceasar. 

CAIB. XXVII. 

1 Ghabh Pol long do'n Roimh ; Q dh'innis e 
roimh-làimh cunnart an turuis, ach cha d' 
thugadh creideas da. 14 Luaisgeadh iad 
nuU agus a nall le stoirm, agus dh' fhuiling 
iud loìig-bhrisìdh ; 44 yidheadh ihàinig iad 
air i)r gu tèaruinte. 

AGUS an uair a thugadh breth 
sinne a sheòladh do'n Ead- 
ailt, thug iad Pòl thairis maille 
ri prìosanaich àraidh eile, do 
cheannard-ceud d' am b' ainm lu- 
lius, do chuideachd Augustuis. 

2 Agus air dhuinn dol air 
luing le Adramitium, thog sinn 
ar seoil, a' cur romhainn seò- 
ladh seachad air crìochaibh na 
h-Asia, air do Aristarchus Mace- 
donach o Thesalonica bhi maille 
ruinn. 

3 Agus air an là maireach, 
thàinig sinn gu Sidon. Agus air 
do lulius buntainn gu suairce^ 
ri Pòl, leig e dha dol a dh'ionn- 
suidh a chàirde chura comh- 
fhurtachd fhaotainn. 

4 Agus air dhuinn stiùradh 
as a sin, sheòl sinn fo Chiprus, a 
chionn gu robh na gaotha^ 'nar 
n-aghaidh. 

5 Agus an uair a sheòl sinn 
troimh 'n fhairge ta làimh ri 

caoimhneil ^ an soìrbhcas 



GNIOMHARA, XXVII. 



Cilicia agus Pampliiiia, thàinig 
sinn gu Mira haile^ do Licia. 

6 Agus fhuair an ceannard- 
ceud long an sin o Alecsandria, a 
bha seòladh do 'n Eadailt, agus 
chuir e sinn a steach innte. 

7 Agus an uair a sheòl sinn 
gu mall rè mòrain do làithibh, 
agus a thàinig sinn air èigin fa 
chomhair Chniduis, a chionn 
nach do leig a' ghaoth leinn, 
sheòl sinn fo Chrete, fa chomhair 
Shalmone ; 

8 Agus air dhuinn seòladh air 
èigin seachad air, thàinig sinn 
gu ionad àraidh ris an abrar, 
Na calaidh sgiamhach, am fagus 
d' an robh baile Lasea. 

9 Agus air do mhòran ùine dol 
seachad, 'nuair a bha seòladair- 
eachd a nis cunnartach, a chionn 
gu 'n deachaidh an trasgadh^ 
cheana seachad, chomhairlich 
Pòl iad, 

10 Ag ràdh riu, Fheara, 
tha mi faicinn gu 'm bì an t- 
seòladaireachd so le dochann ag- 
us call mòr, cha 'n e mhàin do 'n 
luchd agus do 'n luing ach d' ar 
n-anamaibh fèin. 

11 Gidheadh, is mò chreid an 
ceannard-ceud am maighstir ag- 
us sealbhadair na luinge, na na 
nithe a labhradh le Pòl. 

12 Agus a chionn gu ' n robh 
an caladli neo-iomchuidh gus an 
geamhradh a chaitheadh ann, b' i 
comhairle na cuid bu mhò seòladh 
as a sin mar an ceudna, agus 
nam feudadh iad air chor sam 
bith teachd gu Phenice, caladh 
do Clirete a ta 'g amharc chum 

' caithir. ^ tro.si/aflìi. 

3 stoirmeil. 'nar n-aylniidh. 

282 



an iar-dheas, agus an iar-thuath, 
agus fantuinn rè a' gheamhraidh 
an s'm. 

13 Agus an uair a shèid a' 
ghaoth à deas gu ciuin, shaoil 
iad gu d' f huair iad an rùn, agus 
ag togail an seòl dhoibh, stiuir 
iad ri taobh Chrete. 

14 Ach an ceann beagain 'na 
dhèigh sin, shèid gaoth anrath- 
ach ^ 'na h-aghaidh \ ris an abrar 
Euroclidon. 

15 Agus air bhi do 'n luing air 
a fuadachadh, agus gun chomas 
d' i dol an aghaidh na gaoithe, 
leig sinn ruith dh'i. 

16 Agus air dhuinn ruith a 
stigh fuidh eilean beag àraidh 
d' am b' ainm Clauda, is ann le 
èigin a ràinig sinn air a' bhàta : 

17 Agus air dhoibh a thogail 
suas, ghnàthaich iad gach gleus 
còmhnaidh, a' criosadh na luinge 
fuipe ; agus air dhoibh bhi fo 
eagal gu 'n tuiteadh iad sa' bheò- 
ghaineimh, leig iad an seoil slos, 
agus mar sin dh'iomaineadh iad. 

18 Agus air dhuinne bhi gu 
ro mhòr air ar luasgadh^ leis an 
doininn air an là 'na dhèigh sin 
thilg iad a mach an hichd; 

19 Agus air an treas ìà thilg 
sinn le ar làmhaibh fèin a mach 
acfuinn na luinge. 

20 Agus an uair nach robh a' 
ghrian no na reulta r am faicinn 
rè mòrain do làithibh, agus a 
luidh doinionn nach bu bheag 
oirnn, thugadh an sin uainn gach 
uile dhòchas gu teasairgteadh 
sinn, 

21 Ach air dhuinn bhi fada 



' sHdeadh o tìtonn gu tonn. 
' itoirm. 



GNIOMHARA, XXVII. 



'nar trasg, an sin air seasamli do : 
Pliòl 'nam meadlion, thiibliairt 
e, Fheara, bu chòir dhuibh mo i 
chomhairle-sa ghabhail, agus ' 
gu'n fhuasgladh o Chrete, agus j 
an dochann agus an call so a 
sheachnadh. 

22 Agus a nis guidheam oirbh, 
biodh misneach mhaith agaibh : 
oir cha bhi call anama sam bith 
'nur measg, ach a mliam na 
luinge. 

23 Oir air an oidhche nochd 
sheas làimh rium-sa aingeal an 
Dè sin, d' am buin mi, agus d'am 
bheil mi dèanamh seirbhis, 

24 Ag ràdh, A Phòil, na biodh 
eagal ort; is èigin duit bhi air 
do thoirt an làthair Cheasair: 
agus, feuch, thiodlilaic^ Dia 
dhuit iadsan uile a ta seòladli 
maille riut. 

25 Uime sin, fheara,biodh ag- 
aibh deadli mhisneach: oir a ta 
mi creidsinn Dhè, gu 'n tachair 
ceart mar a labhradh rium. 

26 Ach is èigin duinn bhi air 
ar tilgeadh air eilean àraidh. 

27 Agus an uair a bha an 
ceathramh oidhche deug air 
teachd, air dhuinne bhi air ar 
sèideadh null agus a nall ^ ann an 
cnan Adria, mu mheadhon-oidh- 
che b' i barail nam maraichean 
gu robh iad am fagus do thìr 
èigin : 

28 Agus air leigeadh na 
luaidhe sios doibh^, fhuair iad 
aa doimhne fichead aitheamh ; 
agus an uair a chaidh iad beagan ~ 
air an aghaidh, leig iad sìos an 
luaidh a ris, agus fhuair iad i 
'na cùig aitheamh deug. 

' dhcònuich. ^ chuiye u(jus uaith. 
283 



29 An sin air dhoibh bhi fo 
eacral gu 'm buaileadh iad air 
ionadaibh garbha, thilg iad 
ceithir acraichean à deireadh 
na luinge, agus ghuidh iad an là 
a theachd. 

30 Agus an uair a bha na 
maraichean air ti* teicheadh a 
mach as an luing, agus a leig iad 
sìos am bàta do 'n fhairge, a' 
gabhail orra bhi tilgeadh a mach 
acraichean à toiseach na luinge, 

31 Thubhairt Pòl ris a' cheann- 
ard-ceud, agus ris na saighd- 
earaibh, Mur fan iad sin san 
luing, cha 'n 'eil e 'n comas duibh 
bhi air bhur teasairginn. 

32 An sin gheàrr na saighd- 
earan cùird a' bhàta, agus leig 
iad leis tuiteam sìos. 

33 Agus am feadh a bha an là 
a' teachd, thug Pòl a chomhairle 
orra uile biadh a ghabhail, ag 
ràdh, Is e so an ceathramh là 
deug dhuibh a' feitheamh, agus 
a' fantuinn 'nur trasg, gun 
bhiadh sam bith a ghabhail. 

34 Uime sin guidheam oirbh 
biadh a ghabhail ; oir a ta so 
chum bhur slàinte : oir cha 
chaillear ^ fuiltean à ceann a h- 
aon agaibh. 

35 Agus air dha na nithe so a 
labhairt, agus aran a ghlacadh, 
thug e buidheachas do Dhia 'nan 
làthair uile ; agus air dha a 
bhriseadh, tliòisich e ri itheadh. 

36 An sin ghlac iad uile deadh 
mhisneach, agus ghabh iad biadh 
mar an ceudna. 

37 Agus bha sinn a dh'anam- 
aibli uile annsan luing,dà cheud 
agus sè deug agus trì fichefid. 

^ grunnachadh dhoibh. ''fonn. ^ tuit. 



GNIOMHARA, 



XXVII. XXVIII. 



38 Agus an uair a sliàsuicb- 
eadh iad le biadh, dh'eutrom- 
aich iad an long, agus thilg iad 
a mach an cruithneachd san 
fhairge. 

39 Agus an uair a bha 'n là air 
teachd, cha d' aithnich iad am 
fearann: ach thug iad an aire 
do lùib^ àraidh aig an robh 
tràigh, anns an robh mhiann 
orra, nam b' urrainn iad, an long 
a chur gu tìr. 

40 Agus air togail nan acraich- 
ean doibh, leig iad ris an f hairge 
i, agus an uair a dh'f huasgail iad 
ceanglaichean na stiuire, agus 
a thog iad am prìomh sheòl" ris 
a' ghaoith, sheòl iad chum na 
tràighe. 

41 Agus air tuiteam dhoibh 
ann an ionad àraidh far an do 
choinnich dà fhairge a chèile, 
bhuail iad an long air grund ; 
agus air sàthadh d' a toiseach 
sa' ghrund, dh'fhan e gun cbar- 
achadh, ach bhriseadh a deir- 
eadh le ainneart nan tonn. 

42 Agus b' i comhairle nan 
saighdearan gu marbhadli iad 
na prìosanaich, air eagal gu 'n 
snàmhadh neach sam bith dhiubh 
a mach, agus gu rachadh iad as. 

43 Ach air do 'n cheannard-ceud 
bhi toileach Pòl a theasairginn, 
chum e air ais o 'n comhairle 
iad, agus dh'àithn e dhoibh-san 
d' am b' aithne snàmh iad fèin 
a thilgeadh sa' chuan air tùs, 
agus dol a mach air tìr : 

44 Agus do cliàch dìiùithn e, 
cuid diubh dhol air clàraibh, ag- 
us cuid eile air mìrihh hriste do 
'n luirg : agus mar sin thàrladli 

' glicodha. ^ an seol mòr. 

284 



gu 'n deachaidh iad uile tèar- 
uinte gu tir. 

cAiB. xxvni. 

1 An dcìgh an long-bhrisidh thug an sluagh 
horh uoidheachd gu suaircedo Fhòl. 5 Cha 
do chiàrradh a làmh le nathair nimhe a 
tean. rithe. 8 Shlanuich e mòran eucaile 
sun eìlean. 11 Ghahh iad an turus chum 
nu Roimhe. 17 Chuìr Pòl an cèiìl do na 
h-Iùdhaich aohhar a theachd do 'n Roimh. 

AGUS an uair a thèarnadh iad, 
thuig iad an sin gu 'm b' e 
Melita ainm an eilein. 

2 Agus nochd an sluagh borb 
caoimhneas nach bu bheag 
dhuinn : oir air fadadh teine 
dhoibh, ghabh iad ruinn uile, air 
son an uisge a bha ann, agus air 
son an fhuachd. 

3 Agus air do Phòl dorlach 
bhioran a thional, agus an cur 
air an teine, thàinig nathair 
nimhe mach as an teas, agus 
shàs i 'na làimh. 

4 Agus an uair a chunnaic an 
shiagh borb a' bhèisd an croch- 
adh r' a làimh, thubhairt iad r' a 
chèile, Gu cinnteach is mortair 
an duine so, do nach fuiling 
dìoglialtas bhi beò, ge do theas- 
airgeadh o 'n f hairge e. 

4 Agus air dhasan a' bhèisd a 
chrathath dheth anns an teine, 
cha d' fhulaing e dochann sam 
bith. 

6 Ach bha iadsan a' feitheamh 
c' uin' a dh'atadh e, no a thuit- 
eadh e sios marbh gu h-obann : 
ach an uair a dh'fheith iad ùine 
f hada, agus nach fac iad dochann 
sam bith a' teachd air, chaoch- 
ail iad an inntinn, agus thubh- 
airt iad gur Dia e. 

7 Agus bha mu thimchioll an 
àite sin fearann aig prìomh 



GNIOMHARA. XXViri. 



dhmne an eìlein, d' am b' ainm 
Publius, a gliabli ruinne agus a 
tliug rè thrì làithean aoidheachd 
dhuinn gu càirdeih 

8 Agus thàrladh gu robh 
athair Phubliuis 'na hiidhe gu 
tinn le fìabhrus^ agus gearrthacli 
fola : air do Phòl dol a steach 
d' a ionnsuidh, rinn e ùrnuigh, 
agus air dha a làmhan a chur 
air, leigheas se e. 

9 Agus an uair a rinneadh so, 
thàinig mar an ceudna muinn- 
tir eile a bha euslan san eilean 
d' a ionnsuidh, agus leighiseadh 
iad : 

10 Muinntir mar an ceudna a 
thug mòr-urram dhuinn ; agus 
an uair a dh'fhalbh sinn, chuir 
iad na nithe sin leinn a bha 
feumail duinn. 

11 Agus an dèigh thri mìosa 
sheòl sinn ann an luing o Alec- 
sandria, a chaith an geamhradh 
san eilean, d' am bu shuaitheant- 
as Castor agus PoIIucs. 

12 Agus an uair a chaidh sinn 
air tìr^ aig Siracuse, dh'f han sinn 
071 shi trì làithean. 

13 Agus air seòladh dhuinn 
timchioll as a sin, thàinig sinn 
gu Regium : agus an ceann là 
'na dhèigh sin shèid a' ghaoth à 
deas, agus thàinig sinn an t-ath 
là gu Puteoli : 

I 14 Air dhuinn bràithrean 
fhaotainn an sin, chuireadh 
impidh oirnn leo fantuinn seachd 
làithean maille riu : agus mar 

1 sin thriall sinn chum na Ròimhe. 

! 15 Agus as a sin, air faotainn 
ar sgèiì do na bràithribh, thàinig 

' tensaìch. 

^ air tcac/id gu tìr dhnhin. 

285 



iad 'nar coinneamh gu Apii- 
forum, agus na Trì tighibh-òsda ; 
agus an uair a chunnaic Pòl iad, 
thug e buidheachas do Dhia, ag- 
us ghabh e misneach. 

16 Agus an uair a thàinig sinn 
do 'n Ròimh, thug an ceannard- 
ceud thairis na prìosanaich do 
cheannard an f hreiceadain : ach 
thugadh comas do Phòl a bhi leis 
fèin^, maille ri aon saighdear a 
bha 'ga ghlèidheadh. 

17 Agus thàrladh, an dèigh 
thrì làithean, gu'n do ghairm Pòl 
maithean^ nan Hdhach an ceann 
a chèile. Agus an uair a chruinn- 
icheadh iad, thubhairt e riu, 
Fheara agus a bhràithre, ged 
nach d' rinn mise ni sam bith an 
aghaidh a' phobuill no ghnàth- 
anna nan aithriche, thugadh 
thairis mi a' m' phrìosanach o 
Terusalem do làmhaibh nan 
Romhanach. 

18 Muinntir an dèigh dhoibh 
mo cheasnachadh, leis am bu 
mhiann mo leigeadh as, a chionn 
nach robh coire bàis sam bith 
annam. 

19 Ach an uair a bha na h- 
lùdhaich a' labhairt an aghaidh 
so, b' èigin domh mò chùis a thog- 
ail gu Ceasar ; cha 'n e gu bheil 
coire sam bith agam r' a chur à 
leth mo chinnich. 

20 Air an aobhar so uime sin 
chuir mi flos oirbhse, chum gu 
faicinn sibh, agus gu 'n labhrainn 
ribh : oir is ann air son dòchais 
Israeil a ta mi ceangailte leis an 
t-slabhraidh so. 

21 Agus thubhairt iadsan ris^ 

^ f(ir ani ba toil kis. 

'' uaixli iin, prìoììth dhaoinc. 



GNIOMHARA, XXVITI. 



Chd d' f huair sinne litriche sam 
bith à ludea mu d' thimchioll, 
cha mhò a dh'fhoillsich no dh'- 
innis aon do na bràithribh a 
thàinig, olc sam bith umad. 

22 Ach bu mhaith leinn a 
chluinntinn uaitse ciod i do 
bharail : oir mu thimchioll na 
gnè-chreidimh so, tha fhios 
againn gu 'n labhrar sgach àit 'na 
h-aghaidh. 

23 Agus air suidlieachadh là 
ris, thàinig mòran d' a ionnsuidh 
chum a cheithreanna ; d' an do 
mhìnich e rìoghachd Dhè, a' 
dèanamh fianuis uimpe, agus a' 
cur impidh orra thaobh nan 
nithe a bhuineas do losa, araon à 
lagh Mhaois, agus as na fàidhibh, 
o mhoch-thrath gu feasgar. 

24 Agus chreid cuid na nithe 
a labhradh, agus cha do chreid 
cuid eile dhiubh. 

25 Agus air dhoibh bhi an 
aghaidh a chèile, sgaoil iad, air 
do Phòl aon f hocal a ràdh, Is 
maith a labhair an Spiorad 
Naomh tre 'n f hàidh Esaias, r' ar 
n-aithrichibh, 

26 Ag ràdh, Imich chum a' 
phobuill so, agus abair, Le 

' cha leir dhuibh. ^ mall. ^ dhruid. 
286 



cluinntinn cluinnidh sibh, agus 
cha tuig sibh ; agus le faicinn chì 
sibh, agus cha 'n aithnich sibh '. 

27 Oir a ta cridhe a' phobuiU 
so air fàs reamhar, agus tha iad 
a' cluinntinn gu tròm^ le 'n cluas- 
aibh, agus chaog^ iad an sùilean ; 
air eagal gu faiceadh iad le 
sùilibh, agus gu 'n cluinneadh iad 
le '« cluasaibh, agus gu 'n tuig- 
eadh iad le 'w cridhe, agus gu 'm 
pilleadh iad, agus gu 'n slànuich- 
inn-sa iad. 

28 Uime sin biodh f hios agaibli- 
sa, gu 'n do chuireadh slàinte 
Dhè chum nan Cinneach, agus 
èisdidh iadsan. 

29 Agus an uair a thubhairt 
e na briathra so, dh'imich na h- 
lùdhaich rompa agus bha mòr- 
reusonachadh ^ aca eatorra fèin. 

30 Agus dh'f han Pòl dà bhliadh- 
na iomlan 'na thigh-màiP fèin, 
agus ghabh e ris na h-uile 
dhaoinibh a thàinig d' a ionn- 
suidh, 

31 A' searmonachadh rìogh- 
achd Dhè, agus a teagasg n&n 
nithe a bhuineas do 'n Tighearn 
losa Crìosd, leis an uile dhàn- 
achd gun toirmeasg. 

' mòr-dheashoireachd. ' thigh-rèìdh. 



LITIR AN ABSTOIL PHOIL ciium nan ROMHANACH. 



CAIB. 1. 

1 ^fhol Pòl a dlireuchd do na Romhanaich, 
agus dh'innis e a thogradh gu teachd d' an 
ionnsuidh. 1 6 Ciod e soisgeul Chrwsd, agus 
an fh'ireantachd a ta e a' foillseachndh. 18 
Tha fearg aig Dia ris gach uile ghnè peac- 
aìdh. 21 Ciod iad peacanna nan Cinneach. 

POh, seirbhiseach losa Crìosd, 
a ghairmeadh 'na abstol, a 
chuireadh air leth^ chum Soisgeil 
Dè 

2 (A roimh-gheall e le 'f hàidh- 
ibh fèin anns na sgriobtuiribh 
naomha.) 

3 INIu thimchioll a IMliic losa 
Crìosd ar Tighearn, a rinneadh do 
shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla ; 

4 A dhearbhadh' bhi 'na Mhac 
do Dhia le cumhachd, a rèir 
Spioraid na naomhachd, tre ais- 
igh o na marbhaibh : 

5 Tre an d' fhuair sinne gràs 
agus abstolachd chum ùmhlachd 
a' chreidimh am measg nan uile 
chinneach air sgàth 'ainme-san : 

6 Am measg am bheil sibhse 
mar an ceudna air bhur gairm 
le losa Crìosd : 

7 Chum nan uile a ta san 
R(Mmh, air an gràdhachadh le 
Dia, air an gairm 'nan naoimh : 
Gràs gii robh dhuibhse, agus sìth^ 
o Dhia ar n-Athair, agus o 
Tighearn losa Crìosd. 

8 Air tùs, tba mi toirt buidh- 
eachais do m' Dhia tre losa 
Crìosd, air bhur son-sa uile, do 
bhrìgh gu bheil bhur creidimh 
iomraideach air feadh an domh- 
ain gu lèir. 

' sgaradh. ' dh'òrduicheadh. 

* siothchaint. 
•<87 



9 Oir is e Dia m' f hianuis, d' 
am bheil mi a' dèanamh seirbhis 
le m' spiorad ann an soisgeul a 
Mliic, gu bheil mi gun sgur a' 
dèanamh luaidh* oirbh, 

10 A ghnàth a' guidhe ann am 
ùrnuighibh, (nam feudainn a nis 
fa-dheoidh air aon chor le toil 
Dè turus soirbheasach fhaot- 
ainn,) ri teachd do 'ur n-ionn- 
suidh-sa. 

11 Oir a ta deidh' agam air 
sibhse fhaicinn, ionnus gu pàirt- 
ich mi tiodhlac àraidh spioradail 
ribh, chum bhur neartachadh ; 

12 Sin ri ràdh, chum gu faigh 
mi comhfhurtachd annaibh-sa^, 
tre chreidimh a chèile, bhur 
creidimh-sa, agus mo chreid- 
imh-sa. 

13 Agus cha 'n àill leam, a 
bhràithre, e bhi 'n ain-fhios 
duibhse gu 'n do chuir mi romh- 
am gu minic teachd do 'ur n- 
ionnsuidh, (ach bhacadh mi gus 
a so,) chum gu faighinn toradh 
èigin 'nur measg-sa fòs, mar am 
measg nan Cinneach eile. 

14 Oir a ta mi fo fhiachaibh 
araon do na Greugaich, agus do 
na daoinibh borba, araon dhoibh- 
san a ta glic, agus dhoibh-san 
a ta neo-ghlic. 

15 Uime sin, mheud's a ta an 
comas domh, tha mi ullamh chum 
an soisgeul a shearmonachadh 
dhuibhse mar an ceudna a ta 
san Ròimh. 

16 Oir cha nàr leam-sa sois- 

l iomraidh. ' togradh. 

maraon rihhse. 



ROMHANACH, T. 



geul Chrìosd : oir is e ciimhachd 
Dhè e chum slàinte do gach neach 
a chreideas, do 'n lùdhach air 
tùs, agus mar an ceudna do 'n 
Ghreugach. 

17 Oir a ta fìreantachd Dhè 
air a foillseachadh ann tre 
chreidimh gu creidimh : mar a 
ta e sgrìobhta, Bithidh am fìrean 
beò tre chreidimh. 

18 Oir a ta fearg Dhè air a 
foillseachadli onèamhan aghaidh 
gach uile mhi-dhiadhaidlieachd, 
agus eucoir dhaoine, a tha bacadh' 
na fìrinn ann an neo-fhìreant- 
achd : 

19 Do blirìgh gu bheil an ni 
air am feudar fios fhaotainn a 
thaobh Dhè follaiseach annta- 
san' ; oir rinn Dia follaiseach 
dhoibh e. 

20 Oir riamh o chruthachadh 
an t-saoghail a ta a nithe-san 
nach feudar fhaicinn, eadhon a 
chumhachd siorruidh agus a 
Dhiadhachd, air am faicinn gu 
soilleir, air dhoibh bhi so-thuig- 
sinn o na nithibh a rinneadh; 
chum gu biodh" iad gun leith- 
sgeul aca : 

21 Do bhrìgh 'nuair a b' aithne 
dhoibh Dia, nach d' thug iad 
ghìir dha mar Dhia, agus nach 
robh iad taingeil, ach gu 'n d' 
f hàs iad diomhain 'nan reuson- 
achadhfèin, agus gu'n do dhorch- 
aicheadh an cridhe amaideach. 

22 Ag ràdh gur daoine glice 
iadfèin, rinneadh amadain diubh : 

23 Agus chaochail' iad ghnr 
an Dè neo-thruaillidh gu dealbh 
a rinneadh cosmhuil ri duine 

3 cumaU. - 'nam metisg. 

ioìirnin (]u bhcil. dh'ulhai'raich. 
2SS 



truaillidh, agus ri eunlaith, agus 
ainmhidhibh ceithir-chosach, ag- 
us bhèisdibh snàigeach. 

24 Uime sin thug Dia thairis 
iad mar an ceudna, tre ana- 
miannaibh an cridhe fèin, chum 
neò-ghloine, a thoirt eas-urraim 
d' an corpaibh fèin eatorra fèin : 

25 Muinntir a chaochail fìrinn 
Dè gu brèig, agus a thug aoradh 
agus a rinn seirbhis do 'n chreut- 
air ni's mò na do'n Chruithear, 
a ta beannaichte gu sìorruidh. 
Amen. 

26 Air a shon so thug Dia 
thairis iad do ana-miannaibh 
gràineil : oir chaochail eadhon 
ammnài an gnàthachadh nàdurra 
chum a' ghnàtha a ta an aghaidh 
nàduir : 

27 Agus mar an ceudna na 
fir, air trèigsinn doibh gnàthach- 
adh nàdurra na mnà, loisgeadh 
iad le 'n togradh' d' a chèile, fir- 
ionnaich ri firionnaich ag oib- 
reachadh gràineileachd' agus iad 
a' faotainn diol-thuarasdail an 
seacharain annta fèin, mar bu 
chòir. 

28 Agus amhuil mar nach bu 
taitneach leo eòlas Dè a chumail, 
thug Dia thairis iad do inntinn 
mhì-chèillidh, a dhèanamh nithe 
nach robh iomchuidh : 

29 Air dhoibh bhi air an 
lìonadh do 'n uile eucoir, strìop- 
achas, olc, shannt, mhì-run : làn 
do fharmad, do mhortadh, do 
chonnsachadh", do cheilg, do 
dhroch-bheusaibh' ; 'nan luchd- 
cogarsaich, 

30 'Nan hichd-anacainntVnan 

^ iin nì sin a ta nù chiatach. '-' chomh-stri. 
■ (inii-mHiieachd^ eascaoìni'nrhd. 
» 'A'a/ì luchd càl-chàineadh. 



ROMHANACH, I. II. 



luchd-fuath air Dia, 'nan luchd- 
tarcuis, uaibhreach, 'nan luchd- 
ràiteachais', 'nan luchd-cumadh 
uilc, eas-ùmhal do phàrantaibh, 

31 Eu-ceillidh, 'nan luchd- 
brisidh coimhcheangail, gun 
ghràdh nàdurra, do-rèiteachaidh, 
neo-thruacanta : 

32 Muinntir d' an aithne ceart- 
as Dè, (gu bheil iadsan a nì an 
leithide sin do nithibh toillteann- 
ach air bàs,) gidheadh cha 'n e 
mhàin gu bheil iad fèin 'gan 
dèanamh, ach a ta mar an 
ceudna tlachd aca do 'n mhuinn- 
tir a nì iad. 

CAIB. IT. 

I ladsan a ta peacachadh, ged tha iad a' 
cronachadh so an daoìnihh eile, cha 'n urr- 
ainn iad an leithsgeul fèin aghabhail, 6 agus 
is lugha gu mòr na sin a dh'fheudas iad dol 
as cheart-bhreitheanas Dè, ma 's Tùdhaich 
no Cinnich iad. 14 Cha'n 'eil na Cinnich 
comasach air dol as, 17 no idir na h-Lidh- 
aich, 25 do nach 'eil feum san timchioll- 
ghearradh, mur coimhid iad an lagh. 

UIME sin a ta thu gun leith- 
sgeul, O a dhuine, co air 
bith thu a tha toirt breth : oir an 
uair a tha thu toirt breth air 
neach eile, tha thu ga d' dhìt- 
eadh fèin ; oir thusa a tha toirt 
breth, tha thu dèanamh nan 
nithe sin fèin. 

2 Aeli a xa fios againne gu 
bheil breitheanas Dè a rèir fìr- 
inn, an aghaidh na muinntir a 
tha dèanamh an leithide sin. 

3 Agus an saoil thusa so, O a 
dhuine, a tha toirt breth orra- 
san a nì an leithide sin, agus 
a ta 'gan dèanamh thu fèin, gu 'n 
tèid thu as o bhreitheanas Dè ? 

4 No'n dèan thu tarcuis air 

' hòst i i. ' tasgaidh. ^ onoir. 



saoibhreas a mhaitheis, agus 
'fhoighidin, agus 'fhad-fhulang- 
ais, gun f hios bhi agad gu bheil 
maitheas Dè ga d' threòrachadh 
chum aithreachais ? 

5 Ach a rèir do chruais agus 
do chridhe neo-aithreachail, a ta 
thu càrnadh^ suas feirge dhuit 
fèin fa chomhair là na feirge, 
agus foillseachaidh ceart-bhreith- 
eanais Dè ; 

6 A bheir do gach aon a rèir 
a ghnìomhara ; 

7 Dhoibh-san a ta le buanach- 
adhgu foighidneach ann an deadh 
obair, ag iarraidh gknre, agus 
urraim^, agus neo-bhàsmhorachd, 
a' bheatha mhaireannach : 

8 Ach dhoibh-san a ta conspoid- 
each, agus nach 'eil ùmhal do 'n 
fhìrinn, ach a ta ùmhal do'n 
eucoir, diom agus fearg; 

9 Amhghar agus teanntachd 
air gach anam duine a ta dèan- 
amh uilc, do 'n lùdhach air tùs, 
agus mar an ceudna do 'n 
Ghreugach : 

10 Ach glòir, agus urram, agus 
sìth, do gach duine a nì maith, 
do 'n lùdhach air tùs, agus do 'n 
Ghreugach mar an ceudna : 

11 Oir cha'n 'eil spèis aig Dia 
do phearsa seach a chèile. 

12 Oir a niheud as a pheac- 
aich gun an lagh, sgriosar iad 
gun an lagh ; agus a mheud as a 
pheacaich fuidh an lagh, dìtear 
iad leis an lagh : 

^13 (Oir cha'n iad luchd- 
èisdeachd an lagha a-ifa 'nam fìr- 
eanaibh am fianuis Dè, ach 
bithidh luchd-dèanamh an lagha 
air am fìrea nachadh\ 

* air an saoradh, air an glunadh o chionta. 



ROMHANACH, 11 IIL 



14 Oir an uair a ta na Cinn- 
icli aig nach 'eil lagh, a thaobh 
nàduir a' dèanamh nan nithe a ta 
san lagh, air dhoibh-san a bhi 
gun lagh tha iad 'nan lagh 
dhoibh fèin : 

15 Muinntir a ta nochdadh 
obair an lagha sgrìobhta 'nan 
cridheachaibh, air bhi d' an coguis 
a' dèanamh fianuis leo, agus an 
smuaintean eatorra fèin 'gan ag- 
airt, no a' gabhail an leithsgeil :) 

16 San là anns an toir Dia 
breth air nithibh uaigneach 
dhaoine, a rèir mo shoisgeil-sa, 
tre losa Crìosd. 

17 Feuch, goirear lùdhach 
dhìot-sa, agus tha thu cur dòigh 
san lagh, agus a' dèanamh uaiU 
à Dia ; 

18 Agus is aithne dhuit a thoil, 
agus a ta thu a' dearbhadh nan 
nithe' a's feàrr, air dhuit bhi air 
do theagasg as an lagh, 

19 Agus a ta thu dòchasach 
gur ceann-iuiP thu fèin do na 
doilP, solus dhoibh-san a ta an 
dorchadas, 

20 Fear-fòghluim do dhaoinibh 
neo-eagnaidh, fear-teagaisg do 
leanabaibh, aig am bheil samh- 
ladh an eòlais agus na fìrinn a 
ta san lagh. 

21 Thusa uime sin a ta teagasg 
neach eile, nach 'eil thu ga d' 
theagasg fèin ? thusa a ta sear- 
monachadh gun ghoid a dhèan- 
amh, am bheil thu ri goid ? 

22 Thusa tha 'g ràdh gun 
adhàltrannas a dhèanamh, am 
bheil thu dèanamh adhaltrann- ! 
ais ? thusa le 'n gràin ìodhola", 



am bheil thu ri naomh-ghoid ? 

23 Thusa a ta dèanamh uaill as 
an lagh, an tabhair thu, le bris- 
eadh an lagha, eas-urram do 
Dhia? 

24 Oir a ta ainm Dhè a' 
faotainn toibheim do 'ur taobh-sa 
am measg nan Cinneach, mar a 
ta e sgrìobhta. 

25 Oir a ta tairbhe gu fìrinn- 
each anns an timchioll-ghearradh, 
ma ghlèidheas tu an lagh : ach 
ma's fear-brisidh an lagha thu, 
tha do thimchioll-ghearradh 'na 
neo-thimchioll-ghearradh dhuit, 

26 Uime sin, ma ghlèidheas an 
neo - thimchioll - ghearradh ' f ìr- 
eantachd an lagha, nach measar 
a neo-thimchioll - ghearradh-san 
mar thimchioll-ghearradh ? 

27 Agus nach dìt an neo- 
thimchioll-ghearradh thaobh nà- 
duir, a ta a' coimhlionadh an 
lagha, thusa a tha tre 'n litir agus 
tre 'n timchioll-ghearradh a' d' 
f hear-brisidh an lagha ? 

28 Oir cha'n lùdhach e-san, a 
tha mar sin o 'n leth-muigh ; ag- 
us cha'n e sin an timchioll- 
ghearradh, a tha gu follaiseach 
san f heoil : 

29 Ach is lùdhach e-san, a tha 
mar sin san taobh a stigh^; agus 
is e sin an timchioll-ghearradh a 
tha sa' chridhe, agus san spiorad, 
cha 'n ann san Ktir, aig am bheil 
a chliù cha'n ann o dhaoinibh, 
ach Dhia. 

CAIB. ni. 

1 Sochaìr nan làdhach ; 3 nach do chaìll iad: 
9 gidheadh dh'fhdg an lagh shìos iad mar 
an ceudna thaohh peacaidh. 20 Uime sin 
cha 'n 'eil fcoil air bith air an saoradh tre 'n 



' a' gabhail thichd do na nithibh. 1 « e-san a tha neo-thimchiolì-ghearrta. 

- fear-se'olaidh. ' dallaibh. * dealbhan. san ionad fholaichte. 



ROMHANACH, ni. 



lagh, 28 ach a ta na h-uik air an saoradh 
tre chreidlmh a mftdin, 31 gidheadh cha 'n 
'eil an lagh air a chur gu neo-bhrigh, 

CIOD e uime sin barrachd an 
lùdhaich ? no ciod e tairbhe 
an timchioll-ghearraidh ? 

2 Is mor sin air gach dòigh : 
air tùs, do bhrìgh gur ann riu-san 
a dh'earbadh briathra' Dhè. 

3 Oir ciod e sin ged' nach do 
chreid cuid? an dèan am mì- 
chreidimh-san fìrinn Dhè gun 
èifeachd ? 

4 Nar leigeadh Dia : ach biodh 
Dia fior, agus gach duine 'na 
bhreugaire ; a rèir mar a ta e 
sgrìobhta, Chum gu bì thu ceart 
ann ad bhriathraibh, agus gu'n 
toir thu buaidh 'nuair a bheirear 
breth ort. 

6 Ach ma mholas ar n-eucoir- 
ne fìreantachd Dhè, ciod a their 
sinn ? am bheil Dia eucorach a 
tha dèanamh dìoghaltais? (tha 
mi a' labhairt mar dhuine,) 

6 Nar leigeadh Dia : no cionn- 
us a bheir Dia breth air an t- 
saoghal ? 

7 Oir ma ta fìrinn Dhè tre mo 
bhrèig-sa air a meudachadh chum 
a ghlòire-san ; c' ar son a ta mise 
air mo dhìteadh mar pheacach ? 

8 Agus c' ar son nach dèan 
sinn olc, chum gu'n tig maith 
as ? (mar a labhrar gu toibheum- 
ach umainne, agus mar a thubh- 
airt cuid gu bheil sinn ag ràdh,) 
muimitir d' am bheiP an dìteadh 
a rèir ceartais. 

9 Ciod uime sin ? am bheil 
barrachd againne ? cha 'n 'eil air 
aon chor : oir dhearbh sinn 
roimhe gu bheil araon na h- 

' orucla. 
' a tha 

291 



lùdhaich agus na Cinnich uile fo 
pheacadh ; 

10 Mar a ta e sgrìobhta, Cha 'n 
'eil ionracan ann, cha 'n 'eil fiù a 
h-aon : 

11 Cha'n 'eil neach ann a 
thuigeas, cha'n eil neach ann a 
tha 'g iarraidh Dhè. 

12 Chlaon iad uile as an t- 
slighe, tha iad uile mì-tharbhach ; 
cha'n 'eil neach a tha dèanamli 
maith, cha 'n 'eil fiù a h-aon. 

13 Is uaigh fhosgailte an scòrn- 
ach ; labhair iad cealg le 'n teang- 
aibh ; tha nimh nan nathracha 
nimhe fo 'm bilibh : 

14 Aig am bheil am beul làn 
do mhallachadh agus do sheirbhe : 

15 Tha an cosan luath a 
dhòrtadh fola : 

16 Tha lèir-sgrios agus truaiglie 
'nan slìghibh : 

17 Agus slighe na sìthe cha 
b' aithne dhoibh : 

18 Cha'n 'eil eagal Dè fa 
chomhair an sùl. 

19 A nis tha fhios againn ge 
b' e nithe a ta 'n lagh a' labhairt, 
gur ann riu-san a ta fuidh 'n 
lagh a tha e 'gan labhairt : chum 
gu druidear gach uile bheul, ag- 
us gu'm bì an saoghal uile air 
fhaota'inn ciontach am fianuis 
Dè^ 

20 Uime sin cha bhi feoil air 
bith air a fìreanachadh^, 'na 
fhianuis-san, tre oibribh an 
lagha : oir is ann tre an lagh a 
ta eòlas peacaidh. 

21 Ach a nis tha f ireantachd 
Dhè air a foiUseachadh as 
eugmhais an lagha, a' faotainn 

j 2 buailtcnch do bhreth Dhe, buailteach do dlùt- 

eadh Dhè. saoradh, glanudh. 

' u 2 



ROMHANACH, HI. IV. 



fianuis o 'n lagh agus o na fàidh- 
ibh ; 

22 Eadhon fìreantachd Dhè tre 
chreidimh losa Crìosd, do na h- 
uile, agus air na h-uile a chreid- 
eas ; oir cha'n'eil eadar-dhealach- 
adh ann : 

23 Oir pheacaich na h-uile, 
agus tha iad air teachd geàrr^ air 
glòir Dhè ; 

24 Air dhoibh bhi air am 
fìreanachadh gu saor le a ghràs, 
tre an t-saorsa a ta ann an losa 
Criosd : 

25 Neach a shònraich Dia 'na 
ìobairt-rèitich, tre chreidimh 'na 
f huil, chum 'fhìreantachd fhoill- 
seachadh le maitheanas nam 
peacanna a chaidh seachad, tre 
fhad-fhulangas Dè ; 

26 A dh'fhoiUseachadh, tha mi 
ag ràdh, 'f hìreantachd-san san àm 
a ta làthair ; chum gu 'm biodh e 
cothromach, agus gu 'm fìrean- 
aicheadh e an tì a chreideas ann 
an losa. 

27 C' àit uime sin am hheil 
uaill ? Dhruideadh a mach i. 
Ciod e an lagh leis an do dhruid- 
eadh a mach i? an e lagh nan 
oibre ? Cha 'n e ; ach tre lagh a' 
chreidimh. 

28 Tha sinn uime sin a' meas 
gu bheil duine air f hìreanachadh 
tre chreidimh as eugmhais oibre 
an lagha. 

29 An e Dia nan lùdhach a 
mhàin e ? Nach e mar an ceudna 
Dia nan Cinneach ? Gu deimhin 
nan Cinneach mar an ceudna : 

.30 Do bhrìgh gur aon Dia, 
a dh'f hìreanaicheas^ an timchioll- 



' fa dheireadh^ a dheidh-laimh. 
* a shaoras, a ghairmeas glan. 
292 



ghearradh o chreidimh, agus an 
neo - thimchioll - ghearradh tre 
chreidimh. 

31 Am bheil sinn uime sin a' 
cur an lagha an neo-bhrìgh tre 'n 
chreidimh ? Nar leigeadh Dia : 
ach a ta sinne a' daingneachadh^ 
an lagha. 

CAIB. IV. 

ì Mheasadh creidimh Abrahaim dha mar 
fhìieantachd, 10 mundo thimchioll-ghearr- 
adh e. 13 Tre chreidimh a mhùin shealbh- 
aìch e fèin agus a shliochd an gealladh. 16 
Is e Abraham athair nan uile dhaoine a ta 
creidsinn. 24 Bithìdh ar creidimh-ne 
mar an ceudna air a mheas dhuinn mar 
fhìreantachd. 

CIOD ma ta a their sinn a 
f huair ar n-athair Abraham 
a rèir na feòla ? 

2 Oir ma dh'fhìreanaicheadh 
Abraham le oibribh, tha aobhar 
uaill aige, ach cha 'n ann a thaobh 
Dhè. 

3 Oir ciod a ta an sgriobtuir 
ag ràdh? Chreid Abraham Dia, 
agus mheasadh sin da mar fhir- 
eantachd. 

4 A nis do'n tì a nì obair cha'n 
ann mar ghean-maith* a mheas- 
ar an tuarasdal, ach mar f hiach- 
aibh. 

5 Ach do 'n ti nach dèan obair, 
ach a ta creidsinn anns an Tì a 
dh'fhireanaicheas an duine mì- 
dhiadhaidh, measar a chreidimh 
mar fhireantachd. 

6 Amhuil mar a ta Daibhidh 
a' cur an cèiU beannachadh an 
duine sin d' am meas Dia f ìreant- 
achd as eugmhais oibre, ag ràdh, 

1 Is beannaichte iadsan a 
fhuair maitheanas 'nan euceirt- 

a' nenrtachadh. 
marfhàbhor. 



ROMHANACH, IV. 



ibh, agus aig am bheil am peac- 
anna air am folach. 

8 Is beannaichte an tì nach cuir 
an Tighearn peacadh as aleth. 

9 Am bheil ma ta am beann- 
achadh so teachd air an timchioll- 
ghearradh a mhàin, no mar an 
ceudna air an neo-thimchioU- 
ghearradh ? Oir tha sinn ag ràdli 
gu 'n do mheasadh creidimh do 
Abraham mar flùreantachd. 

10 Cionnus ma ta a mheasadh 
dlia e ? An ann an uair a bha e 
san timchioll-ghearradh, no san 
neo-thimchioll-ghearradh ? Cha 
'n ann san timchioll-ghearradh, 
ach san neo-thimchioll ghearradh. 

11 Agas fhuair e comhar an 
timchioll-ghearraidh, seula fìr- 
eantachd a' chreidimh a bha aige 
san neo-thimchioll-ghearradli, 
chum gu 'm biodli e 'na athair 
aca-san uile a ta creidsinn san 
neo-thimchioll-ghearradh, chum 
gu measadh fìreantachd dhoibh- 
san mar an ceudna: 

12 Agus 'na athair an timchioll- 
ghearraidh dhoibh-san nach 'eil 
a mhàin do 'n timchioll-ghearr- 
adh, ach mar an ceudna a ta 'g 
imeachd ann an ceumaibh a' 
chreidimh ar n-Athar Abrahaim, 
a bha aige san neo-thimchioll- 
ghearradh. 

13 Oir cha b' ann tre 'n lagli a 
thugadh an gealladh do Abra- 
ham no d' a shiol, Gu 'm biodh e 
'na oighre air an t-saoghal, ach 
tre fhìreantachd a' chreidimh. 

14 Oir ma ta iadsan a bhuin- 
eas do 'n lagh'nan oighreachaibh, 
tha creidimh air a dhèanamh 
dìomhain, agus an gealladh gun 
bhrìgh : 

293 



15 A chionn gu bheil an lagh 
ag oibreachadh feirge: oir far 
nach 'eil lagh, cha 'n 'eil an sin 
briseadh lagha. 

16 Uime sin is ann o chreid- 
imh a ta 'n oighreachd, ionnus 
gu 'm hiodh i tre ghràs: chum 
gu 'm biodh an gealladh daingean 
do 'n t-sìol uile, cha 'n ann a 
mhàin dhoibh-san a bhuineas do 
'n lagh, ach mar an ceudna 
dhoibh-san a bhuineas do chreid- 
imh Abrahaim, neach is e ar n- 
athair-ne uile, 

17 (A rèir mar a ta e sgrìobh- 
ta, Dh'òrduich mi thu a' d' athair 
mhòran chinneach,) 'na làthair-sa 
anns an do chreid e, eadhon Dia, 
a ta beothachadh nam marbh, 
agus a ta gairm nan nithe sin 
nach 'eil idir ann mar gu 'm 
biodh iad ann : 

18 Neach an aghaidh dòchais 
a chreid an dòchas, chum gu 'm 
biodh e 'na athair mhòran chinn- 
each ; a rèir mar a dubhradh, 
Mar so bithidh do shliochd. 

19 Agus air dha gun bhi an- 
mhunn an creidimh, cha do chuir 
e an suim gu robh a chorp fèin 
a nis marbh, air dha bhi tim- 
chioll ceud bliadhna dh'aois no 
mairbhe bronn Shara : 

20 Agus cha do chuir e an 
amharus gealladh Dhè le mì- 
chreidimh ; ach bha e làidir an 
creidimh, a' toirt ghMre do Dhia: 

21 Agus bha làn-deimhin aige, 
an fi a thug an gealladh, gur 
comasach e-san air a choimhlion- 
adh. 

22 Agus uime sin mheasadh 
so dhasan mar f hìreantachd. 

23 A nis cha b' ann air a shon^ 



ROMHANACH, V. 



san a mhàin a sgrìobhadh, gu 'n 
do mheasadh so dha ; 

24 Ach air ar son-ne mar an 
ceudna, d' am measar e, ma 
chreideas sinn ann-san a thog 
suas losa ar Tighearn o na 
marbhaibh, 

25 A thugadh thairis air son 
ar ciontaidh, agus a thogadh suas 
a ris air son ar fìreanachaidh. 

CAIB. V. 

