MINEACHADH AIR

SIIIPEIR AN TIGHEARNA,

Aotrs

COMHRADPI CAIRDEIL EADAR MINISTEIR AGUS CRIOSDUIDH AMHARUSACH^ MU DHEIGIIINN

LEIS AN URRAMACH

ÈOIN FLABHAL.

AIR 'adar-theangaichte gu gaelig le

SEUMAS MACGILL'IOSA/

Ministeir na h-Eaglais Saoire ann an Cill-beri.

GLASGOW: PRINTED BY Wm. GILCHRIST, 64 HOWARD STREET.

dfll

MINEACHADH AIR

SUIPEIR AN TIGHEARNA,

AGUJS

COMHRADH CAIRDEIL EADAR MINISTEIR AGUS CRXOSDUIDH AMHARUSACH, MU DHEIGHINN

Bmxumvàìx Bnx^ux mx &'tglmtnt.

LEIS AN URRAMACH

EOIN FLABHAL.

AIR 'adar-theangatchte gu gaelig le

SETJMAS MACGILL'IOSA.

Ministeir na h-Eaglais Saoire ann an Cill-beri.

GLASGOW: PRINTED BY Wm. GILCHRIST, 64 HOWARD STREET.

Is i a' chrìocli a bh' agam 's an amharc ann bhi tionnd- adh an Leabhair bhig so gu Gàidhlig, math spioradail mo luchd-dùthcha, agus gu h-àraidh mo chomh-thionail fèin. Dh' fhairich mi gu mòr an t-ana-cothrom fo an robh iad a thaobh cho tearc 'sa tha Leabhraichean- cheist 'n an cànain fèin mu'n òrdugh naomh so ; agus mheas mi gu'm feudadh am mìneachadh so, tre bheann- achadh an Tighearna, bhi feumail do chuid do chloinn ghràdhaich Dhè, a dh'fhaocìas a bhi ann an amharus a thaobh an còir ann an Criosd, agus, tre sin, dearmadach air an dleasdanas a bhi nochdadh a mach bàis an Tighearna gus an tig E.

S. M'G.

CIOD I SUIPEIR AN TIGTIEARN ?

i

Suipeir an Tighearn is sàcramaid i, anns am bbeil bàs Chriosd air 'fhoillseachadh le aran agus fìon a, thabhairt agus a ghabhail, a rèir 'òrduigh fèin, agus iad-san a ghabhas so gu h-iomchuidh, tha iad (cha'u ann air mhodh corporra agus feòlmhor, ach tre chreid- imh), air an deanamh 'n an luchd-comhphàirt d'a chorp agus d'a fhuil-san, le 'uile shochairibh, chum am beathachaidh, no chiim an altruim spioradail, agas am fàs ann an gràs.

1. C. Ciocl an t-ùghdarras leis am bheil suipeir an Tighearn air a suidheachadh, agus air a h-òrduchadh ?

F. Le ùghdarras àrd-uachdaranail Chriosd, Rìgh na h-eagìais, agus cha'n ann le toil duine: (L Cor. xi. 23) Oir fhuair mise o n Tijrhearn an ni mar an ceuclna a timg mi clhuibhse, gu'n clo ghlac an Tighearn losa aran. anns an oidhche 's an clo bhrathadh e.

2. G. Ciod iad na h-earrannan do'ni bheil an t-sàcramaid so a' co-sheasamh ?

F. Tha i a' co-sheasamh do dhà earrainn, aon diubh t dmhaidh agus faicsinneach, eaclhon aran agus fìon, an aon eile spioradail agus neo-fhaicsinneach, corp agus fuil Chriosd : (i Cor. x. 16) Cupan a' bheannachaidh, a ta sinn a' beannachadh, nach e comunn fola Chriosd e! An t-aran a ta simi a' briseadh, nach e comunn cuirp Chriosd e ?

4

3. C. Cionnus a ta na nithe taluihaidh agus nèamh- aidh so a' tighinn gu bhi 'n an sàcramaid ?

F. Le focal an t-suidheachaidh agus le beannachadh Chriosd a theachd orra : (1 Cor. xi. 23-25) Oir f huair mise o'n Tighearn an ni mar an ceudna a thug mi dhuibhse, Gu'n do ghlac an Tighearn Iosa aran, anns an oidhche 's an do bhrathadh e : Àgus air tabhairt buidheachais bhris se e, agus thubhairt e, gabhaibh, ithibh ; is e so mo chorp-sa, a ta air a bhriseadh air bhur son-sa : deanaibh so mar chuimh- neachan orm-sa. Agus air a' mhodh cheudna an cupan, an dèigh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan so an co- cheangal nuadh ann am fhuil-sa : deanaibhse so, cia minic 's a dh'òlas sibh e, mar chuimhneachan orm-sa.

4. C. C'uin a dh'òrduich agus a shuidhich Criosd an t-sàcramaid so ?

F. Shuidhich e i 's a' cheart oidhche 's an do brath- adh e: (1 Cor. xi. 23) Ghabh an Tighearn losa aran 'san oidhche 'san do brathadh e.

5. C. Ciod a ta an t-àm 'san do shuidhicheadh i a' teagasg dhuinne.

F. Tha e a' teagasg dhuinne meud gràidh agus cùraim Chriosd d'a shluagh, anns gu'm bheil e 'san òrdugh so a' deanamh a leithid a dh'ullachadh airson ar comhfhurtachd, ged bha fios aige gu'n robh a chruaidh-ghleachd searbh fèin dlù air làimh.

6. C. Ciod am feum agus a' chrìoch choitchionn air son am bheil an t-sàcramaid so %

F. Tha i gu daingneachadh, seulachaclh, agus soc- rachadha' chùmhnaint nuaidh do chreidmhich : (1 Cor. xi. 25) Is e an cupan so an co-cheangal nuadh ann am fhuil-sa : deanaibhse so cia minic 's a dh' òlas sibh e, mar chuimhneachan orm-sa.

7. C. Ciod iad na crìochan agus na feuman àraidh airson am bheil i ?

5

F. 'Si a' cheud chrìoch agus fheum àraidh airsoo am bheil i, gu Criosd agus 'fhulangais a thoirt as ùr gu ar cuimhne : ( ì Cor. xi. 24, 25) Deanaibhse so, mar chuimhneachan orm-sa.