1 Air dliuinn bhi air ar saoradh o chionta 
peacaidJi tre chreidimh, tha sìth againn rì 
Z>ia, agus gàirdeachas ann un dòchas: 8 do 
hhrìgh gu 'n d' fhuair sìnn reite tre fhuil 
Chrìosd, 'nuair bu naimhde sinn, is mò gu 
r.iòr na sìn a shaorar sinn a nis uir dhuinn 
an rèite ^iaotainn. 12 Mar a thàinig peac- 
adh agus bàs tre Adhamh, is mò gu mòr na 
sin à tha fireantachd agus beatha tre losa 
Crìosd. 20 Far an robh peacadh niòr thug 
gràs barrachd. 

UIME sin air dhuinne bhi air 
ar fìreanachadh^ tre chreid- 
imh, tha sìth againn ri Dia, tre 
ar Tighearn losa Crìosd : 

2 Tre 'm bheil againn mar an 
ceudna slighe gu dol a steach tre 
chreidimh chum a' ghràis so anns 
am bheil sinn 'nar seasamh, agus 
a ta sinn a' dèanamh gàirdeach- 
ais an dòchas^ glòire Dhè. 

3 Agus cha 'n e a mhàin, 
ach a ta sinn mar an ceudna a' 
dèanamh uaill ann an trioblaid- 
ibh, do bhrìgh gu bheil fios ag- 
ainn gu 'n oiljrich trioblaid' 
foighidin ; 

4 Agus foighidin, dearbhadh* ; 
agus dearbhadh, dòchas : 

5 Agus cha nàraich an dòchas, 
do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè 

* saoradh, glanadh o chionta. 
^ earbsa, dùil. ^àmhghar. 
*fidreachadh,fein-fhiosrachadh, 
294 



air a dhòrtadh a mach ann ar 
cridheachaibh, tre 'n Spiorad 
Naomh a thugadh dhuinne. 

6 Oir air dhninne bhi fathast 
gun neart, ann an àm iomchuidh 
bliàsaich Crìosd air son nan 
daoine neo-dhiadhaidh. 

7 Oir* is gann a dh'f huilingeas 
duine bàs air son duine choth- 
romaich; ach theagamh gu 'm 
biodh aig neach èigin do mhis- 
nich eadhon bàs f hulang air son 
duine mhaitli. 

8 Ach a ta Dia a' moladh a 
ghràidh fèin duinne, do bhrìgh 
an uair a bha sinn fathast 'nar 
peacaich gu'n d'fhuiling Criosd 
bàs air ar son. 

9 Is mò gu mòr^ uime sin, air 
dhuinn a nis bhi air ar fìrean- 
achadh tre 'fhuill, a shaorar^ 
trìd-san o fheirg sinn. 

10 Oir ma 'se air dhuinn bhi 
'nar naimhdibli, gu 'n d' rinneadh 
rèidh ri Dia sinn tre bhàs a 
Mhic; is mò gu mòr, air dhuinn 
bhi air ar dèanamh rèidh, a 
shaorar tre a bheatha sinn. 

11 Agus cha 'n e mhàin sin, 
ach a ta sinn a' dèanamh gàird- 
eachais an Dia, tre ar Tighearna 
losa Crìosd, tre an d' fhuair sinn 
a nis an rèite. 

12 Uime sin mar a thàinig 
peacadh a steach do 'n t-saoghal 
tre aon duine, agus bàs tre 'n 
pheacadh, mar sin mar an ceud- 
na thàinig bàs air na h-uile 
dhaoinibh; do blirìgh gu 'n do 
pheacaich iad uile \ 

13 Oir gus an lagh, bha peac- 

* A nis. Is mòr is mò. 

' thèarnar, shàbhalar. 

8 ann-san san do pheacaich nu h-nile. 



ROMHANACH, V. VI. 



adh anns an t-saoghal: ach cha 
chuirear peacadh à leth dhaoine 
far nach 'eil lagh. 

14 Gidheadh, rìoghaich am 
bàs o Adhamh gu Maois, eadhon 
air an dream nach do pheacaich 
a rèir coslais eas-ùmlachd 
Adhaimh, neach is e samhladh ' 
an Ti ud a bha ri teachd : 

15 Ach cha 'n ann mar an 
cionta, a tha 'n saor-thiodhlac. 
Oir ma fhuair mòran bàs tre 
chionta aoin, is mò gu mòr na 
sin a tha gràs Dhè, agus an 
tiodhlac troimh ghràs a ta tre 
aon duine, losa Crìosd, pailte do 
mhòran. 

16 Agus cha 'n ann mar tre 
aon duine a pheacaich mar sin 
a tha 'n tabhartas: oir hha am 
breitheanas tre aon chionta, chum 
dìtidli : ach a ta 'n saor-thabhart- 
as mhòran chiontaibh chum 
fìreanachaidh. 

17 Oir ma 's e as tre chionta 
aoin duine gu 'n do rìoghaich am 
bàs tre aon, is mò gu mòr na sin 
a rioghaicheas iadsan, a gheibh 
pailteas gràis, agus tabhartais na 
fireantachd, ann am beatha tre 
aon, eadhon Tosa Crìosd. 

18 Uime sin mar tre chionta 
aoin duine^ a thàinig hreitheanas 
air na h-uile dhaoinibh chum 
ditidh, is amhuil sin mar an 
ceudna tre fhìreantachd aoin* 
thàinig an saor thiodhlac air na 
h-uile dhaoinibh chum fìrean- 
achaidh na beatha. 

19 Oir mar tre eas-ùmhlachd 
aoin duine a rinneadh mòran 
'nam peacaich, is amhuil sin tre 

* mmhlachas, comh-choslas, dealbh. 
' tre aon pheacadh. ' tre aon chionta. 

29. 5 



ùmhlachd aoin duine a nithear 
mòran 'nam fìreanaibh. 

20 Ach thàinig an lagh a 
steach, chum gu meudaichteadh 
an cionta : ach far an do mheud- 
aicheadh am peacadh, bu ro- 
mhò a mheudaicheadh gràs : 

21 Chum as mar a rioghaich 
am peacadh chum bàis, mar sin 
gu 'n rìoghaicheadh gràs tre f hìr- 
eantachd chum na beatha mair- 
eannaich, tre losa Crìosd ar Tigh- 
earn. 

CAIB. VI. 

1 Cha n fheud sinn ar heatha a chaitheadh 
am peacadh ; oir a ta sinn marhh dha mar 
thn 'm baisteadh a' deaì'hhadh. 12 Na 
biodh rìoghachd aig a' pheacadh nì's »hò, 
18 do bhfigh gu 'n d' thug sinn sinn fein 
thairis do sheirbhis na f ireantachd., 23 
agus a chionn gur e am bàs tuarasdal a' 
pheacaidh. 

CIOD ma ta a their sinn ? Am 
buanaich sinn am peacadh, 
chum gu meudaichear gràs ? 

2 Nar leigeadh Dia: cionnus 
a dh'fheudas sinne a ta marbh 
do 'n pheacadh, ar beatha a 
chaitheadh ni 's fàide ann ? 

3 Nach 'eil fhios agaibh, a 
mheud againn as a bhaisteadh 
ann an losa Crìosd, gu 'n do 
bhaisteadh chum a bhàis sinn ? 

4 Air an aobhar sin dh'adh- 
laiceadh sinn maille^ ris tre 'n 
bhaisteadh chum bàis : ionnus 
mar a thogadh Crìosd suas o na 
marbhaibh le glòir'' an Athar, 
mar sin gu gluaiseamaid-ne mar 
an ceudna ann an nuadhachd 
beatha. 

5 Oir ma chaidh ar suidheach- 
adh maraon ann an coslas a' 
bhàis, bithidh sinn mar an ceudna 

* tre aon fhìreantachd. ' maraon, 

cumhachd. 



ROMHANACH, VI. 



air ar suidheachadh ann an coslas 
'aiseirigh. 

6 Air fhios so a bhi againn, 
gu bheil ar seann duine air a 
chèusadh maille ris, ionnus gu 'm 
biodh corp a' pheacaidh air a 
sgrios, chum à so suas nach 
dèanamaid seirbhis do 'n pheac- 
adh. 

7 Oir an tì a fhuair bàs rinn- 
eadh saor e o 'n pheacadh. 

8 A nis ma fhuair sinn bàs 
maille ri Crìosd, tha sinn a' 
creidsinn gu 'm bì sin beò maille 
ris mar an ceudna : 

9 Air dhuinn fios a bhi againn 
air do Chrìosd èirigh o na marbh- 
aibh, nach bàsaich e ni 's mò ; 
cha 'n 'eil tighearnas aig a' bhàs 
ni 's mò air. 

10 Oir a mheud gu 'n d' f huair 
e bàs, is ann do 'n pheacadh a 
f huair e bàs aon uair a tnhàin : 
ach a mheud gu bheil e beò, is 
ann do Dhia a ta e beò. 

11 Mar sin mar an ceudna 
measaibh-sa gu bheil sibh fèin 
gu deimhin marbh do 'n pheacadh, 
ach beò do Dhia tre losa Crìosd 
ar Tigliearna. 

12 Air an aobhar sin na rìogh- 
aicheadli am peacadh ann bhur 
corp bàsmhor, air chor as gu 'n 
tusadh sibh iimhlachd dha 'na 
ana-miannaibh. 

13 Agus na tugaibh bhur builì 
'nanarmaibh euceirt^ do'n pheac- 
adh ; ach thugaibh sibh fèin do 
Dhia, mar dhream a ta beò o na 
m.arbhaibh, agus bhur buill 'nan 
armaibh lìreantachd do Dhia. 

14 Oir cha bhi aig a' pheacadh 
tighearnas oirbh : oir cha 'n 'eil 

' eucorach. 

296 



sibh fuidh 'n lagh, ach fuidh 
ghràs. 

15 Ciod uime sin ? am peac- 
aich sinn, do bhrìgh nach 'eil 
sinn fuidh 'n lagh, ach fuidh 
ghràs? Nar leigeadh Dia. 

16 Nach 'eil fhios agaibh, an 
tì d' an toir sibh sibh fèin mar 
sheirbhisich chum ùmhlachd, 
gur seirbhisich sibh do 'n tì d' an 
dèan sibh ùmhlachd ; ma 's ann 
do 'n pheacadh chum bàis, no do 
lìmhlachd chum fìreantachd. 

17 Ach buidheachas do Dhia, 
an dèigh dhuibh a bhi 'nur seirbh- 
isich do 'n pheacadh, gu 'n d' 
thug sibh o bhur cridhe ùmh- 
lachd do 'n chumadh teagaisg sin 
d' an d' thugadh sibh thairis^. 

18 Air dhuibh ma ta bhi air 
blmr dèanamh saor o 'n pheacadh, 
rinn sibh seirbhis do 'n lliirean- 
tachd. 

19 Tha mi labhairt mar dhuine, 
air son anmhuinneachd bhur 
fèola-sa: oir mar a thug sibh 
bhur buill mar sheirbhisich do 
neò-ghloine, agus do euceart 
chum euceirt, amhuil sin a nis 
thugaibh bhur buiU mar sheirbh- 
isich do 'n fhireantachd, chum 
naomhachd. 

20 Oir an uair a bha sibh 'nur 
seirbhisich do 'n pheacadh, bha 
sibh saor o 'n f hireantachd. 

21 Air an aobhar sin ciod an 
toradh a bha agaibh an sin anns 
na nithibh sin, a ta nis a' cur 
nàire oirbh ? oir is e crioch nan 
nithe sin am bàs. 

22 Ach a nis air dhuibh bhi 
saor o 'n pheacadh, agus 'nur 

' l ìs an do cliomh-chuma li sibh, a thnyadh 
dhuihh. 



ROMHANACH, VI. VII. 



seirbhisich do Dhia, tha bhur 
toradh agaibh chum naomhachd, 
agus a' chrìoch a' bheatha mhair- 
eannach. 

23 Oir is e tuarasdal a' pheac- 
aidh am bàs: ach is e saor- 
tliiodhlac ' Dhè a' bheatha mhair- 
eannach, tre losa Crìosd ar Tigh- 
earna. 

CAIB. VII. 

1 Cha 'n 'eìl aig a7i lagh cumhachd os ceann 
duine ni 's faide 7ia's bcò e. 4 Ach tha sinne 
marhh do 'n lagh ; 7 gìdheadh cha '71 'eil an 
lagh 'na pheacadh, 12 ach naomh, ceart, 
agus maith, Sjc. 

NACH 'eil fhios agaibh, a 
bhràithre, (oir is ann riu- 
san d' an aithne an lagh a ta mi 
labhairt,) gu bheil tighearnas aig 
an lagh air duine, am fad is beo e? 

2 Oir a' bhean a ta pòsda ri 
fear, tha i ceangailte leis an lagh 
r' a fear am fad is beò e : ach ma 
gheibh a fear bàs, tha i fuasgailte 
o lagh a fir. 

3 Uime sin am feadh is beò a 
fear, ma phòsar i ri fear eile, 
goirear ban -'adhaltranach dh'i : 
ach ma gheibh a fear bàs, tha i 
saor o 'n lagh sin, air chor as nach 
ban-adhaltranach i, ged robh i 
aig fear eile. 

4 Air an aobhar sin, mo 
bhràithre, tha sibhse mar an 
ceudnamarbhdo'n lagh tre chorp 
Chrìosd ; ionnus gu'm biodh sibh 
pòsda ri fear eile, eadhon ris-san 
a thogadh o na marbhaibh, chum 
gu 'n tugamaid toradh a mach do 
Dhia. 

5 Oir an uair a bha sinn san 
fheoil, bha miannan nam peac- 
anna, tre 'n lagh, ag oibreachadh 

' ghiliht. - hallaibh. 

' air dhm7in bàsachadh do 'n nì. 
■297 



ann ar builP, chum toradli a 
thoirt a mach gu bàs. 

6 Ach a nis tha sinn air ar 
dèanamh saor o 'n lagh, air dha 
sin a bhi marbh ^ leis an do chum- 
adh sinn ; chum gu 'n dèanamaid 
seirbhis ann an nuadhachd spìor- 
aid, agus cha 'n ann an seanachd 
na litreach. 

7 Ciod uime sin a their sinn ? 
am bheil an lagh 'na pheacadh ? 
Nar leigeadh Dia. Ni h-eadh, 
chab' àithne dhomh peacadh, ach 
tre 'n lagh : oir cha bhiodh eòlas 
agam air sannt, mur abradh an 
lagh, Na sanntaich*. 

8 Ach air do 'n pheacadh fàth^ 
a ghlacadh tre 'n àithne, dh'- 
oibrich e annam gach uile ghnè 
an-tograidh : oir as eugmhais an 
lagha bha 'm peacadh marbh. 

9 Oir bha mise beò as eug- 
mhais an lagha uair-èigin : ach 
air teachd do 'n àithne, dh'ath- 
bheothaich am peacadh, agus 
fhuair mise bàs. 

10 Agus an àithne a dJiòrd- 
uicheadh chum beatha, fhuaradh 
dhomh-sa chum bàis i. 

11 Oir air do 'n pheacadh fàth 
a ghlacadh tre 'n àithne, mheall 
e mi, agus le sin mharbh e mi. 

12 Air an aobhar sin tha 'n 
lagh naomh ; agus a ta 'n àithne 
naomh, agus cothromach, agus 
maith. 

13 Uime sin an d' rinneadh an 
ni sin a bha maith, na bhàs 
domhsa ? Nar leigeadh Dia. 
Ach am peacadh, chum gu faic- 
teadh^ gur peacadh e, ag oib- 
reachadh bàis annam-sa, leis an 

^ miannaich. ' cothrom. 

^ kigteadh ris. 



ROMHANACH, VII. VIII. 



ni sin a ta maith ; chum tre 'n 
àithne gu 'm fàsadh am peacadh 
ro pheacach. 

14 Oir a ta fhios againne gu 
bheil an lagh spioradail : ach a 
ta mise feòlmhor, air mo reiceadh 
fuidh 'n pheacadh. 

15 Oir an ni a ta mi dèanamh, 
cha taitneach leam e : oir an ni 
a b' àill leam, cha 'n e a ta mi a' 
dèanamh ; ach an ni a 's fuathach 
leam, is e sin a ta mise a' dèan- 
amh. 

16 Uime sin ma tha mi dèan- 
amh an ni nach b' àill leam, tha 
mi 'g aontachadh leis an lagh, 
gu bheil e maith. 

17 A nis ma ta cha mhise ni 's 
mò a tha dèanamh so, ach am 
peacadh a tha gabhail còmh- 
nuidh annam. 

18 Oir a ta fhios agam, ann- 
am-sa, (sin ri ràdh, ann am 
fheoi],) nach 'eil maitli sam bith 
a' gabliail còmhnuidh : oir tlia 'n 
toil a làthair maille rium, ach 
dòigh sam hitli clium maith a 
dhèanamli cha 'n 'eil mi faot- 
ainn^ 

19 Oir cha 'n 'eil mi dèanamh^ 
am maitli bu niliiann leam : ach 
an t-olc nacli b' àiU leam, is e sin 
a ta mi a' dèanamh. 

20 A nis ma tha mi a' dèanamh 
an ni nach b' àill leam, clia mliise 
ni 's mò a ta dèanamh so, ach am 
peacadh a tha gabliail còmh- 
nuidli annam. 

21 Uime sin tha mi faotainn 
lagha, 'nuair a b' àill leam am 
maith a dhèanamh, gu bheil an 
t-olc a làthair agam. 

22 Oir a ta tlachd agam an 

^ ni /aigheam. ^ ni 'n dèanam. 

298 



lagh Dhè, a rèir an duine an 
taobli a stigh : 

23 Ach tha mi faicinn lagha 
eile a' m' bhuill a' cogadli an 
aghaidh lagha m' inntinn, agus 
ga m' thoirt am bruid do lagh a' 
jjheacaidh, a ta ann am bhuill. 

24 Och is duine truagli mi ! cò 
a shaoras mi o chorp a' bhàis so ? 

25 Tha mi toirt buidlieachais 
do Dhia^, tre losa Crìosd ar 
Tighearna. Uime sin, tha mise 
fèin leis an inntinn a' dèanamh 
seirbhis do lagh Dhè ; ach leis 
an fheoil do lagh a' pheacaidh. 

CAIB. VIII. 

1 Tha iadsan a ta ann an Criosd, ayus d 
caitheadh am heatha a ri'ir an Spioraid, 
saor dhìteadh. 5 Ciod an cron a thig o 'n 
fheoil, 14 agus ciod am maith a thig o 'n 
Spiorad; 17 agus ciod e a hhi 'nar cloinn 
do Dhia ; 19 dream aig am bheil, roimh na 
h-uile nithe, dèidh air an saorsa SjC. 

AIR an aobhar sin cha 'n 'eil 
a nis dìteadh sam bith do 
'n dream sin a tha ann an losa 
Crìosd, a tha gluasad"* cha 'n ann 
a rèir na feòla, ach a rèir an 
Spioraid. 

2 Oir shaor lagh Spioraid na 
beatha, ann an losa Crìosd, mise 
o lagh a' pheacaidh agus a' bhàis. 

3 Oir an ni nach robh an comas 
do 'n lagli a dhèanamh, do bhrìgh 
gu robh e anmhunn tre 'n f heoil, 
ag cur a Mhic fèin do Dhia an 
coslas feòla peacaich, agus 'na 
ìohairt air son peacaidh, dhìt e 
am peacadh san f heoil : 

4 Chum gu 'm biodh fìrean- 
tachd an lagha air a coimhlion- 
adh annainne, a tha gluasad cha 
'n ann a rèir na feòla, ach a rèir 
an Spioraid. 

^ ghrùs Dhè. ^ a' siuhhaì, ag imcachd 



ROMHANACH, VIII. 



5 Oir an dream a ta a rèir na 
feòla, tlia an aire air na nitliibli 
sin a bhuineas do 'n f heoil ; ach 
an dream a ta rèir an Spioraid, 
air na nithibh sin a bhuineas 
do 'n Spiorad. 

6 Oir an inntinn fheòlmhor is 
bàs i ; ach an inntinn spioradail 
is beatha agus sìth ' i : 

7 Do bhrìgh gur naimhdeas an 
inntinn fheòlmhor an agliaidh 
Dhè ; oir cha 'n 'eil i ùmhal do 
lagli Dhè, agus cha mhò a tha 'n 
comas d' i bhi. 

8 Uime sin cha 'n urrainn iad- 
san a tlia san fheoil Dia a thoil- 
eachadli. 

9 Ach cha 'n 'eil sibhse san 
fbeoil, ach san Spiorad, ma tha 
Spiorad Dhè a' gabliail còmh- 
nuidh annaibli. A nis mur 'eil 
Spiorad Chrìosd aig neach, cha 
bhuin e dha. 

10 Agus ma tha Crìosd ann- 
aibh, tha 'n corp marbh gu 
deimhin a thaobh peacaidh ; ach 
is beatlia an spiorad a thaobh* 
fìreantachd. 

11 Ach ma tha Spiorad an Tì 
a thog losa o na marbhaibh a' 
gabhail còmhnuidh annaibh, an 
Tì a thog Crìosd o na marbhaibh, 
beothaichidli e mar an ceudna 
bhur cuirp bhàsmhor-sa, tre a 
Spiorad-san a ta chòmlmuidh 
annaibh. 

12 Uime sin, a bhràithre, tha 
sinn fo fhiachaibh, cha 'n ann 
do 'n fheoil, chum ar beatha a 
chaitheadh a rèir na feòla. 

13 Oir ma chaitheas sibh bhur 
beatha a rèir na feòla, gheibh 
sibh bàs : ach ma mharbhas sibh 

^ sìothchaint. ^ tre, air sgàth. ^ èigh,gairm. 
299 



tre 'n Spiorad gnìomhara na 
colla, bithidh sibh beò. 

14 Oir a mheud 's a ta air an 
treòrachadh le Spiorad Dhè, is 
iad mic Dhè. 

15 Oir cha d' f huair sibh Spior- 
ad na daorsa a rìs chum eagail ; 
ach fhuair sibh Spiorad na h- 
uchd-mhacachd, tre an glaodh^ 
sinn, Abba, Athair. 

16 Tha an Spiorad fèin a' dèan- 
amh fianuis maille r' ar spiorad- 
ne, gur sinn clann Dhè : 

17 Agus ma 's clann is oigh- 
reachan ; oiglireaclian air Dia, 
agus còmh-oighreaclian maille ri 
Crìosd : ma 's e is gu 'm fuiling 
sinn maille ris, chum gu glòr- 
aicliear sinn maille ris mar an 
ceudna. 

18 Oir tha mi a' measadh nach 
airidli fulangais na h-aimsir a ta 
làthair bhi air an coimhmeas ris 
a' ghlòir a dh'fhoillsichear ann- 
ainn. 

19 Oir a ta dùil dhùrachdach 
a' chruthachaidh^ a'feitheamh ri 
foillseachadh cloinne Dliè. 

20 Oir chuireadh an cruthach- 
j adli fo dhìomhanas, cha 'n ann le 
I 'thoil, ach trid-san a chuir fo 

dliiomhanas e ; 

21 An dòchas gu 'n saorar an 
crutliachadh fèin fòs o dhaorsa 
na truaillidheachd, gu saorsa 
glòrmhor cloinne Dhè. 

22 Oir a ta fliios againne gu 
bheil an cruthachadh uile^ ag 
osnaich, agus am pèin gu lèir, 
mar mhnaoi ri saothair, gus an 
àm so : 

23 Agus cha 'n e 50 a mhàin, 
ach sinn fèin mar an ceudna, aig 

I -, — 

* a chreutair. ' gach uile chreutair. 



ROMHANACH, VHI. 



am blieil ceud thoradh an Spior- 
aid, tha eadhon sinne ag osnaich 
annainn fèin, a' feithearah ris an 
uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar 
cuirp. 

24 Oir is ann le dòchas a 
shaorar sinn : ach dòchas a chith- 
ear, clia dòchas e : oir an ni a ta 
an duine faicinn, c' ar son a bhios 
dòchas aige ris ? 

25 Ach ma tha dòchas^ againn 
ris an ni nacli 'eil sinn a' faicinn, 
feithidh sinn gu foighidneach ris. 

26 Tha an Spiorad fèin mar an 
ceudna a' dèanamh còmhnaidh le 
ar n-anmhuinneachd : oir cha 'n 
aithne dhuinn ciod a ghuidh- 
eamaid mar bu chòir dhuinn ; 
ach a ta an Spiorad fèin a' dèan- 
amh eadar-ghuidhe ^ air an son le 
osnaibh do-labhairt. 

27 Agus is aithne dhasan a ta 
rannsachadh nan cridheachan 
ciod i inntinn an Spioraid, do 
bhrìgh gu bheil e a' dèanamh 
eadar-ghuidhe air son nan naomh 
a rèir toil Dè. 

28 Agus a ta f hios againn gu 'n 
comh-oibrich na h-uile nithe 
chum maith, do 'n dream aig an 
blieil gràdh do Dhia, eadhon 
dhoibh-san a ghairmeadh a rèir 
a rùin. 

29 Oir an dream a roimh- 
aithnich e, roimh-òrduich e iad 
mar an ceudna chum bhì comh- 
chosmhuil ri ìomhaigh^ a Mhic, 
chum gu'mbiodh e-san'na cheud- 
ghin am measg mòrain bhràithre. 

30 Agus an dream a roimh- 
òrduich e, ghairm e iad mar an 
ceudna : agus an dream a ghairm 



' sàil. 
' dealbh. 
300 



' guidhe 



e, dh'fhìreanaich e mar an ceud- 
na : agus an dream a dh'fhir- 
eanaich e, ghlòraich e mar an 
ceudna, 

31 Ciod uime sin a their sinn 
ris na nithibh sin ? Ma tha Dia 
leinn, cò dììflieudas hhi 'nar n- 
aghaidh ? 

32 An Tì nach do chaomhain 
a Mhac fèin, ach a thug thairis e 
air ar son-ne uile, cionnus maille 
ris-san nach toir e mar an ceud- 
na dhuinn gu saor na h-uile 
nithe ? 

33 Cò a chuireas coire sam 
bith à leth daoine taghta Dhè ? 
Is e Dia a dh'fhìreanaicheas*. 

34 Cò a dhìteas 1 Is e Crìosd a 
fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a 
dh'èirich a rls, agus a ta air deas 
làimh Dhè, neach a ta mar an 
ceudna a' dèanamh eadar-ghuidhe 
air ar son-ne. 

35 Cò a sgaras^ sinn o ghràdh 
Chrìosd ? an dèan trioblaid, no 
àmhghar, no geur-leanmhuinn, 
no gorta, no lomnochduidh, no 
cunnart, no claidheamh? 

36 (A rèir mar a ta e sgriobh- 
ta, Air do shonsa mharbhadh sinn 
rè an là ; mheasadh sinn mar 
chaoraich chum marbhaidh.) 

37 Ni h-eadh, ach anns na 
nithibh sin uile tha sinn a' toirt 
tuilleadh agus buaidh, trid-san a 
ghràdhaich sinn. 

38 Oir a ta dearbh - bheachd 
agam, nach bi bàs, no beatha, no 
aingil, no uaclidaranachda, no 
cumhachda, no nithe a ta làth- 
air, no nithe a ta ri teachd, 

39 No àirde, no doimhne, no 

^ a shaoras, a ghairmeas glan o chionta. 
' dhealaicheas. 



ROMHANACH, IX. 



creutair sam bith eile, comasach 
air sinne a sgaradh o ghràdh 
Dhè a ta ann an losa Crìosd ar 
Tighearn. 

CAIB. IX. 

1 Tha Pòl doilìch aìr son nan lùdhach. 7 
Cha h' iad sliochd Abrahaim uile cìann a' 
yhealluidh. 18 Tha Dia a' dèaìiamh troc- 
air air an dream a 's toil leis. 21 Feud- 
aidh an cumadaìr an ni a 's àill leis a 
dhèanamh ris a' chriadh. 25 Tha gairm 
nan Cinneach, agus cur-air-cul nan lìidh- 
ach air an roimh-innseadh, Sjc. 

ATA mi a' labhairt na fìr- 
inn ann an Crìosd, cha dèan 
mi breug, (air bhi do m' choguis 
a' dèanamh fianuis domh san 
Spiorad Naomh :) 

2 Gu bheil doilgheas mòr orm, 
agus cràdh air mo chridhe an 
còmhnuidh. 

3 Oir gliuidhinn mi fèin a bhi 
dealaichte ^ o Chrìosd, air son mo 
bhràithre, mo luchd-dàimh a 
thaobh na feòla : 

4 A ta 'nan Israelich ; d' am 
hnn an uchd-mhacachd, agus a' 
ghlòir, agus na coimhcheangail, 
agus tabhairt an lagha, agus 
seirbhis Dè, agus na geallanna ; 

5 D' am buin na h-aithriche, 
agus o'm bheil Crìosd a thaobh 
na feòla, neach is e Dia os ceann 
nan uile, beannaichte gu sìor- 
ruidh. Amen. 

6 Cha 'n e gu bheil focal Dè 
gun èifeachd. Oir cha 'n Israel- 
ich iadsan uile a ta o Israel : 

7 Agus ni mò do bhrìgh gur 
sliochd do Abraham iad, a ta iad 
uile 'nan cloinn : ach, Ann an 
Isaac ainmichear do shiol. 

8 Is e sin ri ràdh, Cha 'n iad 
clann na feòla clann Dhè : ach is 

' malluichte, air mo dhèanamh a'm mhall- 
achudh. 2 ^;-,. àm so. 

301 



iad clann a' gheallaidh a mheas- 
ar mar shìol. 

9 Oir e so focal a' gheall- 
aidh, A rèir an àm so ^ thig mi, 
agus bithidh mac aig Sara. 

10 Agus cha 'n e mhàin so, ach 
Rebeca mar an ceudna 'nuair a 
thoirrcheadh i o aon, eadhon 
Isaac ar n-athair-ne ; 

11 (Oir mun do rugadh na 
naoidheana, agus mun d' rinn iad 
maith no olc, chum gu 'm biodh 
rùn Dè a rèir an taghaidh 
seasmhach, cha 'n ann o oibribh, 
ach 'n Tì a ghairmeas ;) 

12 A dubhradh rithe, Nì an 
neach a 's seine seirbhis do 'n 
neach a 's òige. 

13 A rèir mar a ta e sgrìobhta, 
Ghràdhaich mi lacob, ach dh'- 
f huathaich mi Esau. 

14 Ciod a their sinn ma ta? 
am hheil eucoir maille ri Dia ? 
Nar leigeadh Dia. 

15 Oir a ta e ag ràdh ri Maois, 
Nì mi tròcair, air an neach air 
an dèan mi tròcair, agus gabh- 
aidh mi truas do 'n neach d' an 
gabh mi truas. 

16 Uime sin cha 'n ann o 'n ti 
leis an àiU, no o 'n tì a ruitheas, 
ach o Dhia a nì tròcair. 

17 Oir a ta an sgriobtuir ag 
ràdh ri Pharaoh, Is ann chum na 
crìche so fèin a thog mi suas thu, 
chum gu 'm foillsichinn mo 
chumhachd annad, agus chum 
gu 'm biodh m' ainm iomraideach 
air feadh na tahnhainn uile. 

18 Uime sin nì e tròcair air an 
ti a 's àill leis, agus an tì a 's 
àill leis cruaidhichidh e. 

19 Their thu ma ta rium, C' ar 
son a ta e ma seadli a' faghail 



ROMHANACH, IX. X. 



croin ? oir cò a chuir an aghaidh 
a thoile? 

20 Ni h-eadh ach, O a dhuine, 
cò thusa a ta tagradh an aghaidh 
Dhè ? An abair an ni a chum- 
adh ris an tì a chum e, C' ar son 
a rinn thu mi mar so ? 

21 Nach 'eil cumhachd aig a' 
chriadhadair ' air a' chriadh, 
ionnus gu 'n dèanadh e do 'n aon 
mheall aon soitheach chum urr- 
aim* agus soitheach eile chum 
eas-urraim. 

22 Ciod ma 's e, air bhi do Dhia 
toileach 'fhearg a nochdadh, 
agus a chumhachd a dhèanamh 
aithnichte, gu 'n d' f huiling ^ e 
le mòr fhad-fhulangas soithiche 
na feirge air an ulluchadh chum 
sgrios : 

23 Agus chum gu 'n dèanadh e 
aithnichte saoibhreas a ghlòire 
air soithichibh na tròcair, a dh'- 
ulluich e roimh-làimh chum 
glòire, 

24 Eadhon sinne a ghairm e, 
cha 'n e mhàin do na h-Iùdhaich, 
ach mar an ceudna do na Cinn- 
ich. 

25 Mar a ta e ag ràdh mar an 
ceudna ann an Hosea, Goiridh 
mi mo phobull diubh-san nach 
robh 'nam pobull domh ; agus 
hean ghràdhach dh' ise nach robh 
gràdhach. 

26 Agus tàrlaidh, anns an 
ionad san dubhradh riu, Cha sibh 
mo phobull-sa ; an sin gu 'n goir- 
ear Clann an Dè bheò dhiubh. 

27 Tha Esaias mar an ceudna 
ag èigheach mu thimchioll Is- 
raeil, Ged tha àireamh chloinn 

' fear dèanamh shoithiche crcadha. onoir. 
2 gun 'n do ghiàlain. 
■ÒU2 



Israeil mar ghaineamh na fairge? 
is fuigheall a thèarnar. 

28 Oir crìochnaichidh e an 
obair, agus gearraidh e goirid 
i an ceartas^: do bhrìgli gu 'n 
dèan an Tighearn obair ghoirid 
air an talamh. 

29 Agus mar a thubhairt Esaias 
roimhe, Mur fàgadh Tighearn 
nan sluagh sìol againne, dhèant- 
adh sinn mar Shodom, agus 
bhitheamaid cosmhuil ri Go- 
morrah. 

30 Ciod a their sinn ma seadh ? 
Gu 'n d' ràinig na Cinnich, nach 
robh a' leantuinn fìreantachd, 
air fìreantachd, eadhon an fhìr- 
eantachd a ta o chreidimh : 

31 Ach cha do ràinig Israel, a 
bha leantuinn lagha na f ìreant- 
achd, air lagh na fìreantachd. 

32 C' ar son ? A chionn nach 
ann o chreidimh, ach mar gu 'm 
b' ann o oibribh an lagha a clK- 
iarr iad i : oir thuislich iad air 
a' chloich-thuislidh sin ; 

33 Mar a ta e sgrìobhta, Feuch, 
cuiream ann an Sion clach- 
thuislidh, agus carraig oilbheim : 
agus gach neach a chreideas ann- 
san, cha chuirear gu nàire e. 

CAIB. X. 

1 Tha an sgriobtuir a' nochdadh an eadar. 
dhealachaidh a ta eadar fìreantachd an 
lugha, ogus a' chreidimh ; 1 1 agus nach 
cuirear a h-aon do na h-Jùdhaich, no do na 
Cinnich sin uile a chreideas, fuidh amlL- 
luadh ; \ 8 ugus gu 'n gabh na Cinnich r/s 
an fhocal, agus gu 'n creid iad. J9 Cha 
robh Israel aineolach air na nithìbh sin. 

ABHRAITHRE, is e dùr- 
achd' mo chridhe, agus 
m' ùrnuigh ri Dia air son Israeil, 

fireantachd. 
* làn toil. 



ROMHANACH, X. 



gu 'm biodh iad air an tèarnadh. 

2 Oir a ta mi dèanamh fianuis 
doibh, gu bheil eud ' aca thaobh 
Dhè, ach cha 'n ann a rèir eòlais. 

3 Oir air dhoibh bhi aineolach 
air fìreantachd Dhè, agus ag 
iarraidh am fìreantachd fèin a 
chur air chois, cha do strìochd^ 
iad do fhìreantachd Dhè. 

4 Oir is e Crìosd crìoch an 
lagha, chum fìreantachd do gach 
neach a chreideas. 

5 Oir a ta Maois a' cur an cèill 
na f ireantachd a ta o 'n lagh, 
eadhon, An duine a ni na nithe 
sin, gu 'm bì e beò leo. 

6 Ach mar so a ta an f hirean- 
tachd a ta o chreidimh ag ràdh, 
Na abair ann do chridhe, Cò 
thèid suas air nèamh ? (sin r' a 
ràdh, a thoirt Chrìosd a nuas ;) 

7 No, Cò a thèid sìos do 'n 
doimhne ? (sin r' a ràdh, a thoirt 
Chriosd a rìs air ais o na marbh- 
aibh :) 

8 Ach ciod a ta i ag ràdh ? 
Tha 'm focal am fagus duit, ann 
do bheul, agus ann do chridhe : 
'se sin focal a' chreidimh a tha 
sinne a' searmonachadh, 

9 Ma dh'aidicheas tu le d' bheul 
an Tighearn losa, agus ma chreid- 
eas tu ann do chridhe, gu 'n do 
thog Dia o na marbhaibh e, gu 
'n saorar thu. 

10 Oir is ann leis a' chridhe a 
chreidear chum fìreantachd, ag- 
us leis a' bheul a dh'aidichear 
chum slàinte. 

11 Oir a ta an sgriobtuir ag 
ràdh, Ge b' e neach a chreideas 
ann-san, cha nàraichear e. 

12 Oir cha 'n 'eil eadar-dheal- 

1 teas-ghròdh. '■' ghèill. 

303 



achadh eadar an t-Iùdhach agus 
an Greugach : oir an t-aon Tigh- 
earn a ta os ceann nan uile, tha 
e saoibhir do na h-uile a ghairm- 
eas air. 

13 Oir ge b' e neach a ghairm- 
eas air ainm an Tighearna, 
tèarnar e. 

14 Ach cionnus a ghairmeas 
iad air-san anns nach do chreid 
iad ? agus cionnus a chreideas 
iad anns an Tì air nach cual iad 
iomradh? agus cionnus a chluinn- 
eas iad gun searmonaiche ? 

15 Agus cionnus a nì iad sear- 
moin, mur cuirear iad ? mar a ta 
e sgrìobhta, Cia sgiamhach cosa 
na muinntir sin a ta searmon- 
achadh soisgeiP na sìthe, a ta 
toirt sgèil aoibhneich air nithibh 
maithe ! 

16 Ach cha robh iad uile ùmhal 
do 'n t-soisgeul. Oir tha Esaias 
ag ràdh, A Thighearn, cò a 
chreid ar n-aithris-ne ^ ? 

17 Uime sin, is ann o èisdeachd 
a thig creidimh, agus èisdeachd 
tre fhocal Dè. 

18 Ach a ta mi ag ràdh, Nach 
cual iad? Chuala gu deimhin, 
chaidh am fuaim air feadh gach 
tìre a mach, agus am briathra gu 
iomallaibh an domhain. 

19 Ach a ta mi ag ràdh, Nach 
robh fios aig Israel ? Air tùs, 
tha Maois ag ràdh, Cuiridh mi 
eud oirbh le Cinneach nach 'eil 
'nan Cinneach, agus le Cinneach 
neo-thuigseach cuiridh mi fearg 

I oirbh. 

20 Ach a ta Esaias ro dhàna, 
agus a ta e ag ràdh, Fhuaradh 
mi leo-san nach d' iarr mi ; dh'- 

^ soisgculachadh. na chual e uainne. 



ROMHANACH, X. XI. 



fhoillsiclieadh mi dhoibh-san 
nach d' fhiosraich air mo shon. 

21 Ach ri Israel a ta e ag ràdh, 
Shìn mi mach mo làmhan rè an 
là gu h-iomlan ri pobull eas- 
ùmhal agus a labhras a' m' agh- 
aidh. 

CAIB. XI. 

1 Cha do thilg Dia Israeluile uaith. 7 Thagh- 
adh cuid, ge do chruaidhicheadh a' chuid 
eile. 16 Tha dòchas mu 'n ath-phiUeadh. 
18 Cha 'n fheud na Cinnich uail thàir a 
dhèanamh orra ; 26 oir tha gealladh gu 'n 
tèarnar iad. 83 Tha hreitheanais Dè do- 
rannsachaidh. 

ATA mi ag ràdh ma seadh, 
An do thilg Dia a phobull 
uaith ? Nar leigeadh Dia. Oir 
is Israeleach mise fèin mar an 
ceudna, do shliochd Abrahaim, 
do thrèibh Bheniamin. 

2 Cha do thilg Dia uaith a 
phobullaroimh-aithniche, Nach 
'eil f hios agaibh ciod e a ta an 
sgriobtuir ag ràdh mu Elias? 
cionnus a ta e a' dèanamh eadar- 
ghuidhe^ ri Dia an aghaidh 
Ìsraeil, ag ràdh, 

3 A Thigliearn, mharbh iad t' 
fhàidhean, agus leag iad sìos t' 
altairean ; agus dh'f hàgadh mise 
a' m' aonar, agus tha iad ag iarr- 
aidh m' anama. 

4 Ach ciod a ta freagradh Dhè 
ag ràdh ris ? Dh'fhàg mi dhomh 
fèin seachd mile fear, nach do 
lùb an ghm do dhealbh Bhaail. 

5 Agus mar sin mar an ceudna 
tlia san àm so a làthair fuigheall 
a rèir taghaidh a' ghràis. 

6 Agus ma 's ann tre ghràs, 
cha 'n ann o oibribh ni 's mò : no 
cha ghràs gràs ni 's mò. Ach 
ma 's ann o oibribh, cha 'n ann o 

' 'a tagradh. 

304 



ghràs à sin suas : no cha 'n obair 
à sin suas obair. 

7 Ciod ma seadh ? An ni sin 
a ta Israel ag iarraidh, cha do 
ràinig e air ; ach ràinig an tagh- 
adh air, agus chaidh a' chuid 
eile a dhalladh : 

8 Mar a ta e sgnobhta, Thug 
Dia dhoibh spiorad na suaine, 
sùilean chum nach faiceadh iad, 
agus cluasan chum nach cluinn- 
eadh iad, gus an là an diugh. 

9 Agus a ta Daibhidh ag ràdh, 
Biodh am bòrd mar ribe, agus 
mar inneal-glacaidh, agus mar 
cheap-tuislidh, agus mar dhìol- 
thuarasdail dhoibh : 

10 Biodh an sùilean air an 
dorchachadh, chum nach faic 
iad ; agus crom-sa an druim an 
còmhnuidh. 

11 A ta mi ag ràdh uime sin, 
An do thuislich iad ionnus gu 'n 
tuiteadh iad ? Nar leigeadh Dia : 
ach tre an tuiteam-san tha slàinte 
air teachd chum nan Cinneach, 
chum iadsan a bhrosnuchadh ga 
h-eud. 

12 Ma 's e an tuiteam-san 
saoibhreas an domhain, agus an 
ìughdachadh saoibhreas nan 
Cinneach ; cia 's mò na sin a 
bhitheas an lànachd ? 

13 Oir is ann ribhse a ta mi 
a' labhairt, a Chinneacha ; do 
bhrìgh gur mi abstol nan Cinn- 
each, tha mi toirt urraim do m' 
dhreuchd'' : 

14 Ma dh'fheudas mi air chor 
sam bith mo choimh-flieoil a 
bhrosnuchadh gu h-eud, agus 
gu'n tèaruinn mi dream àraidh 
dhiubh. 

oifig. 



ROMHANACH, XI. 



15 Oir ma 's e an tilgeadli-san 
air falbh rèiteacliadh an domh- 
ain ; ciod e an ath-ghabhail, ach 
beatha o na marbhaibh ? 

16 Oir ma ta an ceud-thoradh 
naomh, tha am meall naomli mar 
an ceudna : agus ma ta an 
fhreumh naomh, tha na geuga 
mar sin mar an ceudna. 

17 Agus ma tha cuid do na ' 
geugaibh air am briseadh dheth, 
asus ffu bheil tliusa, a bha a' d' 
chrann-oladh fiadhaich, air do 
shuidheachadh 'nam measg, agus 
niaille riu a' faotainn comh-pàirt 
do fhrèimh agus do reamhrachd 
a' chroinn-oladh ; 

18 Xa dèan uaill an aghaidh 
nan geug : ach ma nì tliu uaill 
'nan aghaidh, cha tusa a dh'- 
iomchaireas an fhreumh, ach an 
f hreumh thusa. 

19 Their thu uime sin, Bhris- 
eadh dheth na geuga, clium gu 
suidhichteadh mise 'nan àit. 

20 Ro mhaith ; air son am 
mì-chreidimh bhriseadh iadsan 
dheth, agus a ta tliusa a' seas- 
amh tre chreidimh. Na bi àrd- 
inntinneach, ach fo eagal. 

21 Oir mur do chaomhain Dia 
na geuga nàdurra, biodh eagal 
ort nach caomhain e thusa mar 
an ceudna. 

22 Feuch uime sin maitheas 
agus geur-cheartas Dè : geur- 
cheartas d' an taobh-san a thmt ; 
ach do d' thaobh-sa, maitheas, 
ma bhuanaicheas tu 'na mhaith- 
eas ; agus mur buanaich, gearrar 
dheth thusa mar an ceudna. 

23 Agus suidhichear iadsan mar 
an ceudna, mur buanaich iad I 



'nam mì-chreidimh : oir a ta Dia 
comasach air an suidheachadh a 
rìs. 

24 Oir ma ghearradh tliusa 
as a' chrann-oladh a bha fìadh- 
aich a thaobh nàduir, agus gu 'n 
do shuidhicheadh ann an deadli 
chrann-oladh thu an aghaidh 
nàduir ; cia mòr a 's mò na sin a 
sliuidhichear na geuga nàdurra 
'nan crann-oladh fèin ? 

25 Oir cha b' àill leam, a 
bhràithre, sibhse bhi aineolach 
air an rùn-dìomhair so, (chum 
nach biodh sibh glic 'nur barail 
fèin,) gu 'n do thàrladh doiUe 
ann an cuid do Israel, gus an tig 
iomlaineachd nan Cinneach a 
steach. 

26 Asrus mar sin bitliidh Is- 

o 

rael uile air an tèarnadh' : mar 
a ta e sgrìobhta, Thig am Fear- 
saoraidli o Shion, agus tionn- 
daidhidh e mi-dhiadhachd o la- 
cob : 

27 Oir is e so mo choimhcheang- 
al riu, 'nuair a bheir mi air falbh 
am peacanna. 

28 Thaobh an t-soisgeil, is 
naimhdean iad air bhur sonsa: 
ach a thaobh an taghaidh, tha iad 
gràdhaichte air son nan aithriche. 

29 Oir a ta tiodhlacan agus 
gairm Dhè gun aithrea'chas. 

30 Oir mar a bha sibhse roimhe 
so eas-ùmhal do Dhia, ach a nis 
a fhuair sibh tròcair tre am ml- 
chrèidimh-san : 

31 Amhuil sin a ta iadsan san 
àm so eas-ùmhal^, chum tre bhur 
tròcair-sa gu 'm faigh iad tròcair 
mar an ceudna. 

32 Oir dhruid Dia iad uile ann 



' slànuchadh. 

oOò 



* eas-àìithiachd. 

X 



ROMHANACH, XI. XIL 



am mì-clireidimh', chum tròcair 
a dhèanamh air na h-iiile. 

33 O doimhne saoibhris araon 
gliocais agus eòlais Dè ! Cia 
do-rannsachaidh a bhreitheanais, 
agus do-lorgachaidh a shlighean ! 

34 Oir cò aig an robh fios 
inntinn an Tighearna, no cò bu 
chomliairleach dha? 

35 No cò thug dha air tùs, 
agus a làn-dìolar a rìs dha e ? 

36 Oir is ann uaithe-san, agvis 
trid-san, agus air a shon-san a ta 
na h-uile nithe : dhasan gu robh 
glòir gu sìorruidh. Amen. 

CAIB. XII. 

1 Is còir do thròcair Dhè sinne aom.adh gu Dia 
a thoileachadh : 3 cha chòir do dhuine sam 
bith meas tuiUeadh as muith hhi aige dheth 
fèin : 6 ach is còir do gach uon feitheamh 
air an dreuchd sin, a dh'eirbadh ris. 9 Tha 
grddh, agus mòran do dhleasdanais eile air 
an iarraidh uainn. 19 Tha dloghaltas gu 
sònruichte air a thoirmeasg dhuìnn. 

AIR an aobliar sin guidheam 
oirbh, a bhràithre, tre 
thròcairibh Dhè, bhur cuirp a 
thoirt 'nam beo-ìobairt, naomh, 
thaitnich do Dliia, ni a's e bhur 
seirbhis^ reusonta. 

2 Agus na bithibh air bhur 
cumadh ris an t-saoghal so : ach 
bithiÌDh air bhur cruth-atharrach- 
adh tre atli-nuadhachadh bhur 
n-inntinn, chum gu 'n dearbh 
sibh ciod i toil mhaith, thait- 
neach, agus dhiongmhalta sin 
Dhè. 

3 Oir a ta mi ag ràdh, troimh 
a' ghràs a thugadh dhomli-sa, 
ris gach neach 'nur measg, gun 
smuaineachadh KÌnie fèin ni 's 
àirde na 's còir dha smuaineach- 

' cha do chreid iac&an. ^ aoradh. 

' stuaim. * obair, olfirj. 

306 



adh ; ach smuaineachadh am 
measarraclid^, a rèir mar a roinn 
Dia ris gach neach tomhas a' 
clireidimh. 

4 Oir mar a ta mòran bhall 
againn ann an aon chorp, agus 
nach e 'n t-aon ghnìomh* a' tli' aig 
gach ball ; 

5 Amhuil sin ged tha sinne 
'nar mòran, is aon chorp ann an 
Crìosd sinn, agus is buill sinn 
gacli aon fa leth d' a chèile. 

6 Uime sin air bhi do thiodh- 
lacaibh againn, eadar-dheal- 
aichte^ a rèir a' ghràis a thugadh 
dhuinn, ma's fàidheadaireachd, 
dè inamaid /àidheadaireachd a. rèir 
tomhais a' clireidimh : 

7 No ma 's frithealadh thngam- 
aid aìre d' ar frithealadh ; no an 
fi a theagaisgeas, thugadh e aire 
d' a theagasg ; 

8 No an tì a bheir earail^, thu- 
gadh e aire d' a earail : an tì a 
roinneas an deirc, roinneadh e i 
an trèibhdhireachd^ ; an tì a 
riaghlas, dèanadh se e le dùrachd ; 
an ti a nì tròcair, dèanadh se e 
gu suilbhir. 

9 Biodh bhitr gràdh gun cheilg. 
Biodh gràin agaibh do 'n o!c, 
dlùtli-leanaibh ris an ni a tha 
maith. 

10 Bithibh teo-chridheach d' a 
chèile le gràdh bràthaireil, ann 
an urram a' toirt toisich gach 
aon d' a chèile : 

11 Gun bhi leasg ann an 
gnothuichibh : dùrachdach ' 'mir 
spiorad ; a' dèanamh seirbhis 
do 'n Tighearn : 

12 A' dèanamh gàirdeachais an 


^ cxqsamhuil. ^ comhairle. 

' aon-fhilltcachd. ' beothail, faobharach. 



ROMHANACH XH. XHI. 



dòchas : foighidneach an triob- 
laid ; maireannach ann an ùrn- 
uigh : 

13 A' comh-roinn ri uireas- 
hhuidh nan naomh ; a' gnàth- 
achadh aoidheachd. 

14 Beannaichibh an dream a ta 
dèanamh geur-leanmhuinn oirbh: 
beannaicliibh, agus na mallaich- 
ibh. 

15 Dèanaibh gàirdeachas maille 
riusan a ta ri gàirdeachas, ag- 
us caoidh mailie riusan a ta ri 
caoidli. 

16 Bithibh a dh' aon rùn' d'a 
chèile. Na biodh bliur cion air 
nithibh àrda", ach cuiribh sibh fèin 
an comh-inbhe riu-san ataìosal. 
Na bithibh glic 'nur barail fèin. 

17 Na ìocaibh olc air son uilc 
do dhuine sam bith. Ulluichibh 
nithe ciatach am fianuis nan uile 
dhaoine. 

18 Ma dh'fheudas e bhi, 
mheud 's a ta e 'n comas duibh, 
bithibh an sìth ris na h-uile 
dhaoinibh. 

19 A chàirde gràdhach, na 
dèanaibh dìoghaltas air bliur son 
fèin, ach thugaibh àit do 'n 
fheirg: oir a ta e sgrìobhta, Is 
leam-sa dìoghaltas ; ìocaidh mi, 
a ta an Tighearn ag ràdh. 

20 Uime sin ma bhios do 
nàmhaid ocrach, thoir biadli dha ; 
ma bhios e tartmhor', thoir deoch 
dha : oir le so a dlièanamh càrn- 
aidh tu eibhle teine air a 
cheann. 

21 Na tugadh buaidh ort leis 
an olc, ach thoir-sa" buaidh air 
an olc leis a' mhaith. 

^ inntinn, toil. ' Na hithibh àrd-ìnntinneach. 
totmhor. bcir-sa. 
307 



CAIB. XIII. 

1 Umhlachd, agus dleasdanais eile a 's còir 
dhuinn chur an gnìonih do uachdaranaibh. 
8 'iS' e gràdh coimhlionadh an lagha. 11 Tha 
geòcaireachd, agus misg, agus oihre aii 
dorchadais ro neo-chubhaidh do cm an t-sois- 
geil. 

BIODH gach' anam ùmhal do 
na h-àrd-chumhachdaibh. 
Oir cha 'n 'eil cumhachd ann ach 
o Dhia : agus na cumliachdan a 
ta ann, is ann le Dia" a dh' òrd- 
uiclieadh iad. 

2 Air an aobhar sin ge b 'e air 
bith a chuireas an aghaidh a' 
chumliaclid, tha e cur an agh- 
aidh òrduigh Dhè : agus iadsan 
a chuireas 'na aghaidh, gheibh 
iad breitheanas'' dlioibh fèin. 

3 Oir cha'n 'eil uachdarain 
'nan aobhar eagail do dheadh 
oibribh, ach do dhroch oibribh. 
Uime sin am miann leat bhi gun 
eagal an uachdarain ort ? dèan 
am maith, agus gheibh thu cliù 
uaith. 

4 Oir is e-san seirbhiseach Dhè 
chum maith dhuit. Ach ma ni 
thu an t-plc, biodh eagal ort ; 
oir cha'n ann gu dìomhain a 
tha e giùlan a' chlaidheimh : oir 
is e seirbhiseach Dhè e, 'na 
dhioghaltair feirge air an ti a 
nì olc. 

5 Uime sin is èigin blii ùmhal, 
cha 'n ann a mhàin air son feirge, 
ach mar an ceudna air son coguis. 

6 Oir air an aobhar so tha 
sibh mar an ceudna a' toirt cìse 
dhoihh : oir is iad seirbhisich Dhè 
iad, a' sìor-fheitlieamh air an ni 
so fèin. 

7 Air an aobhar sin thugaibh 

^ gach ncach. *'fuidh Dhia. 

' dìteadh. 

X 2 



ROMHANACH, XHI. XIV. 



do na h-uile' an dlighe fèin : càin 
dhasan d' an dlighear càin, cìs 
dhasan d' an dìighear cis, eagal 
dhasan d' an dlighear eagal, agus 
iirram dhasan d' an dlighear 
urram. 

8 Na biodh fiacha sam bith aig 
aon neach oirbh, ach a mhàin a 
chèile a ghràdhachadh : oir an fi 
aig am bheil gràdh do neach eile, 
choimhlion e an lagh. 

9 Oir an ni so, Na dèan adh- 
altr'annas, Na dèan mortadh, Na 
goid, Na dèan fianuis bhrèige, Na 
sanntaich ; agus ma tha àithne 
sara bith eile ann, tha i air a cur 
sjos gu h-aithghearr fo 'n fhocal 
so, Gràdliaich do choimhearsnach 
mar thu fèin. 

10 Cha dèan gràdh lochd do 
choimhearsnach : air an aobhar 
sin is e an gràdh coimhlionadh 
an lagha. 

11 Agus so, air dhuibh fìos na 
h-aimsir a bhi agaibh, gur mith- 
ich dhuinn a nis mosgladh o 
chodal : oir a ta ar slàinte nis 
ni 's faigse na 'nuair a chreid 
sinn. 

12 Tha cuid mhòr do'n oidhche 
air dol seachad'^, tha an là am 
fagus : uime sin cuireamaid dhinn 
oibre an dorchadais, agub cuir- 
eamaid umainn armachd'' an t- 
soluis. 

13 Gluaiseamaid gu cubhaidh 
mar anns an là ; cha 'n ann an 
ruidhteireachd^ agus am misg, 
no an seomradaireachd agus am 
macnus, no an aisith agus am 
farmad. 

14 Ach cuiribh umaibh an 

' do gnch nmch. ^ tharuinn. •* eididh. 
^ anaihar. 

308 



Tighearn losa Crìosd, agus na 
dèanaibh ulluchadh air son na 
feòla, chum a h-ana-mianna a 
choimhlionadh. 

CAIB. XIV. 

1 Cha'n fhcud daoìne tàir a dhèanamh, no 
chc'ile a dhìteadh air son nilhe coimh-dheis : 
13 ach hhi faiciUeach gun oilbheum a thoii t 
scachad; 15 oir dhearhh ant-ahstolgu hheil 
sin mì-cheaduiclite, le iomadk reuson, 

GABHAIBH ris an neach a ta 
anmliunn^ sa' chreidimh, 
ach cha 'n ann chum deasboir- 
eachd amharusach. 

2 Oir a ta aon a' creidsinn gu 'm 
feud e na li-uile nithe itheadh : 
ach a ta e-san a ta anmhunn ag 
itheadh hnbheanna. 

3 Na dèanadh e-san a ta 'g 
itheadh, tàir air-san nach 'eil ag 
itheadli ; agus na tugadh e-san 
nach 'eil ag itheadh, breth air an 
ti a dh' itheas : oir ghabh Dia ris. 

4 Cò thusa a ta toirt breth air 
seirbhiseach duine eile ? d' a 
mhaighstir fèin seasaidh, no 
tuitidh e : seadh, cumar suas e ; 
oir is comasach Dia air a chumail 
'na sheasamh. 

5 Tha meas aig neach air là^ 
thar là : agus tha meas aig neach 
eile air gach là mar a chèiìe. 
Biodh làn-dearbhadh aig gach 
duine 'na inntinn fèin. 

6 An ti aig am bheil suim do 'n 
là, is ann do 'n Tighearn a tha 
suim aige dha; agus an tì aig 
nach 'eil suim do 'n là, is ann do 'n 
Tighearn nach 'eil suim aige 
dha. An fi a ta'g itheadh, is 
ann do 'n Tighearn a tha e 'g 
itheadli, oir tha e toirt buidh- 

° suim aig neach do là. 



ROMHANACH, XIV. 



eachais do Dhia ; agus an ti nach 
'eil ag itheadh, is ann do 'n Tigh- 
earn nach ith e, agus bheir e 
buidheachas do Dhia. 

7 Oir cha 'n 'eil a h-aon againn 
beò dha fèin, agus cha 'n 'eil a 
h-aon againn a' bàsachadh dha 
fèin. 

8 Oir ma's beò dhuinn, is ann 
do 'n Tighearn a tha sinn beò : 
agus ma 's bàs duinn, is ann do 'n 
Tighearn a tha sinn a' bàsach- 
adh : uime sin ma 's beatha no 
bàs dliuinn, is leis an Tighearn 
sinn. 

9 Oir is ann chum so a fhuair 
Crìosd bàs, agus a dh' èirich e, 
agus a tha e beò a ris, chum 
gu 'm biodh e 'na Thighearn air 
na beothaibh agus air na marbh- 
aibh. 

10 Ach c'ar son a ta thusa a' 
toirt breth air do bhràthair? no 
c'ar son a ta thusa a' dèanamh 
tarcuis air do bhràthair? oir 
seasaidh sinn gu lèir am fianuis 
caithir-breitheanais Chrìosd. 

11 Oir a ta e sgriobhta, Mar 
is beò mise, a ta an Tighearn ag 
ràdh, lùbaidh gach ghin dhomh- 
sa, agus aidichidh gach teangadli 
do Dhia. 

12 Air an aobhar sin bheir 
gach aon againn cunntas uime 
fèin do Dhia. 

13 Uime sin na tugamaid breth 
air a chèile ni 's mò : ach gu ma 
feàrr leibh a' bhreth so thoirt, 
gun aobhar-tuiteam no oilbheim 
a thoirt do bhràthair. 

14 Oir a ta f hios agam, agus is 
dearbh leam anns an Tighearn 

• cuir um muyha. 

'ur. 
309 



losa, nach 'eil ni sam bith neò- 
ghlan dheth fèin : ach do 'n ti a 
mheasas ni sam bith neò-ghlan, 
dhasan a ta e neò-ghlan. 

15 Ach ma bhios doilgheas air 
do bhràthair air son bìdh, a nis 
cha 'n 'eil .thu a' gluasad a rèir a' 
ghràidh. Na sgrios^ le d' bhiadh 
e-san air son an d'f huiling Crìosd 
bàs. 

16 Air an aobhar sin na labhrar 
olc mu bhur^ maith. 

17 Oir cha bhiadh agus deoch 
rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, 
agus sìth, agus aoibhneas san 
Spiorad naomh. 

18 Oir ge b' e nì seirbhis do 
Chrìosd anns na nithibh so, tha 
e taitneach do Dhia, agus tha e 
dearbhta do dhaoinibh. 

19 Uime sin leanamaid na 
nithe a bhios chum sìthe^, agus 
na nithe a bliios clium togail suas 
a chèile. 

20 Na sgrios obair Dhè air son 
bidh. Gu deimhin tlianah-uile 
nithe glan ; ach is olc do 'n duine 
sin a dh' itheas le h-oilbheum. 

21 Is maith an ni gun fheoil 
itheadh, no fion òl, no ni air hith 
a dhèanamh leis am faigh do 
blìràthair tuisleadh no oiìblieum, 
no Itris an dèanar lag e. 

22 Am bheil creidimh agad? 
Biodh e agad dliuit fèin am 
fianuis Dè : Is beannaichte an 
duine sin nach dìt e fèin anns 
an ni sin a mheasas e ceaduiclite. 

23 Ach e-san a ni eadar-dheal- 
achadh* tha e air a dhiteadh ma 
dh' itheas e, a chionn nach ann o 
chreidimh a tha e 'g itheadh cir 

' a stiìirns clnim sìochaint. 
^ a ta fuidh aniharus. 



ROMHANACH, XIV. XV. 



gach ni nach 'eil o chreidimh, is 
peacadh e. 

CAIB. XV. 

1 Is còir dhoibh-san a tha làiHr (jiàkinleo-san 
a ta annihunn. 2 Cha 'n fheud sinn sinn 
fèin a thoileachadh, R oir cha d' rinn Criosd 
sin, 7 arh c/abhail r' a cheik, mar a rinn 
Crìosd ruinn uile, 9 araon 'ris na h-Iùdh- 
aicli agus ris na Cinnich. 15 Ghahh Pòl 
a leithsgeul fiin. , 

UIME sin is còir dhuinne a ta ^ 
làidir, giùlan le anmhuinn- 
eachd na muinntir sin a ta lag, ' 
agus gun sinn fèin a thoileach- 
adh. 

2 Toilicheadh gach aon againn 
a choimhearsnach g' a mhaith, j 
chum a thogail suas. | 

3 Oir cha do thoilich eadhon j 
Crìosd e fèin ; ach, a rèir mar a | 
ta e sgrìobhta, Thuit toibheum' ^ 
na muinntir sin a thug toibheum j 
dhuit ormsa. j 

4 Oir ge b' iad nithe air bith . 
a sgrìobhadh roimh so, is ann ' 
chum ar teagaisg-ne a sgriobh- \ 
adh iad ; chum tre f hoighidin 
agus comlifhurtachd nan sgriob- | 
tuir gu'm biodh dòchas^ againne. 

5 A nis gu tugadh Dia na 
foighidin agus na comhf hurtachd 
dhuibh-sa bhi dh' aon inntinn a 
thaobh a chèile, a rèir losa 
Crìosd : | 

6 Chum gu'm feud sibh a ; 
dh' aon inntinn, agus le aon j 
bbeul glòir a thoirt do Dhia, j 
eadhon Athair ar Tighearna losa 
Crìosd. 

7 Uime sin gabhaibh-sa r' a 
chèile, eadhon mar a ghabh 
Crìosd ruinne, chum ghnre Dhè. 

8 A nis a ta mi ag ràdh, Gu 

' ninslndh. ^ dùil^ earbsa. 
aiilichrMm dhuif, bheiream cliù dhuit, 
310 



robh losa Criosd 'na mhinisteir 
an timchioll-ghearraidh air son 
fìrìnn Dè, chum geallanna nan 
aithriche a dhaingneachadh : 

9 Agus chum gu'n tugadh na 
Cinnich ghnr do Dhia air son a 
tliròcair ; a rèir mar a ta e 
sgriolDhta, Air an aobhar so aid- 
ichidh mi thu^ am measg nan 
Cinneach, agus seinnidh mi ceòl 
do d' ainm. 

10 Agus a rìs a ta e ag ràdh, 
Dèanaibh gàirdeachas, a Chinn- 
eacha, maille r' a phobull-san. 

11 Agus a rìs, Molaibh an 
Tighearn, a Chinneacha uile, agus 
thugaibh cliù dha, a shlòigh uile. 

12 Agus a rìs a ta Esaias ag 
ràdh, Bithidh freumh lese ann, 
agus an tì a dh'èireas suas chum 
uachdaranachd bhi aige air na 
Cinnich, annsan cuiridh na Cinn- 
icii an dòchas, 

13 A nis gu 'n lionadh Dia an 
dòchais sibhse do 'n uile aoibh- 
neas agus shith* ann an creid- 
sinn, chum gu'm bi sibh pailt 
ann an dòchas, tre chumhaclid 
an Spioraid naoimh. 

14 Agus a ta cinnt agamsa fèin 
do 'ur taobh-sa, mo bhràithre, 
gu bheil sibhse làn do mhaitheas, 
air bhur lionadli leis an uile 
eòlas, agus comasach mar an 
ceudna air a chèile a chomhairl- 
eachadh^. 

15 Gidheadh, a bhràithre, 
sgrìobh mi do 'ur n-ionnsuidh 
leis an tuilleadh dànadais, an 
càil-eigin, mar gu cuirinn an 
cuimhne sibh, air son a' ghràis 
a thugadh dhomh-sa o Dhia, 

'' shìochaint. 
' theagiisg. 



ROMHANACH, XV. 



16 lonnus gu 'm bithinn a' m' 
niliinisteir aig losa Crìosd do 
na Cinnich, a' frithealadh sois- 
geil Dè, chum gu 'm biodh tabh- 
artas' nan Cinneach taitneach, 
air a naomhachadh leis an Spior- 
ad naomh. 

17 Uime sin tha aobhar uaill 
agam tre losa Crìosd, anns na 
nithibh sin a bhuineas do Dhia. 

18 Oir cha bhi dànachd agam 
labhairt air a' bheag do na nith- 
ibh sin, nach d' oibrich Criosd 
leam, chum na Cinnich a dlièan- 
amh ùmhal am focal agus an 
gnìomh. 

19 Le cumhachd chomharan 
agus mhìorbliuilean^, le cumh- 
achd Spioraid Dè ; ionnus o 
lerusalem agus mu'n cuairt gu 
Iliricum, gu 'n do làn-sliearmon- 
aich mi soisgeul Chrìosd. 

20 Seadh, mar sin bha ro- 
dhèidh agam air an t-soisgeul a 
shearmonachadh, cha'n ann san 
ionad san robh Crìosd air ain- 
meachadh, chura nach togainn 
air bunait neach eile : 

21 Ach a rèir mar a ta e 
sgrìobhta, Chi iadsan ris nach 
do labhradh uìme ; agus tuigidh 
iadsan, nach cuala. 

22 Uime sin mar an ceudna 
cliuireadh gu minic bacadh orm 
o theaclid do 'ur n-ionnsuidh-sa. 

23 Ach a nis do bhrìgh nach 
'eil agam ionad ni 's mò anns na 
crìochaibh so, agus gu bheil mòr- 
thogradh agam o cheann mòrain 
bliliadlmacha teachd do 'ur n- 
ionn-suidh-sa ; 

24 Ge b' e uair a thriallas mi 

. ' ofì'dil, ìobairt. 
^ Ln comharaihh agun nùorhhuìlibh trmna. 
311 



do 'n Spàinn, thig mi do 'ur n- 
ionnsuidh-sa : oir tha dùil agam 
sibhse fhaicinn san dol seachad, 
agus bhi air mo thoirt air m' 
aghaidh leibhse chum an ionaid 
sin, ma bhios mi air tùs an càil- 
eigin air mo lìonadh le 'ur comh- 
luadar-sa. 

25 Ach a nis tha mi dol gu 
lerusalem, a' frithealadh do na 
naomhaibh. 

26 Oir bu toil leo-san ann am 
Macedonia, agus ann an Achaia, 
còmh-roinn àraidh a dhèanamh 
ris na naomhaibh bochda ta ann 
an lerusalera. 

27 Bu toil leo gii deimhin, agus 
tha iad fo fhiachaibh dhoibh. 
Oir ma rinneadh na Cinnich 'nan 
luchd comh-pàirt d' an nithibh 
spioradail-san, is còir dhoibh 
ministreileachd a dhèanamdi 
dhoibh-san sna nithibh a bhuin- 
eas do 'n clioluinn''. 

28 Uime sin air dhomh so a 
chrìochnachadh, agus an uair a 
sheulaicheas mi an toradh so 
dlioibh, gabhaidh mi do 'ur 
taobli-sa* do 'n Spàinn. 

29 Agus a ta fhios agam, air 
dhomh teachd do 'ur n-ionn- 
suidh-sa, gu 'n tig mi ann an 
lànachd beannachaidh soisgeil 
Chrìosd. 

30 A nis guidheam oirbh, a 
bhràithre, air sgàtli an Tighearna 
losa Crìosd, agus air son gràidh 
an Spioraid, gu 'n dèan sibh 
gleachda^ maille rium-sa ann 
an ùrnuighibh air rao shon ri 
Dia ; 

31 Chum gu saorar mi uatha- 

^fcòìmhor ^ hhìir ròd-sa. 

' sfdrn. 



ROMHANACH, XV. XVI. 



san nach 'eil a' creidsinn ann an 
ludea ; agus chum gu 'm bì mo 
slieirbhis air son' lerusaleim, tait- 
neach do na naomhaibh : 

32 Chum gu'n tig mi do 'ur 
n-ionnsuidh-sa le h-aoibhneas 
tre thoil Dè, agus gu faigh mi 
su'aimhneas maille ribh. 

33 A nis gu robh Dia na sìthe 
maille ribh uile. Amen. 

CAIB. XVI. 

1 Thug Pòl brdugh do na hràithrihh fàilte 
chur air mòran ; 17 agus chomhairlich e 
dhoihh aire a thoirt do 'n mhuinntir a ta 
toguil connsaich agus a' toìrt oilbheim : 
21 agusandèigh iomadh heannachd chrioch- 
naich e le breith-buidheuchais do Dhia. 

rr^HA mi ag earbadh ribh^ 
Phebe ar piuthar, a ta 'na 
searbhanta do 'n eaglais a tha 
ann an Cenchrea : 

2 Chum gu 'n gabh sibh rithe 
anns an Tighearn, mar is cubh- 
aidh do naomhaibh, agus gu 'n 
dèan sibh còmhnadh rithe anns 
gach gnothuch anns am bì feum 
aice oirbh : oir rinn i fèin còmh- 
nadh ri mòran, agus rium-sa mar 
an ceudna. 

3 Cuiribh fàilte air Priscila 
agus Acuila mo chomh-oibrich- 
ean ann losa Crìosd: 

4 (Muinntir a leag sìos am 
muineal fèin air son m' anama-sa : 
cV am bheil a' toirt buidheachais 
cha 'n e mhàin mise, ach mar an 
ceudna eaglaisean nan Cinneach 
uile.) 

5 Mar an ceudna cuiribh fàilte 
air an eaglais a tha 'nan tigh- 
san. Cuiribh fàilte air Epenetus 
a 's ionmhuinn leam~sa, neach 
is e ceud thoradh Achaia^ do 



Chrìosd. 

6 Cuiribh fàilte air Muire, a 
rinn saothair mhòr air ar son-ne^ 

7 Cuiribh fàilte air Androni- 
cus agus Iimias mo luchd-dàimh 
agus mo chomh-phrìosanaich, a 
tha cliùiteach am measg nan 
abstol, agus a bha ann an Crìosd 
romham-sa. 

8 Cuiribh fàilte air Amplias a 's 
ionmhuinn leam-sa san Tigh- 
earn. 

9 Cuiribh fàilte air Urbanus 
ar comh-oibriche ann an Crìosd, 
agus air Stachis fear mo ghràidh- 
sa. 

10 Cuiribh fàilte air Apelles 
a tha dearbhta ann an Crìosd. 
Cuiribh fàilte orra-san a tha do 
theaghìach Aristobuluis. 

11 Cuiribh fàilte air Herodion 
mo charaid. Cuiribh fàilte orra- 
san do theaghlach Narcisuis, a tha 
san Tighearn. 

12 Cuiribh fàilte air Triphena 
agus Triphòsa, mnài a tlia saoith- 
reachadh san Tighearn. Cuiribh 
failte air Persis a 's ionmhuinn 
leam, hean a shaothraich gu mòr 
anns an Tighearn. 

13 Cuiribh fàilte air Rufus a 
tha taghta san Tighearn, agus 
air a mhàthair agus mo mhàthair- 
sa. 

14 Cuiribh failte air Asincri- 
tus, Phlegon, Hermas, Patrobas, 
Hermes, agus air na bràithribh 
a tha maille riu. 

15 Cuiribh fàilte air Philologus, 
agus lulia, air Nereus, agus a 
phiuthar, agus Olimpas, agus na 
naoimh uile a tha maiUe riu. 

16 Cuiribh fàilte aìr a chèile 



' thaohh. ^ Molum dhuibh, earham rihh. 
312 



^ Asia. ^ ttir Ihur son-sa. 



ROMHANACH, XVI. 



le pòig naoimh. Tlia eaglaisean 
Chrìosd' a' cur fàilte oirbh. 

17 A nis guidheam oirbh, a 
bhràithre, comharaichibh iadsan 
a tha togail roinnean^ agus a' 
toìrt oilbheim, an aghaidh an 
teagaisg a dh' f hòghluim sibh ; 
agus seachnaibh iad. 

18 Oir cha 'n 'eil an leithide 
so a' dèanamh seirbhis do 'ur 
Tighearn losa Crìosd, ach d' am 
broinn fèin ; agus a ta iad le 
briathraibh mìlse agus le miod- 
al a' mealladh cridheacha na 
muinntir sin a ta neo-lochdach 

19 Oir a ta bhur n-ùmlachd- 
sa^ air teachd chum nan uile 
dhaoine. Uime sin a ta mise a' 
dèanamh gàirdeachais do 'ur 
taobh-sa : gidheadh b' àill leam 
sibhse bhi glic chum a' mhaith, 
ach aon-fhillte thaobh an uilc. 

20* Agus bruthaidh Dia na sìthe ^ 
Sàtan fo 'ur cosaibh gu h-aith- 
gearr. Gràs*^ ar Tighearna losa 
Criosd gu rohh maille ribh. 
Amen. 

21 Tha Timoteus mo chomh- 
oibriche a' cur fàilte oirbh, agus 
Lucius agus lason agus Sosipa- 

' eaglaisean Chrìosd {uile.) 

^ sgaradh, aimhrèite, chonnsaichean. 



ter, mo luchd-dàìmhe. 

22 Tha mise Tertius, a sgrìobh 
an litir so, a' cur fàilte oirbh san 
Tighearn. 

23 Tha Gaius, a tha toirt aoidh- 
eachd dhomh-sa agus do 'n eag- 
lais uile, a' cur fàilte oirbh. Tha 
Erastus stiùbhard a' bhaile a' 
cur fàilte oirbh, agus Cuartus 
bràthair. 

24 Gràs ar Tighearna losa 
Criosd gu robh maille ribh uile, 
Arnen. 

25 A nis dhasan a tha comas- 
ach air sibhse a dhaingneach- 
adh a rèir mo shoisgeil-sa, agus 
searmonachaidh losa Crìosd, (a 
rèir foillseachaidh an rùin-dìomli- 
air, a bha am folach o thoiseach 
an domhain, 

26 Ach a dh' f hoillsicheadh a 
nis, agus tre sgriobtuiribh nam 
fàidhean, a rèir àithne an Dè 
bhith-bhuain, a tha air a dhèan- 
amh aithnichte do na h-uile 
chinnich chum ùmlachd a' chreid- 
imh.) 

27 Do Dhia a tha mhàin glic, 
gu rohh glòir tre losa Crjosd gu 
sìorruidh. Amen. 

3 nach 'cil olc. cliù hhur n-iimhlachd-sa. 
5 sìothchaint. ^ Deadh-ghean. 



313 



CSUD LITIR AN ABSTOIL PHOIL 



CHUM NAN CORINTIANACH. 



CAIB. L 

^ An deigh fàilte agus breith-buidheachcis, 
12 dh' earuldich an t-ahstolna Corintianaich, 
agus chronvich e iad air son an aimhreite. 
18 Sgriosaidh Dia gliocas nan daoine eag- 
nuidh le amaideachd searmonachaidh, Sjc. 

POL a ghairmeadh gu bhi 'na 
abstol do losa Crìosd, tre 
thoil Dè, agus Sostenes ar bràth- 
air, 

2 Chum eaglais Dè, a ta ann 
an Corintus, chum na dream a 
tha air an naomhachadh ann an 
losa Crìosd, air an gairm gu blii 
'nan naoimh, mailìe riusan uile 
a tha gairm air ainm ar Tigh- 
earna losa Crìosd anns gach àit, 
an Tighearna-san, agus ar Tigh- 
earna-ne : 

3 Gràs dhuibh-sa, agus sìth o 
Dhia ar n-Athair, agus o 'n Tigh- 
earn losa Criosd. 

4 Tha mi toirt buidheachaìs 
do m' Dhia a ghnàth do 'ur taobh- 
sa, air son gràis Dhè a thugadh 
dhuibhse ann an losa Crìosd : 

5 Air son gu 'n d' rinneadh 
saoibhir leis-san sibh anns gach 
uile ni, anns gach ùr-labhradh, 
agus anns gach eòlas : 

G A rèir mar a dhaingnicheadh 
fìanuis Chrìosd annaibh : 

7 lonnus nach 'eil sibh an 
dèidh-làimh ann an tiodhlac sam 
bith ; a' feitheamli ri foillseach- 
adh ar Tighearna losa Criosd, 

8 Neach mar an ceudna a 
dhaingnicheas sibh gus a' chrìch, 
cltum gu 'm bì sibh neo-lochdach 
ann an là ar Tighearna losa 
Crìosd. 

' easaonuchda, sgaruidh. ùhrclh. 

31-1 1 



9 Tha Dia fìrinneach, leis an 
do ghairmeadh sibh clmm comh- 
chomuinn a mhic losa Crìosd 
ar Tighearna. 

10 A nis guidheam oirbh, a 
bhràithre, tre ainm ar Tighearna 
losa Crìosd, gu 'n labhair sibh 
uile an t-aon ni, agus nach bì 
roinnean ' 'nur measg ; ach gu 'm 
bì sibh ceangailte r' a chèiie gu 
diongmhalta ann an aon inntinn, 
agus ann an aon bharaiP. 

11 Oir nochdadh dhomh -sa, a 
bhràithre, m' ur timchioll-sa, leo- 
san a tha do theaghlach Chloe, gu 
bheil comh-stri^ 'nur measg. 

12 A nis a ta mi ag ràdh so, 
gu 'n abair gach aon agaibh, Is 
le Pòl mise ■* ; agus is le Apollos 
mise ; agus is le Cephas mise ; 
agus is le Crìosd mise. 

13 Am bheil Crìosd air a 
roinn ? An e Pòl a chèusadh air 
bhur son ? no an ann an ainm 
Phòil a bhaisteadh sibh ? 

14 Tha mi toirt buidheachais 
do Dhia, nach do bhaist mi aon 
agaibh, ach Crispus agus Gaius ; 

15 Air eagal gu 'n abradh neach. 
gu 'n do bhaist mi a' m' ainm 
fèin. 

16 Agus bhaist mi mar an 
ceudna teaghlach Stephanais : a 
thuilleadh air so, cha 'n fhios 
domh an do bhaist mi aon neacli 
eile. 

17 Oir cha do chuir Crìosd 
mi a bhaisteadh, ach a shear- 
monachadh an t-soisgeil ; cha 'n 
ann an gliocas focail, chum 

^ connsachadh. ' Is dcisciohul do .Fhòl rnise. 



I. CORINTIANACn, I. II. 



nach cuirteadb crann-cèusaidh 
Chrìosd an neo-bhrigh. 

18 Oir a ta searmonacbadh 
a' chroinn-chèusaidh 'na amaid- 
eachd dhoibh-san a chaillear ; 
acb dhuinne a shaorar, is e 
cumhachd Dhè e. 

19 Oir a ta e sgrìobbta, Sgrios- 
aidb mi gbocas nan daoine glice, 
agus cuiridh mi air cùl tuigse 
nan daoine tuigseach. 

20 C' àit am blieil an didne 
glic ? c' àit am bheil an sgriobb- 
aicbe ? c' àit am bheil deasboir 
an t-saoghail so ? Nach do rinn 
Dia gbocas an t-saogbail so 
amaideach ? 

21 Oir an uair, ann an gliocas 
Dè, nacb b' àithne do 'n t-saoghal, 
tre gbliocas, Dia, bu toil le Dia 
le amaideachd an t-searmonach- 
aidb iadsan a tbèarnadb^ a ta 
creidsinn. 

22 Oir a ta na b-Iùdhaich ag 
iarraidb comliara, agus a ta na 
Greugaich a' sireadh gliocais : 

23 Ach a ta sinne a' searmon- 
achadh Chrìosd air a cbèusadh, 
'na cheap-tuisHdb do na h-Iùdb- 
aich, agus do na Greugaich 'na 
amaideacbd ; 

24 Ach dboibh-san a ta air an 
gairm, araon lùdbaicb agus 
Greugaich, Crìosd cumhachd 
Dbè, agus gbocas Dhè : 

25 Do bbrìgh gur gHce amaìd- 
eachd Dhè na daoine, agus gur 
treise anmhuinneachd Dhè na 
daoine. 

26 Oir chi sibh fèin bhur gairm, 
a bhràitbre, nacb iomadh iad a 
ta glic a tbaobb na feòla, nacb 
iomadb cumbachdacb, nacb iom- 

' a sfiaoradh, a shlònuchadh. 
315 



adh uasal a ta air an ga,irm : 

27 Acb rògbnuich Dia nitbe 
amaideacb an t-saogbail so cbum 
gu 'n cuireadh e nàire air na 
daoinibh gbce ; agus ròghnuich 
Dia nitbe anmhunn an t-saogb- 
ail, cbum gu 'n cuireadh e gu 
nàire na nitbe cumbacbdacb ; 

28 Agus nitbe an-uasal an t- 
saoghail, agus nitbe tarcuiseacb 
ròghnuicb Dia, agus na nithe 
nacb 'eil ann, cbum gu 'n cuir- 
eadb e na nitbe a ta ann, an 
neo-bhrìgh : 

29 lonnus nacb dèanadb feoil 
sam bith uaill 'na f hianuis. 

30 Ach uaithe-san a ta sibbse 
ann an losa Crìosd, neacb a 
rinneadb dbuinne le Dia 'na 
ghliocas, 'na fbireantachd, -'na 
naomhacbd, agus 'na shaorsa : 

31 lonnus, a rèir mar a ta e 
sgrìobhta, An tì a nì uaill, dèan- 
adb e uaill anns an Tighearn 

CAIB. II. 

1 Chuir Pòl an ceill ged nach 'eil a shearmon- 
achadh ann an bìrdheirceas cainnte, 4wo ann 
un gliocas dhaoine ; 5 gidheadh gu hheil e a' 
co-sheasamh ann an cumhachd Dhè, agus a' 
toirt barrachd air gliocas an t saoghail agus 
air cumhachd dhaoine. 

AGUS an uair a thàinig mise 
do 'ur n-ionnsuidh 
bbràitbre, cba b' ann le òirdheir- 
ceas cainnte, no gliocais a tbàinig 
mi, a' cur an cèill duibh teisteis 
Dbè. 

2 Oir cbuir mi romban gun 
eòlas a gbabhail" air ni sam bitb 
'nur measg, ach air losa Crìosd, 
agus e-san air a cbèusadb. 

3 Agus bha mi 'nur measg ann 
an anmhuinneachd, agus ann an 
eagal, agus am mòr-chritb. 

' aithne a hhi agam. 



I. CORINTIANACH, II. III. 



4 Agus cha rohh m' fhocal 
agus mo shearmonachadh ann 
am brìathraibh mìlse* gliocais 
dhaoine, ach ann an làn-dearbh- 
adh an Spioraid, agus a' chumh- 
achd : 

5 Chum gu 'm biodh bhur 
creidimh-sa cha'n ann an gliocas 
dhaoine, ach an cumhachd Dhè. 

6 Ach gidheadh tha sinn a' 
labhairt ghocais am measg nan 
daoine iomlan : ach cha 'n e glioc- 
as an t-saoghail so, no uachdar- 
ana an t-saoghail so, a thèid an 
neo-bhrìgh : 

7 Ach tha sinn a' labhairt 
gliocais Dè ann an rùn-diomhair, 
a' ghliocais sin a bha folaichte, a 
dh' òrduich Dia roimh an t- 
saoghal ^ chum ar ghnr-ne : 

8 An gliocas nach b' aithne do 
aon neach do uachdaranaibh an 
t-saoghail so : oir nam b' aithne 
dhoibh e, cha chèusadh iad Tigh- 
earn na glòire. 

9 Ach a rèir mar a ta e 
sgrìobhta, Cha'n fhaca sùil, agus 
cha chuala cluas, agus cha d'- 
thàinig ann an cridhe duine, na 
nithe a dh'ulluich Dia dhoibh- 
san aig am bheil gràdh dha. 

10 Ach dh' fhoillsich Dia dhuinne 
iad le a Spiorad fèin : oir tha an 
Spiorad a' rannsachadh nan uile 
nithe, eadhon, nithe doimhne 
Dhè. 

11 Oir cò an duine d' an aithne 
nithe duine, ach do spiorad an 
duine a ta ann ? mar sin cha 'n 
'eil fios aig neach sam bith air 
nithibh Dhè, ach aig Spiorad Dhè. 

' tairngeach, drtdteach. 
* roimh na linnìbh. 
^fios nan nithc sin ugainn. 
316 



12 A nis fhuair sinne, cha 'n 
e spiorad an t-saoghail, ach an 
Spiorad a ta o Dhia; chum gu'm 
biodh aithne againn air na nith- 
ibh sin^ a thugadh dhuinn gu 
saor o Dhia. 

13 Nithe mar an ceudna a ta 
sinn a' labhairt, cha 'n ann am 
briathraibh a theagaisgeas gliocas 
dhaoine, ach am hriathraibh a 
theagaisgeas an Spiorad naomh ; 
a' coimhmeas nithe spioradail ri 
nithibh spioradail*. 

14 Ach cha ghabh an duine 
nàdurra ri nithibh Spioraid Dè : 
oir is amaideachd leis iad ; agus 
cha 'n 'eil e 'n comas da eòlas a 
ghabhail orra, do bhrìgh gur ann 
air mhodh spioradail a thuigear' 
iad. 

15 Ach bheir an duine spior- 
adail breth air na h-uile nithibh, 
gidheadh cha 'n 'eil e fèin fo 
bhreth duine sam bith. 

16 Oir cò d' am b' aithne inn- 
tinn an Tighearn, agus a theag- 
aisgeas e ? ach tha inntinn 
Chriosd againne. 

CAIB. IIL 

1 Tha bainne iomchuidh air son cloinne. 
S Tha strì ayus aimhrèite 'nan comhara cinn- 
teach air inntinn fheòlmhoir. 7 Cha'n 'eil 
anns an tì a shuìdhicheas, agus anns an fi 
a dh' uisg'cheas, ach neo-ni. 9 Is comh- 
oibrichean ministeire an t-soisgei/ do Dhla. 
11 'S e Crìosd an t-aon bhunait. 16 Is iad 
daoine teampuill Dhè, 17 a's còir a choimh- 
ead naomha. 19 Is amaideachd aig Dia 
gliocas an t-saoghail so. 

AGUS, a bhràithre, cha 'n 
f heudainn-sa labhairt ribh- 
se mar ri daoinihh spioradail, acL 

^ ffl' mìneachadh nithc spioradail am briath- 
raibh spioraduil. 
hreithnichear, mhothaichear. 



I. CORINTIANACH, III. 



mar ri daoìnibh feòjmlior, amh- 
iiil ri naoidlieanaibh ann an 
Crìosd. 

2 Bheathaich mi le bainne sibh, 
agus cha 'n ann le biadh : oir 
fathast cha b' urrainn sibh a 
gliahhail, agus a nis fèin cha'n 
urrainn sibh. 

3 Oir a ta sibh fathast feòl- 
mhor : oir a thaobh gu bheil 
farmad 'nur measg, agus strì, 
agus aimhrèite, nach 'eil sibh 
feòlmhor, agus ag imeachd mar 
dhaoine ? 

4 Oir an uair a ta neach ag 
ràdh, Is le Pòl mise ; agus neach 
eile, Is le Apollos mise ; nach 
'eil sibh feòlmhor ? 

5 Cò 6 ma seadh Pòl, agus 
cò e Apollos, ach ministeirean 
tre 'n do chreid sibh, eadlion 
mar a thug an Tighearn do 
gach aon ? 

6 Shuidhich mise, dh' uisgich 
Apollos : ach 's e Dia a thug am 
fàs. 

7 Uime sin ma seadh, cha'n 
'eil anns an tì a shuidhicheas 
no anns an tì a dh' uisgicheas, 
brìgh sam bith ; ach ann an 
Dia a ta toirt an fhàis. 

8 An tì a shuidhicheas, agus 
an tì a dh' uisgicheas, is aon iad : 
agus gheibh gach aon a dhuais 
fèin, a rèir a sliaothair fèin. 

9 Oir is comh-luchd-oibre do 
Dlìia sinne : is sibhse treabhach- 
as ' Dhè, is. sibh aitreabh Dhè. 

10 A rèir gràis Dè a thugadh 
dhomh-sa, mar fhear-togail 
aitreabh glic leag mi am bunait, 
agus a ta neach eile a' togail 
air, ach thugadli gach neach an 

' tuathanachd. 

317 



aire cionnus a thogas e air. 

11 Oir bunait^ eile cha'n urr- 
ainn duine sam bith a leagadh^, 
ach am bunait a leagadh a cheana, 
eadhon losa Crìosd. 

12 A nis ma thogas neach 
air a' bhunait so, òr, airgiod, 
clacha hiaclimhor, fiodli, feur, 
connlach ; 

13 Nithear obair gach aoin 
duine follaiseach : oir nochdaidh 
an là i, do bhrigh gu'm foill- 
sichear i le teine ; agus dearbh- 
aidh an teine obair gach aoin, 
ciod is gnè dh' i. 

14 Ma dh' f hanas obair neach 
sam bith a thog e air, gheibh e 
duais. 

15 Ma loisgear obair neach 
sam bith, fuilgidh e call : ach 
saorar e fèin ; gidheadh mar tre 
theine. 

16 Nach 'eil fhios agaibh gur 
sibh teampull Dè, agus gu bheil 
Spiorad Dè, 'na chòmlmuidh 
annaibli ? 

17 Ma thruailleas neach air 
bith teampull Dhè, sgriosaidh 
Dia an tì sin : oir a ta teampull 
Dhè naomh, agus is sibhse e. 

18 Na mealladh neach air 
bith e fèin : ma shaoileas neach 
air bith 'nur measg e ftin bhi 
glic san t-saoghal so, biodh e 'na 
amadan, chum gu'm bì e glic. 

19 Oir is amaideachd aig Dia 
gliocas an t-saoghail so : oir a 
ta e sgrìobhta, Glacaidh e na 
daoine glice 'nan innleachdaibh 
fèin. 

20 Agus a rìs, Is aithne do 'n 
Tighearn smuainte nan daoine 
glice, gur dìomhain iad. 

- bunachar, bonn. * a chur. 



I. CORINTIANACH, III. IV. 



21 Uime sin na dèanadh neach 
air bith uaill à daoinibh : oir is 
leibhse na h-uile nithe : 

22 Ma 's e Pòl, no Apollos, 
no Cephas, no an saoghal, no 
beatha, no bàs, no nithe a ta 
làthair, no nithe a ta ri teachd ; 
is leibhse iad uile ; 

23 Agus is le Crìosd sibhse ; 
agus is le Dia Crìosd. 

CAIB. IV. 

1 Ciod e am meas a hhuineadh do dhaoinihh 
hhiacaair ministeirihh. 7 Cha'n'eil againn 
ni air bith ach na fhuair sinn. 9 Na. h- 
abstoil 'nam hall amhairc do 'n t-saoghal, do 
ainglihh, agus do dhaoinihh, 13 mar shal 
agus anahas an t-saoghuil ; ìògidheadhis 
iad ar n-aithriche ann an Crìosd, 16 ayus 
bu chòir dkuinn an leantuinn. 

BIODH a shamhuil so do 
mheas aig duine dhinne, 
mar mhinisteiribh Chrìosd, agus 
mar stiùbhardaibh' rùna-dìomh- 
air Dhè. 

2 Os bàrr iarrar ann an stiùbh- 
ardaibh, gu faighear neach dìleas. 

3 Ach agam-sa is ro-bheag 
an ni gu'n tugtadh breth orm 
leibhse, no le breitheanas duine : 
seadh, cha 'n 'eil mi toirt breth 
orm fèin. 