8. C— Ciod a' ghnè chuimhne air Criosd a ta air a ciallachadh an so ?

F. Cha'n i cuimhne na h-inntinn a mhàin ach a' chuimhne ghràdhach sin air, a leaghas an cridhe, ionann rithe sin a bha aig Peadair : (Mata xxvi. 75) Agus chnimhnich Peadar briathran Iosa a thubhairt ris, ma n goir an coileach, àicheadhaidh tu mi tri uairean. Agas air dol a mach dha, ghuil e gu geur. No mar loseph : (Genesis xliii. 29, 30) Àgus rinn Ioseph cabhag oir bha a chridhe a' tiomachadh r'a bhràthair ; agus dh'iarr e àit anns an guileadh e ; agus chaidh e steach d'a sheomar agus ghuil e'n sin.

9. C Ciod a ta aJ chrìoch so aig an t-sàcramai:] a' fìlleadh innte ì

F. Tha i a' fìlleadh innte so, gu'm bheil eadhon a' chuid a's feàrr do shluagh Dhe ro ealamh air Criosd a dhi-chui mhneach adh, agus ciod a ghiùlain agus a dh'fhulaing e air an son.

10. C Ciod tailleadh a ta i a' filleadh innte? F.—~ Tha so, nach 'eil neach 's am bith ach iad-san aig

am bheil èolas slàinteil air Criosd, agus do'm b'aithne e roimh-làimh, iomchuidh airson an òrduigh so, oir cha'n urrainn do neach 's am bith ni nach aithne dha cheana a chuimhneachadh : (1 Cor. xi. 28) Ach ceasnuicheadh duine e fèin, agus mar sin itheadh e do'n aran so, agus òladh e do'n chupan so.

11. 0. Ciod e dara feum àraidh agus crìoch na sàcramaid so ?

F. Criosd a chur fa chomhair chreidmheach mar chomharra freagarrach air fèin agus air a bhàs ; agus sin araon chum cur an cuimhne, ciallachaidh, agus teagaisg.

6

12. C Cionnus a ta e'na chomharra cuimhneachail air Criosd ?

F. Tha e a' toirt Chrioscl gu ar cuimhne clo bhrìgh gu'm bheil a bhàs agus 'fhulangasan searbha air am foillseachadh le briseadh arain agus dòrtadh a mach fìona: (1 Cor. xi. 26) Oir cia minic 's a dh'itheas sibh an t-aran so, agus a dh'òlas sibh an cupan so, tha sibh a' foillseachadh bàis an Tighearna gns an tig e.

13. C- Cionnus a ta e 'na òrdugh sàmhlachail ? F. Tha e 'na òrdugh sàmhlachail, cha'n ann a

mhàin mar ta e a' foillseachadh a mach fulangais Chriosd, ach mar an ceudna aonadh nan creiclmheach ris-san mar an ceann, agus ri cach a chèile mar bhuill a chuirp: (1 Cor. x. 16, 17) Cupan a' bheannachaidh, a ta sinne a' beannachadh, nach e comunn fola Chriosd e? An t-aran a ta sinn a' briseadh, nach e comunn cuirp Chrioscl e? Oir ged tha sinn 'nar mòran, is aon aran, agus aon chorp sinn.

14. C— Ciod an clòigh 's am bheil e 'n a chomharra chum teagaisg ?

F. Tha e a' toirt teagaisg air iomadh dòigh ; 's a' cheud àite, tha e a' teagasg dhuinn gur e Criosd an t-aon aran air an urrainn do ar n-anama beathachadh: (Eoin vi. 51) Is mise an t-aran beò, a thàinig a nuas o nèamh : ma dh'itheas neach air bith do 'n aran so, bithidh e beò gu sìorruidh : agus a,n t-aran a bheir mise uam is e m' f heòil e, a bheir mi airson beatha an t-saoghail; agus, 's an dara àite, mar ta e a' teagasg dhuinn gu'm bheil an Tiomnadh Nuadh a nis air a làn dhaingneachadh le bàs Chriosd an Tiomnaidh-fhir: (Eabh. ix. 16, 17) Oir far am bheil tiomnadh, is eigin bàs an tiomnaidh-fhir a bhi ann mar an ceudna. Oir ta tiomnaclh daingean an dèigh bàis dhaoine, ach cha 'n 'eil brìgh 's am bith ann am feadh a ta'n tiomnaidh-fhear beò.

7

Ceist 1. Nach 'eil aran agus fìon 'n an nithibh ro- shuarach agus coitchoinn gu corp agus fuil Chriosd a shàmhlachadh ?

Freag. Ged tha mir arain agus làn beòil do fhìon n'an nithibh gun mhòr luach annta fèin ; gidheadh tha iad mòr a thaobh am feuma agus an erìche. Tha luach sgillinn do chèir 'na ni beag ann fèin; ach air dha bhi air a chàradh air comharra-sgrìobhaidh, feudaidh e tighinn gu bhi 'n a luach iomadh mìle punnd Sasunnach, 'n uair a ta seula oighreachd mhòir air a chur air.

Ceist 2. Nach 'eil an t-aran anns an t-sàcramaid air a thionndadh gu f ìor chorp Chriosd fèin le Brìgh- atharrachadh (Transubstantiation) ?

Freag. Cha'n'eil idir; ach tha na sàmhlaidhean a' fantuinn 'nan aran agus 'nam fion, gun atharrachadh 's am bith air an nàdur an dèigh focail a' choisrigidh, agus mar sin tha iad air an ainmeachadh: (1 Cor. xi. 26) Oir cia minic, &c; (Mata xxvi. 29) Ach tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi à so suas do thoradh so na f ìonain, gus an sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m'Athar.

Ceist 3.— Ciod i a' cheud argumaid leis am bheil Protastanaich a' cur bun os ceann teagaisg Phàpanaich a' Bhrìgh-atharrachaidh ?

Freag. Tha a' cheud argumaid 'n a aghaidh air a tarruing o 'n chrìch a ta aig an t-sàcramaid, eadhon a bhi ag ath-chuimhneachadh cuirp agus fola Chrioscl : (1 Cor. xi. 24, 25) Deanaibhse so mar chuimhneachan orm-sa &c. À nis tha comharran cuimhneachaidh gu feum a thaobh nithe nach 'eil a làthair, agus cha 'n ann a thaobh nithe a ta làthair.

Ceist 4. Ciod i an dara argumaid ?