4 Oir cha 'n f hios domh ni sam 
bith do m' thaobh fèin ; gidh- 
eadh cha 'n 'eil mi le so air 
m' fhireanachadh : ach is e an 
Tighearn an Tì a bheir breth 
orm. 

5 Uime sin na tugaibh breth 
air ni sam bith roimh an àm, 
gus an tig an Tighearn, neach 
faraon a bheir gu soilleireachd 
nithe folaichte an dorchadais, 
agus a dh' f hoillsicheas comhair- 
lean nan cridheachan : agus an sin 

' luchd-frithealuidh air. ^ coslas. 



gheibh gach neach cliù o Dhia. 

6 Agus, a bhràithre, ghabh 
mi na nithe so a m' ionnsuidh 
fèin, agus a dh' ionnsuidh Apoll- 
ois ann an samhladh^, air bhur 
sonsa ; chum gu fòghlumadh sibh 
uainne, gun bharail a bhi agaibh 
air daoinibh os ceann na bheil 
sgriobhta, chum nach biodh a h- 
aon agaibh air a shèideadh suas 
air son aoin duine an aghaidh 
duine eile. 

7 Oir cò tha dèanamh eadar- 
dhealachaidh ortsa o neach eile ? 
Agus ciod e a ta agad nach 
d' f huair thu ? a nis ma f huair 
thu e, c' ar son a ta thu dèanamh 
uaill mar nach faigheadh tu e ? 

8 A nis tha sibh sàitheach, a 
nis rinneadh saoibhir sibh, rìogh- 
aich sibh as ar n-eugmhais-ne : 
Agus bu mhiann leam gu 'm bu 
rjghre sibh, chum gu'm biodh- 
maid-ne'nar rìghribh maille ribh. 

9 Oir is i mo bharail gu 'n do 
chuir Dia sinne na h-abstoil a 
mach mu dheireadh, mar dhream 
a ta air an òrduchadh chum bàis. 
Oir rinneadh sinn 'nar ball-amh- 
airc^ do 'n t-saoghal, agus do 

! ainglibh, agus do dhaoinibh, 

! 10 Is amadain sinne air son 

Chrìosd, ach a ta sibhse glic ann 
j an Criosd: tha sinne lag, ach a 

ta sibhse làidir : a ta sibhse ann 

an urram, ach sinne ann an eas- 

urram. 

11 Gus an uair so fèin, tha sinn 
araon ocrach, agus ìotmhor, agus 
lomnochd, agus air ar bualadh 
le dornaibh', agus gun aon àite- 
còmhnuidh seasmhach againn ; 

12 Agus ri saothair, ag oib- 

sealladh, speuclair, do ihornaihh. 



I. CORINTIANACH, IV. V. 



reachadli le ar làmhaibh fèin : 
Air fulang anacainnt dhuinn, 
tha sinn a' beannachadh : 'nuair 
a gheur-leanar sinn tha sinn 'ga 
f Imlang : 

13 Air faghail toibheim dhuinn, 
tha sinn a' guidhe : rinneadh sinn 
mar shalachar an t-saogliail, mar 
anabas nan uile nithe gus an là 'n 
diugh : 

14 Cha'n 'eil mi a' sgrìobhadli^ 
nan nithe so a chur nàire oirbh, 
ach mar mo chloinn ghràdhaicii 
a ta mi 'gur comhairleachadh. 

15 Oir ged bhi^ deich mìle 
luchd-teagaisg agaibh ann an 
Crìosd, gidlieadli cha 'w 'eil agaìhh 
mòran aithriche : oir ann an losa 
Crìosd, ghin mise sibh troimh 
an t-soisgeul. 

16 Uime sin guidheam oirbli, 
bitliibh 'nur luchd-leanmhuinn 
ormsa^. 

17 Chum na crìche so chuir 
mi Timoteus do 'ur n-ionnsuidh, 
neach a ta 'na mhac gràdhach 
dhomh, agus dìleas san Tigh- 
earna, neacha chuireasan cuimh- 
ne dliuibh mo shlighean-sa a ta 
ann an Crìosd, a rèir mar a ta 
mi teagasg anns gach àit anns 
gach eaglais. 

18 A nis a ta cuid air an sèid- 
eadh suas, mar nach tiginn do 
'ur n-ionnsuidli. 

19 Gidlieadh thig mi do 'ur n- 
ionnsuidh gu h-aithghearr, ma 's 
toil leis an Tighearn, agus bith- 
idh fios agam, clia'n ann air 
cainnt na muinntir a ta air an 
sèideadh suas, acli air an cumh- 
achd. 

' Ni'n sgrìobham. ^ ma ta. 

3 uir m' eisempleir-sa. * ceannsachd. 
319 



20 Oir cha 'n ann am focal « 
ta rìoghaclid Dhè, ach ann an 
cumhaclid. 

21 Ciod is àill leibh ? An tig 
mi do 'uj n-ionnsuidli le slait, no 
ann an gràdh, agus ann an spior- 
ad na macantaclid* ? 

CAIB. V. 

\ A ta anduìne neò-ghlan ni'smò 'na chìiis- 
ndire dhoibh, na 'na aobhar gàirdeachais, 
7 Is còir an t-seann ghcur-thaois a ghlan- 
adh a mach. 10 Is còir peacaich ghràineil 
a sheachnadh. 

THA e air aithris gu coit- 
chionn^ gu hheil neò-ghloine^ 
'nur measg, agus a leithid sin do 
neò-ghloine, nach 'eil uiread as 
air ainmeachadh am meassr nan 
Cmneach, gu'm biodhaig neach 
bean 'athar. 

2 Agus a ta sibh air bhur sèid- 
eadh suas, agus cha d' rinn sibh 
bròn mar bu chòir, chum gu 
tugtadh air falbh uaibh am fear 
a rinn an gnìomh so. 

.3 Oir gu deimhin air dhomhsa 
bhi uaibh an corp, ach a làth- 
air agaibh an spiorad, thug mi 
breth cheana, mar gu bithinn 
a làthair, air an neach a rinn so 
mar so ; 

4 An ainm ar Tighearna losa 
Crìosd, air dhuibhse, agus do m' 
spiorad-sa bhi cruinn an ceann 
a chèile, maille ri cumhachd ar 
Tighearna losa Crìosd, 

5 A shamhuil so do dhuine a 
thoirt thairis do Shàtan chum 
sgrios na feòla, chum gu 'm bì an 
spiorad air a shaoradli' ann an là 
an Tighearna losa. 

6 Cha 'n 'eil bhur n-uaill 

^ cumanta. « strìopachas. 

' shàbhaladh, thèarnudh. 



I. CORINTIANACH, V. VI. 



maith : nach 'eil f hios agaibh 
gu 'n goirtich^ beagan do thaois 
ghoirt^ am meall uile ? 

7 Glanaibh a mach uime sin 
an t-seann thaois ghoirt, chum 
gu 'm bi sibh 'nur meall nuadh, 
mar a ta sibh neo-ghoirtichte. 
Oir a ta eadhon Crìosd ar n-uan 
càisge air ìobradh air ar son. 

8 Uime sin cumamaid an f hèir/ 
na b' ann le seann thaois ghoirt, 
no le taois ghoirt a' mhì-ruin ag- 
us an uilc ; ach le ai-an neo- 
ghoirtichte an trèibhdhireis agus 
na fìrinn. 

9 Sgriobh mi do 'ur n-ionn- 
suidh ann an litir, gun chomh- 
luadar a bhi agaibh ri luchd- 
neò-ghloine S 

10 Gidheadh cha 'n ann gu 
h-uille ri luchd-neò-ghloine an 
t-saoghail so, no ri luchd-sainnt, 
no hichd-foireigne \ no luchd 
ìodhol-aoraidh ; oir an sin b' 
èigin duibh dol a mach as an 
t-saoghaL 

11 Ach a nis sgrlobh mi do 'ur 
n-ionnsuidh, gun chomhluadar 
a ghlèidheadh, ma ta neach air 
bith ris an abrar bràthair 'na 
fhear-neò-ghloine, no sanntach, 
no 'na fhear ìodhol-aoraidh, no 
'na f hear-anacainnt, no 'na mhis- 
geir, no 'na f hear - foireigne, 
maille r' a leithid so do dhuine 
gun uiread as biadh itheadh. 

12 Oir ciod e mo ghnothuch-sa 
breth a thoirt orra-san a ta am 
muigh? nach 'eil sibhse a' toirt 
breth air an dream a ta stigh ? 

13 Ach a ta Dia a' toirt breth 
orra-san a ta aii leth muigh. 

^gcumich. ' (/heur-thiiois. ' an fht-isd. 
str'ìopachti?.. ^ reubuinn, (ina-cothrom. 



Uime sin cuiribh air falbh an 
droch dhuine sin as bhur meadh- 
on fèin''. 

CAIB. VI. 

1 Cha n fheud na Corintianaich dragh a 
chur air am bràithribh le'n agairt chum 
lagha, 6 gu h-àraidh an lùthair nan ana- 
creideach. 9 Cha sealbhaich na neo-fhìr- 
eanaich rìoghachd Dhè. 15 'S iad ar cuirp 
buill Chriosd, 19 agus teampuill an Spior- 
aid naoimh : 16 Uime sin cha'n fheudar 
an truailleadh. 

AM bheil a chridhe aig aon 
neach agaibh, aig am bheil 
cùis an aghaidh duine eile, dol fo 
bhreitheanas nan daoine eucor- 
ach, agus cha 'n ann fo hhreith- 
eanas nan naomh? 

2 Nach 'eil f hios agaibh gu 'n 
toir na naoimh breth air an 
t-saoghal ? agus ma bheirear 
breth air an t-saoghal leibhse, an 
e nach fiù sibh blii 'nur breithibh 
air na cùisibh a 's lugha ? 

3 Nach 'eil f hios agaibh gu 'n 
toir sinne breth air ainglibli ? 
cia mò na sin air nithibh a 
bhuineas do 'n bheatha so ? 

4 Uime sin ma tha breitheanas'^ 
agaibh mu thimchioll nan nithe 
sin a bhuineas do 'n bheatha so, 
cuiribh 'nan suidhe chum hreith- 
eanais an dream a 's lugha meas 
anns an eaglais. 

5 Chum bhur nàire tha mi a' 
labhairt. An ann mar sin nach 
'eil aon duine glic 'nur measg? 
nach 'eil fìù a h-aon a 's urrainn 
breth a thoirt eadar a bhràithre ? 

6 Ach a ta bràthair a' dol gu 
lagh le bràthair, agus so an làth- 
air nan ana-creideach. 

7 A nis uime sin a ta gu cinnt- 
each lochd 'nur measg, do bhrìgh 

" as hhur cnkh'nchà. 
' caitliriche-brdthcaìMÌs. 



L CORINTIANACH, VI. VII. 



gu bheil sibli a' dol gu lagli r' a 
chèile : c' ar son nach feàrr leibh 
eucoir f hulang ? c' ar son nach 
feàrr leibh calldach a ghabh- 
ail? 

8 Gidheadh a ta sibh a' dèan- 
anih eucoir agus dìobhaiP agus 
sin air hkur bràithribh ? 

9 Nach 'eil fhios agaibh nach 
sealbhaich luchd dèanamh na h- 
eucorach rìoghachd Dhè ? Na 
meallar sibh : cha sealbhaich 
hichd - strìopachais, no luchd- 
ìodhol-aoraidh, no luchd-adhal- 
trannais, no luchd-macnuis, no 
na daoine a ta ciontach do neò- 
ghloine mhì-nàdurra. 

10 No gaduichean, no daoine 
sanntach, no misgeirean, no 
luchd-anacainnt, no luchd-foir- 
eigne, rìoghachd Dhè. 

11 Agus mar so bha cuid 
dibhse : ach a ta sibh air bhur 
n-ionnlad, ach a ta sibh air bhur 
naomhachadh ; ach a ta sibh air 
bhur f ìreanachadh ann an ainm 
an Tighearna losa, agus tre 
Spiorad ar Dè-ne. 

12 Tha na h-uile nithe cead- 
uichte dhomh-sa, ach cha 'n 
'eil na h-uile nithe iomchuidh'^; 
tha na h-uile nithe ceaduichte 
dhomh, ach cha chuirear mi fo 
cliumhachd ni sam bith. 

13 27ia am biadh air son na 
bronn, agus a' bhrù air son a' 
bhìdh : ach sgriosaidh Dia faraon 
so agus sud. A nis cha 'n ann 
do neò-ghloine a tha an corp, ach 
do 'n Tighearn : agus an Tigh- 
earn do 'n chorp. 

14 Agus thog Dia faraon an 
Tighearn suas, agus togaidh e 

' diùbhail. 

321 



sinne suas tre a chumhachd fèin 
mar an ceudna. 

15 Nach 'eil fhios agaibh, gur 
iad bhur cuirp buill Chriosd ? 
uime sin an gabh mise buill 
Chrìosd, agus an dèan mi buill 
striopaich dhiubh ? Nar leigeadh 
Dia. 

16 An e nach 'eil fìos agaibh, 
an tì sin a tha ceangailte ri 
strìopaich, gur aon chorp ritke 
e ? Oir (a ta e ag ràdh,) bithidh 
dithis 'nan aon f heoil, 

17 Ach an tì a tha ceangailte 
ris an Tighearn, is aon Spiorad 
ris e. 

18 Teichibh o strìopachas. 
Tha gach aon pheacadh a nì duine 
an leth muigh do 'n chorp : ach 
an tì a ni strìopachas, tha e 
peacachadh an aghaidh a chuirp 
fèin. 

19 An e nach 'eil f hios agaibh 
gur e bhur corp teampull an 
Spioraid naoimh a ta annaibh, a 
ta agaibh o Dhia,, agus cha leibh 
fèin sibh? 

20 Oir cheannachadh le luach 
sibh : uime sin thugaibh ghnr 
do Dhia le bhur corp, agus le 
bhur spiorad, a 's le Dia. 

CAIB. VII. 

1 Mu phòsadh. 10 Cha chòir do bhunnaihh- 
pòsaidh hhi air am fuasgludh air blieag 
aobhair. 18 Is còir do gach duine hhi 
toilichte lc a ghairni. 25 C'ar son is còir 
roghainn a dhèanamh do òigheachd : 35 na 
reusoin air son am bu chòir pòsadh^ no gun 
phòsidh. 

ANIS a thaobh nan nithe mu 
'n do sgriobh sibh a m' 
ionnsuidh : Is maith do fhear 
gun bheantuinn ri mnaoi. 
2 Gidheadh, chum striopachas 

tarbhach. 

Y 



I. CORINTIANACH, Vll. 



a sheachnadh, biodh a bhean fèin 
aig gach fear, agus aig gach 
mnaoi a fear fèin. 

3 Thugadh am fear an deadh- 
ghean dligheach do 'n mhnaoi ; 
agus a' bhean mar an ceudna 
do 'n fhear. 

4 Cha 'n 'eil comas a euirp 
fèin aig a' mhnaoi, ach aig an 
f hear : agus mar an ceudna eha 
'n 'eil comas a chuirp fèin aig an 
fhear, ach aig a' mhnaoi. 

5 Na cumaibh bhur dlighe o 
chèile, ach le toil a chèile rè 
tamuill, chum sibh fèin a thoirt 
do thrasgadh agus do ùrnuigh ; 
agus thigibh cuideachd a ris, 
chum nach buair Sàtan sibh air 
son bhur neo-gheamnuidheachd. 

6 Ach tha mi a' labhairt so 
mar ni ceaduichte agus cha 'n 
ann mar àithne. 

7 Oir bu mhiann leam gu 'm 
biodh na h-uile dhaoine mar mi 
fèin : gidheadh a ta. a thiodhlac 
fèin aig gach duine o Dhia, aig 
aon neach mar so, agus aig neach 
eile mar sud. 

8 Uime sin a ta mi ag ràdh 
ris an dream nach 'eil pòsda, ag- 
us ris na bantrachaibh, Is maith 
dhoibh ma dh'fhanas iad eadhon 
mar a ta mise. 

9 Gidheadh mur fheudar leo 
iad fèin a ghlèidheadli geamnuidh, 
pòsadh iad : oir is feàrr pòsadh 
na losgadh. 

10 Agus dhoibh-san a ta pòsda 
tha mi ag àithneadh, gidheadh 
cha mhise, ach an Tighearn, gun 
a' bhean a dhealachadh r' a fear : 

11 Ach ma dhealaiclieas i, 

' mar clwmhmrìe. 
2 mhì-chrcidaach, gun chreidimh. 
■322 



fanadh i gun phòsadh, no biodh 
i rèidh r' a fear : agus na cuir- 
eadh am fear uaith a bhean. 

12 Ach ris a' chuid eile a ta 
mise ag ràdh, cha'n e an Tigh- 
earn, Ma bhios aig bràthair sam 
bith bean ana-creideach '^, agus 
gu bheil i toileach còmhnuidh a 
ghabhail maille ris, na cuireadh 
e uaith i. 

13 Agus a' bhean aig am bheil 
fear ana-creideach, agus gu bheil 
e-san toileach còmhnuidh a 
ghabhail maille rithe, na cuir- 
eadh i uaipe e^ 

14 Oir a ta am fear ana-creid- 
each aÌF a° naomhachadh leis a' 
mhnaoi*, agus a ta a' bhean ana- 
creideach air a naomhachadh 
leis an f hear ^ : no bhiodh bhur 
clann neò-ghlan ; ach a nis a ta 
iad naomha. 

15 Ach ma dh'fhalbhas am 
/ear ana-creideaeh, falbhadh e. 
Cha'n 'eil bràthair no piuthar 
fo dhaorsa 'nan leithidibh sin do 
chàsaihh : ach ghairm Dia sinne 
chum sìthe. 

16 Oir ciod am fios a ta agad- 
sa, O bhean, nach saor^ thu 
t' fhear? no ciod am fios a ta 
agad-sa, O fhir, nach saor thu 
do bhean ? 

17 Ach a rèir mar a roinn Dia 
ris gach duine, mar a ghairm an 
Tighearn gach aon, mar sin 
gluaiseadh e : agus mar sin a ta 
mise 'g òrduchadh anns na h- 
eaglaisibh uile. 

18 An do ghairmeadh neach 
sam bith agus e timchioll-ghearr- 
ta ? na dèanar e neo-thimchioll- 

3 nafàgadh i e. ^ sa' mhnaoi. 

^ san f hcar. slànuich, sàbhail. 



T. CORINTIANACH. VII. 



ghearrta : an do ghairmeadh 
neach sam bith gun e bhi tim- 
chioll-ghearrta ? na timchioll- 
ghearrar e. 

19 Cha'n 'eil èifeachd san 
timchioll-ghearradh, agus cha 'n 
'eil èifeachd san neo-thimchioll- 
ghearradh, ach ann an coimhead 
àitheanta Dliè. 

20 Fanadh gach aon anns a' 
ghairm anns an do ghairmeadh e. 

21 An do ghairmeadh thu a' d' 
sheirbhiseach' ? na biodh suim 
agad dheth ; ach ma dh'fheudas 
tu bhi saor, gu ma h-e sin do 
roghainn. 

~ 22 Oir an tì a ghairmeadh san 
Tighearn 'na sheirbhiseach, is 
duine saor an Tighearn e : mar 
an ceudna an ti a ghairmeadh 
agus e saor, is e seirbhiseach'^ 
Chrìosd e. 

23 Cheannachadh air luach 
sibh ; na bithibh 'nur seirbhisich 
do dhaoinibh. 

24 A bhràithre, san staid anns 
an do ghairmeadh gach neach, 
an sin fanadh e maille ri Dia. 

25 A nis thaobh òighean, cha 'n 
'eil àithne agam o 'n Tighearn : 
gidheadli tha mi toirt breth', 
mar neach a fhuair tròcair o 'n 
Tighearn gu blii dileas. 

26 Tha mi a' meas uime sin 
gu bheil so maith air son na 
teanntachd a ta làthair, a ta mi 
ag ràdh, gu hìieil e maith do 
dhuine bhi mar sin. 

27 Am bheil thu ceangailte ri 
mnaoi? na iarr fuasgladh. Am 
bheil thu fuasgailte o mhnaoi? 
na iarr bean. 

' o' d' dhaor-òglach, a d' thràìll. 
2 daor-ògluch. ' hhciream mo hlirdh. 
323 



28 Ach ma phòsas tu, cha do 
pheacaich thu ; agus ma phòscis 
òigh, cha do pheacaich i : gidh- 
eadh, bithidh aig an leithidibh 
so trioblaid san fheoil ; ach tha 
mi 'gur caomhnadh. 

29 Ach a ta mi ag ràdh so, a 
bhràithre, gu bheil an aimsir 
goirid sna bheil ri teachd : 
ionnus faraon gu'm bì iadsan 
aig am bheil mnài, mar nach 
biodh mnài aca ; 

30 Agus iadsan a ta ri caoidh, 
mar nach biodh iad ri caoidh ; 
agus iadsan a ta ri gàirdeachas, 
mar mhuinntir nach 'eil ri gàird- 
eachas ; agus iadsan a ta ri 
ceannachd, mar dhaoine nach 'eil 
a' sealbhachadh ; 

31 Agus iadsan a ta gnàth- 
achadh an t-saoghail so, mar 
dhream nach 'eil 'ga mhì-ghnàth- 
achadh^ ; oir thèid sgiamh^ an t- 
saoghail so seachd. 

32 Ach b'àill leam sibhse bhi 
gun ro-chùram. An tì nach 'eil 
pòsda, bithidh. cùram nan nithe 
sin a bhuineas do 'n Tighearn air, 
cionnus a thoilicheas e an Tigh- 
earn : 

33 Ach an tì a ta pòsda, bith- 
idh cùram nithe an t-saoghail 
air, cionnus a dh'fheudas e a 
bhean a thoileachadh. 

34 Tha mar an ceudna eadar- 
dhealachadh eadar bean agus 
òigh : tha cùram oirre-sa nach 
'eil pòsda mu nithibh an Tigh- 
earna, chum gu 'm bì i naomh, 
faraon 'na corp agus 'na spiorad ; 
ach bithidh cùram air a' mhnaoi 
a ta pòsda mu nithibh an t- 

^ 'ga chuithcadh. 
^ dreach, cumadh. 
Y 2 



r. CORINT[ANACH, VII. VIII. 



saoghail, cionnus a dh'fheudas i 
toil a fir a dhèanamh. 

35 Agus so tha mi a' labhairt 
chum bhur tairbhe fèin ; cha 'n 
ann chum gu'n cuirinn ribe^ 
oirbh, ach a chum an ni sin a ta 
ciatach^, agus gu'm feitheadh 
sibh air an Tighearn gun bhuair- 
eadh. 

36 Ach ma shaoileas duine 
sam bith gu bheil e 'ga ghiùlan 
fèin gu mì-chiatach thaobh a 
mhaighdin, ma chaidh blàth a 
h-aimsir thairis, agus gur còir a 
dhèanamh mar sin, dèanadh e 
na 's àill leis, cha 'n 'eil e a' peac- 
achadh : pòsadh iad. 

37 Gidheadh, an tì sin a 
tha suidhichte gu daingean 'na 
chridhe, agus gun èigin sam bith 
air, ach aig am bheil cumhachd 
air a thoil fèin, agus a chuir 
roimhe 'na chridhe a mhaigh- 
dean a choimhead, tha e a' dèan- 
amh gu maith. 

38 Uime sin ma seadh, a ta an 
tì a bheir seachad am pòsadh i, 
a' dèanamh gu maith ; ach a ta 
an tì nach toir ann am pòsadh i, 
a' dèanamh ni 's feàrr. 

39 Tha a' bhean ceangailte leis 
an lagh rè 'na h-uine a 's beò d' a 
fear : ach ma gheibh a fear bàs, 
tb.a i saor gu pòsadh ri aon neach 
a 's toil leatha ; a mhàin anns 
an Tighearn. 

40 Ach tha i ni's sona, ma 
dh'fhanas i mar sin, a rèir mo 
bhreth-sa : agus is i mo bharail- 
sa^ gu bheil Spiorad Dhè agam. 

CAIB. VIII. 

1 Is còir fantuinn o bhìdhcannnibh a dh'- 
ìobradh do lodholaibh. 8 Cha 'nfheud sinn 

' riabh. 2 cubhaidh, tlachdmhor. 
324 



ar saorsa Chrìosduidh a mhì-ghnùthachadh 
chum oilbheim d' ar bràithribh ; 11 ach is 
còir dhuiìin ar n-eòlas a chwsachadh le 
gràdh. 

ANIS a thaobh nithe a dh'- 
iobradh do iodholaibh, tha 
fhios againn gu bheil eòlas 
againn uile. Ataidh an t-eòlas 
suas, ach bheir gràdh fòghlum. 

2 Agus ma ta aon duine a' 
saoilsinn gu bheil eòlas ni sam 
bith aige, cha 'n aithne dha aon 
ni fathast mar bu chòir dha aith- 
neachadh. 

3 Ach ma tha gràdh aig duine 
sam bith do Dhia, tha e-san^ air 
aithneachadh leis. 

4 Uime sin, mu thimchioll 
itheadli nan nithe sin a dh'ìob- 
radh do ìodholaibh, tha fhios 
againne nach ni air domhan 
ìodhol, agus nach 'eil Dia sam 
bith eile ann ach a h-aon. 

5 Oir ged tha iad ann ris an 
abrar Dèe, ma 's ann air nèamh 
no air talamh, (amhuil mar a ta 
iomadh Dia, agus iomadh Tigh- 
earn ann,) 

6 Gidheadh dhuinne cka 'n 'eil 
ach aon Dia, an t-Athair, o 'm 
hheil na h-uile nithe, agus sinne 
air a sìion-san^ ; agus aon Tigh- 
earn losa Crìosd, tre am hheil 
na h-uile nithe, agus sinne trid- 
san. 

7 Gidheadh cha'w 'eil an t- 
eòlas so anns na h-uile dhaoin- 
ibh : oir tha cuid le coguis thaobh 
an ìodhoil gus an àm so, ag ith- 
eadh a hhìdh mar ni a dh'ìobradh 
do ìodhol ; agus air d' an coguis 
a bhi anmhunn, tha i air a sal- 
achadh. 

8 Ach cha mhol biadh sinn do 

^ tha mi cinnteach. ^ an duine so. annsan. 



I. CORINTIANACH, VIII. IX. 



Dhia : oir ma dh' itheas sinn, 
cha 'n f heirrd sinn e ; ni mò mur 
ith sinn, is misd sinn e. 

9 Ach thugaibh an aire nach 
bi an comas' so a ta agaibh air 
aon dòigh 'na aobhar oilbheim 
do 'n dream a ta lag. 

10 Oir ma chì neach thusa aig 
am bheil eòlas a' suidhe chum 
bìdh ann an teampull ìodhoil,"" 
nach neartaichear coguis an tì 
sin a ta lag chum na nithe sin a 
dh'ìobradh do ìodholaibh ith- 
eadh : 

11 Agus tre t' eòlas-sa an tèid 
do bhràthair lag am mugha^, air 
son an dh'f huair Criosd bàs ? 

12 Ach le peacachadh dhuibh 
mar sin an aghaidh nam bràithre, 
agus le an coguis anmhunn a 
lotadh, tha sibh a' peacachadh 
an aghaidh Chrìosd. 

13 Uime sin ma bheir biadh 
aobhar oilbheim do m' bhràthair, 
cha'n ith mi feoil a chaoidh, 
chum nach toir mi aobhar oil- 
bheim do m bhràthair. 

CAIB. IX. 

1 JSfoclid an t-ahstol a shaorsa, 7 agus gu 'm 
huineadh do'n mhinisteir hhi air a bheath- 
achadh leis an i-soisgeul : 15 gidheidh £ a 
dheadh-ghean maith fèin gu 'n d'fhan e-san 
bhi costail dhoibh, 22 agus o oilbheum a 
thoirt do neach sam bith an cùisibh coimh- 
dheis. 24 Tha ar heatha cosmhuil ri reis. 

VTACH abstol mise ? nach 'eil 
-^^ mi saor? Nach fhaca mi 
losa Crìosd ar Tighearn? nach 
sibhse m' obair san Tighearn ? 

2 IVIur 'eil mi a' m' abstol do 
dhaoinibh eile, gidheadh gu 
cinnteach tha mi dhuibhse ; oir 

' a' chòir, an cumhachd. 
2 an sgriosar, an caillear do bhràthair lag. 
' cumhachd, còir. 
32Cì 



is sibhse seula m' abstolachd 
anns an Tighearn. 

3 Is e so mo f hreagradh do 'n 
dream a chuireas ceisd orm. 

4 Nach 'eil againne comas' 
itheadh agus òl ? 

5 Nach 'eil againne comas 
piuthar, bean-phòsda a thoirt 
leinn mu 'n cuairt, amhuil mar na 
h-abstoil eile, agus bràithrean an 
Tighearn, agus Cephas ? 

6 No am bheil mise agus Bar- 
nabas a mhàin, gun chomas 
againn bhi saor o obair ? 

7 Cò a thèid chum cogaidh 
uair air bith aìr a chostus fèin ? 
cò a shuidhicheas^ f ìon-lios, agus 
nach ith d' a thoradh ? no cò a 
bheathaicheas treud, agns nach 
blais do bhainne an treud ? 

8 An ann mar dhuine a ta mi 
a' labhairt nan nithe so ? no nach 
abair an lagh na nithe so mar an 
ceudna ? 

9 Oir a ta e sgrìobhta ann an 
lagh IMhaois, na cuir ceangal 
air beul an daimh a tha saltairt' 
an arbhair. Am bheil cùram 
nan damh air Dia ? 

10 No nach ann gu h-àraidh*' 
air ar son-ne a ta e ag ràdh so ? 
gu deimhin is ann air ar son-ne 
tha e sgrìobhta : chum gur ann 
an dòchas is còir do 'n treabh- 
aiclie treabhadli ; agus a chum 
an neach a bhuaileas ann an 
dòchas, gu 'm bì e 'na f hear 
còmhpàirt d' a dhòchas. 

11 ]\Ia chuir sinne nithe 
spioradail dhuibhse", an ni mòr e 
ma bhuaineas sinne bhur nithe 
feòhiilior-sa ? 

* phlannda ich eas. 

° a' buaìadh, a' briseadh. 

^ gnh uilc. ' annai.',h-m. 



I. CORINTIANACH, IX. 



12 Ma tha muinntir eile 'nan 
luchd-comhpàirt do 'n chumh- 
achd' so thairis oirbh, nach mò 
is còir dhuinne hki? Gidheadh, 
cha do chuir sinn an cumhachd 
so an cleachda ; ach a ta sinn a' 
fulang nan uile nithe, chum nach 
cuireamaid bacadh air soisgeul 
Chrìosd. 

13 Nach 'eil fhios agaibh gu 
bheil iadsan a ta saoithreachadh 
mu thimchioll nithe naomha, air 
am beathachadh o 'n teampull ? | 
agus iadsan a ta frithealadh do 'n \ 
altair, gu bheil comh-roinn^ aea 
ris an altair ? 

14 Agus mar sin dh'òrduich 
an Tighearn mar an ceudna 
dhoibh-san a ta searmonachadh 
an t-soisgeil, an teachd-an-tir 
fhaotainn o 'n t-soisgeul. 

15 Ach cha do ghnàthaich 
mise a h-aon diubh so, agus cha 
do sgrìobh mi na nithe so, chum 
gu 'n dèantadh mar sin dhomh : 
oir b'fheàrr dhomh am bàs 
fhaghail, na gu 'n cuireadh 
neach air bith m' uaill an neo- 
bhrìgh. 

16 Oir ged shearmonaich mi 
an soisgeul, cha 'n 'eil aobhar 
uaill agam : oir a ta èigin air a 
cur orm ; seadh, is an-aoibhinn 
domh, mur searmonaich mi an 
soisgeul. 

17 Oir ma 's ann gu toileach a 
ta mi dèanamh so, tha duais 
agam : ach ma 's ann an aghaidh 
mo thoile a tha ministreileachd' 
air a h-earbsadh rium, 

18 Ciod i mo dhuais ma 
seadh ? eadhon so, chum 'nuair a 

' chomas. comhpàirt. 

frithealadh, cùram. ^ dèanainn, 

* a' m' thràill, 6 lag. 

326 ' 



ta mi searmonachadh an t-sois- 
geil, gu'n suidhichinn* soisgeul 
Chrìosd gun chostus, chum nach 
mì-ghnàthaichinn mo chumh- 
achd san t-soisgeul. 

19 Oir ged tha mi saor o na 
h-uile dhaoinibh, gidheadh rinn 
mi mi fèin a' m' sheirbhiseach^ do 
na h-uile, chum gu 'n cosnainn 
an tuilleadh. 

20 Agus rinneadh mi do na 
h-Iùdhaich mar lùdhach, chum 
gu 'n cosnainn na h-Iùdhaich ; 
dhoibh-san a ta fuidh 'n lagh, 
mar dhuine fuidh 'n lagh, chum 
gu 'n cosnainn iadsan a ta fuidh 
an lagh ; 

21 Dhoibh-san a ta gun lagli, 
mar dhiiine gun lagh, (ged nach 
'eil mi gun lagh do Dhia, ach fo 
lagh do Chrìosd,) chum gu 'n 
cosnainn iadsan a ta gun lagh. 

22 Rinneadh mi dhoibh-san a 
ta anm.hunn" mar dhuine an- 
mhunn, chum gu'n cosnainn an 
dream a ta anmhunn : Bha nii 
san uile chruth do na h-uile, 
chum air gach uile dhòigh gu 'n 
saorainn' cuid èigin. 

23 Agus so tha nii a' dèan- 
amh air son an t-soisgeil, chum 
gu'm bì mi a' m' fhear comh- 
roinne dhethl 

24 Nach 'eil fhios agaibh iad- 
san a ta ruith anns a' bhlàr- 
rèise, gu 'n ruith iad uile, ach is 
aon duine a gheibh an duais^ ? gu 
ma h-amhuil a ruitheas sibhse, 
ionnus gu 'n glac sibh an duals. 

25 Agus a ta gach uile 
ghleachdair measarra anns na 
h-uile nithibh : a nis a ta iadsan 

^ slànuichinn, tèarnunn, sàhhulainn. 

8 gu 'ni bì conihpàirt agam dheth maiUe ribhse. 

9 geall. 



I. CORINTIANACH, IX. X 



a' dèanamh sin chum gu 'm faigli 
iad crùn truaillidh ; ach sinne 
air son crùin neo-thruaillidh. 

26 Uime sin is amhuil a ta 
mise a' ruith, cha 'n ann mar gu 
neo-chinnteach' ; is amhuil a ta 
mi a' cur catha, cha 'n ann mar 
neach a bhuaileas an t-athar : 

27 Ach tha mi a' trom-bhual- 
adh mo chuirp, agus 'ga chur 
fuidh smachd : air eagal air chor 
sam bith an dèigh dhomh sear- 
monachadh" do dhream eile, gu 'n 
cuirear mi fèin air cùF. 

CAIB. X. 

1 TVm sàcramamte nan lùdhach 'nan samhladh 
airar sàcramaintibh-ne, 14 agusaìn peanas 
mur rahhadh dhuinn ìodhol-aoradh a sheach- 
nadh. 21 Cha 'n fheud sinn bhi 'nar luchd 
comhpàirt do hhòrd an Tighcarna, agus 
dhìabhul famon, SjC. 

OS bàrr, a bhràithre, cha b^àill 
leam sibhse a bhi aineolach, 
gu robh ar n-aithriche uile fuidh 
'n neul, agus gu 'n deachaidh iad 
uile troimh 'n mhuir ; 

2 Agus gu 'n do bhaisteadh iad 
uile do IMhaois san neul, agus 
anns a' mhuir ; 

3 Agus gu 'n d' ith iad uile an 
t-aon bhiadh spioradail ; 

4 Agus gu'n d'òl iad uile an 
t-aon deoch spioradail : (oir 
dh' òl iad do 'n charraig spiorad- 
ail sin a lean iad : agus b' i a' 
charraig sin Criosd :) 

5 Ach le mòran diubh cha 
robh Dia toilichtè^ : oir sgriosadh 
san fhàsach iad. 

6 A nis bha na nithe sin 'nan 
saimpleiribhMhuinne, chum nach 

' mar ncach nach 'eil am follais. 
- gairm a thoirt. 
2 (jH din/tar, gu tl/gear mi fein. 
4 cliii do t/initinn mòran diuhh ri Dia. 
■S21 



miannaicheamaid droch nithe, 
eadhon mar a mhiannaich iadsan. 

7 Agus na bithibh-sa 'nur 
luchd-ìodhol-aoraidh, mar a hha 
cuid diubh-san ; a rèir mar a ta 
e sgrìobhta, Shuidh am pobull 
sìos a dh' itheadh agus a dh' òl, 
agus dh'èirich iad a chluicheadh.' 

8 Agus na dèanamaid strìop- 
achas, mar a rinn cuid diubh- 
san, agus a thuit diuhh an aon là 
trì mìle fìchead. 

9 Agus nadearbhamaid^Crìosd, 
mar a dhearbh cuid diubh-san, 
agus a sgriosadh iad le nath- 
raichibh nimhe. 

10 Agus na dèanaibh-sa gear- 
an, mar a rinn cuid diubh-san 
gearan, agus a sgriosadh iad leis 
an sgriosadair^ 

11 A nis thachair na nithe so 
uile dhoibh-san mar eisempleir- 
ibh : agus sgrìobhadh iad clium 
teagaisgs duinne, air am bheil 
deireadh an.domhain" air teaclid. 

12 Uime sin an tì a shaoileas 
a bhi 'na sheasamh, thugadh e 
aire nach tuit e. 

13 Cha do thachair deuchainn"' 
air bith ribh, ach ni a ta coit- 
chionn^dodhaoinibh : ach thaDia 
dìleas, nacli leig dhuibh bhi air 
bhur feuchainn thar bhur comas ; 
ach a nì maille ris an deuchainn 
slighe dol as mar an ceudna, 
chum gu 'm bì sibh comasach air 
a giùlan. 

14 Air an aobhar sin, a mhuinn- 
tir mo ghràidh, teichibh o ìodh- 
ol-aoradh. 

15 Tha mi a' labhairt mar ri 

' sgài/ihli, samhlachasaibh. huaireamaid. 
' mhit/tear. * rahìmìdh. ° nan /inn. 
'■' buaircadh, cruaidh-f/mirhainn, denrbliad/i, 
" cumuntu. 



L CORINTIANACH, X. 



daoinìbh tuigseach : thugaibh-sa 
breth air an ni a ta mi ag ràdh, 

16 Cupan a' bheannachaidh, a 
ta sinne a' beannachadh, nach 
e comunn fola Chriosd e ? An 
t-aran a ta sinn a' briseadh, nach 
e comunn cuirp Chrìosd e ? 

17 Oir ged tha sinne 'nar mòr- 
an, is aon aran', agus aon chorp 
sinn : oir a ta againn uile comh- 
pàirt do 'n aon aran. 

18 Thugaibh fa'near Israel a rèir 
na feòla : nach 'eil aca-san a ta 
'g itheadh nan lobairt comh- 
roinn ris an altair ? 

19 Ciod a their mi uime sin ? 
gu bheil brìgh air bith anns an 
ìodhol, no gu bheil brìgh air 
bith san ni a dh'ìobradh do ìodh- 
olaibh ? 

20 Ach tha mi ag ràdh, na nithe 
a ta na Cinnich ag lobradh, gur 
ann do dheamhnaibh a tha iad 
'gan ìobradh, agus nach ann do 
Dhia : agus cha b' àill leam 
comunn a bhi asaibh-sa ri deamh- 
naibh. 

21 Cha 'n 'eil e an comas duibh 
cupan an Tighearn òl, agus cupan 
dheamhan. Cha'n 'eil e an comas 
duibh comh-roinn a bhi agaibh 
do bhòrd an Tighearn, agus do 
bhòrd deamhan. 

22 Am brosnuich sinn an Tigh- 
earn gu feirg? an treise sinn na 
e-san ? 

2.3 Tha na h-uile nithe cead- 
uichte dhomh-sa, ach cha'n 'eil na 
h-uile nithe iomchuidh^ : tha na 
h-uile nithe ceaduichte dhomh- 
sa, ach cha toir na h-uile nithe 
fòghlum. 

24 Na iarradh neach air bith 

' hhuilinn. ^ tarhhach. 
328 



an ni sin a bhuineas* dha fèin ; 
ach iarradh gach aon an ni sin a 
thig ri maith neach eile. 

25 Ithibh gach ni a reicear 
am margadh na feòla, gun cheisd 
air bith f heòraich air son coguis. 

26 Oir is leis an Tighearn an 
talamh, agus a làn. 

27 Ma bheir aon neach dhiubh- 
san nach 'eil 'nan creidich 
cuireadh dhuibh, agus gur toil 
leibh dol maille ris ; ithilah gach 
ni a chuirear roimhibh, 'gun ni 
sam bith f heòraich airson coguis. 

28 Ach ma their duine sam 
bith ribh, Dh' ìobradh an ni so do 
ìodholaibh, na ithibh, air a shon- 
san a nochd dhuibh e, agus air 
son coguis^ Oir is leis an Tigh- 
earn an talamh, agus a làn. 

29 Air son coguis, a ta mi ag 
ràdh, cha 'n i do chogiiis fèin, ach 
coguis an neach ud eile : oir c' ar 
son a bheirear breth air^ mo 
shaorsa-sa le coguis duine eile ? 

30 Oir, ma tha comhpàirt 
hìdh agam-sa tre ghràs, c' ar son 
a labhrar olc umam a thaobh an 
ni sin air son am bheil mi a' 
toirt buidheachais ? 

31 Uime sin cò aca dh'itheas 
no dh'òlas sibh, no ge b' e ni a nì 
sibh, dèanaibh na h-uile nithe 
chum ghnre Dhè. 

32 Na tugaibh aobhar oilbheim 
do na h-Iùdhaich, no do na 
Greugaich, no do eaglais Dè : 

33 A rèir mar a ta mise a' 
dèanamh toile nan uile dhaoine 
anns na h-uile nithihh, gun bhi 
'g iarraidh mo bhuannachd fèin, 
ach huannachd mhòran, chum gu 
tèarnar iad. 

^ coimh-fhios, aoinsiens. . * dhìtear. 



1. CORINTIANACH, XI. 



CAIB. XI. 

1 Fhuair Pòl cron do na Conntianaich, gu 
robh 'nan coimhthionail am fir a' dèanamh 
ùrnuigh, agus an cinn air an còmhduch- 
adh, agus am mnài gun chòmhdachadh aìr 
an cinn : 17 agus do hhrigh gu robh gu 
coitchionn an cruinneachadh cha 'n ann 
chum maith, ach chum uiìc ; 20 gu sòn- 
ruichte, air son gu robh iad le 'm feisdibh 
ftin a' mi-naomhachadh suipeir an Tigh- 
earn, Sjc. 

BITHIBH-SA 'nur luchd- 
leanmliuinn orm-sa', amhuil 
mar a ta mise air Crìosd. 

2 A nis a ta mi 'gur moladh, a 
bhràithre, do bhrigh gu bheil 
cuimhne agaibh ormsa anns na 
h-uiìe nithibh, agus gu bheil 
sibli a' coimhead nan òrduighean, 
mar a thug mise dhuibh iad. 

3 Ach bu mhiann leam fios a 
bhi agaibh, gur e Crìosd ceann 
gach fìr, agus gur e am fear 
ceann na mnà, agus gur e Dia 
ceann Chrìosd. 

4 Gach fear a ta dèanamh 
ùrnuigh no fàidlieadaireachd, ag- 
us folach air a cheann, tlia e 
toirt eas-urraim d' a cheann. 

5 Ach gach bean a ta dèananih 
ùrnuigh no fàidheadaireachd 
gun fholach air a ceann, tha i 
toirt eas-urraim d' a ceann : oir 
is ionnan sin agus ged bhiodh i 
air a bearradh. 

6 Oir mur bì folach air ceann 
na mnà, bearrar i mar an ceud- 
na : ach ma's grannda^ do mhnaoi 
i bhi air a bearradh no air a 
lomadh, cuireadh i folach oirre. 

7 Oir gun amharus cha chòir 
do fhear a cheann a chòmhdach- 
adh^, do bhrìgh gur e ìomhaigh 
agus glòir Dhè : ach is i a' bhean 

' air m' eisempleir-sa. 
' yrànna. ^fholnch. 4 nior. 
329 



glòir an f hir. 

8 Oir cha 'n 'eil am fear o 'n 
mhnaoi, ach a' bhean o 'n f hear. 

9 Agus cha do* chruthaicheadh, 
am fear air son na mnà, ach a' 
bhean air son an fhir. 

10 Uime sin is còir do'n 
mhnaoi cumhachd^ a bhi aice 
air a ceann, air son nan aingeal. 
" 11 Gidheadh, cha'n 'eil am fear 
as eugmhais na mnà, no a' bhean 
as eugmhais an fhir anns an 
Tighearn. 

12 Oir mar a ta a' bhean o 'n 
fhear, is amliuil sin a ta 'm fear 
tre 'n mhnaoi mar an ceudna : 
ach is ann o Dhia a ta na h-uile 
nithe. 

13 Measaibh annaibh fèin : am 
bheil e ciatach do mhnaoi ur- 
nuigh a dhèanamh ri Dia gun 
fholach air a ceami. 

14 Nach 'eil nàdur fèin a' 
teagasg dhuibh, ma bhios gruag 
fhada air fear, gur nàr dha e ? 

15 Ach ma bhios gruag fhada 
air mnaoi, is glòir dh'i e: oir 
thugadh a gruag dh' i air son 
còmhdaich^ 

16 Ach ma bhios neach air 
bith connspoideach, cha'n 'eil a 
leithid sin do ghnàthachadh 
againne, no aig eaglaisibh Dhè. 

17 A nis anns an ni so a ta mi 
cur an cèill duibk, cha mhol mi 
sibh, do bhrìgh gu bheil sibli a' 
teaclid an ceann a chèile, cha 'n 
ann chum an ni a 's feàrr, ach an 
ni a 's miosa. 

18 Oir air tùs, 'nuair tha sibh 
a' cruinneachadh an ceann a 
chèile san eaglais, tha mi cluinn- 

' 'se siii r'a tm\\\ folach, a leigeil fhaicinn gu 
hheil ifo chumhachd a fir. ^folaich. 



I. CORINTIANACH, XI 



tinn gu bheil roinnean^ 'nur 
measg ; agus tha mi an cuid 'ga 
chreidsinn. 

19 Oir is èigin saobh-chreid- 
imh^ a bhi eadaraibh, chum gu 'n 
dèanar follaiseach an dream a ta 
dearbhta 'nur measg. 

20 Uime sin an uair a thig 
sibh an ceann a chèile do aon àit, 
cha e sin suipeir an Tighearn 
itheadh. 

21 Oir ithidh gach aon air tùs 
a shuipeir fèin, agus a ta neach 
ocrach, agus neach eile air 
mhisg. 

22 An e nach 'eil tighean 
agaibh chum itheadh agus òl 
annta ? no am bheil sibh a' dèan- 
amh tàire air eaglais Dè, agus a' 
nàrachadh na muinntir aig nach 
'eil ? Ciod a their mi ribh ? Am 
mol mi sibh anns a chùis so ? 
cha mhol. 

23 Oir f huair mise o 'n Tigh- 
earn an ni mar an ceudna a thug 
mi dhuibh-sa, Gu 'n do ghlac an 
Tighearn losa aran, anns an 
oidhche an do bhràthadh e : 

24 Agus air tabhairt' buidh- 
eachais, bhris se e, agus thubh- 
airt e, Gabhaibh, ithibh ; is e so 
mo chorp -sa, a ta air a bhriseadh^ 
air bhur sonsa : dèanaibh so mar 
chuimhneachan ormsa^ 

25 Agus air a' mhodh cheudna 
an cupan, an dèigh na suipeir, 
ag ràdh, Is e an cupan so an 
coìmhcheangaP nuadh ann am 
f huil-sa : dèanaibh-sa so, cia 
minic as a dh'òlas sibh e, mar 
chuimhneachan ormsa. 

' eas-aonachda^ sgaraidh. 

- snohh-bhurai/can, ni-iceachd. 

breith. ^ air a thahhairt. 
' chìim ciiimline ormsa. '' tiomnadh. 



26 Oir cia minic as a dh'ith- 
eas sibh an t-aran so, agus a 
dh' òlas sibh an cupan so, tha sibh 
a' foillseachadh bàis an Tigh- 
earna gus an tig e. 

27 Uime sin, ge b' e neach a 
dh'itheas an t-aran so, agus^ a 
dh'òlas cupan so an Tighearna 
gu neo-iomchuidh, bithidh e 
ciontach do chorp agus do f huil 
an Tighearna. 

28 Ach ceasnuicheadh^ duine 
e fèin, agus mar sin itheadh e 
do 'n aran so, agus òladh e do 'n 
chupan so : 

29 Oir ge b' e dh'itheas agus a 
dh'òlas gu neo-iomchuidh, tha e 
'g itheadh agus ag òl breithean- 
ais dha fèin, do bhrìgh nach 'eil 
e a' dèanamh aithne air corp an 
Tighearn'-'. 

30 Air a shon so tha mòran 'nur 
measg lag agus tinn, agus tha 
mòran 'nan codal. 

31 Oir nan tugamaid breth oirnn 
fèin, cha tugtadh breth oirnn. 

32 Ach an uair a bheirear 
breth oirnn, tha sinn air ar 
smachdachadh leis an Tighearn, 
chum nach bitheamaid air ar 
dìteadh maille ris an t-saoghal. 

33 Uime sin, mo bhràithre, 
'nuair a thig sibh an ceann a 
chèile chum itheadh, fanaibh r' a 
chèile. 

34 Agus ma bhios ocras air aon 
neach, itheadh e aig an tigh; 
chum nach tig sibh an ceann 
a chèile gu breitheanas'". Agus 
cuiridh mise gach ni eile an 
òrdugh 'nuair a thig mi. 

7 no. b dearhhadh. 

f dèanamh cadar dhmlachaidh eadar corp 
an Tiijhearna agus biadh eile. 
chum d)tidh. 



M 



I. CORINTIANACH, XII. 



CAIB. XII. 

1 Tha tiodhlacan spioradail iomadach thaobh 
gìiè, 7 gidheadh a ta iad uile gu tairbhe, 8 
agus chnm na crìche so air an toirt air 
caochladh dòigh : 12 chum a reir mar a ta 
buill a' chuirp nàdurra uile chum maise, 
22 agus seirbhis an aoin chuirp ; 27 mar 
sìn gu bitheamaid-ne d' a cheile, a dhèan- 
amh suas cuirp dhìomhair Chrìosd. 

ANIS a thaobli thiodhìaca^ 
spioradail, a bliràitlire, cha 
'n àiU leam sibh bhi aineolach. 

2 Tha fios agaibh gu robh 
sibh 'nur Cinnich, air bhur 
tarruing gu ìodholaibh balbha, 
a rèir mar a threòraicheadh sibh. 

3 Uime sin tlia mi toirt fios 
duibh, nach abair duine sam 
bith a tha labhairt o Spiorad 
Dhè, gu bheil losa malluichte ; 
agus nach urrainn duine sam 
bith a ràdh gur e losa an Tigh- 
earn, ach tre an Spiorad naomh. 

4 A nis tha eadar-dhealachadh 
thiodhlaca ann, ach cha 'w 'eil ach 
aon Spiorad ann. 

5 Agus tha eadar-dhealachadh 
frithealaidh' ann, gidheadh cha 'n 
'eil ach aon Tighearn ann. 

6 Agus tha eadar-dhealach- 
adh i^^'breachaidh ann, ach is e an 
t-ao-i Dia, a tha ag oibreachadh 
nan uile nithe anns an h-uile. 

7 Ach a ta foillseachadh an 
Spioraid air a thoirt do gach 
neach, chum tairbhe. 

8 Oir do aon duine tha focal 
a' ghliocais air a thoirt leis an 
Spiorad ; agus do dhuine eile 
focal an eòlais leis an Spiorad 
cheudna ; 

■ 9 Do neach eile creidimh leis 
an Spiorad sin fèin ; do dhuine 
eile tabhartas leighis tre an 
Spiorad cheudna; 

' iiitlie. ^ mhinistreileachd, dhreuchd. 
331 



10 Do neach eile oibreachadh 
mhìorbhuile ; do neach eile fàidh- 
eadaireachd ; do neach eile aith- 
neachadh spiorad ; do neach eile 
iomadh gnè theangadh ; agus do 
neach eile eadar-mhineachadh 
theangadh. 

11 Ach na nithe sin uile tha 
an t-aon Spioyad ceudna ag 
oibreachadh, a' roinn ris gacli 
aon fa leth a rèir mar is àill leis. 

12 Oir mar is aon an corp, 
agus mòran do bhuill aige, agus 
a ta uile bhuilF an aoin chuirp 
sin, ge h-iomadh iad, 'nan aon 
chorp ; mar sin a ta Crìosd. 

13 Oir tre aon Spiorad bhaist- 
eadh sinn uile do aon chorp, 
ma's lùdhaich sinn no Greug- 
aich, ma 's daor no saor sinn ; 
agus thugadh deoch r' a h-òl 
duinn uile chum aoin Spioraid. 

14 Oir cha 'n aon bhall an 
corp, ach mòran. 

15 Ma their a' chos, Do bhrìgh 
nach mi an làmh cha 'n ann do 'n 
chorp mi ; nach 'eil i do 'n chorp 
air a shon sin ? 

16 Agus ma their a' chluas, 
Do bhrìgh nach mi an t-sùiì, 
cha 'n ann do 'n chorp mi ; nach 
ann do 'n chorp i air a shon sin ? 

17 Nam hiodh an corp uile 'na 
shùil, c'àit am hiodh a' chlaist- 
eachd? Nam hiodh e uile 'na 
chlaisteachd, C' àit am biodh an 
fhàile'? 

18 Ach a nis shuidhich Dia na 
buiU gach aon diubh sa' chorp, 
mar bu toil leis. 

19 Agus nam biodh iad uile 
'nan aon bhall, c' àit am hiodh an 
corp ? 

^ bhallaibh. * boladh. 



I. CORINTIANACH, XII. XIII. 



20 Ach a nis tha iad 'nam mòr- 
an bhall, ged nach 'eil ann ach 
aon chorp. 

21 Agus cha 'n urrainn an t- 
sùil a ràdh ris an làimh, Cha 'n 
'eil feum agam ort : no a rìs, 
ann ceann ris na cosaibh, Cha 'n 
'eil feum agam oirbhse. 

22 Ach gu ro mhòr ni 's mò 
tha na buiU sin do 'n chorp, a 's 
anmhuinne^ a thaobh coslais, 
feumail. 

23 Agus air na huiìl sin do 'n 
chorp a's lugha urram 'nar 
measg-ne, tha sinn a' cur an 
tuilleadh urraim ; agus na hnill 
sin dhinn a's lugha maise, tha 
aca sin gu ro mhòr an tuilleadh 
maise. 

24 Oir air na huill rahaiseach 
againn cha 'n 'eil uireasbhuidh : 
ach rinn Dia an corp a chomh- 
chumadh r' a chèile, air dha an 
tuilleadh urraim gu mòr a thoirt 
do'n chuid air an robh uireas- 
bhuidh : 

25 Chum nach biodh easaon- 
achd air bith sa' chorp ; ach 
gu 'm biodh an t-aon chùram aig 
na buill d' a chèile. 

26 Agus ma dh' f huilgeas aon 
bhall, comhfhuilgidh na buill 
uile : no ma gheibh aon bhall 
urram, nì na buill uile gàird- 
eachas maille ris. 

27 A nis is sibhse corp Chrìosd, 
agus is buill sihh fa leth. 

28 Agus chuir Dia dream 
àraidh san eaglais, air tùs ab- 
stola, san dara àit fàidhean, san 
treas àit luchd-teagaisg, a rìs 
miorbhuilean, 'na dhèigh sin 
tabhartais leighis, luchd-cuid- 

' laige. 

332 



eachaidh, uachdaranachda, iom- 
adh gnè theangadh. 

29 Am hheil na h-uile 'nan ab- 
stolaibh ? Am hheiln'A h-uile 'nam 
fàidhibh ? Am hheìl na h-uile 'nan 
luchd-teagaisg ? Am hheil na h- 
uile 'nan luchd-dèanamh mhìor- 
bhuile ? 

30 Am bheil aig na h-uile 
tabhartais leighis? An labhair 
na h-uile le teangaibh ? An dèan 
na h-uile eadar-theangachadh ? 

31 Ach biodh miann dùrachd- 
ach nan tiodhlacan a's feàrr 
oirbh : agus gidheadh tha mise 
a' nochdadh dhuibh slighe a 's 
ro-fheàrr. 

CAIB. xni. 

1 Cha 'n 'eìl hrìgh sam hith anns na iiodhlac- 
aibh uile, d' am feahhas, as eugmhais a' 
ghràidh: 4 cliù a' ghràidh,\3agus a hharr- 
achd air dòchas agus creidimh. 

GED labhrainn le teangaibh 
dhaoine, agus aingeal, agus 
gun ghràdh ^ agam, tha mi a' m' 
umha^ a nì fuaim, no a'm'chiom- 
bal a ni gleangarsaich. 

2 Agus ged robh agam fàidh- 
eadaireachd, agus ged thuiginn 
na h-uile rùna-dìomhair, agus 
gach uile eòlas ; agus ged bhiodh 
agam gach uile cfhnè creidimh, 
ionnus gu 'n atharraichinn 
slèibhte, agus mi gun ghràdh 
agam, cha 'n 'eil annam ach neo- 
ni. 

3 Agus ged chaithinn mo 
mhaoin uile chum na bochdan a 
bheathachadh, agus ged bheirinn 
mo chorp chum a losgadh, agus 
gun ghràdh agam, cha 'n 'eil 
tairbhe sam bith dhomh ann. 

4 Tha an gràdh fad-fhulang- 

^ seirc. ' phrais. 



I. CORINTIANACH, XIII. XIV. 



ach^ agiis caohnhneìl ; cha ghabh 
an gràdh farmad; cha dèan an 
gràdh ràiteachas cha 'n 'eil e air 
a shèideadh suas, 

5 Cha ghiùlain se e fèin gu 
mì-chiatach, cha 'n iarr e na 
nithe sin a bhuineas da fèin, cha 
'n 'eil e so-bhrosnuchaidh chum 
feirge, cha smuainich e olc sam 
bith, 

6 Cha dèan e gàirdeachas san 
eucoir, ach nì e gàirdeaclias san 
f hìrinn : 

7 Fuilgidh^ e na h-uile nithe, 
creididh e na h-uile nithe, bith- 
idh sùil ' aige ris na h-uile nith- 
ibh, giùlainidh e na h-uile nithe. 

8 Cha tèid an gràdh air cùl a 
chaoidh : ach ma 's fàidheadair- 
eachda ta ann, thèid iad air cùl ; 
ma 's teangaidh, sguiridh iad ; 
ma 's eòlas, cuirear air cùl e. 

9 Oir a ta eòlas againn ann 
an cuid, agus tha sinn ri fàidh- 
eadaireachd ann an cuid. 

10 Ach an uair a thig an ni 
a ta iomlan, cuirear air cùl an 
ni sin nach 'eil acli ann an cuid. 

1 1 'Nuair a bha mi a 'm' lean- 
aban, labhair mi mar leanaban, 
thuig mi mar leanaban, reuson- 
aich^ mi mar leanaban: ach air 
fàs domh a'm' dhuine, chuir mi 
na nithe leanabaidh air cùl. 

12 Oir tha sinn a' faicinn san 
àm so gu dorcha tre ghloin ^ ; ach 
an sin cìCi sinn aghaidh ri h-agh- 
aidh : san àm so is aitlme dhomh 
ann an cuid ; ach an sin aith- 
nichidh mi eadhon mar a ta 
aithne orm. 

13 Agus a nis fanaidh creid- 

^ fèin-uuUl. ' cùiìtfidairhìrfh, fo!aichidh. 
^ dùchas, earbsa. * sniuainich. 

5 ann an sgathan. « earbsa. 
333 



imh, dòchas^, gràdh, na tri nithe 
so ; ach is e 'n gràdh a 's mò 
dhiubh so. 

CAIB. XIV. 

1 Mhol Pùl fàidheadaireachd, 2 agus thug e 
Uì'ram dh'i roimh labhaiì-t ìe teangaibh, 6 le 
cosamhlachd air a thoirt o innealaibh-ciuil : 
12 is cùir an gnàthachadh faraon, chum 
togail suas na h-eaglais, 22 mar a' chrìoch 
sin gus an d' ùrduicheadh iad. 26 Tha. 
fìor-fheum gach aoin diubh air a theagasg^ 
agusam mì-ghnàthachadh air a chronuchadh. 

LEANAIBH gràdh, agus 
biodli mòr-mhiann' thiodh- 
laca spioradail oirbh, ach gu ma 
! mò bhur togradh gu 'n dèanadh 
sibh fàidheadaireachd. 

2 Oir an tì a labliras ann an 
teangaidh choimhich^ cha 'n ann 

I ri daoinibh a labhras e, ach ri 
Dia : oir cha 'n 'eil neach sam 
bith 'ga thuigsinn ; ged tha e 
anns an Spiorad a' labhairt rùna- 
dìomhair. 

3 Ach an tì a tha dèanamh 
fàidheadaireachd, tha e a' labh- 
airt ri daoinibh chum teagaisg^, 
agus chim earail, agus chitm 

; comhfhurtachd. 

4 An tì a ta labhairt an teang- 
aidh choimhich, tha e 'ga theag- 

I asg fèin " : ach an tì a ni fàidli- 
I eadaireachd, tha e teagasg na h- 
eaglais. 

I 5 Bu mhaith leam gu labh- 
radh sibh uile le teangaibh, ach 
b' f heàrr leam sibh a dhèanamh 
fàidheadaireachd, . oir is mò an 
ti a ni fàidhcadaireachd, no an 
I tì a labhras le teangaibh, mur 
: eadar-theangaich e", chum gu 
faigheadh an eaglais fòghlum. 
6 A nis, a bhràithre, ma thig 

' dhi'idh, iar; tus. ^ choigrich. 

^fòghìuim, togail suas. 'ga thogaiì fvin suas. 

" mur ectdar-theangaich neach. 



I. CORINTIANACH, XIV. 



mi do'ur n-ionnsuidh a' labhairt 
]e teangaibh, ciod an tairbhe a 
ni mi dhuibh, mur labhair mi 
ribh am foillseachadh, no an 
eòlas, no am fàidheadaireachd, 
no an teagasg? 

7 Air an dcngh cheudna na 
nithe gun anam a nì fuaim, ma's 
piob no clàrsach, mur dèan iad 
eadar-dhealachadh 'nam fuaim- 
ibh, cionnus a thuigear an ni a 
sheinnear air a' phìob no air a' 
chlàrsaich ? 

8 Oir ma bheir a' ghall-tromp 
fuaim neo-chinnteach uaipe', cò 
a dh' ulluicheas e fèin chum a' 
chatha ? 

9 Is amhuil sin sibhse, mur 
labhair sibh leis an teangaidh 
briathra so-thuigsinn, cionnus a 
dh' aithnichear an ni a labhrar ? 
oir is ann ris an athar a labhras 
sibh. 

10 Tha, feudaidh e bi, an 
uiread do ghuthannaibh ^ san t- 
saoghal, agus cha'n'eil a h-aon 
diubh gun bhlagh^. 

11 Uime sin, mur tuig mi brìgh 
a' ghutha, bithidh mi do 'n tì a 
labhras, borb*; agus hithidh an 
tì a labhras, borb dhomh-sa, 

12 Mar sin mar an ceudna 
sibhse, do bhrìgh gu bheil dèigh 
agaibh air tiodhlacaihh spioradail, 
iarraibh sibh fèin a thoirt barr- 
achd chum fòghluim ^ na h- 
eaglais. 

13 Uime sin, an tì a labhras 
ann an teangaidh choinihich, 
guidheadh e gu 'n dèanadh e 
eadar-theangachadh. 

14 Oir ma ni mise ùrnuigh 

' uaithe. ' chainntibh, chànainibh, 

* bhftgh, seadh. ^fiadhaìch, hurbarra. 
334 



ann an teangaidh choimhich. tha 
mo spiorad a' dèanamh ùrnuigh, 
ach tha mo thuigse neo-tharish- 
ach. 

15 Ciod ma seadh ? nì mi 
ùrnuigh leis an spiorad, agus nì 
mi ùrnuigh leis an tuigse mar 
an ceudna: seinnidh mi leis an 
Spiorad, agus seinnidh mi leis 
an tuigse mar an ceudna, 

16 No 'nuair a bheannaicheas 
tu leis an spiorad, cionnus a 
their an tì a tha ann an àit an 
duine gun fhòghkim Amen ri 
d' bhreith-buidheachais, o nach 
aithne dha an ni a ta thu ag 
ràdh ? 

17 Oir gu deimhin a ta thusa 
toirt buidheachais gu maith, 
gidheadh cha'n'eil an neach eile 
air a theagasg^ 

18 Tha mi toirt buidheachais 
do m' Dhia, gu bheil mi a' labh- 
airt le teangaibh tuilleadh na 
sibh uile : 

19 Ach b' fheàrr leam cùig 
focail a labhairt san eaglais le 
-m' thuisge, chum gu teagaisginn 
daoine eile mar an ceudna, na 
deich mìle focal ann an teang- 
aidh choimhich. 

20 A bhràithre, na bithibh-sa 
'nur leanabaibh an tuigse : gidh- 
eadh, ann am mì-run' bithibh 
'nur leanabaibh, ach ann an tuig- 
se bithibh 'nur daoine foirfe. 

2L Tha e sgriobhta san lagh, 
Labhraidh mi ris a' phobull so 
ann an teangaibh eile, agus am 
bilibh eile : gidheadh an dèigh 
sin uile cha 'n èisd iad rium, tha 
an Tighearn ag ràdh. 

' togail suas. ^ air fhòghlum. 
' droch-mhèin, olc. 



I. CORINTIANACH, XIV. XV. " 



22 Uime sin a ta teanganna 
coimheach 'nan comhara, clia 'n 
ann do 'n dream a ta creidsinn, 
ach dlioibh-san a ta mì-chreid- 
each : ach a ta fàidheadaireachd 
cha'n ann air an son-san nach 
'eil a' creidsinn, ach air an son- 
san a tha creidsinn. 

23 Uime sin ma chruinnicheas 
an eaglais uile san aon àit, agus 
ma labhras iad uile le teangaibh 
cuimlieach, agus gu'n tig dream 
a ta gun fhòghlum a steach, 
no daoine mi-chreideach, nach 
abair iad gu bheil sibh air a 
chuthach' ? 

24 Ach ma nì iad uile fàidli- 
eadaireachd, agus gu 'n tig duine 
gun chreidimh a steach, no neach 
a ta gun f hòghlum, cronuichear ^ 
e leis na h-uile, agus bheirear 
breth air leis na h-uile : 

25 Agus mar sin a ta nithe 
folaichte a' chridhe air am foill- 
seachadh ; agus mar sin, air dha 
tuiteam air aghaidli, ni e aoradh 
do Dhia, ag aithris' gu bheil Dia 
gu fìrinneach annaibh-sa. 

26 Ciod e sin ma ta, a' 
bhràithre? nuair tha sibh a' 
teachd an ceann a chèile, tha 
salm, tha teagasg, tha teangadh, 
tha foillseachadh, tha eadar- 
theangachadh, aig gach aon ag- 
aibh. Dèanar na h-uile nithe 
chum fòghluim\ 

27 INIa labhras aon neach ann 
an teangaidh choimhich, labhradh 
dithis, no air a' chuid a's mò 
triuir, agus sin an dèigh a chèile ; 
agus dèanadh a h-aon eadar- 

' air mhì-chèill, air hhoile. 
* spreagar, comhairlichear. 
^ a' foillseachadh. 
335 



theangachadh. 

28 Ach mur bì eadar-theang- 
air ann, fanadh e 'na thosd san 
eaglais ; no labhradh e ris fèin, 
agus ri Dia. 

29 Labhradh dithis no triuir 
do na fàidhibh, agus thugadh 

j a' chuid eile breth. 

30 Ach ma dh' f hoillsichear ni 
do neach eile a tha 'na shuidlie, 
biodh an ceud dhuine 'na thosd. 

31 Oir feudaidh sibh uile 
: fàidheadaireachd „ a dlièanamh 
I gach aon an dèigh a chèile, 

chum gu faigh na h-uile fò- 
; ghlum, agus na h-uile comh- 
fhurtachd. 

32 Agus a ta spiorada' nam 
fàidliean ùmhal do na fàidhibh. 

33 Oir cha'n e Dia ùghdair, 
na ml-riaghailf, ach na sìthe, 
mar ann an eaglaisibh nan 
naomh uile. 

34 Biodh bhur mnài 'nan tosd 
sna h-eaglaisibh ; oir cha 'n 'eil 
e ceaduichte dhoibh labhairt ; 
cich is coir dhoibh bhi ùmhal, mar 
a ta an lagh mar an ceudna ag 
ràdh. 

35 Agus ma's miann leo ni 
sam bith fhòghlum, feòraich- 
eadh iad d' am fearaibh fèin aig 
an tigh e : oir is mì-chiatach do 
mhnaibh labhairt san eaglais. 

36 An ann uaibhse thàinig 
focal Dè a mach ? no an ann do 
'ur n-ionnsuidh-sa a mhàin a 
thàinig e ? 

37 Ma shaoileas duine sam bith^ 
gur fàidh, no gur duine spiorad- 
ail e fèin, aidicheadh e na nithe 

* togail suas. ^ tiodhlaca spiorndail. 

^ eas-ùrdiiiijh, iuaìrrinc. 

' Ma Ihu duiiic sam bilh cinnlcach. 



I. CORINTIANACH, XIV. XV. 



a ta mise a' sgrìobhadh do 'ur 
n-ionnsuidh, gur iad àitheantan 
an Tighearna. 

38 Ach ma tha neach sam bith 
aineolach, biodh e aineolach. 

39 Uime sin, a bhràithre, biodh 
ro-thogradh agaibh air fàidh- 
eadaireachd a dhèanamh, agus 
na bacaibh labhairt le teangaibh. 

40 Dèanar na h-uile nithe gu 
deadh-mhaiseach, agus a rèir 
òrduigh. 

CAIB. XV. 

1 O aiseirigh Chrìosd, 12 dhearbh an t-abstol 
gu 'n eirich sinne, an aghaidh na muinntir 
sin a tha 'g àicheadh aiseii igh na colla : 21 
Toradh, 35 agus dòigh na h-aiseirigh, 51 
agus caochladh na muinntir sin a gheibhear 
Jeò, air an là dheireannach. 

OS bàrr, a bhràithre, tha mi 
cur an cèiU duibh an 
soisgeul a sliearmonaich mi 
dhuibh, ris an do ghabh sibhse 
mar an ceudna, agus anns am 
bheil sibh 'nur seasamh ; 

2 Troimh mar an ceudna am 
bheil sibh air bhur tèarnadh, 
ma chumas sibh gu daingean' an 
ni a shearmonaich mi dhuibh, 
mur do chreid sibhse gu dìomh- 
ain. 

3 Oir thug mi dhuibh air tùs 
an ni a f huair mi mar an ceudna, 
Gu 'n d' f huair Crìosd bàs air 
son ar peacanna a rèir nan 
sgriobtuir : 

4 Agus gu 'n d' adhlaiceadh e, 
agus gu 'n d' èirich e a ris air an 
treas là a rèir nan sgriobtuir ; 

5 Agus gii facas e le Cephas, 
'na dhèigh sin leis an dà fhear 
dheug. 

6 'Na dhèigh sin, chunnacas e 
le tuilleadh as cùig ceud bràtli- 

' ma ghlcidheas sibh air chuimhne. 
336 



air air apn àm ; d' am bheil a' 
chuid a 's mò beò gus a nis, ach 
a ta cuid dhiuhh 'ìian codal. 

7 'Na dhèigh sin, chunnacas e 
le Seumas ; agus a rìs leis na h- 
abstolaibh uile. 

8 'Nan dèigh uile chunnacas 
leam-sa e mar an ceudna, mar 
neach a rugadh ann an an-àm. 

9 Oir is mi a 's lugha do na h- 
abstolaibh, neach nach fiù abstol 
a ghairm dhìom, do bhiìgh gu 'n 
robh mi a' geur-leanmliuinn 
eaglais Dè. 

10 Ach tre ghràs Dè tha mi an 
ni a ta mi^: agus cha robh a 
ghràs, a hhuilidieadh orm, gun 
bhrìgh ; ach shaothraich mi ni 's 
pailte na iad uile ; gidheadh cha 
mhise, ach gràs Dè a bha maille 
rium. 

11 Uime sin cò air bith iad 
dhinn, mise no iadsan, is ann mar 
so tha sinne a' searmonachadh, 
agus is ann mar so a chreid sibhse. 

12 A nis, ma shearmonaich- 
ear Crìosd gu 'n d' èirich e o na 
marbhaibh, cionnus a ta cuid 
'nur measg-sa ag ràdh, Nach 'eil 
aiseirigh nam marbh ann ? 

13 Ach mur 'eil aiseirigh nam 
marbh ann, ni mò a dh'èirich 
Crìosd. 

14 Agus mur d'èirich Crìosd, 
gu deimhin is dìomhain ar sear- 
moin-ne, agus is dìomhain bhur 
creidimh-sa mar an ceudna. 

15 Seadh fhuaradh sinne 'nar 
fianuisibh brèige air Dia ; do 
bhrigh gu 'n d' rinn sinn fìanuis 
a thaobh Dhè, gu 'n do thog e 
siias Crìosd : neach nach do thog 
e suas, mur èirich na mairbh. 

• is mi an ni a 's mi. 



I. CORINTIANACH, XV. 



16 Oir miir èirich na mairbh, 
ni mò a dh' èirich Crìosd : 

17 Agus mur d'èirich Crìosd, 
tha bhur creidimh-sa dìomhain ; 
tha.sibh fathast an bhur peac- 
aibh. 

18 ^lar sin mar an ceudna 
tha an dream a choidil ann an 
Crìosd, caillte. 

19 ^NIa 's anns a' bheatha so a 
mhàin a tha dòchas againn ann 
an Crìosd, is sinn a 's truaighe 
do na h-uile dhaoinibh. 

20 Ach a nis tha Crìosd air 
èirigh o na marbliaibh, agus rinn- 
eadh an ceud thoradh dliiubh- 
san a choidil deth. 

21 Oir mar is ann tre/dhuine 
t'iàinig am bàs, is ann tre dhuine 
thig aiseirigh nam marbh mar an 
ceudna. 

22 Oir mar ann an Adhamh, a 
ta na h-uile a' faghail a' bhàis, 
is amhuil sin mar an ceudna a 
nithear na h-uile beò ann an 
Crìosd. 

23 Ach gach uile dhuine 'na 
òrdugh fein : Crìosd an ceud 
thoradh, 'na dhèigh sin iadsan 
a 's le Crìosd aig a theachd. 

24 An sin hithidh a' chrìoch 
dheireannach, 'nuair a bheir e 
suas an rìoghachd do Dhia, 
eadhon an t-Athair ; 'nuair a 
chuireas e as do' gach uile 
uachdaranachd, agus gach uile 
ùghdarras, agus chumhachd. 

25 Oir is èigin gu'n rìoghaich 
e, gus an cuir e a naimhdean 
uile fo a chosaibh. 

26 Sgriosar an nàmhaid deir- 
eannach, am bàs. 

' a chuireas e sìos. 
^ a' ghàirdeachas air bhur sonsa. 
choy mi, chuir mi cath. 
337 



27 Oir chuir e na h-uile nithe 
fo a chosaibh. Ach an uair a ta 
e ag ràdh gu 'n do chuir e na 
h-uile mthe fuidh, is ni follais- 
each gu bheil e-san a chuir na 
h-uile nithe fuidh, an leth muigh 
clheth so. 

28 Agus an uair a chuirear na 
h-uile nithe fuidh, an sin bithidh 
ara ^NIac fèin fo 'n Tì a chuir na 
h-uile nithe fuidh-san, chum 
gu 'm bì Dia 'na uile anns na h- 
uile. 

29 No ciod a ni iadsan a bhaist- 
ear air son nam marbh, mur èir- 
ich na mairbli air aon dòigh ? c' 
ar son ma seadh a bhaistear iad 
air son nam marbh ? 

30 Agus c' ar son a ta sinne an 
gàbhadh gach uair ? 

31 Air bhur gàirdeachas-sa- a 
tha agam ann an losa Crìosd air 
Tighearn, tha mi faghail a' bhàis 
gach là. 

32 Ma chòmhraig^ mi mai 
dhuine* ri fiadh-bheathaichibh 
ann an Ephesus, ciod i mo 
thairbhe, mur èirich na mairbh ? 
itheamaid agus òlamaid, oir am 
màireach gheibh sinn bàs. 

33 ISIa meallar sibh : truaiUidh 
droch chomlikiadar' deadh bheu- 
sa. 

34 Dùisgibh chum fìreantachd^, 
agus na dèanaibh peacadh ; oir 
cha 'n 'eil eòlas Dè aig cind : chum 
bhur nàire tha mi a' labhairt so. 

35 Ach their neach èigin, Cion- 
nus a dli' èireas na mairbh ? ag- 
us ciod a ghnè cuirp leis an tig 
iad? 

36 Amadain, an ni sin a chuir- 

^ a reir gnàtha dhaoine. 
^ droch chùmhradh. 
' gu ccart, gu cuhhaidh. 
Z 



I. CORINTIANACH, XV. 



eas tu, cha bheotliaichear e, mur 
bàsaich e air tùs : 

37 Agus an ni a chuireas tu, 
cha 'n e an corp a bhitheas a ta 
thu cur, ach gràinne lom, feud- 
aidh e bi do chruithneachd, no 
do slieòrsa èigin eile : 

38 Ach a ta Dia a' toirt cuirp 
dha mar bu toil leis, agus do 
gach uile sliìol a chorp fèin. 

39 Cha 'n aon fheoil gach uile 
f heoil : ach a ta feoil air leth aig 
daoinibh, agus feoil eile aig ain- 
mhidhibh,yèo«7 eile aig iasgaibh, 
agusfeoil eile aig eunlaithibh. 

40 Agus a ta cuirp nèamhaidh 
ann, agus cuirp thalmhaidh : 
gidheadh a ta glòir air leth aig 
na corpaìhh nèamhaidh, agus glòir 
eile aig na corpaibh talmhaidh. 

41 Tha aon glilòir aiga' ghrèin, 
agus g] òir eile aig a' ghealaich, 
agus glòir eile aig na reultaibh ; 
oir a ta eadar-dhealachadh eadar 
reult agus reult thaobh glòire. 

42 Agus is ann mar sin a hhios 
aiseirigh- nam marbh. Cuirear 
ann an truaillidheachd e ; togar 
ann an neo-thruaillidheachd e. 

43 Cuirear e ann an eas-urram, 
togar ann an ghnre e : cuirear 
ann an anmhuinneachd e, èiridh 
e ann an cumhachd : 

44 Cuirear e 'na chorp nàdurra, 
èiridh e 'na chorp spioradaiL 
Tha corp nàdurra ann, agus 
corp spioradail. 

45 Agus mar so tha e sgriobh- 
ta, Rinneadh an ceud dhuine 
Adhamh 'na anam beò, an t- 
Adhamh deireannach 'na Spiorad 
a bheotliaicheas. 

46 Giclheadh cha 'n e an ni 

' dealblt, dreach. cos/as. 
338 



spioradail a hha ann air tùs, ach 
an ni nadurra ; agus 'na dhèigh 
sin an ni spioradail. 

47 An ceud duine o 'n talamh, 
talmhaidh : an dara duine, an 
Tighearn o nèamh, 

48 Mar an chdne talmhaidh, is 
amhuil sin iadsan a tha talmh- 
aidh ; agus mar a ta an duine 
nèamhaidh, is ann mar sin iadsan 
a ta nèamhaidh. 

49 Agus mar a ghiùlain sinn 
ìomhaigh^ an duine thalmhaidh, 
giùlainidh sinn mar an ceudna 
ìomhaigh an diiim nèamhaidh. 

50 A nis so a ta mi ag ràdh, a 
bhràitlire, nach feudar le feoil 
agus fuil rìoghachd Dhè a 
shealbhachadh ; ni mò a shealbh- 
aicheas truaillidheachd neo- 
thruaillidheachd. 

51 Feuch, tha mi a labhairt ni 
dìomhair ribh ; Cha choidil sinn 
uile, ach caochlaidhear sinn uile, 

52 Ann an tiota^, am priobadh 
na sùl, ri giith na trompaid 
deireannaich, (oir sèididh an 
trompaid,) agus èiridh na mairbh 
neo-thruaillidh, agus caochlaidh- 
ear sinne. 

53 Oir is èigin do 'n chorj) 
thruaillidh so neo-thruailHdh- 
eachd a chur uime, agus do 'n 
chorp bhàsmhor so neo-bhàs- 
mhorachd a chur uime. 

54 Agus an uair a chuireas 
an corjì . truaillidh so neo- 
thruaillidheaclid uime, agus a 
chuireas an corp bàsmhor so neo- 
bhàsmorachd uime, an sin coimh- 
lionar am focal a ta sgrìobhta, 
Shluigeadh suas ambàslebuaidh. 

55 O bhàis, c' àit am bheil do 

- platha, mionaid. 



I. CORINTIANACH, XV. XVI. 



gliath ? O uaigh, c' àit am hheil 
do bhuaidh? 

56 Is e am peacadh gath a' 
bhàis ; agus is e neart a' pheac- 
aidh an lagh : 

57 Ach buidheachas do Dhia, 
a tha toirt dhuinne na buadha, 
tre ar Tighearna losa Criosd. 

58 Uime sin, mo bhràithre 
gràdhach, bithibh-sa daingean, 
neo-ghluasadach, a' sìor-mheud- 
achadh ann an obair an Tigh- 
earn, air dhuibh fios a bhi agaibh 
nach 'eil bhur saothair dìomhain 
anns an Tighearn. 

CAIB. XVI. 

1 Ghuidh Pòlair na Corintianaich fuasgladh 
air ìiireasbhuidh nam bràithre bochda ann 
an lerusalem ; 10 mhol e Timoteus ; 13 
agus an dèigh chomhairlean càiì-diil, 19 
chrìochnaìch e an litir le iomadh fàilte. 

ANIS a thaobh an tionail air 
son nan naomh, mar a dh'- 
òrduich mi do eaglaisibh Ghala- 
tia, mar sin dèanaibh-sa mar an 
ceudna. 

2 Air ceud là gach seachduin, 
cuireadli gach aon agaibh ni leis 
fèin anns an ionmhas\ a rèir mar 
a shoirbhich leis, chum nach bì 
tionail r' an dèanamh 'nuair a 
thig mise. 

3 Agus an uair a thig mi, cò 
air bith iad a mholas sibh le \ir 
litrichibh, cuiridh mi iadsan a 
ghiùlan bhur tabhartais gu leru- 
salem. 

4 Agus ma 's iomchuidh mise 
a dhol mar an ceudna, thèid 
iadsan a' m' cliuideachd. 

5 Agus thig mi do 'ur n-ionn- 
suidh-sa, 'nuair a thèid mi troimh 
Mhacedonia : (oir tha mi dol 

' taisgeadh gach aon agaibh làimh ris annan stòr, 
^ luchd cur an ayhaidh an t-soisgcil. 
339 



troimh Mhacedonia :) 

6 Agus feudaidh e hì gu 'm fan 
mi, no eadhon gu 'n caith mi an 
geamhradh maille ribh, chum 
gu 'n toir sibh air m' aghaidh mi, 
ge b' e àit d' an tèid mi. 

7 Oir cha 'n àiU leam bhur 
faicinn a nis san dol seachad ; 
ach tha dùil agam fantuinn rè 
tumuill maille ribh, ma leigeas 
an Tighearn dhomh. 

8 Ach fanaidh mi ann an E- 
phesus gu Cuingeis. 

9 Oir dh'fhosgladh dorus raòr 
agus èifeachdach dhomh-sa, agus 
tha mòran eascairdean^ ann. 

10 A nis ma thig Timoteus, 
feuchaibh gu 'm bi e gun eagal 
maille ribh : oir tha e a' saoith- 
reachadh ann an obair an Tigh- 
earna, mar a ta mise. 

11 Uime sin na dèanadh neach 
sam bith tàir air : ach thugaibh 
air aghaidh e an sith, chum gu 'n 
tig e a m' ionnsuidh-sa : oir tha 
sùil agam ris maille ris na 
bràithribh. 

12 Mu thimchioll ar bràthar 
Apollois, ghuidh mi gu dùrachd- 
ach air teachd do 'ur n-ionn- 
suidh-sa maille ris na bràith- 
ribh : ach cha b' i a thoil air (^hor 
sam bith teachd san àm so ; ach 
thig e 'nuair a gheibh e àm iom- 
chuidh. 

13 Dèanaibh faire, seasaibh gu 
daingean sa' chreidimh, bithibh 
fearaiP, bithibh làidir*. 

14 Biodh bhur n-uile nithe air 
an dèanamh le gràdh. 

15 Agus guidheam oirbh, a 
bhràithre, {o 's aithne dhuibh 

^ duineil. 

* neartaichibh sibh fètn. 
z 2 



I. CORINTIANACH, XVI. 



teaghlach Stephanais, gur iad 
ceud thoradh Achaia, agus gu 'n 
d' thug siad iad fèin chum frith- 
ealaidh do na naomhaibh ;) 

16 Gu 'm bi sibh ùmhal d' an 
leithidibh sin, agus do gach aon 
a nì obair agus saothair maille 
ruinne. 

17 Tha mi subhach ri teachd 
Stephanais, agus Fhortunatuis, 
agus Achaicuis : oir rinn iad 
suas an ni sin a bha dh'uireas- 
bhuidh do 'ur taobh-sa. 

18 Oir thug iad suaimhneas' 
do m' spiorad-sa, agus do 'ur 
spiorad-sa : uime sin biodh meas 
agaibh air an leithidibh sin^. 

19 Tha eaglaisean na h-Asia 



^fois. 



" aithnichibh an leithide sin. 



a' cur fàilte oirbh. Tha Acuila 
agusPriscila, maille ris an eaglais 
a tha 'nan tigh, a' cur mòr- 
f hàilte oirbh anns an Tighearn. 

20 Tha na bràithrean uile a' 
cur fàilte oirbh. Cuiribh-sa 
fàilte air a chèile le pòig 
naoimh. 

21 Fàilte uamsa Pòl le m' 
làimh fèin. 

22 Ma tha neach sam bith nach 
gràdhaich an Tighearn losa 
Crìosd, biodh e 'na Anatema 
Maranata^. 

23 Gu robh gràs an Tighearna 
losa Crìosd maille ribh. 

24 Mo ghràdh-sa maille ribh 
uile ann an Crìosd. Amen. 

biodh e malluichte gu bràth. 



DARA LITIR an ABSTOIL PHOIL 
CHUM NAN CORINTIANACH. 



CAIB. I. 

1 Thug an t-abstol Pòl misneach do na Corin- 
tianaich an aghaidh ihrioblaid thaobh na 
comhfhurtachd agus an fhuasglaidh a thug 
Dia dhasan 'na uile thrioblaidibh fiin, 8 gu 
sònruichte ~na chunnart sanAsia: 12 agiis 
ghuirm e an coguis-san, agus a clioguis fèin 
chum fiunuis gu 'n do shearmonaich e an 
soisgeul gu trèibhdhireach, SjC. 

POL, abstol losa Crlosd tre 
thoil Dè, agus Timoteus ar 
bràthair, chum eaglais Dè a ta 
ann an Corintus, maille ris na 
h-uile naoimh a ta ann an A- 
chaia uile : 

2 Gràs dhuibhse, agus sìth' o 
Dhia ar n-Athair, agus o'n Tigh- 
earn losa Crìosd. 

3 Beannaichte robh Dia, 

' sìothchaint. ^ thrioblaid. 
340 



eadhon Athair ar Tighearna losa 
Crìosd, Athair nan tròcair, agus 
Dia na h-uile chomhfhurtachd ; 

4 A tha toirt comhfhurtachd 
dhuinne 'nar n-uile àmhghar^, 
chum sinne bhi comasach air 
comhfhurtachd a thoirt dhoibh- 
san a ta ann an àmhghar sam 
bith, tre a' chomhf hurtachd leis 
am bheil sinn fèin a' faotainn 
comhfhurtachd o Dhia. 

5 Oir mar a ta fulangais 
Chrìosd^ pailt annainne, is amh- 
uil sin a ta ar comhfhurtachd- 
ne mar an ceudna pailte tre 
Chrìosd. 

6 Agus ma tha sinn fuidh àmh- 
ghar, is ann air son bhur comh- 

^ fulangais air son Chrìosd. 



II. CORINTIANACH, 1. 



fliurtachd agus bhur slàinte-sa, 
a tha air a h-oibreachadh le 
sibh a dh'fhulang nam fulangas 
oeudna, a tha sinne a' fulang : 
no ma 's comhfhurtachd dhuinn, 
is ann chum bhur comhf hurtachd 
agus bliur slàinte-sa. 

7 Agus a ta ar dòchas daing- 
ean do 'ur taobh-sa do bhrìgh 
gu bheil fios againn, mar a ta 
sibh 'nur luchd-comhpàirt do na 
fulangasaibh, gu 'm hì sihh mar 
an ceudna do 'n chomhfhurt- 
achd. 

8 Oir cha b' àill leinn, a 
bhràithre, sibhse bhi ain-fbios- 
rach mu thimchioll ar n-àmh- 
ghair a thachair dhuinne san 
Asia, gu'n do bhrùthadh sinn 
gu ro mhòr thar ar neart, ionn- 
us gu robh sinn fuidh amharus 
eadhon mu 'r beatha : 
9 Ach bha againn binn^ ar bàis 
annainn fèin, chum nach biodh 
againn dòigh annainn fèin, ach 
ann an Dia a dhùisgeas na 
mairbh : 

10 Neach a shaor sinne o 
bhàs 00 mòr, agus a ta'gar saor- 
adh ; anns am bheil ar dòchas 
gu 'n saor e sinn fathast : 

11 Air dhuibhse bhi a' co- 
oibreaciiadh le chèile ann an 
ùrnuigh air ar son-ne, chum gu 
tugar buidheachas le mòran air 
ar son-ne, à leth an tiodhlaic a 
thugadh dhuinne, tre mhòran. 

12 Oir is e so ar gàirdeachas- 
ne, fianuis ar coguis, gur ann an 
aon-fhillteachd^ agus an trèibh- 
dhireas diadhaidh^, agus cha'n 
ajin an gliocas feòlmhor, ach 

' breth. ' siompluìdheachd. 

^ an ti èibhdhircas as mò; trcibhdhireas Dè.Gw 



ann an gràs Dè, a chaith sinn ar 
beatha san t-saoghal, agus gu 
h-àraidh do 'ur taobh-sa. 

13 Oir cha'n'eil sinn a' sgrìobh- 
adh nithe sam bith eile do 'ur n- 
ionnsuidh-sa, ach nan nithe a ta 
sibh a' leughadh^, no a ta sibh 
ag aideachadli, agus a ta dùil 
agam a dh'aidicheas sibh gus a' 
chrìoch ; 

14 Amhuil mar a dh' aidich 
sibh an càil, gur sinne bhur 
gàirdeachas, mar is sibhse mar 
an ceudna ar gàirdeachas-ne ann 
an là an Tighearn losa. 

15 Agus anns a' mhuinghin so 
b' àill leam-sa teachd do 'ur n - 
ionnsuidh air tùs, ionnus gu 
faigheadh siblise ath-ghràs^ 

16 Agus gabhail uaibhse'' gu 
Macedonia, agus teachd o Mha- 
cedonia a rìs do 'ur n-ionnsuidh- 
sa, agus a bhi air mo thoirt air 
m' aghaidh leibhse san t-slighe 
gu ludea. 

17 Uime sin an uair a chuir 
mi so romham, an do ghnàthaich 
mi eutruimeachd' ? no an ann a 
rèir na feòla a ta mi cur romham, 
na nithe a ta mi a' cur romham, 
ionnus gu biodh agam seadh, 
seadh, agus cha 'n eadh, cha 'n 
eadh. 

18 Ach mar a ta Dia fìrinn" 
each, cha b' e ar còmhradh ribhse 
seadh, agus cha 'n eadh. 

19 Oir Mac Dhè, losa Crìosd, 
a shearmonaicheadh 'nur measg- 
sa leinne, eadhon leam-sa, agus le 
Sihianus, agus le Timoteus, cha 
robh e/na sheadh agus'na cha'n 
eadh, ach ann-san bha seadh. 

a'saithne dhniìih. ' ath-lhiorlh/ac. 
^ dol bhur rathad-sa. ' iomluas. 



341 



II. CORINTIANACH, I. fl. 



20 Oir geallanna Dhè uile 
ann-san is seadh iad, agus ann- 
san is Amen iad, chum glòire 
Dhè do ar taobh-ne. 

21 A nis an Tì a dhaingnich- 
eas sinne maille ribhse ann an 
Crìosd, agus a dh'ùng sinn, is e 
Dia: 

22 Neach mar an ceudna a 
chuir seula oirnne, agus a thug 
dhuinn geall-daingnich' an Spior- 
aid ann ar cridheachaibh. 

23 Ach a ta mi a'gairm Dhè 
mar f hianuis air m' anam^, gur 
an chum sibhse a chaomhnadh 
nach d' thàinig mi fathast gu 
Corintus. 

24 Cha 'n e gu bheil againne 
tighearnas air bhur creidimh-sa, 
ach is luchd^cuideachaidh sinn 
do 'ur n-aoibhneas : oir is ann 
tre chreidimh a sheasas sibh. 