Freag. Do bhrìgh na cainnte 's an do labhair ar slànuighear, oir cha robh ciall 7s am bith eile innte, a thaobh nach 'eil foca.1 air bith eile a ghabhas cur 'na h-àite ach focal d'am brìgh fìor bhith (z's), mar ta e

8

soilleir o'n Thiomnadh : (Genesis xli. 27) Agus na seachd caola agus grànda a thàinig 'n an deigh, vs seachd bliadhna iad: (Tais. i. 20) Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean : agus » iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.

Ceist 5. Ciod i an treas argumaid an aghaidh a' Bhrìgh-atharrachaidh ?

Freag. Tha na h-amaideachdan lìonmhor agus gràineil, a ta gu nàdurra agus gu do-sheachanta a' sruthadh o'n teagasg so, a' nochdadh cho meallta 's a ta e, agus gu' m bheil e ceart do gach Criosduidh fallain a dhiùltadh agus 'fhìor-fhuathachadh,

Ceist 6. Ciod a' cheud mhi-reusontachd a ta 'ga leantuinn ?

Freag. Tha an teagasg so a' cur an comas shagartan amaideach ni nach 'eil an comas aingle nèimh. Tha e toirt cumhachd dha a chruith-fhear a dheanamh agus a Dhia itheadh. Agus ann bhi dearbhadh an ni so le uile -chumhachd Dhè, cha'n 'eil iad ag ràdh ni ach na dh'fheudas Turcach a ràdh, gu bhi dearbhadh nan amaideachdan a's neònaiche anns an Alcoran.

Ceist 7. Ciod i dara mi-reusontachd a' Bhrìgh-ath- arrachaidh ?

Freag. 'Si an dara mi-reusontachd gu'm bheil e ag àicheadh fìrinn an teisteis a ta faireachaidhean nan uile dhaoine a' toirt gur e f ìor aran agus f ìon a ta annta an dèigh a' choisrigidh, agus nach e feòil, agus fuil. Agus mur 'eil a' ghnè theisteis so seasmhach, cha ghabh bith Dhè bhi air a dhearbhadh leis na nithibh a rinneadh ; ni a ta calg-dhìreach an aghaidh na fìrinn: (Romh. i. 20) Oir riamh o chruthachadh an t-saoghail tha a nithe-san uach feudar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorruidhagus a Dhiadhachd, &c.

Ceist 8. Ciod an treas mi-reusontachd ata leantuinn an teagaisg sin.

Freag. Le bhi ag ràdh gu'm bheil na buadhan a

9

bhuineas do aran agus clo fhìon a' fantainn an dèigh d'ain fìor-bhrìgh falbh, tha iad a' cur an cèill gu'm bheil fad, agus leud, agus tiuighead, buige agus milseachd far nach 'eil ni air bith, fada, no tiugh, bog no milis, ni a ta gu tur eu-comasach.

Ceist 9. Ciod i ceathramh mi-reusontachd a' Bhrìgh- atharrachaidh 1

Freag. Tha e filleadh ann gu'n do shuidh corp beò Chriosd gu h-nile aig a' bhòrd, agus gu'n robh e aig a' cheart àin marbh agus ann am beul agus am broinn nan deisciobul: agus anns gach sàcramaid an dèigh sin gu 'm bheil e gu lèir air nèamh, agus gu lèir anns gach liutha mìle àite air an t-saoghal 's am bheil an t-sàcram- aid air a frithealadh.

Ceist 10. Ciod a ta briseadh an arain agus dòrtadh a mach an fhìona anns an t-sàcramaid a' ciallachadh ?

Freag. Tha iad a' ciallachadh bàis ainneartaich agus piantaiì Chriosd, agus f hulangais shearbha air ar son-ne: (1 Cor. xi. 26) Oir cia minic a's a dh'itheas sibh an t-aran so agus a dh'òlas sibh an cupan so, tha sibh a' f oillseachadh bàis an Tighearna gus an tig e.

Ceist 11. Ciod a ta toirt agas gabhail an arain agus an fhìona anns an t-sàcramaid a' ciallachadh ?

Freag. Tha na gnìomha sin a' ciallachadh Dhè a' tairgseadh Chriosd agus a shochairean, agus chreid- mheach 'gan co-chur r' an anamaibh.

Ceist 12. a ta freagarrach airson suipeir an Tig- hearn a ghabhail?

Freag. Cha'n 'eil neach air bith a ta fìor aineolach no oilbheumach, no ana-creidmhich 'nan staid nàdurra; oir cha 'n urrainn doibh sin iad fèin a cheasnachadh, mar tha 'm focal ag iarraidh : (1 Cor. xi. 28, 29) Ach ceasnaicheadh duine e fèin, agus mar sin itheadh e do'n aran so, agus òladh e do 'n chupan so. Oir ge b' e a dh'itheas agus a dh' òlas gu neo-iomchuidh tha e

10

'g itheadh agus ag òl breitheanais dha fèin, do bhrìgh nach 'eil e a' deanarnh aithne air corp an Tighearna.

Ceist 13. Am bheil muinntir onorach, mhodhalta, agus mheasarra, deasaichte airson na sàcramaid so ?

Freag. Cha'n'eil cha dean sìobhaltachd no deadh- bheus daoine a dheasachadh : oir cha'n iad sin trusgan na bainnse: ach is e gràs ath-ghineamhuinn agus creidimh anns an tomhas a's lugha e: (Mata xmì. 12) Agus thubhairt e ris, a charaid, cionnus a thàinig thusa steach an so, gun trusgan na bainnse umad : (1 Cor. x. 16, 17) Cupan a' beannachaidh, a ta sinne a' beannachadh, nach e comunn fola Chriosd e? An t-aran a ta sinn a' briseadh, nach e comunn cuirp Chriosd e? Oir ged tha sinne 'n ar mòran, is aon aran agus aon chorp sinn, oir a ta againn uile comh-phàirt do'n aon aran.

COMHRADH CAIRDEIL EADAR MlNISTEIR AGUS CrIOSDDIDH AMHARUSACH, MU DHEIGHIIN SACRAMAID SUIPEIR AN TlGHEARNA.

Criosd. A mhaighstir, mur bi e 'n a ghrabadh air 'ur meòrachadh, bhithinn toileach fuasgladh fhaotainn o iomadh teagamh a ta 'g eirigh a'm' inntinn, mu thimchioll comh-phàirteachadh de shàcramaid bheann- aichte Suipeir an Tighearna.