CAIB. II 

1 Air do Phòl an reuson a chur an cèill air 
son nach d'thàinig e dh' ionnsuidh nan Co- 
rintianach^ 6 dh'iarr e orra maitheanas ug. 
us comhfhurtachd a thoirt do 'n duine a 
dhruideadh a mach leo as an eaylais, 10 
eadhon mar a thng e fèin mar an ceudna 
maitheanas da, uir son 'fhìor aithreachais. 
12 Chuir e an ccill c ar son u chaidh eo 
Throas gu Macedonia, 14 agus mar a 
shoirbhìch Dia 'gu puilte leis. 

A CH chuir mi so romliam 
annam fèin, gu'n teachd a 
rìs fo dhoilgheas do 'ur n-ionn- 
suidh. 

2 Oir ma nì mise doilich 
sibhse, cò e ma ta nì subhach 
mise, ach an ti air an do chuir- 
eadh doilgheas leam ? 

3 Agus sgrìobh mi an ni so 
fèin do 'ur n-ionnsuidh, chum air 
dhomh teachd, nach cuirteadh 

' earlas. ^ an aghaidh m'anama. 

312 



doilgheas orm leis a' mhuinntir 
sin o 'm bu chòir dhomh aoibh- 
neas fhaotainn, air dhomh bhi 
muinghinneach asaibh uile, gur 
e m' aoibhneas bhur n-aoibhneas 
uile. 

4 Oir à trioblaid mhòir agus 
cràdh cridhe, sgriobh mi do 'ur 
n-ionnsuidh le iomadh deur ; 
cha 'n ann chum gu 'm biodh 
doilgheas oirbh, ach chum gu 'm 
biodh fios agaibh air a' ghràdh a 
ta agam gu ro-phailte dhuibh. 

5 Ach ma tliug neach sam bith 
aobhar doilgheis, cha do chuir 
e doilgheas ormsa, ach an càil : 
chum nach cuirinn ro-uallach 
oirbh uile. 

6 Is leoir d' a leithid sin do 
dhuine am peanas so, a leagadk 
air le mòran. 

7 lonnus air an làimh eile, gur 
mò is còir dhuibh maitheanas 
agus comhf hurtachd a thoirt da, 
air eagal gu 'm biodh a leithid so 
do dliuine air a shlugadh suas le 
anabarra doilgheis. 

8 Uime sin guidheam oirbh, 
gu'n daingnicheadh sibh hhur 
gràdh dha. 

9 Oir is ann chum na crìche so 
a sgrìobh mi do 'ur n-iomisuidh, 
chum gu'm biodh fios bhur 
dearbhaidh agam, am bheil sibh 
ùmhal anns na h-uile nithibh. 

10 Ge b' e neach d' an toir sibh 
maitheanas ann an ni sam bith, 
bheir mise mar an ceudna : oir 
ma thug mise maitheanas ann an 
ni sam bith, ge b' e d' an d' thug 
mi am maitheanas, is ann air 
bhur sonsa a thug mi e, am 
fianuis" Chrìosd ; 

' «))/ pearsa. 



11. CORINTIANACH. II. III. 



11 Air eagal gu faigheadh Sà- 
tan an cothrom oirnn le 'chuil- 
bheartachd: oir cha'n 'eil sinn 
aineolach air 'innleachdaibh. 

12 Os bàrr, 'nuair a thàinig 
mi gu Troas chum soisgeul 
Chrìosd a shearmonachadh, agus 
a dh'fhosgladli dorus dhomh leis 
an Tighearn, 

13 Cha robh fois agam ann mo 
spiorad, do bhrìgh nach d' f huair 
mi Titus mo bhràthair : ach air 
gabhail mo chead diubh, dh'im- 
ich mi sin do Mhacedonia. 

14 A nis buidheachas do Dhia, 
a ta ghnàth a' toirt oirnne 
buadhachadh ann an Crìosd, ag- 
us a ta foillseachadh deadh f hàile 
'eòlais fèin leinne anns gach àit. 

15 Oir tha sinne do Dhia 'nar 
fàile cùbhraidli Chrìosd, anns 
an dream a thèarnar', agus anns 
an dream a sgriosar^ : 

16 Do 'n aon dream tha sinn 
'nar boltrach bàis chum bàis ; 
agus do 'n dream eile, 'nar bolt- 
rach beatha chum beatha : agus 
cò a ta foghainteach chum nan 
nithe so? 

17 Oir cha 'n 'eil sinne mar 
mhòran, a thruailleas focal Dè : 
ach mar o thrèibhdhireas, ach 
mar o Dhia, tha sinn a' labhairt 
am fianuis Dè ann an Crìosd^ 

CAIB. III. 

1 Air eagal gu 'n cuireadh luchd-teagaisg 
brèige as a leth gu robh e dèanarnh uaiU gu 
d)omhain, nochd Pùl gu robh gràsa nan 
Corintianach 'nan aobhar molaidh d' a 
mhinistrtikachd. 6 Air so chomh-shìn e 
ministeirean an lagha, agus an t.soisgeil 
r' a chèile, 12 agus dhearbh e gu'n rohh a 
mhinistreileachd-san ro òirdheirc. 

' shlànuichear. u chuiUear. 

l mu C/irìosd. * ann ar. 

' dh'eirbsa. ^ a mheas, a reusonnchndh . 
343 



AN tòisich sinn a ris air sinn 
fèin a mholadh ? no am 
bheil feum againn, mar aig 
dream àraidh, air litrichibh 
molaidh do 'ur n-ionnsuidh-sa. 
no air Utrkhihh molaidh uaibh ? 

2 Is sibhse ar litir-ne a ta 
sgriobhta 'nar ^ cridheachaibh, air 
a h-aithneachadh agus air a 
leughadh leis na h-uile dhaoin- 
ibh^: 

3 Air diia hhi follaiseach gur 
sibh litir Chrìosd, a f hrithealadh 
leinne, a tha air a sgrìobhadh 
cha 'n ann le dubh, ach le Spiorad 
an Dè bheò ; cha 'n ann air clàr- 
aibh cloiche, ach air clàraibh 
feòhnhor a' chridhe. 

4 Agus tha a leithid so do 
dhòchas' againne tre Chrìosd a 
thaobh Dhè : 

5 Cha 'n e gu bheil sinn fogh- 
ainteach uainn fèin chum ni sam 
bith a smuaineachadh" mar uainn 
fèin : ach is ann o Dhia a ta ar 
foghainteachd ; 

6 A rinn sinne mar an ceudna 
'nar ministeiribh foghainteach an 
tiomnaidh nuaidh' ; cha 'n ann 
do 'n litir, ach do 'n Spiorad : oir 
marbhaidh an litir, ach bheir an 
Spiorad beatha. 

7 Ach ma bha ministreileachd' 
a' bhàis, ann an sgriobhadh air 
a ghearradh^ air clachaibh, glòr- 
mlior, ionnus nach b' urrainn 
clann Israeil amharc gu geur air 
gnùis INIhaois, air son gkìire a 
ghnùise, a chuireadh air cùl ; 

8 Cionnus nach mò na sin a 
bhios ministreileachd an Spior- 
aid glòrmhor ? 

' a' choimhcheangail nuaidh. 

\frithealadh. 

' ghràbhciladh. 



II. CORINTIANACH, III. IV. 



9 Oir ma oìia ministreileachd 
an d\tidh glòrmhor, is ro mhò 
na sin a bheir ministreileachd na 
f ireantachd barrachd ann an glòir. 

10 Oir eadhon an ni a rinn- 
eadh glòrmhor, cha robh gknr 
sam bith aige sa' chàs so, thaobh 
na ghìire a tha toirt barrachd. 

11 Oir ma hha an ni a chuir- 
eadh air cùl glòrmhor, is ro mhò 
na sin a ta an ni a bhiianaicheas 
glòrmhor. 

12 Uime sin do bhrìgh gu 
bheil againn a shamhuil so do 
dhòchas', tha sinn a' cleachdadh 
mòr-dhànachd" cainnte. 

13 Agus cha 'n 'eil sinn mar 
Mhaois, a chuir folach air 'agh- 
aidh, chum nach amhairceadh 
elann Israeil gu geur gu crìch an 
ni a chuireadh air cùl. 

14 Ach dhalladh an inntinn : 
oir gus an là'n diugh ann an 
leughadh an t-seann-tiomnaidh^, 
tha 'm folach ceudna a' fantuinn 
gun atharrachadh, ni a chuir- 
eadh air cùl ann an Crìosd. 

15 Ach eadhon gus an là 'n 
diugh 'nuair a leughar Maois, 
tha am folach air an cridhe. 

16 Gidheadh 'nuair a philleas 
e chum an Tighearna, togar am 
folach dheth. 

17 A nis is e an Tighearn an 
Spiorad sin : agus far am bheil 
Spiorad an Tighearna, tha saor- 
sa an sin. 

18 Ach air bhi dhuinne uile le 
aghaidh gun fholach, ag amharc 
mar ann an sgàthan air glòir an 
Tighearna, tha sinn air ar n-ath- 

' eai'hsa. ' sJioilleireachd. 
' na seann-tiomnaidh. 
* an dealbha, an riochda. 
344 



arrachadh chum na h-iomhaigh^ 
ceuchia, o ghhnr gu glòir, mar 
le Spiorad an Tighearna. 

CAIB. IV. 

1 Chuir Pòl an ceill gu'n do shearmonaich 
e an soisgeul le dwhioll ayus ann an trèihh- 
diiireas ; 6 agus cionnus a dh'oihrich na 
triohlaidean agus an geur-leanmhninnadh'- 
fhuilinri e air a shon, chum cliù cumhachd 
Dhè, 12 chum maith na h-eaglais, 1(3 agus 
chum ylòir shìorruidli nan ahstol fèin. 

UIME sin, air do'n mhinis- 
treileachd so bhi againn, 
a rèir mar a f huair sinn tròcair 
cha 'n 'eil sinn a' fannachadh^ : 

2 Ach chuir sinn cùl ri nith- 
ibh folaichte na nàire'', gun sinn 
bhi a' siubhal ann an ceilg, no 
a' truailleadh focail Dè, ach le 
foillseachadh na fìrinn, 'gar 
I moladh fèin do choguis nan uile 
! dhaoine ann an sealladh Dhè. 
I 3 Ach ma tha ar soisgeul-ne 
folaichte'^, is ann dhoibh-san a ta 
caillte* tha e folaichte : 

4 Anns an do dhall dia an t- 
saoghail so inntinn na dream 
nach 'eil 'nan creidich, air eagal 
gu 'n dealraicheadh orra solus 
soisgeil ghk)rmhoir Chrìosd, 
neach a 's e lomhaigh Dhè. 

5 Oir cha'n 'eil sinne 'gar 
searmonachadh fèin, ach losa 
Crìosd an Tighearn ; agus sinn 
fèin 'nar seirbhisich dhuibhse 
air son losa. 

6 Oir is e Dia a thubhairt 
ris an t-solus soillseachadh à 
dorchadas, a dhealraich ann ar 
cridheachaibh-ne, a thoirt soluis 
eòlais glòire Dhè, ann an gnùis 
losa Crìosd. 

' à lagachadh. ^ a' mhaslaidh, na h-eas-onoi 

^ fo fhotach. 

' a tha 'gan sgrìos fèin. 



II. CORINTIANACH, IV. V. 



7 Acli a ta an t-ionmhas so 
againn ann an soitliichibh 
creadha, chum gu 'm bì òir- 
dheirceas a' chumhachd o Dhia, 
agus cha'n ann uainne. 

8 21ia sinn fo thrioblaid air 
gach taobh, gidheadh cha 'm 'eil 
sinn ann an teanntachd' ; tha sinn 
ann an ioma-chomhairle, gidh- 
eadh gun sinn ann an eu-dòchas ; 

9 Air ar geur-leanmhuinn, 
gidheadh gun sinn air ar trèig- 
sinn ; air ar tilgeadh sios, gidh- 
eadh gun sinn air ar sgrios ; 

10 A' giùlan a ghnàth bàsach- 
aidh an Tighearna losa mu 'n 
cuairt, anns a' chorp, chum gu 
biodh beatha losa mar an ceud- 
na air a dèanamh follaiseach ann 
ar corp-ne. 

11 Oir tha sinne a ta beò, a 
ghnàth air ar toirt chum bàis 
air son losa, chum gu biodh 
mar an ceudna beatha losa air a 
dèanamh follaiseach 'nar feoil 
bhàsmhoir-ne. 

12 Uime sin tha bàs ag oib- 
reachadh annainne, ach beatha 
annaibh-sa. 

13 Air dhuinn an spiorad 
creidimh sin fèin a bhi againn, 
a rèir mar a ta e sgrìobhta, 
Chreid mi, agus uime sin labh- 
air mi : tha sinne a' creidsinn 
mar an ceudna, agus uime sin 
tha sinn a' labhairt ; 

14 Air dhuinn fios a bhi ag- 
ainn, an Tì a thog suas an Tigh- 
earn losa, gu 'n tog e sinne suas 
mar an ceudna tre losa, agus 
gu'n cuir e 'na làthair sinn maille 
ribhse. 

15 Oir tha na h-uile nithe air 



bhur sonsa, chum gu biodh an 
gràs a tha saoibhir, tre bhuidh- 
eachas mhòran, ro phailte chum 
glòire Dhè. 

16 Uime sin cha'n'eil sinn a' 
fannachadh, ach ged thruaillear 
ar duine o 'n leth muigh, gidh- 
eadh tha an duine o'n leth stigh 
air ath-nuadhachadh o là gu là. 

17 Oir a ta ar n-àmhghar 
eutrom, nach 'eil ach rè sealain-, 
ag oibreachadh dhuinne trom- 
chudthrom ghMre a ta ni 's ro 
anabharraich agus sior-mhair- 
eannach ; 

18 Air dhuinn bhi ag amharc 
cha'n ann air na nithibh a tha 
r' am faicinn, ach air na nithibh 
nach 'eil r' am faicinn : oir tha na 
nithe a chithear, aimsireil ; ach 
tha na nithe nach faicear, sìor- 
ruidh. 

CAIB. V. 

1 Chuir Pòl an cèill gun rohh e an dùchas glòire 
sìorruidh, agiis le sùil rithe, ugus ris a' bhi eth 
dheireannaich, a' dèanamh dìchill air deadh 
choguis a choimhead ; 12 cha'n ann chum 
gu dianadh e bòsd as fèin a thaobh so. 14 
ach mar neach a fhuair beatha o Chrlosd, 
a ta e dìchiollach chum a bhentha a chaith- 
cadh do Chriosd a mhàin, 16 agus chum 
muinntir eìle a dhèanamh rèidh ri Dia tre 
Chrtosd mar an ceudna. 

OIR a ta fios againn, nan 
sgaoilteadh o chèile ar 
tigh talmhaidh a phàilliuin so, 
gu bheil againn aitreabh o Dhia, 
tigh nach do thogadh le làmhaibh, 
sìorruidh anns na nèamhaibh. 

2 Oir a ta sinn ri osnaich an 
so, a' miannachadh bhi air ar 
n-eudachadh^ le ar tigh o nèamh : 

3 O air dhuinn bhi air ar n- 
eudachadh, nach faighear lom- 
nochd sinn. 



' cumhainneachd. ^ tìotn., mionaid. 
345 



^ cluth-eudachadh, còmhdachadh. 



II. CORINTIANACH, V. 



4 Oir tba sìnne a tha anns a' 
phàilliun so ri osnaich, air 
dliuinn bhi fuidh uallaich : cha 'n 
e air son gu 'm bu mhiann leinn 
bhi air ar rùsgadh, ach air ar 
n-eudachadh, chum gu bì bàs- 
mhorachd air a slugadh suas le 
beatha. 

5 A nis an tì a dh' oibrich sinne 
chum so fèin, is e Dia e, a thug 
dhuinne mar an ceudna geall- 
daingnich' an Spioraid. 

6 Uime sin tha sinn a ghnàth 
deadh-mhisneachail, air dhuinn 
fios a bhi againn am feadh a ta 
sinn aig an tigh sa' choluinn, gu 
bheil sinn air choigrich o'n 
Tighearn : 

7 (Oir a ta sinn a' gluasad^ a 
rèir creidimh, agus cha 'n ann 
a rèir seallaidh.) 

8 Tha deadh mhisneach ag- 
ainn, agus bu ròghnuiche leinn 
gu mòr bhi air choigrich as a' 
choluinn, agus a bhi làthair 
maille ris an Tighearn, 

9 Uime sin a ta sinn a' clèan- 
amh ar dìchiU, chum cò aca 
bhios sinn a làthair no air choig- 
rich, gu'm bi sinn taitneach 
dhasan. 

10 Oir is èigin duinn uile bhi 
air ar nochdadh an làthair caith- 
ir-breitheanais Chrìosd ; chum 
gu faigh gach neach na nithe a 
rinn e sa' choluinn, a rèir an ni 
a rinn e, ma 's maith no olc e. 

11 Uime sin air dhuinn fìos a 
bhi againn air uamhas an Tigh- 
earna, tha sinn a' cur impidh air 
daoinibh ; ach a ta sinn follais- 
each do Dhia, agus tha dòchas 
agam mar an ceudna gu bheil 

' earlas. ^ a' gbiasachd, aq imeachd^ a' siubhal. 
34« 



sinn air ar dèanamh follaiseach 
ann bhur coguisibh-sa. 

12 Oir cha 'n 'eil sinn 'gar 
moladh fèin a ris dhuibhse, ach 
a ta sinn a' toirt fàth^ uaiU dhuibh 
do ar taobh, chum gu bì freagradh 
agaibh dhoibh-san a tha dèanamh 
uaill ann an gnùis, agus cha 'n 
ann an cridhe. 

13 Oir ma tha sinn a dh' eas- 
bhuidh cèille, is ann do Dhia : 
agus ma tha ar ciall againn is 
ann duibh-sa. 

14 Oir a ta gràdh Chrìosd 
'gar co-èigneachadh, air dhuinn 
breithneachadh mar so, ma 
f huair a h-aon bàs air son nan 
uile, gu 'n robh na h-uile marbh : 

15 Agus gu'n d'fhuair e bàs 
air son nan uile, chum iadsan a 
ta beò, nach biodh iad à so suas 
beò dhoibh fèin, ach dhasan a 
dh'fhuiling am bàs air an son, 
agus a dh'èirich a rjs. 

16 Uime sin, cha'n aithne 
dhuinne à so suas aon duine a 
rèir na feòla : seadh, ged b' 
aithne dhuinn Crìosd a rèir na 
feola, gidheadh a nis cha 'n 
aithne dhuinn e ni 's mò. 

17 Uime sin ma tha neach sam 
bith ann an Crìosd, is creutair 
nuadh e : chaidh na seann nithe 
seach, feuch, rinneadh na h-uile 
nithe nuadh. 

18 Agus is ann o Dhia a ta na 
h-uile nithe, neach a rinn sinne 
rèidh ris fèin tre losa Crìosd, 
agus a thug dhuinn ministreil- 
eachd na rèite ; 

19 Eadhon, gu robh Dia ann 
an Crìosd, a' dèanamh an t- 
saoghail rèidh ris fèin, gun bhi 

^ cothroim. 



II. CORINTIANACH, V. VI. 



a' meas an cionta dhoibh ; agus 
dh'earb e ruinne' focal na rèite. 

20 Uime sin is teachdairean 
sinn air son Clirìosd, mar gu 
cuireadh Dia impidh leinne : tlia 
sinne a' guidhe oirhh as uchd^ 
Chriosd, bithibh rèidh ri Dia. 

21 Oir rinn e e-san do nach 
b' aithne peacadh, 'na ìobairt- 
pheacaidh air ar son-ne ; chum 
gu bitheamaid air ar dèanamh 
'nar fìreantachd Dliè ann-san. 

CAIB. VI. 

1 G'i'n do dhearhh Fòl efèiìi'na mhinistcir 
firinneach do Chrìosd, araon le earaiHbh, 
3 agus le ionracas a hheatha, 4 ac/us leis 
gach gnè triohlaid agus niaslaidh fhulung 
gu foighidneach air son an t-soisgeil : 
10 umpa so lahhair egu dùna riu, a chionn 
gu rohh a chridhe fosgailte dhoihh ; 13 agus 
gu'n rohh dùil aige ris an aigne cheudna 
uatha, Sjc. 

UIME sin tha sinn mar 
chomh-oibrichean leis-san, 
a' guidhe oiròh, gu 'n sibh a ghabh- 
ail gràis Dè an dìomhanas : 

2 (Oir a ta e ag ràdh, Ann an 
àm taitneach dh'èisd mi riut, 
agus ann an là slàinte rinn mi 
còmhnadh leat : feuch, a nis an 
t-àm taitneach ; feuch, a nis là 
na slàinte.) 

3 Gun bhi toirt aobhair oil- 
bheim air bith ann an aon ni, 
chum nach faigheadh a' mhinis- 
treileachd^ mì-chliu : . 

4 Ach anns gach ni 'gar 
dearbhadh fèin mar mhinisteir- 
ibh Dhè, ann am mòr-f hoighidin, 
ann an àmhgharaibh, ann an 
uireasbhuidh, ann an teannt- 
achdaibh, 

5 Ann am buillibh, ann am 

' chuir e annuinne. Gr. 
^ air son, an àit. 

347 



priosanaibh, ann an luasgadh o 
àit gu h-àit, ann an saothair, 
ann am faire, ann an trasgaibh, 

6 Ann am fìor-ghloine, ann 
an eòlas, ann am fad-fhulangas, 
ann an caoimhneas, anns an 
spiorad naomli*, ann an gràdh 
gun clieilg, 

7 Ann am focal na fìrinn, ann 
an cumhachd Dhè, le airm na 
fireantachd air an làimh dheis 
agus chlì, 

8 Tre urram agus eas-urram, 
tre mhì-chliu agus dheadh-chliu : 
mar mhealltairibh, gidheadh f ìr- 
inneach ; 

9 Mar dhream nach aithnich- 
ear, gidheadh air am bheil deadh 
aithne ; mar dhream a ta fagh- 
ail a' bliàis, gidheadh feuch, tha 
sinn beò ; mar dhream a smachd- 
aichear, agus gun am marbhadh ; 

10 Mar dhream a ta bròn- 
ach, gidheadh a ghnàth a' dèan- 
amh gàirdeachais ; mar dhaoine 
bochda, gidheadh a ta dèanamh 
mòrain saoibhir ; mar dhaoine 
aig nach 'eil ni sam bith, gidh- 
eadh a' sealbhachadh nan uile 
nithe. 

11 Tha ar beul-ne fosgailte 
dhuibhse, O a Chorintianacha, 
tha ar cridhe air a dlièanamh 
farsuinn. 

12 Cha'n 'eil sibh ann an 
cumhannachd annainne, ach tha 
sibh ann an cumhannachd ann 
bhur n-innibli fèin. 

13 A nis mar ath-dlnoladh san 
ni sin fèin, (tha mi a' labhairt 
mar ri ?»' chloinn,) bithibh-sa 
farsuinn mar an ceudna. 

^ [«)•] minislreileachd, [ar'jfrithealadh. 
* lcis an Spiorad. 



tl. CORINTIANÀCH. VI. VII. 



14 Na cuing-oheanglar gu neo- 1 
cliothromach sibh maille ri mì- 
chreidich : oir ciod e caidreabh 
na fireantachd ri neo-fhìreant- 
achd ? agus ciod e comunn an 
t-soluis ris an dorchadas ? 

15 Agus ciod an rèite a ta aig 
Crìosd ri Belial ? no ciod i cuid 
a chreidich, maille ri ana-creid- 
each ? 

16 Agus ciod a' cho-rèite a ta 
aig teampuU Dè ri h-ìodholaibh' ? 
oir is sibhse teampull an Dè 
bheò ; a rèir mar a thubhairt 
Dia, Gabhaidh mise còmhnuidh 
annta, agus gluaisidh mi 'nam 
measg ; agas bithidh mise a 'm' 
Dhia aca-san, agus bithidh iad- 
san 'nan sluagh agam-sa. 

17 Uime sin thigibh a mach 
as am meadhon, agus dealaichibh 
riu, tha an Tighearn ag ràdh, 
agus na beanaibh ris an ni 
neò-ghlan ; agus gabhaidh mise 
a m' ionnsuidh sibh, 

18 Agus bithidli mi a' m' Ath- 
air dhuibh, agus bithidh sibhse 
'nur mic agus 'nur nigheanaibh 
dhomh-sa, tha an Tighearn uile- 
chumhaclidach ag ràdh. 

CAIB. VII. 

1 Dh'caraiMch P'ol na Corintianaìch chuni 
gìoine beatha, 2 agus an ìnntinn hln aca 
dhasan a ta aige dhoihh : 3 air cagal gu 
saoìlteadh gu'n rohh e cur so an amharus, 
chuir c an cèill doihh meud a' chomhfhurt- 
achd a fhuair e 'na thriohhiidihh, o'n sgeul 
a thug Titus dhu air am hròn diadhaidh, 
13 agus air an caoimhncus agus an ùmhl- 
achd do Thitus. 

UIME sin, a mhuinntir mo 
ghràidh, air dhuinn na 
geallanna so bhi againn, glan- 
amaid sinn fèin o gach uile shal- 

' dealbhaibh, ^ uamhunn. 
348 



achar feòla agus spìoraid, a' 
coimhhonadh naomhachd ann an 
eagal Dè. 

2 Gabhaibh ruinne : cha d' rinn 
sinn eucoir air aon duine, cha 
do thruaill sinn aon duine, cha 
do mheall sinn aon duine. 

3 Cha 'n ann chum bhur dìtidh 
a ta mi a' labhairt so : oir thu- 
bhairt mi roimh, gu bheil sibh 
ann ar cridheachaibh-ne chum 
bàsachadh maille rìbh, agus a 
bhi beò maille rihh. 

4 Is mòr mo dhànachd cainnte 
do 'ur taobh-sa, is mòr m' 
uaill as bhur leth : lìonadh le 
comhfhurtachd mi, tha mi thar 
tomhas aoibhneach ann ar n- 
ui]e àmlighar-ne. 

5 Oir an uair a thàinig sinn 
gu Macedonia, cha d'fhuair ar 
feoil fois sam bith, ach bha sinn 
fuidh àmhghar air gacli taobh; 
an leth am muigh hha còmhraig, 
an letli a stigh hha eagal^: 

6 Ach Dia a bheir comhfhurt- 
achd dhoibh-san a tha air an 
leagadh sios, thug e comhfhurt- 
achd dhuinne le teachd Thituis : 

7 Agus cha 'n e le a theachd- 
san a mhàin, ach mar an ceud- 
na leis a' cliorahfhurtachd a 
fliuair e-san uaibhse, 'nuair a 
chuir e an cèill duinn bhur dian- 
thogradh, bhur caoidh', bhur 
teas-gliràdh dhomh-sa ; air chor 
as gur mòid a rinn mi gàird- 
eachas. 

8 Oir ge do chuir mi doil- 
gheas oirbh leis an litir, cha'n 
'eil aithreachas orm, ged bha 
aithreachas orm : oir tha mi 
faicinn gu 'n do chuir an litir sin 

' hròn. 



II. CORINTIANACH, VII. VIII. 



doilgheas oirbh, ged nach rimi 
i so ach rè tamuill. 

9 A nis tha gàirdeachas orm, 
cha'n ann air son sibh a bhi 
doilich, ach gu robh sibh doilich 
chum aithreachais' : oir bha doil- 
gheas oirbh air mhodh diadhaidh, 
chum nach tigeadh call oirbh 
ann an aon nì do ar taobh-ne, 

10 Oir oibrichidh am bròn 
diadhaidh aithreachas chum 
slàinte do nach gabhar aith- 
reachas : ach oibrichidh doil- 
gheas an t-saoghail bàs. 

11 Oir feuch, an ni so fèin 
doilgheas diadhaidh bhi oirbh, 
eiod e meud an dùrachd a dh'- 
oibrich e annaibh, seadh, ciod an 
glanadh oirbh fèin^, seadh, ciod 
an ro dhiom, seadh, ciod an t- 
eagal, seadh, ciod an dian-thog- 
radh, seadh, ciod an t-eud, seadh, 
ciod an togradh dìoghaltais? anns 
gach nì dhearbh sibh sibh fèin 
bhi glan sa' chùis so, 

12 Uime sin ge do sgrìobh mi 
do 'ur n-ionnsuidh, cha b' ann 
air a shon-san a rinn an eucoir, 
no air a shon-san air an d'rinn- 
eadh an eucoir, ach a chum gu 
foillsichteadh dhuibh ar cùram- 
ne mu 'r timchioll-sa am fìanuis 
Dè, 

13 Uime sin f huair sinn comh- 
fhurtachd air son bhur comh- 
f hurtachd-sa : seadh, bu ro mhò 
a rinn sinn gàirdeachas, air son 
gàirdeachais Thituis, do bhrìgh 
gu 'n d' f huair a spiorad suaimh- 
neas uaibhse uile. 

14 Oir ma rinn mi bòsd^ sam 
bith ris-san asaibhse, cha'n 'eil 
nàire orm ; ach mar a labhair 

' atharrachadh inntìnn. 
^ an saoradh, an kith sgcul. 
3i9 



sinn na h-uile nithe am fìrinn 
ribhse, is amhuil sin a f huaradh 
fìrinneach ar bòsd asaibhse ri 
Titus. 

15 Agus a ta dùrachd a chridhe- 
san ni's pailte do 'ur taobh-sa, 
air dha bhi a' cuimhneachadh 
bhur n-ùmhlachd uile, mar a 
ghabh sibh ris le h-eagal agus 
ball-chrith. 

16 Uime sin tha gàirdeachas 
orm gu bheil dànachd agam 
asaibh anns gach ni. 

CAIB. VIII. 

1 Bhrosnuich Pòl na Corintianaich gu tional 
sei'ceil a dheanamh air son nan naomh 
bochda ann an lerusalem, le eisempleir nani 
3£acedonach, 7 /e moladh an dian-thogi aidh 
a hha aca fèìn roimh., 9 le eisempkir Chi ìosd, 
14 agus leis an tairhhe spioradail a thigeadh 
dhoibh fiin o'n tahhaHas sin. 16 Mhol e 
dhoihh deadh-thoil Thituis, agus nam 
brùithre eile. 

ANIS, a bhràithre, tha sinn 
a' toirt fios duibh air gràs 
Dè, a thugadh do eaglaisibh 
Mhacedonia : 

2 Eadhon gu'n robh, ann am 
mòr-dhearbhadh àmhghair, pail- 
teas an aoibhneis, agus doimhne 
am bochdainn, ro phailte chum 
saoibhreis am fialuidheachd^ 

3 Oir (tha mi toirt fianuis,) 
gu robh iad uatha fèin toileach a 
rèir an comais, seadh, thar an 
comas : 

4 A' guidhe oirnne gu dùrachd- 
ach, gu'n gabhamaid an tiodh- 
lac, agus comh-roinn an f hrith- 
ealaidh do na naomhaibh. 

5 Agus cha 'n ann mar a shaoil 
sinne^, ach thug siad iad fèin air 
tùs do'n Tighearn, agus 'na 
dhèigh sin dhuinne a rèir toil Dè: 

2 uaill, mor-dhuil. ^ an daonmxchda. 
' a bha dòchas againve. 



II. CORINTIANACH. VIII. 



G Aìr clior as gu 'n do chuir 
sinn impidh air Titus, a reir mar 
a thòisich e roimh, mar sin gu 'n 
crìochnaicheadh e annaibh-sa an 
gràs' sin fèin mar an ceudna. 

7 Uime sin mar a ta sibh pailte 
anns gach uile ni, ann an creid- 
imh, ann an ùr-labhradh, agus 
ann an eòlas, agus ann an uile 
dhichioll, agus ann bhur gràdh 
dhuinne, bithibh pailte anns a' 
ghràs so mar an ceudna. 

8 Cha'n 'eil mi a' labhairt^ 
so mar àithne, ach a thaobh 
dùrachd dhaoine eile, agus a 
dhearbhadh trèibhdhireas bhur 
gràidh-sa. 

9 Oir is aithne dhuibh gràs ar 
Tighearna losa Crìosd, ged bha 
e saoibhir, gidheadh gu 'n d' 
rinneadh bochd e air bhur sonsa, 
chum gu biodh sibhse saoibhir 
tre a bhochdainn-san. 

10 Agus anns ann ni so tha mi 
toirt mo chomhairle : oir a ta 
so tarbhach' dhuibhse, a thòisich 
roimh, cha 'n e mhàin air dèan- 
amh, ach air a bhi togarrach o 
cheann bliadhna. 

11 A nis air an aobhar sin 
coimh]ionaibh an gnìomh^ ; ionn- 
us mar a bha sihh ulhimh chum 
na toile, mar sin gu 'm hì sihh 
ullamh chum coimhlionaidh as na 
bheil agaibh. 

12 Oir ma bhios air tùs inn- 
tinn thoileach ann, gabhar ris a 
rèir mar a ta aig neach, agiis 
cha 'n ann a rèir nan nithe nach 
'eiì aige. 

13 Cha 'n ann chum gu 'm biodh 
socair aig daoine eile, agus 
àmhghar agaibli-sa. 

' tiodhlac, • Ni 'n labhram. 
350 



14 Ach a thaobh co-cheartais, 
chum san àm so nis gum hì bhur 
pailteas-sa 'na choinihleasachadh 
air an uireasbhuidh-san, agus 
mar an ceudna chum gu 'm bì am 
pailteas-san 'na choimhkasachadh 
air bhur n-uireasbhuidh-sa, air 
chor as gu 'm bì co-cheartas ead- 
araihh; 

15 A rèir mar a ta e sgrìobh- 
ta, An tì a thionail mòran, cha 
robh anabarr aige ; agus an tì a 
thionail beagàn, cha robh eas- 
bhuidh air. 

16 Ach buidheachas do Dhia, 
a chuir an cùram dùrachdach sin 
fèin do 'ur taobh-sa ann an 
cridhe Thituis. 

17 Oir gu deimhin ghabh e 
ris an impidh ; ach air dha bhi 
ni bu togarraiche, chaidh e d' a 
thoil fèin do 'ur n-ionnsuidh. 

18 Agus cliuir sinne maille ris 
am bràthair, aig am bheil a 
chliù san t-soisgeul, feadh nan 
eaglaisean uile : 

19 (Agus cha 'n e 50 a mhàin, 
ach thaghadh e leis na h-eaglais- 
ibh mar an ceudna mar chomp- 
anach turuis dhuinne, leis an 
tiodhlac so a fhrithealadh leinne 
chum glòire an Tighearna sin 
fèin, agas chum foillseachaidh 
bhur n-inntinn ullamh-sa.) 

20 A' seachnadh so, nach tug- 
adh neach air bith mì-chliu 
dhuinne thaobh a' phailteis so a 
f hrithealadh leinne : 

21 Air dhuinn bhi solarachadh 
nithe ciatach, cha 'n e mhàin am 
fianuis an Tighearn, ach mar an 
ceudna am fianuis dhaoine. 

22 Agus chuir sinn maille riu 

' iomchuhhaidh. *an dùanamh. 



11. CORINTIANACH, VIII. IX. 



ar bràthair, a dhearbh sinn gu 
minic dùrachdach am mòran do 
nithibh, ach a nis ni 's ro dhiìr- 
achdaiche, a thaobh an ro-earbsa 
ta aige^ asaibh-sa. 

23 Ma dlìfhiosraichear ni sam 
bith mu Thitus, is e mo chomp- 
anach-sa e, agus mo chomh-oib- 
riche do 'ur taobh-sa : no mii 
thimchioll nam bràithre, is iad 
teachdairean nan eaglaisean, ag- 
ns glòir Chrìosd. 

24 Uime sin nochdaibh dhoibh- 
san, agus am fianuis nan eaglais- 
ean, dearbhadh bhur gràidh-sa, 
agus ar n-uaill-ne do 'ur taobh. 

CAIB. IX. 

1 Dh'innis Pùl an reuson air son, ge do 
h'aithne dha mòr-thoc/radh nan Corintian- 
ach, an do chuir e Titus agus na bràithre 
roimh-làimh d' an ionnsuidh g' am hros- 
nuchadh gu dèirc a thoirt gupailte, do hhrìgh 
gur gnè shìol-chuir iad, 10 a bheir hàrr 
paiìte dhoibh fein, 13 agus aobhar ìobairt 
mòr-mholaidh do Dhia. 

OIR a thaobh frithealaidh 
do na naomhaibh, is heo- 
fheumail dhomh-sa sgrìobhadh 
do 'ur n-ionnsuidh, 

2 Oir is aithne dhomh togarr- 
achd bhur n-inntinn, as leth am 
bheil mi dèanamh'' uaill asaibh-sa 
ris na Macedonaich, ag ràdh, 
Gu robh Achaia ullamh o cheann 
bliadhna ; agus bhrosnviich bhur 
n-eud-sa ro-mhòran. 

3 Gidheadh chuir mi na 
bràithre do 'ur n-ionnsuidh, air 
eagal gu'm biodh ar n-uaill-ne 
asaibh dìomhain sa' chùis so ; 
chum, mar a thubhairt mi, gu 'm 
biodh sibh vdlamh : 

4 Air eagal ma thig na Ma- 
cedonaich maiUe rium, agus 

' agam. ' an dcanam. 
35i 



gu'm faigh iad sibhse neo-ull- 
amh, gu'm bi nàire oirnne, (gun 
a ràdh oirbhse,) à dànadas na h- 
uaill so. 

5 Uime sin bhreithnich mi 
gu'm b'fheumail impidh chur 
air na bràithribh, iad a dhol air 
tùs do 'ur n-ionnsuidh-sa, agus 
bhur tabhartas, air an do labh- 
radh ribh roimh, a dhèanamh 
deas, chum gu 'm biodh sin ull- 
amh, mar thiodhlac^, agus cha'n 
ann mar ni a dh'aindeoin. 

6 Ach so a ta mi ag ràdh, An 
tì a chuireas gu gann, buainidh 
e gu gann mar an ceudna ; 
agus an ti a chuireas gu pailte, 
buainidh e gu pailte mar an 
ceudna. 

7 Thngadh gach duine seachad 
a rèir rùin a chridhe ; na b' ann 
an doilgheas, no le h-èigin : oir 
is toigh le Dia an neach a bheir 
seachad gu suilbhir. 

8 Agus is comasach Dia air 
gach gràs a dlièanamh ro phailte 
dhuibhse, chum air dhuibh anns 
gach uile ni làn leoir a bhi ag- 
aibh a ghnàth, gu 'm biodh sibh 
pailte chum gach deadh oibre. 

9 (A rèir mar a ta e sgrlobhta, 
Sgaoil e a chuid; thug e do na 
bochdaibh : mairidh 'fhìrean- 
tachd a chaoidh. 

10 A nis an tì a bheir sìol 
do 'n f hear-cuir', agus aran chum 
bìdh, gu tugadh e agus gu meud- 
aicheadh e bhur curachd-sa, as- 
us gu tugadh e do thoradh bhur 
f ireantachd fàs.) 

11 Air dhuibh bhi air bhur 
dèanamh saoibhir anns gach uile 
ni chum gach uile thabhartais, 

ghean-ntaiih. * do 'n t-sìoladair. 



II. CORINTIANACH, IX. X. 



ni a dh' oibricheas leinne breith- 
buidheachais do Dhia. 

12 Oir a ta frithealadh na 
seirbhis so, cha 'n e mhàin a' 
leasachadh uireasbhuidh nan 
naomh, ach a ta e mar an ceudna 
pailte tre mhòran breth-buidh- 
eachais do Dhia ; 

13 (Air dhoibh bhi tre dhearbh- 
adh an f hrithealaidh so a' toirt 
glòire do Dhia air son bhur n- 
ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd 
a rèir bhur n-aidmheil, agus air 
son bhur tabhartais fhiakiidh' 
dhoibh-san, agus do na h-uile, 
dhaoinihh :) 

14 Agus tre an ùrnuigh air 
bhur son-sa, aig am bheil mòr- 
dhèidh oirbh air son gràis Dè a 
ta ro phailte annaibh. 

15 Buidheachas do Dhia air 
son a thiodhlaic do-labhairt.^ 

CAIB. X. 

1 An aghaìdh nan àbstol b^'èige, a bha dèan- 
amh tàir air anmhuinneachd a phearsa 
ugus air a làthair chorporra, chuir Pòl an 
ceillan neart agus an t- ùghdarras spioradail 
sin leis an d' armaicheadh e an aghaìdh 
cumhachdan a naimhdean uile ; 7 thug c 
cìnnte dhoibh, air dha teachd, gu 'm faigh- 
eadh iad e cò chumhachdach ann amfocal 
agus a ta e nis ann an sgrìobhadh, agus e 
as an Idthair, S)C. 

ANIS tha mise fèin Pòl a' 
guidhe oirbh, tre mhacan- 
tas agus shèimheachd Chrìosd, 
neach air dhomh a bhi làthair a 
taìosal 'nur measg,ach air dhomh 
a bhi uaibh a ta dàna oirbh : 

2 Ach tha mi ag iarraidh oirbh 
a dK athchuinge, gu 'n sihh a thoirt 
orm, an uair a bhios mi làthair, 
bhi dàna, leis a' mhuinghin^ leis 

' dhaonnachdaich. 2 do-chur an cèill. 

' mhisnich, urrasachd. 
352 



an saoilear mi bhi dàna an agh- 
aidh dream àraidh a tha toirt 
meas oirnne, mar gu bitheamaid 
ag imeachd a rèir na feòla. 

3 Oir ged tha sinn ag imeachd* 
anns an fheoil, cha'n ann a rèir 
na feòla ta sinn a' cogadh : 

4 (Oir ar n-airm chogaidh cha 'n 
f heòhnhor iad, ach cumhachdach 
o Dhia chum daingnichean a 
leagadh :) 

5 A' tilgeadh sios reusonach- 
aidh, agus gach ni àrd a dh'àrd- 
aicheas e fèin an aghaidh eòlais 
Dè, agus a' toirt am braighdeanas 
gach smuain chum ùmhlachd 
Chrìosd : 

6 Agus dìoghaltas ullamh againn 
r'a dhèanamh air gach uile eas- 
ùmhlachd, 'nuair a choimhlionar 
bhur n-ùmhlachdsa. 

7 An amhairc sibh air nithibh 
a rèir an coslais ? ma tha dòchas^ 
aig aon neach as fèin, gur le 
Crìosd e, smuainicheadh e so a 
ris uaith fèin, mar is le Criosd 
e-san, gur le Crìosd sinne mar 
an ceudna. 

8 Oir ged dhèanainn càileigin 
ni 's mò dh 'uaill as ar cumhachd- 
ne, (a thug an Tighearna dhuinn 
chum fòghluim agus cha 'n ann 
chum bhur sgrios-sa,) cha bhiodh 
nàire orm : 

9 Chum nach measar mi mar 
gu 'm bithinn a' cur eagail oirbh 
le litrichibh. 

10 Oir a ta a litrichean, (tha 
iadsan ag ràdh,) cudthromach 
agus làidir, ach a ta a làthair- 
eachd chorporra anmhunn^, agus 
a chainnt tàireil. 

* gluasad siubhal. ' earbsa. 

* togail suas. ' lag. 



II. CORINTIANACH, X. XI. 



11 Smuainicheadli a leitliid sin 
do dhu'ne so, mar a ta sinne ann 
am foeal tre litrichibh, agus sinn 
as làtliair, mar sin gu 'm bì sinn 
ann an gnìomh air dhuinn a bhi 
làthair. 

12 Oir cha 'n 'eil a dhànadas' 
againne sinn fèin a chur an àir- 
eamh, no a choimeas ri dream 
àraidh a mholas iad fèin : ach 
air dhoibh-san bhi 'gan tomhas 
fèin eatorra fèin, agus 'gan coi- 
meas fèin riu fèin, cha 'n 'eil iad 

13 Ach cha dèan sinne uaill à 
nithibh a tha thar ar tomhas, ach 
a rèir tomhais na riaghailt" a 
roinn Dia dhuinne, eadhon tomh- 
as a ruigeas oirbhse. 

14 Oir cha 'n 'eil sinne 'gar 
sìneadh fèin thar ar tomhas, mar 
nach ruigeamaid sibhse ; oir 
thàinig sinn eadhon do 'ur n- 
ionnsuidh-sa^,le soisgeul Chrìosd: 

15 Gun sinn a bhi dèanamh 
uaiU à nithibh a ta thar ar tomh- 
as, eadhon à saothairibh dhaoine 
eile ; ach a ta dòchas againn, 
'nuair a mheudaichear bhur 
creidimh-sa, gu 'm faigh sinn 
farsuinneachd gu pailte annaibh 
a rèir ar riaghailt-ne, 

16 Chum an soisgeul a shear- 
monachadh anns na h-ionadaibh 
an taobh thall duibhse, agus cha 
'n ann chum uaill a' dlièanamh 
ann an riaghailt duine eile, à 
nithibh a ta uUamh a cheana, 

17 Ach an tì a nì uaill, dèan- 
adh e uaill anns an Tighearn. 

18 Oir cha 'n e an t\ a mholas 
e fèin à tha ionmholta*, ach an 
ti a mholas an Tighearn. 

£ mhisnich, ' ria^hail. 

353 



CAIB. XI. 

1 Tre ro-mheud cùraim Phòil do na Corin- 
tianaich, thòisich e dh'aindeoin ri e fcin a 
ìnholadh ; 5 dh'innis e nuch rohh e a hheag 
goirid air na h-abstoil bu mhò, 7 gu'n do 
shearmonaich e un soisgeul dhoibh gu saor ; 
13 agus nochd e nach rohh e a bheag a 
dheidh-làinih air an luchd-oihre chealgach 
sin, thaobh aon sochair a bhuineadh do'n 
lagh, iSfc. 

BTHEARR leam gu 'n giùl- 
aineadh sibh beagan le m' 
amaideachd ; agus da rìreadh 
giùlainibh leam. 

2 Oir a ta mi eudmhor umaibh 
le h-eud diadhaidh ; oir rinn mi 
ceangal-pòsaidh eadar sibh agus 
aon fhear, chum bhur cur mar 
òigh fhìor-ghloin an làthair 
Chrìosd. 

3 Ach a ta eagal orm, air dòigh 
sam bith, mar a mheall an nath- 
air Eubha le a cuilbheartachd, 
mar sin gu 'n truaillear bhur n- 
inntinn-sa o 'n aon-f hillteachd a 
ta ann an Crìosd. 

4 Oir nan dèanadh an neach a 
thig, losa eile a shearmonach- 
adh nach do shearmonaich sinne, 
no nam faigheadh sibhse spiorad 
eile, nach d'fhuair sibh, no sois- 
geul eile ris nach do ghabh sibh, 
dh'f heudadh sibh gu maith giùl- 
an leis. 

5 Oir is i mo bharail-sa nach 
robh mi a bheag goirid air na 
h-abstolaibh a b' àirde. 

6 Ach ged tha mi neo-fhògh- 
luimte ann an cainnt, gidheadh 
cha 'n 'eil mi mar sin ann an 
eòlas ; ach rinneadh sinn làn- 
f hollaiseach anns na h-uile nith- 
ibh 'nur measg-sa. 

7 An d'rinn mi cionta le mi 

^ thugaìhh-sa. * dearbhta. 



11. CORINTIANACH, XI. 



fèin ìsleacliadh chum gu 'm biodh 
sibhse air bhur n-àrdachadh, no 
a chionn gu 'n do shearmonaich 
mi soisgeul Dè a nasgaidh 
dhuibh ? 

8 Chreach mi eaglaisean eile, 
a' gabhail tuarasdail uatha, chum 
seirbhis a dhèanamh dhuibhse. 

9 Agus an uair a bha mi làth- 
air maille ribhse agus uireas- 
bhuidh orm, cha do leig mi mo 
throm air duine sam bith : oir 
leasaich na bràithrean, a thàinig 
o Mhacedonia m' uireasbhuidh : 
Agus anns na h-uile nithibh 
choimhid mi mi fèin o m' throm 
a leigeadh oirbhse, agus coimh- 
ididh. 

10 Mar a ta fìrinn Chrìosd 
annam, cha chumar an uaill so 
uam ann an crìochaibh na h- 
Achaia. 

11 C'ar son ? An ann a chionn 
nach 'eil gràdh agam dhuibh? 
Tha fìos aig Dia. 

12 Ach an ni a ta mi dèanamh, 
ni mi fathast e, chum gu toir' 
mi air falbh cion-fàth*^ uathasan 
le 'm bu mhiann cion-fàth f haot- 
ainn, chum anns an ni as am 
bheil iad a' dèanamh uaill, gu 
faighear iad eadhon mar sinne. 

13 Oir is ann d' an leithidibh 
sin a ta abstola brèige, hichd- 
oibre cealgach, 'gan cur fèin ann 
an cosamhlachd abstola Chrìosd. 

14 Agus cha 'n iongantach sin : 
oir cuirear Sàtan fèin an cruth^ 
aingil soillse. 

15 Uime sin cha ni mòr e ged 
chuirear a mhinisteirean mar an 
ceudna ann an cruth mhinisteir- 
ean na f ìreantachd ; aig am bì 

' geàrr. ' cothrom, ^ riochd. 
351 



an crìoch dheireannach a rèir an 
oibre. 

16 A ta mi ag ràdh a rìs, Na 
measadh aon neach gur amadan 
mi ; no fòs, gabhaibh rium mar 
amadan fèin, chum gu 'n dèan 
mi beagan uaiU asam fèin, 

17 An ni a ta mi a' labhairt, 
cha 'n ann a rèir an Tighearna a 
ta mi 'ga labhairt, ach mar gu 
b'ann gu h-amaideach anns an 
dànadas uaille so. 

18 Do bhrìgh gu bheil mòran 
a' dèanamh uaill a rèir na feòla, 
nì mise uaiU mar an ceudna. 

19 Oir giùlainidh sibh gu toil- 
each le amadanaibh, do bhrìgh 
gu bheil sibh fèin glic. 

20 Oir fuilgidh sibh ma bheir 
neach an daorsa sibh, ma dh' ith- 
eas^ neach sibh, ma bheir neach 
bhur cuid dhihh, ma dh'àrdaich- 
eas neach e fèin, ma bhuaileas 
neach air an aghaidh sibh. 

21 Tha mi a' labhairt a thaobh 
eas-urraim, mar gu 'm bitheam- 
aid anmhunn : ach, ge b' e ni 
anns am bheil neach air bith 
dàna, (tha mi a' labhairt gu h- 
amaideach,) a ta mise dàna ann 
mar an ceudna. 

22 An Eabhruidhich iad ? mar 
sin tha mise mar an ceudna : An 
Israelich iad ? mar sin tha mise 
mar an ceudna : An sliochd do 
Abraham iad ? mar sin tha mise 
mar an ceudna : 

23 Am ministeirean do Chrìosd 
iad ? (tha mi a' labhairt mar 
dhuine mi-chèillidli,) a ta mise 
os an ceann san ni so : ann an 
saothairibh ni's pailte, ann am 
buillibh ni 's ro mhò am prìosan- 

^ chlaoidheas. ' thar tomkas. 



II. CORINTIANACH. XI. XII. 



aibh ni's trice, am bàsaibh gu 
minic. 

24 Fhuair mi o na h-Iùdhaich 
cùig uairean dà fhichead huille 
ach a h-aon. 

25 Ghabhadh le slataibh orm 
trì uairean, chlachadh mi aon 
uair, dh'f huiling mi long-bhris- 
eadh trì uairean ; là agus oidhche 
bha mi san doimhne : 

26 Ann an turusaibh gu minic, 
ann an gàbhadh aimhnichean, 
ann an cunnartaibh f hear-reub- 
ainn, ann an cunnartaibh o nì 
chinneach fèin, ann an cunnart- 
aibh o na Cinnich, ann an cunn- 
artaibh sa' bhaile, ann an cunn- 
artaibh san fhàsach, ann an 
cunnartaibh san fhairge, ann an 
cunnartaibh am measg bhràithre 
breugach^ ; 

27 Ann an saothair agus sgìos 
am fairibh gu minic, ann an 
ocras agus tart, an trasgaibh gu 
minic, am fuachd agus an lom- 
nochduidh. 

28 A bhàrr air na nithibh a ta 
an leth muigh, an ni a ta teachd 
orm gu lathail, ro-chùram nan 
eaglaisean uile. 

29 Cò a ta lag, agus nach 'eil 
mise lag? cò a ta faotainn oil- 
bheim, agus nach 'eil mise a' 
losgadh ? 

30 Ma's èigin domh uaill a 
dhèanamh, is ann as na nithibh 
a bhuineas do m' anmhuinneachd 
a m mi uaill. 

.31 Tha fìos aig Dia, eadhon 
Athair ar Tighearna losa Crìosd, 
a tha beannaichte gu sìorruidh, 
nach 'eil mi dèanamh brèige. 

'Jallsa, mmlltach, 
' sgìos agus briseadh-cridhe. 
355 



32 Ann an Damascus chuir 
uachdaran a phohuill, fuidh Ar- 
etas an rìgh, freiceadan air baile 
nan Damasceneach, an rùn mise 
a ghlacadh : 

33 Ach tre uinneig leigeadh 
sios ris a' bhalla mi ann an 
cliabh, agus chaidh mi as a làmh- 
aibh. 

CAIB. XII. 

1 Chum abstolachd a mholadh ged fheudadh 
P'ol uaill a dhanamh as a thaisbeinibh ion- 
gantach, 9 gidheadh is feàrr leis uaìll a 
dhèanamh as anmhuinneachd ; 11 fhuair 
e cron doibh a chionn gu 'n d'èignich iad e 
chum na h-uaiUe dìomhain so: 14 gheall e 
teachd a rìs d' an ionnsuidh, 15 ach gu tur 
le aignibh athaireil. 

GU deimhin cha 'n 'eil e iom- 
chuidh dhomhsa uaill a 
dhèanamh : ach thig mi chum 
seallanna agus taisbeana an 
Tighearna. 

2 B' aithne dhomh duine ann 
an Crìosd ceithir bliadhna deug 
roimh so, (ma 's anns a' choluinn, 
cha 'n f hios domh ; no as a' 
choluinn, cha 'n f hios domh ; aig 
Dia a ta fios ;) a leithid sin do 
dhuine thogadh chum an treas 
nèamh. 

3 Agus b' aithne dhomh a 
leithid sin do dhuine, (ma 's anns 
a' choluinn, no as a' choluinn, 
cha 'n f hios domh : aig Dia a ta 
fios ;) 

4 Gu 'n do thogadh suas e gu 
pàrras, agus gu 'n cual e briathra 
do-labhairt, nach feud duine a 
labhairt^. 

5 M' a leithid sin do dhuine ni 
mi uaill : acli asam fèin cha dèan 
mi uaill, mur dèan mi à m' an- 
mhuinneachdaibh*. 

' nach urrainn duine a ìabhairt. 
* laigsibh. 

2 A 2 



II. CORINTIANACH. XII. 



6 Oir ged b'àiU leam uaill a 
dhèanamh, cha bhi mi a' m' 
amadan ; oir labhraidh mi an 
f hìrinn : gidheadh a ta mi a' 
cumail orm fèin, air eagal gu 'm 
bì meas aig duine dhiom thar 
mar a ta e 'gam fhaicinn, no a' 
cluinntinn umam. 

7 Agus air eagal gu 'm bithinn 
air m'àrdachadh thar tomhas, 
tre ro-mheud nan taisbean, thug- 
adh dhomh sgolb san fheoil, 
teachdair Shàtain chum gu'm 
buaileadh e mi', air eagal gu 'm 
bithinn air m' àrdachadh thar 
tomhas. 

8 Air a shon so ghuidh mi an 
Tighearn trì uairean, gu 'n im- 
icheadh so uam. 

9 Agus thubhairt e rium, Is 
leoir mo ghràs-sa dhuit: oir a 
ta mo chumhachd air a dhèan- 
amh foirfe ann an anmhuinn- 
eachd. Uime sin is ro thoiliche 
a nì mi uaill à m' anmhuinn- 
eachdaibh, chum gu 'n gabh 
cumhachd Chrìosd còmhnuidh 
orm. 

10 Uime sin tha mi gabhail 
tlachd ann an anmhuinneachd- 
aibh, am maslaibh, ann an uir- 
easbhuidhibh, ann an geur-lean- 
mhuinnibh, ann an teanntachd- 
aibh*^ air son Chrìosd : oir an uair 
a ta mi lag, an sin a ta mi làidir. 

11 Rinneadh a' m' amadan mi 
le uaill a dhèanamh ; dh' èignich 
sibhse mi : oir bu chòir dhomh 
bhi air mo mholadh leibhse : oir 
cha robh mi bheag sam bith fo 
na h-abstolaibh a's àirde, ged 
nach 'eil annam ach neo-ni. 

' chum gahhail le dornaibh orm. 
^ trioblaidibh, aindeisibh. 
356 



12 Gu deimhin dh'oibricheadh 
comharan abstoil ann bhur 
measg-sa anns gach uile fhoigh- 
idin, ann an comharaibh agus 
an iongantasaibh, agus an cumh- 
achdaibh'. 

13 Oir ciod an ni anns an 
robh sibh ni bu higha na eaglais- 
ean eile, mur e nach do leig mi 
fèin mo throm oirbh ? thugaibh 
maitheanas dhomh san eucoir so. 

14 Feuch, a ta mi uUamh a 
nis an treas uair gu teachd do 
'ur n-ionnsuidh ; agus cha chuir 
mi mo throm oirbh ; oir cha 'n e 
bhur cuid a tha mi 'g iarraidh, 
ach sibh fèin : oir cha 'n 'eil e 
mar fhiachaibh air a' chloinn 
ionmhas a chruinneachadh fa 
chomhair nam pàrantan, ach air 
na pàrantaibh fa comhair na 
cloinne. 

15 Agus is ro thogarrach a nì 
mise caitheadh agus a chaithear 
mi air son bhur n-anama-sa, ged 
mar is ro phailte a ta gràdh 
agam dhuibh, gur lugha bhur 
gràdh-sa dhomh. 

16 Ach biodh e mar sin, nach 
do chuir mi trom oirbh : gidh- 
eadh air dhomh bhi innleachd- 
ach, ghlac mi le seòltachd sibh. 

17 An d' rinn mise tre aon 
neach dhiubh-san a chuir mi 
do 'ur n-ionnsuidh buannachd 
dhibh? 

18 Ghuidh mi air Titus dol do 
'ur n-ionnsuidh, agus chuir mi 
bràthair maille ris : an d' rinn 
Titus buannachd dhibh ? nach 
do ghluais sinn san aon spiorad ? 
agus anns na h-aon cheumaibh ? 

19 A rìs, am bheil sibh a' 

^ (/niomharaibh cumhachdack. 



II. CORINTIANACH, XII. XIII. 



saoiìsinn gu bheil sinne gabhail 
ar leithsgeil ribh? tha sinn a' 
labhairt am fianuis Dè ann an 
Criosd : ach a ta an t-iomlan, a 
chàirde, chum bhur fòghluim-sa'. 

20 Oir is eagal leam, air 
dhomh teachd, nach faigh mi 
sibh mar is miann leam, agus gu 
faighear mise dhuibhse mar nach 
bu mhiann leibh : air eagal gu 'm 
bì connsachadh, farmad, fearg, 
comh-stri, cùl-chàineadh, cogars- 
aich, àrdain^, ceannairce 'nur 
measg : 

21 Air eagal an uair a thig 
mi a rìs, gu 'n ìslich mo Dhia mi 
'nur measg, agus gu dèan mi 
caoidh air son mòrain do 'n 
dream a pheacaich a cheana, 
agus nach do ghabh aithreachas 
do 'n neò-ghloine, agus strìop- 
achas, agus mhacnus a rinn iad. 

CAIB. XIII. 

1 Bhagair Pòl cumliachd 'ahstolachd an agh- 
aidh pheacach cruaidh-mhuinealach : 5 agiis 
chomhairlich e dhoihh an creidimh a dhearbh- 
adh, 7 agus am heatha a leasachadh mu'n 
tìg e : 11 chomh-dhùin e an litir le earail 
choitchionn agus le h-ùrnuigh. 

IS i so an treas uair a ta mi a' 
teachd do ur n-ionnsuidh : 
am beul dithis no triuir do 
fhianuisibh bithidh gach focal 
seasmhach. 

2 Dh'innis mi cheana, agus 
tha mi roimh-làimh ag innseadh 
dhuibh, mar gum bithinn a 
làthair an dara uair ; agus a nis 
air dhomh bhi as bhur làthair, 
tha mi a' sgrìobhadh chum na 
dream a pheacaich roimh so, 
agus chum chàich uile, ma thig 
mi a rìs, nach caomhain mi : 

' hhur togail suas. 
^ àrd inntinneachd, atmlìoireachd. 
:<57 



3 O tha sibh ag iarraidh 
dearbhaidh air Crìosd a' labh- 
airt annam-sa, neach do 'ur 
taobh-sa nach 'eil anmhunn, ach 
a ta cumhachdach annaibh. 

4 Oir ge do chèusadh e tre 
anmhuinneachd, gidheadh a ta 
e beò tre chumhachd Dhè : oir 
a ta sinne mar an ceudna an- 
mhunn ann-san, gidheadh bith- 
idh sinn beò maille ris tre chumh- 
achd Dhè do 'ur taobh-sa. 

5 Ceasnaichibh sibh fèin, am 
bheil sibh sa' chreidimh ; dearbh- 
aibh sibli fèin : nach aithne 
dhuibh sibh fèin, gu bheil losa 
Crìosd annaibh, mur daoine a 
chuireadh air cul ' sibh ? 

6 Ach tha dòchas agam gu 'in 
bì fhios agaibh nach daoine a 
chuireadh air cùl sinne. 

7 A nìs tha mi guidhe air Dia 
gu'n sibhse a dhèanamh uilc air 
bith ; cha 'n ann chum gu 'm 
faicear sinne bhi dearbhta, ach 
chum gu 'n dèanadh sibhse an ni 
sin a ta maith^, ged robh sinne 
mar dhaoine a chuireadh air cùl. 

8 Oir cha 'n urrainn sinn ni air 
bith a dhèanamh an aghaidh na 
fìrinn, ach air son na fìrinn. 

9 Oir tha sinn subhach an uair 
a tha sinn fèin anmhunn, agus 
sibhse làidir: agus tha sinn a' 
guidhe so mar an ceudna, sibhse 
bhi diongmhalta. 

10 Is ann uime so a sgrìobh mi 
na nithe so do 'nr n-ionnsuidh air 
dhomh bhi as bhur làthair, chum 
air dhomh bhi làthair nach bith- 
inn garg, a rèir a' chumhachd a 
thug an Tighearna dhomh chum 

^ daoine neo-dhearbhta, 
* ciatach. 



II. CORINTIANACH, XIIl. 



fòghlmm^, agus cha'n ann chum 
sgrios. 

11 Fa dheoidh, a bhràithre, 
slàn leibh : bithibh diongmhalta'^, 
bithibh subhach, bithibh a dh'aon 
inntinn, bithibh sìochail ; agus 
bithidh Dia a' ghràidh agus na 
sithe ' maille ribh. 
12 Cuiribh fàilte air a chèile* 

' togail suas. ^ foir/e, iomlan. 



le pòig naoimh. 

13 Tha na naoimh uile a' cur 
beannachd do 'ur n-ionnsuidh. 

14 Gràs an Tighearna losa 
Crìosd, agus gràdh Dhè, agus 
comh-chomunn an Spioraid 
Naoimh,^M robh maiUe ribhuile, 
Amen. 



^ sìothchaint. * Altaichibh beatha a chèile. 



LTTIR AN ABSTOIL PHOIL 
CHUM NAN GALATIANACH. 



CAIB. L 

1 Tha iongantas air Pòl gu 'n do thrèìg na 
Galatianaich e-san agus an soisgeul co 
luath : 8 agus mhalluich e an dream sin a 
shearmonaicheas aon soisgeul eile ach na 
shearmonaich e fein ; 11 dhfhòghluim e 'n 
soisgeul cha b' ann o dhaoinibh, ach o Dhia, 
13 agus nochd e ciod a ghnè duine bha ann 
mu'n do ghairmeadh e. 

POL abstol, (cha 'n ann o 
dhaoinibh, no tre dhuine, 
ach tre losa Criosd, agus tre 
Dhia an t-Athair, a thog suas e 
o na marbhaibh,) 

2 Agus na bràithrean uile a 
tha maille rium, chum eaglais- 
ean Ghalatia : 

3 Gràs duibh, agus sìth o Dhia 
an t-Athair, agus o ar Tighearn 
losa Crìosd, 

4 A thug e fèin air son ar 
peacanna, chum gu 'n saoradh e 
sinn o 'n droch shaoghal a ta 
làthair, a rèir toile Dè agus ar 
n-Athar-ne : 

5 Dhasan ffu ròbh glòir gu 
saoghal nan saoghal. Amen. 

6 Is iongnadh leam gu 'n d' 

' gu 'n d' thugadk thairi^. 
* chum, 
358 



atharraicheadh ' sibh co luath 
uaith-san a ghairm sibh tre ^ 
ghràs Chriosd, gu soisgeul eile : 

7 Ni nach soisgeul eile ; ach a 
ta dream àraidh 'gur buaireadh, 
le 'n àill soisgeul Chrìosd a thilg- 
eadh bun os ceann'. 

8 Ach nan dèanamaid-ne, no 
aingeal o nèamh, soisgeul eile a 
shearmonachadh dhuibh, ach an 
soisgeul a shearmonaich sinne 
dhuibh, biodh e malluichte. 

9 Amhuil mar a thubhairt sinn 
roimh, a ta mise ag ràdh a nis a 
rìs mar an ceudna, Ma shearmon- 
aicheas neach sam bith soisgeul 
eile dhuibh, ach an soisgeul a 
ghabh sibh, biodh e malluichte. 

10 Oir am bheil mi nis a' cur 
impidh air daoinibh, no air* Dia? 
no am bheil mi 'g iarraidh daoine 
a thoileachadh ? oir nam bithinn 
fathast a' toileachadh dhaoine, 
cha bhithinn a' m' sheirbhiseach 
aig Crìosd. 

1 1 Ach a ta mi toirt fios duibh, 
a bhràithre, a n soisgeul a shear- 

^fhiaradh, chlaon-thruailleadh. 
* a' cur m' earbsa d. 



GALATIANACH, I. II. 



monaicheadh leam-sa, nach ann 
a rèir duine a ta e. 

12 Oir cha b' ann o dhuine a 
fhuair mi e, ni mò a theagaisg- 
eadh dhomh e, ach tre fhoill- 
seachadh losa Crìosd. 

13 Oir chuala sibh mo chaithe- 
beatha-sa' san aimsir a chaidh 
seachad, ann an creidimh nan 
lùdhach, gu 'n d' rinn mi thar 
tomhas geur-leanmhuinn air 
eaglais Dè, agus gu 'n d' f hàsaich 
mi i : 

14 Agus gu 'n d' thàinig mi air 
m' aghaidh ann an creidimh nan 
lùdhach thar mòran do m' 
chomh-aoisibh am measg mo 
chinnich fèin, air dliomh bhi ni 
bu ro eudmhoire mu ghnàthann- 
aibh mo shinnsireachd. 

15 Ach an uair a b' i deadh 
thoil Dè, a sgar o bhroinn mo 
mhàthar mi, agus a ghairm mi 
tre a ghràs, 

16 A Mhac fèin fhoillseachadh 
annam^, chum gu searmonaich- 
inn e am measg nan Cinneach ; 
air ball cha do chuir mi comh- 
airle ri feoil agus fuil : 

17 Ni mò chaidh mi suas gu 
lerusalem, chum na muinntir sin 
a bha 'nan abstolaibh romham ; 
ach chaidh mi gu Arabia, agus 
a rìs thàinig mi air m' ais gu 
Damascus. 

18 An dèigh sin an ceann thri 
bliadhna, chaidh mi suas gu 
lerusalem, a dh'fhaicinn Phead- 
air, agus dh'fhan mi maiUe ris 
cùig làithean deug. 

19 Ach neach air bith eile do na 
h-abstolaibh cha 'n f haca mi, ach 
Seumas bràthair an Tighearna. 

' tno ghiùlan, * leam. 

359 



20 A nis anns na nithibh a ta 
mi a' sgrìobhadh dhuibh, feuch, 
an làthair Dhè, cha 'n 'eil mi 
dèanamh brèige. 

21 'Na dhèigh sin thàinig mi 
gu crìochaibh Shiria agus Chili- 
cia ; 

21 Agus cha robh eòlas orm a 
thaobh m' f haicinn aig eaglaisibh 
ludea, a bha ann an Crìosd. 

23 Ach a mhàin chual iad, An 
tì anns an àm a chaidh seachad 
a bha 'gar geur-leanmhuinn, gu 
bheil e nis a' searmonachadh a' 
chreidimh a bha e a' sgrios roimh 
so^ : 

24 Agus thug iad glòir do Dhia 
air mo shon-sa. 

CAIB. II. 

1 Chuir an t-ahstolun ccill c' nin' a chaidh e suas 
gu Zerusakm, agus c' ar son nach do thim- 
ehioll-yhearradh Titns. 11 Chuir e'n agh- 
aidh Pheadair, agus dh'innis e dha a reuson, 
14 e' ar son a ta e fèin, agus muinntir eile, 
a tha 'nan Iiìdhaich, a' creidsinn gu 'm bì 
iad air am fìreanachadh tre chreidimh ann 
an Crìosd, agus cha 'n ann tre oibribh. 
20 Cha chaith an dreani a ta air am firean- 
achadh tre chreidimh am heatha ann am 
peacadh. 

AN sin an ceann cheithir 
bliadhna deug chaidh mi 
a ris suas gu lerusalem, maille 
ri Barnabas,^ a' toirt Thituis leam 
mar an ceudna.. 

2 Agus chaidb mi suas a rèir 
foillseachaidh, agus chuir mi an 
cèill dhoibh an soisgeul a ta mi 
a' searmonachadh am measg nan 
Cinneach, ach ann an uaignidh- 
eas dhoibh-san d' an robh meas, 
air eagal air chor sam bith gu 'n 
ruithinn, no gu 'n do ruith mi an 
diomhanas. 

3 Ach cha b' èigin do Thitus 

uair-eigin. 



GALATIANACH. II. 



fèin a bha a' m' chmdeachd, bhi 
air a thimchioll-ghearradh. ged 
bu Ghreugach e : 

4 Agus sin air son bhràithre 
brèige, a ghoid a steach' 'nar 
measg, a thàinig a steach an 
uaignidheas^ a dh'fhaicinn ar 
saorsa, a ta againn ann an losa 
Crìosd, chum ar toirt fo dhaorsa. 

5 Do nach do ghèill sinn eadh- 
on rè uaire ; chum gu 'm buan- 
aicheadh^ fìrinn an t-soisgeil 
maille ribhse. 

6 Ach o 'n dream sin, a mheas- 
adh gu 'm bu ni èigin iad, (ciod 
air bith a bh,a iad roimh, cha 'n 
'eil suim ann domh-sa : cha 'n 
'eil meas aig Dia do phearsa 
duine,) oir jadsan a mheasadh 
gu 'm ì)u ni fiigin iad, cha do 
phàirtich iad le 'n còmhradh 
Mheag sam bith rium-sa. 

7 , Ach air an làimh eile, 'nuair a 
clwjnnaic iadgu'n d'earbadh sois- 
geul an neo-thimchioll-ghearr- 
aidh rium-sa, mar a dh'earbadh 
soisgeul an timchioll-ghearraidh 
ri Peadar ; 

8 (Oir an Tì a dh'oibrich gu h- 
èifeachdach* ann am Peadar 
chum abstolachd an timchioll- 
ghearraidh, dh'oibrich e gu cumh- 
achdach annam-sa mar an eeud- 
na chum nan Cinneach :) 

9 Agus an uair a thuig Seumas, 
agus Cephas, agus Eoin, a tha 
air am meas 'nam puist^, an gràs 
a thugadh dhomh, thug iad 
dhomh-sa agus do Bharnabas 
deas làmh a' chomuinn; ionnus 
ffu raehamaid chnm nan Cinneach, 
agus iad fèin chum an timchioll- 

' o thugadh steach os ìosal. os ìosal, 
^fanadh. ^ gu hrìoghmhor. 

360 



ghearraidh. 

10 A mhàin V àill leo gu 'm 
bitheamaid cuimhneachail air na 
bochdaibh ; ni mar an ceudna a 
bha ro-thoil^ agam fèin a dhèan- 
amh. 

1 1 Ach an uair a thàinig Pead- 
ar gu Antioch, sheas mi 'na agh- 
aidh as an eudann, a chionn gu 'n 
robh e r' a choireachadh. 

12 Oir roimh do dhream àraidh 
teachd o Sheumas, dii'ith e biadli 
maille ris na Cinnich: ach an 
uair a thàinig iadsan, chaidh e a 
thaobh agus thearbaidh se e fèin, 
air eagal na muinntir a bha do 
'n timchioll-ghearradh, 

13 Agus rinn na h-Iùdhaich 
eile gnùis-mhealladh maille ris 
mar an ceudna ; ionnus gu 'n d' 
thugadh Barnabas mar an ceud- 
na a thaobh le 'n cluain^ 

14 Ach an uair a chunnaic mise 
nach do ghluais iad gu trèibh- 
dhireach**, a rèir fìrinn an t-sois- 
geil, thubhairt mi ri Peadar 'nam 
fianuis uile, Ma tha thusa, a tha 
a' d' lùdhach, a' caitheadh do 
bheatha a rèir nan Cinneach, 
agus cha 'n ann a rèir nan lùdh- 
ach, c' ar son a ta thu 'g èigneach- 
adh nan Cinneach am beatha 
chaitheadh mar na h-Iùdhaich ? 

15 Air dhuinne a tha 'nar n- 
lùdhaich a thaobh nàduir, agus 
cha 'n ann 'nar peacaieh do na 
Cinnich, 

16 Fios a bhi againn nach 'eil 
duine air fhìreanachadh o oib- 
ribh an lagha, ach tre chreidimli 
losa Crìosd, chreid sinne fèiii 
ann an losa Crìosd ; chum gu 'm 

' postaibh. ^ ro-thogrudh. 

' gnùìs-mhealladh, ceilg. ^ san t-slighe dhìrich. 



GALATIANACH, II. III. 



bitheamaid air ar fìreanacliadli o 
chreidimli Chrlosd, agiis cha 'n 
ann o oibribh an lagha : oir o 
oibribh an lagha, cha bhi feoil 
sam bith air a fìreanachadh. 

17 Ach air dhuinn bhi 'g iarr- 
aidli bhi air ar f ireanachadh tre 
Chrìosd, ma gheibhear 'nar peac- 
aich sinn fèin, am bheil, uime sin, 
Crìosd 'na mhinisteir peacaidh ? 
Nar leigeadh Dia. 

18 Oir ma thogas mi a ris suas 
na nithe a leag mi, tha mi dèan- 
amh ciontach dhìom fèin. 

19 Oir a ta mise tre 'n lagh 
marbh do 'n lagh, chum gu 'm 
bithinn beò do Dhia. 

20 Tha mi air mo chèusadh 
maille ri Crjosd : gidheadh a ta 
mi beò ; ach cha mhise, ach 
Crìosd a ta beò annam : agus a' 
bheatha a ta mi nis a' caitheadh 
san fheoil, tha mi ga caitheadh 
tre chreidimh Mhic Dhè, a 
ghràdhaich mi, agus a thug e 
fèin air mo shon. 

21 Cha 'n 'eil mi a' cur gràis Dè 
an neo-bhrìgh' : oir ma tha fìr- 
eantachd tre 'n lagh, is ann gun 
aobhar a f huair Crìosd bàs. 

CAIB. III. 

1 Dh' fheòraich an t-ahstol ciod a dh'aom na 
Galatianaich gus an creidimh a thrèigsinn, 
agus dòiyh a chur san lagh. 6 Tha 'n 
dream a tha creidsinn air am fìreanachadh, 
9 agvs air am beannuchadh maille ri Abra- 
ham : 10 dhearbh Pòl so le iomadh reuson. 

OA Ghalatianacha amaideach, 
cò a chuir druidheachd 
oirbh, ionnus nach biodh sibh 
ùmhal do 'n f hìrinn, d' an robh 
Crìosd air a nochdadh gu soill- 
eir^ fa chomhair bhur sùl, air a 
chèusadh'nur measg ? 



' air ciil. 
361 



' gu dealbhach. 



2 So a mhàin b' àill leam 
fhòghlum uaibh, An ann o oib- 
ribh an lagha a fhuair sibh an 
Spiorad, no o èisdeachd a' chreid- 
imh ? 

3 Am bheil sibh co amaideach 
as sin ? air dhuibh tòiseachadh 
san Spiorad, am bheil sibh a nis 
air bhur dèanamh foirfe leis an 
f heoil ? 

4 An d' f huiling sibh na h-uir- 
ead sin do nithibh gu dìomhain ? 
ma 's ann da rìreadh gu dìomhain. 

5 An Tì uime sin a tha frith- 
ealadh dhuibh an Spioraid, agus 
ag oibreachadh mhìorbhuile 'nur 
measg, an ann tre oibribh an 
lagha, no tre èisdeachd a' chreid- 
imh a nì e so ? 

6 Amhuil mar a chreid Abraham 
Dia, agus a mheasadh sin dha 
mar f hireantachd. 

7 Uime sin biodh fhios agaibh 
an dream a tha do 'n chreidimh, 
gur iad sin clann Abrahaim. 

9 Oir air fhaicinn roimh do 'n 
sgriobtuir gu 'm fìreanaicheadh 
Dia na Cinnich tre chreidimh, 
shearmonaich e an soisgeul roimh- 
làimh do Abraham, ag ràdh, 
Beannaichear na h-uile Chinnich 
annad-sa. 

9 Uime sin tha an dream a tha 
do 'n chreidimh, air am beann- 
achadh maille ri Abraham, fìor- 
chreideach. 

10 Oir a mheud 's a ta do 
oibribh an lagha, tha iad fo 'n 
mhallachadh ; oir a ta e sgrìobh- 
ta, Is malluichte gach neach nach 
buanaich ^ anns na h-uile nithibh 
a ta sgrìobhta ann an leabhar an 
lagha chum an dèanamh. 

3 fun. 



GALATIANACH, III 



11 Ach is ni follaiseach, nach 
fìreanaichear neach sam bith tre 
'n lagh am fianuis Dè : oir, Bith- 
idh am fìrean beò tre chreidimh. 

12 Agus cha 'n 'eil an lagh o 
chreidimh : ach, An duine a nì 
iad gheibh e beatha annta'. 

13 Shaor Crìosd sinne o mhall- 
achadh an lagha, air dha bhi air 
a dhèanamh 'na mhallachadh air 
ar son : oir a ta e sgrìobhta, Is 
malluichte gach aon a chrochar 
air crann : 

14 Chum gu 'n tigeadh beann- 
achadh Abrahaim air na Cinnich 
tre losa Crìosd ; ionnus gu faigh- 
eamaid gealladh an Spioraid tre 
chreidimh. 

15 A bhràithre, tha mi a' labh- 
airt mar dhuine ; ged nach bì ann 
ach coimhcheangal ^ duine, ma 
tha e air a dhaingneachadh, cha 
chuir neach air bith air cùl e, 
agus cha chuirear ni sam bith ris. 

16 A nis is ann do Abraham a 
thugadh^ na geallanna agus d' a 
shìol. Cha 'n abair e, Agus do 
shiolaibh, mar gu 'm biodh e labh- 
airt mu mhòran ; ach mar mu 
aon, Agus do d' shìol-sa, neach 
a 's e Crìosd. 

17 Agus a ta mi ag ràdh so, 
nach f heudar gu 'n cuir an lagh, 
a thugadh an ceann cheithir 
cheud agus dheich bliadhna fich- 
ead 'na dhèigh, an coimhcheangal 
an neo-bhrìgh, a dhaingnicheadh 
roimh le Dia ann an Criosd, 
ionnus gu 'n cuireadh e an geall- 
adh air cùl. 

18 Oir ma 's ann o 'n lagh a ta 
an oighreachd, cha 'w 'eil i ni 's 
mò o 'n ghealladh : ach thug Dia 

' leo. ^ cunradh, cùmhnant. 

362 



I gu saor i do Abraham tre gheall- 
adh. 

19 C ' ar son uime sin a thugadh 
an lagh ? thugadh e air son eus- 
aontais, gus an tigeadh an sìol, 
d' an d' rinneadh an gealladh ; 

'air òrduchadh le ainglibh an 
làimh eadar-mheadhonair. 

20 A nis an t-eadar-mheadh- 
onair, cha 'n ann air son aoin 
atae 'na eadar-mheadhonair ; ach 
is aon Dia. 

21 Uime sin am hheil an lagh 
an aghaidh gheallanna Dhè ? Nar 
leigeadh Dia : oir nam biodh 
lagh air a thabhairt a bhiodh 
comasach air beatha thoirt uaith, 
gu deimhin is ann o 'n lagh a 
bhiodh fìreantachd. 

22 Ach dh'fhàg an sgriobtuir 
na h-uile dhaoine dùinte sa 'pheac- 
adh, chum gu 'm biodh an geall- 
adh tre chreidimh losa Crìosd 
air a thoirt dhoibh-san a ta creid- 
sinn. 

23 Ach mu 'n d' thàinig an creid- 
imh, choimhideadh sinn fo 'n 
lagh, air ar druideadh a steach 
chum a' chreidimh, a bha gu bhi 
air fhoillseachadh. 

24 Uime sin b' e an lagh, ar 
n-oid-fhòghluim^ g' ar treòrach- 
adh gu Crìosd, chum gu bitheam- 
aid air ar rireanachadh tre chreid- 
imh. 

25 Ach air teachd do 'n chreid- 
imh, cha 'n 'eil sinn ni 's mò fuidh 
oid-fhòghluim. 

26 Oir is sibhse uile mic Dhè 
tre chreidimh ann an losa Crìosd. 

27 Oir a mheud agaibh 'sa 
bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh 
umaibh Crìosd. 

^ labhradh, rinneadh. * ar maighstir-sgoile. 



GALATIANACH, III. IV. 



28 Cha 'n 'eil lùdhach no Greug- 
ach, cha 'n 'eil saor no daor, cha 'n 
'eil firionn no boirionn ^ ann : oir 
is aon sibh uile ann an losa 
Crìosd. 

29 Agus ma's le Crìosd sibh, is 
sibh sìol Abrahaim gun amharus, 
agus is oighreachan sibh a rèir 
a' gheallaidh. 

CAIB. IV. 

1 Bha sinn fuidh 'n lagh, gus an d' thàinìg 
Crìosd, mar a ta an t-oiyhre fuidh a thuit. 
eir gus an tig e gu h-aois. 5 Ach shuor 
Crìosd sinn o 'n lagh : 7 uime sin cha 'n 'eìl 
sinn 'nar seirbhisich ni 's faide dha. 14 
Chuir Pòl an cuimhne dhoibh an deadh- 
ghean dasan, agus a dheadh-rìiin fèin doibh- 
san ; 22 agus nochd e gur sinne clann 
Abrahaim thaobh na mnà saoire. 

ANIS a ta mi ag ràdh, am 
feadh a bhios an t-oighre 
'na leanabh, nach 'eil eadar-dheal- 
achadh sam bith eadar e agus 
seirbhiseach, ged is e Tighearn 
nan uile ; 

2 Ach a ta e fo luchd-coimhid^, 
agus fo luchd-riaghlaidh gu 
teachd na h-aimsir a dh'òrduich 
an t-athair. 

3 Agus mar an ceudna sinne, 
'nuair a bha sinn 'nar leanabaibh, 
bha sinn an daorsa fo cheud 
f hòghlum an t-saoghail : 

4 Ach an uair a thàinig coimh- 
lionadh na h-aimsir, chuir Dia a 
Mhac fèin uaith, a ghineadh o 
mhnaoi, a rinneadh fuidh 'n lagh, 

5 Chum gu 'n saoradh e iadsan 
a bha fuidh 'n lagh, ionnus gu 
faigheamaid-ne \uchd - mhacachd 
na cloinne. 

6 Agus do bhrìgh gur mic sibh, 
chuir Dia Spiorad a Mhic fèin 

' bainionn. ^ thuiteiribh. 

* anmhunn, uireasbhuidheach. 
363 



ann bhur cridheachaibh, ag èigh- 
each, Abba, Athair. 

7 Uime sin cha seirbhiseach 
thu ni 's mò, ach mac ; agus 
ma 's mac, is oighre mar an ceud- 
na air Dia tre Chrlosd. 

8 Gidheadh, an uair nach b' 
aithne dhuibh Dia, rinn sibh 
seirbhis dhoibh-san nacli 'eil 'nan 
dèe thaobh nàduir. 

9 Ach a nis air dhuibh Dia aith- 
neachadh, no mar is feàrr a dh'- 
fheudar a ràdh, bhi air bhur 
n-aithneachadh le Dia, cionnus 
a ta sibh ag ath-philleadh chum 
nan ceud-thoiseach anmhunn ag- 
us bochd^, d' am miann leibh bhi 
a rìs fo dhaorsa ? 

10 Tha sibh a' coimhead làith- 
ean, agus mhìosan, agus aimsir- 
ean, agus bhliadhnan. 

11 Tha eagal orm do 'ur taobh 
gu 'n do chaith mi gu dìomhain 
mo shaothair oirbh. 

] 2 Guidheam oirbh, a bhràithre, 
bithibh mar a ta mise ; oir a ta 
mise mar sibhse : cha d' rinn sibh 
eucoir sam bith orm. 

13 Tha fhios agaibh gu 'm 6' 
ann tre anmhuinneachd na feòla, a 
shearmonaich mi dhuibh an sois- 
geul air tùs. 

14 Agus air mo bhuaireadh a 
bha ann am fheoil, cha d' rinn 
sibh tarcuis, agus cha do gliabh 
sibh gràin diom* ; ach ghabh 
sibh rium mar aingeaP Dè, mar 
losa Crìosd. 

15 Ciod e ma seadh^ an sonas 
sin a bha agaibh ? oir a ta mi 
dèanamh fìanuis duibh, nam bu 
chomasach e, gu 'n spionadh sibh 

^ cha do chuir sìbh cùl ris. ' thcachdair. 
^ C' ait am bheìl. 



a mach bhur sùilean fèin, agus 
gu 'n tugadh sibh dhomh-sa iad. 

16 Uime sin an d' rinneadh 
nàmhaid duibh dhìom, air son 
mi dh'innseadh na f irinn duibh ? 

17 Tha iadsan eudmhor um- 
aibh, ach eha 'n ann gu maith ; 
ach b' àill leo sinne dhruideadh 
a mach, chum gu 'm biodh sibh- 
se eudmhor umpa fèin. 

18 Ach is maith abhi eudmhor 
ann an ni maith a ghnàth, agus 
cha 'n e mhàin an uair a ta mise 
a làthair maille ribh. 

19 Mo chlann bheag, air am 
bheil mi a ris ri saothair, gus an 
dealbhar Crìosd annaibh, 

20 B' àill leam bhi nis a làthair 
maille ribh, agus mo ghuth a 
chaochladh, oir a ta mi fuidh 
amharus umaibh. 

21 Innsibh dhomh, sibhse le 'm 
miann bhi fo 'n lagh, nach cluinn 
sibh an lagh ? 

22 Oir a ta c sgrìobhta, gu 
robh aig Abraham dithis mhac ; 
aon ri banoglaich agus am mac 
eile ri mnaoi shaoir. 

23 Agus e-san a hK aige ris a' 
bhanoglaich, ghineadh a rèir na 
feòla e ; ach e-san a hK aige ris a' 
mhnaoi shaoir, tre ghealladh. 

24 Na nithe so is samhladh 
iad^ ; oir is iad so an dà choimh- 
cheangal ^ ; aon diubh o bheinn 
Shinai, a ta a' breith chum daor- 
sa, a 's i Agar. 

25 Oir is i Agar beinn Shinai 
ann an Arabia, agus tha i a' 
comh-fhreagradh do lerusalem 
a tha nis ann, agus tha i fo 
dhaorsa maille r' a cloinn. 



ICH, IV. V. 

26 Ach a ta an lerusalem a ta 
shuas saor, agus is màthair 
dhuinn uile i. 

27 Oir a ta e sgriobhta, Dèan 
gàirdeachas, a bhean neo-thorr- 
ach^ nach 'eil a' breith cloinne ; 
bris a mach agus glaodh, thusa 
nach 'eil ri saothair : oir is lion- 
mhoire clann na mnà aonaran- 
aich^, na na mnà aig am bheil 
fear. 

28 A nis, a bhràithre, is sinne, 
mar a bha Isaac, clann a' gheall- 
aidh. 

29 Ach mar a rinn e-san a rug- 
adh a rèir na feòla, san àm sin 
geur-leanmhuinn air-san a rugadh 
a rèir an Spioraid, is amhuil sin 
a ta nis mar an ceudna. 

30 Ach ciod a ta an sgriobtuir 
ag ràdh ? Tilg a mach a' bhan- 
oglach agus a mac : oir cha bhi 
mac na banoglaich 'na oighre 
maille ri mac na mnà saoire. 

31 Uime sin, a bhràithre, cha 
sinne clann na banoglaich, ach 
na mnà saoire, 

CAIB. V. 

1 Bhrosnuìch an t-abstol na Galatianaich gu 
seasamh 'nan saorsa, 3 agus gun an tini- 
chioll-ghearradh a ghnàthachadh : 13 ach 
roghuinn a dh'anamh do ghràdh, ni a's e 
coimhlionadh an lagha: J9 chuir e sìos 
oibre na feòla, 22 agus dh'ainmich e torudh 
an Spioraid; 25 agus dh'earalaich e chum 
gluasad san Spiorad. 

UIME sin seasaibh gu daing- 
ean anns an t-saorsa leis an 
d' rinn Crìosd saor sinn, agus na 
bithibh a ris air bhur cuibh- 
reachadh le cuing na daorsa. 

2 Feuch, a ta mise Pòl ag ràdh 
ribh, ma thimchioll-ghearrar 



' mnaoi dhaoir, han-tràill. 
^ asda so tha ni ei/e r' a thiciqsinn. 
304 



- chumhnant. 
sheasg, gun sliochd. '•' treigte. 



GALATIANACH, V. 



sibli, nacli bì tairbhe air bith 
dhuibh ann an Crìosd. 

3 Oir a ta mi a rìs a' dèanamh 
fianuis do gach uile dhuine a 
thimchioll-ghearrar, gu bheil e 
mar fhiachaibh air an lagh gu 
h-iomlan a choimhlionadh. 

4 Cha 'n 'eil tairbhe sam bith 
ann an Crìosd dhuibhse ' a ta air 
bhur flreanachadh tre 'n lagh; 
thuit sibh o ghràs. 

5 Oir a ta sinne tre 'n Spiorad 
a' feitheamh ri dòchas fìreant- 
achd o chreidimh. 

6 Oir ann an losa Crìosd, cha 
'n 'eil èifeachd sam bith ann an 
timchioll-ghearradh, no ann an 
neo - thimchioll - ghearradh, ach 
ann an creidimh a dh'oibricheas 
tre ghràdh. 

7 Is maith a ruith sibh ; cò a 
bhac sibh o bhi ùmhal do 'n 
fhirinn ? 

8 Cha d' thàinig an impidh so 
o 'n ti a ghairm sibh. 

9 Goirtichidh ' beagan do thaois 
ghoirt am meall uile. 

10 Tha muinghin agam asaibh 
san Tighearn, nach bì sibh dh'- 
aon dòigh air atharrachadh inn- 
tinn : ach an tì a ta cur dragha 
oirbh, giùlainidh e a bhreithean- 
as, cò air bith e. 

11 Agus mise, a bhràithre, ma 
shearmonaicheas mi fathast an 
timchioll-ghearradh, c' ar son a 
nithear fathast geur-leanmhuinn 
orm ? an sin bhiodh oilbheum a' 
chroinn-chèusaidh air a 'chur 
air cùl. 

12 B' f heàrr leam gu 'm biodh 

' rinrìeadh Crìosd gun tairhhc dhuibh. 
2 hrìgh, neart. ' Geuraichìdh. ^ dragha. 
5 air an gearradh as bhur coiniinn. 
365 



iadsan a ta cur mi-shuaimhneis^ 
oìrbh eadhon air an gearradh 
uaibh 

13 Oir, a bhràithre, ghairmeadh 
chum saorsa sibh ; a mhàin na 
dèanaihh an t-saorsa 'na cion-fath 
do 'n fheoil, ach le gràdh dèan- 
aibh seirbhis d' a chèile. 

14 Oir tha an lagh uile air a 
choimhlionadh ann an aon f hoc- 
al, eadhoìi an so, Gràdhaichidh 
tu do choimhearsnach mar thu 
fèin. 

15 Ach ma bhios sibh a' teum- 
adh agus ag itheadh a chèile, 
thugaibh aire nach claoidhear le 
a chèile sibh. 

16 A ta mi ag ràdh ma seadh, 
Gluaisibh san spiorad, agus cha 
choimhlion sibh ana-miann na 
feòla. 

17 Oir a ta an fheoil a' miann- 
achadh an aghaidh an Spioraid, 
agus an Spiorad an aghaidh na 
feòla : agus a ta iad sin an 
aghaidh a chèile ; ionnus nach 
faigh sibh na nithe bu mhiann 
leibh a dhèanamh. 

18 Ach nia threòraichear leis 
an Spiorad sibh, eha 'n 'eil sibh 
fuidh 'n lagh. 

19 A nis tha oibre na feòla foll- 
aiseach, a 's iad so, Adhaltrannas, 
strìopach as, neò-ghloi n e, m acnus', 

20 lodhol-aoradli, druidheachd^, 
naimhdeas, connsachadh, co- 
f harpuis fearg, comh-stri, aimh- 
rèite, saobh-chreidimh '°, 

21 Farmad, mortadh, misg, 
ruidhteireachd ", agus an leithide 
sin : mu bheil mi ag innseadh 

* siuhhlaihh, imichihh. ' mì-nàire. 

8 buidseachas. ' comortus. '° ciriccachd. 

11 anabharr, gcòcaìrcachd , craos. 



GALATIANACH, V. VI. 



dhuibh roimh-làimh, mar a dh'- 
innis mi dhuibh a cheana mar 
an ceudna, nach sealbhaich iadsan 
a nì an leithide sin rìoghachd 
Dhè'. 