Min. Bithidh mi glè thoileach còmhradh 's am bith a dheanamh a chum bhi toirt air f albh nan amharusan sin a dh'fheudas a bhi cur buaireis ort a thaobh siu, uime sin guidheam ort, abair romhad.

C. Le'r cead, chuala agus leugh mi iomadh searmoin a ta a' dian-sparradh, agas a' cur an cèill gu'm bheil sinn fo fhiachaibh comh - phàirteachadh de 'n òrdugh bheannaichte so, agus gidheadh cha robh riamh do dhànachd agam gabhail deth.

11

M. An do chaith thu, ma seadh, do bheatha gus a nis ann bhi deanamh dearmaid air an dleasdanas chud- thromach so.

C. Gu bhi labhairt gu saor, le'r cead, cha do chomh-phàirtich mi riamh fathast deth ; do bhrìgh gu'n robh mi gu mòr an teagamh an robh mi iomchuidh air au t-seula bheannaichte agus naomh sin a ghabhail, chum glòire Dhè, agus chum m.'fhòghluim agus mo chonih- fhurtachd fèin, a chionn nach do thuig mi riamh, gu soilleir, suidheachadh, nàdur frithealaidh, agus crìoch- an an òrduigh, no an t-uidheamachadh a dh' fheumas iad-san a ta gu bhi 'n an luchd-comh-phàirt deth, a rèir òrduchaidh Iosa Criosd.

M. Tha dòchas agam, mata, ma bhios, na nithe so air am fosgladh suas gu soilleir duit, gu 'n cuidich e gu mòr gu bhi toirt air falbh t'amharusan.

C. A mhaighstir, gabhaidh mi ri'r teagasg le taingeileachd, agus mur 'eil mo chridhe'gammhealladh, ni mi gàirdeachas anns an t-solus agus 's an eòlas a dh'fheudas mi fhaotainn uaithe.

M. Rannsuicheamaid mata, 's a' cheud àite, ciod iad comharraidhean fìorchriosduidhgucoitchionn, agus, 's an dara àite, ciod an t-uidheamaehadh a ta aca-san a ta freagarrach air son comh-phàirteaehadh do Shuipeir an Tighearn, oir tha iad eadar-dhealaichte, agus air uairibh sgairichte.

C. Tha dòchas agam, le so a dheanamh gu'n cuidich sibh mi gu mòr gu bhi a' toirt breth air mo staid agus air mo chor 's an àm a ta làthair, a thaobh Dbè. Agus a nis, air tùs, guidheam oirbh mo theagasg ciomms a dh'fheudas mi aithneachadh ambheil mia' m' Chriosduidh trèibhdhireach ?

M. Tha aig gach fìor chreidmheach, maille ri gràsnibh eile, a leithid do eòlas air Dia ann an Criosd 's a dh'oibricheas tre ghràdh, agus a bhrosnuicheas e gu bhi rannsachadh toile Dhè gu dùrachdach, agus tha

12

e air a dhùsgadh suas gu bhi toirt oidhirp thrèibh- dhirich air bhi beò ann bhi 'g a creidsinn, ann an eòlas oirre, agus ann bhi 'g a deanamh.

C. A mhaighstir cha'n urrainn domh uaill a dheanamh à m' eòlas, gidheadh, trìd gràis a nochd- adh dhomh, tha dòchas agam gu 'n d' thug na beachdan a ta agam mu Dhia ann an Criosd buaidh orm 'n a leithid do thomhas agus gur e bhi beò ann an eòlas air, ann bhi 'g a ghràdhachadh agus 'g a mhealtuinn, agus gach ni a bhuineas domh a bhi air a choisrigeadh d'a thoil agus d' a ghlòir, an t-aon nèamh a ta mi ag iarraidh anns an t-saoghal so, agus cuid mhòr de sin ris am bheil dòchas agam 's an t-saoghal ri teachd.

M. Tha iad sin 'n an deadh chomharraidhean air f ìor atharrachadh agus ath-nuadhachadh air t' anam, agus mar sin gun teagamh dh' oibrich iad aignidhean maithe annad, nithe air am bheil aithne agad a' d' chridhe, agus a ta follaiseach a' d' bheatha agus a' d' ghiùlan.

C. Cha b' àill leam miodal a dheanamh rium fèin, ach gidheadh tha dòchas agam gu'm bheil mia'faotainn cuid do thlachd ann am focal Dè, araon air a leughadh agus air a shearmonachadh, agus tha mi gu suidhichte a' beachd-smuaineachadh air, a chum gu'm fàs mi ann an gràs agus ann an eòlas air Iosa Criosd ar Tighearna. Agus ged tha mi air uairibh air mo bhuaireadh le smuaintibh gràineil agus dìomhain, gidheadh tha mi ag oidhirpeachadh am mùchadh, agus tha mo chridhe ag èiridh 'n an aghaidh. Tha mi a' toirt buidheachais do Dhia gu 'm bheil mi strì ri cur an aghaidh ceud ghluasadan a' pheacaidh, agus a' seachnadh uile aobharan an uilc, agus cha 'n 'eil mi aig àm 's am bith ni's neo-fhoistinniche na 'nuair a thachair- eas domh a bhi ann an cuideachd sluaigh mhi-naoimh agus uilc : oir tha fuatli agam do bhreugaibh,do chainnt dhraosda agùs shalaich, do mhionnaibh, do mhallaehadh.

1o O

agus clo gach masladb eas-urrarnach a ta air a thilg- eadh air Dia agus air diadhaidheachd. Tha mi 'g a dheanamh 'n a ohùis coguis gun bhi togail tuaileis air mo choimhearsnaich, agus a bhi ceart agus maith a dheanamh do na h-uile a rèir mo chomais, agus imeachd ann an uile àitheantaibh an Tighearna gu neo-choireach.

M. Ma's iad sin toraidhean agus oibre do chreidimh, cha chreidimh marbh e ; gidheadh cha 'n fheud sinn ar taic a leigeil air ar n-oibribh fèin no air ar fireantachd fèin air son fireanachaidh, toillteanais, no riarachaidh, do bhrìgh agns gu'm biodh sin a' lughd- achadh toillteanais agus riarachaidh Iosa Criosd, agus cunnartach d'ar n-anamaibh fèin.

C7.— Tha deadh fhios agani nach 'eil fìreantachd ann ach tre fhuillosa, ni a tha 'chridhe agam earbsadh à m' fhìreantachd fèin, ach a 'fhìreantachd-san a mhàin, airson maitheanais agus fuasglaidh o m' pheac- adh. Agus ma ta mi tre ghràs air mo dheanamh comasach air toraclh 's am bith a thoirt a mach iom- chuidh do chreidimh, do aithreachas, agus do ghràdh an t-soisgeil. air an son sin tha mi a' moladh Dhè mar chuid do m' dhleasclanas agus do m' shonas, agus tha mi ag iarraidh amharc orra mar dhearbhaidhean air creidimh (nia 's airidh iad air sin), egus cha 'n ann air mhodh 's am bith eile.

M. Tha sin gu maith. Ach am bheil thu ghnàth faotainn t'anama ann an suidheachadh agus ann am fonn maith, gun tuisleadh, gun sleamhnachadh, gun chlaonadh ?

C.~Cha'n fheud mi ràdh gu'm bheil, oir feumaidh mi aideachadh le bròn gu'm bheil mo smuaintean aig amaibh truailìiclh, mo bhriathra neo-bhlasda gun bheatha, agus mo ghriìomhara gun bhi deanamh maiseach teagaisg an t-soisgeil agus Dhè mo shlàn- uighir. Ach is ann a tha iad 'u an'nithibh a dh' fheud-

14

as a bhi 'n am bròn agus 'n an ribe do mhuinntir eile. Cha'n'eil mo chàil spioradail do fhocal ach glè neo-gheur, agus cha 'n 'eil 'ùghdarras air 'fhaireachadh ro-chumhachdach leam, air chor 's gu 'm bheil mi neo- ullamh airson ni maith 's am bith, eadhon mar dhuine -marbh, mar gu'm biodh mo dhiadhaidheachd gun bheatha, gun anam innte.

M. Ro mhaith, ach 'nuair a thuiteas tu mar so ann am peacadh, no 'dh' fhàilnicheas tu ann do dhleasdanas, ciod do bheachd ort fèin agus air do shlighibh ? Ciod an drùghadh ata sin a' deanamh ort?

C.~ 'Nuair a ta mi 's an t-suidheachadh bhrònach so, tha m' anam gu mòr fo bhuaireas, tha m'aoibhneas agus mo shìth ccguis air falbh ; ach an uair a ta mi air mo dhùsgadh as a' mharbhantachd pheacaich so, tha mo chridhe an sin air a leaghadh le bròn airson m'amaideachdagusmomhi-bheus, agustha mi 'g iarraidh dh' ionnsuidhDhè lemòr eagalagus nàire, ag aslachadh air gu h-iriosal gu'n ath- nuadhaicheadh e spioradceart an taobh stigh dhiom.

M. Mata, charaid, ma's e agus gu'm bheil do choguis a' daingneachadh an ni a labhair do theangadh, chuir thu an cèill gu leòir a dhearbhadh trèibhdhireis t-ùmhlachd do Dhia, agus gu'm bheil thu a'd' chreid- mheach fallain, agus a d' iompachan trèibhdhireach. Àgus tha dòchas agam gu 'm bheil, mar an ceudna, creidimh agad ann an Iosa Criosd an t-eadar-mheadh- onair, neach mur'eil urram cubhaidh againn dha, cha'n fhiù ar creidimh agus ar n-aignidhean maithe bhi air an gairm d'a rìreadh soisgeulach agus slàinteil.

C. Trìd gràis is e mo mhiann an Tighearn losa Criosd aideachadh agus a dhlù-ghabhail do m'ionn- suidh air na cumhachaibh air am bheil e air a thairgseadh anns an t-soisgeul, a theagasgan uile chreidsinn mar m' fhear-teagaisg agus ni' fhear-stiùraidh, m' earbsa agus mo thaic a chur ann mar àrd-shagart ar n-aidmheil,

15

a ta deananih rèite le 'ìobairt agus le 'eadar-gliuidhe. Agus is e mo dhùrachd strìochdadh d' a uachdaranachd mar Thighearn agus Rìgh 'eaglais fèin.

M. Is glè chudthromach na nithe air an d' ràinig thu agus tha iad a' gabhail a stigh suim a' chreidimh shlàinteil. Ach am bheil thu mothachail cionnus a ràinig thu air na rùnaibh maithe agus air an t-suidh- eachadh inntinn sin? Am bheil thu saoilsinn gu 'n robh iad nàdurra dhuit, no gu'n d' èirich iad o leasachadh do reusoin, do bhuadhan, no do cheud-fàthan nàdurra.

C. 0 mhaighstir, cha dàna leam a chur as leth nàduir an ni sin a ta mhàin 'n a thora<ìh air gràs Dè, oir ma tha tomhas air bith do naomhachadh againn, tha sin a mhàin trìd tìodhlaic agus gràis ; oir tha mòr mhothachadh agam gu'm bheil mi beò a thaobh nàduir do dhìomhanas agus do pheacadh ; ach marbh agus gun bheatha do Dhia agus do gach fìor mhaitheas ; gu'm bheil mi a'm' dhorchadas; gu'm bheil amaideachd a' gabhail seilbh' air m' anam; gu'm bheil mi ann an nàimhdeas ri Dia, agus gu tur eu- comasach air an ni sin a ta maith 'n a shùilibh a rògh- nachadh no dheanamh ; agus gu 'm bheil mo chridhe gu mòr an aghaidh slighe na slàinte a ta air a cur fa'r comhair ann an soisgeil Chriosd.

M. Agus an do rùnaich thu gu daingean, tre chòmhnadh Dhè agus tre chuideachadh a Spioraid bheannaichte, gu'n oidhirpicheadh tu buanachadh anns a' chreidimh agus anns a' chleachdadh air an d' rinn tha iomradh air an uair, gu crìch do bheatha?

C. Cha 'n 'eil ni roimh am am bheil do uamhas orm na roimh thuiteam air falbh, agus fàs mi-churam- ach ann mo dhleasdanas agus a'm' aidmheil, agus gu'm biodh agam cridhe a bhiodh a' cul-sleamhnachadh o 'n Tighearna ; agus tha mi gu dùrachdach a' deanamh faire agus ùrnuigh an aghaidh gach coslais agus tomhais deth.