22 Ach is e toradh an Spioraid 
gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhul- 
angàs, caomhalachd. maitheas, 
creidimh 

23 Macantas*, stuaim : an agh- 
aidh an samhuil sin cha 'n 'eil • 
lagh. 

24 Agus iadsan a 's le Crìosd, 
chèus iad an fheoil, maille r'a 
h-an-tograibh agus a h-ana- 
miannaibh. 

25 Ma's beò dhuinn san Spior- 
ad, gluaiseamaid san Spiorad 
mar an ceudna. 

26 Na bitheamaid dèidheil air 
ghMr dhìòmhain^, a' brosnachadh 
a chèile, a' gabhail farmaid r 'a 
chèile. 

CAIB. VI. 

1 Dh'iarr Pòl air na Galatianaich buntainn 
gu sèimh ri bràthair a thuislich, 2 agus 
uallach a chèile a ghiàlan^ 6 bhi tabhartach 
d'an luchd-tcagaisg, 9 agus gun sgìtheach- 
adh do mhaith a dhèanamh : 12 nochd e 
ciod gus am bheil iadsan a ta searmonach- 
adh an timchioll-ghearraidh : 14 cha dèan e 
fein uaill à ni sam bith ach d crami-ceus- 
aidh Chrìosd. 

ABHRAITHRE, ma ghlacar 
neach ann an coire air bith 
gu h-obann,sibhse a ta spioradail, 
togaibh suas a shamhuil sin do 
dhuine ann an spiorad na mac- 
antachd'; a' toirt aire dhuit fèin, 
nach buairear thu mar an ceudna. 
2 Giùlainibh uallacha* a chèile, 
agus mar sin coimhlionaibh lagh 
Chriòsd. 

' rioghachd Dhc mar oighreachd. ^firinn. 
' ciuineas. i earraghìoir. ' o' chiuineis. 
366 



3 Oir ma shaoileas duine gur 
ni èigin e fèin, gun bhi ann ach 
neo-ni, tha e 'ga mhealladh fèin. 

4 Ach dearbhadh gach neach 
'obair fèin, agus an sin bithidh 
aobhar gàirdeachais^ aige d' a 
thaobh fèin' a mhàin, agus cha 
'n ann a thaobh neach eile. 

5 Oir giùlainidh gach neach 
'uallach fèin. 

6 Comh-roinneadh an neach a 
ta air a tlieagasg san f hocal, ris 
an neach a ta 'ga theagasg, anns 
na h-uile nithibh maithe. 

7 Na meallar sibh ; cha dèanar 
fanoid air Dia : oir ge b' e ni a 
shiol-chuireas duine, an ni ceudna 
buainidh e. 

8 Oir an ti a chuireas d' a f heoil 
fèin, buainidh e o 'n fheoil 
truaillidheachd ; ach an tì a 
chuireas do 'n Spiorad, buainidh 
6 o 'n Spiorad a' bheatha shuth- 
ainn. 

9 Agus na sgìthicheamaid do 
mhaith a dhèanamh : oir ann an 
àm iomchuidh buainidh sinn, 
mur fannaich' sinn. 

10 Uime sin, a rèir mar a 
ta cothrom"' againn, dèanamaid 
maith do na h-uile dhaoinibh, 
ach gu h-àraidh dhoibh-san a ta 
do theaghlach a' chreidimh. 

11 Tha sibh a' faicinn meud na 
litreach a sgrìobh mi dhuibh le 
mo làimh fèin. 

12 A mheud le 'm miann iad 
fèin a thaisbeanadh gu sgiamh- 
ach san fheoil, tha iad 'gur n- 
èigneachadh chum bhi air bhur 
timchioll-ghearradh ; a mhàin 
chum nach dèantadh geur-lean- 

eallucha. ' uaill. * annfèin. 

» lagaich. '» fàth. 



GALATIANACH. Vf. 



mhuinn orra air son crann-cèus- 
aidh Chrìosd. 

13 Oir cha 'n eil iadsan fèin a 
tha air an timchioll-ghearradh 
a' coimhead an lagha : ach is àill 
leo sibhse bhi air bhur timchioll- 
ghearradh, chum as gu dèan iad 
uaill ann bhur feoil. 

14 Ach nar leigeadh Dia gu 
dèanainn-sa uaill ach ann an 
crann-cèusaidh arTighearna losa 
Crìosd, tre 'm bheil an saoghal 
air a chèusadh dhomh-sa, agus 
mise do'n t-saoghal. 

15 Oir ann an losa Crìosd cha 



'n 'eil èifeachd air bith ann an 
timchioll-ghearradh, no ann an 
neo-thimchioll - ghearradh, ach 
ann an cruthachadh ' nuadh. 

16 Agus a mheud 's a shiubhlas 
a rèir na riaghailt so, sìth orra, 
agus tròcair, agus air Israel Dè. 

17 O so a mach na cuireadh 
neach sam bith dragh orm ; oir 
a ta mi giùlan chomharan an 
Tighearna losa ann mo chorp. 

18 A bhràithre, gu robli gràs ar 
Tighearna losa Crìosd maille ri 
bhur spiorad. Amen. 

' creutair. 



LITIR AN ABSTOIL PHOIL 
CHUM NAN EPHESIANACH. 



CAIB. L 

1 An dèigh fàilte, 3 agus breith-buidheachais 
air son nan Ephesianach, 4 labhair Pùl mu 
thaghadh, 6 agus uchd-mhacachd thaobh 
gràis, 11 ni a's e am fior thobar o'm bheil 
slàinte a' chinne-daoine a' sruthadh, SjC. 

POL, abstol losa Crìosd tre 
thoil Dè, chum nan naomh 
a ta ann an Ephesus, agus nan 
creideach ann an losa Crìosd : 

2 Gràs dhuibh, agus sith o 
Dhia ar n-Athair, agus o 'n Tigh- 
earn losa Crìosd. 

3 Beannaichte gu rohh Dia, 
eadhon Athair ar Tighearna losa 
Crìosd, bheannaich sinne leis 
gach uile bheannachadh spiorad- 
ail ann an ionadaibh nèamhaidh' 
ann an Crìosd : 

4 A rèir mar a thagh e sinne 
ann-san, mu'n do leagadh bunait 
an domhain, chum gu 'm bith- 
eamaid naomha, agus neo-choir- 

' nithibh nèamhaidh. 

' tre an do nochd c dhuinne mòr dheadh-ghean. 
367 



each'na làthair-san ann an gràdh : 

5 A roimh-òrduich sinne chum 
uchd-mhacachd na cloinne tre 
losa Crìosd dha fèin, a rèir 
deadh-ghean a thoile. 

6 Chum cliù glòire a ghràis, 
tre an d'rinn e sinne taitneach^ 
ann a Mhac gràdhach : 

7 Anns am bheil againne saorsa' 
tre 'fhuil-san, maitheanas nam 
peacadh, a rèir saoibhreis a 
ghràis ; 

8 Anns an robh e ro phailt 
dhuinne san uile ghliocas, agus 
thuigse : 

9 A dh'fhoillsich dhuinn rùn- 
diomhair a thoile, a rèir a 
dheadh-ghean fèin, a rùnaich e 
ann fèìn : 

10 Chum ann am frithealadh 
coimhlionaidh nan aimsir, gu'n 
cruinnicheadh e ann an aon na 

^ faasgladh. 



EPHESIANACH, I. II. 



h-uile nithe ann an Crìosd, araon 
7ia nithe a ta air nèamh, agus na 
nithe a ta air talamh, eadhon ann- 
san : 

11 Anns an d'fhuair sinne mar 
an ceudna oighreachd, air dhuinn 
bhi air ar roimh-òrduchadh a 
rèir rùin an Tl a ta 'g oibreach- 
adh nan uile nithe a rèir com]i- 
airle a thoile fèin ; 

12 lonnus gu 'm bitheamaid-ne, 
a chuir air tùs dòchas ann an 
Criosd, chum cliù a glilòire-san. 

13 Anns an do chuiì' sibhse mar 
an ceudna dòchas, air dhuibh 
focal na fìrinn a cliluinntinn, 
eadhon soisgeul bhur slàinte : 
neach an dèigh dhuibh creidsinn 
ann, chuireadh seula oirbh le 
Spiorad Naomh sin a' gheallaidh, 

14 Neach is e geall-daingnich' 
ar n-oighreachd-ne, gu teachd 
saorsa na seilbhe a cheannach- 
adh^, chum cliù a ghhnre. 

15 Uime sin air cluinntinn 
domh-sa mar an ceudna bhur 
creidimh-sa anns an Tighearn 
losa, agus bhur gràidh do na 
naoimh uile, 

16 Cha 'n 'eil mi a' sgur* do 
bhi toirt buidheachais air bhur 
son, a' hiadh oirbh ann am ùrn- 
uighibh ; 

17 Gu 'n tugadh Dia ar Tigli- 
earna losa Crìosd, Athair na 
ghnre, spiorad gliocais agus 
foillseachaidh ' dhuibh, ann an 
eòlas air-san^ ; 

18 Sùilean 'ur n-inntinn bhi 
air an soillseachadh, chum fios a 
bhi agaibh ciod e dòchas a 
ghairme-san, agus ciod e saoibh- 

^ earlas. dh'fhuasgladh. Ni'n sguiream. 
i taisbeanaidh. ' chum e-san aideachadh. 
368 



reas glòire 'oighreachd-san anns 
na naomhaibh, 

19 Agus ciod e ro-mheud a 
chumhachd do ar taobh-ne a ta 
creidsinn, a rèir oibreachaidh a 
thrèun neirt ; 

20 A dh'oibrich e ann an 
Crìosd, 'nuair a thog e o na 
marbhaibh e, agus a chuir e 'na 
shuidhe air a dheas-làimh fèin e 
anns na h-ionadaibh nèamhaidh, 

21 Gu ro àrd os ceann gach 
uile uachdaranachd, agus cumh- 
achd, agus neirt, agus tigliearn- 
ais, agus gach ainme a dh'ainra- 
ichear, cha 'n e mhàin san t- 
saoghal so, ach san t-saoghal ri 
teachd raar an ceudna : 

22 Agus cliuir e na h-uile nithe 
fuidh a chosaibh, agus thug se e 
gu hhi 'na cheann os ceann nan 
uile nithe do 'n eaglais, 

23 A ta 'na corp aige, lànachd 
an Ti a ta lìonadh nan uile nithe 
anns na h-uile. 

CAIB. II. 

1 Le bhi coìmheas r' a chèile ciod a hha sinn 
thaobh nàduir, 5 agus ciod a tha sinn 
thaohh gràis, 10 chuir Pùl an cèill gu n 
d' rinneadh sinn airson dheadk oibre; agus 
air dhuinn bhi air ar toirt am fagus tre 
Chì'ìosd, 11 nach còir dhuinn ar beatha a 
chaitheadh mar Chinnich, 12 agusmarchoig- 
ì ich, amhuil anyis cn àm a ehaidh seachad, 
19 ach mar luchd aoin bhaile ris na naoimh, 
agus mar theaghlach Dhè. 

AGUS sibhse hheotìiaich e, a 
blia marbh ann an eu-ceart- 
aibh agus ann am peacaibh ; 

2 Anns an do ghluais^ sibh sna 
h-amannaibh a chaidh seachad, 
a rèir gnàtha' an t-saoghail so, a 
rèir uachdarain' cumhachd an 
athair, an spioraid a tha nis ag 

^ Anns un robh sibh ag imeachd. 
' gnàthachaidh. " prionnsa. 



EPHESIANACH, II. 



oibreachadh ann an cloinn na 
h-eas-urahlachd : 

3 Am measg an robh againn 
uile mar an ceudna ar caithe- 
beatha roimh so, ann an ana- 
miannaibh ar feòla, a' dèanamh 
toil na feòla, agus nan smuainte' ; 
agus bha sin a thaobh nàduir 
'nar cloinn na feirge, eadhon 
mar chàch. 

4 Ach Dia a ta saoibhir, ann an 
tròcair, air son a mhòr-ghràidh 
leis an do ghràdhaich e sinn, 

5 Eadhon air dhuinn a bhi 
marbh ann am peacaibh, chomh- 
bheothaich e sinn maille ri Crìosd; 
(le gràs tha sibh air bhur tèarn- 
adh^ ;) 

6 Agus chomh-thog, agus chomh- 
slìuidhich e sinn ann an ionad- 
aìhh nèamhaidli ann an losa 
Ci ìosd : 

7 Chum gu 'm foillsicheadh e 
anns na linnibh ri teachd saoibh- 
reas ro phailt a ghràis, ann an 
caoimhneas d' ar taobh-ne tre 
losa Criosd. 

8 Oir is ann le gràs a ta sibli 
air bhur tèarnadh, tre chreidimh ; 
agus sin cha 'n ann uaibh fèin : 
is e tiodhlac^ Dhè e : 

9 Cha'n ann o oibribh, chum 
nach dèanadh neach airbithuaill : 

10 Oir is sinne 'obair-san, air ar 
cruthachadh ann an losa Crìosd 
chum dheadh oibre, air son an 
d' ulluich Dia roimh-làimh sinn, 
chum gu 'n gluaiseamaid annta. 

11 Uime sin cuimhnichibh, air 
dhuibh a bhi san aimsir a chaidh 
thairis'nur Cinnich san fheoil, 
ris an abrar an neo-thimchioU- 

' na h-inntinn, a' chrìdhe. 

' {slànuchadh, saoradh, sàbhaladh. 

;ì69 



ghearradh leo-san d' an goirear 
an timchioll - ghearradh làmh- 
dlièanta san f heoil ; 

12 Gu robh sibh san àm sin as 
eugmhais Chrìosd, 'nur coimh- 
ich do chomh-fhlaitheachd' Is- 
raeil, agus 'nur coigrich do 
choimhcheanglaibh a'gheallaidh, 
as eugmhais dòchais, agus gun 
Dia anns an t-saoghal : 

1.3 Ach a nis ann an losa Crìosd, 
tha sibhse a bha roimh so fad o 
làimh, air bhur toirt am fagus 
tre fhuil Chrìosd. 

14 Oir is e-san ar sìth-ne, a 
rinn aon dhinn araon, agus a 
bhris sìos balla meadhonach an 
eadar-dhealachaidh ; 

15 Air dha an naimhdeas a 
chur air cùl tre 'fheoil fèin, 
eadhon lagh nan àitheanta, a 
chìdreadh sìos ann an òrduigh- 
ibh, chum gu 'n dèanadh e anu 
fèin do dhithis aon cUiine nuadh, 
ìnar sin a' dèanamli sìthe : 

16 Agus gu 'n dèanadh e rèidh 
faraon iad ri Dia ann an aon 
chorp tre a' chrann-chèusaidh, 
air dha an naimlideas a mharbh- 
adh le sin : 

17 Agus thàinig e agus shear- 
monaich e sìth ^ dhuibhse a bha 
am fad, agus dhoibh-san a bha 
am fagus. 

18 Oir trid-san tha araon slighe 
againn gu dol a steach tre aon 
Spiorad chum an Athar. 

19 A nis uime sin cha 'n 'eil 
sibh ni 's mò 'nur coigrich agus 
'nur coimhich, ach 'nur hichd 
aoin bhaile ris na naomhaibh, ag- 
us 'nur muinntir-teaghlaich Dhè ; 

' s'ior-thnhhartas. ■* chomh-cliomuìin. 
' sìnthchaint. 

2 lì 



EPHESIANACH. U. Ul. 



20 Agus tha sìbli air bhiir tog- j 
ail suas air bunait nan abstol ag- 
us nam fàidhean, air bhi do 
losa Crìosd fèin 'na chloich-chmn 
na h-oisinn ; 

21 Anns am bheil an aitreabh 
uile, ceangaiUe gu ceart r' a 
chèile, a' fàs suas chum bhi 'na 
teanipull naomh san Tighearn : 

22 Anns am bheil sibhse mar 
an ceudna air bhur comh-thogail 
suas chum bhi 'nur tigh-còmh- 
nuidh do Dhia tre an Spiorad. 

CAIB. ni. 

1 Rinneadh an rùn-dìomhair, gu 'm hiodh na 
Cinnich air an .moradh, fhoillseachitdh do 
Phòl ; 8 aqus thugadh an gràs dha.inn sin 
a .shearmonachadh : 13 dh'iurr e air na 
Ephesianaich gu 'n iad a dh'fhannachndh 
air son a th}-ioblaid-san, 14 agus ghuidh e 
gu'n tuigeadh iadsan mòr-ghràdh Chrìosd 
d' an taobh. 

AIR an aobhar so, tha mise 
Pòl a'm' phrìosanach losa 
Criosd, air bhur sonsa, a Chinn- 
eacha ; 

2 O chuala^ sibh mu fhrith- 
ealadh gràis Dè, a thugadh 
dhomh-sa air bhur sonsa"^ : 

3 Gu 'n d' rinn e aithnichte 
dhomh tre fhoillseachadh^ an 
rùn-dìomhair, (mar a sgrìobh mi 
roimh gu h-aithghearr, 

4 Leis am feud sibh, air dhuibh 
a leughadh, m' eòlas ann an rùn- 
dìomhaìr Chrìosd a thuigsinn ;) 

5 Ni, ann an linnibh eile, air 
nach d' thugadh fìos do chh)inn 
nan daoine, mar a ta e nis air 
fhoillseachadh d' a abstolaibh 
naomha agus d' a f hàidhibh tre 
an Spiorad ; 

6 Gu 'm biodh na Cinnich 'nan 

' Ma chuala. d' ur tuohhsa. 

thaisbean. 
370 



comh-oighreachaibh, agus 'nan 
comh-chorp, agus 'nan hichd- 
comhpàirt d' a ghealladh-san ann 
an Crìosd, tre an t-soisgeul : 

7 Air an d' rinneadh mise a' m' 
mhinisteir, a rèir tiodhlaic gràis 
Dè a thugadh dhomh, a rèir 
oibreachaidh èifeachdaich a 
chumhachd-san. 

8 Dhomh 's lugha na 'n 
tì a 's lugha do na naomhaibh uile, 
thugadh an gràs so, saoibhreas 
Chriosd, nach feudar a rann- 
sachadh, a shearmonacliadh am 
measg nan Cinneach ; 

9 Agus gu 'n dèanainn soilleir 
do na h-uile dhaoinihh, ciod e 
comunn an rùin-dìomhair sin, a 
bha folaichte ann an Dia o thois- 
each an t-saoghail, a chruthaich 
na h-uile nithe tre losa Criosd ; 

10 Chum gu'n dèantadh aith- 
nichte nis do na h-uachdaran- 
achdaibh, agus do na cumhachd- 
aibli ann an ionadaibhnhcvmh?ààh, 
leis an eaglais, gliocas eagsamh- 
uìV Dhè, 

11 A rèir an rùin shiorruidh* 
a rùnaich e ann an losa Crìosd 
ar Tighearn: 

12 Anns am bheil againn 
dànachd agus slighe gu dol a 
steach ann am muinghin tre a 
chreidimh-san. 

13 Uime sin tha mi ag iarraidh 
nach lagaich sibh à leth mo 
thrioblaidean-sa air bhur son, ni 
a's e bhur ghnr-sa. 

14 Air an aobhar so tha mi a' 
lùbadh mo ghhiine do Athair ar 
Tighearna losa Crìosd, 

15 Air an ainmichear an 

iomadh-gnètheach. 
' A rèir roimh-shuidheachaidK nan linn. 



EPHESIANACH, UL IV. 



teaghlacli uile air nèamh agus 
air talamh, 

16 Gu'n deònaicheadh e dhuibh 
a rèir saoibhreis a ghhnre, bhi 
air bhur neartachadh gu treun', 
tre a Spiorad-san anns an duine 
an leth stigh ; 

17 lonnus gu'n gabh Crìosd 
còmhnuidh ann bhur cridhe tre 
chreidimh ; chum air dhuibh bhi 
air bhur freumhachadh, agus air 
bhur stèidheachadh^ ann an gràdh, 

18 Gu 'm bì sibh comasach 
maille ris na naomhaibh uile, 
air a thuigsinn ciod e leud, agus 
fad, agus doimhne, agus àirde ; 

19 Agus air gràdh Chrìosd 
aithneachadh, a chaidh thar 
gach uile eòlas, chum gu 'm bì 
sibh air bhur lìonadh le uile 
lànachd Dhè. 

20 A nis dhasan d' an comas 
na h-uile nithe a dhèanamh gu 
h-anabarrach ro phailt, thar 
gach ni a 's urrainn sinne iarr- 
aidh no smuaineachadh, a rèir a' 
chumhachd a ta 'g oibreachadh 
gu h-èifeachdach annainn, 

21 Dhasan gii robk glòir anns 
an eaglais tre losa Crìosd, air 
feadh gach uile linn, gu saoghal 
nan saoghal. Amen. 

CAIB. IV. 

1 Dh'earalaich an t-ahstol na Ephesianaich 
chiim aonachd ; 7 agus chtiiì' e an cèillgu 'n 
d' thug Dia chum na crìche so tiodhlacan 
eagsamhuil do dhaoinibh, 18 ionnus gu 'm 
biodh 'eaglais air a togail, 16 agus gu'm 
fàsadh i suas ann an Crìosd : 18 ghairm e 
iad neò-ghloine nan Cinneach, 24 chum 
an nuadh-dhuine a chur umpa. 

UIME sin, tha mise prìosan- 
ach an Tighearn, a' guidhe 

' /e chumhachd. 

^ honn-shuidheachadh. 



oirbh gu 'n gluais' sibh gu cubh- 
aidh do 'n ghairm leis an do 
ghairmeadh sibh ; 

2 Leis gach uile irioslachd 
inntinn agus mhacantas, le fad- 
fhulangas, a' giùlan le chèile 
ann an gràdh ; 

3 A' dèanamh dìchill air aon- 
achd an Spioraid a choimhead 
ann an ceangaF na sìthe. 

4 Is aon chorp agus aon Spior- 
ad a ta ann, amhuil mar an 
ceudna a ghairmeadh sibh ann 
an aon mhuinghin bhur gairme ; 

5 Aon Tighearn, aon chreid- 
imh, aon bhaisteadh, 

6 Aon Dia agus Athair nan 
uile, a tha os ceann nan uile, 
agus tre na h-uile, agus annaibh- 
sa uile. 

7 Ach thugadh gràs do gach 
aon againn, a rèir tomhais 
tiodhlaic Chrìosd. 

8 Uime sin a ta e ag ràdh, 
Air dol suas da an àird, thug 
e bruid am braighdeanas, agus 
thug e tiodhlacan do dhaoin- 
ibh. 

9 (A nis gu'n deachaidh e 
suas, ciod e ach gu 'n deachaidli 
e air tùs sìos gu ionadaibh 
ìochdarach na talmhainn ? 

10 An Tì a chaidh sìos, is e 
sin fèin e a chaidh suas mar an 
ceudna gu ro àrd os ceann nan 
uile nèamh, chumgu 'n lìonadh e 
na h-uile nithe.) 

11 Agus thug e dream àraidh 
gu bhi 'nan abstolaibh ; dream 
eile, gu bhi 'nam fàidhibh ; agus 
dream eile, gu bhi 'nan soisgeul- 
aichibh ; agus dream eile, gu 

' imich, siuhhail, 
* COHih-hhiiìDì. 
•2 i> 2 



bhi 'nan aodhairibli', agus 'nan 
luchd-teagaisg ; 

12 Chum na naoimh a dheas- 
achadh^ chum oibre na minis- 
treileachd, chum togail suas 
cuirp Chriosd : 

13 Gus an tig sinn uile ann 
an aonachd a' chreidimh, agus 
eòlais Mhic Dhè, chum duine 
iomlain, chum tomhais àirde 
hinachd Chrìosd : 

14 Chum as nach bì sinn à 
so suas 'nar leanabaibh, air ar 
tonn-luasgadh, agus air ar giùlan 
mu 'n cuairt leis gach uile ghaoith 
teagaisg, le cleasachd dhaoine, 
agtis seòìtaclid cealgach, leis am 
bheil iad gu h-innleachdach ri 
feall-f holach chum meallaidh : 

15 Ach a' labhairt na firinn 
ann an gràdh, gu'm fàs sinn 
suas anns na h-uile nithibh 
chuige-san^, a 's e an jee'anìTj eadh- 
011 Crìosd : 

16 O 'm bheil an corp uile, 
air a cheangal gu ceart, agus 
air a dhlùthachadh tre an ni sin 
a tha gach alt a' toirt uaith, a 
rèir oibreachaidh èifeachdaich 
ann an tomhas gach buill, a' 
faghail fàis cuirp, clmm a thogail 
fèin suas ann an gràdh. 

17 So uime sin a ta mi ag 
ràdh, agus ag guidhe am fìanuis 
an Tighearna, gu'n sibh a dh'im- 
eachd à so suas mar a ta na 
Cinnich eile ag imeachd, ann an 
dìomhanas an inntinn fèin ; 

18 Aig am bheil an tuigse air 
a dorchachadh, air dhoibh bhi 
'nan coimhich do bheatha Dhè, 
thaobh an aineolais a ta annta, 

' bìiachaiUibh. ^ a fìhìunamh iom/an, a 
cheanyal gu diomjmhultu r a chci/e. 
372 



JACH. IV. 

i 

tre chruas an cridhe : 

19 Muinntir, air dhoibh am 
mothacliadh a chall, a thug iad 
fèin thairis do mhì-nàire"*, chum 
gach uile neò-ghloine chur an 
gniomh le ciocras. 

20 Ach cha d'fhòghluim sibhse 
Crìosd mar so ; 

21 O chuala^ sibh e, agus o 
theagaisgeadh leis sibh, mar a 
ta an f hìrinn ann an losa : 

22 Gu'n cuir sibh dhibh, 
thaobh a' cheud chaithe-beatha, 
an seann duine, a ta truaillidh 
a rèir nan ana-miann cealgach ; 

23 Agus gu 'm bì sibh air 
bhur n-ath-nuadhachadh ann an 
spiorad bhur n-inntinn ; 

24 Agus gu 'n cuir sibh um- 
aibh an nuadh-dhuine, a tha 
air a cliruthachadh a rèir Dhè 
am fireantachd agus am fior- 
naomhachd. 

25 Uime sin air dhuibh a' 
bhreug a chur uaibh, labhraibh 
an fhìrinn gach neach r' a 
choimhearsnach : oir is buill 
sinn d' a chèile. 

26 Biodh fearg oirbli, agus na 
peacaichibh : na luidheadh a' 
ghrian air bhur corruich : 

27 Agus na tugaibh àit do 'n 
diabhul. 

28 An tì a ghoid, na goideadh 
e ni 's mò : ach gu ma feàrr leis 
saothair a dhèanamh, ag oib- 
reachadh an ni a ta maith le a 
làmhaibh, chum gu 'm bì aige ni 
r' a phàirteachadh ris an neach 
air am bheil uireasbhuidh. 

29 Na tigeadh cainnt thruaill- 
idh air bith a mach as bhur 

2 ann-snn. ^ mliacnus. 

' Ma cìinala. 



EPHESIANACH, IV. V. 



beul, ach an nì sin a ta maitli 
chum deadh-fhòghhiim, ionnus 
gu 'n toir e gràs do 'ti luchd- 
èisdeachd. 

30 Agus na cuiribh doilgheas 
air Spiorad Naomh Dhè, leis an 
do chuireadh seula oirbh gu là 
na saorsa. 

31 Biodh gach uile sheirbhe, 
agus corruich, agus fearg, agus 
gàrrthaich^ agus toibheum'^ air 
an togail uaibh, maille ris gach 
uile mhì-run. 

32 Agus bithibh caoimhneil 
teo-chridheach d' a chèile ; a' 
toirt maitheanais d' a chèile, 
eadhon mar a thug Dia maith- 
eanas dhuibhse ann an Crìosd. 

CAIB. V. 

1 An dèigh earailean coitchionn chum gràidh, 
3 chum strìopochas a sheachnadh, 4 agus 
na h-uile neò-ghloine, 7 gun chomhluadar 
u chmnailii daoinibh aingidh, 15 imeachd 
gu fdici/leach, 18 agus bhi air an lìonadh 
leis an Sjnorad, 22 labhair Pòl mu dhleasd- 
anasaibh fa Idh, cionnus is còir do mhnàibh 
bhi ùmhal d'am fearaibh-pòsda, 25 agus is 
còir do na fir am mnài a ghràdhachadh. 

UIME sin bithibh-sa 'nur 
luchd-leanmhuinn air Dia, 
mar cliloinn ghràdhaich ; 

2 Agus gluaisibh ann an gràdh, 
eadhon mar a ghràdhaich Crìosd 
sinne, agus a thug se e fèin air 
ar son, 'na tliabhartas agus 'na 
ìobairt deadli-fhàile do Dhia. 

3 Ach na biodh strìopachas, 
agus gach uile neò-ghloine, no 
sannt, uiread as air an ain- 
meachadh 'nur measg, mar is 
cubhaidh do naomhaibh : 

4 No draosdachd', no còmh- 
radh amaideach, no bao-shùg- 

' àrd-ghlaodhuich. 
' anacaiìint. 
373 



radh, nithe nach 'eil iomchuidh : 
ach gu mar feàrr kibh breith- 
buidheachais. 

5 Oir a ta fios agaibh air so, 
nach 'eil aigfear-strìopachais air 
bith, no aig neach neò-ghlan, 
no aig duine sanntach, (a tha 
'na fhear ìodhol-aoraidh,) oigh- 
reachd ann an rioghachd Chrìosd 
agus Dhè. 

6 Na mealladh neach air bith 
sibh le briathraibh dìomhain : 
oir air son nan nithe sin tha 
fearg Dhè a' teachd air cloinn 
na h-eas-umhlachd. 

7 Na bithibh-sa uime sin 'nur 
luchd-comhpàirt riu. 

8 Oir bha sibh uair-eigin 'nur 
dorchadas, ach a nis tha sibh 
'nur solus san Tighearn : gluais- 
ibh mar chloinn an t-soluis ; 

9 (Oir a ta toradh an Spioraid* 
anns an uile mhaitheas, agus 
ionracas, agus fhirinn ;) 

10 A' dearbhadh ciod an ni a 
tha taitneach do 'n Tighearn. 

1 1 Agus na biodh comh-chom- 
unn agaibh ri oibribh neo-thar- 
bliach an dorchadais, ach gu ma 
feàrr leibh an cronachadh. 

12 Oir is gràineil eadhon r' an 
innseadh na nithe a ta air an 
dèanamh leo an uaignidheas^ 

13 Ach a ta na h-uile nithe a 
tha air an cronachadh, air an 
dèanamh follaiseach leis an t- 
solus : oir gach uile ni a ni soill- 
eir, is solus e. 

14 Uime sin a ta e ag ràdh, 
Mosgail, thusa a tha a' d' chodal, 
agus èirich o na marbhaibh, ag- 
us bheir Criosd sohis duit. 

graosdachd, ca 'init shalach . 
'' un t-soluis. os )osal. 



15 Feiichaibh uime sin gu 'n 
gluais sibh gu faicilleach, cha 'n 
ann mar amadain, ach mar 
dhaoine glice, 

16 Ag ath-cheannach' na h- 
aimsir, do bhrìgh gu bheil na 
làithean olc. 

17 Air an aobhar sin na bith- 
ibh-sa neo-ghlic, ach a' tuigsinn 
ciod i toil an Tighearn. 

18 Agus na bithibh air mhisg 
le fìon, anns am bheil anabarr ; 
ach bithibh air bhur lìonadh 
do 'n Spiorad : 

19 A' labhairt ribh fèin^ ann 
an salmaibh, ann an laoidhibh, 
agus ann an dànaibh spioradail, 
a' seinn agus a' dèanamh ciuil 
'nur cridhe do 'n Tighearn : 

20 A' toirt buidheachais a 
gnàth air son nan uile nithe do 
Dhia, eadhon an t-Athair, ann 
an ainm ar Tighearna losa 
Crlosd ; 

21 Air dhuibh bhi ùmhal d'a 
chèile ann an eagal Dè. 

22 A mhnài, bithibh lìmhal do 
'ur fearaibh fèiin, mar do 'n Tigh- 
earn. 

23 Oir is e am fear ceann na 
mnà, eadhon mar is e Crìosd 
ceann na h-eaglais : agus is 
e-san Slànuighear a' chuirp. 

24 Uime sin mar a ta'n eag- 
lais ùmhal do Chrìosd, mar sin 
hiodh na mnài d' am fearaibh fèin 
mar an ceudna anns gach ni : 

25 Fheara, gràdhaichibh bhur 
mnài fèin, eadhon mar a ghràdh- 
aich Crìosd an eaglais, agus a 
thug se e fèin air a son ; 

20 Chum gu naomhaicheadh, 
agus gu 'n ghmadh e i le h-ionn- 

' A'faasgladh. ■ 'nur measgfein, r' acheìle. 
374 



^CH, V. VI. 

lad an uisge tre an fhocal. 

27 Chum gu 'n cuireadh e 'na 
làthair fèin i 'na h-eaglais ghh)r- 
mhoir, gun smal, gun phreasadh^, 
no ni air bith d' an leithidibh 
sin ; ach chum gu 'm biodh i 
naomh, agus neo-lochdach\ 

28 Is amhluidh sin is còir do na 
fearaibh am mnài fèin a ghràdh- 
achadh, mar an cuirp fèin : 
an ti a ghràdhaicheas a bhean, 
tha e 'ga ghràdhachadh fèin. 

29 Oir cha d' thug duìne air 
bith riamh fuath d' a f heoil fèin ; 
ach altrumaidh agus eiridnidh^ 
e i, eadhon mar a ta an Tigh- 
earn a' dèanamh do 'n eaglais : 

30 Oir ìs buill sinn d' a chorp, 
d' a f heoil, agus d' a chnàmh- 
aibh-san. 

31 Air an aobhar so fàgaidh 
duine 'athair agus a mhàthair, 
agus dlùth-leanaidh e r' amhnaoi, 
agus bithidh an dithis 'nan aon 
fheoil. 

32 Is dìomhaireachd mhòr so : 
ach tha mi a' labhairt mu 
Chrìosd agus an eaglais. 

33 Gidheadh, thugadh gach 
aon agaibh-sa fa leth gràdh d' a 
mhnaoi amhuil mar dha fèin ; 
agus feuchadh a' bhean gu 'n toir 
i urram d' a fear. 

CAIB. VI. 

1 Dlensdanus cloinne d' am pàrantaihh, 5 agus 
slicirhhiseach d' am maighstirihh. 10 /s 
cogadh ar beatha, 12 cha 'n ann a mhàin 
an aghaìdh fola agus feòla, ach mar an 
ceudna an aghaidh naimhde spioradail. 
13 Airm a' chrìosdaidh, 18 ugus cionnus 
is chir an gnàthiichudh. 21 Tha Tichicus 
uir a mhoìudh. 

ACHLANN, bitliibh ùmh.al 
do 'ur pàrantaibh fèin san 

^ chusMÌh, ^ gun ghà, ^ yiuUaichdidh. 



EPHESIANACH, VI. 



Tigliearn : oir a ta so ceart. 

2 Thoir urram' do t' athair 
agus do d' mhàthair, (is i so a' 
cheud àithne le gealladh,) 

3 Chum gu 'n èirich gu maith 
dhuit, agus gu 'm bì thu fad- 
shaoghalach air an talamh. 

4 Agus aithriche, ne brosnuich- 
ibh bìiur clann chum feirge : ach 
togaibh^ iad ann an oilean agus 
ann an teagasg an Tighearna. 

5 A sheirbhiseacha, bithibh 
ùmhal do \ir maighstiribh a rèir 
na feòla, le h-eagaP agus crith, 
ann an trèibhdhireas bhur cridhe, 
mar do Chrìosd : 

6 Cha 'n ann le sùil sheirbhis, 
mar dhream a nì toil dhaoine, 
ach mar sheirbhisich Chrìosd, a' 
dèanamh toile Dè o 'n chridhe ; 

7 Le deadh thoil a' dèanamh 
seirbhis, mar do 'n Tighearn, 
agus cha 'n ann do dhaoinibh : 

8 Air dhuibh fìos a bhi agaibh, 
ge b 'e maith air bith a nì aon 
neach, gu 'm faigh e an ni so fèin 
o 'n Tighearn, ma 's saor no 
daor e. 

9 Agus, a mhaighstirean, dèan- 
aibh-sa na nithe ceudna dhoibh- 
san, a' leigeadh dhibh bagraidh : 
air dhuibh fios a bhi agaibh gu 
bheil bhur maighstir fèin air 
nèamh mar an ceudna, agus 
nach 'eil gnùis-bhreth maille ris. 

10 Fa dheoidh, mo bhràithre, 
bithibh làidir san Tighearn, agus 
ann an neart a chumhachd-san. 

11 Cuiribh umaibh uile arm- 
achd Dhè, chum gu 'm bi sibh 
comasach air seasamh an agh- 
aidh cuilbheirtean an diabhuil. 



' ono:r. ^ aUrumaihh, ^ fiiitrkeas. 
^ droch spioraduibh. * nèanihaiilh. 
■ — 375 



12 Oir cha 'n 'eil sinn a' 
gleachdadh a mhàin ri fuil agus 
feoil, ach ri uachdaranachdaibh, 
ri cumhachdaibh, ri riaghlairibh 
dorchadais an t-saoghail so, ri 
aingidheachd spioradaiP ann an 
ionadaihh àrda^. 

13 Uime sin glacaibh do 'ur 
n-ionnsuidh uile armachd Dhè, 
chum gu 'm bì sibh comasach air 
seasamh an aghaidh a' hhuairidh 
san droch là, agus air dhuibh na 
h-uile nithe a dhèanamh, chum 
seasamh. 

14 Seasaibh uime sin, air bhi 
do 'vir leasraidh air an crioslach- 
adh'^ le fìrinn, agus uchd-èididh 
na fìreantachd' umaibh ; 

15 Agus ulluchadh soisgeil na 
sìthe mar bhrògan agaibh air 
bhur cosaibh ; 

16 Thar gach uile ni, a' glac- 
adh do 'ur n-ionnsuidh ^ sgèithe a' 
chreidimh, leis am bì sibh comas- 
ach air uile shaighde ' teinnteach 
an droch Spioraid a mhùchadh. 

17 Agus glacaibh clogaid na 
slàinte, agus claidheamh an 
Spioraid, ni a 's e focal Dhè : 

18 A' dèanamh ùrnuigh a 
ghnàth leis gach uile ghnè ùrn- 
uigh agus asluchaidh san Spior- 
ad, agus a' dèanamh faire chum 
an ni so fèin maille ris gach uile 
bhuanachadh, agus ghuidheadh 
air son nan naomh uile ; 

19 Agus air mo shonsa, chum 
gu toirear" dhomh comas hibh- 
airt, le fosgladh mo bheoil ann 
an dànachd, chum gu foiUsich mi 
rùn-dìomhair an t-soisgeil ; 

20 Air son am bheil mi a' m' 



criosrachailh. 
* yhiilhau. 



an lonracais. 
" briuthar. 



* chugaibh. 
" tiubhrar 



EPHESIANACH, VI. 



tlieachdair ann an geimlilibli : 
chum gu labhair mi gu dàna 
uime, mar is còir dhomh labh- 
airt. 

21 Ach a chum gu 'm bi fhios 
agaibh-sa mar an ceudna air na 
nithibh a bhuineas dhomh-sa, 
a(jus ciod a tha mi a' dèanamh, 
foillsichidh Tichicus, bràthair 
gràdhach agus ministeir f irinn- 
each san Tighearn, na h-uile 
nithe dhuibh : 

22 Neach a chuir mi do 'ur n- 



ionnsuidh air son an aobhair so 
fèin, chum gu 'm biodh fios nan 
nithe a bhuineas duinne agaibh, 
agus gu'n tugadh e còmh-fhurt- 
achd do 'ur cridhe. 

23 Sìth gu rohh do na bràith- 
ribh, agus gràdh maille ri creid- 
imh, o Dhia an t-Athair, agus 
an Tighearn losa Crìosd. 

24 Gu rohh gràs maille riu- 
san uile a ta gràdhachadh ar 
Tighearna losa Crìosd ann an 
trèibhdhireas. Amen. 



LITIR AN ABSTOIL PHOIL 



CHUM NAM P 
CAIB. L 

1 Chuir an t-ahstol an ccill a hhuidheachas do 
Dhia, agus a c/hrddh do na Pkilijnanaich, 
air son toraidh an creidimh, agus an comh- 
pàirt'na fhulangas ; 9 rinn e ùrnuigh a 
ghnàth ri Dia gu' m fàsadh iadann ancjrns : 
12 ìiochd e an tairhhe a fhuair crcidimh 
Chrìosd 'fhulangas-san anns an Ròimh, 
21 agiis co toileach 's a ta e air Crìosd a 
ghlòrachadh, le a bheatha no le ^hhàs. 27 
Dh' earuluich e iad chum aonuchd inntinn. 

POL agus Timoteus, seirbhis- 
ich losa Crìosd, chum nan 
na mh uile ann an losa Criosd, 
a tha ann am PhiHpi, maille ris 
na h-easbuigibh' agus ris nadeac- 
onaibh'^ : 

2 Gràs duibh agus sith o Dhia 
ar n-Athair, agus o'n Tigliearn 
losa Crìosd. 

3 Tlia mi toirt buidheachais 
do m' Dhia gach uair a cliuimli- 
nicheas mi oirbh, 

4 A ghnàth ann am uile ùrn- 
uighibh _air bhur sonsa uile, le 
gàii'deachas a' deanamh guidhe, 

' luchd-coimhid. 

376 



HILIPIANACH. 

5 Air son bhur còmh-roinn do 'n 
t-soisgeul, o'n cheud làgus anis; 

6 Air dhomh bhi dearbhta as 
an ni so fèin, eadhon an Tì a 
thòisich deadh obair annaibh, 
gu'n coimhlion e i gu là losa 
Crìosd : 

7 Eadhon mar is còir dhomh 
so a smuaineachadh umaibh uile, 
do bhrìgh gu bheil sibh agam 
ann mo chridhe, agus gu bheil 
sibh uile 'nur luchct còmh-roinn 
do m' ghràs-sa, araon ann mo 
gheimhlibh,agus ann an seasamh 
air son, agus ann an daingneach- 
adh an t-soisgeil. 

8 Oir is e Dia m' f hianuis, cia 
mòr mo dhèidh oirbh uile, ann 
an innibh losa Criosd. 

9 Agus a ta mi a' guidhe so, 
gu 'm biodh bhur gràdh-sa air a 
mheudachadh ni 's mò agus ni 's 
raò ann an eòlas, agus ann an 
uile thuigse : 

luchd-frilhealaidh, fovfeachaihh. 



THILIPIANACH, I. 



10 Chum gu'n dearbh sibh 
na nithe a 's feàrr' ; chum gu 'm 
bì sibh trèibhdhireach, agus gun 
tuisleadh^ gu là Chriosd ; 

11 Air bhur lionadh le toraibh 
na fìreantachd, a tha tre losa 
Crìosd chum glòire agus cliù 
Dhè. 

12 Ach is àill leam, a bhràithre, 
fìos a bhi agaibh, na nithe a thùr- 
ladh dhomh-sa, gur mò a dh' èir- 
ich leo an soisgeul a chur air 
aghaidh : 

13 lonnus gu bheil mo gheimh- 
lean-sa ann an Crìosd iomraid- 
each anns an lùchairt uile, agus 
anns gach àit eile ; 

14 Agus gu bheil mòran do na 
bràithribh san Tighearn a' gabh- 
ail misnich o m' gheimhhbh, leis 
an tuilleadh mòr-dhànachd a' 
labliairt an fhocaiP gun eagal. 

15 Tha cuid gu dearbh a' sear- 
monachadh Chrìosd tre fharmad 
agus strì, agus cuid eile tre 
dheadh thoih 

16 Tha aon dream a' searmon- 
achadh Chrìosd tre chonnspoid, 
cha'n ann gu trèibhdhireach, a' 
saoilsinn àmhghar a chur ri m' 
gheimhlibh-sa : 

17 Ach an dream eìle o ghràdh, 
air dhoibh fios a 'bhi aca gu'n 
do chuireadh mise gu seasamh 
air son an t-soisgeih 

18 Ciod ma ta? gidheadh air 
gach aon chor, co aca is ann an 
coslas a mhàin, no da rìreadh, 
tha Criosd air a shearmonach- 
adh ; agus air a shon so tha mise 
a'dèanamh gàirdeachais, seadh, 
agus nì mi gàirdeachas. 



I 19 Oir a ta fhios agam gu'n 
tig so chum slàinte* dhomh-sa 
tre bhur n-ùrnuigh - sa, agus 
tre fhrithealadh Spioraid losa 
Crìosd, 

20 A rèir mo ro-dhùiP, agus 
mo dhòchais, nach cuirear nàire 
orm ann an ni air bith, ach leis 
an uile dhànachd labhairt, mar 
a ghnàth, gu 'm bi Criosd a nis 
mar an ceudna air àrdachadh 
a' m' chorp-sa, ma 's ann tre 
bheatha no tre bhàs. 

21 Oir dhomh-sa bhi beò is e 
sin Crìosd, agus bàs fhaotainn^ 
is buannachd dhomh so. 

22 Ach ma's beò dhomh san 
f heoil, 's e so toradh m' oibre : 
ach ciod d' an dèanainn roghainn, 
cha 'n f hios domh. 

23 Oir tha mi air mo theann- 
achadh eadar dhà ni, air dhomh 
bhi togarrach air siubhal, agus 
bhi maille ri Crìosd ; oir is e so 
a 's ro f heàrr : 

24 Gidheadh, 's e mi dh'- 
fhantuinn san fheoil a's feumaile 
dhuibhse. 

25 Agus air domh bhi cinnt- 
each dheth so, tha fhios agam 
gu'm fuirich mi agus gu 'n còmh- 
nuich mi maille ribh uile, chum 
bhur cur-sa air bhur n-aghaidh, 
agus chum gàirdeachais a' chreid- 
imh^ : 

26 Chum gu'm bì bhiir gàird- 
eachas ni's pailte ann an losa 
Crìosd do m' thaobh-sa, air son 
mi bhi a rìs a làthair maille 
ribh. 

27 A mhàin caithibh bhur 
beatha gu cubhaidh do shoisgeul 



' « tlta eadar-dhealaìchte. gun hhi 'nur 
n-uohhar oHhhehn. ^focail {Dè.) * saorsa. 



5 in'cnvh.sa. ^ fhaghalL ' chiiììi cur air 
aghuidh bhur creidiiìih ai/us bhur (jàirdcachais. 



PHILIPIANACH, I. II. 



Chrìosd : chum co aca a thig mi 
agus a chì mi sibh, no a bhios 
mi as làthair, gu 'n cluinn mi mu 
'ur timchioll, gu bheil sibh a' 
seasamh gu daingean ann an aon 
spiorad, le aon inntinn, a' gleac- 
adh le chèile air son creidimh an 
t-soisgeil ; 

28 Gun gheilt' ann an ni sam 
bith oirbh o bhur naimhdibh: 
ni a ta dhoibh-san 'na chomhara 
cinnteach air sgrios, ach dhuibh-