16

M.—Am bheil thu a' smuaineachadh trìddo neirt agus do chomais fèin gu 'm bheil cumhachd agad air buan- achadh agas seasamh ann an creidimh an t-soisgeil an aghaidh nam buairidhean, agus nan truaillidheachdan lìonmhor a ta toirt ionnsuidh oirnn, agus mhi-bheusan muladach nam muinntir sin a bha cosmhuil ri bhi 'n am puist ann an tigh Dhè ?

C. Cha 'n 'eil earbsa 's am bith agam à mo chomas- aibh fèin, tha mi toirt cinnte dhuibh ; ach tha mi deanamh buin gu h-uile as a' charraig a's àirde na mi fèin, eadhon as-san a gheall gu 'n coimhlion e an deadh obair a thòisich e gu Chriosd. Tha mi 'g earbsadh as-san a 's e ùghdair agus fear-crìochnaich a' chreidimh ; agus tha mi ag aslachadh a Spioraid Naoimh gu m' theagasg, gu m' stiùradh, gu m' chuid- eachadh, agus gu m' chomhfurtachadh. Agus tha mi gu dùrachdach a' miannachadh agus a' rùnachadh (tre ghràs Dè) dùil a bhi agam ris a' chabhair sin ann bhi frithealadh air Dia a ghnàth 'n a uile òrduighibh le cridhe trèibhdhireach iriosal agus creidmheach.

M. Tha iad sin uile 'nan dearbhaidhibh soilleir air gràs slàinteil Dhè, ni a ta mi a' guidheadh air an Tighearn a bhuanachadh a ghnàth agus a mheudachadh ann do chridhe, chum gu'm bi agad làn dearbh-chinnte air a ghràdh-san a bhuin cho gràsmhor riut.

C. Gu 'n deònaicheadh an Tighearna gu 'm bi mi comasach, ann am mothachadh air a ghràdh do m' anam, air gluasad gu cubhaidh d' a ghràs. Agus a nis' a mhaighstir, o na chaidh ràdh, am bheil sibh a' smuaineachadh gu'm feud mi'ghabhail ormbeathachadh air Iosa Criosd aig a bhòrd, agus an seula beannaichte sin air gràdh m' fhir-saoraidh a ghabhail do m' ionn- suidh ?

M. Tha fios agad gu 'n d' innis mi dhuit gu 'm feud duinc bhi 'na fhìor Chriosduidh, agus gidheadh gun e bhi iomchnidh air gabhail do 'n òrdugh naomh

17

so ; do bhrìgh gu 'ni feud e creidsinn chuin slàinte agus gidheadh e bhi cho aineolach air an dìomhaireachd so, agus nach urrainn da co-chur freagarrach a dheanamli oirre r' a anam fèin.

C. Ah mhaighstir ! bu mhaith leam a bhi air mo theasgasg ciod a dh' fheumas a bhi air a dheanamh le creidmheach fallain chura 's gu'ni feud e comh-phàirt- eachadh do'n òrdugh bheaunaichte so.

M. 'S a' cheucl àite, feumaidh e 'thoirt fainear, a thaobh nan comharraidhean a ta air an cleachdadh 's an òrdugh so, nach 'eil iad ni's 'nan aran agus 'nam fìon coitchionn an dèigh dhoibh bhi air an coisrigeadh, ach gu 'm bheil iad air an cur air leth chum feuma naoimh, agus ri bhi air an gabhail le èolas naomh agus le eagal. Agus air an aobhar sin bha na Corintianaich air an coireachadh leis an Abstol airson an aineolais, agus an cion-urraim (1 Cor. xi). Agus a rìs, gu'm bheil na sàmhlaidhean so, mar sin air an cur air leth agus air ani beannachadh le òrdugh Chriosd, a' taisbeanadh Fir-saoraidh ceusda, agus gu'm bheil sinn ri 'n gabhail le gràdh mar chuimhneachan air a bhàs ; agus le creidimh mar sheula a' gheallaidh, agus mar na meadhonan a shnidhich Dia chum sochairean Chriosd air a cheusadh a ghiùlan a stigh do 'n anam.

C. Tha na smuaintean sin gu beachd a' dùsgadh mo thograidhean chum bàis an Tighearn a chuimhneach- adh, ni a ta mi an dòchas a dheanamh Ieis na dearbh aignidhibh a chuir sibh a nis fa m' chomhair ; agus tha dòchas agam gu'n sàsuich mi mo shùilean leis a' chuspair mhaiseach sin a ta cho làn do ghràdh ; agus gu 'n drùigh mo shùil cho domhain air mo chridhe a thaobh m' fhir-saoraidh naoimh agus gu 'n coinnich mi ri m' Tighearna beannaichte anns gach slighe a dh' òrduich e.

M. A rìs, is còir cluit thu fèin a rannsachadh chum gu 'm bi mothachadh agad air d' fheumaibh agus air

18

t-uireasbhuidhibh, agus gu'n tig thu gu Criosd air- son comh-roinn do ghràsaibh a Spioraid naoimh ; chum 's gu'n oibrich do chreidimh, do ghràdh, t' aithreachas, agus gach uile ghràs eile le a leithid do bhlàthas agus do bheothalachd 's a bheir air Iosa Criosd aoibhneas a dheanamh annad, agus ort-sa ann-san, chum gu'm bi air gach taobh cùmhnant do ghràidh agus t'ùmhlachd do d' Shlànuighear air 'ath-nuadhachadh le aoibhneas.

C. A mhaighstir, cha 'd urrainn duinn a smuain- eachadh gu'm feud gràs oibreachadh agus a bhi gnìomhach far nach 'eil an nàdur nuadh, ni 's na dh' fheudas gluasad a bhi far nach 'eil beatha; ach tha e air a ràdh gu coitchionn gu'm bheil an t-sàcramaid naomh 'na meadhon beothachaidh agus altruim, comh-fhurtachaidh agus daingneachaidh.

M. Cha 'n 'eil teagamh nach d' fhuair iad-san a chomh-phàirtich gu h-iomchuidh do 'n fhèisd bheann- aichte so an gràdh air a lasadh, an creidimh air a neartachadh, an ùmhlachd air a daingneachadh, agus an irioslachd air a meudachadh, air chor 's gu 'n robh iad gràineil 'nan sealladh fèin, agus fuath buileach aca do'n pheacadh, agus dùil dhùrachdach agus iarrtas aca an dèigh foillseachaidh ghlòrmhoir an Tighearna bheannaichte agus an Fhir-shaoraidh.

C. Do bhrìgh gu 'm bheil na beannachdan cho mòr, tha sin 'g am dheanamh ni 's dian-thogarraiche air bhi a'm' fhear-comh-phàirt de'n dìomhaireachd naoimh so.

M. Is e dleasdanas uile mhinisteirean Chriosd aran na beatha anns an t-sàcramaid, agus cupan an t-sòlais a thoirt dhoibh-san air am bheil ocras agus tart an dèigh Iosa Criosd, agus 'fhìreantachd, agus a rìoghachd. Agus nis dh'innis mi dhuit do dhleasdanas, agus tha mi toileach nàdur an òrduigh bheannaichte, agus na nithe a bhuineas da, a chur an cèill duit.

C- A mhaighstir, feumaidh mi aideachadh nach 'eil

19

mi cho maith air mo theagasg 's an ni so ; agas mur bi mi ro-dhraghail duibh bu taitneach leam a thuigsinn ciod e an t-òrdugh naomh so, agus c' arson a ta sàcra- maid air a ràdh ris.

M. Is e seula cùmhnaint Dhè ann an Criosd e anns am bheil Criosd le 'uile shochairibh, tre chomharraidh- aibh faicsinneach àraidh a shuidhicheadh le'r Slànuigh- ear, air a thaisbeanadh, air a chomh-phàirteachadh, agus air a sheulachadh dhoibh-san a ta gabhail diubh gu h-iomchuidh. Bha am focal sàcramaid o shean air a chleachdadh gu bhi ciallachadh a' Bhaistidh agus Suipeir an Tighearn, agus bha e air a thoirt leis na h-aithrichibh air tùs o na mionnaibh leis an robh na saigh- dearan Ròmhanach air an ceangal r'an dleasdanas, agus cha robh e air a cheadachadh dhoibh a bhi 'n an saighdearaibh gus an robh iad 'g an cur fèin gu sòluimte fo na mionnaibh, no foìi t-sàcramaid sin. Tha iouiad ainm eile air a thoirt da 's an sgriobtuir, mar a ta bris- eadh arain (Gnìomh ii. 43); Bòrd an Tighearna (1 Cor. x. 21); An co-chomunn (1 Cor. x. 16).

C— Guidheam oirbh cia lìon sàcramaid a bha air an suidheachadh fo 'n Tiomnadh Nuadh ? Agus ciod k an t-ùghdarras leis an d'òrduicheacìh iad ?

M. Cha'n'eil ach amhàin shàcramaid, Baisteadh agus Suipeir an Tighearna, agus dh'òrduicheadh iad le ùghdarraslosa Criosd a mhàin, agus gu neo- mheadhonach: agus na cùig ud eile a chuir na Pàpanaich riu agus d' am bheil an t-ainm sàcramaid air a thoirt, mar a ta òrdugh no òrduchadh shagart, fèin-dhìoladh, pòsadh, daing- neachadh, agus ungadh deireannach no ungadh aig uair a' bhais, is nithe iad nach robh idir air an suidheachadh le Criosd, ni a tha iad freagarrach airson crìoch sàcramaid.

C.~~ Ciod na sàmhlaidhean a ta ri bhi air an cleachd- adh ann an sàcramaid Suipeir an Tighearn.

M. Aran agus fìon gun ni 's am bith eile (Lucas

20

xxii. 19, 20.) Agus tha gach neach a chomanaicheas ri 'n gabhail le chèile, a dh'aindeoin cleachdaidh dhàna agus mhi-naoimh nam Pàpanach, a ta toirt a mhàin an arain no an wafer do 'n t-sìuagh, gun neach a bhi gabh- ail do 'n aran agus do 'n fhìon araon ach an sagart, agus sin a dh' easbhuidh reusoin fhallain no ùghdarrais o 'n sgriobtuir ; agus tha e cho rnaith dhoibh aon 's am bith eile do òrduighibh no do reachdaibh losa Criosd a thruailleadh, no sgrios gu tur, agus a ghabhail orra so a dheanamh.

0.— Ciod an coslas no an co-chòrdadh a ta eadar aran agus fìon nan sàmhlaidhean agus an ni a ta air a chiallachadh leò ann an Suipeir an Tighearn ?

M. Tha aran cho do-sheachanta agus gu'm bheil e gu tric air a chur airson gach seòrsa bìdh, agus gach ni feumaiì, agus tha an greim a 's lugha dheth gu lèir 'n a aran; mar so is e Crìosd biadh agus uile dheanamh suas uireasbhuidhean an anama, agus tha gach fear- comanachaidh airidh a' gabhail Chriosd gu h-uile agus gu h-iomlan, agus mar nach 'eil arbhar 'n a aran gus am bheil e air a bhruthadh agus air a bhleith, mar sin cha bhiodh Criosd 'n a bhiadh dhuinne, mur biodh e air a bhrutbadh le lotaibh agus le doilghios ; agus mar is e aran biadh coitchionn gach uile shluaigh, is e Criosd beatha gach fìor Chriosduidh. A rìs mar dh' f heudas aran, air bhi dha 'n a chorp daingean, corp Chriosd a shàmhlachadh gu freagarrach, mar sin feud- aidh fìon, a chionn gu'm bheil e neo-sheasmhach 'fhuil a shàmhlachadh. Agus mar a ta fìon air 'fhàsgadh as an fhìon-dhearc, mar sin bha fuil Chriosd air a fàsgadh a mach le 'chruaidh-ghleachd, agus le lotaibh a' chroinn- cheusaidh.

C. Nach feud an t-aran agus am fìon aig ar bùird choitchionn an ni ceudna a shàmhlachadh ?

M. Cha 'n fheud; do bhrìgh gu'm bheil so air a chur air leth gu sòluimte, agus air a choisrigeadh airson feuma sàcramaideil, le ùrnuigh agus le beannachadh,

21

agus le bbi co-cliur ris nam briathar a chleachd ar slànuighear caomh aig suidheachadh an òrduigh so.

C. Nach 'eil an t-aran agus am fìon, an dèigh bhi air an coisrigeadh, air am brìgh-atharrachadh o nàdur arain agus fìona gu dearbh nàdur agus brìgh cuirp agus fola ar Slànuighir, do bhrìgh gur iad briathra Chriosd f èin, Is e so mo chorp-sa ; Is i so m' fhuil-sa?

M. Cha'n'eil air chor air bith; is e tha'n sin mearachd Phàpanach an lorg am bheil mòran do amaideachd agus do chleachdaidhibh ìodhal-aorach a' dol, Ach is e corp agus fuil Chriosd e 's an t-seadh 's an dubhairt Criosd e ; agus cha dubhairt e, " Cha 'n 'eil dearbh nàdar arain an so ni 's mò, ach dearbh nàdur mo chuirp-sa;" agus tha an dòigh labhairt so gu tric air a cleachdadh 's an Sgriobtuir, agus gidheadh cha 'n 'eiì i ghnàth ri bhi air a tuigsinn 's an t-seadh litireilni 's na ta na briathran, B'i a'charraig sin Criosd ; Is mise an fhìonain fhìor, an dorus, am buachaille, &c. A thuilleadh air sin, shònraich Criosd e gu bhi 'n a Shàcramaid, 's e sin, 'n a chomharra air an ni a ta e sàmhlachadh, a nis cha 'n urrainn da bhi 'n a fhìor chorp Chriosd, agus 'n a shàmhladh air mar an ceudna. Tha mar an i^eudna ar faireachaidhean leis am bheil sinn a' faicinn, a' faotainn fàile, agus a' blasad, a toirt dearbh-chinnte dhuinn gur e aran agus fìon a ta annta, agus nach deachaidh an nàdur atharrachadh air mhodh 's am bith an dèigh bhriathran a' choisrìgidh. Agus ma dh 'àicheadheas sinn ar faireachaidhean 's a' chùis so, tha e cho laghail dhuinn a chur an teagamh am bheil na briathran, Is e so mo chorp-sa &c, air an cur sìos anns na sgriobtuiribh naomha, ged tha sinn 'gam faicinn an sin.

C. Mur e an t-aran agus am fìon corp agus fuil Chriosd gu fìrinneach agus 'nan dearbh nàdur, cionnus ma seadh a ta am i ìor chreidmheach, ann bhi 'g an gabhail, 'g an itheadh, agus 'g an òl, a' gabhail,

22

ag itheadh, agus ag òl do chorp agus do fhuil Chriosd ?

M. Trìd bhi gabhail nan sàmhiaiclhean sin, mar sin air an coisrigeadh,mar chomharraidhean,mar sheulachan, agus mar mheadhonan, gu Criosd agus a shochairean aghiùlando'n anam; agus tha am fìor Chriosduidh 'g am faotainn air an deanamh thairis dha co chinnteach agus a ni sgrìobhadh le làimh, le seula, agus le fianuisibh, fearann no sochairean eile a chomh-phàirteachadh, gecì nach 'eil iad gu corparra anns an sgrìobhadh fèin.

C. Ciod iad gnìomharan a' mhinisteir ann bhi frithealadh an òrduigh so ?

M. An dèigh an t-aran a bheannachadh brisidh se e agus bheir se e do 'n luchcl-comanachaiclh ann am briathraibh Iosa Criosd, a' ciallachadh le sin Iosa air a cheusaclh, neach a lotaclh airson ar n-euceartan. Dòirtidh e mach an sin am fìon am fianuis a' choimhthionail agus bheir e dhoibh sin, mar an cendna, an dèigh dha 'bheannachaclh ann am briathraibh Chriosd. Agus ann an sin tha air a shàmhlachadh dhuinn ar fear-saoraidh caomh, a' dòrtadh 'fhola air ar son, ni a's e 'n ìobairt- rèitich leis am bheil sinn a' faotainn maitheanais peac- aidh. Anns a' ghnìomh so tha am ministeir, air dha bhi seasamh ann an àite Chriosd mar a sheirbhiseach (anns am bheil Criosd a' làthair agus le ùghdarras a spioraid), a' tairgseadh agus a' toirt Chriosd le 'uile shochairibh cho cinnteach 's ged bhiodh e air labhairt nam briath- ra ceudna 'n a phearsa fhaicsinnich f èin.

C. Ciocl iacl na sochairean a ta Criosd a' toirt, agus sinne gabhail 's an òrdugh so ì

M. Cleachdadh agus fàs gach uile ghràis, glanadh d' ar n-anamaibh o chionta a' pheacaiclh ; leigheas do na lotaibh arinn peacadh 'nar coguisibh; daingneach- aclh air fìrinn agus air geallaidhibh Dhè ; aoibhneas naomh agus iriosal ann an Crioscl agus 'n ar co- chriosduidhibh ; agus iarrtas agus dùilni's dùrachd- aiche ri beannachaclh na beatha a ta ri teachd. Agus

23

is òrdugh e a ta gu h-àraidh air a shònrachadh airson daingneachadh ar creidhnh, ar gràidh, agus ar fàis ann an gràs ; air chor 's nach còir do neach 's am bith teachd d'a ionnsuidh ach ann an creidimh.

C. Ciod an t-ullachadh a ta feumail airson an òrdugh shòluimte so 1

M. 1. Gu'm biodh aig duine cleachdadh a' chreid- imh.

2. Gu'ni biodh iarrtas agus toil dhùrachdach aige gabhail ri Criosd mar a Thighearn agus 'fhear-saoraidh.

3. Gru'm biodh e seirceil ris na h-uile dhaoinibh (Eoin i. 7; Mata xv. 26). Feumaidh sinn mar an ceudna aithreachas a chleachdadh as ùr, ar còir ann au Criosd a dbeanamh soilleir, agus ar n-anaman a bhi làn do chreidimh agus do ghràclh dha.

C. A mhaighstir, tha mi gu mòr 'n'ar coinain airson an riarachaidh a thug sibh dhomh anns na poncaibh cudthromach so a thaobh Suipeir an Tighearna ; agus a nis ged is ann le mothachadh domhain air mo neo- airidheachd mhòir, gidheadh le earbsa iriosail ann am fhear-saoraidh gràdhach, a ta gu gràsmhor a' cuireadh nan uile a ta fo throm uallaich gu teachd d' a ionnsuidh, tha rùn orm, le beannachadh Dhè, teachd gu bòrd an Tighearna air an ath sàbaid, ag aslachadh gu h-iriosal còmhnadh ar n-ùrnnighean-sa, chum nach tig mi gun trusgan na bainnse. ach gu 'm bi mi air m' uidh- eamachadh, chum 's gu 'm faigh mi na sochairean glòrmhor agus na beannachdan sin, a ta air an sàmh- lachadh, agus air an seulachadh an sin, do gach fear- comanachaidh iomchuidh.

A' Chrioch.